Eairdsidh Caimbeul
Agus airson cothroman sòisealta airson boireannach òg ann am Beinn a’ Bhaoghla aig an àm sin, dè na rudan a bhiodh ann dhuibh mar.. .an robh na dannsaichean is na.. .?
SS―00 :11: O, bha dannsa ann cha mhòr a h-uile oidhche den t-seachdain, bhiodh dannsaichean.. .bhiodh dannsaichean ann as a h-uilehall, bhiodh danns’ ann an Grìminis is bhiodh danns’ ann angymann am Baile a’ Mhanaich is danns’ ann an Grìminis is danns’ ann am Bòrnais is bhiodh dannsaichean mu thuath cuideachd is bhiodh danns’ ann mar bu.. .gu math tric ann an Grìminis air oidhche Ardaoin is bhiodh danns’ as angymair oidhche Haoine is o bhiodh tu a’ dol gun a h-uile gin dhiubh sin. Tha.. .agus a’ dannsa fad na h-oidhcheadh agus an uair sin a’ dol a dh’obair an làrna-mhàireach. O cha leigeadh an nàire leat a ràdh gun robh thu.. .cha bhiodh tu sgìth co-dhiù, cha bhiodh tu a’ faireachdainn sgìths an uair sin aig an aois ud ann. Ach.. .is bha na dannsaichean, ’s e.. . ’s e dannsaichean Gàidhealach a bh’ ann an uair sin, ’eil fhios agad, cha robh.. .bha.. .an toiseach, ’eil fhios ag.. .bha seo sna seachdadan.. .no, late sixties ’s e bh’ ann an uair sin bha.. .cha robh dannsaicheandisco dancessin air tòiseachadh an uair sin. A’ chiad dhà no trì bhliadhnaichean a thòisich mise a’ dol gu dannsaichean bha.. .cha robhdisco dancescha robh iad.. ..
EC―01 :10: Dìreach am bocsa is. ..
SS―01 :11: Cha robh iadinvented! MacLachlainn mar bu trice, so bha sinn uabhasach fhèin fortanach nuair a thòisich mise air a dhol gu dannsaichean ’s e Iain MacLachlainn a bha.. .a bhiodh a’ cluiche so bha an ceòl a b’ fheàrr againn, a b’ fheàrr a bha aig feadhainn.
EC―01 :27: Agus am biodh na balaich bhon a’ champa a’ tighinn gu na dannsaichean, na.. .na.. .na saighdearan òga sineach is.. .?
SS―01 :29: Bhiodh, bhiodh, bhiodh, bhiodh, a h-uile duine a bh’ ann cha robh an còrr àite dhan tigeadh tu, cha robh an còrr, cha robh an còrr a’ dol.
EC―01 :35: Dìreach. Agus phòs thu fhèin fear às an arm, Malcolm. Ciamar.. .ciamar a.. .ciamar a fhuair sibh eòlach air a chèile?
SS―01 :42: Thachair mi ris aig pàrtaidhso that was it.
EC―01 :46: Bha am pàrtaidh anns.. .aig.. .mun.. .mun a’ champa no. ..
SS―01 :48: ’S ann, ’s eChristmas Partya bh’ ann, thachair mi ris ann a shin so.. .tha.. .bhiodh esan bhiodh e a’ dol a Hiort gu math tric cuideachd an seòrsa obair a bh’ aige, bha esan ag obair as a’. .. ’s ann as aMhedical Corpsa bha e is bhiodh e a’ dol a Hiort sia seachdainnean co-dhiù aig.. . ’s dòcha mar sin gum biodh iad na b’ fhaide na sia seachdainnean ann cuideachd, a-rèir ciamar a bhiodh an tìde. Mura.. .mura fhaigheadh iad air ais ’s dòcha gum biodh iad dà mhìos thall is rudan mar sin, so.. .aidh bha, bha, bhiodh.. .bha diofar buidhnean ann dhan arm, ’eil fhios agad, bha muinntir a’ Mhedical Corpsis bha muinntir feadhainn a bhiodh a’ dràibheadh istransportis bha feadhainn as naSignals, bha fhios agad, bhiodh diofar obraichean aca uileadh, ach bhiodh namedicsdaonnan a’ dol a Hiort agus muinntir.. .muinntir anTransportbhiodh iad sin.. .muinntir naREMEcuideachd bhiodh iad a’ dol a Hiort. Cha bhiodh a h-uile duine de na saighdearan a’ dol a Hiort idir, ach bhiodh esan trì tursan sa bhliadhna ’s dòcha no mar sin.
EC―02 :43: Seo nist. Agus an robh thu fhèin a-riamh thall an Hiort? An d’ fhuair.. .an d’ fhuair thu cothrom a dhol.. .a dhol ann?
SS―02 :48: O, bha is a dhèidh sin nuair a bha mi.. .uill, bha seo as na.. .aig deireadh, nuair a bha mi ag obair tha.. .as na h-ochdadan nuair a bha.. .bhithinn a’ dol a Hiort a dh’obair, a chòchaireachd, is bhithinn a’ dol ann mìos, uaireannan cola-deug agus bha sin uabhasach fhèin math, bu thoil leamsa.. .o chòrd Hiort uabhasach math leam, b’ fheàrr leam a bhith ag obair an sin nam faighinn dhachaigh a h-uile feasgar. B’ fheàrr leam a bhith ag obair ann an Hiort na bhith ag obair ann am Baile a’ Mhanaich aig an àm ud. Bha e uabhasach fhèin math, uabhasach inntinneach. Chan e a h-uile duine ris an còrdadh e, bha thu.. . ’eil fhios agad, bhiodh cuid de dhaoine nach robh.. .nach robh e a’ còrdadh riutha a bhith cho.. .air an geàrradh dheth on a h-uile sian eile, ach bu thoil leamsa e. Is, of course, gheibheadh tu fònadh dhachaigh co-dhiù so cha robh sin cho dona. Aidh, bha cothrom agad fònadh dhachaigh is bha mi na bu shine is bha.. .bha an nighean againn air falbh bhon taigh, ’eil fhios agad, cha robh.. .cha robh duine.. .cha bhiodh.. .cha robh a-staigh ach an duine agam so bha thu na bu shine is cha bhiodh.. .cha robh uallach teaghlach ort na sin an uair sin. Ach bhiodh e diofrach nam biodh duine na b’ òige, bha feadhainn ann a bha na b’ oige is bha teaghlach òg aca is cha robh e cho math dhaibh, dhaibhsan ach bha gam fhreagair.. .bha e a’ freagairt ormsa aig an àm aig an robh mi ann.
