Padruig Moireasdan 1

GW00.05: Tha cuimhne agam, an triop mu dheireadhwell chan e an triop mu dheireadh a bha mi an seoach tha cuimhne agam air clàradh eile a rinn sinn, o chionn barrachd air deich bliadhna, tha mi acreidson uair sin. Ach, sa chòmhradh an-diugh bhithinn airson faighinn a-mach ciamar a tha cùisean dhutsa sna làithean a tha seo, leis aGhàidhlig, agus a h-uile rud mar sin, rud sam bith a tha thu airson togail really.

Ach, ’s dòcha gum burrainn tòiseachadh led shloinneadh. So, thu agus leis thu?

PM00.43: Well, ’S mise Pàdruig Lachlainn Phàdruig Ghilleasbuig Phàdruigic Iain. Agus Moireasdanaich a thàinig à Baile Mhic Phàil sa chinn a tuath, agus an uair sin a chaidh a ghluasad sìos a Loch Euphoirt. Agus an uair sin mo shin sheanair, rugadh esan an Eilean Steafaineilean beag eadar Griomsaigh agus Cnoc Cuidhein an Uibhist a Tuath.

Tha an cabhsair aruith tron eilean a-nist. Chì thu an tobhta, aona tobhta air an eilean beag a tha sin. So sin agad Eilean Steafain.

An uair sin thàinig esan a dhfhuireach a Ghriomsaigh.

Agus phòs e Caimbeulach, agus bha cuideachd aicese, tha mi asmuaintinn a màthair - ’s ann à Rònaigh a bha i. Ach na daoine sin, tha mi asmuaintinn air ais pìos a bharrachd, thàinig iad bho fear Uilleam Buidhe, a thàinig às an Eilean Sgitheanach.

GW01.54: Seadh, seadh. So, Pàdruig Lachlainn Phàdruig, agussos e Pàdruig do sheanair cuideachd. Cha bhi cuimhne agad air, ach bidh stòraidhean agad ma dheidhinn, tha mi cinnteach.

PM02.10: Tha sin ceart. Cha do choinnich mise riamh ri mo sheanair, ach thatha mi air gu leòr a chluinntinn ma dheidhinnis a leughadh. Ann an dòigh tha mi gu math fortanach. Tha mi air tòrr èisteachd a dhèanamh ri clàraidhean a chaidh a dhèanamh le mo sheanair le muinntir Sgòil Eòlais na h-Alba. Agus tha grunn math clàraidhean le mo sheanair acaan Sgoil Eòlais. ..

GW02.38: “Thugam agus Bhuam”.

PM02.40: “Thugam agus Bhuam”. Sin agad leabhar a chaidh fhoillseachadh, ann an dòigh bho na clàraidhean a chaidh a dhèanamh. Sgrìobh iad a-mach tòrr dhe na sgeulachdan a bhaige. Tha cuid dethogadh esan, well rugadh ann an 1889an Rubha Buidhe, taobh a deas Ghriomsaigh. Agus bha taigh-cèilidh faisg orra, so bha esan air tòrr de na sgeulachdan a thogail ann a shins e na ghille òg.

Agus bha e fhèin afaighinn tlachd bho na sgeulachdan, is ann an dòigh, ’s dòcha, chùm e adol cuid dhe na seann seann sgeulachdan nas fhaide na feadhainn eile aig an àm, nuair a chaidh a chlàradh sna trì-ficheadans na seachdadan. Agus bfhiach – ’s math gun do chum e adol na sgeulachdan sin. ’S chaidh an clàradh.
S bha e cuideachd ri beagan bàrdachd. Is tha trì-deug pìos bàrdachd san leabhar cuideachd.

So bha esan, tha mi asmuaintinnbidh mise asmaoineachadh ma dheidhinn ann an dòighbha esan afaireachdainn, thàinig na rudan sin thuige, agus bha e airson an toirt seachad gu feadhainn eile. Sin mar a thàinigThugam agus Bhuamthuige, chun an leabhair. So, thabidh mise asmaoineachadh air cho prìseils a bha esan afaireachdainn a bha na sgeulachdan sin dha fhèin, ’s tha e cudromach an cumail adol.

GW04.13: Gu dearbh, gu dearbh, yeah. Agus bha ceangal ri Heisgeir, an robh, aig do sheanair?

