Eairdsidh Caimbeul

Fàilte, a Mhàiri, agus mòran taing airson ar faicinn an-diugh as an taigh agaibh fhèin air latha brèagha, an latha.. .an latha as fhaide den.. .den abhliadhna.

M[àiri R[obasdan]―00 .13: Uill, fear de na làithean.

EC―00 :14: Fear de na làithean co-dhiù. Sin agad e, tha.. .tha e math aghrian fhaicinn.

MR―00 :17: Nach eil? Math fhèin.

EC―00 :18: Gu dearbha fhèin e. Am burrainn dhuibh rud beag innse dhuinn dìreach mur deidhinn fhèin agus ur teaghlach, ciamar a tha iad gur sloinneadh as achoimhearsnachd is.. .?

MR―00 :25: Tha mi dìreach.. .tha mòran ainmean orm, achs e Màiri Dhòmhnaill Iain Anndra a chanas mise leam fhìn, nuair dhfhaighnicheas iad às.. . chanas iad ribh? Dìreach Màiri. Ach tha e coltach nuair a bha mi adol dhan sgoils e Màiri Bheag aGheamair a bhiodh aca orm son bha mathair na.. .na gheamair aig an àm.

EC―00 :41: Tha cuimhnam air.. .air sineach. Agus am biodh e ag obair? Am biodh e ag obair air oighreachd Uibhist a Deas, Beinn na Faoghla?

MR―00 :46: Uibhist a Deas, ’s ann, ’s ann, ’s ann.

EC―00 :49: Agus sin an t-àm a bhasyndicateann.

MR―00 :51: ’S ann, yeah. Chan e.. .uill, ronsyndicatecuideachd, chan eil mi buileach cinnteach an t-ainm a bhair na daoine, ach an e Bensons a bhann, achs ann às deaghaidh sineach ghabh ansyndicatee an.. .nuair a bha e ann. Bha mòran theaghlaichean as an.. .achs ann à shìos taobh.. .an ann àKilmarnocka bha e no na taobhan sin, ’s ann a bha am fear a bha os cionn ansyndicate, David Greig, Còirneal, Còirneal Greig. ..

EC―01 :24: Chuala mi an t-ainm sin, Còirneal Greig. Agus ris.. .agus an obair a bhaige mar gum biodh, an robh e.. .am biodh.. .an robh aige ri bhith a-muigh air an oidhche acumail sùil no.. .?

MR―01 :35: O, cha bhiodh.. .cha bhiodh esan.. .uill dìreach ageamaireachd. Bhiodh e afalbh sa mhadainn nam biodh.. .as agheamhradhs ann a bhiodh iad afalbh a shealg, cha robh esan agabhail turas ris an iasgach no ri na h-aibhnichean.

EC―01 :47: Seadh dìreach.

MR―01 :50: Bha, bha sin atachairt barrachd aig Uibhist a Deas na bha e ann am Beinn na Faoghla, is dìreach bhiodh e.. .nuair a thigeadh na daoine sineach is iad ag iarraidh cuideigin afalbh còmhla riutha uills e mathair is bhiodh iad afalbh gu math tràth madainn cuideachd leis an doillearachd, bhiodh iad.. .mun dèanadh iad ammorning flight, bhiodh iad afalbh is i fhathast gu math dorcha, bhiodh e afalbh às an taigh. Is bhiodh.. .bhiodh aige dìreach acoimhead às dèidh na sgàthan. .. na sgàthan a chanadh iad air an t-àite, bhiodh iad air a dhèanamh le fiodh, is adol a-staigh ann a shineach adol am falach air na. ..

EC―02 :30: Agus bhiodh iad asealg a-mach às a.. .a- mach às an sin.

MR―02 :31: Bhiodh, bhiodh, uh - huh.

EC―02 :33: Agus an e geàdh glas a bhann.. .gabh mo leisgeul.. .no an e an naosg.. .an robh.. .an robh diofar seòrsa eun ann aig diofar amannan den bhliadhna?

MR―02 :38: Bha, aig diofar amannan. Bhiodh an naosg car atòiseachadh a-null nuair a thòisicheadh iad, airson agheamhradh ron an t-seusan sin bhiodh naoisg is sineach is lachain is geòidh, saoilidh mi nach robh na geòidh cho pailtes a tha iad an-diugh.

EC―02 :57: Agus a thaobh foghlaim is sgoileadh, càite, càite an deach thu dhan sgoil?

MR―03 :01: Uill, cha robh aca aig an àm ach Cnoc na Mònadh.

EC―03 :04: Cnoc na Mònadh, seadh.

MR―03 :05: Mar a chanadh iad ann am Beurla, Torlum Junior Secondary School.