EC―04 :06: Seadh, is an d’ fhuair thu cothrom a dhol air feadh Hiort, beagan coiseachd a dhèanamh?
SS―04 :10: Air a.. .a h-uile oisean dheth nam biodh tu ag iarraidh. Cha robh mise uabhasach math idir air a bhith a’ streap, agus cha do thuig mi cho fìor dhona ’s a bha mi, ach bha fhios a’m nach robh mi a-riamh math air a bhith a’ dol suas a dh’àite àrd. Ach cha do thuig mi cho dona ’s a bha mi gus an deach mi a Hiort. O.. .agus tha e gu math oillteil agus eagalach pìo.. .pìosan dheth, ma tha thu.. .ma tha thu eagalach ro àiteachan àrda. Ach ’s e àite air leth a th’ ann, tha.. .an robh thu fhèin a-riamh ann?
EC―04 :37: Cha robh mi a-riamh ann, bu toil leam a dhol ann.
SS―04 :39: Och, o feumaidh tu fheuchainn ri dhol ann a chionn ’s chan eil àite eile air an t-saoghal coltach ris. Tha e uabhasach fhèin math. Agus bha.. .bha thu.. .bha e a-rèir, of course, dè am buidheann a bhiodh thall còmhla riut, is bha mise gu math fortanach, bha.. .bhiodh, bhiodh daonnan bhiodh feadhainn mhatha còmhla rium air so a chionn ’s ’s e saoghal beag a th’ ann agus feumaidh tu faighinn air adhart leis na feadhainn a th’ ann. Agus bhiodh feadhainn ann nach biodh a’ faighinn air adhart ri feadhainn a bha ag obair còmhla riutha is bhiodh sinne.. .ach dh’fheumadh tu do dhìcheall a dhèanamh. Ach mar a bha mise nuair a bha mi a’ còcaireachd bha a h-uile duine.. .a h-uile duine measail air a’ chòcaire agus a h-uile duine a’ cumail a-staigh air a’ chòcaire.
EC―05 :13: A h-uile duine a’ cumail a-staigh air a’ chòcaire!
SS―05 :15: Agus an toiseach a-nist bhithinn a’ dol ann bhiodh.. .bhiodh còcaire eile còmhla riut, bhiodh dithis ann daonnan. Ach aig deireadh gnothaich, an turas bho dheireadh a bha mi ann bha mi leam fhìn ann. Agus cha robh sin cho math a chionn ’s cha robh.. .cha robh ùine dheth agad co-dhiùevennuair a bhiodh dithis ann, gheibheadh.. .bha thu a’ faighinn aon latha san t-seachdain dheth agus mar bu trice bhithinns’ a’ leigeil leis.. .leis na balaich mar bu trice còmhla rium, bhithinns’ a’ leigeil na balaich dheth Disathairne a chionn ’s bhiodh ball-coise is gnothach air an telebhisean, cha robh ùidh sam bith agams’ an sin so bhithinns’ dheth Didòmhnaich. Ach nuair a bha mi thall leam fhìn, is cha robh mi thall ann ach aon turas leam fhìn aig deireadh gnothaich.. .uill bhaactuallydà.. .dà thuras no trì, trì tursan, tha.. .cha robh thu a’ faighinn ùine dheth idir idir idir, is bha an còcaire air fad an latha. Is tu bu trainge a bha ag obair, a chionns’ bha thu a’ dèanamhbreakfastis bha thu air gus am biodh an dìnnear seachad. Bha thu air fad an latha so cha robh ùine dheth idir idir idir agad. Is cha b’ urrainn dhut.. .nuair a bha dithis agad còmhladh, dh’fhaodadh tu a dhol greiseag sìos dhan bhàr air an oidhche agus a bhith an lùib na feadhainn eile is a’ cabadaich is a’ bleidrig. Ach nam biodh tu leat fhèin, bha agad ri èirigh cho tràth sa mhadainn agus bha uallach ort so cha tigeadh tu.. .cha robh thu a’ faighinn, ’eil fhios agad, sian dheth sin a dhèanamh. Thigeadh tu suas air chèilidh air an nurs, bha aon nurs ann aig aon àm agus thigeadh tu.. .is tu.. .mar bu trice ’s e sin an dithist bhoireannach a bhiodh air, thu fhèin agus an nurs so bhiodh tu greis air chèilidh so.. .is an uair sin dh’fheumadh tu a dhol dhan leabaidh tràth oir chan fhaigheadh tu èirigh tràth son a.. .a chionn ’s bha thu ag obair trang fad finn fuainn an latha. Agus bhiodh deich duine fichead co-dhiù air a char bu lugha agad, a’ còcaireachd dhaibh so bha thu a’ dèanamh a h-uile.. .a h-uile grèim a bha iad ag ithe bha thusa ga dhèanamh. Agus chan fhaigheadh tusuppliesach uair sa chola-deug na ’s dòcha.. . ’s docha uair san t-seachdain. As t-samhradh bhiodh tòrr mòrsuppliesa’ dol a-null le.. .le bàta, ach bhiodh an uair sin heileacoptair cuideachd ann a h-uile seachdain, a h-uile Dimàirt gheibheadh tu heileacoptair. Is gheibheadh tu beagan, gheibheadh tu bainne is gnothach mar sin. Is dh’fheumadh tu cuimhneachadh air a h-uile sian òrdachadh, gum biodh a h-uile sian agad, no cha b’ urrainn dhut a bhith gun aran no gun bhainne no gun ge bith gu dè a biodh tu.. .a dh’fheumadh tu airson na.. .na daoine a bhiathadh. Is dh’fheumadh tu cuideachd, ’eil fhios agad, a dhèanamh cinnteach nach biodh iad a’ faighinn an aon bhiadh fad an t-siubhail is gnothach mar sin a chionn ’s ’s e sin an aon toileachadh a bh’ aca, ti.. .deagh bhiadh fhaighinn. So bhiodh tu cinnteach gum biodh tu a’ toirt dhaibh deagh bhiadh so.. .ach bha e uabhasach inntinneach a bhith ag obair ann – a bharrachd air an obair inntinneach, a bharrachd air a bhith as an àite fhèin. Bu thoil leam e uabhasach.
EC―07 :52: Seo a-nist. Agus phòs thu fhèin agus Malcolm co-dhiù, agus an robh sibh ùine bheag a’ fuireach ann an sheo?
SS―07 :57: Bha.
EC―07 :58: Agus an uair sin bha sibh a’ fàgail?
SS―07 :59: Chaidh sinn an uair sin dhan Ghearmailt.
EC―08 :01: Seadh dìreach agus ciamar a bha sin? Ciamar a bha e a’ fuireach sa Ghearmailt?
