Christine NicLeòid


C[hristine] N[icLeòid]―00 :05: Is mise Christine NicLeòid. .. eh. .. rugadh mi ann am Bradhagair aguss e mathair Fionnlagh Fhionnlaighain Fhionnlaigh aguss e mo mhàthair Mairead Alasdair Dhonnchaidh Chaluim. .. eh. .. buineadh teaghlach mo mhàthar dha.. .à Àrnol agus mathair à Bradhagair ach tha ceangalan agam ris cha mhòr a h-uile duine anns an bhaile sin leis na. .. na. .. tro na ginealaichean.

M[agaidh] N[ic a’ Ghobainn]―00 :33 : Aguss ann a-rèiste à Àrnol agus Bradhagair a bha an thaobh?

CN―00 :36: ’S ann, ’s ann, mmm. .. rugadh mo mhàthair ann an Glaschu. Bha mo sheanair ag obair eh.. .air an Abhainn Chluaidh agus. .. mmm. .. rugadh i, ’s bha i an sin gus an robh i deich bliadhna dhaois ach bhàsaich mo sheanmhair agus an uair sin thàinig iad dhachaigh agus chaidh a togail. .. eh. .. bha i ann am Bradhagair an uair sin. ’S ann à Bradhagair a bha mo sheanair.. .mmm. .. agus. .. eh. .. tha mi cinnteach gun do chuir mathair agus mo mhàthair eòlas air a chèile an uair sin. Ach. .. mmm. .. .
MN―01 :08: Agus air taobh dathar .. .an ann à Bradhagair fhèin a bha iadsan?

CN―01 :12: ’S ann à Bradhagair ceann-a- tuath agus ceann-a- deas. .. ceann-a- deas abhaile. .. mmm. .. tha Caimbeulaich agam air gach taobh ged nach eil iad, well, chan eil iad càirdeach, Caimbeulaich air taobh mathar agus Caimbeulaich air taobh mo mhàthar. .. mmm. .. .so tha tòrr càirdean agam air an Taobh Siar, tòrr Caimbeulaich.

MN―01 :28: Agus. .. eh. .. an ann ann am Bradhagair a chaidh thu dhan an sgoil?

CN―01 :36: ’S ann, chaidh mi dhan abhun-sgoil agus chan eil. .. chan eil mòran cuimhnagam air a dhol dhan an sgoil, air a bhith anns an sgoil a bharrachd air a bhith acluiche. .. acluiche ball-coises acluiche rounders. Chan eil cuimhnagam air mòran mu dheidhinn a bhith anns an. .. an. .. .eh. .. seòmar-teagaisg, ach tha fhios agam nach robh. .. cha robh Beurla agam nuair a chaidh mi dhan an sgoil. Dhionnsaich mi Beurla anns an. .. anns an sgoil agus. .. eh. .. agus, agus sin mar a bha amhòr-chuid aig an àm sin. Bha. .. ’s e Gàidhlig a bha a h-uile duine againn abruidhinn ri chèile a-muigh anns an raon-cluiche agus anns an dachaigh agus dìreach Beurla anns an sgoil.

MN―02 :09: Agus seòrsa àite a bhann am Bradhagair nuair a bha thu afàs suas?

CN―02 :13: Ò, àite gu math trang. .. bha. .. .gu h-àraid air acheann-a- tuath far a bheil mise afuireach. Mmm. .. bha clann cha mhòr anns a h-uile taigh agus bha. .. bha bhùth againn. Bha amhòr-chuid dha na pàrantan. .. well, mar. .. dha na h-athraichean bha iad ag obair, bha iad nam breabadairean. .. no. .. mmm. .. croitearachd. Eh. .. bha oifis aphuist aig mathair. Ach bha, bha na teaghlaichean timchealls bha. .. bha sinn. .. bhiodh sinne a-muigh bho moch gu dubh, cha robh. .. cha robh. .. mmm. .. cha robh sinn. .. chan eil cuimhnagamsa a bhith asuidhe a-staigh uair sam bith. Chan eil cuimhnagam. .. cuimhnagam air a bhith leisg a bharrachd, ach tha mi cinnteach nach eil sin ceart. Ach bhiodh sinn a-muigh acluiche fad an latha agus dìreach atighinn dhachaigh gu ar biadh. Ach. .. agus. .. bhiodh sinn acèilidh air na bodaich is na cailleachan a bha faisg, is dìreach acoiseachd timcheall abhaile. Cha bhiodh sinn adol a dhàite sam bith eile, cha bhiodh sinn adol shuas a.. .suas a Shiabost na a dhàite.. .àite mar sin. .. dìreach afuireach faisg air na sgìrean againn fhìn. Mmm. .. ach cha robh duine. .. cha robh duine às ar dèidh fhads a thigeadh sinn dhachaigh gu ar biadhs thigeadh sinn dhachaigh nuair a bha thìde againn a dhol dhan an leabaidh.
S e obair croitearachd a bha aig amhòr-chuid. Bha. .. mmm. .. well, ’s e achuimhne a thagam a bhith. .. bhiodh sinn. .. bhiodh sinn acuideachadh leis amhòines leis na caoraich. .. eh. .. am buntàtas ageàrradh an fheur, is dìreach rudan timcheall. .. cha robh. .. bha a h-uile duine cho. .. chan eil cuimhnagam latha sam bith a bhith asuidhe dìomhain.

MN―04 :02: Agus an robh beathaichean agaibh?

CN―04 :04: Cha robh. .. .cha robh beathaichean againne. Bha beathaichean aig bràthair mathar. Eh. .. chaidh mathair a ghoirteachadh anns achogadhs mar sin cha robh beathaichean aige ged a bha ùidh mhòr aige ann an caoraich is croitearachd. Ach fhuair sinn beathaichean nuair a bha mo bhràthair na dheugaire is bha beathaichean againn bhon uair sin. Ach cha robh nuair a bha, nuair a bha mi beag, nuair a bha mi òg.