EC―03 :09: An e sin a bhann aig an àm, an robh.. .an robh.. .an robh àrd-sgoil ann cuideachd aig an àm sin?

MR―03 :12: Bha, dìreach suas chun an treas bliadhna, agus dhùin sin abhliadhna a bha mise shuas san sgoil, ann an naoi ceud deug trì ficheads a trì, agus an uair sins ann a dhfhosgladh Sgoil an Ìochdair.

EC―03 :25: Tha mi atuigsinn. Agus ris a bha e coltach a bhith san sgoil ann an Cnoc na Mònadh, an robh rudan ann a bha acòrdadh riut as an sgoil agus rudan nach robh is.. .?

MR―03 :34: Bha, tha mi cinnteach.. .uill, aig an àm bhitheamaid dìreach acoiseachd dhan sgoil cuideachd, ach thòisich an uair sin.. .bhitheamaid afaighinn am bus, chan eil fhios am an robh còir againn ach nam biodh droch thìde ann bhitheamaid afalbh air.. .air abhus, son a shioft sinn sìos gu ceann shìos a.. .abhaile.

EC―03 :48: Seadh, an robh sibh afuireach. .. an robh sibh afuireach an toiseach, an robh sibh afuireach ann an Grìm.. .ann an Grìminis?

MR―03 :52: Grìminis.

EC―03 :52: Grìminis fhèin, tha mi atuigsinn.

MR―03 :56: ’S ann. Agus na rudan a chòrd rium chan eil cuimhn am. . .bu toil leam.. . chanas sibh airsonGeography, a bheil.. .?

EC―04 :04: Tha am facal ann Cruinn-eòlas ged nach eil mi eòlas.. .eòlach air mi-fhìn ach Cruinn-eòlas.

MR―04 :09: Uill, bu toil leam sineach.

EC―04 :11: Ùidh, ùidh agad ann an dùthchannan eile is cleachdaidhean daoine eile is. ..

MR―04 :16: Bha, ach a bharrachd air an sin, cha robhreallyuimhir ghnothaichean ann airson a bhith ag ionnsachadh seach mar a tha an-diugh.. .chì mise.. .uill, nuair a bhios mi timcheall an àrd-sgoil.. .uill chan e an àrd-sgoil ach adol a-staigh dhan.. .can sgoil Bhaile aMhanaich tha iad.. .gnothaichean air na ballaichean ann a shineach, chan eil fhios am ciamar a dhionnsaich sinn dad idir, nuair a chì thu rudan a tha air a dhèanamh agus rudan a tha iad ag ionnsachadh an-diugh.

EC―04 :42: Gun teagamh, ach an canadh tu gun robh deagh fhoghlam ann aig an àm, gun robhyou know.. .gun robh.. .gun robh sibh afaighinn rudan a bha.. .you knowa bha, bha riatanach co-dhiù airson.. .?

MR―04 :49: Bha, tha mi cinnteach.. .mar a bha mi ag ràdh tha.. .uill bha sinn.. .tha mi cinnteach car air an iomall, cha robh e mar a tha iad an-diugh adol.. .na sgoiltean adol an lùib a chèile, uill chan eil ann ach an aon Lìonacleit a-nist ach, can an taca ri tìr-mòr cha bhiodh. ..

EC―05 :04: An robh tòrr sgoiltean ann am Beinn na Faoghla aig an àm sin?

MR―05 :08: Uill, nuair a bha mise sa bhun-sgoil, bha Cìlearabhagh fhathast fosgailte agus bha Baile aMhanaich ann agus Cnoc na Mònadh noTorlummar a chanadh, Cnoc na Mònadh chanadh sinne, yeah.

EC―05 :25: Agus .. . bha os cionn na sgoileadh aig an àm sin?

MR―05 :28: Fear à Barraigh a bhann, DòmhnallMacLean.. .Dòmhnall MacIlleathain.

EC―05 :30: O, Dòmhnall.. .bha Dòmhnall MacIlleathain ann an.. .ann an.. .ann an Cnoc na Mònadh?

MR―05 :33: Bha, bha, gus an do dhùin i.

EC―05 :36: Agus an uair sin chaidh e dhan Ìochdar.

MR―05 :39: Dhan Ìochdar. Chan eil fhios am an deach esan dhan Ìochdar no chan urrainn dhomh a ràdh.

EC―05 :44: Bha e agamsa san Ìochdar, Dòmhnall, nuair a bha mise ann as.. .as na seachdadan bha.. .bha Dòmhnall na.. .na cheann-sgoileadh aig an àm sin.

MR―05 :52: Ach an uair sin chaidh Cnoc na Mònadh a dhèanamh na bun-sgoil nuair a dhùin. ..

