Padruig Moireasdan 2
GW – 00.05: So, fhuair thu ceum ann an Dùn Èideann, ann an ceòl agus Scottish Ethnology, an e, an dà chuid, no. .. ?
PM – 00.15: Aidh gu teignigeach, ’s e ceòl am prìomh rud, ach bha tòrr dhen Scottish Ethnology na lùib.
GW – 00.25: So sin agad MA, an e?
PM – 00.29: ’S e B. .. Dè a bh’ ann? ’S e BA a bh’ ann, BA a bha sin. Agus an uair sin tha, can sa bhliadhna mu dheireadh, bha mi air na trì cuspairean a dhèanamh. Ceòl – cluicheadh. Ceòl a sgrìobhadh. Agus an tràchdas, ’s e tràchdas ethnology a bh’ ann, really, a’ coimhead air an ceangal san fhiceadamh linn eadar an eaglais agus ceòl is bàrdachd ann an Uibhist a Tuath.
Ach, an uair sin, bha agam, caran, ri rudeigin a thaghadh. Agus roghnaich mi a dhol sìos slighe sgrìobhadh. Agus chaidh mi a dhèanamh MA, agus bha daoine air moladh rium, “Tha bliadhna agad airson maighstireachd a dhèanamh. Chan eil ann ach bliadhna. ’S e deagh chothrom a th’ ann a dhol a dh’àiteigineach eile.” Agus chaidh mi a dh’Èirinn airson bliadhna.
Agus bha mi, chan ann sa Ghàidhealtachd an Èirinn, ach gu math faisg air Bail’ Ath Cliath ann an àite air a bheil Maigh Nuad, no Maynooth. Agus ’s e baile beag eachdraidheil a th’ ann, gu math sean. Seann oilthigh aca ann an shin, agus rinn mi bliadhna, a’ fuireach ann an shin, agus a’ dèanamh maighstireachd ann an, ann an composition. Agus an uair sin, aig deireadh na bliadhna a bha sin, bha iad – am fear a bh’ ann, ann an shin - ’s ann a chaidh mi ann an shin air sàilleabh an neach-teagaisg a bha ann, agus bha esan a’ moladh gun dèanainn an uair sin ceum dotaireachd – PhD – ann an Composition fhathast, agus bha e ag ràdh, ’s dòcha gum biodh airgead ri fhaighinn air a shon, ’s chaidh mi tron sin, ’s gu fortanach, gu fàbharach, fhuair mi an taic-airgid airson ceum ceithir bliadhna dotaireachd a dhèanamh, ’s tha sin ann an, ann an Composition. Agus ’s ann a’ coimhead air mar a tha ceòl tradaiseanta agus ceòl clasaigeach a’ tighinn còmhladh. Agus tha, tha mi a’ dèanamh beagan studaigeadh air mar a tha sgrìobhadairean ciùil ann an Alba air ceòl tradaiseanta a chleachdadh nan cuid ciùil, ach cuideachd dhomhsa, ’s e rud air an robh mi ag amas fad bhliadhnaichean – rud a bha, caran, gu math nàdarra dhomh - ’s e a bhith a’ feuchainn ris an dà rud a chur còmhladh.
Agus a’ feuchainn ris an dà rud a chur còmhladh ann an dòigh far a bheil co-ionnanachd ann eadar an dà ghnè chiùil. Dh’fhaodadh nach e rud cho furasta a th’ ann, ’s uaireannan tha làmh an uachdair aig aon seòrsa seach am fear eile. Ach - ’s mar sin an-dràsta tha mi letheach-slighe tron cheum a tha sin.
GW – 03.32: Agus tha thu a’ dèanamh sin aig an taigh.
PM – 03.35: Aig an taigh, air astar. Thòisich mi ga dhèanamh air astar, agus tha e a-nis comasach a dhol a bhith a’ fuireach air ais ann an Griomasaigh làn ùine gus crìoch a chur air a’ cheum a tha sin.
GW – 03.48: Glè mhath. Ach inntinneach gun deach thu a dh’Èirinn airson sin a dhèanamh an toiseach. Ann an dòigh, leis gu bheil – well, o thaobh na Gàidhlig, ’s dòcha gum biodh e inntinneach an diofar fhaicinn, mar gum biodh, eadar mar a thathas a’ dèiligeadh leis a.. .leis a’ Ghaeilge ann an Èirinn agus mar a tha sinne a’ dèiligeadh le Gàidhlig ann an sheo. A bheil sin air – a bheil thu air dad a mhothachadh mu dheidhinn sineach no.. .?
