PM―00 :05: Ceart ma-thà, Anna, fàilte ort agus tapadh leat dha-rìribh airson bruidhinn rium an-diugh. ’S e a’ chiad dà cheist a th’ agam dhut ma-thà cò às tha thu agus cò leis thu?
AF―00 :16: ’S ann à Pabail Uarach anns an Rubha ann an Leòdhas a tha mi agus ’s e Ciorstaidh Mary Ìomhair Iain Ìomhair a chanas iad ri mo mhàthair, Ciorstaidh Mary NicChoinnich a bh’ inn. .. a bh’ oirre mus do phòs i agus ’s e Bert Frater m’ athair, rugadh esan anns na Crìochan, ann am Melrose, ach ’s ann à Port Mholair a bha a mhàthair. Ach bhàsaich athair nuair a bha e gu math òg – cha robh e ach ma thrì bliadhna a dh’aois agus thill iad dhachaigh an uair sin agus leis an sin ’s ann am Port Mholair a thogadh esan an uair sin air a’ chnoc nuair a phòs mo sheanmhair a-rithist. Agus ged is e Gàidhlig a’ chiad chànan a bh’ aige, bha e air sguir ga bruidhinn mus tàinig iad dhachaigh agus leis an sin bha aige ri ath-ionnsachadh a dhèanamh air a’ chuid Ghàidhlig as dèidh dha tilleadh dhachaigh. Ach gu dearbh tha Gàidhlig nas fheàrr aigesan na th’ agamsa, chanainn.
PM―01 :18: Ceart agus dè. .. dè an obair a bh’ aig d’ athair ma-thà?
AF―01 :23: Bha m’ athair aig muir an toiseach. Bha e bliadhnaichean mòra a’ seòladh agus mu dheireadh na chaiptean air soithichean Denholm’s mar a’ chuid as motha dha. .. dhan an àm. Agus thàinig e air tìr nuair a bha e còrr is dà fhichead agus bha e an uair sin os cionn callachan nan Eilean Siar a bharrachd air. .. taobh a-muigh Challa Steòrnabhaigh, ’s e esan an Harbour Master airson a’ chòrr dha na h-Eileanan an Iar gus an do leig e seachad a dhreuchd. Agus bha mo mhàthair na tidsear bun-sgoil agus, well, leig i seachad an obair sin nuair a rugadh mo bhràthair as sine ach. .. ach thill i an uair sin anns na, na h-ochdadan gu. .. gu teagasg dìreach ann an Sgoil Phabail agus bha i ann an sin gus an do leig i fhèin dhi a dreuchd.
PM―02 :36: Ceart gu leòr, so bha ceangal làidir aig an teaghlach ris a’ mhuir co-dhiù, aig d’ athair gu h-àraid. Agus dè ’n aois a bha e nuair a chaidh e gu muir, fhios agad. ..
AF―02 :51: Bha e sia bliadhn’ deug.
PM― Sia bliadhna deug nuair a chaidh e gu muir.
AF― Sia bliadhna deug, uh-huh. Bha e aig. .. Elder Dempster a bha e an toiseach agus tha. .. ’s e sin as coireach gur e Liverpool an sgioba ball-sgioba a tha e a’ leantainn ann an Sasann. ’S ann a-mach à Liverpool a bha e, a bha e a’ seòladh agus bhiodh e a’ dol. .. a’ dol gu Anfield nuair. .. nam biodh iad air tìr aig an deireadh-sheachdain. Ach bha. .. le sin, bha e ann an Sgoil a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh is ’s ann an uair sin chaidh e gu muir nuair a bha e sia bliadhn’ deug a dh’aois.
PM―03 :22: Seo. .. seo anns a’ chabhlach mharsanta, cha b’ ann anns a’ chabhlach rìoghail.
AF―03 :25: ’S ann, ’s ann, ’s ann anns a’ chabhlach mharsanta, ’s ann, ’s ann.