EC―05 :58: Agus cia mheud sgoilear a bhann can aig an àm sin is tu fhèin ann, an robh.. .an robh deannan math ann?

MR―06 :04: Chan eil fhios am, bhiodh.. .chan eil fhios am am biodh ceud ann, sons e còig rumannan a bhann. ’S e bha trì gu h-àrd. ..

EC―06 :11: ’S e sgoil glè mhòr.. . ’s e sgoil glè mhòr a bhann.

MR―06 :13: Bha trì seòmaran gu h-àrd is bha a dhà gu h-ìosal, is cha chanainn gun robh cus as na rumannan eadar.. .shin e.

EC―06 :24: Agus am biodh clann atighinn à. .à Cnoc na Mònadh fhèin is Grìminis is Creag Goraidh is Lìonacleit is cuideachd aguss dòcha an t-Uachdar Beinn aBhaoghla cuideachd is Gramasdal is.. .?

MR―06 :36: Bha, bha. Ach cha robh gin de clann saighdearain againn an uair sin, bha an t-arms dòcha gun tighinn ceart an uair sin, cha robh. ..

EC―06 :43: ’S dòcha gun robh iad à Baile aMhanaich cuideachd.

MR―06 :44: Bha iad ann am Baile aMhanaich ach cha robh.. .cha robh duine.. .is mise ann an Cnoc na Mònadh, tha. ..

EC―06 :51: Agus a bheil cuimhnagaibh a bhith acluiche geamaichean nuair a bha sibh afaighinn rud beag fois bhon na.. .bho na leasain no an robh.. .?

MR―06 :57: Cha robh. Bhitheamaid a-muigh nam biodh deagh latha ann, bhitheamaid acluiche rud a chanadh iadrounders, mar gum biodh ball againn is bhiodh pìos maide, sin nuair a bhiodh.. .tha cuimhnagam sa gheamhradh nuair a, nuair a bhiodh reothadh ann - saoilidh mi gun robh barrachd reothadh againn na tha sinn afaighinn a-nistbhiodh na.. .na gillean air bocsaicheancardboardaslaighdeadh sìos an. ..

EC―07 :22: O, tha leathad.. .tha leathad car cas ann, nach eil ann an.. .ann an Cnoc na Mònadh?

MR―07 :26: Adol sìos air an sin. Ach a bharrachd air an sin chan eil fhios am. . .bha cuideachd air an taobh-a- muigh den togalach, bha caranstepàrd ann, agus bhitheamaid afeuchainn ri coiseachd air an.. .air an sineach agus nuair a bha thu atighinn dheth is bha an uair sin bha thu adol timcheall is bha thu coiseachd air adol timcheall a-rithist, cha robh goireasan againn.

EC―07 :46: Ach bha sibh fhèin gan dèanamh.

MR―07 :47: Bha, bha.

EC―07 :50: Agus an uair sin dhùin Cnoc na Mònadh mar.. .mar àrd-sgoil is bha agaibh ri gluasad gu.. .gu sgoil eile mar gum biodh.

MR―07 :59: Chaidh mise an uair sin gu tìr-mòr, chaidh mi dhan cholaiste ann amPlockton.

EC―08 :04: So rinn sibh eadar.. .eadar Cnoc na Mònadh agus.. .agus sin a dhèanamh mar gum biodh, an robh.. .?

MR―08 :09: Tha e doirbh a ràdh an uair sin bha mi ullamh bhon a dhùinear deireadh na bliadhna san Òg-mhìos.

EC―08 :14: Tha mi atuigsinn so bha sibh.. .bha sibh air àrd-sgoil.. .foghlam àrd-sgoil a dhèanamh.. .a dhèanamh ann an Cnoc na Mònadh?

MR―08 :18: Bha, chun an.. .chun an treas bliadhna, bha thu afàgail aig còig deug an uair ud. Tha e air atharrachadh on uair sin. An uair sin chaidh mi dhan.. .a- mach as aPhloc.

EC―08 :28: An e sin Caisteal. ..

MR―08 :29: CaistealDuncraig.

EC―08 :30: Duncraig. Agus ris a bha sin coltach a bhith ann.. .an robh.. .?

MR―08 :34: Bha, a-rithist bha e gu math eagalach, cha robh.. .oir aig an àm ud bha thu afalbh, cha robh fhios agad bha romhad, adol ann gun duine còmhla rium, an aon rud bha dìreach thachair mi ri dithist a bha afalbh aig an aon latha.. .san aon latha leam, thachair mi orra Loch nam Madadh, mathair aig Locha nam Madadh is bha fhios aigesan no dhaithnicheadh e an teaghlaichean aig feadhainn aca, is cha robh agam ach à-san a leantail. Is an uair sin a dhol air trèana às an sineach is bha.. .fhathast thaDuncraigtha e.. .bidh an trèana astad son an àite sin fhèin. Chan eil.. .chan eil ann ach bocsa beag, chan eil.. .uill, tha gnothaichean aig an trèana air atharrachadh cho mòr a-nis co-dhiù chan eil iad mar a chanas iadmanned.