PM04.21: Tha sin ceart. Well, cha robh anns an teaghlach fhèin, ach dìreach mar a chaidh an teaghlach air ais a t-Heisgeir an dèidh an dàrna cogadh, ann an fhicheads a còig, agus dhfhuirich iad ann an shin airson ceithir bliadhna.

Tha clàradh agad dha mathair ag innse an sgeulachd sin. Mar sin fàgaidh mi an sgeulachd sin gu briathran mathar.

GW04.53: Ceart, ceart. Fair enough. So sin do sheanair, ach an uair sin dathair. So, chùm esan an tradaisean adol leis aGhàidhlig agus le òrain. Bha e gu math keen air seinn, nach robh?

PM05.10: Tha sin ceart. Tha. Be mathair an gille as sine san teaghlach. Mar sin, ’s esan a dhfhuirich an seos. .. Bha esan agus a bhràthair, Gilleasbaig, bha an dithis aca ri seinn. .. Agus ged a thuirt mathair, fhios agad, nuair a bha e òg òg, mar iomadach fhear is òg, cha robh na h-uidhir de dhùidh aca sna seann seann sgeulachdan a bhiodh aig mo sheanair, ’s e mar a dhfhàs e na bu shines a thug e barrachd ùidh sna gnothaichean sin an uair sin.

Aidh, gun teagamh, bha e riamh deidheil air òrains, thanuair a bha iad afuireach ann an t-Heisgeir cha robh mathair ach bliadhna thar fhichead nuair a ghluais an teaghlach a t-Heisgeir. Agus bha, bha seann bhattery aca o tractor a bhiodh iad acleachdadh airson an wireless, airson an radio. Agus bha sin cudromach airson forecasts fhaighinn. Ach cuideachd bhiodh iad acluinntinn òrains gnothaichean mar sin air.

Agus nuair a bha iad afuireach ann an t-Heisgeir, chuala mathair, an latha a bha seothach, chuala eAn Ataireachd Àrdair an radio air a poweradh leis an tractor battery. Agus gu fortanachwell chòrd an t-òran ris cianail fhèin math, ’s bha an leabharBàrdachd Leòdhaisaig amhàthair, aig mo sheanmhair.

Dhionnsaich mathair e an uair sin fhads bha iad a-muigh ann an t-Heisgeir, agus bhiodh e, bhiodh e tric aseinn an t-òran sin.

GW06.54: Tha cuimhne agam.

PM06.56: Bidh cuimhne agad fhèin, ’s tha cuimhne agam fhìnan an dòigh, bha mathair gu math na bu shine, ach bhiodh sinnairson beagan bhliadhnaicheanbhithinn-sa acluich cuide ris aig cèilidhean, agus sin agad òran a bhiodh e adèanamh gu math tric.

Bha sgeulachd ann air feartha an sgeulachdAn Ataireachd Àrd, an t-òranfear a thàinig à Leòdhas, agus a dhfhalbh, agus nuair a thill e bha a h-uile sìon air atharrachadh sa bhaile aige. Bha na taighean falamh, ’s bhamar a tha e ag ràdh san òranluachair is rainneach is a h-uile sìonfeanntagan afàsagus an aon rud a bhaan aon rud mar a bha - ’s e an ataireachd àrd.

Agus aon dha na bliadhnaichean a bha iad afuireach ann an t-Heisgeir, thàinig am fear a bha seothach a bhuinneadh do Heisgeir, ’s bha e na sheann dhuine an uair sins bha e air fuireach thall ann an Canada. Dhfhalbh iad a Chanadas thill e, agus chaidh a chur air tìr sa cheann ear, tha mi asmuaintinn - chan e, an ceann iar, an ceann iarle aon dha na h-iasgairean. Agus dhfhuirich e san tobhta, tha mi asmuaintinn, a bhaig an teaghlach. An uair sin thàinig e dhan ceann ear far an robh an teaghlachna Moireasdanaichagus bha e còmhla riutha airson seachdain no dhà, ’s bha fhios aige far an cuireadh e cliabh airson giomach a ghlacadh agus a h-uile sìon. Bha e suas ann am bliadhnaichean, ’s an latha a bhaca ri falbhbhiodh mathair tric ag innse an sgeulachd a bha seomar a bha, bha suail mòr ann, agus bha an t-einnsean adolseagull engineadol tiug-tiug air a shocair. Agus bha siùil aige suas air agheòla cuideachd. Agus bha an latha dìreach ceartsuail mòr - ’s gun do ghabh eAn Ataireachd Àrd”. Ach dhan fhear a bha seothach, leis an robh na briathran cho fìor, ’s e suas ann am bliadhnaichean, ’s fios aige nach tilleadh e a t-Heisgeir, bha an duine bochd asruthadh na deòir, ’s fios aige nach tilleadh e. Sin agad an sgeul a bhaig mathair mun ataireachd àrd. Chùm e air aseinn aig tòrr cèilidhean gus an robh e gu math sean, aidh.

