Eairdsidh Caimbeul
Fàilte, a Sheonag, agus mòran taing airson bruidhinn rinn an-diugh air latha brèagha, ann an Hàcleit co-dhiù. Am b’ urrainn dhu.. .am b’ urrainn dhuibh tòiseachadh le rud beag innse dhuinn mur deidhinn fhèin agus an teaghlach agus ciamar a thàinig sibh a bhith.. .a bhith ann a sheo?
S[eonag] S[mith]―00 :05: Uill, tha mi à teaghlach mòr, is mi an duine bu shine de sheachdnar as an teaghlach againne, dithis pheathraichean agus ceathrar bhràithrean a bh’ agam, agus bha sinne.. .bha mise air falbh ag obair fad mo bheatha agus thill sinn air ais an seo o chionn.. .mu chòig bliadhna fichead o thill sinn agus.. . ’s dòcha deich bliadhna fichead nas fhaisge air, thog sinn an taigh agus tha sinn a’ fuireach ann a sheo on uair sin. Thug m’ athair dhomh a’ chruit a bha seo son taigh a thogail oirre, agus tha mi dìreach cha mhòr.. .cho faisg ’s a ghabhas air far.. .far an.. .far an do.. .far an deach mo thogail. Agus chan eil an còrr den teaghlach agam a’ fuireach an seo ach mi fhìn san latha a th’ ann an-diugh.
EC―01 :07: Agus ciamar a tha iad gur sloinneadh? Dè.. .dè an t-ainm.. .dè chanas iad ribh ann a sheo?
SS―01 :12: Seonag Aonghais Iain Eòghainn.
EC―01 :13: Agus an robh sibh ag innse dhomh gu bheil.. .gu bheil càirdean agaibh ann an diofar eileanan a bharrachd air Beinn na Faoghla, à Uibhist a Tuath is Barraigh is.. .?
SS―01 :22: Tha, uill ’s ann à Barraigh a bha mo mhàthair agus ged a tha càirdean agam an seo air taobh mo mhàthar cuideachd – bha piuthar mo mhàthar i fhèin bha i pòsta ann a sheo. Agus mo sheanmhair air taobh Bharraigh ’s ann às.. .à Uibhist a Tuath a dh’fhalbh a sinn-seanair saoilidh mi, tha mi air a dhìochuimhneachadh an-dràsta gu dè, ach aidh tha càirdean agam air taobh mo mhàthar an seo, a bharrachd air.. .air taobh m’ athar.
EC―01 :52: Seadh, agus a thaobh sgoileadh agus foghlaim, cà’ an deach sibh dhan sgoil?
SS―01 :58: Chaidh sinn.. .uill, chan e sgoil a th’ innte an-diugh, sgoil bheag shìos an rathad ann a shin, Sgoil Chill Eireabhaigh agus an uair sin bha mi bliadhna ann an Sgoil Dhalibroig ach cha do chòrd e rium so thill mi, chaidh mi dha Sgoil an Ìochdair an uair sin.
EC―02 :11: Seadh dìreach agus ciamar a bha e ann an Sgoil Chill Eireabhaigh, cò ris a bha e coltach a bhith ann an sgoil bheag mar sineach, an robh e.. .?
SS―02 :19: Bha e glè laghach a chionn ’s bha fhios ag.. .b’ aithne dhut a h-uile duine a bh’ ann.. .a bh’ innte, is cha robh againn mar bu trice ach an aon tidsear, uaireannan bhiodh na dhà againn nam biodh na.. .na h-àireamhan a’ dol suas. Agus cha robh.. .tha an tidsear a bh’ agam, a’ chiad tidsear a bh’ agam nuair a.. .nuair a chaidh mi dhan sgoil tha i beò fhathast ann an Staoinibrig, Annag Beaton. Agus.. .cha robh i ach.. .feumaidh ach nach robh i ach na fhèin òg nuair a chaidh mise dhan sgoil, ach an uair sin bha i agam gus an do.. .gus an do.. .gus an do.. .gu a’ bhliadhna bho dheireadh dìreach, bha tidsear eile agam an uair sin, agus.. .Màiri Ulph so bha.. .bha.. .bha Sgoil Chill Eireabhaigh uabhasach laghach, bhiodh sinn.. .bha i.. .cha.. .cha robh na tidsearan nuair a.. .nuair a bha.. .nuair a bha mo pheathraichean is mo bhràithrean innte is mi.. .gu math na b’ òige na mise, cha robh an tidsear ach mar gum biodh seanmhair dhaibh, bha i.. .bha iad air am milleadh as an sgoil aice, so bhiodh a. ..
EC―03 :23: Bha sibh gu math dàn ri chèile mar gum biodh.
SS―03 :25: O, bha, bha, bha. Bha, is bhiodh aig àm nuair a bhiodhholidaysna, na.. .an t-samhraidh a’ dol a thighinn, làithean-saora an t-samhraidh bhiodh an tidsear a’ dèanamh picnic dhuinn agus rudan mar sin, taobh a-muigh ann an gàrradh na sgoileadh, a-muigh.. .a- muigh sa mhòintich, bhiodh sinn a’ dol a-mach air picnic.
EC―03 :41: Agus as an latha an-diugh ’s e taigh-còmhnaidh a th’ anns an sgoil, an e?
SS―03 :44: ’S e. Dà thaigh-còmhnaidh, tha an dà aig a’ Chomhairle, agus tha.. .tha taigh.. .far an robh taigh na tidseir agus far an robh an sgoil fhèin tha iad air an dèanamh suas nan taighean, dà thaigh. So tha e math gu bheil.. .gu bheil an sgoil air a ùisig.. . ’eil fhios agad, nach do leig iad leatha a dhol a dholaidh.
EC―03 :59: Seadh, agus an uair sin b’ fheudar dhuibh a dhol a Dhalabrog, tha e coltach?
SS―04 :04: O, dhan sgoil, aidh bha mi bliadhna an sin is bhiodh tu a’ loidseadh an sin, chan fhaigheadh tu dhachaigh ach. ..