MN―04 :29: Agus càite an robh dathair anns achogadh?

CN―04 :34: Eh. .. bha e anns an nèibhidhs bha e air bòrd bàta agus thuit. .. thuit aon dha na cruinn mòr a bhios iad acur ròpaichean timcheall air, thuit e air agus chaill e pìos ìosal dha chàs agus mar sin bha e cuagach. Ach. .. mmm. .. is bha e san ospadal airson iomadach bliadhna. .. .eh. .. ach cha do chùm sin air ais e, bha.. .bhiodh e ageàrradh amhòine, is bhiodh e adèanamh a h-uile càil mar a h-uile duine eile. Mmm. .. aguss e duine. .. ’s e duine gu math dòigheil, bhiodh e an-còmhnaidh aseinn. .. is dìreach. .. bha e gu math. .. ’s e duine gu math snog a bhann.

MN―05 :10: Agus seòrsa obraichean a bhaig daoine sa bhaile an uair sin?

CN―05 :25: Mmm. .. breabadair. .. breabadairean a bha anns amhòr-chuid. Breabaidearan, croitearachd. Bha, mar a bha mi ag ràdh, bha bhùth ann agus bha bhan aig aon fear, an fhear, abhùth eile bhiodhs ann dìreach feasgar a bhiodh e afosgladh. Tha cuimhnagam adol sìos a cheannach ròpa airson bha sinn adèanamh skippeadh anns an. .. anns an raon-cluiche agus dhfheumadh sinne. .. bha sinn air ròpa a mhilleadh is dhfheumadh sinn ròpa ùr fhaighinn. Mmm. .. ach. .. eh. .. ’s e dìreach obair, obair croitearachd, is iad acoimhead às dèidh na caoraichs achrodh, geàrradh na mòines dìreach an obair àbhaisteach. Sin, sin a bha. .. a bha a h-uile duine ris.

MN―05 :57: Agus an robh iad adèanamh mòran iasgach?

CN―06 :01: Mmm. .. well.. .eh. .. gu laghail no gu -laghail? Eh.. .bha. .. bhiodh. .. eh. .. bhiodh. .. eh. .. bhiodh mo bhràthair adol a-mach, bha eathar beag acis bhiodh iad ag iasgach a-muigh bhon chladach. Ag iasgach le slat shìos air an abhainn. Agus ag iasgach le lìn uaireannan, ach cha robh sin ceadaichte.

MN―06 .27: Agus. .. eh. .. tha. .. ris a bha abhùth coltach. .. abhùth dhan deach thu a dhiarraidh ròpa?

CN―06 :34: Ò, bha a h-uile càil. Ò, gheibheadh tu rud sam bith. .. rud sam bith a bha thu ag iarraidh. ’S mura robh e aige, gheibheadh e e dhut. Mmm. .. mar sin. .. bha. .. bha a h-uile càil, chan fheumadh sinn a dhol a Steòrnabhagh. Cha bhiodh sinn adol a Steòrnabagh, cha bhiodh sinneachlannadol a Steòrnabhagh ach aon uair sa bhliadhna. Tha mi asmaoineachadh gun deidheadh sinn ann aig deireadh na saor-làithean as t-samhradh airson faicinn an robh feum againn air brògan ùr’. Ach a bharrachd air an sin, cha robh sinn adol faisg air Steòrnabhagh. ’S cha robh. .. ’s dòcha gun deidheadh mo mhàthair ann beagan nas trice ach cha robh tric. .. cha robh. Bha Steòrnabhagh mar taobh eile aghealaich. .. cha robh. .. cha robh feum againn air, bha a h-uile càil an seo fhèin agus bhiodh. .. eh. .. bha bhanaichean adol timcheall le, fhios agad, le biadh cuideachd. Mmm. .. bhiodh fear atighinn timcheall le case làn aodach, ma bha feum, fhios agad. .. rudan a dhfheumadh sinn ceannach. Agus bhiodh tòrr dhan an stuth, aodaichs ann bho na catalogues a bha iad atighinn J. D. Williams agus, chan eil cuimhnagam, Oxendale tha mi acreids’. Sin uh.. .sin uh.. . ’s ann às a sin a bha. .. a bha a-uile stuth atighinn.

MN―07 :37: Bha thu anns an sgoil ann am Bradhagair agus càite an deach thu an uair sin?

CN―07 :44: Eh. .. well, nuair a bha mi aon bhliadhna deug, chaidh mi a-null dhan a. . .dhan ahostel ann an Steòrnabhagh agus dhan an sgoil, dhan an Nicolson. Mmm. .. cha do chòrd an hostel rium idir idir achiad bhliadhna, bha dìreach. .. bha an cianalas uabhasach orm. Mmm. .. bha mi. .. chaidh mi dhan an sgoil nuair a bha mi ceithir, mar sin bha e gu math òg afàgail an dachaigh agus bhiodh. .. bhiodh fadachd orm faighinn dhachaigh oidhche Haoine, bhithinn acunntadh cia mheud uairean a thìde a bha mi air falbh bhon an taigh, cia meud uairean a thìde a bha mi aig an dachaigh is cha chreid mi gun do dhobraich mi a-mach gun robh mi aig an taigh nas fhaide na bha mi air falbh ach chan e cofhurtachd mòr a bha sin idir, bha, bha e fhathast fada ro fhada. Mmm. .. so cha do chòrd sin rium. Ach mar a chaidh na bliadhnaichean seachad, is bha caraidean agam, bha an hostel bha e mar. .. bha e mar a bhith ann am boarding school, agus bha. .. bha dìreach. .. bha spòrs againn. Chan eil. .. chan eil cuimhnagam a-rithist mòran mu dheidhinn na sgoil, tha barrachd cuimhnagam air ahostel is bhiodh ploy againn, ’s bhiodh e dìreach.. .bha e math a bhith còmhla ris achlann-nighean eile agus a bhith còmhla ri na caraidean.