PM―03 :27: ’S iomadh triop a chaidh e timcheall air an t-saoghal tha mi a’ creidsinn ma-thà. ’S iomadh, ’s iomadh sgeulachd a bha aige, tha mi cinnteach.
AF―03 :34: Tha. Bha tòrr sgeulachdan aige. Agus cuideachd nuair a bha mise nam nighean bheag, bhiodh e, tha. .. tha. .. well, tha iad fhathast thall ann an taigh mo phàrantan, bhiodh e toirt dhachaigh doile dhomhsa bhon a h-uile dùthaich anns an robh e air a bhith. ’S e an aon dhùthaich a dh’fhaillich sinn air, ’s e Albanià – bha e aig an àm sin fhathast fo bhuaidh na Communaich agus cha robh. .. cha robh càil cho faoin ri. .. ri doilichean. .. doilichean is souvenir ga. .. ga reic. Ach leis an sin, bha. .. bha. .. cha mhòr anns a h-uile ceàrnaidh. .. a h-uile. .. a h-uile rìoghachd far a bheil oir-thìr bha. .. tha e air a bhith ann.
PM―04 :25: Agus bha do mhàthair bha i. .. bha i na tidsear, thuirt thu, ann an Sgoil Phabail.
AF―04 :29: Bha, bha ann an Sgoil Phabail mu dheireadh ach thòisich i. .. bha i ann an Dalmuir nuair a thòisich i a’ teagasg agus, well, mar a thuirt mi, thill iad. .. thill iad dhachaigh dìreach mus do rugadh mo. .. mo bhràthair as sìne. Ach ’s ann taobh Ghlaschu a bha iad an toiseach.
PM―04 :54: Ceart. Agus ciamar. .. agus cia mheud a tha anns an teaghlach agad, Anna?
AF―04 :57: Tha ceathrar againn ann.
PM―05 :00: Tha ceathrar agaibh ann.
AF―05 :01: Aon bhràthair nas sine na mi agus dithis nas òige.
PM―05 :02: So chaidh do thogail ann am Pabail, ma-thà, thu fhèin.
AF―05 :04: Chaidh, chaidh.
PM―05 :05: Agus chaidh thu dhan. .. dhan bhun-sgoil ann a shin. An robh do mhàthair anns a’ bhun-sgoil, an robh i ga do theagasg an uair sin?
AF―05 :12: Cha robh, cha robh. Chaidh ise air ais a theagasg nuair a bha mo bhràthair as òige fhathast ann an Sgoil Phabail ach bha esan anns an. .. bha a’ chiad dà bhliadhna dhan an àrd-sgoil ann an Sgoil Phabail cuideachd aig an àm a bha sin. Agus leis an sin cha robh i a’ teagasg fhad ’s a bha. .. fhad ’s a bha mise anns an sgoil. Ach. ..
PM―05 :35: An e faochadh a bha sin dhut, ’s dòcha?
AF―05 :36: ’S dòcha. .. ’s dòcha gur e barrachd faochadh a bh’ ann dhi-se!
PM―05 :37: Tha mi cinnteach!
AF―05 :40: Ach, ach feumaidh mi a ràdh, fhios agad, chòrd an sgoil rium, fhios agad. Bha. .. tha mi a’ smaoineachadh bhon a bha na sgoiltean an ìre mhath beag mar sin, bha. .. bha na tidsearan eòlach air a’ chlann agus bha iad eòlach air na dòighean as fheàrr airson do chuideachadh airson ùidh a bhrosnachadh ann am. .. ann am foghlam. Agus a’ coimhead air ais, fhios agad, rinn. .. rinn sinn an t-uabhas anns an sgoil, fhios agad taobh a-muigh na rudan foirmeil, fhios agad. Agus chan ann a-mhàin, fhios agad, a’ gabhail pàirt ann am mòdan agus eile ach bhiodh na consartan a bha sinn a’ dèanamh gach. .. gach bliadhna, agus deilbh-chluiche agus a h-uile càil, fhios agad, bha. .. bha cuid de na luchd-teagaisg aig an robh fìor thàlant airson a leithid a chur ri chèile. Agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh iad, mar a thuirt mi, fìor mhath air a bhith.. .ga do phutadh nuair a bha thu feumach air putadh ach cuideachd airson dòighean a lorg air an ionnsachadh a dhèanamh inntinneanach dhan chlann.