EC―04 :09: Cha robh guth air bus no dad sam bith?
SS―04 :10: Cha robh an uair sin.
EC―04 :11: Agus an robh sibh a’ faighinn dhachaigh aig a’ weekendno.. .?
SS―04 :14: A h-uile deireadh-sheachdain.
EC―04 :15: A h-uile deireadh-sheachdain bhiodh.. .bhiodh sibh a’ faighinn dhachaigh an uair sin. Bhiodh tu a’ dol dhachaigh feasgar Dihaoine is. ..
SS―04 :19: Feasgar Dihaoine is tilleadh madainn Diluain. Bha e gu math doirbh sin a dhèanamh aig aona bliadhna deug.
EC―04 :24: Rud beag tràth son a bhith. ..
SS―04 :25: Bha an uair sin, aidh, bha. Shaoileadh tu ’s dòcha na h-uimhir dheth an-diugh.
EC―04 :28: Agus dè bha thu ag ionndrainn bhon dachaigh nuair a bha thu ann an Dalabrog?
SS―04 :31: Bha mi dìreach ag ionndrainn an còrr den teaghlach is bha.. . ’eil fhios agad bha iad uileadh na b’ òige na mise is na feadhainn bheaga is sin.. .ag ionndrainn a h-uile sian a bh’ ann.
EC―04 :37: Seadh, agus cò ris a bha e coltach a bhith a’ fuireach ann an àite mar seo ann an taobh.. .taobh an ear Bheinn na Faoghla, an e saoghal beag dha fhèin a bh’ ann ann an dòigh?
SS―04 :44: Cha mhòr nach e, ’s e, gu.. .gu cinnteach ’s e a chionn ’s cha biodh tuevena’ dol a Bhaile a’ Mhanaich ach.. .cha robh càraichean aig daoine an uair sin ann, cha robh.. .cha bhiodh tu a’ dol a Bhaile a’ Mhanaich.. .cha bhiodh sinne a’ dol a Bhaile a’ Mhanaich ach LathaSportsna Sgoileadh, aon latha as t-samhradh. Bha m’ athair ag obair ann am Baile a’ Mhanaich ach ’s e saoghal eile a bh’ ann dhuinne, agus bha sinne uabhasach fortanach nuair a bha sinn beag, cha robh ann de chloinn ach sinn fhìn tha.. .an toiseachd, thàinig aon teaghlach eile an uair sin nuair a chaidh mise dhan sgoil, bha an teaghlach sin air tighinn faisg oirnn, ach ’s e seann daoine a bha mu chuairt oirnn uileadh, is cha robh iad ach mar gum biodh seanairean is seanmhairean dhuinn uileadh, bha iad.. .is bha sinn uabhasach fortanach, bha.. . .bha tòrr dhiubh.. .in factbha, bha dithis no triùir.. .bha ceathrar a bhiodh a’ toirt an uabhais de stòiridhean is de dh’òrain do.. .do Sgoil Eòlais na h-Alba.
EC―05 :41: A bheil cuimhn’ agaibh air gin dhiubh?
SS―05 :42: Chan eil. Gheibhear iad.. .gheibhear iad air Tobar an Dualchais a h-uile gin dhiubh, tha iad.. .tha iad ann. Ach cha robh sinn a’ gabhail mòran ùidh san.. .rudan mar sin.
EC―05 :54: Dìreach mar òigridh nach. ..
SS―05 :55: ’S e, ’s e. Cha robh.. .rud a tha an t-aithreachas air a h-uile duine againn mu dheidhinn a-nist, nach do dh’fhaighnich sinn barrachd do na seann daoine, ach bha e uabhasach math.
EC―06 :04: Agus cò na caractairean a bha timcheall oirbh nuair a bha sibh òg? An robh.. .am biodh daoine a’ tadhal a-staigh?
SS―06 :09: Bhiodh daoine a’ dol air chèilidh fad an t-siubhail an uair sin, a chionn ’s cha robh telebhisean nuair a bha mise beag, bha mise ochd bliadhna mun d’ fhuair sinnelectricity.
EC―06 :17: Agus dè bha agaibh ron sin, an e.. .an egennya bh’ agaibh no.. .?
SS―06 :21: Cha robh leithid a’ dol, bhiodh.. .bhiodhTilleyaig daoine son solas is bhiodh gas agad airson.. .is bha stòbhof courseas a h-uile taigh co-dhiù. Tha iad air tilleadh air ais thuige sin a-nist, ach aidh cha robh.. .cha robh.. .bha an saoghal gu math sìmplidh. Bha.. .bha m’ athair a’ dèanamh obair-cruite a bharrachd air a bhith ag obair aig obair fhèin, ’s eelectriciana bh’ ann am m’ athair, is bha e ag obair shìos aig a.. .as a’ champa. ’S e.. . ’s e ginealach uabhasach fortanach a bh’ ann an.. .a bh’ ann an uair sin, ginealach m’ athar, a chionn ’s fhuair e an obair a bha sin a’ bhliadhna a phòs e, a’ bhliadhna mun do rugadh mise agus bha e as an aon obair gus an doretiree. So chan e a h-uile duine a chanas sinevenan uair sin fhèin idir idir, agus gu seachd àraid an-diugh. So bha iad uabhasach fortanach na daoine a bha sin, bha.. .bha obair ann dhan h-uile duine an uair sin, mar a bha air feadh na rìoghachd. Gheibheadh tu obair ge bith càite am biodh tu. Is ged a.. .barrachd mòr obair as an eilean an uair sin ’s a tha ann an-diugh. Thoradh chan eil obair ann an-diugh do dhuine. Ach bha, ’s e saoghal gu, gu math beag a bh’ againn ach dìreach mar a bha thu ag ràdh bhiodh daoine a-mach is a-staigh às an taigh fad an t-siubhail. Fad an latha bhiodh dithis no triùir de sheann bhodaich a’ falbh ’s a’ tighinn is cailleachan is bhiodh.. .bhiodh an uair sin bha.. .bha pìos.. .bha a’ bhùth pìos air falbh bhuainn agus bhiodh bhanaichean a’ tighinn mu chuairt, so bhiodh na cailleachan a bha pìos air falbh is a’ dol seachad air an taigh againne thadhladh iad a-staigh mun tigeadh iad chun a’ bhan is bhiodh iad greis air chèilidh is dh’fhalbhadh iad an uair sin, ’eil fhios agad, chun a’ bhan, bhan a’ Cho-op no rudan mar sin.
