P[àdruig] M[oireach]―00 :04: Glè mhath ma-thà, a Christine, mìle taing dhut airson tighinn a bhruidhinn rium an-diugh.

C[hristine] P[rimrose] : ―00 :09: O, ’s e do bheatha.

PM―00 :11: As an oifis againn ann an sheo anns an Eilean Sgitheanach ann an Sabhal Mòr Ostaig.

CP―00 :14: Is e cho brèagha.

PM―00 :15: Tha e cho brèagha, tha. Tha an t-earrach atighinn. Ceart, ma-thà, tòisichidh sinn aig an toiseach ma-thà, agus às a tha thu agus leis thu?

CP―00 :24: Uill, is mise Christine Primrose aguss.. .rugadh agus thogadh mi ann an Càrlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais as na 50s. Aguss ann le Norrie an Laochain, nighean Norrie a chanas iad riumsa, chan e Christine Primrose ach nighean Norrie. Agus mo mhàthair Jean AnneBoyce’, na dithis aca às an sgìre fhèin.

PM―00 :49: Ceart gu leòr, agus ciamar a bha Càrlabhagh an uair sin, ris a bha am baile coltach?

CP―00 :55: ris a bha e colt.. .uill nuair a smaoinicheas mi air ais air, bha.. . ’s e coimhearsnachd uabhasach snog a bhann, bha iad.. .bhiodh iad an-còmhnaidh atighinn còmhla is cha robh.. .cha robh stràinnsearan nar measg idir, bha a h-uile duine cho eòlach air a chèile agus bha beart tha mi acreids’. . .taigh-beairt cha mhòr anns a h-uile.. .a h-uile taigh. A h-uile duine le , dìreach bhiodh daoine adol a-mach a bhuain na mònach is acur abhuntàtis rudan mar sin, cho.. .dìreach beatha uabhasach snog nuair a, nuair a smaoinicheas mi air ais air bha.. .cha robh.. .cha robh càil eile agamsa a burrainn dhomh dèanamh coimeas air, ’eil fhios agad.. .ris.. .ach coimhearsnachd glè dhòigheil.

PM―01 :40: Ceart, agus cia mheud a bha anns an teaghlach?

CP―01 :43: Tha triùir againn, tha mise as amheadhan.

PM―01 :45: Tha thus anns a.. .as amheadhan agus an e.. .an e bràthair agus piuthar. ..

CP―01 :48: Chan e, phiuthar agam.

PM―01 :49: phiuthar eile. Ceart gu leòr agus chaidh thu dhan bhun-sgoil ann an Càrlabhagh?

CP―01 :54: Chaidh mise dhan bhun-sgoil ann an Càrlabhagh, cha robh mi ach dìreach ceithir agus trì mìosan nuair a chaidh mi ann.

PM―02 :01: Bha thu gu math òg a-rèist.

CP―02 :03: Bha mi uabhasach òg nach robh?

PM―02 :04: Bha, airson a dhol dhan sgoil. Ciamar a leig iad leat a dhol dhan sgoil aig an aois sin?

CP―02 :09: aige a tha fios? ’S dòcha gun robh. ..

PM―02 :10: Ach rinn thu achùis air co-dhiù.

CP―02 :11: Uill, tha mi an seo.

PM―02 :14: Agus an robh tòrr anns an sgoil nuair a chaidh thu innt’?

CP―02 :17: Uill, dhòmhsa, nuair a bha mi nam nighean bheag bha an t-uabhas dhaoine ann, ’eil fhios agad, bha i làn. Tha mi asmaoineachadh gun robh timcheall air seachdnar air achlas agam agus cha do smaoinich mi a-riamh cia mheud duine a bhanns.. .a bhanns aig an sgoil aig an àm sin. Nuair a smaoinicheas mi air bha i.. .bha an sgoil làn.

PM―02 :37: Uh - huh. Cia mheud a bha inntuile gu lèir an uair sin?

CP―02 :41: Mu leth-cheud, fhicheads dòch’. . .an robh sin fhèin ann? Bha e afaireachdainn coltach ris co-dhiù.

PM―02 :47: Agus ciamar a chòrd an sgoil riut, abhun-sgoil?