MN―08 :51: Is an robh clann-nighean à Bradhagair còmhla riut a chaidh dhan ahostel?

CN―08 :57: Eh. .. cha robh. Cha robh duine. .. cha robh duine ann. Bha. .. mmm. .. mo. .. mo cho-ogha chaidh ise a-null aig an aon àm, agus chaidh ise ann an lodgings ann an Steòrnabagh agus bha nighean nas sine ach cha robh ise anns ahostel a bharrachd, so mar sin cha baithne dhomh duine sam bith nuair a chaidh mi a-null. .. mmm. .. ach. .. eh. .. dhfhàs sinn eòlach air, dìreach mar a h-uile càil eile.

MN―09 :22: Is cia mheud bliadhna a thug thu ann an Sgoil Steòrnabhaigh?

CN―09 :27: Mmm. .. sia. .. bha còig. .. achiad còig bliadhna bha mi anns ahostel ach abhliadhna mu dheireadh, thòisich iad le busaichean agus bha mise afuireach aig an taigh abhliadhna mu dheireadh, is cha deach mi dhan an sgoil. Chan eil mi asmaoineachadh gun deach mi dhan an sgoil cho tric anns an t-siathamh bliadhna. Fhuair mi na deuchainnean gu lèir a dhfheumainn air achòigeamh bliadhna is cha robh feum agam air mòran ùine a chosg anns an sgoil às dèidh sin. Agus chòrd sin rium cuideachd, a bhith aig an taigh leam fhìn airson bhiodh mo bhràthair agus mo phiuthar anns an sgoil aig an àm sin. Bha sin glè mhath.

MN―10 :00: an taobh a stiùir thu an uair sin?

CN―10 :03: Mmm. .. chaidh mi a Dhùn Èideann agus chaidh mi a-steach airson teagasg. Agus. .. eh. .. bha làn dhùil agam tilleadh dhachaigh cha mhòr nuair a bhithinn deiseil, ach cha do thachair sin, dhfhuirich mi ann an Dùn Èideann. Agus chòrd Dùn Èideann rium fìor mhath, ’s e baile uabhasach snog a thann. .. eh. .. bha mi ag obair anns aBheurla airson deich, beagan a bharrachd air deich bliadhna, agus an uair sin fhuair mi obair anns aGhàidhlig agus chòrd sin rium fìor mhath.

MN―10 :34: an sgoil anns an robh thu ann a shin?

CN―10 :37: Eh. .. bha mi ann am Bun-sgoil. .. eh. .. Bun.. .Bun-sgoil Crois na Cìse, aguss ann anns an sgoil-àraich. .. so. .. bha. .. ’s e àm math a bhann airson. .. bha. .. foghlam tro mheadhan na Gàidhlig dìreach air tòiseachadh. Cha robh sgoil-àraich eile ann, bha cròileagan air a bhith ann ach cha robh sgoil-àraich foirmeil ceangailte ris.. .ri sgoiltean. Mar sin, cha robh duine ann a dhinnseadh dhuinn bhagainn ri dhèanamh. Bha againn ri obrachadh a-mach, agus chòrd e rium cho math. Bha. .. mmm. .. boireannach à Uibhist ag obair còmhla rium aguss e tidsear a bha innte-se, well, ’s e. .. bha i air a bhith na tidsear agus bha ise ag obair mar neach-taic agus bha sinne ag obair còmhla. Cha robh againn ach còignear nuair a thòisich sinn, còignear chloinne. Agus le rùm falamh, is cha robh goireasan sam bith againn.. .mmm. .. dìreach dhfheumadh sinn obrachadh a-mach dhfheumadh sinn, is ag eadar-theangachadh leabhraicheans asgrìobhadh rabhdan agus. .. bha. .. chòrd e rium cho math. .. bha e dìreach spòrsail.

MN―11 :45: Agus [am faca] tu eadar-dhealachadh mòr anns na h-àireamhan ann an Dùn Èideann anns an ùine a bha thu ateagasg?

CN―11 :53: Ò, gu. .. bha àireamhan dìreach. .. a-nise. .. tha. .. tòrr dhan an sgoil, mura h-eil faisg air leth. .. le clasaichean le barrachds deich air fhichead. Mmm. .. mar sin, ’s e diofar. .. tha diofar mhòr ann. .. mmm. .. ach. .. eh. .. chòrd e rium nuair a bha. .. nuair a thòisich sinn airson. .. bha. .. bha tòrr rannsachadh air a dhèanamh, is bha sinn aleugh.. .bha sinn afaighinn a-mach mu dheidhinn dùthchannan eile agus na dòighean-obrach a bhaca-san, ach bha an ceannard aleigeil leinn obrachadh a-mach dhuinn fhìn bhagainn ri dhèanamh agus. .. mmm. .. cha robh mi.. .gu tric cha robh mi asmaoineachadh air mar obair air sgàths bha e acòrdadh rium cho mòr.

MN―12 :35: Agus a bheil thu anns an dreuchd sin fhathast?

CN―12 :38: Chan eil. Leig mi seachad mo dhreuchd bho chionn bhliadhna aguss mi a tha toilichte gun do leig dìreach aig an àm cheart. .. mmm. .. agus. .. mmm. .. tha mi ag ionndrainn achlanns tha mi ag ionndrainn mo charaidean, is na caraidean a bha ag obair còmhla rium ach chan eil mi ag ionndrainn an clàr-ama agus a bhith acumail sùil air aghleoc fad na h-ùine. Eh. .. tha e acòrdadh rium gum faod mi. .. eh. .. rud sam bith a tha mi fhìn ag iarraidh a dhèanamh agus gun urrainn dhomh a bhith a-muigh agus adol cuairtean agus adèanamh rud sam bith a tha acòrdadh rium fhìn a-nis.

