Eairdsidh Caimbeul

Agus a bharrachd air obair a bheil.. .a bheil ùidh agaibh ann an rudan eile mar gum biodh? Ciamar.. .a bheil.. .a bheil rudan a bhios sibh adèanamh airson.. .dìreach airson toileachas is.. .?

SS―00 :15: Uill, bidh mise fhathast adèanamh tòrr.. .bidh an dithis againn adèanamh tòrr mòr leughadh, barrachd mòr leughaidhs a bhios mi adèanamh coimhead air telebhisean no sian mar sin.

EC―00 :22: A bheil seòrsa leabhair is toil leat? an seòrsa rud is toil leat a bhith.. .?

SS―00 :25: Rud sam bith fhads nach eil e eagalach! Fhads nach cuir e an t-eagal orm, chan eil sian.. .cha toil leam idir murt is marbhadh agus gnothaichean mar sin ann an leabhar, ach rud sam bith eile ach sin. Agus còcaireachd!

EC―00 :39: Agus tha e coltach gu bheil sibh abruidhinn cuideachd tòrr air an teilidh, nach eil, le.. .le.. .leis aBhBC is.. .?

SS―00 :44: Och bithidh.. .bidh mi.. .bidh mi abruidhinn air a.. .air a.. .air an rèidio tric, Cathy Bhàn is le daoine mar sin.

EC―00 :48: A bheil e atachairt tric? A bheil e atachairt gach seachdain cha mhòr no.. .?

SS―00 :51: Uaireannan, bidh spealaichean.. .bidh spealaichean ann is bidh mi. ..

EC―00 :53: Bidh am fòn a’ ringeadhis bidh iad ag iarraidh.. . ‘tha sinn ag iarraidh bruidhinn riut’.

SS―00 :56: ‘Tha sinn ag iarraidh sreath de shia seachdainneanno rud mar sin aig.. .aig Cathy no rudeigin mar sin, nos dòcha nas fhaide na sin uaireannan agus tha sin acòrdadh rium tha e cho inntinneach, agus adèanamh rud air telebhisean, gnothachFuinea tha seo, uills eFuinean rud bho dheireadh a rinn mi. Rinn miof course ‘Còcaire nan Còcairean’, ged a tha mi gam bhòstadh fhìn! Cha.. .cha bhi thusa a’ watchadhmòran den Ghàidhlig air an telebhisean ann, am bi?

EC―01 :21: ’S dòcha nach.. .nach eil na h-uireads dòchas a.. . ’s a dhfhaodainn.

SS―01 :26: Am bi thu a’ watchadhtelebhisean sam bith eile, Masterchefno sin?

EC―01 :28: Chan eil mi cho.. .cho.. .cho mòr mu dheidhinn còcaireachd, tha mi acreidsinn.

SS―01 :34: Chuala tu mu dheidhinn, Masterchef?

EC―01 :35: O, chuala, chuala.

SS―01 :36: Uill, seoMasterchefann an Gàidhlig.

EC―01 :37: Tha mi atuigsinn còcaire.. .OK, tha mi atuigsinnCòcaire nan Còcairean’.

SS―01 :39: ‘Còcaire nan Còcaireanso seo agad i!

EC―01 :40: Seo a-nist.

SS―01 :41: The reigning champion! Tha.. .cha robh e ann ach thuras a-riamh an rud a bha seo agus achiad turas a chaidh mi a-staigh air a shon cha dfhuair mi ach an dàrna àite.

EC―01 :54: Tha an dàrna àite fhèin math gu leòr!

SS―01 :56: Tha.. .an uair sin an dàrna turas ghlèidh mi e so cha do rinn iad tuilleadh e an uair sin!

EC―02 :05: Agus an robh oidhche mhòr agaibh ann an àite spaideil no rudeigin, an robh.. .an robh.. .?

SS―02 :09: O, an duais a fhuair thu air a shon? O bha, barrachd air an sin ann. Bha thu afaighinnholidayshìo.. .is bha thu adol dhancooking schoolaig Rosemary Schrager. Bha thu afaighinn.. .ceithir latha bha thu afaighinn an sin agus afuireach ann anhotelspaideil, thu fhèin agus cuideigin eile.. .uill mi fhìn is an duine agam, mi fhìn is Malcolm.
Ach bha e na bfheàrr air còrdadh riumsa achiad turas a rinn iad e, a chionns an duais a bhann an uair sin bha thu adol sìos dhan sgoil aig Rick Stein, sìos aChornwall, so bha thu acòcaireachd iasg is gnothaichean, bha sin.. .bha sin.. .bha sin ann am pàirtean acòrdadh rium na bfheàrr, ged a bha siud uabhasach fhèin math cuideachd a bhith as an sgoil aig Rosemary Schragerchòrd e math math rium, ach tha greiseag on uair sin so cha do rinn iad tuilleadh e. Tha.. .bha tòrr airgid na lùib, ’eil fhios agad is.. .tha.. . ’s e rud uabhasach daor a bhann, prògram uabhasach daor a bhiodh ann a dhèanamh tha mi glè chinnteach, a chionns bha thu an toiseachd fhad’ ’s a bha thu ga dhèanamh bha thu thall ann an Steòrnabhagh fad seachdain afiolmadh agus bha thu ga dhèanamh a h-uile latha, uill mar a bha thu afaighinn air adhart, agus dhfheumadh iad do chur suas – ’eil fhios agad, mar a bha muinntir Na Hearadh is muinntir Leòdhais bha iad adol dhachaigh a h-uile h-oidhche, ach mar a bha na feadhainn afalbh às na h-Uibhistean is à Barraigh bha iad.. .dhfheumadh iad do chur suas ann anhotelso bha an cosgais a bha sin orra agus.. .is cha robh e cho furasta dhuinne na bu mhotha. Na feadhainn a bha às Na Hearadh is às Leodhas bha iad adol dhachaigh airsonpracticea h-uile h-oidhche, ach cha robh sinne ach ann anhotel. Is an dàrna turas.. .achiad turas dhfhòn iad thugam is thuirt iadAn dèan thu e?’ is thuirt mi ‘Och wellthig mi ann’, uill bfheudar dhaibh fòn a chur thugam turas no dhà a chionns cha robh mi deònach idir an toiseachd, so chaidh mi ann an uair sin. Agus mar a bha mi a ràdh, fhuair mi air ais.. .fhuair mi chun na.. .nafinals. Agus an dàrna turas dhfhòn iad thugam is bha mo charaid air sioftadh suas a Steòrnabhagh a dhfhuireach, agusO thig mi suas is chì mi bheil ise afuireachis a h-uile sian, isChì mi i is a h-uile sian is thig mi ann’. Agus cha robh sian a dhùil am, genuinelycha robh sian a dhùil agam gun fhaighinn seachad air achiad chuairt an turas sin, bha mi ag ràdh ‘That ’s it’. Ach mar a bha mi asìor fhaighinn air adhart is asìor fhaighinn air adhart is bha mi ag ràdh an uair sin.. .cha robh mi air sian a dheiseileachadh noideasno sian bha mi adol a chòcaireachd is tòrr de na rudan a chòcairich mi sin achiad turas a bha.. .a rinn mi a-riamh iad nuair a rinn mi.. .nuair a bha mi gan dèanamh air an rud! Achs e Cathy Bhàns i.. . ’s i an a bha còmhla riut ga dhèanamh, ’s i a bha a’ presenteadhaphrògraim is bha e uabhasach fhèin math is bha iad cho laghach na feadhainn a bha ag obair air. Cuideachd amproducera bhagainn Alasdair MacFhionghain, tha e ag obair aig Bòrd na Gàidhlig a-nist.

