Frater 3
PM―00 :05: So, thàinig thu dhan Chaisteal aig àm gu math inntinneach. Tha mi a’ smaoineachadh gur ann timcheall air. .. air an àm sin, ’s ann a bha UHI a’ tòiseachadh, Oilthigh na Gàidhealtachd a’ tòiseachadh, ’eil mi ceart?
AF―00 :16: ’S ann. Bha a’ chiad buidheann de dh’oileanaich a bha a’ dèanamh na ceumannan tro mheadhan na Gàidhlig nuair a thòisich mise, bha iad dìreach air tòiseachadh air an dàrna bliadhn’ aca. Thòisich iadsan ann an. .. ann an naochad is h-ochd. Agus ’s e, fhios agad bha, a bhalaich ort, bha agam ri tòrr ionnsachadh ann an ùine gu math goirid agus uaireannan bha thu dìreach seachdain air thoiseach air na h-oileanaich ma bha thu fiù ’s seachdain fhèin air. .. air thoiseach orra, cuspairean ùr’ nach robh mi air teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, feuchainn ri. .. ri feadhainn de na cuspairean ri briathrachas ùr’ a chruthachadh airson ’s gum b’ urrainn. .. gus am b’ urrainn dhuinn a bhith gan teagasg. Agus le sin. .. ’s e àm gu math trang a bh’ ann mar sin cuideachd ach a-rithist bha an sgioba gu lèir a bha. .. a bha an sàs ann, bha sinn a’ toirt taic do chàch-a- chèile. Fhuair mi fhìn tòrr taic bho. .. bhon an luchd-teagaisg eile a bha anns a’ Cholaiste agus bho. .. bho luchd-teagaisg an t-Sabhail. .. agus. ..
PM―01 :31: . .. agus Inbhir Nis. ..
AF―01 :32: Agus Inbhir Nis cuideachd! Uill bha bha. .. thusa. .. bha Inbhir Nis an sàs anns a’ . .. anns a’ Chùrsa Comais agus. ..
PM―01 :39: Bha, bha.
AF―01 :40: . .. agus cha robh mise a’ dèanamh uimhir an taobh sin, ach bha gun teagamh. Agus is bochd nach eil iad. .. nach eil iad fhathast an sàs ann. ’S e sin. .. ach, fhios agad, bha. .. tha mi a’ smaoineachadh. .. bha an co-obrachadh a bha sin a’ dol. .. agus. .. bha e ga dhèanamh inntinneach cuideachd – fhios, agad, cha robh thu dìreach a’ dèanamh na rudan a bha thu fhèin air ionnsachadh agus ga. .. ga. .. ga dhèanamh a-rithist, bha. .. bha, fhios agad, chan eil mi a’ dol a ràdh riut nach robh e gu math riaslach aig àmannan cuideachd. Ach tha mi a’ smaoineachadh, fhios agad, bha e gu math inntinneach a bhith an sàs anns an obair a bha sin.
PM―02 :24: ’S e àm gu math trang a bh’ ann, nach e? Coinneamhan agus a’ sgrì. .. a’ sgrìobhadh modulan ùra agus a’ cruthachadh stuthan agus a’ dol tro diofar phròiseasan a thaobh dè. .. dè bh’ aca air IV agus EV agus. ..
AF―02 :41: Agus. .. agus bha tòrr a barrachd, fhios agad, an uair sin, bha iad ag iarraidh nan coin. .. gum biodh na coinneamhan aghaidh-ri-aghaidh agus bha. .. bha an t-uabhas siubhail an cois sin, fhios agad, bha e a’ toirt dà latha a-mach às an t-seachdain dhut a bhith dìreach a bhith a’ dol gu coinneamh dà uair a thìde. Sin aon rud nach eil mi ag ionndrainn. Agus, ach cuideachd, fhios agad, bha rudan ann, bha – tha cuimhn’ agam bha. .. bha sinn air. .. air an treas bliadhna module feallsanachd. Nis, cha robh duine anns an sgioba a bha air feallsanachd a dhèanamh mar chuspair. Bha mise air beagan feallsanachd a dhèanamh ann am Fraingis ach bha sin gu math cumhang, fhios agad, chan ann dìreach air feallsanachd Pascal agus Descartes a bha sinn gu bhith a’ coimhead anns a’ mhodule. Agus bha. .. agus a-rithist bha. .. bha sinn a’ faighinn barrachd cead airson rudan a dhèanamh a bha rud beag eadar-dhealaichte agus ’s e a thachair gun robh Maighstir Iain Aonghais Dòmhnallach bha ann an Loch Abar aig an àm, ’s e esan. .. dh’aontaich esan na clasaichean ionnsach. .. a theagasg air. .. air video conference gu oileanaich Cholaiste a’ Chaisteil agus an t-Sabhail. Agus bha mise ann an Colaiste a’ Chaisteil agus Meg Bateman anns an t-Sabhail mar oileanaich, sinn fhìn a’ gabhail nan notaichean gus am biodh e comasach dhuinn an rud a theagasg an ath-bhliadhna. Ach. .. tha. .. ach, fhios agad, mar sin, fhios agad, bha. .. ’s e. .. ’s e rud. .. a bha. .. bha fìor mhath, fhios agad, gun. .. gun robh thu fhèin ag ionnsachadh cuideachd, fhios agad, leis nach robh thu dìreach a’ dol thairis air na h-aon rudan a-rithist ’s a-rithist, bha. .. leis gun robh sinn a’ dèanamh cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig an àite a bhith dìreach a’ dèanamh rudan a bha ann an Gàidhlig mar-thà.
