Curstaidh NicDhòmhnaill


GW00.05: An tòisich sinn le thu, agus leis thu?

CN00.11: Well, is mise Curstaidh NicDhòmhnaill, aguss mi nighean aig Alasdair Chroismòraig. Aguss e an sloinneadh aigesan Alasdair Ailein Dhòmhnaillic Ailein Heisgeir. Sos ann à Heisgeir a bha na daoine againn, air an taobh sin co-dhiù.

GW00.31: Ach tha an sloinntearachd sin adol air ais nas fhaide na sin. ..

CN00.38: Tha e adol air ais nas fhaide na sin. Tha. ..

GW00.42: Cha bhi cuimhne agad air a h-uile fear dhiubh.

CN00.45: ’S e Gilleasbuig athair Ailein Heisgeir, tha cuimhne agam air sin. Ach tha e adol air ais co-dhiù deich ghinealach. Agus tha sinn air DNA test a dhèanamh dha mathair, agus tha sin asealltainn gur e, mar a chanas iad, direct descendants do Shomhairle a thannainn. So tha sin caran inntinneach cuideachd. Tha mi air feuchainn ris acheangal a lorg eadar, can atighinn sìos tro leabhar Chlann Dòmhaill agus an sloinneadh a thaca an sin, agus afeuchainn ri dol air ais le mathair gus am faigh sinn far a bheil iad atighinn còmhladh.

Cha dfhuair mi sin fhathast, agus tha pròiseact mòr, actually, sna Stàiteangenealogy. Aguss e sloinntearachd Clann Dòmhnaill USA Project a thair, aguss e am pròiseact as motha san t-saoghail air aon, mar gum biodh, aon teaghlach, mar gum biodh. Agus tha an t-uamhas data aca air Clann Dhòmhnaill. Ach nuair a fhuair sinn na results thuirt iad, tha dlùth cheangal againn ri Somerled, ach, thuirt iad, tha, mar gum biodh, sloinntearachd aithnichte aca adol air ais, ach chan eil sinne abuineadh le gin dhen fheadhainn air a bheil iadsan eòlach.

So, tha mi afeuchainn ri, mar gum biodh, iadsan a chuideachadh ann an dòigh, thoradhs e ceangal ùr a thann dhaibhsan adol air ais gu Somerled. Sos e pròiseact nas motha na dìreach sloinneadh ionadail a thann, mar gum biodh.

GW02.59: Mystery element! Glè mhath, so tha Gàidhlig adol air ais air taobh taobh dathair fad linntean.

CN03.09: Tha. Ceudan de bhliadhnaichean.

GW03.12: Seadh, seadh. Ach chan e an aon sgeul le do mhàthair, ge-.

CN03.18: Chan e. So tha – ’s ann à Uibhist a Tuath a tha mathair bho chionn fhada fhada, achs ann à faisg air Dùn a tha mo mhàthair. Agus, tha, chaidh ise, nuair a bha i cha mhòr trì bliadhna adhaoisdhfhalbh iad a dhfhuireach ann an Sasainn, faisg air Birmingham, agus an uair sin sìos gu Kent, agus thàinig iad air ais nuair a bha i sia bliadhna deug. Agus bha iad an-còmhnaidh agluasad mun cuairt, mar gum biodh. Bha ise an-còmhnaidh afaireachdainn nach robh ceangal làidir aice ri àite sam bith. Agus nuair a bha i deiseil leis an teacher training aice, thàinig i fhèin agus an caraid aice, Pat, suas dha na h-eileanan.

Agus thàinig Mum an seo, agus thòisich i ag ionnsachadh na Gàidhlig. Sin sna seachdadan. Agus choinnich ibha iad a’ – bha taigh aice air màl bho theaghlach mathar. Well an toiseach bha i afuireach ann an Clachan Sands còmhla ri Eòghann agus Rhoda MacAskill, ach an uair sin thàinig i gu Cladach aBhaile Shear, agus sin, choinnich i ri mathair agus. ..

GW04.44: The rest is history. ..

CN04.47: ’S ethe rest is history. Ach tha mi asmaoineachadh gu bheil e inntinneach. Bha, bhaso, cha robh ise afaireachdainn, mar gum biodh, gun robh dlùth cheangal aice ri àite sam bith nuair a bha ise òg, agus bha i afaireachdainn gur e call a thann, a bhann. Agus bha i airsons gum biodh, mar gum biodh, ceangal aig achlann aicese ri àite.