PM―07 :02: Agus an ann às an sgìre a bha na tidsearan?
AF―07 :05: Cha b’ ann, a’ mhòr-chuid dha na. .. dha na tidsearan a bh’ agamsa ’s ann à taobh a-muigh an Rubha a bha iad, a bharrachd air nuair a bha mi ann an chlas a sea. .. well, fuirich, chan ann. .. nuair a bha mi ann an clas ’s h-aon ’s a dhà, cha, cha b’ ann às an Rubha a bha e, dh’eug e, bha e gam theagasg an uair sin ach clas trì ’s a ceithir, well, bha i a’ fuireach anns an Rubha, ’s ann à. .. ’s ann à Nis a bha i, ach bha i a’ fuireach anns an Rubha. Agus an uair sin air clas a seachd, bha Alasdair MacLeòid, Alasdair Bàbaig ’s e an tidsear a bh’ agam airson an darna leth dha clas a seachd. Ach ’s e sin, a bharrachd air an sin, anns a’ bhun-sgoil, chan e tidsearan às an. .. às an Rubha fhèin a bh’ againn. Anns an àrd-sgoil a-rithist bha, bha measgachadh ann ach bha, bha Nan S., ’s i bha a’ teagasg Beurla agus Fraingis agus Laidinn cuideachd ged nach do. .. bhon a. .. bhon a. .. bhon a roghnaich mise Gàidhlig a dhèanamh, cha robh mi a’ dèanamh Laidinn ach ’s ann às an Rubha a bha ise.
PM―08 :20: Is an robh tòrr anns an sgoil nuair a bha thu òg, Anna, anns a’ bhun-sgoil?
AF―08 :22: Bha tòrr a bharrachd na. .. na tha innt’ an-diugh agus i a’ frithealadh. .. ’s e aon sgoil a th’ ann airson na sgìre air fad. Bha a’ chlas air an robh mise, cha robh ann ach ochdnar againn uile gu lèir. Well, chan e, bha ochdnar againn. .. cha robh ann ach ochdnar againn aig àm sam bith ged a bha naoinear againn ann uile gu lèir. Bha. .. bha, thòisich e le ochdnar, dh’fhalbh aon theaghlach agus an uair sin thàinig teaghlach eile a-steach agus bha aon, aon nighean air a chur air a’ chlas agus.. .tha mi creids’ an rud a tha neònach mar deidhinn ged nach as e. .. .ged nach robh ann ach an naoinear uile gu lèir, aig an deireadh, bha a h-uile duine againn air ais anns an eilean. Well, tha. .. tha aon tè a tha anns na Hearadh ach a bharrachd air an sin, a h-uile duine air ais anns an eilean agus, mar a thuirt mi, ged nach. .. ged nach robh a’ chlas ach beag, a dh’aoindeoin sin chanainn gu bheil e a-mach às an àbhaist.
PM―09 :33: Gun teagamh sam bith, bha mi dìreach a’ dol a ràdh sin. Tha e gu math neo-àbhaisteach gun. .. gun tàinig no. .. a h-uile duine air ais dhan an eilean agus ’s gu bheil iad a’ fuireach eadar Leòdhas is na Hearadh.