CP―02 :50: Uill, tha mi asmaoineachadh gun do chòrd math gu leòr. Bha e math gu leòr, cha robh càil cudromach no càil dona a thachair dhomh no càil mar sin. Bha mi dìreach adol tro mo bheatha man a bha a h-uile duine eile.

PM―03 :02: Uh - huhagus an ann an uair sin, nuair a bha thu aig aois na bun-sgoile, an ann an uair sin a thòisich thu aseinn no.. .?

CP―03 :11: Uill, ’eil fhios agad air an seo, tha.. .chuir mi acheist a tha seo air mo mhàthair bho chionn bhliadhnaichean air ais agus thuirt i gun robh mi air a bhith aseinn bho bha mi nam nighean bheag bhìodach agus chan eil càil a chuimhnagamsa air àm sam bith na mo bheatha-sa nach robh mi aseinn. Bha.. .tha e dìreach dhomh mar.. .mar phàirt dha.. .dha mo bheatha, ’eil fhios agad. tha mi air a bhith an sàs ann an seinn is amhrain is mar sin air adhart bho is cuimhne leam, agus tha cuimhnam a bhith adol a-steach airson. .. ’eil fhios agad, bha an uair sin bha daoine gad chur a-steach airson aMhòd, ’eil fhios agad ann an Steòrnabhagh agus bha tidsear.. .bhiodh tidsear atighinn a-nullMrsMacLeod, ’s e ‘Screechy’ a bhagainn oirr’. . .o nach eil sin cianail.. .agus bha i atighinn a-null aon uair san t-seachdain agus bha thu.. .bha thu dìreach.. .chaidh cantainn riumTha thu adol a-steach airson aMhòd’, ‘OKma-thà, thèid mi annis thòisich mi adèanamh sin nuair a bha mi sa bhun-sgoil is lean mi.. .lean sin mi, mar gum biodh, nuair a chaidh mi dhan àrd-sgoil cuideachd. Dìreach seinn.. .is bhithinn adol a-steach.. .tha cuimhnagam chan eil fhios am ciamar a bha seo atachairt, ach tha cuimhnagam bha tòrr thaighean air an t-slighe dhan sgoil, bha taighean ri taobh an rathaid, is bhiodh taigh aGheòidh mar eiseimpleir is chanadh iadThig a-steach is bheir dhuinn amhranagus bhiodh tu adèanamh na rudan sin. Cha robh mi asmaoineachadh càil mu dheidhinn, às bith na h-amhrain a bhagam aig an àm. Bhiodh mo mhàthair atoirt dhomh amhrain an siud is an seo agusum.. .agus tha cuimhnam a bhith adol a-steach dha na taighean sin is chaidh iarr.. .bhiodh iarraidh ormSiuthad is gabh òran is dèan siudisSeinn am fear udisA bheil am fear ud agad?’ isChan eil’. ‘O, uill, bu chòir dhut ionnsachadh am fear siniseil fhios agad rudan mar sin. Agus sin man a.. .man achuimhne a thagamsa mu dheidhinn a bhith afàs suas aig an àm sin agus a thaobh an t-seinn agam.

PM―05 :05: Math dha-rìribh, agus an robh ceòl no seinn anns an teaghlach?