PM―04 :44: Dha-rìribh.
AF―04 :45: Bha. .. bha againn fhìn ri bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn na cuspairean a bha sin cuideachd agus, fhios agad, mar a thuirt mi bha e riaslach aig amannan, ach bha e ga dhèanamh inntinneach cuideachd.
PM―04 :53: Ceart, agus. .. agus a-nis tha an t-Oilthigh tòrr nas stèidhichte mar gum biodh – tha cùisean air sochrachadh gu mòr agus tha thu air. .. tha thusa air a bhith an sin ag obair dhaibh airson fichead bliadhna, so tha thu cleachdte ris na siostaman agus a h-uile càil eile a tha aca.
AF―05 :09: Well, cleachdte ris na siostaman gus an atharraich iad iad a-rithist!
PM―05 :14: Agus a bheil a’ chùis a’ còrdadh riut fhathast, Anna, a bhith a’ teagasg clasaichean Gàidhlig agus a h-uile càil eile a tha thu a’ dèanamh ann an Colaiste a’ Chaisteil?
AF―05 :23: Tha. .. tha agus tòrr dheth, fhios agad, uaireannan tha. .. tha a-rèir cò na h-oileanaich a th’ air do bheulaibh, fhios agad, uaireannan, fhios agad, ma tha. .. tha e duilich a bhith teagasg cuspair a tha a’ còrdadh riut fhèin gu oileanaich agus tha e follaiseach nach eil ùidh sam bith acasan ann. Agus, ach ma gheibh thu rudeigin air ais, fhios agad, tha e cho tlachdmhor a. .. a. .. a bhith. .. a. .. a’ teagasg. Agus cuideachd tha measgachadh, fhios agad, chan ann a-mhàin aig ìre oilthighe a tha mi a’ teagasg. .. tha. .. tha. .. tha mi a’ teagasg aig ìre foghlam adhartach cuideachd agus tha sin dìreach clasaichean cànain, tha mi a’ teagasg air na ceumannan tro mheadhan na Gàidhlig ach cuideachd ceum eile a th’ againn, Gaelic Scotland, far a bheil sinn a’ teagasg mu dheidhinn saoghal na Gàidhlig ach dha oileanaich nach eil fileanta ged a tha iad ag ionnsachadh. .. tha ionnsachadh a’ chànain mar phàirt dheth, chan eil iad fileanta gu leòr airson a h-uile càil a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Agus tha sin, fhios agad, tha sin inntinneach cuideachd, fhios agad, gu bheil thu a’ faicinn, fhios agad, tha e toirt toileachas dhomh tha mi. .. tha mi cuideachd a’ teagasg air ceum litreachais Oilthigh na Gàidhealtachd ach ’s ann air litreachas na Gàidhlig ach tha e air eadar-theangachadh gu Beurla. Tha, fhios agad, tha. .. tha a dhùbhlan aige fhèin an cois sin, fhios agad, uaireannan chan urrainn. .. chan urrainn dhut a bhith bruidhinn air ruitheam agus meadarachd a’ chànain airson chan eil. .. chan eil sin ann anns a’ Bheurla. Agus ann an dòigh ’s e seòrsa de leasan eachdraidh uaireannan a tha thu a’ toirt seachad dhaibh a thaobh mar a tha a’ Ghàidhlig cho eadar-dhealaichte agus each. .. eachdraidh na Gàidhealtachd agus a tha na chùis uabhais cho beag fios. ..
