PM―00 :04: A’ dol air ais. .. air. .. ma-thà gu nuair a bha thu òg agus an latha a th’ ann an-diugh dè. .. dè na diofraichean as motha a tha thu a’ faicinn anns a’ bhaile agus anns an sgìre agus anns an eilean?
AF―00 :18: Chanainn anns a’ bhaile gur e obair an fhearainn, agus na beathaichean nach eil. .. ’s e glè bheag de dhaoine a-nis a tha. .. a tha a’ buan na mònach. Agus tha a’ bhuil. .. tha. .. tha. .. tha a’ mhòinteach a-nis gu math bog, gu math fliuch air sgàth ’s nach eil. .. far nach eil daoine a’ buan. .. chan eil iad a’ cumail na. .. a’ dèanamh nan drèinichean airson a’ mhòine a chumail air falbh bho na. .. bho na puill agus. .. agus chan eil uimhir le. .. le caoraich, fhios agad, bhiodh sinne, bha an-còmhnaidh caoraich againn. Agus, fhios agad, an-dràsta, fhios agad, bhithinnsa, bha mi. .. bha mi glè mhath leis an deamhais, nam latha, fhios agad, ris am bearradh. Agus, mar a thuirt mi, bha. .. bha bò againn agus bhithinn. .. bhithinn ga bleòghann cuideachd. Agus. .. bha e. .. ach. .. mar sin, fhios agad, ’s e. .. ’s e. .. ’s e, fhios agad, tha dhà no thrì dhaoine ’s dòcha aig a bheil caoraich air dhà no thrì lotaichean ach ’s e glè bheag de dhaoine anns a’ bhaile, fhios agad, nuair a bha mise a’ fàs suas bha. .. ged nach biodh ann ach ma dusan caorach, bhiodh caoraich air a. .. aig a h-uile duine air a. .. air a h-uile lot. Agus a-rithist, fhios agad, nuair. .. nuair a bhiodh a-nis bhon a tha. .. .bhon nach eil uimhir de dhaoine a’ buan na mònach, ’s e dìreach obair teaghlaich a th’ ann agus chan e obair coimhearsnachd agus, fhios agad, chleachd e a bhith nuair a bha a h-uile duine a’ buan, bhiodh sibh a’ dol gu sgioba gach. .. gach duine agus ma bha. .. ma bha sibh ag iarraidh gum biodh sgioba agaibh fhèin, dh’fheumadh sibh fhèin sioft a dhèanamh aig. .. aig. .. aig. .. .aig. .. aig nuair a bhiodh daoine eile ag obair, a’ toirt dhachaigh na mòine. Agus fiù ’s tha cuimhn’ agam nuair a bha. .. nuair a bha mi beag, fhios agad, nuair a bhiodh sinne a’ cur a’ bhuntàta, ’s ann mar sin a bha e cuideachd, fhios agad, bhiodh, fhios agad, na nàbannan uile a’ tighinn còmhla airson am buntàta a chur air aon lot agus an ath latha bha a h-uile duine air lot an duine eile. .. an ath dhuine agus an aon rud, le gearradh an fheòir, bha. .. bha. .. bha sibh a’ tighinn còmhla ’s ag. .. ag obair còmhla agus a-nis bho a tha. .. bho nach eil uimhir a dhaoine ga dhèanamh, na daoine a tha ga dhèanamh, ’s ann leotha fhèin no dìreach an teaghlach aca fhèin a tha iad ga dhèanamh. Chan eil fiù ’s gocan gan dèanamh tuilleadh, ’s e na ‘bailichean’ a th’ aig a h-uile duine a-nis. .. chan eil. .. agus. .. tha. .. tha. .. tha nis. .. tha. .. bha treis nach robh. .. nach robh mòran a’ fighe tuilleadh ach a-nis tha, fhios agad, bhon a tha. ..
PM―03 :16: A bheil?