MN―13 :13: Glè mhath. Tha. .. tha ùidh agad ann an seanchasan, am biodh tu a chluinntinn tòrr sheanchasan nuair a bha thu afàs suas?

MN―13 :20: Mmm. .. chan eil cuimhnagam air mòran. .. mmm. .. bhiodh. .. bhithist acluinntinn sgeulachdan mu dheidhinn nan daoine a bha mun cuairt oirnn. Mmm. .. ’s e aon dha na geamannan a bhiodh againn, feasgar uaireannan, ’s e bhiodh mathair ag ainmeachadh daoine agus dhfheumadh sinne obrachadh a-mach . .. an taigh anns an robh iad. So mar eiseimpleir, ma chanadh e Anna is Dòmhnall is Calum, dhfheumadh sinn obrachadh a-mach an taigh far an robh Anna is Dòmhnall is Calum. Nise, ’s dòchgun robh dhà no trì thaighean le daoine leis na h-aon ainmeannan ach dhfheumadh sinn obrachadh a-mach agus bha, bhiodh sin acòrdadh ruinn. Agus. .. eh. .. ’s e dìreach sgeulachdan mu dheidhinn rudan a thachair, rudan a thachair bho chionn fhada nuair a thàinig amhuc-mhara mhòr air tìr air.. .ann am Bradhagairs rinn iad. .. eh. .. an geatshuas an rathad. .. mmm. .. nuair a bha mathair is mo mhàthair anns an sgoil. .. chan fhaodadh iad. .. eh. .. Gàidhlig a bhruidhinn. .. mmm. .. dìreach rudan a bha atachairt anns. .. nam beatha fhèin. Ach chan eil cuimhnagam air mòran sgeulachdan. .. mmm. .. sgeulachdan mu dheidhinn sìthichean no buidsich no càil sam bith mar sin. Well, tha cuimhnagam air beagan mu dheidhinn buidsich, bha mo mhàthair agus piuthar mo mhàthar abruidhinn mu dheidhinn, bha iad ag innse rudeigin dha chèile is bha mise ag èisteachd agus dhfhaighnich mi dhaibh mu dheidhinn a bha iad abruidhinn ach chan innseadh iad dhomhbha iad ag ràdh gun robh lan thìde aige sin stad!

MN―14 :57: Agus a bheil thu fhèin asgrìobhadh no acruinneachadh seanchasan an-dràsta?

CN―15 :02: Mmm. .. tha mi air a bhith adèanamh. .. mmm. .. well, is caomh leam sgeulachdan agus bha mi. .. nuair a. .. tha mo, mo nighean air tòiseachadh ateagasg so bha mi air. .. bha mi adèanamh sgeulachdan goirid dhi-se. .. eh. .. nuair a bha an glasadh. .. glasadh-sluagh ann gus am biodh sgeulachdan Gàidhlig aicairson achlas aic’. Mmm. .. achs e.. . ’s caomh leam sgeulachdan tradaiseanta aguss caomh leam a bhith adol dhan an leabharlanns adol.. .adèanamh rannsachadh anns na leabhraichean is anns na seann pàipearan a dhfhaicinn, a bheil. .. a bheil sgeulachdan ann co-cheangailte ris an àite. Tha. .. tha mi eòlach air gu leòr. .. air gu leòr sgeulachdan Albannach ach chan eil mi cho eòlach air sgeulachdan à Leòdhas. So mar sin tha barrachd. .. tha ùidh agam ann a shin agus nuair a bhios mi adèanamh rannschadh, ’s e. .. ’s e sin a mi.

MN―15 :55: Agus mar tidsear. .. eh. .. cho luachmhors tha na sgeulachdan a thaobh ionnsachadh?

CN―16 :02: Chanainn-sa gum burrainn dhut a h-uile càil anns achurriculum ionnsachadh tro sgeulachdan. Tha. .. tha. .. cha chuala mi a-riamh leanabh agearan nuair a dheidhinn a-steach gu clas, chanainn, “right, trobhadaibh, suidhibh sìos agus tha sinn adol a dhèanamh sgeulachd.” Thigeadh iad gun. .. cha bhiodh argamaid sam bith ann agus tha e cho furasta rudan a cheangal ri chèile ma tha thu ag iarraidh rudeigin ionnsachadh dhaibh ann am mathematics no eachdraidh.. .innse dhaibh tro sgeulachd, is atòiseachadh le sgeulachd agus an uair sin, ann an dòigh, tha an rud a tha iad ag ionnsachadh adèanamh barrachd ciall dhaibh.

Slàinte is sunnd cuideachd, tha. .. tha e cho duilich a bhith abruidhinn mu dheidhinn faireachdainn agus. .. mmm. .. a bhith abruidhinn mu do dheidhinn fhèin, you know, inbhich agus clann. Ach tha e tòrr nas fhasa ma tha thu abruidhinn mu dheidhinn rudeigin a thachair dha cuideigin eile agus asmaoineachadh mu dheidhinn ciamar a bha iadsan afaireachdainn, is dhfhaodadh iad a bhith air a dhèanamh, is eh. .. na diofar dòighean a dhfhaodadh iad a bhith air faighinn a-mach às an duilicheadas a bhac’.