EC―09 :24: Aguss e.. .an e seann chaisteal.. . ’s e caisteal a bhann mar gum biodh, no, no taigh aig duinuasal no rudeigin.

MR―09 :30: ’S e, feareigin Matheson tha e coltach gun e thog e, is tha e coltach gun do rinn esan airgead thall-thairis airopium.

EC―09 :38: An e sin am fear a bha ann an Steòrnabhagh cuideachd, am fear a thog Caisteal.. .Caisteal Leòdhais? ’S e.. .an e.. .an eSirJames Matheson, rudeig.. .rudeigin mar sineach co-dhiù.

MR―09 :45: ’S e, ’s e tha e coltach.

EC―09 :47: Bha e ann an Hong Kong is sineach.

MR―09 :48: Bha.

EC―09 :49: Seo nist. Agus ris a bha e coltach a bhith ann a shin? Àite car iomallach tha mi. ..

MR―09 :56: ’S e, tha mi cinnteach uill gun robh beagan cianalais orm aig toiseach gnothach, bha.. . ’s ann.. .a bhith ann an taigh mòr, bha na seòmaran cho mòr is bha craobhan timcheall air, cha robh mi eòlach air craobhan.

EC―10 :08: Cha bhiodh.

MR―10 :09: Cha bhiodh.

EC―10 :11: Agus an e.. .an e boireannaich a bhann a-mhàin, an robh.. .cha robh fir sam bith mar gum biodh nan oileanaich as acholaiste?

MR―10 :17: Uill, bha janitorann.

EC―10 :19: Bha ag obair ann, ach.. .ach cha robh.. .cha robh duine sam bith ag ionnsachadh.. .cha robh fireannaich sam bith ag ionnsachadh ann, mar gum biodh.

MR―10 :23: Cha robh, cha robh.

EC―10 :24: Agus ciamar a thàinig e gu bhith na cholaiste mar gum biodh, an taigh sin? An robh.. . thachair is gun do.. .an do dhfhàg Sir Seumas e aig.. .aig achoimhearsnachd?

MR―10 :33: Dhfhàg, dhfhàg aig Siorrachd Rois.

EC―10 :35: Siorrachd.. .Siorrachd Rois. Agus am biodh boireannaich òga à eileanan eile.. .eile ann is tìr-mòr cuideachd?

MR―10 :42: Bha, o bha son is ann às na h-eileanan bu mhotha a bha.. .uill chan ann, bha deannan às Leòdhas agus bha.. .chan eil cuimhnam, feadhainn às Na Hearadh is bha iad.. .na h-eileanan, an robh eileanan eile ann, chan aithne dhomh. Cha robh duine à Barraigh ann, is mise ann. Dìreach Leòdhas is Na Hearadh is an t-Eilean Sgitheanach, bha an còrr à tìr-mòr, an t-Eilean Dubh is Inbhir Nis.

EC―11 :13: Siorrachd Rois tha mi acreidsinn, timcheall.. .timcheall na sgìrean sineach.

MR―11 :14: Siorrachd Roiss e. Bha is suas a tuath, Cataibh bha iad às an sin.

EC―11 :20: Agus an e.. .an robh.. .an e àite spòrsail a bhann? An robh. .. an robh.. .an robh cothrom agaibh faighinn a-mach às an àite airson beagan.. .beagan dibhearsan mar gum biodh?

MR―11 :26: Bha air Disathairne, dìreach Disathairne, cha robh mòran.. .aidh, nuair.. .tha.. .dìreach air Disathairne bhitheamaid adol a-staigh dhan Chaol air an.. .air an trèan’. Agus cha bhiodh againn ach beagan airgid airson a chosg, chan fhaigheadh tu mòran co-dhiù agus bha agad an uair sin ri a bhith air ais a-rithist ann an àm airson. ..

EC―11 :47: Bha e car coltach ri sgoil seach colaiste, ’s dòcha?

MR―11 :49: Bha, tha mi cinnteach, bha.

EC―11 :51: Mar a chitheamaid an sgoil san latha an-diugh. Agus innis dhuinn mu dheidhinn latha as acholaiste, .. . an seòrsa latha a bhiodh ann mar gum biodh, an robh sibh atòiseachadh gu math tràth air leasain is. ..