SS―08 :04: O, bu thoil leamsa a’ Ghearmailt. Bha mi uabhasach measail air a’ Ghearmailt agus air na daoine agus air a h-uile sian mu dheidhinn, a h-uile sian mu chuairt air a bhith as a’ Ghearmailt. A’ chiad turas bha an nighean againn gu math òg nuair a chaidh sinn ann, bha i gun a dhol dhan sgoil. So bu thoil leam e, bha.. .bha e uabhasach.. .chan e gun d’ fhuair mi mòran cothrom air Gearmailt’ ionnsachadh mar chànan a chionn ’s bhiodh esan air falbh cho tric.. .an duine agam, bhiodh Malcolm air falbh fad an t-siubhail. Air sàilleibh ’s gun robh e saMhedical Corpsbhiodh iad daonnan air falbh airexercisesagus gu seachd àraid a’ chiad turas a chaidh sinn a-null dhan Ghearmailt. ’S e àite a bh’ ann far am biodh iad a’ dol airexercises, na saighdearan, bhiodh feadhainn eile a’ tighinn ann. So a bharrachd air na h-exercisesa bhiodh iad. .. aca fhèin bhiodh iad a’ dèanamhmedical coverdo dhaoine eile a bhiodh airexercisecuideachd, so bhiodh e air falbh tric. Bhiodh e air falbh ’s dòcha sia seachdainnean an siud is cola-deug.. .mar.. .bhiodh e.. .nan cuireadh tu uile còmhla e, bhiodh e ’s dòcha sia mìosan den bhliadhna air falbh bhon taigh. So bhithinn.. .bha mi leam fhìn, mi fhìn is an tè bheag. Ach na dheaghaidh sin bha e a’ còrdadh rium a chionn ’s bha thu.. .mar gum biodh.. .bhiodh tu còmhla ris. . .cha robh e.. .bhiodh pàirt dhiubh.. . .bha, bha an rèisimid uileadh a’ dol a-null còmhla so b’ aithne dhaoibh uileadh a chèile ach mar a bha thusa cha robh thu ach thu fhèin is an duine a’ dol a-null is cha b’ aithne dhut duine eile a bha as a.. .a bh’ anns anunitagad. So dh’fheumadh tu caraidean a dhèanamh is dh’fheumadh tu thu fhèin a chur mu chuairt gus am bruidhneadh tu ri daoine is gnothach mar sin. Agus.. .ach na dheaghaidh sin bha thustillmar gum biodh tu ann an teaghlach. Dh’fheumadh tu a bhith mar sin. Is bha iad a’ coimhead às do dheaghaidh glè mhath ’eil fhios agad. Uill, fhuair mi fhìn sin a-mach mar a bu.. . ’eil fhios agad mar a b’ àirde a bha esan ag èirigh suas as an arm. Dh’fheumadh tu.. . ’eil fhios agad.. .ca.. .can nuair a bhiodh tu nad.. .bean an RSM dh’fheumadh tu a bhith a’ coimhead às deaghaidh na nighnean beag òga agus na feadhainn òga a bhiodh a’ tighinn agus bean.. .bean ùr gun for aice cò ris a bha e coltach pòsta aig saighdear is gnothach, a chionn ’s tha diofrach seach a bhith.. .agus gu seachd àraid ann an dùthaich eile.
EC―10 :07: Tha mi a’ tuigsinn so a bharrachd.. .a bharrachd air an dreuchd a bh’ aig Malcolm fhèin bha.. .bha thusa cuideachd a’ toirt taic dha as an obair sineach?
SS―10 :13: Uill, bha nuair a.. .nuair a fhuair e suas as an arm, bha sin aig deireadh gnothaich ach dh’fheumadh tu.. .uill bha e mar fhiachadh ort a dhèanamh co-dhiù ach na dhèidh sin bha e a’ còrdadh rium fhìn ’eil fhios agad is bha.. .bha.. .bha thu a’ dèanamh caraidean eile is rudan mar sin.
EC―10 :28: Mar can de.. .de teaghlach ann an dòigh mar gum biodh, seadh dìreach. Agus dè mu dheidhinn a’ cur seachad na h-ùine, an robh.. .an robh cothroman agaibh airson rudan ionnsachadh no clasaichean a’ dol no.. .?
SS―10 :36: Bhiodh sin a’ dol, ach cha d’ fhuair mise gu mòran dheth sin, mar a bha mi ag ràdh bha.. .an toiseach gu seachd àraid bha an nighean againn cho òg agus chan fhaigheadh tu.. .is nam biodh esan air falbh chan fhaigheadh tu gu sian mar sin dheth. ’S dòcha gheibheadh tu ann air an t-seachdain seo ach bhiodh esan air falbh an ath-sheachdain is chan fhaigheadh tu idir ann ’eil fhios agad rudan mar sin, so cha b’ fhiach dhut.
EC―10 :55: Am biodh tu a’ leughadh tòrr is rudan mar.. .am biodh tu.. .?
SS―10 :57: Leugh mi an t-uabhas, bha mi a-riamh a’ leughadh co-dhiù, ach a’ leughadh is a’ fuaigheal is a’ dèanamh rudan mar sin, cur.. .cur-seachadan mar sin agus dìreach sin e. Cha.. .cha.. .bha.. .bha.. .an toiseach, a’ chiad turas a bha sinn sa Ghearmailt cha robh telebhisean Bheurla idir againn, bha telebhisean Duitseach againn agus telebhisean a’ Ghearmailt fhèin. So dh’ionnsaicheadh tu barrachd mar sin, dh’ionnsaicheadh tu gun fhiosta dhut fhèin Gearmailtis, agus sin mar a dh’ionnsaich mise. Agus a bhith a’ dol an lùib na daoine.
EC―11 :32: Sin.. .sin a bha.. .an robh thu a’ faighinn cothrom a dhol a-mach cuideachd am measg na daoine sa Ghearmailt mar gum biodh?
S―11 :37: Gu seachd àraid an dàrna turas a bha sinn ann a chionn ’s bha sinn.. .cha robh ann ach dà.. .dà shreath bheag de.. .sreath bheag de thaighean shaighdearain an lùib muinntir na Gearmailte fhèin, far an robh sinne a’ fuireach, agus bha na bùithtean beaga mu chuairt oirnn is a h-uile sian, ’eil fhios agad, gu leòr dhiubh an uair ud cha robh.. .bha na seann daoine a bha a, ag obair as na bùithtean cha bhiodh Beurla aca so dh’fheumadh tu. ..
EC―12 :00: Dh’fheumadh tu bruidhinn riutha as a’ chànan aca fhèin.