EC―04 :48: O, tha mi eòlach air Alasdair.

SS―04 :49: O, bha e dìreach.. . ’s e fìor dhuine uasal a thann, agus an t-uabhas de na daoine a bha sin, bha iad uabhasach laghach is thachair mi ri tòrr de dhaoine agus feadhainn de na feadhainn òga a bha.. .a bha ag obair aig an rud cuideachd. Agus tha feadhainn dhiubh air obraichean gu math mòr fhaighinn a-nist aig an.. .aig natelevision companiesis gnothaichean a chionns tha greiseag on uair sin. So bha e uabhasach fhèin inntinneach. ’S e obair.. .nam bithinn na bòige tha mi asmaoinntinns e obair a thann a chòrdadh rium fhìn a bhith ag obair mu chuairt air.

EC―05 :20: Air na meadhanan?

SS―05 :21: Uh - huh. Tha mi asmaointinn, ’eil fhios agad, nam biodh na cothroman sin air a bhith ann nuair a bha mise òg. Tha leithid de chothroman ann do dhaoine òg an-diugh ann an.. .mu.. .mu chuairt air rudan mar sin is aGhàidhlig, ’eil fhios agad. Cha robh cothroman idir ann nuair a bha mise òg mu chuairt air aGhàidhlig, nas lugha na bhiodh tu airson a bhith nad thidsear Gàidhlig, sin an aon rud a bhann. Ach aidhs e obair inntinneach a thann co-dhiù tha mi asmaointinn. Tha thu daonnan abruidhinn ri daoine is daonnan mu chuairt. ..

EC―05 :46: Tha thu ag ionnsachadh nach eil, agus aranns.. .agus arannsachadh is acoinneachadh ri daoine?

SS―05 :50: Tha sin ann cuideachd, ach.. .ach gu seachd àraid dhomhsas e a bhith atachairt ri daoine eile is gnothach mar sin. Is toil leam sin, so tha an t-uabhas den obair sin ann.

EC―05 :58: Cothroman ann.. .ann fhathast airson sin a dhèanamh.

SS―06 :01: Tha, nam biodh duine òg ach, ’eil fhios agad mar a bha mi ag ràdh tha cothroman mòra ann do dhaoine òga, ’s e deagh rud a tha sin.

EC―06 :08: Agus a bheil thu.. .a bheil thu acòcaireachd a bharrachd air a bhith san taigh? A bheil thu adèanamh còcaireachds dòcha aig banais no rudan sam bith, a bheil thu.. .?

SS―06 :15: Chan eil an-diugh, bàbh.. .bha.. .bha mi.. .bha mi uaireigin.

EC―06 :18: Dhfhaodadh cuideigin fòn a chur thugad ‘Righttha sinn.. .tha sinn ag iarraidh seo agus.. .’

SS―06 :21: Tha sin atachairt, tha baisteadh againn agus adèanamh cèic is thabirthdayann is adèanamh cèic is rudan agusAn dèan thu dìnnear dhuinn?’ agus rudan mar sin. Aidh uaireigin bhithinn adèanamh sineach, ach chan eil an-diugh. Tha.. .chan eil uimhir dheth sin atachairt saoilidh mise, san latha a thann an-diugh. Daoine a bhios ag.. .ag iarraidh rud, thig iad a-mach dhanrestaurantno a dhàiteigin mar sin. Cha.. .chan eil na h-uimhir adèanamh.. .chan eil e cho fasanta a bhith adol a thaighean dhaoine eile gu biadh no rudeigin mar sin saoilidh mi, ’s e rud a bhann a bha atachairt as na seachdadan is as na h-ochdadan saoilidh mi, agusevenàs a dheaghaidh sin.

EC―06 :54: Agus a bheil cuimhnagaibh air bainnsean.. .banais-taighe agus rudan mar sin cuideachd?

SS―06 :59: O, tha gu dearbh. Bhiodh mo mhàthair daonnan ag obair aig rudan mar sin, bhiodh bannal de bhoireannaich ann a bhiodh adèanamh sin. Agus bhiodh.. .bha ise air dhiubh is bhiodh iad.. .bhiodh iad uileadh afalbh. Bhiodh an toiseachd abhanais fhèin, bhiodh an toiseachd Latha nan Cearc ann.

EC―07 :15: So innis dhuinn beagan.. .beagan mun.. .mun Latha nan Cearc ma-, .. . bhiodh sineach?

SS―07 :18: Bhiodh iad.. .bhiodh iad acur air dòigh abhìdh uileadh, bhiodhte.. .bhiodh feòil caorach ann agus bhiodh cearcan.. .bhiodhte amarbhadh chearcan is bhiodh iad.. .Latha nan Cearcchan e gun robh mise a-riamh ann aig Latha Chearc mi-fhìn, ach bhiodh iad aspìonadh nan cearcan, na boireannaich, is gan cur air dòigh agus gam bruich an latha ron àm. Agus uaireigin den t-saoghalof coursecha robh fridsichean is gnothaichean aca so bhiodh a h-uile sian air a dhèanamh dìreach aig amhionaid bho dheireadh, an latha ron àm. Agus gu math tric bhiodh iad abruich na rudan a bhiodh an sin.. .air sàilleibh gun robh na h-uimhir ann dheth.. .as an sgoil, cal.. .can Sgoil Chnoc na Mònadh bha i fosgailte an uair ud, bhiodh iad.. . ’s e.. . ’s i an aon sgoil a bha mu chuairt oirnn, no Sgoil Bhaile aMhanaich, bhacanteenas na sgoiltean a bha sin agus bhiodh iad abruich feòil is feòil-caorach, agus mar bu trices e sin a bhiodh aca, feòil-caorach is feòil-circe agus bhiodhsaladsaca, sin an seòrsa biadh a bha aca aig banais an uair sin. Agus bhiodh iad.. .Latha nan Cearc bhiodh sin atachairt, agus latha na bainnseadh fhèinof coursebha i mar a tha banais an-diugh fhèin, bha.. .bhiodhtop tableann is bhiodh an uair sin daoine atighinn a-staighfad na h-oidhcheadh bhiodh.. .bhiodh bòrd adol, a h-uile turas.. .bha, bha an cidsin ann is an àite-suidhe as am biodh iad agabhail am bìdh. A h-uile tu.. .evenfad na h-oidhcheadh nuair a thigeadh daoine bha iad adol chun abhùird is asuidhe is afaighinn biadh. Is an aon bhiadh a bha a h-uile duine a bhann afaighinn, bhiodh achrìostachd de bhèicearachd is de ghnothach ann, bha a h-uile duine adèanamh sin air a shon. Agus bhiodh an uair sin.. .bha thu afaighinn an dìnneir a bha seo, feòil issaladis rudan mar sin. Agus an uair sin an dàrna h-oidhche, oidhche na banais-taighe, bha sin air a chur air leth airson na boireannaich a bha ag obair aig abhanais an oidhche roimhe sin, ’s e à-san a bha afaighinn an trèatadh. ’S e sgioba na bainnseadh, na maighdeannan is bean na bainnse is sin, ’s iad a bha afrithealadh orra. Agus teaghlach na feadhainn a bha pòsadh, ’s iad a bha afrithealadh air na boireannaich a bha ag obair. A bharrachd air, ’s e.. . ’s e dìreach horo-gheallaidh a bhann co-dhiù, bhiodh iad daonnan.. .daonnan ag ràdh gun robh abhanais-taighe fada fada na bfheàrr na abhanais, a chionns bha an gnothach na burelaxedis na. ..