Mar sin, dhionnsaich i aGhàidhlig, agus bhruidhinn i rium fhìn agus mo bhràthaireans mo phiuthar sa Ghàidhlig nuair a bha sinn beag.

Aguss math gun do rinn i e, thoradh mura robh i air sin a dhèanamh tha mi acreidsinn nach biodh Gàidhlig againn, thoradh aig an àm sin cha robh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann. Nuair a chaidh mise dhan sgoil bha pròiseact -chànanach dìreach air tòiseachdainn. Bha mantaidh Anna Chnoc-na-Lùib ag obair air sin. Mar sin, nuair a chaidh mise dhan sgoil, Sgoil Phaibeil, ann ancuine a bhann? – ’83, tha mi acreidsinnnuair a chaidh mise dhan sgoil, bha e ag obairan fheadhainn aig an robh Gàidhlig san taigh, bha iadsan afaighinn oideachadh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla, so bha iad ag ionnsachadh sgrìobhadh agus leughadh na Gàidhlig. Ach an fheadhainn aig nach robh Gàidhlig san taigh, no aig nach robh Gàidhlig, cha robh iadsan afaighinn sin idir. So, sin mar a bha am pròiseact sin ag obrachadh. So, mura be gun robh Gàidhlig agam aig an taigh, cha bhithinn air eòlas fhaighinn air litreachadh na Gàidhlig aig an àm sin.

GW06.37: Chan e rud furasta a bhiodh ann dhi, ge-, Gàidhlig ionnsachadh aig an àm sin, ann an dòigh, nos dòcha ann an dòighean eile, gum biodh e na bfhasa na tha an latha an-diugh, leis gun robh, tha fhios, barrachd dhaoine anns achoimhearsnachd a bhiodh ga bruidhinn.

CN06.53: ’S ewell, cha robh ise abruidhinn, really, ri duine sam bith. Agus fhathast, chan eil mi asmaoineachadh gu bheil fios aig amhòr-chuid gu bheil Gàidhlig aice. Bha i carantha i diùid ma dheidhinn. Achs e an rud, bha Gàidhlig san taigh againn an-còmhnaidh, thoradh bha Dad ag obair air achruit, agus bhiodh na daoine a bha ag obair còmhla ris atighinn a-staigh, agus bhiodh ise acòcaireachd agus atoirt dhaibh biadh agus is eile, aguss e Gàidhlig an-còmhnaidh a bha timcheall air abhòrd. Agus cuideachd, an teaghlach air fad aig Dad abruidhinn Gàidhlig fad an t-siubhail. So mur an robh i atuigsinn, cha bhiodh mòran teans aice. ..

GW07.31: So bha i ga cluinntinn fad an t-siubhail. ..

CN07.34: Bha i ga cluinntinn fad an t-siubhail. Bha. Agus, mar sin, tha mi acreidsinntha mi acreidsinntha i fhathast afeuchainn ritha i adèanamh clasaichean Gàidhlig a-rithist, ’s afeuchainn ri gràmar isyou know, tha i afaireachdainn diombach mu dheidhinn gràmar agus rudan mar sin, agus. ..

GW07.52: Dhinnis i sin dhomh, aidh.

CN07.54: Ach, fhios agad.

GW07.58: Ach tha i aice.

CN08.00: Tha i aice, Tha.

GW08.02: Glè mhath, so phòs do phàrantan, agus chaidh do thogail fhèin ann an Uibhist. Agus chaidh thu gu Sgoil Phaibeil. ’S an uair sin?

CN08.16: So an toiseach gu Sgoil Phaibeil, agus an uair sin, nuair a dhfhosgail Sgoil Lìonacleitchaidh mi gu Sgoil Chàirinis airson bhliadhna. ’S e dìreach mar a bha na busaicheanchan eil fhios agam carson. Co-dhiù, chaidh mi gu Sgoil Chàirinis airson bhliadhna mus deach mi dhan àrd-sgoil. Agus an uair sin air ais gu Sgoil Phaibeil airson achiads an dara bliadhna san àrd-sgoil, agus an uair sin gu Sgoil Lìonacleit.