PM―07 :37: . .. fios a th’ aig daoine.
AF―07 :38: . .. fiù ’s feadhainn a rugadh agus thogadh air a’ Ghàidhealtachd. Agus ach ’s e tha a’ toirt toileachas dhomhsa sna dhà no thrì bliadhnaichean a chaidh seachad – chan eil na h-àireamhan mòr’ ach cha mhòr a h-uile bliadhna tha duine no dithis air tighinn air ais a dh’fhaighneachd dhomh: “Càit’ am faigh sinn cothrom Gàidhlig ionnsachadh, tha sinn airson ’s gum faigh sinn a-steach air a’ bhàrdachd anns a’ chànan anns an deach e a dhèanamh?” Agus dìreach. .. tha rudan mar sin, fhios agad, a’ toirt togail dhut cuideachd, mar a thuirt mi. Cha. .. chan eil. .. fhios agad, tha. .. tha. .. man. .. tha measgachadh ann de dhòighean teagaisg, de dh’ìrean de theagasg, de chuspairean agus leis an sin, tha e gu math inntinneach. Agus fiù ’s dòighean teagaisg ùra fa. .. fad an t-siubhail agus a’ dèan. .. a’ dèanamh barrachd is barrachd air-loidhne a-nis na tha mi a’ dèanamh aghaidh-ri-aghaidh. Agus ged a tha thu call rud leis nach eil thu ann an. .. ann an clas còmhla ri daoine aig an aon àm, tha. .. tha buidhnean ann, fhios agad, far a bheil iad. .. tha. .. oir bha buidheann agam agus bha oileanaich agam ann an Inbhir Ùige agus ann an Inbhir Àir ach bha iad a’ tighinn còmhla anns an aon chlas. Agus, fhios agad, tha. .. tha. .. tha cothroman a bharrachd, fhios agad, airson. .. agus. .. agus daoine uaireannan far. .. far a bheil iad, ma tha iad ann an àite far nach eil mòran ùidh sa Ghàidhlig, fhios agad, cha. .. cha. .. cha b’ urrainn dhaibh-san faighinn faisg air clasaichean. ..
PM―09 :19: Cha b’ urrainn.
AF―09 :20: . .. air. .. air a’ chuspair, mura b’ e mise ga dhèanamh mar seo. Tha mi air fàs, fhios agad, chan e a-mhàin gu bheil mi fhìn. .. gu bheil mi fhìn air ionnsachadh rudan ùra bho bhith a’ teagasg ach na dòighean teagaisg a tha mi air. .. tha. .. tha fhathast pìos agam ri. .. ri dhol aig ìre an teicneòlais ach tha mi fada, fada nas fheàrr na bha mi.
PM―09 :48: Mise cuideachd gun teagamh. Agus a bheil thu a’ dèanamh càil le Fraingis an-dràsta, Anna, a bheil thu ga teagasg no. .. ?
AF―09 :57: Chan eil.
PM―09 :58: Chan eil idir.
AF―09 :59: Chan eil, chan eil. Agus. .. uaireannan, fhios agad, tha dìreach, fhios agad, rudan a bhios a’ nochdadh uaireannan air na naidheachdan mus tòsich iad a’ dèanamh cuid. .. cuideigin a bhith a’ bruidhinn thairis orra. .. agus. .. fhios agad, chan eil, fhios agad, a-rithist chan eil mi a’ faighinn an cothrom a bhith ga. .. ga chleachdadh ach corra uair, fhios agad, ach chì mi rudan. .. tha. .. anns na naidheachdan, rud air. .. air Facebook mar sin, rudan a tha sgrìobhte ann am Fraingis agus tha mi a’ feuchainn, fhios agad, tha mi a’ faighinn beagan toileachais gu bheil mi a’ dèanamh steama dhan a’ chuid as motha dheth ach ’s dòcha nach eil mi a’ leantainn a h-uile càil. Agus chan eil fhios agam, tha mi a’ creidsinn nan deidhinn air ais dhan Fhraing às dèidh dhà no thrì làithean no co-dhiù seachdain no dhà gun tigeadh e air ais thugam ach bhon nach eil mi air a bhith ga. .. ga cleachdadh, tha mi a’ creids’ nach eil gum.. .gum. .. gum bithinn rudeigin gu math lapach a’ tilleadh an-dràsta. Ach tha mi a’ smaoineachadh, fhios agad, bhon a bha mi bliadhna a’ bruidhinn Fraingis, fhios agad, a h-uile latha cha mhòr, tha mi. .. chan eil. .. chan eil mi a’ smaoineachadh, fhios agad, chan eil mi air a chall buileach, chan eil mi air a dhol. .. ach, fhios agad, dìreach bheireadh e. ..