GW09.20: Thachair an aon rud rim mhàthair fhèin, an turas mu dheireadh, tha cuimhne agam, nuair a bha i ga chluinntinn. Yeah. Faclan cumhachdach.

PM09.34: ’S e, ’s e gun teagamh. ’S e.

GW09.37: Co-dhiù, sin agad dathair, agus do sheanair, agus Gàidhlig gu leòr air an taobh sin dhen teaghlach. Le do mhàthair, ge-, feumaidh gun do dhionnsaich i Gàidhlig nuair a thàinig i seo.

PM09.53: Aidh, dhionnsaich i, dhionnsaich i beagan co-dhiù. Agus, tha mi asmuaintinn, tha e fair a ràdh, gu h-àraidh nuair a bha mi gu math nas òige, bha ùidh mhòr mhòr aice sa Ghàidhlig, le bhith adèanamh cinnteach gum faighinn-sa mo thogail ann an Gàidhlig, ’s gun robh an ceangal a bha sin agamsa ri, can, mo sheanair agus na sgeulachdan agus a h-uile sìon, nach biodh an ceangal a bha sin air a ghearradh le mar mur am faighinn aGhàidhlig.

So, mar sin, bha ise afeuchainn. ..

GW10.32: O well, chan e rud furasta a thann idir, an cànan ionnsachadh.

PM10.36: Chan e.

GW10.37: Tha mise fhathast ris aghnothach.

Feumaidh gun robh an chànan adol còmhladh, mar gum biodh, anns an taigh, fhads a bha thu. ..

PM10.48: Och, bha.

GW10.50: Ach, mar as trice, ann an suidheachadh mar sin, ’s e aBheurla a bhios afaighinn làmh an uachdair, mar gum biodh. So tha seo inntinneach dhomhsa gu bheil aGhàidhlig agad cho làidir. Agus tha mi dìreach auandraigeadh, ciamar a thachair sin? Thawell, mar a tha thu amìneachadh, bha taic làidir aig do mhàthair ann airson achùis.

A bheil thu air smuaintinn mu dheidhinn sin idir?

PM11.18: Tha. Tha, tric. Chan eil teagamh ann gun robh an oidhirp a rinn mo mhàthair, i fhèin, agus nuair a bha mise cianail fhèin òg, gun do rinn sin diofar mòr.

Tha. Bha i fhèin an sàs, nuair a bha mi beag, ann an Cròileagan Eabhal. Bha i fhèin agus feadhainn eile - ’s ann a thòisich iad Cròileagan Eabhal. Agus, ged nach eil e aruith an-diughs e cròileagan sa Ghàidhlig a bha sin a bha bliadhnaichean sna Ceallan ann an sheo. ’S tha, chaidh mise tron sinbhiodh sin air cuideachadh gu mòr. Tha mi asmuaintinn cuideachdbha i uaireannan adèanamh cinnteach gun deidhinnsa le mathair a dhfhaicinn càirdean. Agus uaireannan cha tigeadh i idir leinn, dìreach o àm gu àm, airsons gum biodh an còmhradh air fad ann an Gàidhlig.

Tha fios againn uileadh air cho furastas cho modhails a tha na Gàidheil a bhith ationndadh dhan Bheurla ged nach biodh ach aonnan neach ann aig nach robh aGhàidhlig.
S mar sin, afalbh a dhfhaicinn càirdean ann an Griomasaigh, bhiodh sin uileadh sa Ghàidhlig, gun teagamh. ’S ann an dòigh, bha sin, bha mi fortanach sin uileadh a bhith agam. ’S bhacuiridh mi geall cuideachd, leis gun robh mathair gu math nas sine, bha esan acoinneachadh tòrr de dhaoine san eaglais, sa bhùth, dìreach gach àiteaguss e ginealach nas sine a bhannta, agus mar sin bha an còmhradh aca fad an t-siubhail ann an Gàidhlig. So bhiodh sin air cuideachadh.