SS―12 :02: Aidh, so bha e furasta gu leòr. Thiginn fhathast dhan bhùth ann an Gearmailteas, ’eil fhios agad.
EC―12 :08: Dhèanadh tu an gnothach.
SS―12 :09: Dhèanadh aidh sin a tha mi a’ minigeadh aidh. Dìreachconversationcaran gu mathlimiteda-nist, tha mi air a dhìochuimhneachadh ach na dheaghaidh sin. Is bu toil leam e is bha e furasta ionnsachadh shaoil leamsa air sàilleibh gun robh Gàidhlig agam. Tha e.. .tha e car mar a tha a’ Ghàidhlig tha an gràmarback -to- frontseach a’ Bheurla so.. .agus na fuaimeannan, na ‘- ch’ fuaimeannan tha iad coltach ris a’ Ghàidhlig so bha.. .shaoil mise gun robh e na b’ fhasa dhomhsa na ’s dòcha cuideigin aig.. .mar a bha Malcolm bha, bha.. .aig nach robh ach Beurla.
EC―12 :46: Cha robh Malcolm feuchainn ri Gearma. ..
SS―12 :47: Bha e a’ feuchainn ach cha robh e cho math idir, cha robh e a’ dèanamh cu.. .cu.. .uimhir, cha robh uimhir de dh’ùidh aige ann ’s a bh’ agamsa a chionn ’s chòrd i rium mar chànan. B’ fheàrr leamsa i na can Frangais na Eadailtis no sian mar sin. Can nam biodh tu a’ falbh air làith.. .làithean-saora bhiodh tu a’ feuchainn ri beag.. .facal no dhà ionnsachadh de Fhrangais no de dh’Eadailtis no sian mar sin, ach Gearmailt bu toil leam i.
EC―13 :11: Agus ’s e dùthaich a th’ ann dìreach meadhan na Roinn Eòrpa, an d’ fhuair sibh cothrom a dhol gu dùthchannan eile cuideachd fad ’s a bha sibh as a’ Ghearmailt, an robh.. .?
SS―13 :19: Cha d’ fhuair cus a dh’innse na fìrinn cha d’ fhuair a chionn ’s bhiodh esan cho trang fad an t-siubhail. Ach ’s e dùthaich uabhasach snog a th’ ann fhèin. Gu seachd àraid an dàrna turas a bha sinn thall fhuair sinn beagan.. .barrachd. ..
EC―13 :29: So bha sibh dà thuras uile gu lèir?
SS―13 :31: Bha. Bha mi.. .bha mi còrr is seachd bl.. .seachd bliadhna gu leth còmhladh, nan cuireadh tu còmhladh. An e trì bliadhna is ceithir bliadhna gu leth na mar sin bha sinn thall.
EC―13 :42: As a’ Ghearmailt? An robh gu dearbh? ’S e cnap math ùine a tha sin.
SS―13 :44: Cnap math ùine de do bheatha, ’s e, nuair a bha thu òg. Agus fhuair sinn air siubhal mu chuairt a’ Ghearmailt fhèin agus ’s e àite air leth snog a th’ ann.
EC―13 :53: Bha sibh as gach ceàrnaidh dheth mar gum biodh.
SS―13 :56: Pìosan math dheth, ’eil fhios agad, mu chuairt, ’eil fhios, agad thigeadh tu a-mach air chuairt.
EC―13 :49: An d’ fhuair sibh cothrom a dhol chun an.. .chun an.. .chun an taobh an ear cuideachd?
SS―14 :02: Cha d’ fhuair, cha d’ fhuair an uair sin, bha.. .bha am balla fhathast ann an uair sin. Cha, cha do leag iad am balla gus an do.. .gus an robh sinn air tighinn a-nall.
EC―14 :13: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn. So bha sibh. ..
SS―14 :14: Bha an duine agam ann gun teagamh sam bith ach cha robh mise. Bhiodh esan.. . ’eil fhios agad a thaobh obrach.
EC―14 :20: Agus ciamar a bha e a thaobh.. .a thaobh beatha sòisealta, sa Ghearmailt? An robh, an robh rudan a’ tachairt agaibh air an oidhche no.. .?
SS―14 :25: Bha rudan a’ tachairt fad an t-siubhail as a’. . .as a’ champa, ’eil fhios agad, as a.. .can san t-sergeants ’ messbhiodh rudan a’ dol fad an t-siubhail mar a bha an seo fhèin, as a’ champa seo fhèin nuair a bha an t-arm aig, aig ìre a b’ àirde ann an sheo ann am Beinn na Faoghla bha rudan a’ dol san t-seargeants ’ messa h-uile h-oidhche. Agus bhiodh is thall an siud, bhiodh rudan a’ dol.. .rudan.. .co.. .pàirt de na rudan cha bhiodh tu.. .cha bhiodh tu.. .a’ bodraigeadh ri dhol ann is bhiodh.. .bhaWives Clubann cuideachd, ’eil fhios agad, rudan mar sin, pàirt de na rudan ’eil, fhios agad, carbingois rudan cha robh ùidh agamsa ann a shin is cha.. .ach rudan eile thigeadh tu ann is bhiodh. ..
EC―14 :59: Ach bha iad ann co-dhiù nam biodh tu ag iarraidh.
SS―15 :00: BhaFilmsann is bhiodh rudan mar sin bhiodh iad gan cur air dhuinn is rudan mar sin, nam biodh tu airson a dhol ann. Gu math tric, gu seachd àraid nam biodh an duine agad air falbh fad an t-siubhail, a’ ghreiseag bheag a bhiodh e a-staigh bhiodh e airson a chur seachad còmhla rinn fhìn is bhiodh sinn.. .cha bhiodh sinn.. .ach air.. .air.. .air feasgar Didòmhnaich thigeadh tu a-mach ann.. . ’s dòcha thigeadh tu a-mach gulunchdhanmhessno rudeigin mar sin agus bhiodh tu greiseag den fheasgar.. .tha mi a’ smaointinn bhiodh rudan a’ dol, bhiodhFamily Daysaca is rudan mar sin. Bhiodh iad a’ cur air spòrs is rudan dhan chloinn is rudan mar sin, so thigeadh tu gu rudan mar sin. So bha.. .bha.. .bha.. . ’eil fhios agad, bhiodh daoine eile is bha thu a’ dèanamh caraidean is bhiodh tu a’ dol a-mach còmhla riutha is bhiodh tu a’ dol a-mach gu dìnnear no bhiodh à-san agadsa gu dìnnear is rudan mar sin.
EC―15 :43: Is ciamar a bha e a’ fuireach.. .a’ fuireach ann an taigh-airm mar gum biodh? An robh tòrr riaghailtean ann?