PM―11 :45: . .. beagan ùine, ’s dòcha seachdain.
AF―11 :47: Aidh. .. airson faighinn air ais, fhios agad, far am bithinn a’ faireachdainn cofhurtail a’ dèanamh còmhradh le cuideigin a-rithist.
PM―11 :56: Ceart gu leòr, Anna. Well, tha thu. .. tha thu gu math trang co-dhiù leis a h-uile càil a th’ agad ri dhèanamh. Ma. .. ma ’s urrainn dhomh a dhol air ais beagan agus tha thu ain. .. ainmeil airson do bhàrdachd Anna, agus tha thu air mòran leabhraichan is eile a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig, bàrdachd na Gàidhlig, dè thug d’ ùidh anns a’ chuspair sa chiad àit’, cuin’ a thòisich thu a’ sgrìobhadh bàrdachd?
AF―12 :19: Well, thòisich mi anns. .. anns a’ bhun-sgoil.
PM―12 :22: Ò, an do thòisich?
AF―12 :23: Ach ’s ann anns a’ Bheurla a thòisich mi. Ach a-rithist, fhios agad, na rudan a bha an luchd-teagaisg againn a’ dèanamh, bha. .. chan eil. .. a bheil cuimhne agadsa air prògram a bhiodh air. .. chan eil cuimhn’ agam an ann air oidhche h-Aoine no Shathairne a bhiodh e air, Songs of Scotland?
PM―12 :41: Tha nàdar de chuimhn’ agam air a’ phrògram.
AF―12 :42: Peter Morrison agus. ..
PM―12 :43: Och aidh.
AF―12 :44: Alasdair MacDonald.
PM―12 :45: Seadh, tha. ..
AF―12 :46: Agus bhiodh. .. bha prògram radio dha sgoiltean aig Alasdair MacDonald agus ’s e aon de na rudan a dh’iarr iad gus. .. bha iad ag iarraidh air sgoilearan sgrìobhadh a-steach le sgeulachdan no ag innse mu dheidhinn a’ bhaile aca fhèin. Agus ’s e rinn mise ach pìos bàrdachd. Agus chan e a-mhàin gun deach a thaghadh airson aithris air a’ phrògam, chuir e ceòl ris agus sheinn e e. Agus bha mise a’ smaoineachadh an uair sin bha mi air clas a sia no clas a seachd ag èisteachd, bha mi. .. agus a-rithist. .. chùm. .. chùm mo mhàthair e is tha. .. tha. .. ’s e. .. dè bh’ ann?: “Bayble means beautiful just come and see / Come and I’ll know that you agree with me,” agus bha e a’ dol – bha sia no seachd de rannan ann. Ach. .. agus an uair sin bha mi, och dìreach a’ sgriòbhadh rudan. .. bha, fhios agad, bha mi dìreach a’ feuchainn ri pìosan bàrdachd a sgrìobhadh. Agus bha bean bràthair mo sheanmhar, Ciorstaidh Anne, bha ise a’ dèanamh amhrain, bhiodh Flair gan seinn. .. feadhainn de na h-amhrain aice. .. so bha i. .. .agus bha màthair Donaidh Large cuideachd anns a’ bhaile againn, fhios agad, bha agus an sin, ged a bha mi eòlach agus dèidheil air bàrdachd MhicThòmais agus Iain ’ic a’ Ghobhainn, fhios agad, agus, fhios agad, nuair a tha thu a’ fàs suas gu bheil thu a’ faicinn ann an leabhraichean cuideigin às a’ bhaile agad fhèin ged nach robh mi aig an ìre sin air coinneachadh ri duine den an dithis aca. ’S e an fheadhainn a bha fhathast anns a’ bhaile, fhios agad, a bha a’ sealltainn dhomh gum b’ urrainn dha boireannaich, agus boireannaich àbhaisteach anns a’ bhaile a bhith. .. a bhith ri bàrdachd. Agus ’s ann nuair a thòisich mi anns a’ Ghàidhlig anns an t-siathamh bliadhna san sgoil. Agus a-rithist ’s e An Lanntair a thàinig chun an sgoil a dh’iarraidh. .. bha iad. .. bha iad airson oidhche de bhàrdachd dà-chànanach le sgoilearan a chur air dòigh. Agus chaidh am fios a thoirt dha na. .. dha na clasaichean agus bha dithis againn a thuirt gum biodh sinn deònach feuchainn air, mi fhìn agus Babs NicGriogair. Agus air an oidhche, cha. .. bha. .. bha sinne. .. bha sinn an sin leis na pàipearan againn deiseil sìos chun an Lanntair agus cha robh duine anns an èisteachd ach mo mhàthair, so le sin. .. chuir iad. .. chuir iad an oidhche dheth.