EC―09 :27: Bha an gnothach seachad mar gum biodh.

SS―09 :29: Bha, bha.

EC―09 :30: Bha an latha mòr seachad is, is uallach is a h-uile rud, tha mi atuigsinn.

SS―09 :34: ’S e, agus so bhiodh a.. .airsons ann as nahallaicheanis as na taighean-sgoile a bhiodh na bainnsean an uair sin, agus can ann anhallna h-eaglaise no rudeigin mar sin, so air sàilleibh nach robh bàr ann mar a tha snahotelicheanan-diugh, dhfhaodadh e a bhith adol gu madainn, is bhiodh iad sin adol gu madainn. Agus bhiodh.. .ge bith an ceòl a bhiodh adol is bhiodh uaireigin den t-saoghal bhiodh pìobairean cuideachd is bhiodh iad uaireigin den t-saoghal nuair a.. .nuair a.. .ri linn.. .nuair a bha mathair òg, nuair a bha e na phàiste cans ann.. .na feadhainn a bha an taobh shìos dhinns ann.. . ’s ann san t-sabhal a bha abhanais aca an sin, aguss e pìobairean a bhiodh aca an uair sin mar bu trice, is bhiodhs dòcha gum biodh cuideigin ann aig am biodh meileòidean no rudeigin an uair sin. Bha seo nuair a bha mathair òg, nuair a bha e na ghille beag. Bha.. .tha cuimhnam e a bhith abruidhinn nuair a phòs na feadhainn a bha an ath-doras dhuinn, bha esan na ghille beag an uair sin sos e pìobaire a bhaca is bha.. .bha.. .bhiodh meileòidean is rudan is bhiodh.. .achs ann san t-sabhal a bha i, abhanais aca an sin.

EC―10 :35: Dannsan t-sabhail.

SS―10 :36: Uh - huh, ’s e. Agus.. .ach nuair a.. .ri mo linnsas ann as nahall .. . hallcanhallna h-eaglaise, hallGhrìminis na sin mar sin, a bhiodh na bainnsean agus sin mar a bhiodh iad adol is mar a bha mi ag ràdh abhanais-taighe an dàrna h-oidhche agus bha sin uabhasach math, ’s i a bfheàrr. Ach bhiodh a h-uile duine a bhann air am fiathachadh chun na bainnse, a h-uile duine a bhann mu chuairt, a h-uile duine, ’eil fhios agad, bhiodh.. .is bhiodh iad afalbh is atighinn, bhiodh.. .bhiodh feadhainn, na feadhainn a bu shines dòcha dhfhalbhadh iad dhachaigh meadhanach tràth is bhiodh na feadhainn òga atighinn an uair sin, ’eil fhios agad, so bha i adol fad na h-oidhcheadh abhanais.

EC―11 :12: Tha coltas gu math tlachdmhor air achùis.

SS―11 :13: Bha an uair sin, bha. Ach an uair sin thòisich nahotelicheanis na gnothaich.. .tha iad atilleadh air ais gu gan dèanamh ann anhallaichean.

EC―11 :19: Tha mi asmaointinn gu bheil. Agus abheil thu afaicinn atharrachadh mòr as achoimhearsnachd bhon a bha thu nad nighean òg mar gum biodh? A bheil.. . tha.. .a bheil.. .an e.. .an e nach eil daoine aceilidh air a chèile is a bheil thu.. .?

SS―11 :29: O, tha. Uill tha.. .tha atharrachadh air tighinn air Hàcleit ann an iomadach dòigh, a-mach an taobh seo, tha barrachd mòr de thaighean anns a bàbhaist a bhith ann nuair a bha mise afàs suas.

EC―11 :38: Is an e coigrich a tha atighinn a-staigh, no an e measgachadh.. .?

SS―11 :41: Pàirt dhiubh, measgachadh dìreach agus achuid as motha dhiubhs e daoine.. .muinntir an àite fhèin, tha iad atogail thaighean. Agus tha barrachd mòr chloinneadh ann a-nist, bha an toiseach nuair a thàinig sinne dhachaigh ann a sheo o chionn còig bliadhna fichead, deich bliadhna fichead cha robh clann idir ann an Hàcleit. Agus greis mhath cha robh clann idir ann. Nuair a thog sinne an taigh a bha seo cha robh clann ann. Agus phòs mo bhràthair an uair sin agus achlann aigesan a-nist air èirigh suas ach tha tòrr chloinneadh ann a-nist, rud a tha uabhasach fhèin laghach agus tlachdmhor. Nam biodh Sgoil Chill Eireabhaigh fosgailte an-diugh bhiodh barrachd innte sa bha a-riamh innte, nuair a bha mise adol innte.

EC―12 :20: Nist.. . an sgìre a bhiodh aig Sgoil Chill Eireabhaigh, son tha, tha cuimhnam a bhith as an sgoil mi fhìn agus bha feadhainn againn à Hàcleit ann an Torlum, agus.. .ciamar a bha daoine mar gum biodh adol gu.. .adol gu Sgoil Thorluim no Sgoil Chill Eireabhaigh, an robh taghadh ann no.. .?

SS―12 :36: Cha robh, cha robh. Bha thu.. .bha thu dìreach.. .bha theaghlach a-muigh an taobh ud aguss e Creag Goraidh a bha sin is bha iad sin adol. ..

EC―12 :42: Sin agad clann Dhòmhnaill Iain, an e? Tha cuimhn’. . .tha cuimhnam air Iain is Cailean a bhith ann an Torlum còmhla riumsa achs ann à Hàcleit a bha iad.