CP―05 :10: Uill, tha mise.. .tha mise asmaoineachadh gu bheil seinn as a h-uile teaghlach. ’S e dìreach nach robh iad afaighinn na cothroman gan cur fhèin air adhart, mar gum biodh. Thòisich rudan ag atharrachadh ri mo linn-sa, mar gum biodh. Bha, bha mo mhàthair bha guth brèagha aice. Bha mathair cha robh e dona ach cha robh e cho math sin. Bha a phiuthar, tha cuimhnam Ceitidh Anne, mantaidh Ceitidh Anne, bha ise.. .guth brèagha brèagha aic’, is tha cuimhn’ ’am i.. .ise a bhith aseinn bhiodh i an-còmhnaidh aseinn Tom an t-Searraich agus bha rud anns aghuth aice a bha.. .nuair a smaoinicheas mi air ais.. .bha e glè annasach, bhiodh i adol suas aig deireadh an loidhne glè thric, agus tha mi air cluinntinn sin thairis air na bliadhnaichean ann an guthan daoine aig.. .adèanamh seinn òrainCountry. Tha e dìreach annasach, ’s bhiodh an rud a bha sa ghuth aice cha robh mi air a chluinntinn aig duine sam bith eile. Agus.. .ach co-dhiù bha sin taobh mathar. Nise, taobh mo mhàthar bhiodh mo mhàthair, man a thuirt mi, bhiodh i aseinn as.. .dìreach as an taigheil fhios agad, nuair a bhiodh i adol mun cuairt air a gnothaich. Achs e.. . ’s e saoghal eadar-dhealaichte a bhann an uair sin, ’eil fhios agad, a thaobh a bhith aseinn taobh a-muigh na coimhearsnachd. ’Eil fhios agad, bhiodhconcertsadol, glè thric bhiodhconcertsanns an.. .as anhallmar gum biodh. Uair sa mhìos co-dhiù, agus mura biodh iad ann an Càrlabhagh bhiodh iad ann an Siabost agus ann an Nis is ann.. . ’eil fhios agad, sna h-àiteachan sin. Agus sin an seòrsa beatha a bhann agus bhiodh an t-uabhas dhaoine adol a-mach gu naconcertsbhon cha robh taigh.. .taighean-òsta ann an uair sin, agus dìreach tha e as an duine co-dhiù, ann an.. .ann an nàdar an duine a bhith.. .dìreach ag iarraidh a bhith adol cruinn còmhla.. .atighinn cruinn còmhla, còmhla ri daoine eile, agus bha sin atoirt dhaibh beagan faochadh bhon bha iad ag obair cruaidh, ’eil fhios agad, ’s e obair chruaidh a bhaca is bha.. .cha robh.. .bha iad an-còmhnaidh adèanamh rudeigin, ’eil fhios agad. Ach tha cuimhnagam bhiodh iad ag iarraidh ormsa a dhol a sheinn aig naconcerts, dìreach amhrain no rudeigin.

PM―07 :14: Is an aois a bha thu an uair sin?

CP―07 :15: Ist cha bhiodh ach seachd no a h-ochd, ach tha cuimhn’ ’am a bhith.. .a bhith, a bhith adèanamh sin agus bhiodh daoine.. .daoine mòra, ’eil fhios agad, aseinn Dòmhnall MacRath is na daoine sin is Katie Maggie is daoine mar sin, Anne ‘Spleen’ à Siabost, daoine o.. .guthan dìreach cumhachdach ac’. Is bha mise nam nighean bheag asmaoineachadhO tha sin mìorbhaileachis bhiodh iad adol ann an.. .mar a bha an talla ann an Càrlabhagh bha.. .bha.. .bha an t-àrd-ùrlar ann, ach air cùl an àrd-ùrlair, an dèidh.. .an dèidh dhut thighinn bhon àrd-ùrlar bha doras ann agus cha robh.. .chan fhaodainnsa dhol a-steach an doras sin, ach bhiodh na daoine mòra adol a-steach an doras. Bhithinnsacoimhead an doras a tha sin asmaoineachadh‘ ’Eil fhios ris a tha sin coltach, a bhith adol a-steach dhan doras.. .an doras sin’, iseil fhios agad, bha sin acomharrachadh dhomhsa nuair a bhiodh tu nad dhuine mòreil fhios agad, nuair a bhiodh tu air fàs suas. Is tha cuimhnam achiad turas a dhol a-steach, fhuair mi an cothrom a dhol a-steach air an doras, is cha mhòr gum burrainn dhomh a chreidsgun robh mi ann. Agus nuair a smaoinicheas mi air chan e.. .cha robh càil.. . ’eil fhios agad, a bha a-mach às an àbhaist ann, ach bha dìreach na daoine mòra ann, ’eil fhios agad. Agus tha cuimhnam a bhith afaireachdainnO, tha mi sin a-nise aig an ìre seo’, ’eil fhios agad. Fhuair mi man, mar gum biodh togail math mar sin nuair a.. .nuair a thigeadh e gu bhith acur.. .gad chur fhèin air adhart gu ìre. Bha thu adèanamh seòrsa de dh’apprenticeship, ’eil fhios agad, le na h-amhrain, an rud a tha mi asmaoineachadh a tha a dhìth an-diugh, tha.. .tha, tha daoine.. .tha an siostam air atharrachadh cho mòr, chan eil iad.. .tha iad gan cur.. .air an cur air an àrd-ùrlar uaireannan ro thràth nam beatha. Agus.. .ach sin man a tha an saoghal againn, tha a h-uile càil air cho.. .a dhol cho luath mar gum biodh. Chan eil duine.. .daoine ag iarraidh a bhith foighidneach, ’eil fhios agad.