EC―08 :03: Agus am biodh feadhainn ag iasgach a-muigh an seo, am biodh.. .am biodh iad.. .?
SS―08 :06: O, bha sgoth aig m’ athair a-riamh.
EC―08 :07: An robh gu dearbh?
SS―08 :18: Bha is bhiodh, bhiodh sinn uileadh a’ dol a-mach is bhiodh sinn as t-samhradh, bhitheamaid a’ dol a-mach air Didòmhnaich thigeamaid a-mach air picnic dha na h-eileanan, tha eileanan.. .tòrr de dh’eileanan. ..
EC―08 :18: ’S e.. . ’s e mar Fuidheigh is na h-eileanan sin?
SS―08 :21: Cha bhiodh sinn a’ dol a dh’Fhuidheigh cho tric sin a chionn ’s bhiodh caoraich is rudan aig daoine eile ann am Fuidheigh is cha bhiodh tu a’ cur dragh orra, ach bha eileanan snog eile ann. Bha Eilean nan Gamhna is bhiodh an t-uamhas de flùraichean a’ fàs an a shin, so bhitheamaid airson a dhol sin fhaicinn, mi fhìn is mo. ..
EC―08 :40: Is bha iad falamh de chaorach no dad is.. .cha robh.. .cha robh. ..
SS―08 :41: O, cha robh an sin, Fuidheig an aon àite as am biodh.. ..
EC―08 :43: Dìreach Fuidheigh fhèin.
SS―08 :45: Agus bha eilean eile ann às dèidh sin is bha uamh ann a shin, so bhitheamaid a’ dol a choimead a-steach, bhiodh an uamh an sin bhiodh e làn chalmain is bhiodh e caran salach so cha tigeadh tu ro fhaisg air, ach na dhèidh sin bhitheamaid airson a dhol ann. So bha Fodragaigh ann cuideachd is bha.. .bha.. .b’ àbhaist uaireigin den t-saoghal taigh-stòr a bhith an sin, taigh-stòr Fhodragaigh agus bhiodh bàtaichean a’ fàgail bathar is rudan sin airson na.. .bhiodh daoine an dèidh ’s rud òrdachadh is bhiodh iad ga fhàgail an sin is thigeadh iad fhèin a-mach leis an sgothaidh ga iarraidh. So bha.. .bha an tobhta a bha sin ann a shin, so gu math tric air an rathad air ais bhitheamaid a’ dèanamh pic.. .tì eile ann a shin, bhiodh tu, ’eil fhios agad, bhiodh fasgadh na.. .na tobhtaidh agad airson teine beag a dhèanamh is rudan mar sin. So bhitheamaid air falbh fad finn fuainn an latha. Cho luath ’s a thilleadh sinn às an eaglais sa mhadainn Didòmhnaich bhiodh sinn a’ falbh a-mach air picnic.
EC―09 :37: Is an robh àite làidir aig an eaglais cuideachd nur.. .nur n-òige, an robh.. .an robh.. .bha.. .a’ dol.. .a’ dol gu aifreann mar gum biodh agus.. .?
SS―09 :41: Bha, bha. O a h-uile.. .bha thu a’ dol dhan eaglais a h-uile Didòmhnaich is a h-uile Latha Fèille is a. ..
EC―09 :48: Ach, ach nuair a bha e seachad dh’fhaodadh sibh rud sam bith a dhèanamh mar gum biodh, bha.. .bha sibh.. .?
SS―09 :51: Uill cha bhiodh duine ag obair an uair sin.
EC―09 :52: Cha.. .cha bhiodh.. .ag obair, ach, ach a thaobh. ..
SS―09 :54: Idir idir idir, seach mar a tha iad an-diugh.
EC―09 :56: Ach a thaobh cur-seachad, dh’fhaodadh tu a dhol a-mach is rudan a dhèanamh is. ..
SS―09 :58: Aidh, aidh cha robh.. .bhiodh sinn a’ cluiche fad an latha mura bitheamaid a’ dol.. . ’eil fhios agad a’ falbh san sgothaidh na sian mar sin as t-samhradh. Cha tigeadh tu sin ach corra Dhòmhnach a bhiodh snog, a-mach le sgothaidh na sian mar sin, ach bhitheamaid a’ dol a dh’iasgach cuideachd air feasgar còmhla ri m’ athair nuair a thigeadh e a-mach a dh’iasgach, na ’s dòcha air Disathairne, uill mar bu trice Disathairne ’s ann ag obair a bhitheamaid. Bhiodh m’ athair ag obair na cruiteadh agus bhitheamaid a’ dèanamh arbhar is feur is bha beothaichean againn daonnan, bha crodh aig m’ athair, is caoraich. So bhitheamaid a’ dèanamh tòrr dhe sin, bhiodh sinn a’ bleoghann nam beothaichean is gam biadhadh nuair a thigeamaid dhachaigh às an sgoil agus bhiodh againn.. .bhiodh mo mhàthair chanadh i dh’fheumamaid a dhol dhan bhùth ‘Fhalbh sìos dhan bhùth agus air do rathadh dhachaigh biadhaich nam beothaichean’, so bhiodh mi fhìn is mo dhithist bhràithrean a’ dèanamh sin, an dithist bhràithrean a bha às mo dheaghaidh, dithist a b’ fhaisge dhomh ann an aois, bhiodh sinn a’ dèanamh sin.
EC―10 :48: Bha sibh gu math trang eadar a h-uile. ..
SS―10 :49: Trang fad an t-siubhail.
EC―10 :51: Gu dearbh. Agus d’ athair a’ cumail sgothaidh, an robh.. .an robh e a’ reic ghiomach gu.. .?