SS―12 :50: Bha e na bfhasa dhaibhsan coiseachd chun an rathaid far am faigheadh iad am buss a bha e dhaibh.. .bha e na bfhaisge orra na coiseachd fad an rathaid sìos a Chill Eireabhaigh, ach ri linn an athaireil fhios agads ann a Chill Eireabhagh a bhiodh a h-uile duine adol an uair sin. Acheil fhios agad nuair a.. .nuair a thàinig.. .bhiodh bus afalbh bho cheann na drochaid gu Torlum bhiodh iad an uair sin.. .bha e na bu.. .bha e gu math na bfhaisge orra, cha robh aca achyou knowcòig mionaidean.

EC―13 :15: Agus cuin a dhùin Sgoil Chill Eireabhaigh mar sgoil, mar gum biodh?

SS―13 :19: O, dhùin i mun do.. .mun do dhfhàg mo bhràthair is mo phiutharsa, na feadhainn a bòige, Mìcheal is Marion a chionns chaidh à-san a Chnoc na Mònadh deireadh gnothaich. Aidh, bhiodh sin sna seachdadan, tràth sna seachdadan tha mi asmaointinn, 74, 75 no mar sin.

EC―13 :43: Rudeigin mar sin. Agus an uair sin chaidh a reic is bha e na.. .na thaigh. ..

SS―13 :46: Uill, ghabh aChomhairle air ais e.

EC―13 :47: Ghabh aChomhairle air ais e.

SS―13 :49: ’S e, ’s e taighean-comhairle a thann fhathast.

EC―13 :52: Tha iad air màl ri cuideigin mar gum biodh.

SS―13 :54: O, aidh, tha. ’S ann aig aChomhairle a tha. ..

EC―13 :54: Seo a-nist! Abair àite laghach son taigh-comhairle.

SS―13 :57: Àite snog, dìreach ri taobh achladaich ann a shin. Sin far an do rugadh mi fhìn shìos, an ath-doras ann an taigh piuthar mo mhàthar ann a shin, a chionns bha an taigh acasan faisg air an rathad is cha robh.. .cha robh an rathad idir adol chun an taigh againne so bha mo mhàthair shìos an sin is sin far an do rugadh mise ann an Cillearabhagh dìreach ri taobh na sgoile. So bha mo.. .bha mo cho-oghaichean ann a shin bha iad dìreach ri taobh na sgoileadh so cha robh mionaid aca ri choiseachd dhan sgoil, bha.. .bha pìos math againne ri choiseachd innte dhan sgoil nuair a bha mi adol innte. Ach bha à-san dìreach ri a taobh, is bhiodh farmad mòr againn uileadh riutha nuair a bhiodh sinne acoiseachd as an.. .as an uisge is as an t-sneachd is as a h-uile sian a bhann.

EC―14 :34: Gu math goirid dhaibh.

SS―14 :35: Cha robh iad ach dìreach ri a taobh, cha.. .cha tugadh iad trì mionaidean idir acoiseachd a-null dhan sgoil, so. ..

EC―14 :42: Agus a thaobh an latha an-diugh, a bheil thu dòchasach airson Uibhist mar choimhearsnachd, a bheil cothroman gu leòr ann do dhaoine òga agus obraichean is.. .?

SS―14 :49: Chan eil obraichean idir ann a-nist, chan eil sian ann do dhfheadhainn òga. Tha truas uabhasach agam fhìn ri.. .ri feadhainn òga a tha afàs suas an seo a-nist a chionns chan eil sian idir ann. Nuair a bha an t-arm ann gu seachd àraid, bha an t-uabhas ann do chloinn is do dhfheadhainn òga, bha an t-uabhas de chlubaichean aca do chloinn. Bhiodhyouth clubsann is bhaBrowniesann is bhaCubsann is bha an t-uabhas de na.. . ’s e an t-arm a bha aruith sin uileadh is rinn iad feum mòr dhan àite a thaobh na rudan sin do chloinn òga. Bha rudan ann a dhèanadh iad feasgar. Ach.. .is aig, ’eil fhios agad, làithean-saora sgoileadh is rudan mar sin, deireadh-sheachdain. Tha fhathast tha na h-eich ann, an Riding Club ann fhathast, a chionns e à-san a thòisich air a h-uile sian de na rudan a bha sin. Tha sin adol, achs e sin an aon rud a tha adol, chan eil an còrr adol ach sin.

EC―15 :37: Ach nach eil clubaichean ann airson òigridh cuideachd agus rudan mar sineach, nach eil clann glè thrang san latha an-diugh le diofar rudan a tha iad adèanamh, spòrs is.. .?

SS―15 :44: Chan eil fhios am, chan eil.. .cha chreid.. .uill tha spòrs ann mun sgoil mun deireadh-sheachdain ach chan eil uimhir anns a bàbhaist idir idir idir, no deyouth clubsno sian mar sin.

EC―15 :53: Ach tha dannsa nach eil, dannsa is rudan, ball-coise agus rudan air Disathairne?

SS―15 :58: Tha iad ag ionnsachadh dannsa, sin.. .sin an aon latha a tha rud ann.

EC―16 :01: Tha coltas, tha coltas trang air an àite air Disathairne.

SS―16 :03: Air Sgoil Lìonacleit, tha. Tha rudan adol an sin air Disathairne, ach chan eil an còrr. Chan eil.. .bàbhaistyouth cluba bhith ann nuair a bha clann mo bhràtharsa afàs suas, chan eil sian adol idir a-nist no sian, achs e cudeigin a bha adèanamh sin, ’s dòcha gu bheil an duine sin airretireadha-nist is cha.. .cha do thog duine eile e. Chan eil duine adol ga dhèanamh. Ach chan eil na h-uimhir ann do chloinn agus chan eil àite ann dhan tig iad air an oidhche na sian mar sin. Tha.. .so tha truas agam ri feadhainn òga a tha afàs suas. Tha iad uileadh afalbh dhan sgoil is gu.. .gu foghlam.

EC―16 :35: Gu fogh.. .foghlam air tìr-mòr is.. .?

SS―06 :36: Air tìr-mòr. So tha sin glè mhath dhaibh, thig aca air sin a dhèanamh, is tha an sgoil a-nist, Sgoil Lìonacleit ann is faodaidh iad a bhith innte gum bi iad.. .an e ochd bliadhna deug? So, tha sin glè mhath dhaibh ach.. .is tha an saoghal air atharrachadh co-dhiù, tha a-nistcomputersislaptopsis a h-uile sian aca is faodaidh iad.. .tha iad adèanamh na rudan mar sin. Ach chan eil uimhir de dhobraichean as an eilean idir idir, chan eil obraichean ann.. .ach.. .chan eil obraichean idir aig an arm a-nist ach beagan a tha ag obair shuas ann an Gèirinis agus chan eil an còrr obraichean ann dìreach bùithtean an siud is an seo is.. .chan eil, chan eil uimhir de dhobraichean anneven ’s a bhann nuair a bha mise òg.