PM―09 :09: Tha mi atuigsinn.

CP―09 :10: Agus sin man a tha e, uh yeah.

PM―09 :13: Agus nuair a bha thu beag bìodach agus tu adol air an àrd-ùrlar agus aseinn, an robh.. .cha do chuir e càil a dhragh ort?

CP―09 :22: Uill, cha.. .cha chuimhnich.. .cha chuimhnich mi gun, gun do chuir, ’s e dìreach rud a.. .rud a bha mi adèanamh.. .tha mi.. .tha mi gu an latha an-diugh is tha mi beagan iomagaineach adol air àrd-ùrlar, a dhaindeoin is cho.. .cho.. .cho tric is tha mi air a dhèanamh. Tha mi air a bhith abruidhinn ri tòrr sheinneadairean a tha leis an aon bheachd is man a tha iad afaireachdainn mu dheidhinn. Cha.. .canaidh daoineOch chan eil thusa nearbhasach an-diugh is cinnteach, tha thu air a dhèanamh cho tric’. Chan ann mar sin a tha e ag obair, bhon man as motha a thu e agus man as soirbheachaile a tha thu, ’s ann.. .tha barrachdpressureort, ’eil fhios agad, a bhith acumail suas an ìre sin fad na tìde. Bhon tha mise uabhasach trom orm fhìn agus tha mi.. .sin mar a tha mi air a bhith fad mo bheatha a thaobh an t-seinn agam, ’eil fhios agad, tha fios agamsa s urrainn dhomh a dhèanamh, o tha e annam, is mura.. .mura tig e a-mach an dòigh sin, chan eil mise, chan eil mi air mo dhòigh idir. ’Eil fhios agad, chan eil e gu diofar, chan eil e gu diofar chanas daoineO gun robh e siud mathno gun robh.. .canaidh.. .bidh mise acantainn rium fhìnO , dhfhaodadh e air a bhith na bfheàrr’. Tha mi acur.. .tha mi acurpressuremòr orm fhìn.

PM―10 :29: Ceart. Sin as coireach gu bheil thu air a bhith cho soirbheachail.

CP―10 :32: ’S dòcha, ’s dòcha. Ach air an làimh eile, ’s e uallach mòr a thann, ’eil fhios agad, uallach mòr. Ach saoilidh mi chan eil e, cha robh mi às aonais a-riamh, cha.. .cha, cha chuimhnich mi a bhith às aonais. Tha e mar gum bithinn.. .bha mi acantainn rium fhìneil fhios agad.. .uaireannan.. .tha mi dìreach air tighinn à Èirinn mar eiseimpleir, agus chaill mi mo ghuth, mo ghuth, ’eil fhios agad, thàinigvirusair choreigin orm, agus chaill mi mo ghuth an latha a bha mi afàgail. Agus bidh mi an-còmhnaidh agabhail an eagail, bidh mi an-còmhnaidh a h-uile madainn afeuchainn ri seinn agus cha robh càil atighinn a-mach is cha robh càil atighinn a-mach is bha mi acantainnO bhiodh seo dìreach uabhasach mura.. .mura fhaighinn mu ghuth air ais’, ’eil fhios agad, bha mi acantainn dhèanainn?’ ’eil fhios agad, bhithinnsa adèanamh mura fhaighinn mo ghuth air ais. So, so tha an uallach sin na chois, ’eil fhios agad, tha mi asmaoineachadh gu bheil a h-uile seinneadair mar sin, tha.. .tha na seinneadairean gu lèir mar sin.