PM – 04.17: Well, bha, bha mi gu math faisg air Bail’ Ath Cliath, agus bhiodh e air a bhith math a bhith na b’ fhaide dhan, dhan Ghàidhealtachd, dhan.. .dhan iar, ach, well, cha b’ urrainn dhomh an dà rud a dhèanamh.
Mar sin chan e sgìre Gàidhealach a bh’ ann, ach gun teagamh tha tòrr dhen òigridh a’ dol tron Ghàidhlig, ’s tha, tha inbhe nas àirde aig a’ chànan air feadh na dùthcha ann an Èirinn, ’s mar sin bha clasaichean oidhche ann, agus chaidh mi gu cuid, ach tha mi a’ smaointinn – bha an dà chànan cho faisg gun robh e ro dhoirbh.
Agus well bha tòrr a’ dol aig an àm co-dhiù. Dh’fhaodadh e, ’s dòcha, air a bhith na b’ fhasa nam bithinn air an cànan a chleachdadh ann an suidheachaidhean nas nàdarra, ach cha, cha do shoirbhich leam ro mhath dìreach sna clasaichean oidhche a bha sin.
Ach tha – bha, bha rudan ann ri mothachadh a thaobh a’ chiùil – sa cheòl a th’ aca thall ann an Èirinn. Agus bha tòrr – bha e, bha e inntinneach, ann an Èirinn, mar a tha na sgoilear.. .na, na h-oileanaich a’ tighinn às an dùthaich. Agus tòrr de.. .dhan òigridh a bha an sàs ann an ceòl tradaiseanta ann an Èirinn, ’s ann às an, às an dùthaich, às na sgìrean iomallach a tha iad a’ tighinn. Agus tha iad uileadh gu math pròiseil às na sgìrean aca – siorrachd Mayo no Kerry no rud sam bith.
Agus tha iad uileadh a’ tilleadh dhachaidh air na deireadh-seachdainnean, ’s chan eil iad ach anns a.. .sa bhaile oilthigh o Diluain gu Diardaoin no Dihaoine. Ach òigridh ann an shin a bha airson a bhith a’ cluiche ann an dòigh gu math seann-fhàsanta. ’S ann an dòigh, chuir sin iongnadh orm, thoradh ann an sheo, agus bha mi fhìn na lùib nuair a bha mi òg, tha thu airson a bhith a’ cluiche luath agus snasail. Sin agad. ..
GW – 06.37: Thuirt thu sin san, san agallamh mu dheireadh a rinn sinn. ..
PM – 06.42: Sin agad mar a tha, nuair a tha thu òg, gun teagamh. Ach bha iad seo, bha iad uileadh sna bliadhnaichean oilthigh aca, ach bha iad airson a bhith a’ cluiche cianail fhèin steady, agus mar a chanas sinn sa, sa chànan eile – tòrr de swing sa chluich aca. Agus ann an dòigh ’s e an cluich seann nòs a bha iad uileadh ag iarraidh. Agus cha robh ùine sam bith aca do dhaoine a bha a’ cluiche fada ro luath.
Agus ann an dòigh, bha sin inntinneach, thoradh thug e orm smaoineachadh gu bheil fada a bharrachd ann a tha gu math faisg eadar ceòl an t-seann nòs aca ann an Èirinn, ceòl an taobh an iar, ceòl cho Gàidhealach, agus mar a tha sinne a’ cluiche sna h-eileanan ann an sheo – an t-seann nòs againn fhìn ann an sheo. Tha iad gu math gu math coltach, agus tha, tha mi a’ smaointinn ann an dòigh, ’s dòcha an aon rud san dà dhùthaich, tha sinn buailteach a bhith a’ coimhead air a’ cheòl a tha iad a’ cluiche às Bail’ Ath Cliath, ann an Dublin, no ann an Glaschu, ach ann an dòigh, tha an ceòl Gàidhealach, an t-seann nòs aig gach dùthaich gu math nas coltaiche na tha an ceòl ùr-nòsach a’ tachairt sna, na bailtean mòra sin. So bha sin gu math inntinneach.
GW – 08.10: Yeah, bhitheadh, tha mi cinnteach.