GW13.08: Seadh, well, na bu nàdarra dhaibh fhèin, mar gum biodh, an còmhradh a chumail ann an Gàidhlig.

PM13.14: So, ’s e, ’s e as nàdarra a bhann. Agus, aige a tha fios? Nam biodh, nam biodh mathair air a bhith, ’s dòcha nas òige, nam biodh e air a bhith ginealach, ’s dòcha nas anmoiche dhfhaodadh nach e an aon rud a bhiodh ann, ach sin mar a bha aig an àm sin.

Aguss dòcha an rud mu dheireadh a chanainn, cuideachd, chaidh mi tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an seo ann an Càirinis. Ach dhfhaodadh gur e an rud mu dheireadh a bha cudromachs e nuair a chaidh mi a Dhùn Èideann an uair sin, aguss dòcha gum bruidhinn sinn barrachd air a-rithist, ach tha mi asmuaintinn, bha daoine eile an dùil rudeigin bhuam.

Bha iad an dùil gum bithinn cho fileanta ri fileanta, agus sin a bha ann an inntinn dhaoine nuair a bha iad ag ràdh gun robh am balach òg a bha seo air tighinn a-nuas à Uibhist. Bha iad uileadh asmaoineachadhSeo agad dìreach fear na Gàidhlig. Bu choir dha a bhith cho fileantas a ghabhas”, agus ann an dòigh thug e orm, tha mi asmuaintinn, studaigeadh air aghnothach, dhfhaoidte beagan a bharrachd oidhirp a dhèanamh.

GW14.28: Bha sin acur cuideam ort.

PM14.29: Aidh. Agus gu h-àraidh a thaobh comas sgrìobhaidh agus a thaobh a bhith afrithealadh an eaglais Ghàidhlig ann an Dùn Èideann. ’S rinn mi sin grunn math bhliadhnaichean. Tha Gàidhlig na h-eaglaise aig ìre cho fìor àrd gun robh sin na chuideachadh, agus an coithional cho taiceil ann an shin, ach rinn mi beagan de dhoidhirp ann an shin, dìreach airson dèanamh cinnteach gum biodh mo chuid Gàidhligwell, bha mi airson dèanamh cinnteach gun robh mo chuid Gàidhlig aig deagh ìre. ’S tha mi air daoine eile a chluinntinn ag ràdh an aon rud. Nuair a tha iad afalbh sìos dhan oilthigh tha daoine an dùil gum bi iad cho Gàidhealach, agus tha sintha buaidh aig sin ort san dòighs a tha thu gad ghiulan fhèin ann an dòigh. Agus bidh sin air cuideachadh beagan leis aGhàidhlig cuideachd.

GW15.26: Atighinn air ais rud beag, thug thu iomradh an sin air Sgoil Chàirinis. Tha cuimhne agamsa ortsa, fiùs mus deach thu dhan sgoil, adanns air an àrd-ùrlar aig Ceòlas shuas ann an Dalabrog, so bha ùidh agad ann an ceòl bho thùs cuideachd, nach robh? Bheil mi ceart?

PM15.52: Tha sin ceart, tha. Bha nòisean agam mus do theann mi acluich a bhith ri dannsa-ceum, ach cha do mhair sin cho fada, tha e coltach. Ach, aidh, bha ceòl, tha mi asmuaintinn, na phàirt mhòr dhen teaghlach co-dhiù, leis gun robh mathair aseinn, fhios agad, nam biodh daoine dìreach atadhals acèilidh air an taigh dhfhaodadh gum biodh òran anns bhiodh sinn tric aig cèilidhean, agus mathair aseinns fiùs aig aois gu math òg bhithinn aig cèilidhs fios agad nuair a tha thu beag tha thu atuiteam nad chadal, ’s cha robh e acur dragh ormsa ged a bhiodh aphìob mhòr acluichs san oisean bhithinn atuiteam nam chadal uaireannan, achbha, bha sin ann gun teagamh.