AF―03 :17: . .. tha a’ chlò a-nise air ais anns an fhasan agus tha barrachd ann a tha ris an obair a tha sin. Ach, fhios agad, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin gu math eadar-dhealaichte. Agus eich. .. cha robh. .. cha robh eich ann nuair a bha sinne a’ fàs suas, ’s e. .. ’s e. .. agus ’s e a-nis. .. ’s e eich a tha an àite crodh air na lotaichean agus. .. agus, ach chan ann airson a bhith ag obair a tha iad, na h-eich, ach airson. .. agus. .. tha. .. agus cuideachd is dìreach tòrr. .. mar a tha e anns a h-uile h-àite eile tha tòrr a bharrachd chàraichean air an rathad agus, fhios agad, bhiodh sinne nuair a bha sinn beag, fhios agad, toiseach an t-samhraidh nuair a bhiodh Wimbledon air an television, bhiodh sinn a-muigh air an rathad a’ cluiche tennis, fhios agad. Cha. .. cha. .. cha b’ urrainn dhomh leigeil leis a’ chlann agam fhìn sin a dhèanamh an-diugh airson tha càraichean suas agus sìos fad. .. fad. .. fad na h-ùine. Agus. .. anns. .. anns a’ . .. a’ dol suas a Steòrnabhagh, tha sin air atharrachadh gu mòr. Tha, fhios agad, cuid de rudan math, tha am baile a’ coimhead nas brèagha. .. na.. .na bha e, fhios agad, tha iad a’ dèanamh barrachd oidhirp airson. .. ach aig an aon àm, ’s dòcha agus chan e dìreach gu bheil. .. gu bheil mi aig an aois aig a bheil mi ach chan eil. .. chan eil am baile cho beòthail ’s a chleachd e a bhith, fhios agad, chan eil. Pàirt tha mi a’ creids’ . .. chan eil an glasadh air. .. air cuideachadh ach fiù ’s ron sin. .. ach cha robh. .. cha robh e mar a bha. Tha mi a’ creids’ tha tòrr a bharrachd daoine a’ ceannach stuthan air-loidhne. Tha. .. tha. .. chan eil uimhir a bhùithtean ann ’s. .. ’s. .. ’s a chleachd. Ach. .. agus anns an eilean, well, a-rithist, tha mi a’ creids’ tha. .. tha. .. tha an eilean fhèin tha e air atharrachadh, fhios agad, na. .. na cleachdaidhean. .. an dòigh-beatha, tha e air atharrachadh gu mòr. Chan eil, fhios agad, nuair a bha mi a’ fàs suas, cha bhiodh. .. cha bhiodh càil a’ tachairt air an t-Sàbaid.
PM―05 :41: Cha bhitheadh.
AF―05 :42: Cha. .. cha. .. bhitheadh. Cha robh càil fosgailte. Cha. .. cha. .. cha bhiodh sinn a’ dèanamh càil, fhios agad, ach a’ dol. .. a’ dol a-mach cuairt fiù ’s agus no. .. no bhiodh sinn uaireannan, bhiodh sinn a’ dol a-mach a chluiche eadar na busaichean às dèidh dhaibh. ..
PM―06 :02: Gus nach fhaiceadh duine sam bith sibh!
AM―06 :06: Duine. .. duine sam bith a bhith gar. .. gar. .. gar faicinn, chan innseadh iad airson cha robh iad fhèin anns an t-searmon nas motha. Ach. .. ach, fhios agad, ann an dòigh. .. ’s e. .. ’s e. .. ’s e. .. tha mise a’ smaoineachadh gur e rud math a bh’ ann gun robh latha ann, fhios agad, ’s ann. .. ’s ann an uair sin bha.. .bha sinne a’ leughadh agus còmhla mar. .. mar theaghlach agus latha fois, tha mi a’ smaoineachadh gu h-àraid dha na boireannaich. Bha e math gun robh latha ann far nach robhas a’ sùileachadh gum biodh obair dachaigh sam bith ga. .. ga dhèanamh. Agus tha. .. chan eil daoine cho faisg ’s. .. ’s a chleachd iad a bhith, fhios agad, ann an dòigh, fhios agad, tha. .. eagal ort cais a chur air daoine, fhios agad agus. ..
PM―07 :07: Ok.