PM – 08.14: Tha mi a’ smaointinn cuideachd tha, bhon a bha mi san oilthigh ’s chun an latha an-diugh, bidh mi a’ feuchainn ri, ri dà slighe, caran, a threabhadh leis a’ chuid chiùil agam. ’S e aona slighe, ’s e a’ bhith a’ cumail an t-seann nòs a’ dol, agus a bhith dlùth is daingeann ris an dòigh a bh’ ann agus a th’ againn ri, ri glèidheadh. Ach, air an làimh eile, tha, tha rud annam, ’s tha ionnsachadh annam, bho bha mi gu math òg a bhith ag ùrachadh rudan ’s ma tha rudan ùr a’ tachairt, gum bu chòir dhaibh a bhith gu math àrd-amasail anns na tha iad a’ feuchainn ri bhith ùr is ùr-nòsach.
Agus sin a tha caran an lùib a’ cheòl ùr a bhios mi a’ sgrìobhadh. Agus, aig an aon àm tha mi ga fhaireachdainn gu math cudromach gu bheil cas agad san t-seann nòs, san t-seann thobar, agus nach caill thu sin.
GW – 09.23: ’S ann, ’s ann às an sin a tha an t-ughdarras a’ tighinn, mar gum biodh.
PM – 09.25: ’S ann, agus tha rud ann an shin a th’ againn ri chumail beò, ’s a ghlèidheadh ’s a tha prìseil, ’s a bha prìseil do ghinealaichean ’s do, do dhaoine thar linntean. Ach, air an làimh eile, chan eil tradaisean no dualchas sam bith, chan eil e uair sam bith a’ fuireach aig an aon ìre. Tha e daonnan ag ùrachadh. Agus tha e math a bhith a’ feuchainn ri rudan a phutadh.
’S mar sin tha mi air mo shlaodadh gu dà thaobh.
GW – 10.03: Ach ann an àite snog còmhfhurtail aig an taigh agad fhèin, agus tha cruit agad cuideachd.
PM – 10.09: Tha. Fhuair mi an cruit bho m’ athair, mus do.. .do bhàsaich e. Agus bha, bha caoraich air a bhith aigesan, ach cha robh mise ach nas òige na bliadhna, agus bhrist rùda glùn m’ athar. Agus cha do rinn e riamh na h-uidhir de chruitearachd on uair sin. Agus ged a bha sin air tachairt, fhuair mise fhathast m’ ionnsachadh a thaobh caoraich nuair a bhi mi òg.
An uair sin bha mi fortanach nuair a bha mi san àrd-sgoil bha cùrsa cruitearachd aca san sgoil ann an Lìonacleit, agus. ..
GW – 10.50: Rinn sinn film ma dheidhinn.
PM – 10.51: Rinn, rinn. Agus, ’s e rud uabhasach fhèin math a bha sa chùrsa sin, ’s ged a bhiodh cuid, ’s dòcha, ag ràdh bhithinn air a bhith na b’ fheàrr ’s dòcha Biology a dhèanamh ’s e, ’s e Biology a tha thu a’ dèanamh sa chùrsa sin, ach tha e, tha e ceangailte barrachd ri na rudan a tha thu.. .a tha romhad, agus a tha a-muigh anns a.. .sa phàirce còmhla riut.
So mar sin, bha sin na chuideachadh cuideachd, a bhith ag ionnsachadh sin is tha a-nist, leis gu bheil mi air a bhith air ais ann an sheo làn-ùine, tha, tha cothrom agam tòrr a bharrachd a dhèanamh, a thaobh obair cruiteadh. Tha. .. ’s toil leam an obair gu mòr, agus tha, feumaidh mi ràdh, tha mi a’ faighinn tòrr tlachd às, agus chan eil, chan eil mi ga fhaighinn na, na dhùbhlan ged a bhiodh an t-sìde dona, no ged a bhiodh tòrr uairean na lùib.
Agus tha mi a’ smaointinn an dearbh rud – well, b’ fheàrr leam mìle uair gum biodh cruit air a chleachdadh seach air fhàgail. Tha sinn aig ìre nist far a bheil tòrr de, de chruitean air am fàgail bàn, ’s chan eil annta ach luachair, ’s tha na feansaichean a’ grodadh ’s a’ tuiteam ’s chan eil, chan eil an talamh sin a cheart cho math ’s a bha e bho chionn leth-cheud bliadhna. ’S ann an, ann an dòigh tha e riatanach gu cor na talmhainn gun cùm sinn a’ dol a thaobh a bhith a’ cleachdadh, ’s ged nach biodh ann ach beagan chaorach tha e ga chumail nas fheàrr na gun a bhith idir a’ cleachdadh a’ chruit a tha sin.