PM―15 :53: Ò, òbh, òbh.
AF―15 :58: Ach an uair sin nuair a chaidh mi sìos a Ghlaschu bha na bha mi air.. .air a sgrìobhadh agam agus thug e dhà no thrì sheachdainean mus d’ fhuair mi de mhisneachd a dhol a-steach leis na bha mi air sgrìobhadh gu Ruaraidh MacThòmais feuch am b’ fhiach iad, fhios agad, bha. .. bha. .. cha robh duine aig an ìre sin air. .. air coimhead riutha ach mo mhàthair agus ged a thuirt ise gun robh iad a’ còrdadh rithe, sin. .. sin joba mhàthar, fhios agad, bha aig an sin. Agus. .. agus. .. feumaidh mi a ràdh, fhios agad, bha MacThòmais. .. chaidh na. .. fhios agad, an ceann dhà no thrì làithean thuirt e rium ‘thig a-steach dhan an oifis’ agus bha. .. bha e ag ràdh bha feadhainn aca rudeigin sean-fhas. .. fhasanta, cha robh càil ùr, cha robh mi ag ràdh càil ùr ann agus bha mi ag ràdh ‘Ò seo. .. ’, fhios agad, ach an uair sin bha dhà tha mi a’ smaoineachadh den an fheadhainn an seo tha mi airson an cur ann an Gairm. Agus bha mise mar gum bithinn air bonn òr a’ Chomuinn fhaighinn. .. bha mi. ..
PM―16 :41: . .. cinnteach. ..
AF―16 :42: . .. gun robh Ruaraidh MacThòmais a’ smaoineachadh gun robh. .. gun robh rudeigin a sgrìobh mi math gu leòr airson a. .. airson fhoillseachadh. Agus leis an sin, fhios agad, fhad ’s a bha mi nam oileanach, feumaidh mi. .. tha mi a’ cumail orm a’ sgrìobhadh. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh mi a’ faighinn fichead not a h-uile turas a bha. .. a bha rudeigin a’ nochdadh ann an Gairm. Agus anns an h-ochadan bha fichead not a’ dol gu math fada. Agus mar sin. .. bha sin mar. .. mar adhbhar cumail orm a’ sgrìobhadh cuideachd. Ach, fhios agad, a-rithist bha. .. le Ciorstaidh Ann, fhios agad, bhiodh i a’ bruidhinn. .. bhithinn i a’ dol a dh’iarraidh a’ phension dha. .. dha grunn dha na seann daoine anns a’ bhaile gach Disathairne bhithinn a dhol chun a’ . .. chun a’ phost-office ag iarraidh na. .. am pension aca agus nuair a thillinn, bhithinn i faighinn copan teatha agus brios. .. briosgaid anns a h-uile taigh. Agus ach. .. ach bhithinn fhìn agus Ciorstaidh Anne a’ bruidhinn, agus bhiodh i a’ bruidhinn mu dheidhinn mar a bha i fhèin a’ sgrìobhadh agus uaireannan, bha i ag ràdh, fhios agad, bha. .. bha fhios aice, fhios agad, a thaobh riaghailtean a mheadarachd agus bha i ag ràdh, fhios agad, “na biodh leisg sam bith ort a bhith a’ dol tron fhaclair, tro Dwelly, gus am faigh thu lorg air an. .. air an dearbh fhacal a tha a dhìth ort airson an rud a tha thu a’ feuchainn ri ràdh,” fhios agad, bhiodh ise. .. a thaobh. .. a thaobh fuaim agus ciall gu feum. .. gu feumadh iad a bhith. .. a bhith freagarrach agus gu dearbh ’s e. .. ’s e an Dwelly a th’ aicese a th’ agamsa – nuair. .. nuair. .. nuair a bhàsaich i, thug an nighean aice dhomh e bhon. .. aig. .. bhon a bha mi a’ dèanamh Gàidhlig anns an sgoil aig an àm. Agus le sin, fhios agad, chan eil. .. chan eil teagamh nach tug stoidhle MhicThòmhas buaidh air an sgrìobhadh agam fhìn. .. cha. .. chan urrainn dhomh a dhol as àicheadh airson ’s caomh leam an stoidhle aige ach a thaobh a bhith a’ toirt orm smaoineachadh gum b’ urrainn dha mo leithidse a bhith ri bàrdachd, chanainn gur e Ciorstaidh Anne as motha a thug buaidh orm, cuideigin anns an teaghlach againn fhìn.