SS―15 :48: O, bha, bha.
EC―15 :49: Bha mi.. .bha feadhainn ag innse dhomh gun robh.. .gun robh e gu math trom nuair a.. .nuair a bha thu a’ fàgail an taighe, gum bi cuideigin a’ tighinn agus a’ cur a chorraig air a h-uile. ..
SS―15 :55: O, dh’fheumadh a h-uile sian a bhith dìreach.
EC―15 :57: Dìreach gu math dòigheil.
SS―15 :58: Spotless. Dh’fheumadh a h-uile sian a bhith dìreach. ..
EC―16 :00: Agus an e uallach a bha sineach air do shonsa mar gum biodh, an robh.. .an robh e.. .?
SS―16 :04: Uill, dh’fheumadh tu a chumail suas co-dhiù. Ach ’s e, tha cuimhn’ a’m aon turas, saoilidh mise turas.. .an e turas.. .turas.. .a’ chiad turas tha mi a’ smaointinn a dh’fhalbh sinn às a’ Ghearmailt cha robh mise air a bhith gu math, bha mi an dèidh ’s a bhith as an ospadal is cha robh mi air chothrom, so thàinig mi dhachaigh. Agus rinn sinn suas gun tiginnsa dhachaigh agus chaidh Malcolm a dh’fhuireach dhanmhessis bha sinn.. .cha leigeadh e leas apholisheadhan ùrlair air an oidhche, ’eil fhios agad, is bha.. .cha robh duine a’ coiseachd air. So dh’obraich sin cho math is rinn sinn sineach a h-uile turas às.. .às a dheaghaidh sin.
EC―16 :37: So ’s e rud mòr a bh’ ann.
SS―16 :39: ’S e e fhèin a bha ga dhèanamh.
EC―16 :40: Marching outnach e a chanas iad, an e.. .an e?
SS―16 :42: ’S e. Bha sinn a’ pacaigeadh suas an toiseachd mum falbhadh sinn, bhiodh tu a’ pacaigeadh a h-uile sian a bh’ agad ann am bocsaichean is bha thu gan toirt leat. Ach pacaigeadh suas na bocsaichean is a h-uile sian, agus.. .ach bha esan a’ dèanamh an obair throm uileadh. Chan e gun robh na h-uimhir sin ri dhèanamh, ’eil fhios agad, ach dìreach.. .dh’fheumadh tu ’eil fhios agad ancookera bhithspotlessa h-uile sian, ach air sàilleibh nam.. .nam biodh esan a’ fuireach as a’ mhesscha bhiodh ancookerga ùisneachadh, cha bhiodh, ’eil fhios agad, sian de na rudan sin. So sin an tip a rinn sinn air, agus ’s ann dìreach.. .chan ann a.. .chan ann a dh’aona ghnothach a rinn sinn.. .dìreach thachair e a’ chiad turas air sàilleibh nach robh mise gu math is cha robh mi air chothrom a dhèanamh, thachair dhuinn gun do dh’obraich e. So rinn sinn às a dhèidh sin e fad an t-siubhail. Ach bhiodh feadhainn de na boireannai.. .na nighnean òga is bhiodh mar a bha mi ag ràdh roimhid bhiodh an rèisimeid uileadh ga sioftadh còmhla so dh’fheumadh à-san.. .is dh’fheumadh iad a bhith a’ fuireach ann, san taigh is ga dhèan.. .is tha e gu math doirbh ma tha clann agad, tha thu a’ polisheachadh. Is bha tòrr de dh’ùine ann a bhith air ampolisheachadh, ’eil fhios agad, seach.. .seachcarpetna sin. Noevenancarpetdh’fheumadh e a bhith glan. So nampoliseachadhtu an t-ùrlar is cha robh math leigeil leis a’ chloinn a bhith coiseachd air is gnothach mar sin. So bha e gu math doirbh dhaibh pàirt aca den fheadhainn òg. So.. .ach dh’fheumadh dhan taigh a bhith.. . ’eil fhios agad, a chionn ’s bha cuideigin eile a’ dol a thighinn ann, a chionn ’s cha chòrdadh e riut fhèin a dhol dhan taigh is e a bhith robach.
EC―17 :59: Dìreach a bhith reusanta tha mi a’ creidsinn, aidh.
SS―18 :01: O dh’fheumadh e a bhith uabhasach fhèin.. .dh’fheumadh e a bhith dìreach mar a chaidh thu ann. Dh’fheumadh e a bhith dìreach.. .cha robh dìreach spot a bhith air idir, idir, idir. Bhiodh iad.. .feadhainn de na feadhainn bhiodh iad.. .bhiodh neapraig geal aige is bhiodh e ga chur tarsainn air mullach nan dorsan agus air.. .air a’ chookeragus a h-uile sian a bh’ ann, bha iad. ..
EC―18 :22: Agus cò bhiodh ga dhèanamh, cò bhiodh a’ tighinn mu chuairt mar gum biodh, an e RSM a bhiodh.. .a bhiodh ann?
SS―10 :26: O chan e ach.. .chan e ach fear.. . ’s e sin an obair a bh’ aige.
EC―18 :29: A dh’aona ghnothach?
SS―18 :30: ’S e, ’s e. Cha robh, cha robh e san arm idir an duine sin ach ’s e.. . ’eil fhios agad cuideigin a bha ag obair dhan arm is bha e ga dhèanamh, Housing Officer.. .bhaHousing Officercuideachd as an arm, bhiodh esan a’ dol còmhla ris is bhiodh duine.. .dithis no triùir aca ann, ach bha an aon duine a bha seo is bhiodh e.. .sin an obair a bh’ aige a h-uile latha. Uill cha mhòr a h-uile latha bhiodh e ga dhèanamh nam b’ e campa mòr a bhiodh ann, so bha feadhainn aca a bha uabhasachstrict. Bha iad uileadhstrictach bha feadhainn aca a bha dìreach.. .chan fhaigheadh tu dheth le sian idir idir. Agus dh’fheumadh tu pàigheadh gu math daor air sin nam biodh sian.. .nam biodh iad air sian a bhristeadh na sian mar sin. Ach cha bhithinnsa ag ùisneachadh gin de na. ..
EC―19 :08: Fiù ’s.. .fiù ’s rud a thachair dìreach mar.. .mar thubaist mar gum.. .bha.. .rud sam bith a bhristeadh bha agad ri pàigheadh.
SS―19 :13: O, can nam bristeadh tu soitheach no sin.
EC―19 :15: Rud a thachradh co-dhiù mar gum biodh.