Mar sin, tha, tha tòrr – well, tha, tha caoraich ann an sheo, ’s tha, tha mi, can, a’ fàs na th’ agam de chaoraich an-dràsta ’s tha, tha mi a’ faighinn dà bheothach cuideachd nas anmoiche air a’ bhliadhna seo, ’s chì mi mar a thèid leam leis an sin. ’S tha, tha mi cuideachd air a bhith an sàs bho chionn ceithir no còig de bhliadhnaichean, nuair a bhithinn air ais sna samhraidhean ’s fhathast chun an latha an-diugh a bhith a’ dèanamh beagan silage air, air na cruitean air an taobh an ear. Tha a’ mhòr-chuid de silage ga dhèanamh ann an Uibhist air a’ mhachaire. Ach ’s e – tha, tha tòrr math de chruitean math air an taobh an ear cuideachd, agus bha iad, bha m’ athair a’ treabhadh a’ chruit a bha seothach ’s a’ fàs coirce mòr ann agus arbhar. Agus mar sin, ’s e talamh glè mhath a bh’ ann, agus bha iad ga threabhadh aig aon àm.
Agus, mar sin, tha, tha mi air a bhith ag obair gus silage fhaighinn às a’ chruit a tha seo ’s tha sin a’ cuideachadh, thoradh thèid agam an uair sin air a’ bhiadh agam fhìn a dhèanamh dha na caoraich sa gheamhradh. ’S chan fheum mi na h-uidhir a cheannach a-staigh.
Agus tha buidheann beag againn a-nist a’ dèanamh sin a h-uile samhradh, agus sinn ag obair air còig no sia de chruitean, agus tha sin a’ cuideachadh leis an fheur a th’ ann. Tha e math a bhith a’ faicinn cuid de phàirceannan feòir a’ fàs beagan nas fheàrr.
GW – 14.12: So tha thu a’ cumail a’ dol, mar gum biodh, na, na sgilean tradaiseanta a bh’ anns a’ choimhearsnachd.
PM – 14.18: Tha, tha agus. ..
GW – 14.20: Nach robh rudeigin agad a thaobh buain na mònadh as t-samhradh sa chaidh?
PM – 14.28: Bha, am bliadhna-sa. Am bliadhna, aidh. Bha, bha sreath de thachartasan againn le comhairle choimhearsnachd Ghriomasaigh a’ coimhead air “bliadhna na mònadh”, a thug sinn air. Bha, bha seisean againn ag ionnsachadh do dhaoine mar a dhèanadh buain na mònadh. Agus bha cuideachd farpais againn – an smuain a bh’ agam gum biodh e, gum biodh spòrs na lùib nam biodh farpais buain mhònadh ann, agus gum brosnaicheadh e beagan pròis sa ghnothach. Bha, bha coinneamh bheag laghach againn, ’s Deasaich ann a bha cianail fhèin dèidheil air buain na mònadh, ’s ’s iad a bhuannaich an fharpais. Cha robh farpais ann, ach. ..
Ach bha sin, bha e laghach, agus rinn mi clas beag do dh’òigridh air mar a dhèanadh iad sin.
Tha, tha mi cinnteach, fios agad, chan eil ’s dòcha an t-uamhas a fhuair ionnsachadh cruiteadh mar a fhuair mise o m’ athair. Dh’ionnsaich e mar a dhèanainn buain na mònadh leis an treisgeir, ’s mar a dhèanainn feannagan bhuntàta agus mar am faighinn a-staigh feamainn, ball feamad air cùl a’ gheòla, agus na rudan sin. Is tha, tha e math a bhith gan cumail a’ dol.
Agus tha mi a’ smaointinn a-nist, sa bhliadhna sa bheil sinn a-nist, tha an saoghal air atharrachadh gu mòr. Agus tha saoghal againn a-nist far am feum sinn a bhith a’ studaigeadh air dè tha a’ dol a thachairt dhan àrainneachd. Agus tha mi a’ smaointinn gu bheil cothroman math an lùib cruitearachd an sin. Tha na, na tha thu a’ cur a-staigh do chruitearachd - ’s dòcha gu bheil e barrachd a thaobh uairean a thìde, ach chan eil, ’s dòcha, an t-uamhas, no chan eil an, an aon uidhir de chemicals no de rudan mar sin a’ dol a-staigh ann ’s a tha air tuathanasan mòra air Tìr Mòr.