EC―17 :20: Seo a-nist.

SS―17 :21: Chan eil idir idir, so. ..

EC―17 :23: ’S e àm gu math trang a bhann, nach.. .nach e, air ais as.. .as.. .as na seachdadan bha tòrr togai.. .togail atachairt nach robh, togail thaighean is.. .?

SS―07 :31: O, bha, bha tòrr obair ann do.. .do dhfhir iseil fhios agad atogail thaighean is gnothach mar sin, bha iad atogail taighean an airm is taighean na Comhairle is gnothach mar sin, bha tòrr obair ann do.. .do dhfhireannaich, cha robh na h-uimhir ann do.. .do bhoireannaich.

EC―17 :41: Ma dhfhaoidte nach robh, ach tha mi acreidsinn aig an aon àm gun robh obair anns dòcha as na taighean-òsta cuideachd is.. .a bhith gam frithealadh mar gum biodh.

SS―07 :46: Bha, bha, bha, bha is bhacanteenaca, uh - huhbhacanteenaig achompanaidh a bha atogail achampa so tha cuimhnam bha mo phiuthar ag obair ann a shin aig làithean-saora na sgoile bhiodh i ag obair ann, agus a.. .so bha sin ann, ach cha.. .chan eil sian dheth sin ann a-nist, is chan eil uimhir de thaighean gan togail, saoilidh mi, san latha a thann an-diugh ach.. .is chan eil uimhir de dhaoi.. .dhaoine òga afuireach air an eilean idir. Tha beagan dhiubh atilleadh ach chan eil uimhir de chothroman aca gun tig iad. Tha can, tha tidsearan ann is feadhainn air tilleadh a dhobair as na sgoiltean, ach chan.. .chan eil na h-uimhir dheth sin adol nas motha, ’eil fhios agad, chan.. .chan.. .chan urrainn ach dhà no trì de dhaoine tighinn gu rud mar sin. So tha na feadhainn òga uileadh air tìr-mòr. Tha teaghlach mo bhràthar.. .uill tha dithis aca san oilthigh ach tha an eile tha i na banaltrum is tha i.. .tha i ag obair ann an Obar Dheathain. Chan eil dùil aice tighinn an seo a dhobair a chionns chan eil an seo ach ospadal bheag bhìodach agus cha tigeadh duine a dhobair an sin gus anretirei, gu.. .gu.. .gu fàs i nas sine, no ma thig i idir. Agus tha an dithist eile tha ann an Cill Rìmhinn agus tha eile ann an Glaschu san oilthigh, is chan eil mi afaicinns dòcha gun tig iad sin.. .gun till iad sin air ais. Is tha òg dhiubh tha i as an sgoil an seo fhathast. Tha a-nist ceathrar nighean an sin is chan eil mi afaicinn gun till iad air ais dhan eilean idir, ’eil fhios agad, ’s dòcha, ach nas lugha na phòsadh duine an seo ach a h-uile duine de na feadhainn òga.. .dithist ghillean òg a tha air a taobh thall dhinn tha iad sin air falbh is dithis ann an ath-doras tha iad air falbh. Chan eil.. .chan eil feadhainn òg idir an seo. Chan eil feadhainn meadhan-aois de dhfheadhainn òg idir idir air Hàcleit mu chuairt seo. Tha clann bheag ann agus seann daoine, sin na thann.

EC―19 :40: Tha mi atuigsinn. Tha mi atuigsinn, tha beàrn ann mar gum bio. ..

SS―19 :42: Tha. Chan eil.. .chan eil sian.. .teenagersmar gun canadh tu idir ann. So tha sin gu math truagh, afaicinn an eilein atilleadh air ais mar a bha e uaireigin den t-saoghal, saoilidh mi co-dhiù.

EC―19 :55: ’S e, ’s e beachd a thann.

SS―19 :56: ’S dòcha.

EC―19 :58: Agus mu dheidhinn dòighean-siubhail is sineach, a bheil sibh toilichte gu leòr le dòighean faighinn ann is.. .?

SS―20 :01: Chan eil, chan eil. Chan eil duine toilichte leis an sin an-dràsta! Gnothach nam bàtaichean a tha seo is gun robh na plèanaichean cuideachd. Chan eil e cho maths a bha e uaireigin den t-saoghal. Bha, nuair a bha mise òg bha.. .bha.. .bhiodh plèana ann achiad char sa mhadainn is bha plèana ann aig feasgar is bhiodh plèana an uair sin na banmoiche ann agus.. .achof coursebha tòrr dheth sin air asubsidiseadhaig an arm, so bha sin adèanamh cuideachadh. Agus.. .ach mar a tha gnothach nam bàtaichean uill.. .nas lugha a chanas sinn mu dheidhinns ann as fheàrr. A chionns chan eil e idir, chan eil duine riarachte leis an sin aguss e rud uabhasach a thann nuair a tha leithid de luchd-turais atighinn an seo agus tha an t-uabhas dheth sin atachairt a-nist. ’S e fìor dheagh rud a thann, ach chan eil dòigh aca air faighinn gu tighinn.

EC―20 :52: A bheil thu afaicinn am barrachd luchd-turais atighinn an seo?

SS―20 :54: O, tha, agus gu seachd àraid tha an t-uabhas de.. .de ghnothaichean mun àite a tha seo air a bhith air telebhisean, programmesa tha air a bhith air agus gu seachd àraid o thòisich BBC Alba fhèin. Agus tha sin air feum a dhèanamh dhan àite a thaobh luchd-turais atighinn is tha iad air fhaicinn cho snogs a tha na h-eileanan air fad, chan e a-mhàin na h-Uibhistean is Beinn na Faoghla ach a h-uile h-eilean a thann. Is saoilidh mi gu bheil e air diofar mòr a dhèanamh air luchd-turais atighinn a dhfhaicinn an àite, agus tha fhios am gu seachd àraid ann am Barraightha is as a h-uile h-eileaniomadach prògram a tha air a bhith ann mun deidhinn, tha barrachd mòr dhaoine atighinn air a shàilleibh sin. Is chì thu ann a sheo, ach achuid as motha dhiubhis chan eil tòrr de na. .. muinntir an àitekeenairtòrr dhiubhs ann lemotorhomesa tha iad atighinn is chan eil iad acur ris an àite idir, tha iad atoirt leotha a h-uile sian a thaca. Biadh is a h-uile sian is chan eil iad aceannach mòran an seo.

EC―21 :51: Canaidh daoine sin.