AF―09 :47: Agus bha. .. ach bha cuid de chlasaichean nas motha na. .. na feadhainn eile ach nuair a smaoinicheas mi an-dràsta, fhios agad, nuair a thàinig na sgoiltean gu lèir còmhla son. .. anns an àrd sgoil, is a’ chiad dà bhliadhna dhan an àrd-sgoil, bhiodh clann Sgoil na h-Àirde agus clann Sgoil a’ Chnuic a’ tighinn gu Sgoil Phabail cuideachd. Agus tha mi creids’ gun robh timcheall air, bha co-dhiù deich air fhichead mura an robh a’ chòrr air an sin air a’ bhliadhna agamsa, fhios agad, bha aca ri dà chlas a dhèanamh air a’ chiad bliadhna agus ’s e rud àbhaisteach a bha sin cuideachd, fhios agad, bha. .. bhiodh dà chlas air a’ chiad bliadhna ’s an dàrna bliadhna dhan. .. dhan an àrd-sgoil mus deidheadh. .. deidheadh sinn suas gu Sgoil MhicNeacail. Is ann an dòigh, tha mi a’ smaoineachadh, tha mi. .. tuigidh mi carson a rinn iad e, ach dhan a’ chlann tha mi a’ smaoineachadh gun robh e fìor mhath na h-àrd-sgoiltean dà bhliadhna a bhith ann. Oir bha e a’ toirt dhut cothrom fàs suas rud beag, fhios agad, mus tèid thu dhan an. .. dhan an àrd-sgoil agus às dèidh a bhith aig, mar gum biodh aig an ìre as àirde anns an fheadhainn as sine anns a’ bhun-sgoil bha thu an uair sin a’ dol a-steach aig a’ bhonn anns an àrd-sgoil agus ’s ann a bha sinne a’ dol a-steach anns a’ mheadhan nuair a bha sinn a’ dol suas a Sgoil ’icNeacail. Agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh e math dhan a’ chlann a bhith a’ faighinn an dà bhliadhna a bha sin a bharrachd, on fhathast ann am buidhnean agus clasaichean nas lugha mus robh againn a dhol a Sgoil ’icNeacail.
PM―11 :46: Gun teagamh sam bith. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu ceart. Chaidh mise well, . .. rinn mi bliadhna gu leth ann an Àrd-sgoil Shiaboist a-rithist sgoil dà bhliadhnail a bh’ ann. Agus, aidh, tha mi a’ smaoineachadh gun robh e gu math feumail dha na. .. dha na sgìrean gun robh an leithid ann air a neo. .. air neo bhiodh agad ri dhol air a’ bhus ’s tu aig dusan bliadhna a dh’aois air ais is air adhart a h-uile latha agus cha bhiodh sin càilear. .. càilear sa gheamhradh. Bha thu ag ràdh gun robh na tidearsan ga do bhrosnachadh a bhith a’ dol gu mòdan agus pàirt a ghabhail ann an seinn agus farpaisean agus gnothaichean mar sin. Dè na farpaisean anns an do ghabh thu fhèin pàirt?
AF―12 :29: Well, ’s e rud bha na tidsearan. .. bha. .. bha rudan mar sin a bha sinn a’ dèanamh tron an sgoil. Ach uaireannan eile bha iad dìreach a leigeil leinn rudan a dhèanamh air ar. .. air ar ceann fhìn. Agus cha robh. .. cha robh e ceangailt’ ris a’ Ghaidhlig. Tha cuimhn’ agam air clas a còig agus ’s e Mrs MacMillan, Annie MacMillan, agus dìreach dh’fhaighnich sinn ’eil fhios agad am faodadh sinn a bhith a’ cleachdadh a’ chlas airson. .. aig àm diathaid airson a bhith a’ dèanamh practice mas fhìor, bha sinn a’ dol. .. ’s e, bha girl-band againn mus robh leithid an rud ri girl-band ann agus. .. dìreach ag ionnsachadh. .. a’ seinn òrain còmhla, a’ dèanamh. .. a’ cur dannsan ri chèile agus an uair sin rinn sinn e dhan chlas. Ach, fhios agad, dìreach, fhios agad, gun tuirt an tidsear ruinn, “siuthad. .. siuthadaibh, ma ’s e sin an rud a tha sibh a’ dol a dhèanamh,” gun robh de dh’earbsa aice annainn nach robh sinn a’ dol a dhèanamh càil nach bu chòir dhuinn anns a’ chlas, tha mi a’ creids’ gu bheil sin ann cuideachd. Ach bhiodh sinn a’ gabhail pàirt ann am mòdan, deilbh-chluiche, agus rudan a bha a’ toirt beagan dùbhlain dhan. .. dhan. .. dhan a’ chlann cuideachd, ’eil fhios agad bha iad. .. bha iad a’ gabhail ris gum b’ urrainn dhuinn rud a dhèanamh, fhios agad, agus ged a bhiodh obair na lùib agus bhiodh sinn ’eil fhios agad cha mhòr a h-uile bliadhna le dealbh-chluiche agus action song aig a’ . .. aig a’ mhòd. Agus. ..