Agus, yeah, cha do chòrdwell cha do chòrd sgoil rium idir. Tha mi asmaoineachdainnbha an teaghlach agam uileadh nan tidsearan, agus cha burrainn dhomhcha burrainn dhomh sìon a dhèanamh gun fhiosta dha mo phàrantan. Fhios agad, bha Dòmhnall, bràthair mathar, na cheannard aig Sgoil Phaibeil, agus Uilleam na cheannard aig Sgoil Lìonacleit, agus antaidh Mòrag ateagasg maths, agus Seonaidh Mhurchaidh, deagh charaid dhan teaghlach, ateagasg Gàidhlig agus mar sin air adhart, so cha robh cothrom agam a bhith, mar gum biodhbha mi afaireachdainn gun robh sùilean orm fad an t-siùbhail.

GW09.24: Tha mi atuigsinn sin. Tha mi atuigsinn sin. Ach bha thu afaighinn Gàidhlig aig Sgoil Lìonacleit.

CN09.30: Bha. Rinn mi Gàidhlig aig Sgoil Lìonacleit, ach cha do rinn mi Higher Gàidhlig. Rinn mi dìreach Standard Grade Native Speakers’, agus an uair sin cha do rinn mi. ..

GW09.39: An robh cuspairean eile air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig aig Sgoil Lìonacleit aig an àm?

CN09.42: Cha robh. Cha robh cuspairean sam bith sa Ghàidhlig. Dìreach Gàidhlig fhèin.

GW09.50: Agus an uair sin, dìreach gu Dùn Èideann, no. .. ?
CN09.53: Chan ann. Chaidh mi dhan t-Sabhal Mhòr san Eilean Sgitheanach airson bliadhna. Aig an àm, nuair a bha mi nam dheugaire, cha robh, really, ùidh sam bith agam sa Ghàidhlig. Cha robh mi ga bruidhinn, cha robh, cha robh ùidh agam ann. Sin as coireach nach do rinn mi an Higher agam. Bha – ’s e ceòl an rud bu mhotha. Bha mi acluich am piano, agus bhabha mibha beachd agam feuchainn ri faighinn a-staigh dhan chonservatoire ann an Glaschu. Sin am plana a bhagam. Ach dìreach aig deireadh an còigeamh bliadhna, bha mi dìreach sgìth dhen sgoil, agus tha cuimhne agam dìreachd a bhith asmuaintinnOh, chan eil mi idir airson a dhol air ais son an t-siathamh bliadhna. s urrainn dhomh a dhèanamh?” Agus bha grants math aca aig an àm airson an t-Sabhail Mhòir, so chaidh mi ann. Chaidh mi an sin airson bliadhna.

GW10.50: rinn thu an sin, ma tha? HNC no. .. ?
CN10.52: ’S e HNC ann an a bhann? – Gnìomhachas is Gàidhealtachd Studies, no rudeigin mar sin. Chan eil cuimhneyeah. Sin a bhann.

So, rinn mi sin, agus chòrd e rium. Bha, bha deagh chrowd an sin aig an àm. Tha sinn fhathast, cuid againn, in touch le chèile. Amhòr-chuid ag obair ann an saoghal na Gàidhlig.

GW11.22: Seadh, aguss ann mar sin a chaidh do ghlacadh leis aGhàidhlig aig an deireadh.

CN11.25: ’S ann, yeah. So cha robhagus cuideachd, tha mi asmaoineachadhcha robh mi afaireachdainn uamhasach misneachail mun Ghàidhlig, agus chanainn, cha robh aGhàidhlig agam uamhasach fhèin math idir idir, aig an àm sin. Cha robh mi air a bhith ga chleachdadh is ga bhruidhinn. Agus cha robh, well, cha robh oideachadh san sgoil a bharrachd air Gàidhlig fhèin.

Agus chanainn gun robh e lapach. Cha robh misneachd agam. Ach nuair a chaidh mi dhan t-Sabhal Mhòr an uair sintha mi acreidsinn air sgàths, well air sgàths gun robh amhòr-chuid ag ionnsachadhan uair sin bha barrachd misneachd agam, thoradh dhaithnich mi gun robh Gàidhlig gu leòr agam, agus thug e, caran, misneachd dhomh, agus tha mi acreidsinn gun do dhfhàs mis dòchayou know, bha mi caranbha spèis agam an uair sin dhan dualchas, chanainn, nach robh agam ron sin, as dèidh dhomh coinneachadh ri daoine eile a bha airson ionnsachadh agus aig an robh ùidh sa chultar on tàinig mise.