SS―21 :52: So, aidh aguss e an fhìrinn a thann gu beagnaich, ’s e an fhìrinn a thann a chionns chan eil iad.. .a chionnss aithne dhomh fhìn feadhainn a, a bhios atighinn, tha mi air daoine fhaicinn is tha.. .tha iad atoirt leotha an t-uabhas. Ach.. .ach an aon rud a tha.. .a tha meadhan.. .meadhanach math an seo, tha deagh bhùithtean againn, ’eil fhios agad, gheibh thu biadh sam bith an seo, tha e furasta gu leòr rud fhaighinn agus nuair a tha.. .can nuair a tha thu ag òrdachadhstuff, stuth air-loidhne, can aodach na sian mar sin a bhios tu acur a dhiarraidh, thig e. Tha thu.. .tha e uabhasach furasta rudan mar sin fhaighinn.

EC―22 :29: Bha.. .bha mi adol a dhfhaighneachd sineach, a bheil rudan ann a tha car doirbh fhaighinn an seo mar gum biodh, can gu bheil rud a dhìth ort, .. . na rudan a tha doirbh?

SS―22 :35: ’S e glè bheag, chan fhaic mise gu bheil sian dhiubh, a h-uile sian.

EC―22 :38: Agus mu dheidhinn rudan mar brogan is aodach is rudan mar sineach?

SS―22 :41: Uill, tha cuid de dhaoines fheàrr leotha a bhith adol a bhùth, ’s fheàrr leamsa faighinn rudan mar sin air-loidhne a chionns tha fios am fhreagras orm is chòrdas leam, is tha fhios am mheudachd a dhfheumas mi ann an iomadach rud is chan eil thu ach a chur ga iarraidh agus mar as trice bidh e freagarrach. Fìor chorra uair feumaidh tu a thilleadh, aidh, ach sian sam bith eile a bhios a dhìth ort, rudan beag no mòr tha e gu math furasta, agus thig iad gu math cliobhar. Can nam biodh tu acur a dhiarraidh reothadair nowashing machineno sian mar sin, a-rèir .. .ma chuireas tu a dhiarraidh air an àite cheart e, bidh e agad.

EC―23 :16: So chan eil e cho doirbh.

SS―23 :18: Bidh e agad an taobh a-staigh seachdain. A chionns gur e rud uabhasach math a tha sin, a chionns gu math tric air tìr-mòr nuair a dhòrdaicheas tu rud mar sin chan urrainn dhaibh a thoirt thugad gus dòcha an ath-sheachdain no rudeigin mar sin, ma dhòrdaicheas tu rud à bùth mhòr mhòr. So gheibh thu e cheart cho cliobhar, so sin aon rud a tha diofrach is tha e math. O chionn ghoirid ann a sheo, chan eil bliadhnaichean mòra sam bith o thòisich e afàs furasta rudan mar sin fhaighinn. So chan eil sian gad dhìth san dòigh sin, ’eil fhios agad, a bhith afuireach ann a sheo, agus a-rithist ged nach robh mise son tighinn dhachaigh an seo, ’s e an duine agam a bha sonseitligeadhan seo, chan e mise idir idir idir a bha airson tighinn, tha esans ann à Devon a tha e, is bha e air còrdadh riumsa a bhith airseitligeadhann a shin nuair a thàinig sinn a-mach, ach bha esan a-riamh a-riamh airson tilleadh air ais an seo. Agus a-rithist, nam bitheamaid air taigh a thogail no a cheannach ann an Devon, cha.. .cha robh e air a bhith.. .bha e air a bhith gu math na bu daoire na thog sinn an taigh ann a sheo, ’eil fhios agad, taighean shìos ann an Sasainn cho.. .cho daor ri an ceannach, ach cha robh sin ach.. .chan e.. .chan e gun e sin an rud a thug oirnn a dhèanamh a chionns bha esan dìreach airson tighinn an seo, is tha mi toilichte a-nist gu bheil sinn an seo, a chionns chunnami clann mo bhràthar afàs suas, aguss e àite laghach a thann airson a bhith afuireach ann agus àite uabhasach sàbhailte do sheann daoine, agus do chloinn gu seachd àraid. Duine sam bith a tha atogail chloinne òg an seo, tha fhios agad gum faod thu leigeil leotha a dhol a-mach a chluiche is chan eil duine adol a dhfhalbh leotha, is chan eil sian adol a dhèirich dhaibh san dòigh sin no sian mar sin. So mar a chì mi, mar a tha na feadhainn bheaga an ath-doras bidh iad daonnan a-bhos mu chuairt an seo is faodaidh am màthair.. . ’eil fhios agad tha fhios, aice gun cùm mise car de shùil orra agus nach èirich sian dhaibh san dad.. .san dòigh sin, ach tha fhios aca cuideachd nach eil duine adol a dhfhalbh leotha na sian mar sin, ’eil fhios agad. Mar a tha e air tìr-mòr cha burrainn dhut sin a dhèanamh, cha burrainn dhut leigeil leis achloinn a dhol a-machmar a bha sinne afàs suas bhiodh sinn a-muigh acluiche fad an latha, is bha fhios aig mo mhàthair nach tigeamaid faisg air na lochan no sian mar sin. Ach, so agus tha iad caran mar sin fhathast, clann ann a sheo, ’eil fhios agad.

EC―25 :22: .. . an dòigh a bhaicese air ur cumail air falbh bho àiteachan a bha cunnartach, an robh i ag innse stòiridhean airson ur cumail air falbh bho na cunnartan nàdarra mar gum biodh, an robh.. .?

SS―25 :31: Cha robh rinne, cha robh.. .ach dìreach achridhe agad is bheireadh tu barrachd feart air do phàrantan an uair sin nuair a bha sinne òg! Cha robh dìreach achridhe agad adol faisg amhìle air an locha agus cha robh an còrr air no dheth no sin. Ach tha cuimhnam clann mo pheathar a-nist, bhiodh.. .bhiodh mathair ag innse dhaibh gun robh.. .gun robh uilebheist air choreigin as an loch is. ..

EC―25 :50: Sin.. .sin.. .sin an rud.. .sin, sin an rud a bha mi ag ràdh, gun robh.. .gun robh rudeigin ann a bharrachd air an uisge fhèin mar gum biodh.

SS―25 :55: ’S e, ’s e uill a-nist bha à-san, ’s e clann a bha air an togail air tìr-mòr a bhannta, so dhfheumadh tu rud diofrach innse dhaibh, ’eil fhios agad, cha.. .cha toireadh iad feart co-dhiù, cho.. .cho.. .mar a.. .cha robh uimhir de smachd, smachd orras a bha oirnne, a chionns bha sinn uabhasach, bha smachd mòr oirnn nuair a bha sinn beag mar a bha sinne air ar togail. Ach a-nist clann mo pheathar bhiodh, bhiodh mathair daonnan ag innse dhaibh gun robh uilebheist as.. .as an locha agus nach robh math dhaibh a dhol faisg air is cha tigeadh air a shàilleibh sin. Ach tha.. .chan eil fhios am a-niste mar a bhios achlann bheag ud thall, am bi iad ag innse dhaibh a bheil sian san locha, tha loch ann.