’S mar sin, tha cruitearachd – chan eil e cho trom air an talamh, ann an dòigh, agus ’s dòcha gu bheil e beagan nas socraiche. Agus bidh sinn cuideachd a-nist a’ smaoineachadh, well tha e nas fheàrr mas urrainn dhuinn tòrr dhen bhiadh againn fhìn a dhèanamh. Agus dh’fhaodadh – so, chòrdadh e rium sna bliadhnaichean ri thighinn a bhith a’ faicinn suidheachadh far a bheil sinn ag ithe ann an sheo am feòil a tha sinn a’ togail ann an sheo, nach fheum sinn feòil fhaighinn o ceann a deas Sasainn, an Roinn Eòrpa, no fiù ’s New Zealand. Tha, ma tha mìltean de chaoraich againn ann an Uibhist, carson nach dèan sin an gnothach dhuinn, ’s tha crodh an aon rud, agus uighean ’s a h-uile sìon mar sin.
’S tha, tha cuideachd, tha sinn a’ bruidhinn barrachd a-nist mu dheidhinn a bhith a’ faighinn daoine air ais dhan, dha na h-eileanan, agus tha barrachd òigridh a’ tilleadh an-dràsta, agus, tha mi a’ smaointinn, do, do chuid aca tha cruitearachd a’ cuideachadh. Tha cruit a’ cuideachadh mar, mar cheum air ais.
’S dòcha gum faigheadh tu beagan, well, beagan biadh às, beagan airgid – cha bhiodh an t-uamhas às, ach ’s dòcha rud beag, agus ’s dòcha nan, nan togadh tu obair pàirt-ùine aig an aon àm, tha an cruit ann an shin gad chuideachadh. Cuideachd, ’s e, ’s e ceist a th’ ann a thaobh dòigh-beatha. Agus ma tha a bhith a-muigh air an talamh ’s a’ dèanamh obair, obair talmhainn mar sin a’ còrdadh riut tha, tha sin gu bhith nas, nas tlachdmhor dhut a thaobh dòigh-beatha na tha a bhith a’ fuireach ann am flat sa bhaile mhòr.
Is mar sin, ’s e an aon rud a tha duilich an-dràsta, ’s e mar a tha e cianail fhèin doirbh cruit fhaighinn. Agus ma tha cruit a’ tighinn air a’ mhargaidh ’s ann a tha e cianail fhèin daor. Dìreach an-dè bha pìos sa phàipear, sa Ghazette, mu dheidhinn cruit air taobh an iar na Hearadh, ’s iad ag iarraidh barrachd na dà cheud mìle not air a shon. Agus tha, tha am pàipear a’ faighneachd nan ceistean – tha a h-uile duine a th’ ann a’ faighneachd ceistean – cha, cha.. .chan urrainn seo cumail a’ dol, leis nach eil sin a’ dol a thoirt cothrom do chuideigin òg tighinn a-staigh. Cha bheir e cothrom do chuideigin às an eilean fhèin an cruit fhaighinn, agus tha, mar as trice, tha suidheachadh mar sin ag adhbhrachadh briseadh suas dhan chruit, ga ghearradh na pìosan beaga gus an reic air sites do thaighean. Agus ’s dòcha nach e a-rithist daoine òga, no daoine ionadail, no daoine le Gàidhlig a gheibh na taighean a tha sin.
Mar sin, tha, tha còmhraidhean gu leòr a’ dol a thaobh dè a dh’fhaodamaid a dhèanamh a thaobh cruitean ’s. ..
GW – 19.56: Agus thu fhèin an-sàs annta!
PM – 19.58: Well, tha, tha. Tha mi a-nist, tha mi a’ dèanamh beagan obair le Caidreachas nan Cruitearan, agus sinn a’ feuchainn gum biodh barrachd òigridh a’ faighinn cothroman cruitean fhaighinn, agus gum biodh cruitean gan, gan leigeil a-mach às an suidheachadh far a bheil iad, gun daoine a’ dèanamh sìon leotha, ’s tha iad caran glaiste air falbh, mar gum biodh.