So tha. .. tha mise air a bhith acreidsinn airson ùine mhòr. .. bliadhnaichean. .. deich air fhichead bliadhnaichean, gur e sgeulachdan. .. mmm. .. dòigh. .. chan e a-mhàin gur e dòigh math a thann air cuspairean anns achurriculum a thoirt seachad, ach dòigh math air cànan a thoirt seachad agus, cho tric, tha cuimhnagam balach a bhith acanntainn rium nuair a dheidh. .. chaidh mi a-steach dhan achlas ac’, agus thuirt mi.. .dhfhaighnich mi dhaibh sgeulachd a bha iad ag iarraidhs thuirt.. .dhainmich iad an sgeulachd seo is thuirt mise, “Och tha mi. .. tha mi air an fhear sin innse dhuibh cho tric, carson a tha sibh ag iarraidh an fhear sin?” is thuirt balach riuma h-uile h-uair a tha mi ga chluinntinn tha mi ga thuigsnas fheàrr,” agus bha mi asmaoineachadhright, tha sin ceart”, fhios agad, gu math tric tha thu afaicinn taobh. .. taobh eile. .. agus. .. mmm. .. cuideachd mas e sgeulachd a tha thu eòlach air a thann, bhithinn-sa ag atharrachadh, fhios agad, ’s dòcha gun innsinn e ann an dòigh sìmplidh achiad uair, ’s an uair sin bhiodh e afàs, bhiodh barrachd fiosrachadh ann, is bhiodh e afàs nas duilghe a thaobh gràmars a thaobh briathrachas. Ach seach gun robh fhios aca air an sgeulachd bho thùs, bha iad an uair sin atuigsagus mar sin bha iad. .. bha iad acoinneachadh ri briathrachas ùr ann an dòigh a bha atoirt toileachas dhaibh, chan e leasan air briathrachas notha sinn adol a dhionnsachadh deich facail ùran-diugh.” Bha iad. .. bha iad. .. bha e ceangailte ri sgeulachd agus chuir e iongnadh orm gu tric achlann, uaireannan clann nach robh cho comasachs dòcha air leughadh agus sgrìobhadh ach bhiodh cuimhnacair facail agus gu h-àraid briathrachas. .. eh. .. ann an sgeulachdan. Agus tha cuimhnagam balach ga mo cheartachadh is acanntainchan e sin a thuirt thu nuair a dhinnis thu seo dhuinn an t-seachdain a chaidh,” ’s e thuirt thu ach. .. thuirt e ann am facail eile, is mi acantainnOK, glè mhath, cha robh cuimhnagam-sa air an sin.” Ach. .. mmm.. .aguss e rud nàdarrach, tha daoine air a bhith ag innse sgeulachdan airson. .. bho riamh, airson mìltean de bhliadhnaichean agus tha. .. tha tòrr dha na rudan a chleachd sinn a bhith adèanamh anns an sgoil, mar ag ionnsachadh rudan air ar teanga, chan eil sin a-nise cho cumanta. Ach nuair a tha daoine acuimhneachadh air sgeulachdan, tha iad mar, tha iad. .. tha iad ag ionnsachadh an sgeulachd mar is tric’, tha iad ag ionnsachadh, fhios agad, òrdugh an sgeulachd, agus ionnsaichidh iad pàirt dhan abhriathrachas air an teanga cuideachd, tha e dìreach coltach ri bhith ag ionnsachadh òran.

MN―19 :46: Agus an dùil an innis thu dhuinn an t-seanchas mu dheidhinn am muc-mhara?

CN―19 :52: Ò well chan eil fhios. .. chan eil fhios agam air mòran mu dheidhinn ach gun tàinig am muc-mhara air tìr agus bha i cho mòr ach thug iad. .. thug iad am peirceall às agus tha sin cho mòr ri. .. well, tha e cho mòr ris an rùm a tha seo. Agus rinn iad geata dheth. .. mmm. .. agus a-nise bidh luchd-turais atighinn agus astad agus acoimhead ris agheata. .. agus. .. eh. .. gheibh iad am fiosrachadh gur. .. gur e. .. gur ann bho muc-mhara a thàinig seo. Ach chan fhaca sinn.. .bha muc-mhara air an tràigh an-uiridh ach cha robh i. .. cha robh i. .. ach beag bìodach an taca ris an fhear sin. Agus chaidh. .. chaidh dealbh a thogail agus bha achlann anns an sgoil aig an àm sin. .. eh. .. am, am broinn. .. mmm. .. apheirceill aguss e an t-ainm a bhair an dealbh A Hundred Little Jonahs.

MN―20 :45: Oh. .. mìorbhaileach.

CN―20 :49: Tha mathair. .. tha mathair anns an dealbh sin. Cha robh e ach.. .chan eil fhios agam an aois a bhiodh e, ’s dòcha ochd no naoi.

MN―20 :55: Agus tha thu a-nis air tilleadh dhan abhaile far an do thogadh tu. na h-atharraichean a tha thu afaicinn anns abhaile?

CN―21 :02: Well, tha. .. well tha tòrr atharraichean ann. Chan eil. .. mmm. .. chan eil bùth againn. Eh. .. chan eil sgoil ann. Ach tha. .. tha. .. tha sgoil air fhos. .. fhosgladh a-rithist mar ionad-coimhearsnachd agus tha sin air diofar mhòr a dhèanamh, fiùs anns na mìosan a chaidh seachad. Mmm. .. ach chan eil daoine a-muigh acoinneachadh ri chèile mar a chleachd iad, fhios agad, ag obair air croitearachd is mar sin. Ach leis a’ . .. leis aphandemic, tha. .. tha mi asmaoineachadh gu bheil tòrr a bharrachd dhaoine a-nis adol a-mach airson cuairt gach latha. Agus. .. tha. .. sin an dòigh. .. eh. .. dòigh tric a bhios mise acoinneachadh ri daoine. Tha dhà no thrì. .. eh. .. cuairtean. .. timcheall abhaile aguss ann ainneamh a thèid mi a-mach nach coinnich mi ri cuidegin. Tha grunn anns abhaile a-nis. .. mmm. .. aig nach eil Gàidhlig, fhios agad, daoine a tha air a thighinn a-steach dhan abhaile. Mmm. .. mar sin nuair a bhios cruinneachaidhean ann, nuair, nuair a bhiodh cruinneachaidhean ann ron. .. ron aghlasadh-sluaigh. .. mmm. .. ’s ann ainneamh a chluinneadh tu dìreach Gàidhlig air a bhruidhinn, bha. .. tha an-còmhnaidh. .. eh. .. Beurla na mheasg agus uaireannan dìreach Beurla fhèin. So, chan eil uiread de chothroman ann airson a bhith acleachdadh na Gàidhlig no acluinntinn na Gàidhlig. Ach tha mi air a bhith abruidhinn ri duine no dhithis dhan an fheadhainn a tha air a thighinn a-steach dhan abhaile a dhfhaighneachd dhaibh ciamar a bha iad afaireachdainn mu dheidhinn ma bhiodh sinn abruidhinn Gàidhlig barrachd agus iadsan anns achuideachd. Agus bha an dithis ris an robh mi bruidhinn, bha iad ag ràdh gum biodh iadsan cho toilichte airson gu bheil iad fhèin toilichte a bhith afuireach ann an àite aig a bheil cànan is cultar cho eadar-dhealaichte ris an còrr dhan an dùthaich. So bha sin, thug sin togail dhomh.