PM―11 :26: Is a bheil rudan àraid a bhios tu adèanamh son coimhead às dèidh do ghuth?

CP―11 :29: Tha mi acreidsgum bu chòir dhomh.

PM―11 :31: bu.. . na rudan a bu chòir dhut a dhèanamh?

CP―11 :33: Chan eil fhios am, uill tha mi creidsgum feum thu dìreach a bhith faiceallach gun a bhith astrèanadh, ’eil fhios agad. Can an-dràsta gum biodh tu.. .cha chaomh leam a bhith adol gupubsna càil mar sin, bhon feum.. .tha an t-onghail a tha adol mun cuairt ort. Agus feumaidh tu a bhith ag èigheachd, ’eil fhios agad, agus tha sin cho trom air navocal cordsagad. Agus chan eil mi airson a bhithpreciousmu dheidhinn ach tha.. .tha, tha e adèanamh cron air navocal cordsma tha thu ag èigheachd, ’eil fhios agad. Bidh mi afeuchainn ri dìreach a bhith acoimhead às a dhèidh, dìreach a bhith.. .chan eil càil mar sin ga dhèanamh ach.. .achyeah, bidh mi dìreach aseinn.. .tha mi asmaoineachadh gu bheil seinn.. .air sgàth an obair a thagam an seo aig Sabhal Mòr Ostaig, tha am.. .tha e aciallachadh gu bheil mi acleachdadh an t-seinn agam a h-uile latha, ’eil fhios agad, tha mi aseinn a h-uile latha, agus tha sin na chuideachadh mòr, tha sin na chuideachadh mòr.

PM―12 :26: Ceart, chan eil sin fhèin acur strèan air do ghuth?

CP―12 :28: O chan eil.

PM―12 :28: Gu bheil, gu bheil thu aseinn a h-uile latha a thann?

CP―12 :30: Gu bheil mi aseinn a h-uile latha, achs e rud eile a tha acur strèan air an guth.. .air aghuth.. . ’s e.. .ma tha thu aseinn as.. .as aghleus nach eil freagarrach dhut fhèin, agus glè thric tha mi buailteach, ’eil fhios agad, nuair a bhios.. .nuair a bhios cùrsaichean goirid adol, no clas air mo bheulaibh is chan eil iad.. .chan eil an gleus acasan cho àrd ris aghleus agamsa, is bidh mi, bidh mise atoirt an gleus agamsa sìos, mar gum biodh. Tha sin acur strèan air, air a.. .air aghuth agam cuideachd, tha mi air mothachadh. Is bidh mi acantainn riuthaO tha mi duilich, ach feumaidh mise seo a thoirt suas rud beag’.

PM―13 :03: Gus am bi thu fhèin cofhurtail leis.

CP―13 :04: Aidh, uh - huh.

PM―13 :05: Tha mi atuigsinn. Agus an deach iarraidh ort ma-thà nuair a bha thu òg, a dhol an sàs ann an còisir, còisir Ghàidhlig?

CP―13 :13: Uill, bha mi ann an còisir san sgoil.

PM―13 :15: An robh?

CP―13 :15: Bha. Agus bha sin math, bhon bha thueil fhios agad bha thu afàs suas bha thu.. .bha a h-uile càil cho ùr, ’eil fhios agad, agus adol dhan achòisir bha e mar dìreach rud nàdarrach a dhèanamh, agus bha sin acòrdadh rium gu mòr. Is an uair sin nuair a chaidh mi a Ghlaschu, bha mi ann an còisirGovanagus ann an Comar nan Allt, Cumbernauld. Ach cha robh e acòrdadh rium, bha na daoine is, ’eil fhios agad, na caraidean acòrdadh rium, ach an t-seinn, bha mi afaireachdainn nach robh mi ro mhath. Cha ro.. .bhon feumaidh tu ann an còisir a bhith acumail ris an.. .ris.. .fèir mar a tha e air.. .air aphàipear is cha robh sin, cha robh sin atighinn ormsa idir. Is bhiodh an-còmhnaidh an neach-stiùiridh acantainn ‘O stick to the notes, stick to the notes’, ’eil fhios agad, bhon bha mise buailteach a bhith ag iarraidh dèanamh rudeigin eadar-dhealaichte leis.. .leis an amhran, gu h-àraid ma bha.. .ma bha mi eòlach air. Agus leis an sin, och thuirt miChan eil mi adol faisg air na còisirean, chan eil e.. .chan eil e.. .chan e sin an.. .chan e sin an.. .an rathad a tha mi adol sìos idir’.