’S tha, tha mi tric air a bhith ag ràdh gu bheil, gu bheil e nas fheàrr gum bi daoine a’ toirt cothrom do dh’òigridh rudeigin a dhèanamh leis a’ chruit seach fhàgail gun sìon ga dhèanamh air idir. ’S mar sin, bu chòir dhuinn a bhith ann an suidheachadh, mholainn-sa co-dhiù, sna bliadhnaichean ri thighinn, far a bheil turnover nas luaithe ann a thaobh chruitean, ’s gum, gum faigh – ma tha daoine a’ fàs suas ann am bliadhnaichean, gun, gun smaoinicheadh iad ’s dòcha, ged nach reiceadh iad an cruit, ’s dòcha aig an ìre sin, cha bhiodh iad airson an cruit fhèin no an taigh a chall idir idir, ach dìreach gum bheireadh e a’ chothrom do chuideigin òg an talamh a chleachdadh gus gum biodh e air a chleachdadh ’s gun cùm e aig ìre math e.
GW – 21.16: Agus a bheil thu a’ smaoineachadh gun dèanadh sin diofar do staid na Gàidhlig ann an sheo?
PM – 21.26: Dhèanadh.
GW – 21.27: A bheil, a bheil buaidh sam bith gu bhith ann air?
PM – 21.30: Well, tha, tha dà rud ann, tha mi a’ smaointinn. Tha aon rud, ’s e gu bheil – tha e, tha e fìor a ràdh gu bheil cruitearachd an lùib na sgilean tradaiseanta anns a bheil a’ Ghàidhlig gu math làidir. Mar eisimpleir, a’ chùrsa chruitearachd a bha sin a rinn mi fhìn san sgoil, bha tòrr Gàidhlig na lùib. ’S e Nìall Mac a’ Phearsain à Beinn na Faoghla a bha a’ teagasg, agus bha esan tric eadar an dà chànan anns gach clas, ged nach robh a h-uile duine sa chlas fileanta. Bha e uabhasach fhèin math gun do rinn e sin, ’s briathrachas cho, cho beartach a th’ ann a thaobh gnothaichean cruite. ’S mar sin, daoine a tha air. .. a tha air an togail ann an, ann an teaghlaichean, teaghlaichean agus iad air an togail le Gàidhlig, bidh cuid dhiubh air an togail air cruit. Agus airson sin a chumail a’ dol, ann an dòigh, tha e gu bhith cuideachail dhaibh agus nàdarra dhaibh gum biodh iadsan a’ cumail a’ dol leis an, an aon chleachdadh, agus le cruitearachd.
Air an, air an làimh eile bidh sinn cuideachd airson – tha, tha sinn cuideachd airson cothroman a thoirt do dhaoine a tha a’ tighinn a-staigh dhan àite agus ag ionnsachadh na Gàidhlig. Agus tha sin cho riatanach ’s a ghabhas dhan, dhan chànan cuideachd agus dhan eilean. Agus tha, tha cuid dhiubh sin a’ faicinn cruitearachd mar phàirt dhen dealbh slàn – gu bheil e na phàirt dhen dualchas fhèin, agus dhan dòigh-beatha, agus tha iadsan ag iarraidh cruit agus gun dèan iad beagan obair air, agus gu bheil sin mar, mar gum biodh, gu bheil iadsan a’ cumail an dualchas a’ dol, chan ann a-mhàin leis a’ chànan a-mhàin ach leis a’ chruitearachd cuideachd.
’S mar sin, chumadh e taic ris a’ Ghàidhlig, gun teagamh.
Ach tha, tha dìreach an-dràsta iomadach duilgheadas ann air, air gach taobh. Agus tha, tha iomadach freagairt ann airson gach rud, agus mar sin ’s e, ’s e ceumannan beaga airson gach nì. Tha na cruitean ann, agus bidh sinn an dòchas gun tig atharrachadh air an sin. Tha, tha taic ann a dhìth a thaobh coimhearsnachdan Gàidhealach, airson, caran, a’ Ghàidhlig a ghlèidheadh anns a’ choimhearsnachd mar cànan coimhearsnachd. ’S tha, tha cruitearachd of course a’ toirt buaidh air an sin. Agus cho dlùth ris an sin cuideachd, tha na taighean.
Agus tha na taighean uaireannan air cruitean, ach uaireannan eile tha iad fa leth o chruitearachd – is tha dìreach na taighean ann fa leth. Agus tha mi-fhìn cuideachd air a bhith an sàs ann an iomairtean taigheadais sa bhliadhna mu dheireadh. Tha, bha, bha còmhraidhean gu leòr a’ dol co-dhiù bho chionn ’s dòcha trì bliadhna. Bha mi air mothachadh, a’ bruidhinn ri caraidean, caraidean a bha, ’s dòcha beagan bhliadhnaichean air thoiseach ormsa, agus iad ag ràdh ’s e“ ’S e, taigheadas an duilgheadas as motha a th’ ann”, agus bha.. .bha cuid againn a’ bruidhinn mu dheidhinn seo, agus a’ mothachadh mar a bha na prìsean gu math daor agus cha robh mòran taighean dìreach ri fhaighinn.