MR―12 :00: Bha, dìreach mar gum biodh an sgoil faodadh, faodadh tu a ràdh, bha sin ann. Bha an uair sin feasgaran às dèidh sineach bha agad pàirt a ghabhail de naduties, bhiodh tu acur a-staigh na bùird no atoirt air falbh na soithichean is gan dèanamh deiseil airson na, na madainn is. ..

EC―12 :19: Aguss e trèanadh a bhann ann an còcaireachd is rudan mar sin.. .?

MR―12 :21: ’S e, is fuaigheal, bha fuaigheal ann cuideachd, bha, agus na rudan eile a bhann.. .dìreach bha.. .mar gum biodh latha-sgoile, bhiodhte afaighinn angym teacherbhiodh i atighinn, is bhitheamaid acluichenetballis.. .chan eil cuimhn am na rudan eile a bhagainn an uair sin.. .tha, tha deagh ghreis on a bha mise san àite is.. .tha.

EC―12 :44: Gun teagamh, gun teagamh. Agus mu dheidhinn faighinn dhachaigh, an robh sin aig.. .aigs dòcha aig àm na Càisge no samhradh no. ..

MR―12 :51: ’S e, dìreach aig amannan.. .dìreach trì tursan sa bhliadhna faodaidh tu a ràdh. Cha bhiodh tric. Ach bhiodh.. . ’s dòcha gum biodh deireadh-seachdain againn dheth, chan eil cuimhnam an-dràsta dìreach cuin, ach bhithinn adol suas, bhitheamaid adol air.. .air an trèana dhInbhir Nis is bhithinn adol a-null gu Ceasag, bha a bhuineadh dha mo sheanmhair thall ann a shineach is bhithinn acur seachad. ..

EC―13 :12: Nam biodh càirdean agaibh dhfhaodamaid.. .dhfhaodadh sibh a dhol a-mach ùine a chur seachad còmhla riutha.

MR―13 :19: Is aig an uair ud cuideachd bha againn a h-uile oidhche Sàbaid no.. .bha againn litir a sgrìobhadh dhachaigh, cha robh, bha.. .agus. ..

EC―13 :29: An e sin rud a bha acholaiste fhèin ag ràdh mar gum biodh, cha robh.. .?

MR―13 :32: ’S e, ’s e bha agad ri.. .ri dhèanamh, yeah. Is bhiodh tu afaighinn.. .na bhagad de dhairgeads ann tron phost a bhiodh e atighinn is bha sin adèanamh aghnothaich, yeah. Is cuideachd bha.. .dhfhaodadh tu fònadh aon oidhche as t-seachdain, bha sin ann am bocsa le puta.. .putain.

EC―13 :52: An robh A agus B ann?

MR―13 :53: Bha.

EC―13 :54: Tha mi cinn.. .tha cuimhnam air an seòrsa fòn.

MR―13 :56: Tha.. .bha.. .dud eile a bhagainn ri dhèanamh? Bha.. .o, uill, bhiodh againn ri suidhe as an rùm a tha seo, san rùm a chanadh iadrecreation roomair oidhche na Sàbaid ag èisteachd le Alistair Cooke agus nuair a chluinneas mise fhathast air Alistair Cooke bidh mi acuimhneachadh, ’s e, ’s e rud an can iad an-diughs edetentiona bhann, yeah.

EC―14 :20: Alistair Cooke, an e sin am fear a bha adèanamh Litir bho.. .Litir.. .Litir bho Ameireaga?

MR―14 :23: Ameireaga, ’s e, ’s e.

EC―14 :24: Seadh is tha.. .tha thu, tha thu, bha thu air do.. .do leamhachadh leis tha mi asmaointinn.

MR―14 :30: Feumaidh gun robh e air gràin a chur orm.

EC―14 :36: Agus uill àite.. .àite iomallach co-dhiù gun mòran chothroman faighinn air falbh. Agus cho fads a bha sibh an.. .?

MR―14 :42: Bha mi dìr.. .bha mi bhliadhna nam oileanach air.. .cha robh ann ach uimhir seo a dhàite ann airson faighinn air an dàrna bliadhna is dhfheumadh tu uimhir seo demarksfhaighinn airson gum faigheadh tu an dàrna bliadhna a dhèanamh, is mura do r.. .mura an robh iad math gu leòr chan fhaigheadh tu an dàrna bliadhna a dhèanamh. Ach an uair sin ghabh mi bliadhna is bha mi ag obair as achidsin a bha.. .cidsin air leth ann cuideachd airson dèanamh am biadh dha na h-oileanaich air feasgar agus deireadh na seachdaine, Disathairne.

EC―15 :11: An robh am biadh ceart gu leòr agaibh is.. .?

MR―15 :12: Bha, bha sinn.. .bha.

EC―15 :13: Is.. .is. .is gu leòr dheth?