EC―26 :30: Sin agad e. Agus a bheil thu afaighinn cothrom falbh air chuairtean? A bheil thu.. .a bheil sibh fhèin is Malcolm adol air falbh.. .falbhweekendis rudan mar sin?

SS―26 :34: Och aidh bidh sinn, bha.. .tha.. .tha e gu math doirbh dhomh esan a shlaodadh air falbh, chan eil ekeensam bith air a bhith afalbh! Chan eil, chan eil, chan eil, chan eil. Chan fhalbhadh e idir idir nam faigheadh e an t-seansa ach.. . ’s toil leis a bhith dìreach ann an sheo fhèin is a. ..

EC―26 :50: Ach bha sibh air falbh aig banais bho chionn goirid, nach robh, an robh sibh.. .?

SS―26 :53: Bha, bha. Agus bidh sinn afalbh gu rudan.. .afalbh air làithean-saora is och bidh sinn adol a dhAimearaga is adol a. ..

EC―26 :59: A dhAimearaga?

SS―27 :00: Aidh, tha, tha.. .uill bidh sinn adol an sin co-dhiù ach tha càirdean agam cuideachd ann. Bidh sinn adol a choimhead.. .faisg orra far a bheil à-san afuireach is chì.. .chì sinn iad fhads a tha sinn thall is.. .tha e a-rèir an tig sinn is.. .a dhàite sam bith.

EC―27 :11: So bidh sibh afaighinn cothrom falbh. ..

SS―27 :12: O, a dhàiteachan, aidh, air.. .uilleil fhios agad tha. ..

EC―27 :15: Beagan ùine agaibh a-nist airson sin a dhèanamh.

SS―27 :17: ’S e, ach mar a tha mi ag ràdh, chan eil esan deònach sam bith falbh. Agus tha cuimhnam am fear nach maireann a bàbhaist a bhith an ath-doras rinn ann a sheo Tony.. .is Màiri.

EC―27 :28: O Tony.. .Tony Gibson?

SS―27 :30: Uh - huh. Cha robh.. .bha e fhèins ann à.. . ’s ann à Sasainn a bha e aguss ann air èiginn a bhiodh i ga fhaighinn air falbh airholidaycuideachd nuair a dhfhalbhadh iad. Cha robh.. .bhiodh e a-muigh no a-mach leis bfheàrr leis fuireach a-staigh.

EC―27 :41: Tha cuimhnam air Tony gu dearbha fhèin. Agus an robh Tony ag obair as a’ Mhesscuideachd? An e.. .an robh e ag obair as anOfficers ’ Mess?

SS―27 :45: Bha e ag obair aig an arm a-riamh, aidh.

EC―27 :46: An e car de mhanaidsear a bhann shìos ann?

SS―27 :47: ’S e. Thàinig esan a-nuas an seo leis anRAFan àm achogaidh is dhfhuirich e, phòs e Màiri is dhfhuirich e. Agus cha robh e idir idir a-muigh no a-mach airson falbh a dhàite. Is tha an duine agamsa air an aon dòigh. ’S ann air an.. . ’s ann dìreach.. .cha.. .chan fhaigh.. .gheibh mi air falbh es dòcha, ’s dòcha uair sa bhliadhna no àm mar sin. Uill, tha an nighean againn ann an.. .afuireach ann an Lunnainn so.. .adol a choimhead oirrese is rudan mar sin. Uill, ’eil fhios agad ma tha e airson a faicinn gheibh.. .uill thig i.. .thig à-san a-nuas ach bidh esan airson a faicinn nas trice na sin agus bheir sinne air falbh e, ach mura be sin chan eil mi ag ràdh gun.. . ’s fheàrr leis a bhith dìreach mun taigh ma tha e far obrach, ’eil fhios agad, no sian mar sin. So, aidh ach uaireigin den t-saoghal nuair a bha sinn òg cha bhithinn.. .cha bhiodh daoine adol airholidaysmar a tha iad an-diugh ann. Tha cuimhnagam bha.. .mar a bha mi ag ràdhs ann à Barraigh a bha mo mhàthair is bhiodh.. .bhiodh piuthar dhi, bha.. .bhiodh i agabhail daoine air làithean-saora, chan eBed and Breakfastachs eFull Boarda bhiodh ann an uair ud. Agus bhithinnsair mo thàirneadh a-null an sin a h-uile.. .aig àm Càisg is aig àmholidaysan t-samhraidh ga cuideachadh. Bha e acòrdadh riumsa glè mhath a chionns cha robh clann bheag ann a shin a dhfheumainn a bhith afrithealadh orra, is uaireannans dhfhàsadh tu searbh dheth a bhith acoimhead às dèidh do pheathraichean is do bhràithrean agus bhithinn.. .so sin naholidaysa bhiodh agamsa nuair a bha mi san sgoil!

EC―28 :15: ’S eholiday .. .holiday.. . holidaycaran.. .busman holiday!

SS―29 :18: ’S e. Chan eholidaya bhann ach bha e acòrdadh rium is bhiodh mo cho-oghaichean eile adol a-null cuideachd a Bharraigh fad an t-samhraidh so bhiodh sinn.. .bhiodh.. . ’s e cothrom a bhann tachairt ri do cho-oghaichean a bha afuireach ann an Glaschu is rudan mar sin.

EC―29 :30: Agus a thaobh a bhith nad chòcaire, a bheil rud sam bith sònraichte a tha thu adèanamh, seo rud.. .rud a tha Seonag.. .fìor mhath?

SS―29 :38: Mar a chanas iad, is bha cuideigin eile afaighneachd sin dhomh, ansignature dish – chan eil, chan eil, bidh mi adèanamh rud sam bith, ’s toil leam a bhith adèanamh rud sam bith, so chan eil idir idir. In factchuir.. .chuir e iongnadh orm nuair a dhfhaighnich am boireannach a bha seo dhomh ansignature disha thagad? ’, bha mise ag ràdh chan eil sian, achs toil leam a bhith acòcaireachd rud sam bith, ’s toil leam a bhith ag ithe, ’s e glè bheag de.. .de bhiadh nach ith mi cuideachd, sos toil leam.. .tha mi asmaointinn gu bheil e adèanamh diofar mòr ma tha thu acòcaireachd ma tha thu.. .ma.. .ma chòrdas an rud a tha thu adol a dhèanamh riut. Cha.. .cha bu toil leam a bhith ag ithe rudan nach còrdadh rium, air a bhith acòcaireachd rud nach còrdadh rium a bhith ga ithe.

EC―30 :11: A bheil rud sam bith.. .a bheil rud sam bith ann.. .rud sam bith ann nach toil leat, a tha acur gaoir tromhad mar gum biodh?

SS―30 :14: Glè bheag, tha.. .beetrootaguspearsagus glè bheag de rudan a tha sin. Chan eil mòran.