Agus an dèidh an.. .an glasadh do Chovid ann am fichead ’s fichead, am foghar sin, chaidh margaidh taigheadais na dùthcha dìreach às a chiall, agus gun teagamh, bha e cho follaiseach agus bha, bha an t-atharrachadh nas motha sna h-eileanan ’s sa Ghàidhealtachd. Agus ’s ann anns na h-Eileanan an Iar a chaidh àrdachadh prìs nan taighean suas as motha sa Rìoghachd Aonaichte air fad, thairis air fichead is naoi-deug gu fichead is fichead ’s a h-aon.
So chaidh e suas barrachd na àite sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte an seo. Agus tha sin fìor leis a’ chruit a tha sin a’ dol air a’ mhargaidh airson dà cheud mìle not, taighean ann an Losgaintìr air an cur air a’ mhargaidh airson barrachd na trì cheud mìle not, agus iad ag ràdh gu bheil e cho math airson taigh dàrna dachaigh, no airson taigh a nì thu leatadh leis. Agus tha taighean gu leòr air a.. .air a dhol air a’ mhargaidh, fiù ’s an Griomasaigh fhèin sa.. .sa bhliadhna mu dheireadh, agus tha, tha daoine òga ag amas orra, ach tha, tha am prìs a tha e comasach do chuideigin a tha, ’s dòcha, air an dreuchd a leigeil seachad, agus, mar as trice, a th’ air tighinn à àite nas.. .àite eile – glè thric tha sinn, tha sinn a’ faicinn daoine a’ tighinn o ceann a’ deas Shasainn – sin dìreach mar a tha sinn ga fhaicinn, tha daoine a’ tighinn às an sin - ’s tha, tha barrachd airgid ri fhaighinn airson taigh a tha iadsan a’ reic ann an shin.
Agus, well, an eisimpleir as miosa a chuala mi gu ruige seo, ’s e taigh is cruit air a’ Ghàidhealtachd a chaidh air, air a’ mhargaidh airson trì cheud mìle not, ach chaidh a cheannach airson ceithir cheud mìle not. Bha e comasach dhan, dhan neach a cheannaich e ceud mìle not a bharrachd a chur ris. Chan eile mise ag ràdh do dhuine sam bith nach, nach bu chòir dhaibh prìs a’ mhargaidh fhaighinn, ach ’s e dìreach nach eil co-ionnanachd ann a thaobh an cothrom a th’ aig cuideigin òg fhaighinn nuair a tha daoine eile comasach air na h-uimhir a bharrachd de dh’airgead a chur air.
Agus tha, tha.. .tha sin a’ cur – tha sin a’ toirt buaidh dìreach air a’ Ghàidhlig an uair sin, thoradh sa bhitheantas tha e fìor a ràdh nach e daoine le Gàidhlig a tha sin. Agus gle thric ma tha iad air an dreuchd a leigeil seachad chan e gu bheil clann gu bhith aca ’s iad ann an sheo. ’S mar sin chan eil sin a’ cuideachadh le na bun-sgoiltean a bhith fosgailte, chan eil coimhearsnachd ann a thaobh clann, chan eil ginealach ùr ann. Agus ma tha, ma tha barrachd is barrachd de sheann daoine sa choimhearsnachd tha sin a’ toirt buaidh air na seirbheisean slàinte, agus gainnead de dhaoine òga a nì na h-obraichean dha na seirbheisean slàinte agus dhan a h-uile obair eile a tha riatanach do choimhearsnachd.
Mar sin, tha – tha sinn a.. .aig iarraidh gum biodh casg ga chur air an àireamh de dhàrna taighean a tha sna sgìrean ann an sheo, casg a chur air an àireamh de lets de taighean air màl ùine-ghoirid, is AirBnB ’s a leithid. Chan eil sinn.. .tha e, tha e ceart gu leòr ma tha cuid ann, ach dìreach nach bi tuilleadh ’s a chòrr.