SS―10 :55: Cha robh cha robh, cha robh cha robh. Cha robh e a’ dèanamh sian den sin, ach bha obair fhèin aige so bha, bha an obair aige fad an latha agus cha robh as an sgothaidh ach cur-seachad.
EC―11 :05: Tha mi a’ tuigsinn.
SS―11 :05: Agus bhiodh e.. .nuair a.. .nuair a.. .nuair a gheibheadh e iasg bhiodh e ga thoirt seachad dha na nàbaidhean gun teagamh sam bith, sin rud mar sin, ach no cha robh e. ..
EC―11 :14: Chan ann airson a bhith a’ cosnadh a bha e ga dhèanamh.
SS―11 :16: Chan ann, chan ann, cha robh ann ach cur-seachad fad an t-siubhail, ’s e.
EC―11 :19: Tha mi a’ tuigsinn. So ’s e saoghal.. .tha coltas gu math brèagha air ur saoghal.
SS―11 :23: Uill ’s e.. . ’s e saoghal toilichte a bh’ ann mar bu trice, chan eil cuimhne.. . ’eil fhios agad, nuair a choimheadas tu air ais air.. .air.. . ’s e saoghal toilichte a bh’ ann co-dhiù ’eil fhios agad cha bhi cuimhn’ agad air sian ach cha do.. .cha robh sian eile a’ tachairt dhuinn co-dhiù.
EC―11 :37: Agus am biodh sibh a’ dol a-mach uaireigin gu.. .an robh.. .an robh rudan a’ tachairt thall ’s a-bhos ’s dòcha lathagamesnoshowno rudeigin no.. .?
SS―11 :46: Cha bhitheamaid idir a’ dol chun nagames. Bha.. .no, cha robh cusinterest. Cha bhiodh duine againn an uair ud cha robh duine a’ dannsa no sian mar sin den teaghlach againne. Cha robh.. .cha robh teagasg sam bith dheth sin a’ dol, a-mach an taobh againne. So cha bhiodh, cha bhiodh sinn ach dìreach fad làithean-saora na sgoile bhitheamaid a’ togail na mònadh is a’ dèanamh feur is a’ dèanamh arbhar is a’ dèanamh mar sin.
EC―12 :08: Cà’ bheil na puill agaibh, cà’. . .cà’. . .?
SS―12 :10: Gu math faisg oirnn, gu math faisg oirnn. Cha robh againn ri astar a dhol idir.
EC―12 :14: Deagh mhòinteach agaibh timcheall, ceart.
SS―12 :16: Tha.. .aidh, ’eil fhios agad, dheigheadh agad air coiseachd ann. So.. .soof course, am feur is an t-arbhar bha iad sin ri taobh an taighe.
EC―12 :24: Agus an e latha mòr a bh’ ann buain na mòine, am biodh.. .am biodh.. .am biodh.. .?
SS―12 :27: O, bhiodh an uair sin, nuair a bha sinne nar cloinn bhiodh fir eile a’ tighinn còmhla ri m’ athair.
EC―12 :32: Agus an e fir a-mhàin a bhiodh a’ buain mar gum biodh?
SS―12 :33: ’S e, ’s e.
EC―12 :34: An e, an e mar gum biodh obair nam fear a th’ ann mar gum biodh?
SS―12 :36: O, ’s e ann an.. .ann an Uibhist is ann am Beinn na Faoghla ’s e. Cha bhi iad a’ dèan.. .cha bhi na boireannaich ga dhèanamh ach ann an Leòdhas, tha.. .fhad ’s is fhiosrach leam. Tha.. .bhiodh fir eile a’ tighinn.. .bhiodh dà iarann co-dhiù ann so bhiodh.. .bhiodh triùir eile mar bu trice còmhla ri m’ athair, bha seo mun do dh’ fhàs mo bhràithrean sean gu leòr gus a bhith ga chuideachadh. Is an uair sin bhiodh iad ga dhèanamh air Disathairne.
EC―12 :59: Is an robh.. .an robh aois ann nuair a bhiodh na balaich a’ tòiseachadh air buain, mar gum biodh?
SS―13 :02: Cha robh ach dìreach nuair a bha iad comasach air a dhèanamh.
EC―13 :05: Comasach air a dhèanamh mar gum biodh, is bhiodh iad.. .bhiodh iad a’ coimhead is ’s dòcha a’ faighinn cothrom beag ann is an uair sin a’ dèanamh am barrachd ’s dòcha, am biodh?
SS―13 :12: Uill cha bhiodh, bhiodh iad.. .bhiodh iad dìreach ga dhèanamh, ach bhiodh iad.. .cha bhiodh iad ach ’s dòcha ga buain, tha.. .tha ga cur a-mach nas.. .nas truim’ ort agus.. .an do.. .an do bhuain thu mòine a-riamh thu fhèin?
EC―13 :27: Bhuain ann an.. .de sheòrsa ach chan eil mi ro mhath air a dhèanamh ach.. .ach nì mi an gnothach.
SS―13 :33: ’Eil fhios agad so tha cur a-mach gu math nas truim’ ort na tha e a bhith ga buain, ach na dheaghaidh sin ’s e m’ athair bu trice a bhiodh ga buain gus.. .a chionn ’s bha e cho mionaideach mu dheidhinn gum biodh e air a dhèanamh ceart agus gum biodh e air a dhèanamh cothrom is a h-uile sian, a chionn ’s thig agad air a dhol ceàrr is thig agad a dhol cam as a h-uile dòigh. Bhiodh an toiseachd bhiodhte ga.. .ga feannadh a’ chiad fheasgar. Can nam biodh fir eile a’ tighinn còmhla ri m’ athair, ’s ann daonnan air Disathairne a bhiodh e a’ tachairt a chionn ’s cha bhiodh duine ag obair Disathairne, so feasgar Dihaoine bhiodh e fhèin a’ feannadh a’ phuill.
EC―14 :00: Deiseil dhaibh dìreach tòiseachadh.