PM―14 :06: Seo, seo na mòdan ionadail agus nàiseanta?
AF―14 :09: ’S e an fheadhainn. .. cha robh sinne a-riamh aig. .. aig mòdan nàiseanta, ach. .. ’s e dìreach mòdan ionadail. Ach bha e an-còmhnaidh rudan ann eadar bha. .. Cairistìona NicDhòmhnaill. .. ’s e seinneadar a th’ inntese co-dhiù agus nuair a thigeadh e gu action songs, bha. .. bha tòrr aicese, fhios agad, a thaobh na h-òrain a dh’fhaodadh a dhol ann agus. .. agus Annie MacMillan fìor mhath air na. .. air deilbh-chluiche a chur ri chèile. Agus le sin ’s ann às dèidh làimh a thuigeas tu na bha na tidsearan a’ dèanamh, a bharrachd air an obair a bha iad a’ dèanamh anns a’ chlas airson a bhith a’ toirt cothroman dhuinn. Agus. .. agus a-rithist nuair a thigeadh e gu na consartan, ’s e rudan gu tur eadar-dhealaichte, bhiodh sin. .. bhiodh sin a-rithist, ’eil fhios agad, bhiodh. .. chan eil. .. chan eil cuimhn’ agam dè na. .. chan eil cuimhne agam, fhios agad, dè. .. dè an sgeulachd a bh’ air cùl an rud ach tha fhios agam gun robh.. .bha. .. bha fear againn turas ’s e seòrsa de Wild West. Agus an àite nach e. .. an fheadhainn an e Buffalo Boys ach ’s e. .. ach ’s e Bayble Boys Won’t You Come Out Tonight agus Garrabost Girls, ’eil fhios agad bha iad a’ cur mar gum biodh car ionadail air an rud. Ach. .. fhios agad, bha iad a’ dèanamh an t-uabhas mar sin. Agus cuideachd a thaobh spòrs agus rudan mar sin. Bha tòrr a bharrachd a’ dol anns na làithean sin nuair a bha mise anns an sgoil. Bha. .. tha mi a’ creids’ . .. bi cuimhn’ agad fhèin cuideachd, bha. .. bha farpais, bha. .. bhiodh quiz a’ dol eadar na sgoiltean is bhiodh sinn a’ dol a-null gu na diofar sgoiltean agus tha mi a’ smaoineachadh gur e. .. gur e. .. na. .. na. .. chan eil cuimhn’ agam-s’ , tha mi a’ smaoineachadh gur e rudeigin, gur e na poilis a bha a’ maoineachadh sin na, na rudeigin no. .. agus cuideachd ball-coise eadar na diofar sgoiltean aig ìre bun-sgoil agus àrd-sgoil. Agus, fhios agad, chanainn, fhios agad, bha tòrr a bharrachd a’ dol tron an sgoil na. .. na tha a-nis. Agus tha mi a’ creids’ pàirt dheth anns an latha an-diugh, fhios agad tha cosgaisean-siubhail is a h-ùile càil agus ach, fhios agad, bha, bha tòrr a bharrachd measgachadh eadar. .. eadar na diofar sgoiltean eadar na farpaisean. A-nis tha mi a’ smaoineachadh, well, a h-uile càil air stad an-dràsta, ach tha mi a’ smaoineachadh gur e na Rural Sports an aon rud de na tha sin a tha fhathast. .. fhathast a’ dol, son chan eil cuimhn’ agam an e. .. an e bun-sgoil no àrd-sgoil a bha a’ farpais airson an Kemnay Cup. Tha cup. .. tha cuimhn’ a’m air ball-coise.