PM―14 :22: Ceart gu leòr, so bha thu afaireachdainns dòcha gun robh thu air do chuingealachadh gu ìre.

CP―14 :26: Bha, bha, o bha, bha is cha robh e atighinn. ..

PM―14 :28: Leis na riaghailtean a tha an cois còisirean is eile.

CP―14 :29: Aidh, agus tha sinOK. Tha mi asmaoineachadh gu bheil sin ceart gu leòr is tha e math a bhith acluinntinn nan còisirean is.. .tha mi an-diugh nam mo.. .abreithneachadh orra, ’eil fhios agad, agus tha sin.. .tha sin èibhinn dhomhsa.

PM―14 :40: Ceart agus an deach thu dhan àrd-sgoil ma-thà, a Christine?

CP―14 :44: Sgoil MhicNeacail.

PM―14 :44: Man mi fhìn.

CP―14 :45: Sin e.

PM―14 :47: Agus ciamar a chòrd sin riut ma-thà?

CP―14 :49: Uill, a-rithist bha mi.. .bha mi glè òg agus bha mi gu bàsachadh leis achianalas man a bha gu leòr eile, son dhà no thrì sheachdainean no dhà no thrì mhìosan. Ach an uair sin bha thu atachairt ri.. .ri.. .adèanamh caraidean ùra, agus bha sin acòrdadh rium agus cha robh thu acur acheist air beulaibh càil bhon bha thu.. . ’s e sin dìreach an dòigh a bha, a bha iad asùileachadh bhuat. Dhfheumadh tu a dhol ann, cha robh ceist air abheulaibh, ’eil fhios agad. Agus làithean dòigheil, ag ionnsachadh tòrr, ’eil fhios agad, dìreach rudan ùra atighinn a-steach na do bheatha is rud.. .a h-uile càil a tha am measg sin.

PM―15 :26: Uh - huh. So chòrd an àrd-sgoil riut?

CP―15 :29: Cha do chòrdreally. Cha robh mi math, cha robh mi math san àrd-sgoil.

PM―15 :31: Ceart.

CP―15 :33: Cha, cha robh mi math.. .chan eil fhios am bhann. Cha robh mi adèanamh gu leòr obair, cha robh ùidh gu leòr agam as an rud, agus nuair a smaoinicheas mi air aiss e sin an aon rud a dhatharraich.. .uill aon de na rudan a dhatharraicheadh mi mu dheidhinn mo bheatha. Bhithinn air barrachd ùine a chur seachad a bhith ag èisteachd ris an rud a bha.. .na clasaichean is rudan, rudan a bha mìorbhaileach. Bha thu ag ionnsachadh is cha robh mise, o chan eil fhios am bha ceàrr orm. Fhuair mi troimhe co-dhiù!

PM―16 :05: Fhuair thu troimhe. Agus an uair sin ma-thà, às dèidh dhut an sgoil fhàgail, an deach thu no rinn thu?

CP―16 :10: O, chaidh mi a dhObar Dheathain is cha robh.. .bha sindisastrouscuideachd.

PM―16 :13: Ceart, OK. .. .an ann ag obair ann a shin a bha thu?

CP―16 :17: Chan ann, bha mi ann an colaistann a shin. Sin an aon àite tha mi asmaoineachadh a burrainn dhomh a dhol ann, bhon an uair sin cha robh tòrr dhaoin’. . .chanadh iad riut mura robh thu gu bhith na do bhanaltram no na do thidsear, daoine man.. .adol a-steach gu lagh noaccounts, cha robh sin.. .cha robh mòran bruidhinn air an sin, ’eil fhios agad, bha thu gu bhith na do bhanaltram no na do thidsear. ’S e sin an.. .na roghainnean a bha gu bhith agad, agus cha robh mise gu bhith aon seach aon dha na rudan sin. Agus chaidh mi guCommercial College, agus leis an fhìrinn innse chan eil fhios am dhionnnsaich mi ann.