SS―14 :01: Agus a’ tòiseachadh a’ chiad char sa mhadainn. Bhiodh iad a’ tighinn an toiseach is bhiodh iad a’ faighinnbreakfastmhòr nan gabhadh iad e, gu leòr aca bhiodh iad air a ghabhail mum falbhadh iad ach ’s e, ’s e sinne.. .an cleachdadh a bh’ ann, bhiodh iad a’ faighinnbreakfastmhòr is dh’fhalbhadh iad an uai.. .chan eil fhios a’m ciamar a dheigheadh aca air obair às a dèidh, ach co-dhiù dh’fhalbhadh iad an uair sin a bhuain na mònadh agus thigeadh iad a-nall gu tì mar bu trice, cha bhiodh sinne ga.. .a chionn ’s bha e cho faisg oirnn is gun ruigeadh iad a-nall. Bha e.. .bha e na b’ fheàrr dhaibh nan tigeadh iad chun na taighe a ghabhail na tì seach a bhith ga toirt thuca, gheibheadh iad tì na b’ fheàrr a-staigh. Agus an uair sin nuair a bhiodh iad deiseil aig.. .air deireadh an latha bha iad a’ faighinn an dìnnear, ach gheibheadh iad drama agus an dìnnear airson pàigheadh.
EC―14 :39: So ’s edealmath a bh’ ann, ma tha biadh is drama is. ..
SS―14 :42: Uill ’s e obair throm a bh’ ann ge-tà. Fìor obair throm a th’ ann an.. .a th’ ann an buain mhònadh.
EC―14 :46: Ach.. .ach le dà iarann chan eil e cho, cho dona, mar gum biodh.
SS―14 :50: Uill tha e.. .tha e cheart cho trom ort ach gu bheil thu ga dhèanamh nas cliobhaire, tha thu ga fhaighinn seachad ann an aon latha. Tha, tha an obair cheart cho, cho cruaidh ach dìreach gu bheil thu ga fhaighinn air a dhèanamh. Agus ’s dòcha an uair sin gum biodh pìos eile de pholl fhathast gun dèanamh is gun dèanadh e fhèin is a nàbaidh e no cuideigin mar sin, ’eil fhios agad.
EC―15 :09: So.. .bhiodh, bhiodh daoine a’ cuideachadh a chèile gu ìre mar gum biodh.
SS―15 :11: O bhiodh, daonnan, daonnan, daonnan. A chionn ’s bhiodh sinne mar a bha mi ag ràdh roimhid ’s e seann daoine a bha.. .a bha mu chuairt oirnne agus bhiodh sinn daonnnan a’ dèanamh na mònadh dhaibh – ga togail, gu seachd àraid nur cloinn, bhiodh sinn a’ dèanamh an fheòir is an arbhair còmhla ris a’ bhodach a bh’ ann an ath-doras, agus bhiodh m’ athair daonnan a’ buain na mònadh còmhla riutha is na.. .mo.. .mo bhràithrean nuair a dh’fhàs iad suas bhiodh iad daonnan a’ buain na mònadh dhaibh is bhiodh iad a’ dèanamh na mònadh uileadh dhaibh an uair sin, nuair a bha iad fhèin cho sean is nach robh iad comasach air.
EC―15 :40: A’ dèanamh buain is togail is. ..
SS―15 :42: Air rud sam bith a dhèanamh dheth sin, bhiodh mo bhràithrean daonnan.. .agus cha bhiodhte ach dìreach ga dhèanamh, cha robh thu a’ faighinn pàigheadh no sian air a shon ’eil fhios agad, cha robh thu ach ga dhèanamh dhaibh, ’eil fhios agad.
EC―15 :51: Ach a thaobh togail, am biodh duine sam bith ga dhèanamh, nighnean cuideachd, bhiodh.. .?
SS―15 :55: O, chiall bhiodh. A h-uile duine a bha a-staigh. Dh’fheumadh tu agus och.. .bha mo chuimhne cho gràineach air. Mar bu trice mar a bha mi ag ràdh mise bu shine a bha a-staigh agus bhiodh pàiste beag air choreigin a-staigh dh’fheumadh.. .dh’fheumainn fuireach a-staigh còmhla ris so ’s e deagh leisgeul a bha sin!
EC―16 :08: So bha.. .bha thusa ann an dòigh mar phàrant thu fhèin ’s dòcha ann an dòigh gun robh thu beagan na bu shine na càch is bha.. .bha thu. ..
SS―16 :13: Bha, uill is mi bu shine den teaghlach.
EC―16 :15: Bhiodh tu a’ coimhead às deaghaidh an fheadhainn bheaga, mar gum biodh.
SS―16 :17: Agus bhiodh tu a’ dèanamh dìnnearach is dh’fheumadh an còrr a’ falbh chun na mònadh is cha robh iad.. .cha robh iad toilichte mu dheidhinn sin ach bha mise gu math toilichte!
EC―16 :23: ’S e, ’s e car de leisgeul a bh’ ann dhut.
SS―16 :24: Cha robh mi idir idir gu mathkeenair a bhith a’ dol gu mònadh no.. .b’ fheàrr leam feur is arbhar, cha robh sin cho dona, ach ’s e obair ghrod a th’ ann a bhith a’ togail na mònadh a chionn ’s tha thu crom fad an t-siubhail. Tha e trom air an druim agad.
EC―16 :37: Tha e salach nach eil, bidh e a’ dol fo d’ ìnean.
SS―16 :39: Och cha.. .chan eil cuimhn’ a’m gun do chuir sin dragh sam bith.. .mòr sam bith oirnn ach cha.. .chan e obair thlachdail a bh’ann is bhiodh na meanbh-chuileagan ann mar bu trice air an fheasgar, a chionn ’s nuair a thigeamaid dhachaigh às an sgoil bhiodh againn ri dhol an sin. ’S dòcha gum biodh caran eile ri dhèanamh an toiseachd mun tigeadh m’ athair dhachaigh à obair, is cho luath ’s a ghabhadh esan a dhìnnear bhitheamaid a’ falbh – cho luath ’s a ghabhadh sinn uileadh ar dìnnear, bhitheamaid a’ falbh chun na mònadh, gan togail an uair sin is gan toirt dhachaigh. Nuair a bhiodh i tioram bhiodh m’ athair, bhiodh sinn a’ lìonadh an tractair is bhiodh.. .gan toirt dhachaigh. ’S e e fhèin a bhiodh ga cruachadh an uair sin a chionn ’s bha e cho mionaideach mun chruaiche.