AF―07 :09: Tha. .. tha. .. ’s dòcha. .. agus chan ann, fhios agad, tha. .. tha cuimhn’ agamsa nuair a bha mi beag, fhios agad, nam. .. nam biodh uisge a’ tighinn agus aodach air. .. air. .. air. .. .an t-sreang aig do nàbaidh, agus dheidheadh tu agus bheireadh tu a-steach an t-aodach dhaibh. Cha bhithinn cho cinnteach a bhith a’ dèanamh sin a-nis dìreach air eagal ’s nach gabhadh iad a’ chais gun robh mi a’ làimhseachadh na smalls. .. gun robh cuideigin. .. fhios agad, ged a tha thu ga dhèanamh, fhios agad, tha mi a’ smaoineachadh gun robh. .. gun robh daoine ’s dòcha gu bheil sinn a’ dèanamh cus smaoineachadh mu dheidhinn an àite a bhith dìreach a’ dèanamh an rud a tha èiseil, agus. .. agus cuideachdail agus. .. agus ’s dòcha gur e buaidh a bhith bliadhnaichean anns a’ bhaile mhòr a tha. .. a tha. .. mar a bha mi fhìn.
PM―08 :07: Dha-rìribh, dha-rìribh.
AF―08 :10: Ach. .. ach tha mi a’ smaoineachadh aig an aon àm nuair a thig e gu h-aon ’s gu dhà, tha daoine a’ tighinn. .. a’ tighinn còmhla. Mar. .. mar eisimpleir, nuair a bha a’ chiad ghlasadh ann an-uiridh, ’s e. .. ’s e a’ choimhearsnachd a bha a’ coimhead às dèidh càch-a- chèile agus bha. .. agus. .. agus. .. agus a’ cleachdadh, mar gum biodh, na, na goireasan ùra a th’ ann ach ’s e. .. ’s e. .. tha. .. dìreach a’ faighneachd cò. .. cò bhiodh deònach, fhios agad, airson a bhith a’ cuideachadh nam biodh. .. nam biodh cuideigin nach b’ urrainn a dhol a-mach, bha liosta againn dhan a h-uile duine a bhiodh deònach dìreach a dhol chun a’ bhùth agus a’ cuideachadh. Agus cuideigin eile rinn. .. rinn iad an-àirde order list, phrint iad e agus chaidh sin timcheall na. .. na. .. na dorsan, dìreach ga cur. .. ga chur tro na dorsan - seo na daoine ma tha. .. .ma tha sibh feumail. .. ma tha càil a dhìth oirbh, seo, cuiribh fòn agus. ..
PM―09 :16: O uill nach eil sin math.
AF―09 :18: Agus. .. agus fiù ’s anns an sgìre fhìn dìreach am bùth. .. tha. .. Bùth an Rubha anns an sgìre, bha iadsan a’ dèanamh sin cuideachd, a’ dol timcheall le. .. dìreach. .. cha robh agad ach fòn a chur thuca, innse dhaibh dè bha a dhìth ort agus thigeadh iad sìos leis. Agus. .. agus, fhios agad, agus tha mi a’ smaoineachadh gur e rudan mar sin a tha fhathast ann, gu bheil thu a’ cumail sùil a-mach airson do nàbannan.
PM―09 :52: ’S e rud math a tha sin, gun teagamh sam bith.
AF―09 :54: ’S e agus. .. agus feumaidh mi a ràdh chan e dìreach na daoine a thogadh anns a’ bhaile a tha mar sin, tha daoine a thàinig a-steach dhan a’ bhaile a’ dèanamh an aon rud cuideachd agus. ..
PM―10 :03: Ceart. Tha iadsan air fàs Leòdhasach, dh’fhaodadh tu a ràdh.
AF―10 :07: No. .. no. .. .no. .. . ’s dòcha gun robh iad. .. gun robh. .. gun robh iad mar sin co-dhiù gur e sin as coir. .. as coireach. ..
PM―10 :11: Gun tàinig iad, sheadh.
AF―10 :14: Ach gur e sin, fhios agad, gu bheil thu. .. agus tha mi a’ smaoineachadh a-rithist gu bheil thu eòlach air. .. air na nàbannan, fhios agad, chan e dìreach cuideigin a tha a’ fuireach. ..
PM―1 :27: Aidh.
AF―10 :28: . .. aon no dhà, trì dorsan sìos, tha. .. tha fios agad cò th’ ann agus, fhios agad, agus tha mi a’ smaoineachadh gur e sin nuair a bha sinn a’ fàs suas ’s dòcha nach robh fhios aig a h-uile pàrant cà’ robh a’ chlann ach bha fhios aig cudeigin. ..
PM―10 :44: Bha.