PM―17 :12: Aidh, tha cuimhn’ agam fhìn air. .. air a’ Khemnay Cup gun teagamh sam bith. Ball-coise aig. .. aig ìre. .. ìre na h-àrd-sgoil, tha mi a’ smaoineachadh gur e.
AF―17 :22: Aidh, ach a-nis chan eil ann ach an aon àrd-sgoil agus chan urrainn dhaibh a bhith a’ dèanamh sin.
PM―17 :26: Aidh. Sin agad e, sin agad e. Agus nuair a bha thu anns a’ bhun-sgoil ma-thà agus a’ dol dha na mòdan is mar sin, an do thòisich thu air seinn no an robh thu a’ cluiche ionnstramaid?
AF―17 :38: Well, cha robh mi a’ cluiche ach uill ’s e aon ionnstramaid anns an robh mi a’ faighinn leasanan aig an àm sin, ’s e am piàna agus chan eil sin uabhasach portable. Ach bhithinn a’ seinn ach gu mì-fhortanach dhomhsa bha mise air an aon chlas ri Eilidh NicCoinnich agus Sandra NicAoidh, nis’ tha an dithis acasan air beò-shlàint’ a dhèanamh mar sheinneadairean. Agus bha mi air mo dhòigh an aon turas a thàinig mi anns an treasamh àite – sin. .. sin cho àrd ’s a b’ urrainn dhomh a bhith ag amas, a’ farpais an aghaidh an dithis a bha sin. Ach tha. .. tha. .. tha a-rithist, fhios agad bha, agus anns na còisirean sgoile is mar sin cuideachd. Agus bhiodh sinn a’ dèanamh rudan mar aithris bhàrdachd agus tha cuimhn’ agam – an ann air clas a còig a-rithist. .. tha mi a’ smaoineachadh gur ann ann an clas Mrs MacMillan a bha e a-rithist – bha buidheann againn agus chaidh sinn a-steach mar. .. airson farpais, fhios agad, buidheann ag aithris bhàrdachd ach le pìos a sgrìobh sinn fhìn mu dheidhinn. .. bonntaichte air na leabhraichean Spàgan, a bha dìreach air tighinn a-mach. Tha cuimhn’ a’m bha – fhuair mo mhàthair lorg air. .. a’ phìos pàipeir air an robh e – is tha e, tha e agam ann am badeigin sàbhailte, ach chan urrainn dhomh an-dràsta cuimhneachadh dè an àite sàbhaite anns a bheil e. Ach, tha cuimhn’ agam, fhios agad, ’s e. .. ’s e ‘chaidh Spàgan ’s am balach beag sìos chun a’ bhùth, fhuair iad fiodh agus tarragan is thog iad taigh mòr ùr’. Tha, fhios agad, bha triùir againn an sàs son a bhith ga. .. ga chur ri chèile. Agus tha, tha cuimhn’ agam bha sinn cho moiteil asainn fhìn nuair a fhuair sinn an treasamh àit’ leis an. ..
PM―19 :38: Ma tha mi an dùil!