Bha ceòl cuideachd ann an daoinecuideachd mo mhàthar. Bhiodh, tha ise gu math deidheil air ceòl. Agus a h-athair, bha guth aige air a thrèanadh, agus bha e aseinn ann an còisirean an Sasainn. ..

GW16.58: Tha guth seinn aice fhèin cuideachd, nach eil?

PM17.00: Tha. So bidh ise adèanamh seinn gun teagamh, ’s bha a h-athair aseinn ann an còisirean fad a bheatha shìos ann an shin. Mar sin, fhuair mi on thaobh e.

GW17.15: Bha mi dìreach auandraigeadh - ’s dòcha nach eil freagairt annsaoil am biodh an sgil a thagad ann an ceòl, an cluas a thagad airson ceòl – ’s dòchaam biodh sin gad chuideachadh leis aGhàidhlig cuideachd, bha mi auandraigeadh.

PM17.31: Well, ’s dòcha gum bitheadhchan eil mi air cus smaoineachadh a dhèanamh air sin. Tha, tha mi cuideachd, tha mi acreidsinn, tha mi air cuid math èisteachd a dhèanamh ri clàraidhean mo sheanar, seann chlàraidhean, agus, tha mi asmuaintinn, bhatha mi air a bhith gu math fortanachsan bhliadhna mu dheireadh tha mi air beagan obair fhaighinn ann an sheo aclàradh muinntir Ghriomasaighs adèanamh clàraidhean cuideachd timcheall.

Ach, mar a thuirt mi, le tòrr dhe mo chàirdean, agus daoine, caran ginealach mathar bhithinn gam faicinn gu math trics mar sin chan eil teagamh gum biodh bruidhinn riuthasan dìreach agus acèilidh orra gu math tric atoirt buaidh air an seòrsa blas a thaig cuideigin.

GW18.25: Fair point. Seadh. Okay, so Sgoil Chàirinis an toiseach. Bha thu ann an shin tron bhun-sgoil.

PM18.34: Bha, abhun-sgoilsgoil a tha a-nist dùinte. Well tha barrachd sgoilearan ann a-nist, san sgìre a-nist na nuair a dhùin Sgoil Chàirinis. Cha mhòr nach fhaodadh iad fhosgladh a-rithist, ach tha iad uileadh a-nist an Sgoil Uibhist a Tuath.

Ach aidh bha Sgoil Chàirinis uabhasach fhèin math. Bha fiùs na tidsearan dha na clasaichean Beurla aig an àmbha Gàidhlig aca uileadh. Cha robh, tha mi asmuaintinn, ach aon neach ag obair san sgoil dhen luchd-obrach aig nach robh Gàidhlig, bhon rùnaire gu na tidsearan Beurla, gun an còcaires a h-uile sìon. Mar sins e sgoil làn Gàidhlig a bhanns bha tidsearan sgoinneil againn aig an àm.

Bha mi dìreach asmaoineachadh air ais, an latha eile. Bha tòrr math ceòl adol san sgoil aig an àm cuideachd. Barrachd na tha an-diugh, ann an dòigh. Bha sinn afaighinn clasaichean feadain no clasaichean fìdhleadh bho clas a còigs gach seachdainn bha clasaichean seinn adol le Penny Burgess, ’s clasaichean ceòl a bharrachd air sin le tidsear ciùil a bhiodh adol mun cuairt. ’S an uair sin, bha mi ochd nuair mi a theann mi air abhocsas aphiano aig an aon àmss ann a thòisich mi adol gu clasaichean piano prìobhaideach le Olwen NicLeòid ann an Loch nam Madadh, agus clasaichean bocsa leis an fhèis. Mar sin bha an t-uamhas chothroman ann ceòl ionnsachadh aig an àm.

GW20.16: Seadh. Agus an dèidh sin Sgoil Lìonacleit airson , trì, ceithir bliadhna?

PM20.24: Ceithir bliadhna. Thaagusbha, bha an t-uamhas de sgoilearan, mar as trice, bhiodh iad afalbh o Sgoil Chàirinis a Sgoil Cheann aBhàigh airson bhliadhna. Bhiodh muinntir Uibhist a Tuath uileadh afalbh a Cheann aBhàighs muinntir Uibhist a Deas uileadh adol a Dhalabrog airson bhliadhna. Agus an uair sin bhiodh iad atighinn a Lìonacleit.