MN―22 :59: Glè mhath. Bha thu ag ainmeachadh gun robh thu adol cuairtean, an toir thu timcheall sinn air abhaile, ag ainmeachadh cuid dha na h-àiteachan far am bi thu acoiseachd, aguss dòcha rud no dhà a thachair ann a shin?

CN―23 :12: Eh, well, nuair a bhios mi adol a-steach chun achladach, bidh mi acoiseachd a-steach an t-sràid agus bidh mi adol gu Manaiseadar. Agus tha mi asmaoineachadh gun robh mi na mo. .. well. .. bha mi na mo dheugaire co-dhiù, mura robh mi nam inbheach nuair a thuig mi, bidh sinne ag ràdh, “Tha mi adol a-steach an taobh ud.” Is bha mise. .. tha mi asmaoineachadh nam leanabh, gun robh mise asmaoineachadh gur e sin an t-ainm a bhair an àite, “an taobh udagus thuig mi gur e dìreachan taobh uda thann, gu bheil mi adol a-steach an taobh ud, tha sin aciallachadh adol a-steach chun achladach. So bidh mi adol a-steach gu Manaiseadar, agus tha tràigh bheag againn an sin le gainmheach agus sin far am biodh sinn acluiche. Eh. .. an uair acoiseachd air na molan a-null gu Eilean Àrnoil agus tha Loch Àrnoil an sin, eh. .. Sgeir Mairead, agus sgeulachd mar a thathas ann an iomadach àite. .. eh. .. boireannach. .. eh. .. bhàth a piuthar, cheangail i na. .. a falt ris an fheamainn agus dhfhàg i air na creagan i ach tha, tha an sgeulachd sin ann an iomadach àite. Mmm. .. gu math tric nuair a thig mi a-steach, bidh mi acoiseachd timcheall na. .. na creagan agus adol a-null chun achladh far a bheil Teampall Eòin agus an uair sin acoiseachd a-mach rathad achladh agus atighinn a-mach air taobh-deas abhaile. Sos e cuairt a bheir.. .tha e atoirt ma trì cairteal na h-uarach. ’S caomh leam a bhith adol a-mach air amhòinteach cuideachd. ’S fheàrr leam, tha mi asmaoineachadh, a bhith adol a-mach air amhòinteach. Agus bidh mi adol a-mach rathad na Stainge. Agus adol suas Cnoc Mhìcleit. Agus an uair sin acoiseachd suas agus uaireannan bidh mi adol cho fada suas ri Loch Nighean Shomhairle agus atighinn a-steach an rathad sin. So tha tòrr àitichean uabhasach brèagha timcheall air abhaile againn, agus cuairtean snog.

MN―25 :15: Tha thu atoirt a-steach orm ann a shiud, an robh ceangal aig an Clàrsair Dall ri Bradhagair?

CN―25 :20: Bha. .. bha, na Moireasdanaich. Mmm. .. bha. .. agus. .. mmm. .. bha iad afuireach shuas air acheann-a- deas. Mmm. .. sin an teaghlach. .. chan eil fhios agam. .. mmm. .. . ’s e sin. .. .eh. .. eh. .. ’s ann aca-san a bha an tac, agus bha. .. mmm. .. tha mi asmaoineachadh gun robh an teaghlach gu lèir bha iad gu math ainmeil nam ministearans na. .. mmm. .. mar an Clàrsair Dall fhèin. .. ’s e. .. bha e ann an. .. anns an Eilean Sgitheanach. .. mmm. .. acluiche na clàrsaich.

MN―25 :51: Feumaidh gun robh Bradhagair gu math ainmeil. .. mmm. .. air. .. timcheall air an tac ann a shin.

CN―26 :00: Bha agus tha dùn againn cuideachd so tha. .. tha. .. tha Dùn Bhradhagair. .. eh. .. dìreach air acheann-a- deas. .. mmm. .. ach chan eil mòran air fhàgail a-nis. Chaidh na clachan a chleachdadh airson taighean. Ach tha iad ag ràdh nuair a bha Màrtainn Màrtainn an seo ann an. .. o, chan eil fhios agam , an ann an còig deug. .. chan eil cuimhnagam . .. na bliadhnaichean. .. cuin a bha e ann agus gu bheil e abruidhinn mu dheidhinn Dùn, gur e Dùn Bhradhagair a bha e abruidhinn mu dheidhinns chan e Dùn Chàrlabhagh, ach bhiodh an dùn againne air a bhith dìreach an aon rud ri Dùn. .. Dùn Chàrlabagh. Agus tha e air ainmeachadh ann an. .. anns an leabhar Tales and Traditions of Lewis. .. mmm. .. na. .. na Moireas. .. an e na Moireasdanaich asabaid an aghaidh. .. eh. .. ClannicAmhlaigh agus tha ceangal. .. bhiodh mathair ag ràdh gun robh sinn càirdeach dha Dòmhnall Cam. Chan eil fhios agam an e rud math no rud dona a bha sin, ach. .. eh.. .tha ginealach no dhà air ai.. ., well dhà no trì ginealachan air ais, bhiodh Ùigeach air a thighinn an seo agus.. .mmm. .. tha sinn càirdeach dhan an.. .ClannicAmhlaigh.