AF―19 :40: Airson an rud a sgrìobh sinn fhìn. Agus, och aidh, fhios agad, bha. .. ’s e latha mòr a bh’ ann nuair a bha thu a’ dol suas air a’ bhus chun a’ Mhòid agus tha mi a’ smaoineachadh gur e. .. gum biodh a’ h-uile duine a’ faighinn airgead-pòcaid airson a’ dol gu. .. gu na bùithtean. Agus a-rithist anns na làithean sin, cha robh sinn a’ dol a-steach am baile cho tric is tha a’ chlann anns. .. anns an latha an-diugh, fhios agad, ’s e, ’s e fhathast rud mòr a bh’ ann a bhith a’ dol a Steòrnabhagh fiù ’s ged nach robh. .. ged nach robh sinn ach ochd mìle. .. mìltean a-mach às a’ bhaile, cha robh sinn ann cho tric.
PM―20 :16: Mar, mar sin chòrd. .. chòrd na làithean sgoile riut anns a’ bhun-sgoil. .. thig sinn chun an àrd-sgoil a dh’aithghearr.
AF―20 :21: Chòrd. .. chòrd a’ bhun-sgoil rium.
PM―20 :26: Agus dè seòrsa baile ma-thà a bh’ ann am Pabal an uair sin nuair a bha thu a’ fàs suas is tu òg?
AF―20 :30: Well, bha ’s e. .. ’s e baile an ìre mhath mòr a th’ ann am Pabal agus. .. ach aig a’ cheann far a bheil sinne dheth sa cheann shuas Chlèit. .. tha. .. tha. .. Pabal Uarach, tha air a roinn ann an dhà no trì earranan, mar. .. mar gum biodh, tha. .. tha. .. Geillear. Ged a tha ’n t-ainm sin a-nis, tha. .. tha chleachd iad an t-ainm sin airson nan taighean comhairle agus tha daoine a-nis a’ smaoineachadh gur e Geillear na taighean-comhairle, ach chan e, ’s e Geillear an rathad gu lèir. .. air fad far a bheil na taighean sin. Is an uair sin aig a’ chòrnair bha an Tobhta Reithneach agus an uair sin agus Clèit, agus tha rathad Cùl a’ Ghàrraidh ann cuideachd. .. eadar. .. ach cha robh mòran thaighean ann an sin aig an àm, tha. .. tha grunn mhath thaighean ann a-nis ach nuair a bha mise a’ fàs suas cha robh mòran thaighean air. .. air, mar gum biodh cùl a’ bhaile. Bha.. .tha. .. bha rathad a-mach air a’ chùl. Ach bha, fhios agad, bhiodh sinn a-mach ’s a-steach à taighean chàch-a- cèile, fhios agad, cha robh thu uair sam bith a’ cnagadh air doras, fhios agad, bha thu a’ dol a-steach ’s ag èigheachd “A bheil duine a-staigh?” agus mura robh thu faighinn freagairt bha fios agad nach robh. Agus mar sin ’eil fhios agad agus bhiodh sinn dìreach a’ falbh mar. .. mar.. .mar bhuidheann, ’s dòcha gun canadh cuid mar. .. mar ghràisg. Ach bhiodh a’ chlann. .. fhios agad, diofar aoisean cuideachd, fhios agad, còmhla agus dìreach a’ falbh, fhios agad, falbh na sìtig, fhios agad, bhiodh sinn a-mach a-muigh anns an allt sìos, bhon t-sitig sìos chun a’ chladach, sìos chun. .. chun nan creagan uaireannan ged nach robh còir againn a bhith a’ dol sìos an sin. Agus a’ cluiche anns a’ bhuaile cuideachd, fhios agad, airson ’s bha gu leòr clann ann airson fhios agad sgiobannan ball-coise no. .. no rounders no cricket, ged nach robh duine againn dha-rìribh a’ tuigsinn ciamar a bha e a’ cluiche cricket ach bat cudeigin agus mar sin bha sinn a’ toirt a chreids’ gun robh. .. gun robh beachd againn dè bha sinn a’ dèanamh. Agus ’s sin ’eil fhios agad. ..
PM―22 :56: Bha sibh a’ caitheamh tòrr ùine a-muigh ma-thà.