EC―17 :15: ’S e obair.. . ’s e obair mhionaideach a th’ ann nach e, cruach cheart a bhith ann?
SS―17 :18: O, uill cuid de dhaoine! Ach bha esan bha e gu.. .gu seachd àraid dh’fheumadh e a bhith.. .cha dèanadh duine ceart e ach e fhèin, so ’s e fhèin a bhiodh ga dèanamh. Bhiodh mo bhràithrean ga dèanamh an uair sin, ach bhiodh esan a’ dèanamh can balla na.. .na cruaiche is dh’fheumamaid a bhith ga lìonadh, ’eil fhios agad, a’ caitheamh na mòine a-staigh innte. Bha, bha sin math gu leòr dhuinne gus an deigheadh a dhèanamh, ach ’s e e fhèin a dh’fheumadh a bhith. ..
EC―17 :40: An obair fhèin ’s ann.. .gun teagamh.. .gun teagamh. Uill ’s e adhbhar-pròise.. .pròis a bh’ ann nach e, deagh chruach?
SS―17 :45: Tha teansa! ’S e is ’s e fhathast, bidh cuid de dhaoine, chan e a h-uile duine ach cuid de dhaoine.
EC―17 :49: Ach tha coltas math nach eil air deagh chruach, nach eil, tha coltas.. .tha coltas sgiobalta math air.
SS―17 :53: Tha fhios a’m, ’s e.
EC―17 :54: Agus co-dhiù, bhrist’ an saoghal rud.. . .rud beag dhut le bhith a’ fàgail na sgoile agus a’ dol a Dhalabrog an uair sin. Nach.. .am b’ fheudar dhut.. .?
SS―18 :01: Uill, cha robh mi ach bliadhna an sin cha do chòrd e rium, is cha do dh’fhuirich mi ann ach bliadhna.
EC―18 :05: Agus dè.. .dè an seòrsa adhbhar a bhiodh.. .a bhiodh clann a’ dol a Dhalabrog, an ann.. .?
SS―18 :09: Uill, nam passadh tu aneleven - plus.
EC―18 :11: Seadh.
SS―18 :12: Bha thu a’ dol a Dhalabrog. Mura passadh bha thu a’ dol dhan Ìochdar.
EC―18 :14: Bha thu a’ dol dhan Ìochdar. Agus. ..
SS―18 :16: So bha do bheatha air a.. .air a.. .dìreach air a chur a-mach dhut an uair sin aig aona bliadhna deug.
EC―18 :21: Agus dè.. .an robh thu a’ dol a bhith ùine ann an Dalabrog agus an uair sin ’s dòcha a’ dol gu tìr-mòr no.. .?
SS―18 :25: Bhiodh tu trì bliadhna ann an Dalabrog co-dhiù agus an uair sin bhiodh tu a’ dol a.. .dhan Ghearasdan.
EC―18 :30: Dhan Ghearasdan mar a.. . ’s ann a.. .so, so bhiodh clann às.. .às an seo a’ dol dhan Ghearasdan airson.. .airson a’ mhòrchuid.
SS―18 :34: O, ’s ann, ’s ann, an taobh againne co-dhiù.
EC―18 :38: Agus an robh thu fhèin ag amas air sin? Nam biodh e a’ còrdadh riut a bhith ann an Dalabrog, am biodh tu toilichte gu leòr a dhol dhan Ghearasdan is.. .?
SS―18 :45: Tha mi cinnteach gun robh cleas air choireig.. .bhiodh tu dìreach a’ falbh còmhla ris a h-uile duine eile is bha a h-uile duine air an aon ràmh co-dhiù.
EC―18 :51: Is ciamar a bha.. .ciamar a bha e a bhith.. .a bhith ann an Dalabrog? An robh agaibh ri bhith ann an loidseadh aig an àm?
SS―18 :56: Bha, dh’fheumadh tu a bhith ann an taigh-loidsidh agus bha thu air falbh bhon teaghlach, sin an rud nach robh a’ còrdadh riumsa, a’ falbh bho mo pheathraichean.
EC―19 :02: An robh e rud beag neònach ’s dòcha a bhith ann an loidseadh ann an àite nach eil cho fada air falbh ann an dòigh?
SS―19 :06: Tha, saoilidh tu gu bheil an-diugh, cha robh thu a’ saoilsinn sian dheth an uair sin a chionn ’s bha Dalabrog gu math fada air falbh an uair sin, ’eil fhios agad, agus cha robh na rathaideanevencho math, ged a bhiodh càr aig duine.
EC―19 :16: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn.
SS―19 :17: Agus cha.. .cha robh e math idir idir a bhith air falbh bhon dachaigh an uair sin.
EC―19 :23: Mar sin bha thu bliadhna ann an Dalabrog agus thill thu air ais dhan. ..
SS―19 :26: Dhan Ìochdar is bha thu a-staigh an uair sin a h-uile feasgar.
EC―19 :28: A h-uile feasgar. Agus, agus cò ris a bha e coltach a bhith as an Ìochdar, dè bha sibh a’ dèanamh as an.. .as an Ìochdar, dè.. .dè an sgoileadh a fhuair sibh?
SS―19 :37: Car den aon rud ach nach robh mi a’ dèanamh Laideann idir as an Ìochdar, sin an aon diofar. Bha thu a’ dèanamh a h-uile sian eile, ’eil fhios agad, bha.. .bha.. .bha thu air do dheagh ionnsachadh as an Ìochdar aig a’ mhaighstir-sgoile.
EC―19 :48: Agus cò bh’ agaibh aig an àm sin?