PM―19 :27: Dha-rìribh. Nach eil sin math. Agus an uair sin an robh thu idir a’ smaoineachadh mu dheidhinnn nan gnothaichean teicnigeach mar. .. mar sin meadaireachd agus an robh. .. robh fios agad air, air. .. air na riaghailtean, mar gum biodh, nuair a thòisich thu?
AF―19 :41: Cha robh fios agam air na. .. air na riaghailtean mar sin, fhios agad, tha. .. tha. .. tha mi a’ smaoineachadh nuair a tha thu a’ fàs suas a’ cluinntinn amhrain Ghàidhlig tha. .. tha. .. tha e dìreach a’ dol a-steach gun fhiosta dhut. Chan eil ainm agad air a shon, chan eil fhios agad gur e aicill agus fhuaim agus còrdadh ’s a h-uile càil a tha sin. Ach. .. cha. .. ’s e glè bheag a sgrìobh mi fhìn a bha a’ cumail ris na riaghailtean. .. tha. .. ’s dòcha gur e pàirt dheth. .. tha.. .chan eil. .. chan eil. .. de dh’fhoighidinn agam airson. .. airson a leithid a dhèanamh.
PM―20 :19: Agus tha mi a’ creids’ nach e, dh’fhaodadh tu a ràdh nach e. .. nach e rud uabhasach nàdarrach a th’ ann ma-thà, ma tha thu, eil fhios agad, ga do chur fhèin ann am. .. ann am bucas a-rèir dè tha na riaghailtean sin ag ràdh is nach fhaod tu a dhol a-mach às. .. a. .. às a’ bhucas sin idir.
AF: ―20 :34: Agus agus. .. ach cuideachd tha mi a’ smaoineachadh air a’ ghinealach a bha romhainn, dh’fhàs iad. .. iadsan suas ris, bha dìreach. .. sin a’ tighinn thuca gu nàdarrach cuideachd. Bha fios aca, fhios agad, a thaobh stuctar. Ach. .. ach feumaidh a ràdh cuideachd bha. .. tha mi a’ smaoineachadh gun robh làmh co-dhiù a thaobh an fheadhainn a chaidh a Sgoil Phabail gun robh làmh aig athair Ruaraidh MhicThòmais, Seumas MacThòmais, ann an sin oir tha e coltach ged nach robh e a’ faighinn leasanan anns a’ Ghàidhlig, cha robh sin ann aig. .. aig. .. aig an àm, bha. .. a’ dol. .. bha e a’ toirt dhaibh leasanan ann am bàrdachd Ghàidhlig agus ciamar a bha bàrdachd Ghàidhlig air a chur ri chèile. Agus na riaghailtean agus, fhios agad, bha. .. ’s e. .. agus nuair a smaoineachas tu na. .. na. .. .na. .. .na bards a bha. .. bha Dòmhnall Alasdair ann an Garrabost, bha. .. bha Ciorstaidh Anne, bha Lofty – Iain MacArtair – a thàinig tron an sin agus aig an robh. .. agus tha mi a’ creids’ gun robh iad a’ faicinn gun robh a’ Mhaighstir-sgoile a bha fhèin na bhàrd, a bha a’ toirt spèis dhan chànan agus. .. agus gur e sin ’s dòcha gun robh buaidh aig an sin air. .. air a’ chùis cuideachd, gun robh e. .. nuair a smaoineachas tu air, well, ann am. .. ann am Pabail Uarach, fhios agad, anns an fhicheadamh linn bha. .. bha grunn a bha ri bàrdachd. Chan eil fhios agam. .. tha mi a’ smaoineachadh gun robh. .. agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh na. .. na. .. na daoine a bha a’ dèanamh bàrdachd, bha iad a’ toirt taic do chàch a chèile cuideachd. Tha mise, fhios agad, tha mi air a bhith ag obair a’ feuchainn ris na h-amhrain aig Ciorstaidh Anne a chruinneachadh. Agus tha feadhainn ann an Carlifornia bha iad aig Donnie Large, tha feadhainn anns an Hearadh feadhainn a bh’ aig. .. bha iad aig Costello, agus feadhainn a bha i. .. bha i a’ toirt teipichean dha daoine, dha na dàin aice agus dìreach. .. ach cuideachd, bha. .. bha leabhar