PM―16 :53: an cùrsa a bhann?

CP―16 :55: Chan eil càil a chuimhnagam! Leis an fhìrinn innse, Commercial Collegechan eil i an-diugh ann, ach tha mi asmaoineachadh gun robh gu leòr dhaoine mar mi fhìn ann, cha robh fios aca dhèanadh iad le am beatha is chaidh sinn ann, agus. ..

PM―17 :05: Agus cho fad’ ’s a bha, ’s a bha thu ann a shin?

CP―17 :07: Bliadhna.

PM―17 :07: Bliadhna. Rinn thu bliadhna dheth. Agus fhuair thu.. .fhuair thu. ..

CP―17 :11: Fhuair micertificateair choreigin agus chaidh mi a Ghlaschu an uair sin. Bha antaidh dhomh agus bùth aice, piuthar mo mhàthar ann an Glaschu agus bha i.. .bha sin cho.. .o bha sin dìreach cho tarraingeach.

PM―17 :22: seòrsa bùth a bhaic’?

CP―17 :23: Bùth arèic tòrr shiùcairean is pàipearan-naidheachd is rudan mar sin. Is bha i fèir.. .cha robh.. .cha robh i.. .bha i ri taobh an ospadail ann an Glaschu is bhiodh tòrr dhaoine a-mach is a-steach is.. .co-dhiù, chaidh mise sìos a Ghlaschu agus fhuair mi obair ann an oifis ann an Glaschu agus bha mi ann a shin airson bliadhnaichean am bliadhnaichean.

PM―17 :50: An robh?

CP―17 :50: Bha.

PM―17 :41: Agus an e, an e.. . seòrsa obair a bhann, a bhann an uair sin?

CP―17 :54: Bha.. .cunntasachd. Bha mise as an oifis, cha robh mi adèanamh cunntasachd ach bha mi.. .bha mi adèanamh.. .bha mi adèanamhtypingis rudan mar sin.

PM―18 :04: OK. Is chòrd an obair sin riut?

CP―18 :05: Uill, a-rithist cha robh mise acoimhead airson gun còrdadh obair rium. ’S e dìreach dòigh a bhann faighinn.. .airgead fhaighinn gus an deighinn a-mach aig naweekendsis rudan, rudan mar sin.

PM―18 :15: Agus an uair sin bha thu.. .bha thu fhathast aseinn? An robh thu an sàs ann an consairtean no.. .?

CP―18 :19: Tha.. .bha gu ìre, bha gu ìre. Bha.. .bha e dìreach an-dràsta is a-rithist Comunn Leòdhais agus Na Hearadh is na.. .tòrr de na buidhnean sin a bha, bha cho làidir aig an àm is bha iad, bha iad dìreach.. .bha an-còmhnaidh rudeigin adol, Comunn Uibhist is Bharraigh, iseil fhios agad rudan mar sin, agus bhithinn.. .bhithinn acumail sin adol, ’eil fhios agad. Bha mi an uair sinn ann an còisir cuideachd, sin nuair a bha mi ann an còisirGovanagus, Govanagus Comar nan Allt. Uill, Comar nan Allt às dèidh dhomh pòsadh, phòs mi ann an75.

PM―18 :50: Ceart.

CP―18 :51: No, ann an72 a phòs mi, ’72.

PM―18 :53: Agus an robh thu adol a-steach dhan aMhòd aseinnsoloan uair sin cuideachd?

CP―18 :58: Bha, timcheall an àm sin, bha, bha. Tha cuimhnagam a bhith ann an.. .aig Mòd ann an Sruighlea, Mòd ann an.. .càite an robh mi.. .Dùn Omhainn tha mi asmaoineachadh, bha.

PM―19 :13: Agus achiad turas a bha thu aig aMhòd no aig Mòd is tu aseinnsoloair an àrd-ùrlar, ciamar a chaidh dhut, ’eil cuimhnagad?