EC―30 :25: Ach a bharrachd air sin tha thu furasta do bhiathadh.

SS―30 :26: Can.. .can.. .agus tha cuimhnam bhiodh mathair fhèin uabhasach measail air.. .air teanga.. .mart.. .tongue , ox tongue. Agus na dhèidh sin ga cheannach aguseil fhios agad bidh thu ga bhruich. O, bha e acur gaoir orm a bhith ga dhèanamh dha ach bu toil esan e. Aguss e.. .chan e gun e teanga a thann a tha acur sgrath orm idir ach an seòrsa.. . aGhàidhlig airtexturea thann?

EC―30 :53: Dìreach a faireachdainn.

SS―30 :54: Tha e cho.. . ’s e, seòrsa ga ithe, seòrsa chan eil fhios am tha e car.. .agus cuid de dhèisg, cha toil leam iasg, leàbagan no sian mar sin tha iad cho sglìomach, cho bog. ’Eil fhios agad bidh cuid de dhaoine bidh iad adèanamhfussmòr mu dheidhinnlemon soleis rudan mar sin, tha. ..

EC―31 :09: Chan eil thu cho. ..

SS―31 :10: Cha toil leam idir, ’s toil leam iasg den h-uile seòrsa eile aguss e sin an seòrsa biadh as fheàrr leam, biadh iasg is maorach is a h-uile sian mar sin.

EC―31 :16: Tha thu measail air maorach?

SS―31 :17: Uabhasach measail air maorach, chaidh ar togail air rudan mar sin, ’eil fhios agad cha robh e.. .cha robh e.. .bha.. .bha e mar a bhiadh àbhaisteach dhuinne a bhith afaighinn creachainn is muirsgian is. ..

EC―31 :32: Canaidh cuid nach eil tòrr neart ann am maorach mar bhiadh, tha e blasta ach chan eil tòrr mar gum biodh brìgh ann, mar gum biodh.

SS―31 :39: Uill, a-nist thiginnsan aghaidh sin.

EC―31 :41: Ceart.

SS―31 :42: Agus tha cuimhnam mathair a bhith ag ràdh bodach air choreigin a thuirt ris nam biodh tu adol a bhuain mhònadh no obair throm mar sin air latha, iasg mar sin, iasg ithe. Gu seachd àraid iasg mar a chanas iad as aBheurlaoily fish, mar a tha.. .evenged nach dèanadh tu achsardinesno sian mar sin, acheil fhios agad, sgadan no rionnach no.. .nosalmonno sian mar sin ithe. Gu bheil barrachd tacsa ann is gu bheil, gum.. .gum maireadh e dhut fad an latha nam biodh tu adol a bhith adèanamh obair throm mar sin. Agus tha mi asmaointinn gu bheil creachainn gu h-àraid gu math làidir.

EC―32 :17: Agus beartach.

SS―32 :18: Seadh, chan urrainn dhut an t-uabhas dheth ithe, de rudan mar sin. No, no muirsgian no sian mar sin, ’eil fhios agad. Sin an rud a bhiodh sinne afaighinn nuair a bha sinn òg, bhiodh sinn adol a thogail mhuirsgian is a thogail shrùbain is a h-uile sian den rudan.. .bha.. .bha an tràigh cho faisg oirnn agus tràigh na h-oitir mhuirsgein ged nach robh mise math idir air an sin, ’s e na gillean a bhiodh adèanamh sin. Tha.. .tha diofar dòighean.. .an robh thu a-riamh atogail mhuirsgian?

EC―32 :41: Cha robh muirsgian ma-thà, bha.. .bha srùbain is.. .ach cha.. .cha robh muirsgian.

SS―32 :44: Tha srùbain cho furasta. Muirsgian diofrach, tha.. .bidh iad atighinn am bàrr is feumaidh tu an glacadh mu.. .mun till iad sìos.

EC―32 :49: Agus a bheil spùt beag atighinn a-mach à.. .?

SS―32 :50: Tha, saoilidh mi gu bheil. Tha.. .agus ma.. .ma shlaodas tu às ro chliobhar iad cuideachd.. .is nuair a leigeas.. .fuirichidh iad fhèin as an rud so feumaidh tu dìreach. ..

EC―32 :58: Tha dòigh. ..

SS―32 :59: Tha dòigh air an rud a thann. Ach an t-uabhas de ghnothaichean, breallaich is bàirnich. Tha bàirnich chan eil iad math, ach nas lugha na thu teine beag a-muigh is ma bhruicheas tu iad sin mar as fheàrr iad. Bàirnich tha iad astiogadh ris na creagan agus tha thu ga sguabadh dheth le clach bheag agus siud mar as fheàrr iad. Bhitheamaid adèanamh sin nuair a bhitheamaid adol a-mach dha na h-eileanan as an sgothaidh, bhiodh sinn abruich bhàirnich is rudan mar sindìreach airson fansaireachd, chan e gun robh feum againn air no sian mar sin no gun e gun robh an t-acras oirnn no sian, ach, ’eil fhios agad, ’s e rud.. .cha bhiodh sinn adèanamh.. .ga dhèanamh ach.. .ach an uair sin fhèin. Cha bhodraigeadh tu ri bàirnich fhaighinn is am bruich a-staigh idir ro thric idir a chionns tha iad cho grànnda a bharrachd air.. .ach.. .is chan eil tòrr de na rudan a tha sin, chan eil iad brèagha, chan eil srùbain glè shnog le coimhead orra. Tha cuimhn’. . .bàbhaist dhomhsa.. .baithne dhomh is bhiodh i adùnadh a sùilean mun cuireadh i na beul iad, ’s e Ghallta a bhinnte is bu toil leatha am blas a bhorra ach bu toil leatha an coltas.

EC―34 :00: Cha bu toil leatha an coltas.

SS―34 :01: Agus muirsgian-chaola chan fhaca tu rud cho grànnda riutha, shrimpsleis na sùilean neònach air naprawns. So, chan e an coltas a bheireadh ort. ..

EC―34 :08: Sùilean beaga biorach a thaca.

SS―34 :09: O, tha. So, chan e an coltas a bheireadh ort. ..

EC―34 :12: ’S e am blas seach an coltas sin an rud. Sin agad e, Seonag. Uill, Seonag, uill ceud taing airson a h-uile stòiridh is fiosrachaidh agus bha e cho tlachdmhor a bhith abruidhinn riut agus burrainn dhuinn a bhith abruidhinn na bfhaide tha mi asmaoineachadh ach. ..

SS―34 :23: Fad an latha!

EC―34 :24: Ach tha mi asmaoineachadh gu bheil.. .tha mi cinnteach gu bheil rudan agaibh fhèin ri dhèanamh agus gum bu choir dhuinn leigeil leibh! Mòran taing a-rithist.

SS―34 :31: ’S e do bheatha gu dearbh!

title3
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textSeonag Smith
<< please select a word
<< please select a page