Ach chuir iad às dha sintha bhliadhna, nuair a bhithinn-sa, can, san treasbliadhna. Ach bha mise aroghainneachadh co-dhiùmar a bha feadhainn eile, beag chuid aig an àmach bha feadhainn eile afalbh dìreach à Cairinis a Lìonacleit. Ann an dòigh, bhiodh e nas fhaisge à Griomasaigh a dhol a Lìonacleit. Ach cuideachd bhabha ùidh cho mòr agam aig an àmbha e follaiseach gu leòrann an ceòl. Agus bha roinn achiùil ann an Lìonacleit cho math, ’s barrachd tidsearan aca a thaobh ceòl ann an shin. Mar sin, bha sin tarraingeach aig an àm. Dhobraich sin glè mhath, agus bha Lìonacleit uabhasach fhèin math, ’s fhuair mi taic math a thaobh ceòl ann a shin, fhads a bha mi ann an shin. Fhuair mi air cuid de na deuchainnean ciùil a dhèanamh beagan nas tràithe, ’s bha sin uileadh glè mhath ann an Lìonacleit.

An dèidh, an uair sin, an ceathramh bliadhnathabha sinn asmaoineachadh, ’s dòchawell, abruidhinn ri mo phàrantangum biodh e math, ’s dòcha a dhol gu sgoil chiùil an uair sin. Agus, ged a bha mòran adol - ’s bha feadhainn eile às Uibhist air a bhith adol dhan Phlocbha mi cuideachd adèanamh an ceòl clasaigeach, agus bhathar asmaoineachadh gum biodh e math, can, an rud a chumail adol, an sgil a bhith adol aig duine. So, bha, bha sinn eòlach air feadhainn san Eilean Sgitheanach a bhair a dhol a sgoil chiùil Naomh Moire, St Marys, an Dùn Èideann. ’S mar sin chaidh ann an shin airson bhliadhnaairson an còigeamhs an t-siathamh bliadhna, ’s bha sinwell, bha e, bha e, ’s e atharrachadh mòr a bhann. ’S e sgoil nas lugha a bhann. ’S e, cha robh ann ach ceithir fichead sgoilear san sgoil air fadeadar mu chlas a còig, sin an ìre as òige aig an robh sgoilearan an sin, clas a còig, suas guwell, dhèanadh iad bliadhna a bharrachd seachad air an t-siathamh bliadhna. Dhèanadh iadextension year”, mar a chanadh iad, airson daoine a bha airson beagan a bharrachd ceòl a dhèanamh.

Agus bha amhòr-chuid adol anmoch san àrd-sgoil airson na bliadhnaichean mu dheireadh aca. Agus bha feadhainn, mar a thuirt mi, às an Eilean Sgitheanach, bha fear à Leòdhas ann, bha feadhainn às aGhàidhealtachd, à Inbhir Pheofharain. Bha feadhainn cuideachd ann à Barcelona, ’s às an Ungar agus dùthaichean eile cuideachd.

Agus bha latha fada ann. Bha thu atòiseachadh aig leth-uair an dèidh ochds acriochnachadh aig mu chòigs bha gach madainn atòiseachadh le beagan seinn, càirteal na h-uarach. ’S bhiodh leasanan ciùil, agus fiùs ùine airson practice air a chur dhan chlàr-ama agad tron latha. Bha amhòr-chuid dha na leasanan agam, ’s e ceòl clasaigeach a-mhàin a bhann, le beagan jazz agus corra rud tradaiseanta ann cuideachd.

Achs e bogadh math a bhann, a thaobh gu h-àraid an theory agus an eachdraidh, agus ann an dòigh cuideachd an dòigh caran, gu math trom agus dìcheallach a thaca san saoghal clasaigeach a bhith apractice airson uairean is uairean gach latha. Sos e ionnsachadh sgoinneil a bhann.

Agus an uair sin dhfhuirich mi ann an Dùn Èideann ceithir bliadhna eile. Chaidh mi dhan oilthigh ann an shin. Agus bha e comasach dhomh an aon tidsear clasaigeach a bhagam air abhocsa a chumail adol fhads a chaidh mi tron oilthigh.

GW24.49: Aguss e ceòl a rinn thu aig an oilthigh cuideachd.