AF―10 :45: . .. cà’ robh iad agus tha mi a’ smaoineachadh a-nis tha e air a dhol an taobh eile. .. gu bheil. .. tha. .. tha. .. tha an fheadhainn nas òige. .. chan eil mi a’ dol a ràdh as òige, ach a’ cumail sùil air an fheadhainn as sìne, fhios agad, agus ged tha. .. agus tha mi. .. tha mi a’ smaoineachadh gur e sin aon de na rudan, gu fortanach, nach do dh’atharraich ged a tha iomadh rud eile air atharrachadh, chan eil sin.
PM―11 :13: ’S math sin, Anna, gun teagamh sam bith. Tha mi toilichte sin a chluinntinn. Agus a’ bruidhinn air glasadh-sluaigh agus Covid agus mar sin, dè seòrsa buaidh a th’ air a bhith air a’ bhaile, a barrachd air na rudan air an tug thu iomradh an-dràsta?
AF―11 :26: Well, ann an dòigh, bha sinne fortanach a bharrachd air iomadh àite eile. Tha mi a’ smaoineachadh, fhios agad, aig an. .. aig an fhìor thoiseach a’ chiad ghlasadh, thug e faochadh, tha mi a’ smaoineachadh, dha daoine nuair a. .. nuair a thuirt CalMac gun robh iad a’ dol a chur. .. stad air. .. air. .. air luchd-turais, fhios agad, gur e dìreach. .. leis gun do thachair sin ro shaor-làithean na Càisge, tha mi a’ smaoineachadh gun robh sin cudromach. A-nis, chì sinn tha na h-àireamhan a’ dol suas, is suas, is suas, ach tha a’ bhànachdach ann, chan eil daoine a’ fàs buileach cho tinn. Agus. .. ach dhuinne dheth, tha mi a’ smaoineachdh gun robh sinn cho fortanach far a bheil sinn, fhios agad, ged nach fhaodadh tu a dhol a-mach ach cuairt aon turas anns an latha, dh’fhaodadh tu a dhol gu math fada air chuairt gun a bhith a’ faicinn duine sam bith eile. ’S e chanainn cuideachd, bha. .. tha mi air barrachd eòlais air cur. .. a chur air daoine anns a’ bhaile anns a’ bhliadhna gu leth a chaidh seachad. Chan e nach robh mi eòlach orra, dìreach bha fios agam cò iad agus bha fios aca cò mise ach, fhios agad, dìreach a’ smèideadh riutha anns an dol seachad air a. .. anns a’ . .. anns a’ chàr. A-nis, bha sinn a’ stad ’s a’ bruidhinn ri chèile agus bha, fhios agad, tha e air a bhith math anns. .. anns an t-seagh sin. Tha mi air eòlas ceart a chur air daoine a bha nas sìne na mi tha mi a’ creids’, fhios agad, feadhainn a bha nuair a bha mi a’ fàs suas bha iad pìos nas sìne na mi, cha robh. .. cha robh thu really a’ bodraigeadh riutha agus, fhios agad, agus ged a bha fhios acasan cò mise ’s fios agamsa cò iad, cha robh conaltradh mar sin a’ dol. Ach a-nis, fhios agad, bha daoine a’ stad agus a’ bruidhinn ri chèile. Agus cuideachd dha. .. dhan a’ chlann an àite a bhith, mar a bha sinne a’ fàs suas, a’ coimhead ri tìr-mòr, agus tha siud agus tha seo agus an ath rud aca agus chan eil sin againn ’s chan eil sinne a’ faighinn cothrom air càil, airson a bha iad. .. gu h-àraid an tè as sìne agam bha i ag ràdh, fhios agad, cho fortanach ’s a bha sinn a bhith ann an seo nach robh sinn glaiste, na. .. nach robh sinn. .. gum. .. gum faodadh sinn a dhol a-mach cuairt gu diofar àiteachan is gun robh saors’ againne sin a dhèanamh. Agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh iad fada nas mothachaile air na rudan math mu dheidhinn a bhith ann an coimhearsnachd eileanach an àite a bhith a’ coimhead ris na rudan a bha iad a’ call a-mach, fhios agad, na rudan. ..
PM―14 :32: Ceart.
AF―14 :32: . .. na rudan a bha a’ còrdadh riutha air tìr-mòr bha a h-uile càil dhen sin dùinte.
PM―14 :38: Well, nach e sin, nach e sin.