GW12.45: Agus an uair sin Dùn Èideann.

CN12.47: Agus an uair sin Dùn Èideann. So chaidh mi ann airson Celtic Studies a dhèanamh.

GW12.52: Agus airson faighinn air falbh bho Uibhist. ..

CN12.56: ’S e. Agus chaidh mibha mibha amhòr-chuid de dhaoine às na h-eileanan adol gu Glaschu no Obar Dheathain aig an àm, agus bha mise, as dèidh mar a bha cùisean aig an sgoil agus an teaghlach agam ateagasg, bha mi airson teicheadh. So chaidh mise a Dhùn Èideann, ach bha dùil agam Celtic Studies a dhèanamh. Agus thòisich mi air sin, agus rinn mi Scottish Ethnology aig Sgoil Eòlais na h-Alba mar, mar gum biodh, outside subject aig an àm, ach cha bfhada guswell, bhuail e orm gun robh barrachd agam ri ionnsachadh anns an SgoilSgoil Eòlaisna bha sa Roinn Cheiltis, thoradh, well, cha robh Gàidhlig aig amhòr-chuid sa Roinn Cheiltis. Agus bha e gu math dòrainneach leis an fhìrinn innse. Bha iad dìreach adol timcheall aleughadh text agus ga eadar-theangachadh. Agus cuid dheth, bha mi air a dhèanamh san sgoil, mar thà. Agus bha mi ga fhaighinn gu math dòrainneach.

Bha am bàrdachd math, fhios agad, na clasaichean le Raghnall MacIlleDhuibh. Bha sin math. Achs e na clàraidhean anns an Sgoil a ghlac maire agus mo chridhe, chanainn. Fhios agad, dìreach a bhith ag èisteachd ri na guthan agus na sgeulachdan bho na seann daoine aig an robh, dìreach, Gàidhlig cho eireachdail sa ghabhas. Aguss e sin a bha mi airson a dhèanamh, seach a bhith adol timcheall air clas aleughadh a-mach bàrdachd bhon ochdamh linn deug, no ge brith a bhann. Bha mi airson rudeigin nas beòthaile, tha mi asmaoineachdainn, ionnsachadh.

GW15.07: Sgrìobh thu pìos airson an West Highland Free Press air an t-seachdainn sa chaidh, tha mi asmaoineachadh. Agus bha thu abruidhinn mu dheidhinn sineach, agus na dhionnsaich thu aigann an Dùn Èideann, agus na tidsearan a bhagad ann a shin, agus Mòrag NicLeòid. Bha ise gu math cudromach dhut airson òrain Gàidhlig ionnsachadh.

CN15.30: Bha, tha mi asmaoineachadh gun robh sinne, an clas a bhagainne aig an àm, gu math fortanach, thoradh tha cha mhòr a h-uile duine a bha ateagasg an uair sin air an oilthigh fhàgail, ach bha, bha Mòrag dìreach cho laghach fhèin rium, agus mise cho aineolach.

Acoimhead air ais, tha mi dìreachyeah, chan urrainn dhomh creidsinn cho aineolachs a bha mi, gu h-àraid a thaobh na h-òrain, thoradh cha robh mise riamh air seinn no a bhith an sàs sna h-òrain no sìon. Agus thòisich Mòrag atoirt dhomh, mar gum biodh, acur a-mach teip dhomh a h-uile seachdainn. ’S e na reel-to-reels a bhann agus bha mise adol suas, agus afeuchainn ri transcriptions a dhèanamh.

Agus, oh, bha e cho doirbh dhomh, thoradh cha robh mi eòlach air an cainnt a bha sna h-òrain aigwell, bha mi ochd bliadhna deug, tha mi acreidsinn, no naoi bliadhna deug, ’s dòcha, cha robh mi eòlach air, mar gum biodh, na h-iomhaighean agus an cainnts a h-uile rud a bha sna h-òrain. Agus bha mi afeuchainn ri rudan a sgrìobhadh sìos, agus atoirt gu Mòrag, agus bhiodh ise adol troimhe agus ga cheartachadh dhomh. Agus mean air mhean, tha mi asmaoineachadh gun do dhfhàs mi nas fheàrr air. Agus mu dheireadh, nuair a bha mi adèanamh na Honours agam, bha clas air an robhÒrain Gàidhligagus cha robhcha do rinncha do thagh duine sam bith eile e, so bha mise ga dhèanamh leam fhìn.