MN―27 :12: Glè mhath, tapadh leibh. An dùil an innis thu dhuinn mu dheidhinn an rud a thathas air a dhèanamh leis an t-seann sgoil?

CN―27 :21: Well, dhùin an sgoil ann an mhìles a dhà dheug agus cheannaich an coimhearsnachd an togalach agus bhon uair sin, tha buidheann air a bhith ag obair cho cruaidh agus tha an togalach a-nis air fosgladh agus tha hostel ann le leapannan airson dusan dhaoine, tha cafaidh ann, agus tha rùm-ealain ann far am bi taisbeanadh, agus tha rùm eile far a bheil. .. eh. .. cothrom dhan achoimhearsnachd, buidhnean coinneachadh airson coinneamhan, no. .. co. .. madainnean cofaidhs mar sin air adhart. Agus. .. tha. .. dìreach chan eil fada bho dhfhosgail e. Tha e gu math trang. Chan eil e fada air falbh bhon an dachaigh agam fhìn agus nuair a bhios mi acoimhead air a.. .a- mach uinneag achidsin, chì mi, tha, tha mi asmaoineachadh an-diugh gun robh ma. .. oh. .. deich no còig deug càraichean shuas air an rathad so tha tòrr daoine atighinn airson tha am biadh, fìor, fìor mhath, na sgonaichean agus copan teatha cuideachd. Mmm. .. agus tha dìreach. .. tha rudan atòiseachadh às dèidh an glasadh-sluaigh, tha. .. mmm. .. mar eisimpleir an deireadh-sheachdain seo, tha.. .mmm. .. CD. .. eh. .. adol a bhith, tha launch gu bhith air CD a chaidh a dhèanamh. Chaidh CD a dhèanamh bho chionn, mmm. .. tha mi acreidsgu bheil faisg air fhichead bliadhna ach chaidh ùrachadh le fear a bhuineas dhan abhaile againn, agus tha sinn. .. tha an CD sin. .. eh. .. gheibh sinn grèim air oidhche Haoine. Agus an uair sin Disathairne tha cuairtean adol timcheall abhaile le daoine acruinneachadh lusan agus ag ionnsachadh mu dheidhinn na diofar rudan is urrainn dhaibh a dhèanamh le na lusan agus cho feumails a tha iad. Agus. .. mmm. .. bùth-obrach far an urrainn dha daoine, tha mi asmaoineachadh gu bheil iad adol a dhèanamh. .. mmm. .. chan eil mi cinnteach tha iad adol a dhèanamh le na lusan ach tha iad adol a dhionnsachadh. .. mmm. .. beagan mu dheidhinn a bhith acleachdadh diofar lusan.

MN―29 :28: Well, bidh togail againn ris an sin. Tha.. .tha mi dìreach air cuimhneachadh an teaghlach agaibh fhèin, nach robh am post-office aca?

CN―29 :35: Bha. .. bha. .. so. .. mmm. .. sin. .. mmm. .. rugadh mise ann an taigh mo sheanmhar, ach ghluais sinn a-steach dhan an taigh seo nuair a bha mi faisg air bliadhna a dhaois agus tha am post-office dìreach ri ar taobh an seo. Agus sin far an robh mathair ag obair fad a bheatha aguss e àite. .. àite-cruinneachaidh.. .tha cuimhnagam nuair a bha mi beag, ’s e.. .o bhiodh e acòrdadh riumsa a bhith dìreach asuidhe air an làr air cùl achunntairs ag èisteachd ris na bodaich abruidhinn ri chèile. Nise, nuair tha mi ag ràdh bodaich, tha mi cinnteach nach robh iad mòran a bharrachd air fhichead. Ach bha, aig amannan sònraichte tron an lathas tron an t-seachdain, bhiodh iad atighinn còmhla is dìreach acabadaich, spòrs, tarraing às a chèile agus ma bhiodh cuidegin adol sìos an rathad le caoraich ag èigheachd às a dhèidh dìreach, fhios agad, ag ràdh cho truaghs bha na caoraich aige agus mar sin air adhart ach. .. mmm. .. ’s e sin. .. ’s e sin. .. eh. .. aon de na h-atharraichean as motha tha mi asmaoineachadh a tha anns abhaile, gu h-àraid mus do dhfhosgail Grinneabhat, an sgoil, mar ionad-coimhearsnachd nach robh àite sam bith ann far am burrainn dha daoine cruinneachadh agus dìreach naidheachdan a chèile fhaighinn agus faighinn a-mach bha tachairt. Mmm. .. bha mi abruidhinn ri nàbaidh bho chionn dhà no thrì mhìosan agus bha i ag ràdh nach fhaca i a-riamh na daoine a tha afuireach anns an taigh an ath-dhoras. So, tha iadsan afalbh anns achàr anns a h-uile. .. gach àite dhan tèid iad. Eh. .. chan eil i fhèin adol a-mach mòran agus chan fhaca i.. .chan eil fhios aice fiùs ris a tha iad coltach.. .agus cha shaoileadh tu ann an àite mar sin. .. seo. Bhiodh tu asùileachadh gun tachradh sin anns abhaile mhòr ach cha shaoileadh tu gum biodh sin atachairt an seo. Ach tha. .. tha an saoghal. .. tha an saoghal air atharrachadh, chan e dìreach. .. chan e dìreach. .. na bailtean againne, tha. .. tha. ..

MN―31 :41: Tha e smaoineachail. Tha. .. bha mi cuideachd adol a dhfhaighneachd dhut nad òige, an àite a bhaig an eaglais anns abhaile?