MR―15 :15: Gu leòr dheth, is bha rudan nach fhaca mise a-riamh roimhe gus an. ..

EC―15 :19: So bha sibh afaighinn cothrom a bhith agabhail blasad de rudan a bha.. .?

MR―15 :21: Bha, is acur cuideam orm, aidh, so sin.. ..

EC―15 :26: Agus an robh thu afaighinn cothrom.. .tha fhios am gu bheil thu measail air a bhith acoiseachd san latha an-diugh, an biodh tu acoiseachd nuair a bha thu afuireach.. .afuireach ann a shineach, bha cothr.. . ’s e sgìre àlainn a thann, nach e?

MR―15 :31: Bha, bha cuideachd. Aidh, a-rithist dhfheumamaid a dhol a choiseachd feasgar na Sàbaid is tu..

EC―15 :37: Dhfheumamaid a dhol a choiseachd?

MR―15 :39: Uill, faodaidh mi ràdh gum feumadh, mura robh thu as ansick bay. Aon turas chaidh mi ann a shineach, nuair a ghabh mi.. .an e an t-at-busach, so. ..

EC―15 :51: Seadh. Ach a bharrachd air sin bha thu.. .bha thu gu math fallain.

MR―15 :56: Bha, cha robh mi ann idir, cha robh.

EC―15 :58: Agus an e.. .an e àite Gàidhealach a bhann timcheall, an robh sibh acluinntinn Gàidhlig timcheall air.. .air.. .air acholaiste?

MR―16 :06: Chan urrainn dhomh a ràdh gun robh, dìreach bha Gàidhlig gu leòr eadar sinn, dìreach bhiodh Mòd ann, Mòd aChaoil againn pàirt a ghabhail anns an sin, bha. Tha cuimhnagam gun e Seonaidh Ailig Mac aPhearsain fear de na.. .an fheadhainn a bha air mo bheulaibh turas.

EC―16 :21: Sin an tidsear is craoladair is iomadach rud eile.

MR―16 :22: ’S e, ’s e. Taigh aGhearraidh a bha e.

EC―16 :26: Taigh aGhearraidh, seadh. Agus bha esan adèanamh, an robh.. .an robh esan mar bhritheamh aig aMhòd, no bha.. .?

MR―16 :31: Bha. Tha mi asmaointinn gur ann h-ann am Port Rìgh a bha esan ateagasg aig an àm.

EC―16 :36: Bha e ateagasg thall is a-bhos, nach robh, air aGhàidhealtachd? So sin agad, sin agad Caisteal Dhùin Chrathaig co-dhiù.

MR―16 :44: ’S e, ach bha deannan aig na gillean ann an.. .chan e gun robh mise a-riamh ann am Balmacara, ach bha e caran. ..

EC―16 :50: Agus bhiodh iad adèanamh an sin?

MR―16 :51: Bha à-san mar gum biodh ag obair.. .na cruitearachd agus an robhforestryann, shin agad an rud, craobhan is sin. Chan e gun robh mi.. .cha deach mise a-riamh thall an sineach aig an àm, ach an uair sin aig.. .aig Nollaig bhiodh iad atighinn a-nall is gu pàrtaidh ann an.. .gu Duncraig, bhiodh iad afiathachadh.. .saoilidh mi nach robh uimhir acasan anns a bha againn.. .bha againn an toiseach. Bha àite ann airson trì fichead, ach aig an àm sin bha rud an cantedormsann, is bha iad diofar meudachd. Fear.. .as achiad fhear san robh mise bha sianar againn ann.. .o sin eile, bha.. .bha iad atighinn àOrkneycuideachd.

EC―17 :32: O, ceart.

MR―17 :33: Orkney, bha. Tha cuimhnagam dìreach bha . ..

EC―17 :37: Agus an robh gnothaichean afàs beagan na bu chofhurtaile mar a bha thu adol air adhart? An robh.. .an robh thu afaighinndormbeagan nas lughas dòcha no.. .?

MR―17 :42: Cha robh, cha do rinn e diofar. Is bha an uair sin nuair a rachadh tu dhan an dàrna bliadhna bha thu acoimhead às deaghaidh an fheadhainn a thàinig a-staigh air achiad bhliadhnas dòcha, shin e. Bha aon rùm tha mi asmaointinn gun robh deichnear ann, agus bha diofar.. .bha ainmean, ’s e ainm na.. .na h-eileanan a bhorra, bha. ..

EC―17 :59: Air na rumannan?

MR―17 :59: Na rumannan, isScalpayisRonais.. .chan eil cuimhnam dìreach.. .Eriskay, Barraigh, bha Uibhist ann is bha.. .chan eil cuimhnam de na rudan.. . na h-ainmean eile a bhaca.