So bha e dìreachach mi asmaoineachadh gun robh, ’s dòcha, ceithir uairean san t-seachdainn, bha mi fhìn is Mòrag dìreach ann an rùm còmhladh agus bha ise dìreach gam theagasg, dìreach, a h-uile rud a thaobh, you know, fhios agaibh, ruitheam is meters is mar a bu chòir na faclan atighinngun robh na faclan nas cudromaiche na can, fonn is mar sin air adhart. Agus. ..

GW17.54: Agus mar a thèid iad còmhladh. ..

CN17.56: Agus mar a thèid iad còmhladh, agus cuideachd diofarna bàird baileagus na diofar seòrsaichean òrain agus mar sin air adhart. So bha i uamhasach fhèin laghach, agus gu math foighidinneach cuideachd.

Ach bha iad uileadh mar sin. Bha Iain Seathach cuideachd uamhasach fhèin, uamhasach fhèin còir.

GW18.24: ’S e a bha adèanamh oral tradition.

CN18.27: ’S e. Oral narrative, mar a bhaca air. Aguss e sin a rinnrinn mise an trachdas agam air sgeulachdan ann an Uibhist a Tuath.

GW18.44: Glè mhath. Agus an uair sin, obair. Fhuair thu obair aig Tobar an Dualchais.

CN18.50: Well, an toiseach bha mi ag obair aig Taigh Chearsabhagh. Thàinig mi air ais a dhUibhist agus bha mi ag obair aig Taigh Chearsabhagh an toiseach. Agus beagan bhliadhnaichean as dèidh sinnuair a bha mi san Oilthigh, bha feadhainntha mi asmaoineachadhbha Màrtainn Mac an t-Saoir is feadhainn eile an sàs ann a bhith afeuchainn ri Tobar an Dualchais a thòiseachdainn, yeah.

Agus bha sin adol nuair a bha mi san oilthigh, so bha fios agam gun robh e san amharc, ’s gum biodh e atighinn suas, ach bha beagan bhliadhnaicheantha mi asmaoineachadhs dòcha sia bliadhna as dèidh dhomh ceumnachadh, thòisich am pròiseact. Agus fhuair mi obair maros cionn na cataloguers airson aphròiseict.

GW19.33: Cothrom air leth eile, tha mi asmuaintinn.

CN19.36: Cothrom air leth. ’S e. Fhuair mifhuair mi, mar gum biodh, sealladh air an tasglann air fad, thoradh bha agamsa ri coimhead air a h-uile teip agus ga chur a-mach gu cataloguer. Tha mi asmaoineachadh gun robh, ’s dòcha, fichead, co-dhiù fichead cataloguers againn air feadh na dùthcha. Agus bha agamsa ri, mar gum biodh, coimhead air gach teip, agus bha air, agus ga chur gu cataloguer air choireigin. Mar sin, fhuair mi dìreach sealladh gu math gu math farsainn air an tasglann agus na bha ann.

GW20.20: Agus bha thu adèanamh na h-obrach sin ann an Uibhist fhèin.

CN20.23: Ann an Uibhist, bhon dachaigh. Bha. Bha e uamhasach, uamhasach math. Cothrom math a bhann.

GW20.33: Rinn sinnaig Guthan nan Eilean, rinn sinn film mu dheidhinn an Digitisation Centre shuas ann an Loch Baghasdail. Tha cuimhne agam a bhith abruidhinn ri na daoine a bha ag obair ann, agus mar a bha e acòrdadh riutha, dìreach, na h-òrain às an àite fhèin a chluinntinn fhads a bha iad ag obair. Cothrom air leth a bhiodh ann, tha mi cinnteach.

CN20.56: ’S e, ’s e. Yeah, bha mi adol sìos an sin bho àm gu àm, ach mar as motha bha mi dìreach aig an taigh. Ach bha e, bha e uamhasach fhèin math, fhios agad, le clann san sgoil. Bha e cho sùbailte. Bha e math.

GW21.16: Agus tha thu ag ràdh anns aphìos a tha sineach anns aphàipear gu bheil faireachdainn làidir agad mu dheidhinn an ceangal, mar gum biodh, eadar Gàidhlig agus, no aGhàidhlig a thagadsa co-dhiù, agus an t-àite seo fhèin. Chan eil fhios agam a bheil thu airson dad a bharrachd a ràdh mu dheidhinn sineach?