SS―19 :17: O, dhiabhal aidh dh’fheumadh tu a phàigheadh. Ach mar.. .cha bhithinnsa ag ùisneachadh.. .bha soithichean aig an arm an sin, bha.. .bha a h-uile taigh bha is.. .rud annta. So dh’fhaodadh tu roghnachadh gum biodh e ann no dh’fhaodadh.. .bheireadh iad às e mun tigeadh tu ann is dh’ùisnicheadh tu anstuffagad fhèin. So bhithinns’ ag ùisneachadh an stuth agam fhìn fad an t-siubhail.
EC―19 :33: Bha e na b’ fhasa.
SS―19 :34: Bha e na b’ fhasa ach bha e na b’ fheàrr co-dhiù seach a bhith ag ùisneachadh.. .cha robh stuth ach gu math. ..
EC―19 :39: Gu math suarach, an robh?
SS―19 :40: Uill, bha, bha. Cha robh sian ceàrr air ach bha e cho plèin is bha e cho.. .b’ fheàrr leat anstuffagad.. .bha e na b’ fhasa dhut dachaigh a dhèanamh nam biodh do chuid fhèin mu chuairt ort, an stuth fhèin agad, bha e na bu choltaiche ri do dhachaigh fhèin.
EC―19 :53: So bha sibh sa Ghearmailt agus an uair sin, cà’ an deach sibh an uair sin?
SS―19 :58: Tha.. .chaidh sinn a Chatterick. Cha bu toil leam idir idir idir sin. Cha do chòrd e idir idir rium a bhith ann an Ca.. .bha mi.. .bha leithid de chianalas orm a’ falbh às a’ Ghearmailt co-dhiù, bha mo chridhe briste. Agus thàinig mi dhachaigh an toiseachd, dh’eug mo mhàthair agus bha iad air taigh ùr a thogail is bha m’ athair is mo bhràithrean gun sioftadh a-staigh dhan taigh, so thàinig sinn.. .thàinig mise dhachaigh gus an taigh ’eil fhios agad.. .cha robh fhios acaevendè an dath a chuireadh iad air na ballaichean no sian mar sin so thàinig mi dhachaigh gus a bhith còmhla riutha is bha mi sia mìosan a-staigh, is chaidh sinn an uair sin a Chatterick ach cha do chòrd Catterick idir idir rium.
EC―20 :35: Cò ris a bha e coltach Catterick, an e àite aonranach a bh’ ann no air, air mòinteach no.. .?
SS―20 :39: Chan e, bha sinn faisg air bailtean gu leòr, air baile, bha.. .bha RichmondNorthYorkshire ’s e am baile beag a b’ fhaisge oirnn agus bha sinn faisg air Darlington is air àiteachan mar sineach. Bha rudeigin mu dheidhinn, bha.. .bha mi.. .bha mi cho.. .mo chridhe briste a’ falbh às a’ Ghearmailt co-dhiù is cha robh e a’ còrdadh rium a bhith a’ tilleadh.. .chan eil fhios a’m ’s dòcha nach robh àite sam bith air còrdadh ach cha bu toil leam e is cha robh na daoine cho faisg ort. Cha robh iad idir ’eil fhios agad tha. ..
EC―21 :10: Cho dàn ’s dòcha.
SS―21 :11: Cha robh idir idir idir. Agus cha bu toil leam idir e so cha do dh’fhuirich mi cho fada sin ann.
EC―21 :17: So dè cho fad ’s a bh’ agaibh ri.. .dìreach.. .?
SS―21 :19: Bha mi.. .dh’fhuirich mi an e beagan is bliadhna no ’s dòcha dà bhliadhna bha mi ann, agus bha sinn a’ dol a shioftadh an uair sin ’s ann a thàinig mise dhachaigh. Chaidh an nighean againn dhan sgoil an uair sin, chaidh i aBhoarding Schoola chionn ’s bha i san àrd-sgoil, bha i dìreach a’ dol dhan àrd-sgoil an uair sin, is air sàilleibh gum bitheamaid a’ gluasad, bhiodh Malcolm a’ gluasad mu chuairt a h-uile trì bliadhna no mar sin tha.. .cha.. .cha b’ urrainn dhuinn a bhith ga slaodadh a-mach às an sgoil aig an ìre sin den fhoghlam aice. Agus chaidh ise dhan sgoil ann an Alba agus thàinig mise dhachaigh còmhla ris a’ chòrr den teaghlach is fhuair mi obair an seo. Bha mi ag obair aig an arm a-rithist. Is aig an arm bhiodh tu ag obair ge bith càite am biodh tureally.
EC―22 :04: Agus nuair.. .nuair a bha thu air falbh bha thu a’ faighinn cothroman-obrach?
SS―22 :08: Bha. Nuair a bha mi ann an Catterick bha mi ag obair.
EC―22 :10: Agus as a’ Ghearmailt?
SS―22 :11: As a’ Ghearmailt an turas bho dheireadh a bha sinn ann, a’ chiad turas bha an nighean ro bheag son a bhith ag obair ach san dàrna turas a bha sinn ann bha i san sgoil, agus.. .a chionns’ bha sinn air a bhith a-staigh ann am Beinn na Faoghla eadar an dà thuras a bha sinn sa Ghearmailt. A’ Ghearmailt a’ chiad turas bhapostingaige air ais a Bheinn na Faoghla is chaidh sinn an uair sin air ais dhan Ghearmailt a-rithist. So bha i na bu shine an uair sin.
EC―22 :30: Seadh dìreach, agus an robh sibh ann an diofar baile sa Ghearmailt?
SS―12 :33: Bha sinn ann an diofar pìos dheth. Bha sinn na b’ fhaisge air.. .air a.. .bha sinn ann am Münster, bha sin faisg.. .faisg air.. .airthe Dutch borderso bu thoil leam sin cuideachd, ’s e àite laghach a bha sin cuideachd, àite uabhasach.. .baile mòr a th’ ann am Münster ach cha robh sinne a-staigh sa bhaile fhèin, bha sinn dìreach air taobh a-muigh a’ bhaile is bha e uabhasach.
EC―12 :53: Agus an robh cothrom agaibh a dhol gu àiteachan eile cuideachd aig an.. .an robh sibh a’ dol dhan Òlaind uaireannan is.. .?
SS―22 :58: Bhitheadh, bhitheadh. ’S e dìreach thigeadh tu.. .thigeadh tu ann air feadh an latha leis a’ chàr, dh’fhalbhadh tu sa mhadainn is. ..
EC―23 :04: Cha robh astar mòr sam bith.