SS―19 :50: Maighstir MacLean, ’s ann à Barraigh a bha esan, agus bha e gu math.. .bu thoil leamsa e. Bha e gu math cruaidh air feadhainn ach bha e gu mathclannishriumsa air sàilleibh. ..
EC―20 :03: An robh.. .an robh buinteanas.. .an e.. .an e a thaobh.. .a thaobh Barraigh‘s dòcha?
SS―20 :05: Sin a bha.. .bha mise ag ràdh, ach bha mo bhràthair ag ràdh ‘Cha robh e fada gus an do dhìochuimhnich e sineach gus an do.. .nuair a thàinig e thugamsa’. Ach bu thoil leis mise tha mi a’ smaointinn, agus bu thoil leamsa esan.
EC―20 :16: Seadh, seadh bha sibh a’ faighinn air adhart.
SS―20 :18: Uill, bha mi a’ faighinn air adhart a chionn ’s nuair a bha mi ann an Dalabrog leig mi orm nach b’ urrainn dhomh car a dhèanamh is bha mi air deireadh a’ chlas agus thill iad dhan Ìochdar mi.
EC―20 :26: So bha deplanagad mar sineach, an robh?
SS―20 :28: Bha. So nuair a bha mi as an Ìochdar bha mi air.. .os cionn a h-uile duine eile air a’ chlas agam so.. .bu thoil leis.. . ’eil fhios agad.. .san sgoil ’eil fhios agad bha.. .bha barail aige ’s dòcha gun robh mi dìcheallach no rudeigin, chan eil fhios a’m ach bha sinn a’ faighinn air adhart co-dhiù ged a bha.. .’ s e maighstir-sgoile cruaidh a bh’ ann.
EC―20 :44: Sin mar a bha iad aig an àm.
SS―20 :45: Bha an uair sin, a h-uile tidsear a bh’ ann, bha. Uill bha.. .bha strap is a h-uile sian mu chuairt an uair sin.
EC―20 :52: Agus an robh e a’ tighinn a-mach tric an strap no an robh.. .an robh.. .?
SS―20 :54: Cha d’ fhuair mise a-riamh e, cha d’ fhuair a-riamh, no.
EC―20 :57: Feumaidh gun robh sin gu math.. .gu mathtifmar a chanas iad!
SS―20 :59: Chan eil fhios a’m, uill bha barrachd airsan, a chionn bha a h-uile tidsear a bh’ ann ann bha iad uileadh laghach, tidsearan uabhasach laghach a bh’ againn san Ìochdar agus bha a h-uile sian. .. bha.. .bha a h-uile duine a bha ag obair as an sgoil laghach. Bha na feadhainn a bha ag obair as a’ chanteen, boireannaich laghach agus bhitheamaid a’ dol a-staigh air chèilidh orra agus gan cuideachadh aig àm a’ phlayis gnothaichean mar sin. So aidh ’s e sgoil laghach a bh’ ann, friendly.
EC―21 :20: Agus an robh cothrom ann an uair sin deuchainnean a dhèanamh, an robh.. .am b’ urrainn dhutO Gradesa dhèanamh no dad.. .an robh.. .?
SS―21 :26: Cha robh an uair sin idir, cha robh. Cha robh ach a’ fàgail na sgoile. Bhiodh.. .gheibheadh tu.. .dh’fhaodadh tu a dhol dhan cholaiste a dh’Inbhir Nis nam biodh tu a’ dol a dhèanamh rudeigin mar sin.
EC―21 :37: Agus dè cho fad ’s a bha thu as an Ìochdar? An e. .. an e.. .?
SS―21 :40: Uill, bha gus an do dh’fhàg mi an sgoil.
EC―21 :41: Agus cuin a.. .cuin a bha.. .cuin a bha sin, mar gum biodh?
SS―21 :44: Bha mi sia bliadhna deug.
EC―21 :45: Sia bliadhna deug. Seadh dìreach, agus dè rinn thu nuair a bha thu sia bliadhna deug?
SS―21 :50: Cha robh mi ach.. .bha mi ag obair as a’ champa agus dh’fhalbh mi. ..
EC―21 :56: Campa an.. .campa an airm?
SS―21 :58: Aidh, ’s e. Agus dh’fhalbh mi an uair sin gu tìr-mòr.
EC―22 :01: Seadh dìr.. .an innse thu beagan.. .beagan mun champa nuair a.. .aig an àm sin, dè.. .an robh.. .tha mi cinnteach gun e àite gu math gu math trang a bh’ ann le tòrr shaighdearan ann is. ..
SS―22 :08: Bha, bha an uair sin, bha e gu math mòr.
EC―22 :11: Agus.. .agus tha mi cinnteach.. .an robh.. .an robh tòrr às an seo fhèin ag obair as a’ champa, tòrr de, de mhuinntir an àite?
SS―22 :16: Bha. A h-uile duine a bha ag obair ann ’s ann.. . ’s e muinntir an àite a bh’ ann, so.. .bha mise ag obair as antea bar.
EC―22 :22: As antea bar. Agus dè.. .agus dè bh.. .dè bha.. .dè bh’ agad ri dhèanamh an sineach, an e.. .an robh.. .an robh thu a’ dèanamh còcaireachd is.. .?
SS―22 :29: Bha mar gum biodh tu ag obair ann an cafaidh, ’s e dìreach ’s e sin an rud a bh’ ann, cafaidhactually, so dìreach a’ toirt seachad.. ..
EC―22 :35: Agus an robh sibh a’ faighinn trèanadh cuideachd son.. .son na h-obrach is.. .an robh.. .an robh sibh.. .?
SS―22 :39: Beagan trèanadh air choireigin, chan fheumadh tu na h-uimhir sin ma bha thu.. . ’eil fhios agad car deideaagad dè bh’ agad ri dhèanamh co-dhiù.
EC―22 :44: Seadh dìreach agus an robh obraichean eile agad shìos as a’ champa mar gum bio.. .an robh cothroman eile obrach ann, ’s dòcha a bhith as a’ chidsin no ann an.. .an robh.. .?