CN21.40: Well, tha e inntinneach. Tha tòrr deasbad, mar a tha fios agad, adol an-dràsta as dèidh dhan aithisg a bha sinThe Gaelic Crisis in the Vernacular Community”, agus on a thàinig sin a-mach, I mean, you know, cha do chuir sin iongnadh air duine sam bith a bha afuireach ann am vernacular community. Chan e naidheachd ùr a bha sin gun robh crisis ann.

Ach on uair sin tha deasbad air tòiseachdainn a thaobhwell, cuspairean a thaobh indigeneity agus ethnicity agus, tha mi smuaintinn, feadhainn a tha air Gàidhlig ionnsachadh, tha iad afaireachdainn gur anngur ann dhan a h-uile duine a tha aGhàidhlig. Agus tha mise ag aontachadh gu tur leis an sin. Duine sam bith a tha air Gàidhlig ionnsachadh, tha sin cho cudromach sa ghabhas. Ach aig acheart àm tha mi asmaoineachdainn gu bheil rudeigin diofraichte ann do dhaoine a rugadhs a thogadh sa chultar. Chan eil mi asmuaintinn gum burrainn dhut a ràdh gur e an aon rud a thann, thoradh tha an cànan ann, ach tha cultar ann cuideachd. Agus nuair a tha an rud còmhla agad, ’s e rud gu tur diofraichte a thann. Chan e dìreach cànan a thann.

Agus tha mise, tron obair agam sna bliadhnaichean a chaidh, tha mi air a bhith ag obair le daoine o dhùthchannan eile a tha abuinneadh do mhion-chultar, no a tha indigenous gu dùthchannan eile, agus chan eil trioblaidean acasan a bhith aradhWell, ‘s e, you know, tha mi indigenous”. You know, chan eil e connspaideach sam bith dhaibhsan a bhith abruidhinn mu dheidhinn sin, a bhith adeasbad mu dheidhinn sin, a bhith fosgailte mu dheidhinn sin. Agus nam bheachdsa bu chòir dhuinne a bhithbu chòir an cothrom againne a bhith abruidhinn mu dheidhinn sin, agus mu na faireachdainn a thagainn, agus na tha e aciallachadh. Tha mi asmuaintinn gu bheil e cudromach, agus tha mi asmaoineachdainn, mur am faigh sinn an cothrom sin a dhèanamh, gu bheil e cunnartach ann an dòigh, thoradh tha etha e gu math doirbh, tha e gu math doirbh, thoradh chan eil thu airsontha Gàidhlig gu math dlùth do dhuine sam bith às an àite, air neo cuideachd daoine a tha air Gàidhlig ionnsachadh, agus tha iad uairean is bliadhnaichean a chur a-steach dhan chànan. Agus chan e nach eil sin cudromach, achs e dìreach gu bheil e diofraichte, tha mi asmaoineachdainn, agus tha mi asmaoineachadh gum bu chòir dhuinn bruidhinn ma dheidhinn.

Agus chan eil fhios agamtha mi ag aithneachadh gu bheil e doirbh, agus ag aithneachadh gu bheil trioblaidean ann, agus ag aithneachadh nach eil freagairtean furasta ann. Ach tha mi asmaoineachdainn gu bheil e gu math cudromach gun tòisich sinn abruidhinn ma dheidhinn, agus gun tòisich sinn coimhead air tha air cùl na rudan sin, agus carson a tha daoine afaireachdainn mar a tha iad.

GW25.37: Yeah, glè mhath. Tha, tha e doirbh. Tha mi adol leat. Agus, well, chan e secret sam bith ann gu bheil mi fhèin afaireachdainn gu bheil an t-eòlas a fhuair mi fhèin on a thàinig mi seo cho cudromach dhomh a thaobh an sgil a thagam, beag no mòr a tha, anns achànan, ’s ann ann an sheo fhèin a dhionnsaich mi e. So, a-rithist, tha mi acreids’, you know, ’s e rud diofraichte a thann. ’S e experience eadar-dhealaichte a thann.