AF―23 :00: Bha, bha. Agus aig an àm sin cuideachd, fhios agad, bha a’ mhòr-chuid le caoraich aca, bha dhà no trì theaghlaichean aig an robh crodh cuideachd, bha. .. bha bò againn airson treiseag nuair a bha mi a’ fàs suas. Bha, bha caoraich againn agus, fhios agad, obair an fhearainn, fhios agad, bhiodh sinn ’eil fhios agad a’ cur bhuntàta agus gu h-àraid buain na mònach agus bha a h-uile càil den sin fhathast. .. fhathast a’ dol.
PM―23 :32: Agus dè mu dheidhinn fighe. .. obair. .. obair air a’ bheairt is mar sin?
AF―23 :36: O bha, bha grunn mhath dha na. .. dha na teaghlaichean far an robh an athair a’ fighe air a’ bheairt agus leis an sin gum biodh a’ chlann a’ faighinn oideachadh ann a bhith a’ lìonadh iteachain.
PM―23 :52: A’ cluiche le fuigheagan is mar sin.
AF―23 :53: Sin e! Sin e!
PM―23 :57: Sheadh, dha-rìribh. Làithean sona ma-thà a-rèist. Agus leis mar a. .. mar a bha thu ag ràdh tha tòrr taighean ùra sa bhaile. A bheil am baile a-nis nas motha na bha e nuair a bha thusa a’ fàs suas? A bheil, a bheil barrachd dhaoine ann a-nis na bha. .. ?
AF―24 :17: Chan eil fhios a’m. .. tha. .. tha. .. tha. .. taighean ùra ach tha taighean falamh. Tha tòrr dhe na tha air taighean a thogail agus ’s e rud math a th’ ann gur e daoine a bhuineas dhan a’ bhaile a tha air tilleadh nan inbhich, agus tha. .. tha. .. agus feumaidh mi ràdh dìreach anns an fhichead. .. an fhichead bliadhna bho thill mi fhìn, nuair a rugadh an leanabh as sine agam cha robh leanabh eile aig a’ cheann-sa dhan a’ bhaile agus, well, an leanabh a b’ fhaisge ann an aois bha e còig bliadhn’ a dh’aois. A-nis tha an t-àite, tha. .. tha. .. tha mi a’ creids’ gu bheil mu dusan dìreach anns. .. anns a’ cheann againne dhan a’ bhaile, fhios agad, tha sin cho math, fhios agad, tha iad a’ dol a-mach is a’ cluiche còmhla, agus tha iad dìreach suas ’s sìos an rathad air na bikean aca agus tha seòrsa de dh’ath-bheòthachadh air. .. air tighinn air an àite. Ach, fhios agad, agus mar sin. .. tha. .. ’s e. .. air sgàth ’s gur e daoine às a’ bhaile fhèin a tha ann an tòrr dhen an fheadhainn a th’ ann, fhios agad, tha. .. pàirt den sin, fhios agad, gu bheil thu dìreach a’ dol a. .. ’s dòcha gu bheil sinn a’ fàs rudeigin dòighean a’ bhaile mhòir gu bheil mi cnagadh air an doras mus coisich mi a-steach gun èigh mi ‘A bheil duine a-staigh’? ach chan eil thu. .. chan eil thu dìreach a’ fuireach air an step gu freagairt an doras. .. tha sinn air beagan de dh’fhasanan a’ bhaile mhòir a thoirt dhachaigh ach chan eil. .. chan eil cus.
PM―26 :17: ’S math sin ge-tà. So chì thu. .. chì thu a’ chlann bheag a’ ruith timcheall na sràidean fhathast.
AF―26 :23: Aidh, chì.
PM―26 :24: Och, math dha-rìribh. Tha sin math, a’ toirt beagan beatha dhan a’ bhaile, nach eil?
AF―26 :28: Sin e, tha.
title | 1 |
internal date | 2021.0 |
display date | 2021 |
publication date | 2021 |
level | |
parent text | Anna Frater |