SS―22 :53: Bhiodh tha mi cinnteach, a chionn ’s ann aig anNAAFIa bha mise ag obair, chan ann aig an arm idir.
EC―22 :57: Aig anNAAF.. .o tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn so.. .so ’s e buidheann air leth a th’ anns anNAAFImar gum.. .ged a tha ceangal aca, ’s e buidheann.. ..
SS―23 :03: Navy Army and Air Force Institutesin a thaNAAFIsin an rud a tha e a’ minigeadh so tha thu ag obair dhaibh.
EC―23 :08: Agus tha fios a’m gum biodh anNAAFI ’s dòcha aig an àm sin a’ ruith diofar rudan mar gum biodh, bhiodh bàr ann nach biodh is bùithtean is bha. ..
SS―23 :13: Bha, bha.. .bha sin ann.
EC―23 :17: Agus an robh.. .an robh.. .an robh thusa thall as a’ champa an ear mar gum biodh no.. .?
SS―23 :20: San t-seann champa. A chionn ’s an uair sin cha robh ann ach an t-seann champa, bha.. .cha robh an campa a th’ ann an-diugh ann gu na seachdadan, tràth sna seachdadan, bha mise air pòsadh an uair sin. A’ chiad thogalach a bh’ ann as a’ champa ùr ’s eMedical Centrefar an robh an duine agamsa ag obair, is cha robh ann ach sin an uair sin.
EC―23 :38: Seadh agus bha tòrr shaighdearan às a h-uile ceàrnaidh còmhla tha mi a’ creidsinn, is.. .is ciamar.. .ciamar.. .ciamar a bha iad fhèin agus muinntir an àite a’ tighinn.. .a’ tighinn ri chèile? An robh.. .an robh.. .?
SS―23 :49: Bha math gu leòr, bha sinne air iarraidh orra gun fheumadh iad faighinn air adhart leis na daoine, muinntir an àite agus bha e mar fhiachadh orra, ’eil fhios agad, faighinn air adhart isevenair an rathad mhòr na.. .navehiclesdh’fheumadh tu leigeil leothasan falbh ’eil fhios agad, na.. .dh’fheumadh tu.. .nam b’ e saighdear a bh’ annad dh’fheumadh tu a dhol dhanphassing placenam biodh duine às an àite ga.. . ’eil fhios agad, bha.. .bhaevena’ dol chu.. .chun an ìre a bha sin, bha sinn air iarraidh oirre is bhiodh iad.. .nuair a bhiodh iad a’ falbh a dh’obair suas a Ghèirinis dh’fheumadh iad an rathad.. .chan eil cuimhn’ a’m, an-dràsta an rathad an iar no an ear bhiodh iad air an rathad an iar a ghabhail a’ dol.. .a’ dol a dh’obair agus an rathad an ear a ghabhail a’ tilleadh, airson gum biodh.. .nach biodh iad a’ dol as an rathad air muinntir an àite is gum biodh fhios aca, ’eil fhios agad, gum biodh.. .chan e gun robh mòrantraffic jamsan uair sin ach bha iad fhèin.. .bha an t-uabhas de rudan neònach mar sin air a chur mar fhiachadh orra gus faighinn air adhart, nach biodh gearranan sam bith aig muinntir an àite. Is cha robh sin aig muinntir Bheinn na Faoghla idir idir, a chionn ’s bha iad.. .bha leithid a chothroman aca, bhio.. .bha a h-uile duine a bh’ ann ag obair dhan arm so bha leithid de dh’obraichean a’ dol an uair sin.
EC―24 :50: Agus an robh tòrr fealla-dhà a’ dol, an e.. .an robh.. .an robh e spòrsail a bhith ag obair aig.. .aig a’ champa, an robh daoine.. .?
SS―24 :55: Bha, uill dh’fheumadh tu dìreach d’ obair a dhèanamh. Bha.. .bha ammanageressagainne bha i gu mathstrictso dh’fheumadh tu dìreach d’ obair a dhèanamh is. ..
EC―25 :02: Ach a bharrachd air sin bha.. .bha.. .bha beagan.. .bha beagan plòigh ann.
SS―25 :04: Uill, bha, ’s e.. . ’s e nighnean às an àite seo fhèin a bha ag obair còmhla rium is bha iad uabhasach laghach so.. .bha, cha robh thu ach dìreach a’ dèanamh d’ obair is bhiodh a h-uile sian a’ dùnadh an uair ud.. .chan eil cuimhn’ a’m, saoilidh mi gur h-ann aig naoi uairean a bha antea bara’ dùnadh is.. .air an oidhche.
EC―25 :20: Agus an ann airson.. .airson òigridh as an arm a bha antea barmar gum biodh, son an fheadhainn.. .?
SS―25 :15: Saighdearan sam bith, duine sam bith a thigeadh ann, dìreach na saighdearan fhèin, chan ann dha na teaghlaichean aca idir ach dha na saighdearan fhèin.
EC―25 :30: Dìreach.. .dìreach a dh’aona ghnothach dha na saighdearan fhèin? Agus an robh àite ann cuideachd airson teaghlaichean cuideachd, an robh.. .an robh cothroman sòisealta dha.. .dha na teaghlaichean? An robh.. .an robh.. .an robh àite ann dhaibhsan mar gum biodh, an robh.. .?
SS―25 :43: Bhiodh tha mi cinnteach, chan e gu bheil cuimhn’ ag.. .mhòr agamsa air an sin, bha mise cho òg is cha bhithinn, cha robh.. .a’ cur cus. ..
EC―25 :47: Tha mi a’ smaointinn uaireigin gun.. .gun robhFamilies Clubaca, nach robh uaireigin?
SS―25 :50: Saoilidh mi às a dheaghaidh sin bha. Ach cha robh ùidh sam bith agams’ ann a shin an uair sin aig ochd bliadhna deug, cha robh. So chan eil cus cuimhn’ agam air, ’eil fhios agad.
title | 1 |
internal date | 2020.0 |
display date | 2020 |
publication date | 2020 |
level | |
parent text | Seonag Smith |