Agus ann an dòigh, ma tha sinn uileadh ag aontachadh nach e zero sum gamean gnothach sa bheil sinn an sàstha e doirbh ann an dòighwell, tha e furasta gu leòr ann an dòigh, ach ann an dòigh eile tha e doirbh dìreach a bhith atuigsinn carson a tha daoine afaireachdainn, tha daoine ga ghabhail san t-sròn, mar gum biodh, ma tha na h-eileanaich abruidhinn mu dheidhinn an t-àite sònraichte a thaig aGhàidhlig dhaibhsan.

CN27.03: Well, sin an rud. I mean, tha bacadh air a bhith air na h-eileanaich airson na ceudan de bhliadhnaichean. Agus sin as coireach gu bheil aGhàidhlig san stait sa bheil e. Agus, tha mi asmaoineachdainn, a thaobh slàinte-inntinn is rudan eile, tro na linntean, fhios agad, tha am bacadh sin air trioblaidean adhbhrachadh, chanainnsa.

Agus, mur an tèid aca air, no mur an tèid againn a-nist air seasamh suas agus a ràdh, “well, seo mar a tha sinn afaireachdainn”, agus mura bheil sinchan eil fhios agam aGhàidhlig airvalidated”, achmura bheil taic airson sin san dùthaich air fad, tha mi smuaintinn gur egu bheilgur e trioblaid a thann, nam bheachdsa.

Tha mi asmaoineachdainn gum bu chòir dhuinn coimhead air dùthchannan eile, agus bu chòir dhuinn ionnsachadh bho dhùthchannan eile. Agus tha mi asmaoineachadh gu bheil sinn fada fada fada air dheireadh san dòigh sin, san dùthaich seo. Agus tha mi asmuaintinn gur e – ’s e air sgàths gu bheil e cho, gu bheil eachdraidh na h-Alba chotha tòrr, bha an-còmhnaidh iomadh, bha an-còmhnaidh tòrrchan e gun robh aon chànan ann an Alba riamh, bha an-còmhnaidh diofar chànanan ann, agus mar sin chan urrainn dhut, mar gum biodh, ann an Èirinn a ràdh, “well, ‘s e Gaeilge a bhaca”. Chan ann mar sin a tha, agus tha e, mar sin, tha e nas duilghe rud nàiseanta, mar gum biodh, neo sgeulachd nàiseanta a bhith agad. ..

GW29.05: Mura h-eil thu agabhail ri ioma-chànanas mar gum biodh.

CN29.08: ’S e, ’s e. Agusach tha daoine, cha toil leotha rudan a tha – ’s toil leotha rudan a bhith sìmplidh. Agus chan eil seo sìmplidh. Tha seo gu math gu math doirbh, agus gu mathI mean, tha aGhàidhlig abàsachadh. Tha aGhàidhlig abàsachadh, agus chan eil achmar a sgrìobh mi san artagail sin cuideachdaGhàidhlig agamsa, chan eil achs dòcha, chanainn fiùs leth dhen bhriathrachas aig mathair, agus achlann agamsa an aon rud a-rithist. So sin ann an ghinealach, tha e air a bhristeadh sìos chun ìre sin.

Agus chan eil e gu diofar chanas duine sam bith rium. Tha e abàsachadh, agus tha crisis ann, agus mur an tòisich sinn air bruidhinn ma dheidhinn, bidh, ann an ceud bliadhna, bidh seòrsa de Ghàidhlig ann, ach cha bhi context air a shon, cha bhi cultar air fhàgail, agus cha bhibidh daoine dìreach abruidhinn Beurla sa Ghàidhlig, ma tha thu gam thuigsinn. Agus , you know, carson? Carson, am feum a tha sin? Nam bheachdsa.

GW30.35: Seadh. Co-dhiù, tha thu fhèin an sàs sa ghnothach, agus tha thu adol a chlàradh dathair a-rithist, tha mi asmaoineachadh.

CN30.43: Tha. Well tha an t-uamhas sgeulachdan aige, agus feuchaidh mi ri sin a dhèanamh.

GW30.48: Glè mhath. Bidh sinn acoimhead forward ri sin. Taing mhòr airson bruidhinn an-dràsta co-dhiù. Agus, yeah, bheir sinn sùil a-mach airson na clàraidhean eile a bhios tu adèanamh.

CN31.03: Yeah, feuchaidh mi co-dhiùma gheibh mi grèim air.

titleCurstaidh NicDhòmhnaill
internal date2021.0
display date2021
publication date2021
level
parent textStòras-beò nan Gàidheal
<< please select a word
<< please select a page