a bh’ aig an nighean aice agus an toiseach ’s e. .. ’s e dìreach duilleagan a-mach às an leabhar a bh’ agam agus bha. .. bha fhios agam nach. .. nach e an làmh-sgrìobhainn aice fhèin a bh’ ann agus dìreach bhiodh an t-amhran a’ freagairt air an leithid de dh’fhonn. Agus an uair sin, chunnaic mi M. M. F. Saoil an e Murchadh MacPhàrlain a tha seo? ’S nuair sin fhuair an nighean aice, Barabra, fhuair i lorg air an. .. air an. .. air an leabhar às an tàinig na. .. na duilleagan a bha seo. Agus sin bha rud sgrìobhte am broinn còmhdach an leabhair agus ’s e Murchadh MacPhàrlain a bha. .. bha air sùil a thoirt air. .. air a’ bhàrdachd aice. Agus dè bh’ ann? Nuair a thèid gibht na bàrdachd a bhuileachadh air neach, feumaidh iad a thoirt am follais air neo bi a’ bhàrdachd aca aig na laomainn. Cha mhòr nach e sin a thachair. .. a thachair dhan a’ bhàrdachd agam fhìn. Agus, bha mi a’ smaoineachadh, bha sin cho snog agus cuideachd fhuair sinn lorg air, well, fhuair an nighean aice lorg air. .. air an litir a bha i air faighinn bho Iain MacArtair a’ toirt a bheachd air feadhainn dha na h-amhrain aice a bha i air a chur thuige-san agus a’ toirt comhairle dhi agus. .. agus. .. stiùir. .. fhios agad, bha, fhios agad, bha. .. bha iad a’ toirt taic do chàch-a- chèile agus, fhios agad, tha. .. tha. .. ach, fhios agad, a thaobh a bhith a’ dèanamh càil ann am meadarachd mi fhìn, chan eil. .. chan eil mi math air, tha mi air rud no dhà. ..
PM―24 :59: Chan e a’ chiad rud a thig thugad, mar gum biodh, ciamar a tha am meadarachd a’ dol. ..
AF―25 :02: Chan e, chan e, chan e, chan e. .. tha. .. dìreach pàirt dheth tha mi a’ creids’ gur e foighidinn. ..
PM―25 :14: Agus. .. agus am feum thu a bhith. .. an e rud agus gum faod thu a ràdh riut fhèin, ceart, tha mi airson pìos bàrdachd a sgrìobhadh mu dheidhinn leithid seo a chuspair. Nise, feumaidh mi suidhe sìos agus smaoineachadh dè chanas mi no an e mar a tha daoine. .. daoine ag ràdh gur e rud a tha dìreach a’ tighinn thugad, mar gum biodh, san spot agus tha thu a’ suidhe sìos is tha thu ga sgrìobhadh, no a bheil an dà chuid a’ tachairt?
AF―25 :36: An dà chuid. ’S e. .. ma ’s e rud a tha mi a’ dèanamh, mar gum biodh, dhomh fhìn air mo cheann fhìn, mar gum biodh, ’s e dìreach rud a tha a’ tighinn thugam, fhios agad, agus tha thu a’ faicinn rudeigin no a’ cluinntinn rudeigin agus tha, mar gum biodh. ..
PM―25 :57: . .. sradag a’ dol.
AF―25 :57: . .. sradag a’ dol, tha mi a’ smaoineachadh gur e. .. ’s e ìomhaigh math a tha sin airson rudeigin eile no rudeigin. .. rud. .. rudeigin a tha a’ cur a’ chais orm agus bha mi a’ feuchainn ri fairea. .. tha fhios agad, bha mise ri. .. bha. .. bha bàrdachd dhomhsa mar dhòigh air na faireachdainnean agam a chur an cèill air rudan a chur air. .. tuig. .. tuigse fhaighinn air cuspairean uaireannan, fhios agad, agus air obrachadh tro na beachdan agam no na faireachdainnean agam ’s a’ feuchainn, fhios agad, ciall air choreigin a dhèanamh dhiubh. Ach uaireannan a-nis, an-dràst’ ’s a-rithist, bidh mi a’ faighinn commission. Bidh cuideigin ag iarraidh bàrdachd a dhèanamh air cuspair sònraichte agus tha sin nas dorra.