PM24.52: ’S e ceòlthòisich mi a-mhàin acoimhead air ceòl, ach mar a chaidh na bliadhnaichean seachad, theann mi air barrachd de clasaichean Sgoil Eòlais na h-Alba a dhèanamh. Agus mun àms a thàinig deireadh mo chùrsa, well an bhliadhna mu dheireadh, ’s ann a bha mi adèanamh leth ceòl is leth Scottish Ethnology, mar a chanas iad.

Rinn mi ceòl air abhocsa, ceòl clasaigeach leis an aon tidsear a bhagam à Serbia, agus an uair sin bha clasaichean ann an Sgoil Eòlais na h-Alba agam aig an aon àm.

GW25.31: Sos e ionnsachadh eadar-nàiseanta ioma-chànanach a bhagad ann an iomadach dòigh.

PM25.37: Bha, well, cha do.. .cha do rinn mi an gnothach air cànan sam bith eile ach aBheurlas a Ghàidhlig, ach bha, bha e measgaichtes bha e iongantach a bhith afaighinn an ceòl clasaigeach, agus ceòl ùr-nòsach, agus ceòl à dùthchannan eile cuideachdbeagan ceòl à taobh an ear an Roinn-Eòrpa, ’ss e ionnsachadh math a bha sin cuideachd.

Ach bha, bha mi, bhaann an dòigh cha, cha burrainn a bhith air a dhol gu oilthigh na bfheàrr, a thaobh gun robh Sgoil Eòlais na h-Alba ann, agus gun dfhuair mi cothroman ann an shin ionnsachadh mundìreach mu dheidhinn gnothaichean beul-aithris agus seanchas agus mar a nithear rannsachadh san roinn sin.

Agus a-nist tha sin feumail leis gu bheil mi acleachdadh beagan dhe sin san latha an-diugh.

GW26.33: Thig sinn chun sin. Ach bha ceist eile gu bhith agam mu dheidhinn dìreach do bheatha ann an Dùn Èideann, agus do bheatha ann an Gàidhlig ann an Dùn Èideann, mar gum biodh. Tha thu air tòiseachadh air sin mar-thàabruidhinn mu dheidhinn achuideim a bha thu afaireachdainn ort fhèin airson na sgilean sgrìobhaidh agad, mar eisimpleir, a thoirt suas ach. ..

An robhbha thu air tighinn à coimhearsnachd làn Gàidhlig ann an Uibhist, agus bha thu atighinn gu baile mòr far am biodh ùidh gu leòr, ùidh mhòr aig, aig cuid, anns achànan. So, tha mi cinnteach gun robh coimhearsnachd air choireigin, coimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann cuideachd, no coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Dùn Èideann. An robh diofar mòr eatorra?

PM27.42: Well, bha eadar-dhealachaidhean ann a thaobh na diofar choimhearsnachdan a bhann. Dhfhaodadh gur e, ’s dòcha an rud eile an lùib sins e creideamh cuideachd, aguschaidh mo thogail san eaglais ann an sheo, agus tha, bha, tha mi asmaointinn, bha mi acluinnteil nuair a bha mi afàs suas, agus bho nuair a bha mathair.. .eh mo mhàthair air a bhith afuireach air Tìr Mòr, mu dheidhinn, can, na h-eaglaisean Baptists rudan eile mar sin. Nuair a chaidh mi dhan sgoil chiùil an uair sin sa chòigeamh bliadhna san àrd-sgoil, bha mi airson feuchainn air na h-eaglaisean mòra òg a bha mi air cluinntinn mu dheidhinn, ’s bha còmhlain-ciùil aca a bha snasail agus drumaicheans guitars agus a h-uile sìon.