SS―23 :05: Chan eil is tha na rathaidean cho math, namotorwayscho math is bhiodh.. .bha e cho inntinneach bhiodh.. .bha.. .bhiodh.. .bhacheese marketas an Òlaind far am biodh sinn a’ dol, bha sin inntinneach a dhol ann, ’eil fhios agad, na rudan sin fhaicinn is bhiodh an t-uabhas de chaistealan as a’ Ghearmailt agus bhitheamaid a’ dol a choimhead air rudan mar sin. So aidh thàinig sinn.. .nuair.. .nuair a bha sinn.. .mar a bha mi ag ràdh an uair sin chaidh sinn a Chatterick an dèidh ’s a bhith.. .an dèidh ’s a bhith as a’ Ghearmailt is cha do chòrd e idir rium so thàinig mi dhachaigh. Is chaidh an nighean againn dhan sgoil so.. .bha Malcolm greis an Catterick, sia mìosan an Catterick mun.. .mun d’ fhuair e sioft an uair sin, is chaidh e a Bhirmingham an uair sin gu TA.
EC―23 :50: Agus an uair sin dh’fhàg e mar gum biodh, dh’fhàg e an t-arm?
SS―23 :52: No, bha.. .bha.. .bha e ann am Birmingham trì bliadhna is bha e an uair sin ceithir bliadhna shìos ann an Lunnainn, agus bha mise shìos còmhla ris aig deireadh gnothaich, a chionn ’s an obair aig an robh mise dhùin i, ’s e a’ chiad phìos dhan champa ann a sheo a dhùin, telephone exchangean airm, ’s e a’ chiad phìos. ..
EC―24 :14: O, Exchange aig a’ champa?
SS―24 :15: Aig a’ champa fhèin, bhaexchangeaca dhaibh fhèin a bharrachd air anexchange, is sin far an robh mise ag obair, bha mi ag obair grunnan bhliadhnaichean ann, ach ’s e a’ chiad phìos dhan champa a dhùin. Agus thòisich an uair sin an campa a’ dùnadh beag air bheag.
EC―24 :27: Beag air bheag, is tha e a’ tachairt fhathast nach eil? Tha an campa a’ dùnadh beag.. .?
SS―24 :32: Chan eil.. .chan eil greim air fhàgail dheth a-nist, chan eil iad ach ann an Gèirinis agus anOfficers ’ Messa-bhos an seo. An campa mòr.
EC―24 :40: Agus.. .agus.. .a bheil.. .a bheil a h-uile saighdear a’ fuireach còmhladh as a’ mhessno dè.. .a bheil.. .nach?
SS―24 :45: Tha dà thogalach aca a-staigh sa champa, togalach anRAFagus togalach eile cuideachd, pìos denOfficers ’ Messach tha an còrr aca.. .is chan eil fhios a’m ciamar a bhios iad nuair a bhios units.. .cha chreid mi gu bheil na h-uimhir sin deunitsa’ tighinn an seo, de shaighdearan fhèin a-nist. Ach tha e gu math diofrach seach mar a bha e.
EC―25 :06: Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil feadhainn a’ fuireach dìreach as an sgìre fhèin, bidh iad a’ fuireach ’s dòcha as na taighean-òsta is.. .tha e coltach gu bheil co-dhiù.
SS―25 :12: Chan eil fhios a’m, chan eil fhios a’m a-nist.
EC―25 :13: IsDark Islandis sineach.
SS―25 :14: Is tha feadhainn.. .tha.. .chan eil mòran sam bith a’ fuireach as na taighean ach muinntir anRAF.
EC―25 :18: Tha mi a’ smaoineachadh.
SS―25 :19: ’S e. Sin a th’ ann.
EC―25 :20: Sin agad e. So mu dheireadh thall dh’fhàg.. .dh’fhàg Malcolm an.. .an t-arm agus thàinig sibh.. .agus dè an uair sin, thàinig sibh dhachaigh a Bheinn na Faoghla?
SS―25 :26: Bha sinn greis a’ fuireach ann an Lunnainn.
EC―25 :29: Agus ciamar a chòrd sin ribh?
SS―25 :30: O, bu thoil leamsa Lunnainn, bu thoil leam gu h-uabhasach e. Tha. .. bha mi an toiseachd ag obair ann an.. .ann an.. .faisg air Reading ann an taigh mòr, agus bha sin uabhasach fhèin inntinneach.
EC―25 :41: An e sin mar taigh mòr duine uasal no.. .?
SS―25 :43: Uh - huh.
EC―25 :44: Seo a-nist.
SS―20 :45: Bha e uabhasach fhèin inntinneach sin. Agus bha tòrr airgid aig an duine a bh’ ann agus bhiodh e.. .an taigh ud.. .bha tòrr thaighean aige cuideachd air feadh an t-saoghail, ach an taigh ud as an robh e ann an.. .as an robh mise ag obair, ’s e.. .bhiodh iad a’ dol a shealgaireachd e fhèin is na feadhainn a bha.. .caraidean. Bhiodh an t-uabhas de.. .deroyalties , royaltyna Roinn-Eòrpa a chionn ’s e tè den sin a bh’ inntese is bha esan uaireigin den t-saoghal ag obair.. .bha e as an arm còmhla ris anSultan of Omanagus.. .so bhiodh tòrr dhiubh sin a’ tighinn a-nall is bha.. .bha.. . ’s e saoghal eile a bh’ ann.
EC―26 :24: Inntinneach.
SS―26 :25: Agus bha e uabhasach inntinneach a bhith ag obair an sin.
EC―26 :28: Seo a-nist. Gun a bhith a’ cur ceist ort mun.. .mun deidhinn ach an robh e furasta am biadhadh no an robh.. .an robh iad ag iarraidh biadh gu math spaideil no.. .?