MN―31 :50: Ò, mmm. .. àite mòr, bhiodh amhòr-chuid de theaghlaichean adol a-mach. .. eh. .. madainns oidhche. Agus bhiodh sinn fhìn, bhiodh sinn agabhail an leabhair a h-uile madainns a h-uile h-oidhche. Mmm. .. bha. .. bha. .. ceangal gu math dlùth aig. .. aig amhòr-chuid de theaghlaichean ris an eaglais. Agus nuair a bha mi òg, ’s e dìreach Gàidhlig a-mhàin, bhiodh sinn afaighinn seirbheis Bheurla bho àm gu àm, achs e.. .bha a h-uile càil anns aGhàidhlig ach. .. mmm. .. .ach tha a-rithist tha. .. tha. .. an saoghal air atharrachadh agus tha. .. .
MN―32 :26: A bheil eaglais agaibh ann am Bradhagair no taigh-coinneimh?

CN―32 :32: ’S e dìreach taigh-coinneimh a thagainn ann am Bradhagair agus bidh pàirt dhan abhaile adol suas a Shiabost agus pìos. .. daoine eile adol sios a Bharbhas. So, mmm. .. sin an Eaglais Shaor.

MN―32 :42: Agus an eaglais. .. tha an taigh-coinneimh air a chumail adol, nach eil?

CN―32 :46: Tha an taigh-coinneimh air a chumail adol. Agus thathar ga chleachdadh le diofar bhuidhnean a-nis agus air a chleachdadh airson tìodhlacaidhean gu math tric a-nis.

MN―32 :57: Glè mhath. So, an rud eile agam ann a sheo. .. eh. .. ’s e dìreach abairtean a tha sònraichte do Bhradhagair.

CN―33 :05: Mmm. .. chan urrainn dhomh smaoineachadh air càil sam bith, cha burrainn dhomh smaoineachadh air càil a bha dìreach sònraichte dhuinne. Mmm. .. ’s e aon rud. .. mmm. .. cha bhi sinne acleachdadhsibhmar, fhios agad, dòigh modh. Mmm. .. bidh sinn ga chleachdadh, ach cha tuirt mise a-riamh misesibhri mathair. .. mathair agus mo mhàthair no ri mo sheanair. .. sheanmhair is mo sheanair, ’s e dìreachthua tha sinn acleachdadh. .. agus tha sin, sin. .. chan eil fhios agam cuin a thòisich iad adèanamh sin. .. eh. .. ach sin. .. bha sin ann bho a-riamh. Mmm. .. chan eil fhios agam. .. an e a bheil adhbhar political no.. .chan eil fhios agam an adhbhar a thann ach. .. eh. .. sin mar a tha sinn.

MN―33 :53: Tha sin inntinneach. Bha dòigh eadar-dhealachite aig muinntir Bhradhagair air bruidhinn cuideachd. Eh. .. tha mi mothachail, bidh mi atogail. .. ga thogail ann a shiuds ann an sheo. Ach a-bhos againne, bidh iad, bhiodh iad atogail air na daoine gun robh iad abruidhinn mar gum biodh clach nam beul, ’s bhiodh iad ag ràdhThalla a-machs thoir glaim à clach!”

CN―34 :17: Uill tha mi acreidsseach gu bheil. .. seach gu bheil mi afuireach an seo, chan eil mi mothachail dha na dòighean againn ach tha mi. .. tha mi ag aithneachach guth Siarach ach. .. tha. .. mmm. .. chan eil fhios. .. chan eil fhios agam. .. chan. .. chan urrainn dhomh smaoineachadh air. .. air abairtean sam bith a thagainne. .. mmm. .. nach eil aig daoine eile achs dòcha gu bheil.

MN―34 :41: Seadh, tha.. .so thug thu ùine ann an Dùn Èideann, an robh ceangal ri Bradhagair, mmm. .. .an robh sibh afaicinn tòrr dhaoine a bha. .. eh. .. ceangailte ris abhaile?

CN―34 :53: Mmm. .. well. .. bha duine no dhithis ann. .. mmm. .. nuair a chaidh mi sìos an toiseach, chaidh mi a dhfhuireach dìreach còmhla ri nàbaidhean a bha afuireach ann an Dùn Èideann airson seachdain no dhà gum faighinn dhan. .. dhan an àite-fuireach agam fhìn. Ach. .. mmm. .. bhithinn. .. bhithinn-sa atighinn dhachaigh a h-uile saor-làithean. .. eh. .. agus. .. mmm.. .cha. .. nuair a tha achlann, fiùs achlann a chaidh a thogail ann an Dùn Èideann, nuair a bhios iad, fhios agad, nuair a bhios iad.. .il iad adol air saor-laithean tha iad adol dhachaigh. .. mmm. .. . ’s e sin dìreach agus. .. mmm. .. tha iad gu math dèidheil air a bhith ann an Leòdhas agus ann am Bradhagair.

MN―35 :34: An e sin achlann anns an sgoil, a bha thu aciallachadh?

CN―35 :37: No, no achlann agam fhìn. .. ’eil fhios agad achlann agam fhìn. .. tha gu bheil iad. .. tha iad. .. mmm. .. tha iad afaic. .. tha iad asmaoineachadh air Bradhagair mar gur e an dachaigh a thann, ged a tha iad, ged a chaidh an togail ann an Dùn Eideann, tha iad fhathast afaicinn gur e. .. gur e an dachaigh a thann am Bradhagair cuideachd.

MN―35 :55: an teaghlach a thagad?

CN―35 :57: Eh. .. bhalach agus nighean agus tha aon dha na balaich air a thighinn a dhfhuireach ann an Leòdhas cuideachd. So tha sin. .. eh. .. tha sin math cuideachd, tha. ..

MN―36 :07: Ò well, Glè mhath. Ceud taing, Christine.

CLanguage Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices
Short url: https:/ /multidict.net/cs/ 9504

titleChristine NicLeòid
internal date2021.0
display date2021
publication date2021
level
parent textStòras-beò nan Gàidheal
<< please select a word
<< please select a page