AF―14 :39: Agus. .. ach bha na tràighean againne, bha a’ mhòinteach againn fhathast, is bha, fhios agad, agus bha iad. .. tha mi a’ smaoineachadh gur e.. .gur e sin thug e. .. thug e oirnn beachdachadh air an àite ann an dòigh eadar-dhealaichte. Agus fhios agad cha robh. .. bha. .. bha rudan. .. rudan math mu dheidhinn, ged as. .. ged a ’s e àm eagalach a bh’ ann. Agus a-rithist bha. .. bha. .. bha e duilich dha daoine a bha. .. a bha leotha fhèin gu h-àraid.
PM―15 :11: Bha, bha.
AF―15 :12: Ach a dh’aoindeoin sin, fhios agad, bha. .. daoine. .. bha na nàbannan mar sin a’ cum. .. a’ cumail sùil. Cha robh e. .. cha robh e cho cruaidh oirnn. Bha mi. .. bha mi dìreach a’ smaoineachadh nam bith. .. nam bithinn air a bhith fhathast anns a’ bhaile mhòr le clann ann an tenement, bhiodh e air a bhith uabhasach.
PM―15 :35: . .. sgriosail. ..
AF―15 :38: Bhiodh e air a bhith sgriosail, fhios agad. Bha. .. bha. .. bha sinne fhathast. .. bha an t-sitig againn fhathast. .. .agus. .. agus bha. .. bha. .. bha sin gu math. .. gu math feumail.
PM―15 :48: Gun teagamh sam bith. Tha e. .. tha e math sin a chluinntinn, Anna, gun tàinig rud. .. rudan math a-mach às a’ chùis. Chan eil agam ach aon cheist air fhàgail dhut ma-thà agus suidheachadh na Gàidhlig far a bheil thu anns an sgìre. Agus dè mar a tha. .. dè. .. dè an diofar a tha thu a’ faicinn bhon a bha thu fhèin òg agus a bheil. .. dè ghabhas dèanamh mun. .. mun. .. mun an t-suidheachadh?
AF―16 :13: Ò, ’s e sin. .. ’s e sin a’ cheist nach e. .. rud tha mi a’ faicinn, well, fiù ’s nuair a bha mise a’ fàs suas, bha, well, cha robh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann.
PM―16 :25: Cha robh.
AF―16 :29: Agus cuideachd fiù ’s nuair a bha mise. .. na. .. na caraidean a bh’ agam, ged a bha a h-uile duine aca le co-dhiù aon phàrant aig an robh Gàidhlig, ’s e a’ Bheurla cànan an dachaigh aig a h-uile duine aca, ach anns an dachaigh againne, ’s e. .. ’s e a’ Ghàidhlig a bh’ againn, pàirt dha sin, tha mi a’ creids’, gur e. .. gun robh. .. mo sheanmhair còmhla rinn cuideachd agus cha robh i cofhurtail a’ bruidhinn Beurla. Agus. .. ach a dh’aoindeoin sin, fiu ’s an fheadhainn a chanadh nach robh Gàidhlig aca, bha treallaich aca gun fhiosta. Agus, a-nis, tha clann a rugadh agus a thogadh anns an eilean agus chan eil. .. chan eil Gàidhlig sam bith aca. Agus tha mi a’ smaoineachadh. .. tha. .. tha. .. tha na h-aonadan Gàidhlig. .. tha iad air na h-uimhir a dh’fheum a. .. a dhèanamh, ach tha e eadar-dhealaichte an-diugh an taca ris mar a bha e nuair a thòisich iad, fhios agad, nuair a thòisich na h-aonadan Gàidhlig ann an Leòdhas, a’ chlann a bha a’ dol a-steach dha na h-aonadan Gàidhlig bha Gàidhlig aca aig an taigh cuideachd, anns an teaghlach agus anns a’ choimhearsnachd. Agus cha robh an sgoil ach ann an