Tha sin tlachdmhor gun teagamh gu cuideigin òg, ach ann an dòigh, gu h-inntinneach, aig an eaglais ann an shin, is ged a bhiodh dhà no trì cheud adol ann gach sàbaid, cha robh mi afaireachdainn an aon seòrsa de choimhearsnachd ann. ’S mar sin, chaidh mi an uair sin gu, gun an seòrsa eaglais nach burrainn a bhith nas eadar-dhealaichte. Chaidh mi chun an eaglais Ghàidhlig a bhaca, ’s a tha fhathast, an Eaglais Manach Liath. Agus dhfhaodadh nach biodh ann ach mu fhichead uaireannan, air an Sàbaid. Bha e gu math beag, seach mar a bha an eaglais eile, ach ann an shin bha coimhearsnachd cho Gàidhealach ann, agus bha iad cho taiceil dhomhsa, agus cho còir, agus daoine ann an shin à Leòdhass na Hearadh, às an Eilean Sgitheanach, tha.. .bha fear à Beinn na Faoghla ann, agus bha sin gu math cuideachail.
S an uair sin san oilthigh, chaidh mi an lùib an Comann Ceilteach, agus chùm mi adol air na bliadhnaichean sin uileadh dhan eaglais Ghàidhlig ann an shin, agus dhfhàsleis a chaidh mi an sàs sa Chomann Cheilteach ann an shin, is mar a thuirt thu, bha tòrr de dhaoine ann an shin, agus mar a chithinn sna lecture theatres adèanamh clasaichean Scottish Ethnologydhfhaodadh gur e mise an aona Ghàidheal a bhann sna clasaichean seo a bha acoimhead air, air an dualchas againn fhìn às an seo.
S bha cuid à Alba ann, ach bhiodh, ’s dòcha amhòr-chuid atighinn às Na Stàitean is rudan mar sin. Ach fiùs tòrr de dhAlbannaich eile às.. .à ceann a deas Alba mar gum biodh. Agus an Comann Ceilteach, bha measgachadh ann an shin, bha e air a roinn glè mhath eadar daoine às na h-eileanan no clann Ghàidheil, ’s dòcha air an togail ann an Glaschu, agus an uair sin daoine à Na Stàitean, às Fionnlann, às a h-uile seòrsa àite, a bha ag ionnsachadh na Gàidhligs adèanamh Ceiltis.

Agus, well, mar a thuirt mi, thaobh na Gàidhlig, dhfhaodadh tu ràdh cuideachd, tha mi cinnteach, a thaobh an dualchas fhèin san fharsaingeachd gun robh cuideachd nan daoine sin, agus an ùidh a bhacasan anns a h-uile sìon, bhon achànan chun acheòl, chundìreach a bhith acoinneachadhs atighinn còmhladh ri daoine eiletha sin atoirt ort fhèin a-rithist a bhith acoimhead ort fhèins a bhith afaighneachd na ceistean mar a thama tha an leithid de dhùidh acasan air, tha sinn fhìn asmaoineachadh ma dheidhinn. ’S aig an aois tha sin, tha thu, tha thu afàs nas sine co-dhiù, ’s tha thu, tha thu, tha thu asmaoineachadh mu dheidhinn na rudan sin beagan a bharrachd.
S a-rithist bhiodh sinan uair sin bha, tha mi acreidsinn aig an àm sin cuideachd, tha. .. well, mun àm sin, bha mi sa chiad bhliadhna san oilthigh agus chaochail mathair an uair sin. Agus, well, tha, bha, bha sinbha, bha mi fortanach gun robh e mu chuairt co-dhiù airson na h-uidhir de bhliadhnaicheanbha e, mun àm a bhàsaich ebha e ninety-one. Agus, tha mi asmaointinntha rud mar sin, tha e atoirt ort fhèin cuideachd a bhith asmaoineachadh, agus leis gun robh esan gu math na bu shine, agus do mhòran ariochdachadh ann an dòighs dìreach agiùlan na fhèin tòrr dhen, dhen t-seann dualchas agus na seann chleachdaidheans an eachdraidh na cheann, an uair sin bhithinn-sa asmaoineachadh air sins an uair sin ciamar a bha mise adol afhreagairt, no, no a bhith caran agabhail beagan dhan sin. Agus, can, on uair sin suas gu deireadh an oilthigh bhithinn an uair sin afeuchainn ri bhithwell, fad san oilthigh, bhithinn an seo fad, a h-uile sàmhradh agus a h-uile seansa. An uair sin bha mi astudaigeadh air a bhith an seo barrachd dhan ùines, tha mi asmaointinn, bha mi riamh airson tilleadh dhachaidh, ach mar a tha tòrr ag ràdh, ’s e dìreach an ceist, cuin? Ach mun àm sin, bha mi caran acosg leth dhan ùine air falbh, leth dhan ùine an seo.

title1
internal date2021.0
display date2021
publication date2021
level
parent textPadruig Moireasdan
<< please select a word
<< please select a page