SS―26 :33: O, chan ann a’ dèanamh biadh a bha mise idir a chionn ’s bha iad a’ faighinn biadh uabhasach fhèin spaideil. Bha dà chòcaire aca agus bha iad a’ dèanamh a h-uile sian a bha iad ag ithe. In fact, ’s ann leis a bha am baile beag a bha mu chuairt air an taighe as an robh iad a’ fuireach agus bha gàirnealaran aige, bha iad a’ fàs a h-uile sian a bha iad ag ithe agus bhiodh an fheòil aca fhèin aca, so a h-uile sian. Agus bha am biadh a b’ fheàrr aca agus againne a bha ag obair aca, bhitheamaid a’ faighinn ar biadh ann an.. .can nam biodh tu airdutyair an oidhche gheibheadh tu do dhìnnear.. .gheibheadh tu mun.. .an gabhadh.. .agus bha.. .bha.. .bha àite-fuireach aca dhut cuideachd.. .gheibheadh tu mun tòiseachadh an tì gheibheadh tusa tràth, gheibheadh tusoupagus ’s dòchacan soupagussmoked salmon sandwiches, bha mise.. . ’s e sin an seòrsa.. .bha sinne a’ faighinn a cheart.. .an aon bhiadh ’s a bha iad fhèin a’ faighinn, bha iad uabhasach math dhanstaff. Agus mar a bha mi ag ràdh ’s e saoghal eile a bh’ ann. Chitheadh tu.. .thachair mi rin uabhas de dhaoine ainmeil ag obair ann, san àite a bha sin, daoine.. .an aon duine nach do thachair mi ris a chionn ’s ghoirtich mi mo chas, stepmi far sèithear, bha mi.. .is ghoirtich mi mo chas agus bha mi far m’ obrach nuair a thàinig Rìgh na Spàinne a-null, so cha robh.. .sin an aon duine nach do thachair mi ach thachair mi ri tòrr dhaoine eile cuideachd, is bha e uabhasach fhèin inntinneach.
EC―27 :59: Seo a-nist.
SS―28 :00: Ma tha ùidh agad ann an daoine mar sin, ’eil fhios, agad muinntirroyaltyis daoine mar sin, ’eil fhios agad, tha.. .bha.. .bha e inntinneach dhut a bhith ag obair ann, ach mura biodh ùidh agad ann, ’eil fhios agad, cha robh ann ach mar a tha obair eile, ach bu thoil leamsa e. So bha mi bliadhna an sin is an uair sin bha Malcolm a’ tighinn a-mach às an arm so bha sinn fhathast ann an Lunnainn is bha esan ag obair.. .shioft.. .shioft mi a-staigh a Lunnainn, fhuair mi obair ann an sin ann, bha mi ag obair ann an taigh, bha mi a’ còcaireachd as an taigh sin. Bha esan ag obair airambulanceann an Lunnainn fad bliadhna gus an robh sinn a’ dol a thogail an taighe ann a sheo, gus an robh an taigh dìreach air tòiseachadh air a thogail, a chionn ’s bha mo bhràthair bha e a’ dèanamh an obair-pàipeir dhuinn uileadh ann a sheo. A chionn ’s mar a tha fhios agad fhèin ma tha thu a’ togail taigh tha an t-uabhas de dh’obair-pàipeir a’ dol leis an rud a th’ ann agus bheir e greis mhòr. Agus ’s e mo bhràthair eile a bha a’ dol a thogail an taighe dhuinn co-dhiù. So bha mo bhràthair a’ dèanamh an obair-pàipeir dhuinn, agus cho luath ’s a bha e dìreach deiseil airson tòiseachadh air an taigh a thogail thàinig sinn dhachaigh, uill thàinig Malcolm dhachaigh an toiseach. So bha e a’ dèanamhlabouradhcòmhla ri mo bhràthair nuair a bha iad a’ togail an taighe.
EC―29 :10: Seo a-nist. Agus dh’fhàg e an t-arm an dèidh a bhith ùine mhòr ann.
SS―29 :15: Bha.. .dè a-nist an ùine a bha e ann? Bha.. .dh’fhuirich e bliadhna na b’ fhaide, ’s àbhaist dhut a bhith.. .a bhith dà bhliadhna air fhichead ann ach dh’fhuirich esan trì.. .dh’iarr iad air fuireach bliadhnaextrason bha e a’ dèanamh teagasg dhaibh is rudan, so bha e trì bliadhna ann.
EC―29 :32: Agus an d’ fhuair e cothrom mar gum biodh a bhith eadar arm agus beatha eile? An robh.. .an robh e a’ dol air cùrsaichean no trèanadh son.. .son.. .son rud mar gum biodh.. .airson a dhèanamh deiseil airson beatha ùr a chruthachadh ann an.. .?
SS―29 :43: Aidh, aidh, ’eil fhios agad, gheibh thu cùrsaichean mar sin, feadhainn bidh iad.. .bidh feadhainn aca.. .a- rèir dè tha thu a’ dol a dhèanamh às deaghaidh gnothaich. Feadhainn aca bidh iad a’ dol airHeavy Goods Vehicle Coursema tha iad a’ dol a dhèanamh rudan mar sin no, ’eil fhios agad, rudan mar sin. Rinn esanBusiness Coursemun do dh’fhàg e, so sin an rud a rinn esan, Business Studiesair choreigin mar sin, chan eil cuimhn’ a’m an-dràsta, tha leithid de dh’ùine ann. Ach ’s e sin an rud a rinn esan co-dhiù, agus so.. . ’eil fhios agad, son gun deigheadh aige air obair oifis is gnothaichean mar sin a dhèanamh nuair a thàinig e a-mach, agus ’s dòcha rudmanagerial.
EC―30 :19: So thill sibh a Bheinn na Foghla an uair sin nur dithis, agus an robh sibh ag obair le chèile, an robh.. .an robh thu fhèin ag obair ann an àite ann am Beinn na Faoghla?
SS―30 :26: Bha mise ag obair, fhuair mise obair sa mhionaid, ach bha esan ùine mhòr mhòr a’ feitheamh ri obair fhaighinn. Fhuair mise obair cha robh mi a-staigh ach trì latha. So ma tha thu.. . ’eil fhios agad, ma nì thu obair sam bith gheibh thu obair an seo, ach bha esan. ..
EC―30 :38: Agus an e obair còcaireachd a bh’ ann no.. .?
SS―30 :41: Chan e, cha robh mi ach ag obair as anOfficers ’ Mess, bha mi ag obair as a’ bhàr agus an uair sin shioft mi gu còcaireachd glè ghoirid às a dhèidh sin. Ach bha esan greis mhath gun a dhol a.. .gun obair fhaighinn agus nuair a bha e o.. .a’ labouradhcòmhla ri mo bhràthair, còmhla ri Eòghann, ’eil fhios agad, nuair a thòisich an obair sgileil is nach b’ urrainn dhasan a dhèanamh, ’eil fhios agad, tha.. .chaidh e a dh’obair chun anCitizens Advicea chionn ’s bha e ag ràdh gus an eanchainn aige a chumail a’ dol, ’eil fhios agad. Cha robh e a’ faighinn pàigheadh air a shon sin idirof courseach tha.. .bhiodh e a’ dol sìos an sin dìreach.
EC―31 :21: So bha e ga chumail fhèin a’ dol gus an tàinig an rud.. .rudeigin suas air a shon.
SS―31 :25: So fhuair e obair aig an arm an uair sin.
title | 2 |
internal date | 2020.0 |
display date | 2020 |
publication date | 2020 |
level | |
parent text | Seonag Smith |