dòigh a’ cur ris an rud a bh’ aca mar-thà agus ag ionnsachadh dhaibh ciamar a leughadh iad ’s a sgrìobhadh iad a’ chànan a bh’ aca mar-thà. Agus, a-nis, tha tòrr dhan a’ chlann a tha a’ dol a-steach dhan Ghàidhlig, uaireannan chan eil Gàidhlig sam bith aig. .. aig na pàrantan aca, uaireannan ged a tha Gàidhlig aig aon phàrant, fhathast ’s e Beurla cànan an dachaigh ’s tha iad a’ fàgail. .. ga fhàgail an urra ris an sgoil a’ Ghàidhlig a thoirt dhaibh. Agus chan eil na tha sin a tha a’ faighinn Gàidhlig aig an taigh, agus pàirt dhen sin, tuigidh mi gur e, fhios agad, le pàrantan gur e dìth-misneachd, pàrantan nach d’ fhuair iad fhèin ionnsachadh air ciamar a leughadh iad agus a sgrìobhadh iad a’ Ghàidhlig. Tha beagan de dh’eagal orra ann a bhith a’ feuchainn ri cuideachadh le obair sgoile agus mar sin. Ach chan eil uimhir a’ Ghàidhlig ri chluinntinn anns a’ choimhearsnachd nas motha agus tha mi a’ smaoineachadh, tha daoine a’ gabhail ris gur e a’ Bheurla a bhios aig clann mar eisimpleir, fhios agad, agus cuideachd. .. tha. .. .tha. .. tha iad. .. agus. .. agus cuideachd, fhios agad, . .. tha mi fhìn. .. .tha. .. tha. .. clann timcheall tha iad a’ dol dhan a’ Ghàidhlig, tha iad fìor mhath anns a’ Ghàidhlig, blas gu math Leòdhasach air a’ . .. air an cainnt ach, fhios agad, chan eil Gàidhlig aig am pàrantan. Agus. .. tha mise. .. bidh mise a’ bruidhinn riutha anns a’ Ghàidhlig ach, aig an aon àm, chan eil mi buileach cinnteach dè cho cofhurtail ’s a bhiodh na pàrantan leis an sin, fhios agad, cuideig. .. ciamar a. .. ciamar a bhithinnsa a’ faireachdainn nam biodh cuideigin a’ bruidhinn ris an leanabh agam fhìn ann an cànan nach tuiginnsa? Fhios agad, tha. .. tha. .. tha na rudan sin a’ tighinn a-steach dhan. .. dhan. .. dhan a’ chùis cuideachd. Fhios agad, chan mi. .. chan mi. .. tha. .. tha. .. rud a tha mi air faighinn dha. .. dha. .. dha na pàrantan, ’s ann a tha iad toilichte faicinn gu bheil an cuid chloinne comasach air còmhradh a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig. Ach tha an rud sin fhathast air cùl d’ inntinn, fhios agad, airson tha. .. tha sin fhathast inbheach a’ còmhradh is a’ bruidhinn ri leanabh agus, fhios agad, ach, fhios agad, tha. .. tha feumaidh mi a ràdh, fhios agad, a’ chunntas-sluagh bho dheireadh a thàinig a-mach, ’s e briseadh-cridhe a bh’ ann dhomhsa. Airson a’ chiad turas na mo bheatha, mar chuideigin le Gàidhlig bha mi anns a’ bheag-chuid anns an sgìre anns an do thogadh mi. Agus tha. ..
PM―21 :06: Dè. .. dè. .. ciamar a bha na h-àireamhan an sin anns an sgìre agad a-rithist?
AF―21 :10: Bha e dìreach fon an leth-cheud.
PM―21 :12: Ok.
AF―21 :13: Bha e dìreach fon leth-cheud anns an. .. anns an Rubha. Pàirt dhan sin, tha mi a’ creids’ gu bheil sinn cho faisg air Steòrnabhagh agus. ..
PM―21 :19: Aidh.