PM―26 :50: Cuiridh mi geall.
AF―26 :52: Agus feumaidh tu feuchainn, fhios agad, air dòigh faighinn a-steach dhan a’ chuspair a tha fhathast gu bhith na do ghuth fhèin. Agus uaireannan, chaidh rud a dh’iarraidh orm a dhèanamh bho chionn dhà no thrì mhìosan agus ’s e rud anns a’ Bheurla a bha iad ag iarraidh agus dìreach thuirt mi, well, tha. .. chan eil mise a’ sgrìobhadh anns a’ Bheurla bho thùs ann. Ò, well, faodaidh mi. .. faodaidh mi a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig agus bheir mi dhuibh an eadar-theangachadh Beurla. .. dh’fhaontaich iad ris an sin ach thuirt iad mu dheireadh thuirt iad “oh, no, chan e seo buileach a bha. .. a bha sinn ag iarraidh.” Well, tha sin ceart gu leòr, fhios agad, chan urrainn dhomhsa a’ sgrìobhadh ach anns an stoidhle agam fhìn, anns an dòigh agam fhìn. Cha robh mi airson, fhios agad, bha iad air a ràdh, fhios agad, faodaidh tu ’s dòcha, fhios agad, gum faod sin an rud eadar-theangachadh gu Gàidhlig airson ach thuirt mi chan ann mar sin, fhios agad, chan eil mi airson rud a’ sgrìobhadh nach obraich anns a’ Ghàidhlig. ’S e. .. ’s e Gàidhlig a tha. .. a tha tighinn an toiseach dhomhsa.
PM―28 :10: Tha sin inntinneach.
AF―28 :12: Agus, mar a thuirt mi, uaireannan tha. .. tha e ag obrachadh, uaireannan chan eil. Agus. .. ach. .. agus uaireannan. .. tha. .. ged. .. ged nach do chòrd na dàin a rinn. .. rinn mi ris an fheadhainn a bha gan iarraidh, chòrd iad riumsa, tha mise gan cumail.
PM―28 :31: Glè cheart.
AF―28 :32: Agus. .. agus le sin, chan eil thu a’ call a-mach ach uaireannan, fhios agad, mar sin, nuair a tha. .. nuair. .. nuair a tha a’ chuspair air a thoirt dhut uaireannan. .. tha. .. tha a’ toirt nas fhaide a bhith beachdachadh air ciamar. .. ciamar a tha thu dol a dh’fhaighinn a-steach air airson. .. airson feumaidh e a bhith a’ dèanamh ciall dhomh fhìn ann an dòigh air choreigin. .. mus. .. mus. ..
PM―29 :00: ’S an. .. ’s an dòigh a th’ agad sin a dhèanamh, ma-thà, am bi thu a’ leughadh timcheall air a’ chuspair no am bi thu dìreach, chan eil fhios agam, a’ fuireach dhà no thrì làithean gum faic thu dè thig?
AF―29 :09: Tha mi. .. ann an dòigh, ’s e sin. .. bi mi a’ fuireach, fhios agad, bidh mi a’ beachachadh air agus dìreach dè. .. dè na diofar dòighean air am faodadh tu a’ tòiseachadh air a’ chuspair a tha seo, ciamar a thigeadh tu thuige. Agus a bheil rudeigin ceangailt’ ris a’ chuspair sin as urrainn dhomh, fhios agad, tha. .. a bheil càil na mo bheatha, anns an arainneachd, no ann an dualchas a tha ceangal. .. ceangal ris. .. ris a’ chuspair a tha sin agus sin, mar gum biodh, far am bi mi a’ tòiseachadh.
PM―29 :52: Ceart gu leòr, pròiseas gu math inntinneach, Anna. Tha mi a’ creidsinn gum faodadh sinn a bhith a’ bruidinn mu dheidhinn seo fad an latha, fad seachdain fiù ’s ged nach e bàrd a th’ annam, tha mi ga fhaighinn gu math inntinneach agus tuigidh mi na duileaghadasan a tha an lùib cuideigin a bhith ag ràdh riut, “Siuthad fhèin, ma-thà, nach sgrìobh thu mu dheidhinn x?” Agus chan ann. .. chan ann mar sin a tha e ag obair ’s cinnteach mar is trice.
AF―30 :15: Chan ann.
title | 3 |
internal date | 2021.0 |
display date | 2021 |
publication date | 2021 |
level | |
parent text | Anna Frater |