EC―18 :15: Agus a bheil fios.. .fios cuin.. .cuin a dhùin e mar cholaiste, Dùn.. .? ’S e.. .chan eil e mar cholaiste san latha an-diugh a bheil?

MR―18 :20: Chan eil, chan eil. Chan eil mi adol a ràdh le cinnt dìreach an ann anns an ochd.. .an anneighty - nineno. ..

EC―18 :28: Chan eil e cho fìor fhada.

MR―18 :29: Chan eil e cho fìor fhada. Tha cuimhnam thog iad pìos leis cuideachd thug mi an aire, bha e air a dhèanamh leblocksis bha e acoimhead cho eadar.. .a- mach à àite taobh an.. .an t-seann chaisteil ann a shin.

EC―18 :41: ’S e togalach brèagha a thann, nach e? Chì thu.. .chì thu.. .is chì thu e bho astar cuideachd, nach fhaic, air an, air an trèana an sineach. So sin agad Caisteal Dhùin Chrathaig co-dhiù agus .. . rinn sibh an uair sin? An robh.. .an robh.. .an robh cothroman afosgladh a-mach, mar gum biodh?

MR―18 :55: Uill, bha mi aig an taigh, bha mi achiad.. .an aon turas a-riamh a bha mi air andole, bha mi air andoleeadar mu dhfhaoidte trì mìosan agheamhraidh a bha sineach, an uair sin toiseach trì ficheads a seachd chaidh mi a Dhùn Èideann dìreach an deaghaidh na BliadhnÙire, bha mi ag obair ann an sgoil ann a shineach airson gillean, gillean a-mhàin eadar aois a h-ochd is trì deug, bha mi sa chidsin ann a shineach, is thug mi bhliadhna ann a shin.

EC―19 :27: An e sin sgoil is mar gum biodh.. .prìobhaideach mar gum biodh?

MR―19 :31: ’S e, ’s, ’s e. Sgoil phriòbhaideach son gillean a bhinnte. Bha i a-muigh ri taobh Barnton, Cramond.

EC―19 :39: Ciamar a chòrd sin riut a bhith sa bhaile mhòr, uill baile reusanta mòr co-dhiù?

MR―19 :41: Uill, bha math gu leòr ach chan eil fhios am an e.. . ’s ann.. .san àite san robh mi bha e bìdeag.. .bha e a-mach às abhaile agus bha mi ag ionndrainn na.. .na Gàidhealtachd faodaidh mi a ràdh, agus rinn mi dìreach bhliadhna is chaidh mi an uair sin. ..

EC―19 :54: Bhiodh sin gu math diofraichte, agus an robh thu afuireach as an sgoil fhèin, an robh àite.. .an robh àite-fuirich agad as an sgoil?

MR―19 :58: Bha, shuas gu h-àrd, bha.

EC―20 :02: Agus an robh.. .am biodh tu adol dhan bhaile uair sam bith an robh.. .an robh.. .?

MR―20 :04: Bhiodh, nuair a bha latha dheth agam, bhiodh. Bha an uair sin, an ceann bhliadhna chaidh mi.. .ghluais mi dhan Ghearasdan. Bha mi aig obair eile a-rithist is bha mi ceangailte ri biadh, ’s ann as na taighean-òsta a bha mi, sin e.

EC―20 :18: Ag.. .agus ris a bha e coltach as aGhearasdan aig an àm sin, an e.. .an e àite trang a bhann, mar gum biodh?

MR―20 :23: Bha e trang gu leòr, yeah, leis a’ Phulp Mill.

EC―20 :26: Sin nuair a.. .nuair a dhfhosgail.. .bha mi asmaointeachadh air a’ Phulp Millagus. ..

MR―20 :28: Bha, bha amPulp Milladol. Uill, bha e adol treis mus deach mise ann, gun teagamh.

EC―20 :32: Agus tha fios gun tu.. .gun tug sin tòrr a-staigh dhan bhaile mar gum biodh, feadhainn às a h-uile àite tha mi acreidsinn.

MR―20 :35: Thug. Bha iad atighinn à Glaschu agus mu na.. . ’eil fhiosad na.. .na meadhanan shìos an sin de dhAlba.

EC―20 :45: Agus ris a bha an latha coltach, latha-obrach ann an taigh-òsta mar sineach, tha fios gun robh obair mhòr?

MR―20 :50: Uill, bha, nuair.. .nuair a bha.. .a h-uile samhradh bhiodh iad.. .bhitheamaid adèanamh sioftaichean, bhiodh tu air tràth gu.. .tha mi.. .teannadh aig a seachd gu leth-uair an dèidh dhà no bha thu adol air aig uair agus bha thu air gus dòcha deich uairean, a rèirs cuin a gheibheadh tu a huile sian.. .crìoch a chur air, sgioblachadh air falbh is glanadh às do dhèidh, yeah.