AF―21 :20: . .. tha. .. tha. .. tha. .. ach. .. cuideachd, fhios agad, tha mi a’ faicinn uaireannan a-nis gu bheil ’s dòcha gu bheil daoine ga fhàgail ris an urra. .. an urra ris an sgoil a’ Ghàidhlig a thoirt dhan. .. dhan a’ chlann, agus tha sin. .. tha sin ag obrachadh ceart cho math ’s a bhith ga fhàgail an urra ris an sgoil modh ionnsachadh dhaibh! Agus. .. tha. .. ach, aig an aon àm, fhios agad, tha mi an dòchas, fhios agad, a’ smaoineachadh air ais air mar. .. mar a bha mi fhìn, ged a bha a’ Ghàidhlig againn anns an teaghlach agus leis. .. leis na. .. na nàbannan, nuair a thàinig e chun an sgoil’ agus co-aoisean cha. .. cha robh sinne airson a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile idir idir, fhios agad, agus an-dràsta. .. a-nis tha mi. .. tha mi a’ coimhead air. .. air ais agus nàire orm airson bhiodh sinn. .. bhiodh sinn a’ magadh air na Nisich gu h-àraid airson bhiodh iadsan a’ bruidhinn Gàidhlig ri chèile ’m fianais dhaoine eile, fhios agad, bha. .. agus. .. ach a’ mhòr-chuid againne bha mar sin thill sinn thuice, fhios agad, nuair a dh’fhàs sinn suas beagan agus thuig sinn cho prìseil ’s a bha an rud a bh’ againn. Agus tha mi an dòchas gur e sin a bhios ann leis a’ chlann a tha. .. a tha seo cuideachd, gun tuig iad. Ged a. .. ’s dòcha nach eil iad a’ faicinn. .. nach eil iad a’ tuigsinn dè th’ aca an-dràsta gun. .. gun. .. gun tuig iad. Agus, fhios agad, tha. .. tha. .. e duilich fhios agad, tha. .. ’s e. .. ’s e. .. ’s e rud a tha a’ falbh gun teagamh, ’s e na dual-chainntean anns na diofar.. .na diofar sgìr’ . .. na diofar sgìrean ’s na diofar bhailtean. Fhios agad, cha. .. feumaidh mi aideachadh chan e Gàidhlig Phabail aig a’ chlann agam fhìn ged as ann ann am Pabail a thogadh iad. Tha. .. tha. .. Gàidhlig na sgoile air gabhail thairis agus tha mi a’ smaoineachadh gu. .. gu bheil sin. .. ga chall air. .. air. .. air feadh an eilein air fad. .. gur. .. nach eil, fhios agad, chan eil na shibboleths a bh’ ann, chan eil iad a’ cunntadh tuilleadh. Tha na. .. tha na ‘tonnagan’ air a dhol nan ‘tunnagan’ agus. .. tha. .. tha. .. tha. .. tha. .. tha na Siaraich a’ fuireach ann an ‘taighean’ ’s chan ann ann na ‘toighean’.
PM―24 :15: Sin agad e.
AF―24 :16: Agus, fhios agad, tha na rudan a tha sin. .. tha. .. tha. .. tha. .. tha iad a’ falbh. Agus ’s e. .. ’s e. .. ’s e tàmailt a tha sin, son ’s e rud, fhios agad, chan eil fhios agam dè. .. dè tha romhainn, tha mi a’ smaoineachadh gur e an ath chunntas-sluaigh a dh’innseas cà’ bheil sinn – a bheil. .. bheil dòigh air ais.
PM―24 :44: Ceart.
AF―24 :45: Airson, fhios agad, ach, fhios agad, aig an aon àm, tha. .. tha. .. tha. .. ’s e. .. ’s e an duileaghas ann an dòigh a bhith ag aithneachadh cò aige a tha Gàidhlig agus gum faod thu conaltradh a dhèanamh riutha anns a’ Ghàidhlig, mar eisimpleir anns a’ . .. anns a’ bhùth againn tha grunn mhath dha na daoine a tha ag obair ann agus tha Gàidhlig aca. Agus. .. bha. .. leis an sin. .. nuair a tha iadsan ann, ’s urrainn dhut a h-uile càil a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig agus nuair nach eil. ..
PM―25 :25: Air ais dhan a’ Bheurla.
AF―25 :27: Aidh agus. .. agus. .. ’s e nuair a tha rudan ann, tha tro mheadhan na Gàidhlig tha. .. tha daoine a’ tionndadh a-mach air an son agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil daoine ag ionndrainn a’ chothroim a bhith a’ coinneachadh agus a’ dèanamh rudan tro mheadhan na Gàidhlig airson tha seòrsa de. .. de gheur-chainnt cuideachd a tha sin, fhios agad, tha. .. tha. .. ga chall bhon nach eil. .. dìreach uimhir de rudan a’ tachairt far a bheil daoine a’ tighinn còmhla anns a’ Ghàidhlig.
title | 4 |
internal date | 2021.0 |
display date | 2021 |
publication date | 2021 |
level | |
parent text | Anna Frater |