An-dràsta tha pìosan de Thiriodh, agus taobh an iar na Hearadh, agus ’s dòcha sgìrean do thaobh an iar Leòdhais agus chan eil ach mu leth dhan na taighean le daoine a’ fuireach annta bho aon cheann dhen bhliadhna chun an ceann eile. Mar sin, chanainn gum bu chòir sinn a bhith ag ràdh bu chòir do 60%, 70%, trì chairteal de thaighean a bhith le daoine a’ fuireach annta fad na bliadhna. Agus, a bharrachd air an sin, faodaidh cuid de lets a bhith ann, cuid de dhàrna taighean, ach nam bheachdsa sin an dòigh ’s a nì sinn cinnteach gu bheil sinn glèidheadh coimhearsnachd.
A bharrachd air an sin, chanainn-sa, an seo sna h-eileanan sna sgìrean dùthchasail a thaobh a’ Ghàidhlig – mar a, mar a tha sinn uileadh ag ràdh a-nist, am “vernacular community” – sna.. .sna sgìrean a’ Ghàidhealtachd, gu h-àraidh na h-eileanan a-muigh, ceann a tuath an Eilein Sgitheanach is Tiriodh, tha sinn feumach air taighean ann an shin, chanainn-sa, a tha do dhaoine le Gàidhlig. Agus, chanainn-sa gu bheil e furasta gu leòr mìneachadh, le mar a tha na.. .an dealbh a thaobh a’ chànain agus dealbh a thaobh aois an t-sluaigh, gun can sinn, tha e riatanach gus beagan do bhacadh a chur air sin, gum bi sinn a’ cur taic ri òigridh agus taic ri daoine le Gàidhlig, ’s gum biodh taighean air a thogail a bhios airson daoine, cupalan, teaghlaichean òga le Gàidhlig. Agus nam biodh barrachd dhe sineach ann, bhitheadh sinn cinnteach às na coimhearsnachdan againn ’s òigridh le Gàidhlig a bhith ann.
Na.. .na dhèidh sin tha daoine òga a’ tilleadh dhachaidh an-dràsta ’s tha barrachd òigridh sna sgoiltean ann an sheo na bha bho chionn còig no deich bliadhna air ais. Tha barrachd ann a-nist, agus tha sin a’ sealltainn, ged a bhiodh e doirbh agus daor, tha daoine òga still airson tighinn dhachaigh. Agus, ’s e a chanainn-sa, ’s e nan dèanamaid an oidhirp ’s gun cuireamaid gu leòr de, de cheistean ris a’ chomhairle, ’s ris an riaghaltas, co mheud a bharrachd a thigeadh dhachaigh? Agus ’s dòcha san t-suidheachadh sin gum biodh na bliadhnaichean ri thighinn gu math gu math fallain a thaobh tòrr òigridh agus teaghlaichean agus Gàidhlig agus ceòl ’s an dualchas ann an sheo.
GW – 31.58: Seadh, well tha agenda fada romhad.
PM – 32.02: Ah well. ..
GW – 32.05: Ach tha, tha tòrr againn ann an sheo, a Phàdruig, a tha math fhèin. Chan eil fhios agam a bheil thu airson dad a bharrachd a ràdh no. ..
PM – 32.12: ’S e an rud mu dheireadh a chanainn, dìreach mar a bha mi ag ràdh ann an shin, tha tòrr math dòchas agam do dh’Uibhist, ann an dòigh, ’s dha na sgìrean Gàidhealach. Agus tha mi cianail fhèin toilichte a bhith air ais ann an Uibhist, agus a’ faicinn gu bheil tha.. .iarrtas ann bho dhaoine òga eile a bhith ann an sheo. Agus tha, tha rudan mar a tha Cnoc Soilleir ga thogail aig deas. Tha luchd-ciùil a’ fuireach an seo. Tha daoine òg eile, a tha nan luchd-ciùil, airson gluasad an seo, agus mar sin tha mi a’ faicinn suidheachadh gu math dòchasach ann an còig, deich bliadhna far a dh’fhaodadh tòrr math de, de Ghàidheil òga, de luchd-ciùil a bhith a’ tilleadh ann an sheo. Agus mar sin tha, cha bheireadh e mòran, ach tha beagan taic a dhith, ach tha suidheachadh glè mhath romhainn, chanainn. Agus tha mi an dòchas dìreach gur e sin a thachras.
GW – 33.20: Glè mhath. Gur math a thèid leat, agus leinn uileadh.
PM – 33.24: Agus leinn uileadh. Shin e dìreach.
GW – 33.27: Taing mhòr!
PM – 33.28: Taing, a Ghòrdain.
title | 2 |
internal date | 2021.0 |
display date | 2021 |
publication date | 2021 |
level | |
parent text | Padruig Moireasdan |