EC―21 :12: Seadh. Agus an robh thusa ag obair ann fad na bliadhna? Chan e.. .chan e rud mar gum biodh obair.. .chan e obair-shamraidh a bhann, bha.. .bha e agad?

MR―21 :16: Bha, chan e.

EC―21 :20: Agus am biodh tòrr atighinn a dhobair ann as t-samhradh, ’s dòcha feadhainn às na h-eileanan?

MR―21 :23: Bha, aig an àm sin bha, bha, bha.

EC―21 :28: Agus.. .aguss e sgìre gu math brèagha a thann an Loch Abar is An Gearasdan, an robh.. .an robh thu.. .an robh thu adol a-mach, acoiseachd is.. .?

MR―21 :35: Bhiodh, is coiseachd dìreach deireadh na seachdaine, Dihaoine bhiodh.. .bhitheamaid adol chun na, na dannsaichean, bhiodh diofarbandsatighinn a chluiche nuair.. .tha cuimhnam Wallochmor is. .. bha is Fergie.

EC―21 :54: Bha Fergie as an sgìre co-dhiù, nach robh?

MR―21 :55: Bha, yeah. Cha robh e cho fada sin air falbh. The Wick Scottish, bha. Chan eil cuimhnam an-dràsta an fheadhainn a bha.. .dhfhalbh an latha sin aidh is leithid an rud adol a-nist ann.

EC―22 :07: Sos e àite beòthail a bhann co-dhiù, a bhith afuireach as aGhearasdan, le measgachadh dhaoine ann is. ..

MR―22 :08: ’S e, ’s e. Bha, is bha iad às na h-eileanan eile.

EC―22 :15: Agus an robh coimhearsnachd làidir bho na h-eileanan as aGhearasdan mar gum biodh, an robh tòrr eileanaich.. .?

MR―22 :21: Bha, bha deannan, bha.

EC―22 :23: Agus bha gan tarraing mar gum biodh, an e.. .an e obair a’ Phulp Millis.. .?

MR―22 :26: ’S e, ’s e, chanainnsgun e sin bu mhotha a bhann, gan toirt ann.

EC―22 :31: Agus an robh àiteachan far an robh am barrachd dhiubh ann mar gum biodh, an robh.. .an robh.. .an robh sgìrean far am biodh am barrachd Ghàidheil mar gum biodh, an robh.. .?

MR―22 :40: Chan eil fhios am. . .is mi fhìn?

EC―22 :46: An robh tòrr as aChaol mar eiseimpleir, Cao.. .Caol aGhearasdain?

MR―22 :48: Bha, bha deannan math ann, bha.

EC―22 :49: Bha deannan math sa Chaol.

MR―22 :50: Bha, bha.. . ’s ann bhaInverlochybha an.. .uill toiseach nuair a theann BAs ann a bha sineach air a chur suas, bha na teaghlaichean gan cur ann a shin is bha iad.. .lean iad orra.. .is bha feadhainn a.. .chan eil fhios am an robh aig an àm ud aceannach nan taighean is cha robh.. .is bha e caran mun àm seo san robh mise.. .nuair a dhfhàg mi An Gearasdans ann a bha iad atòiseachadh aceannach nan taighean, bha iad afaighinn an cothrom so bha iad agabhail brath air an sin.

EC―23 :23: Agus cuideachd aig an àm sin tha mi cinnteach gum biodh.. .gum biodh clann à Uibhist atighinn dhan.. .dhan Ghearasdan dhan sgoil nach biodh, bhiodh deannan. ..

MR―23 :28: Dhan sgoil, bha, bha. Is bha mo phiuthar treis bha i afuireach ann anInverlochy, bha i afuireach còmhla ri teaghlach ann a shin. Tha cuimhnam bha triùir aca ann an.. .dithist pheathraichean à Lùdag bha iad an sin san.. .san aon taigh, bha.

EC―23 :48: So bha iad.. .bha iad aloidseadh as.. .as aGhearasdan.

MR―23 :49: Bha, bha.

EC―23 :50: Agus am faodadh iad taghadh eadar a bhith ann an loidseadh no a bhith as an ostail? Bha.. .bha ostail ann cuideachd, nach robh, bha.. .?

MR―23 :56: Tha e coltach, chan e gun.. .chan fhaca mise a-riamh anhostelach chan aithne dhomh gun robh mo phiuthar idir ann, bha ise.. .an toiseach bha i thall Caol aGhearasdain agus shioft i an uair sin guInverlochy, cha chreid mi gun robh achiad àite acòrdadh leatha, yeah.

title1
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textMàiri Robasdan
<< please select a word
<< please select a page