CP―19 :24: Uill, ’s e Mòdan ionadail a bhann ann an Sruighlea tha cuimhnagam, ach tha mi asmaoineachadh gun deach glè mhath. Chaidh. O, chaidh, chaidh, tha cuimhnam faighinn bonn òr airson seinn as an t-seann nòs mar a chanas iad. Seo an rud a bhios agamsa mu dheidhinn an t-seann nòs, chan e seann nòs a thann ach dìreach a bhith aseinn. Aguss e rudan ùra a thàinig a-steach.. .a tha atighinn a-steach dhan a.. .dhan a.. . ’eil fhios agad, dhan achultar, an t-seann nòs. Tha sin atoirt dhut an dealbh gun robh e cho.. .gun, gun e rudeigin -nàdarrach a thann, ’eil fhios agad, an taca ri ? An taca ri ? ’S e dìreach dòigh nàdarrach a bhith aseinn.

PM―20 :02: Ceart.

CP―20 :02: ’S e bu chòir dhaibh fàgail dìreach seinn òrain Ghàidhlig agus an uair sin nòs ùr, ma tha iad adèanamh rudeigin, ’eil fhios agad.. .chan e an t-seann nòs, saoilidh mise. Ach tha cuimhnagam a bhith ann an Dùn agus chaidh mi a-steach airson an t-seann nòs agus. ..

PM―20 :19: an t-òran a bhagad, ’eil cuimhnagad?

CP―20 :20: Tha cuimhnams eAodann Shrath BhàinagusTha Meudail is mAighear is mo Ghràdh’, amhran a bha.. .a fhuair mi anns an sgoil. Aguss e Mòrag NicLeòid agus Uilleam MacMhathain nach maireann na.. .na bha abreithneachadh. Cha robh mise eòlach air duine ac’. Ach bha Mòrag ag innse dhomh às dèidh làimhe nach robh ise ag iarraidh a thoirt dhomh idir, air sgàths nach robh gu leòr rannan agam as an dàrna h-òran a sheinn mi, ach gun e Uilleam Mac.. .MacMhathain a thuirt gun robh, gun robh esan air a shon is bha mise acantainnTha mise cho toilichte mu dheidhinn sin!’ Ach seo.. .seo mar a bha mise afaireachdainn mu dheidhinn, tha cuimhnagamsa an latha sin sheinn mi is dhfhalbh mi, is bha mi acoiseachd sìos an t-sràid is cuideigin a thuirt riumBhuannaich thusa am farpais sinis bha mise?’ Cha robh càil a dhùil agams’, a Phàdruig, gun robh a leithid an rud adol a thachairt.’ S e achiad smaoin a bhagamO, dash itfeumaidh sinn seinn aig achonsairt a-nochd, bhon an uair sin bhaconcertsmòra mòra ann, ’eil fhios agad, ’s e rud mòr a bha sa Mhòd an uair sin, tha mi creidsgun e an-diugh cuideachd, ach bha an uair sinconcertsna.. .na daoine a bhuannaich, ’eil fhios agad, na farpaisean. Is bha agam a dhol a dhfhaighinn froc’.

PM―21 :23: Bhiodh.

CP―21 :24: Tha cuimhn’ ’am air an sin, agus bha sinn anns a’ Chaird Hall, ’s ann a.. . ’s ann an sin a bha e so tha cuimhnam.. .tha achuimhne sin agam.

PM―21 :33: ’S e àite mòr spaideil a tha sin.

CP―21 :35: ’S e, ’s e, ’s e. Ach is fhada on uair sin.

PM―21 :41: Agus aon uair is gu, gu bheil thu.. .gu bheil thu air am bonn òr a bhuannachadh san t-seann nòs, an e sin e? Chan fhaod thu a dhol a-steach ann a-rithist, an ann mar sin a tha e?

CP―21 :49: Chan fhaod, tha e coltach. Tha mi.. .aidh. Tha, bidh mi.. .bidh mi an còmhn.. .bidh mi asmaoineachadh an-dràsta is a-rithist, ’eil fhios agad, mar a tha am farpais phìobaireachd, tha tòrr dha naformer prize winnersno.. .tha na pìobairean sin acumail adol, is acumail adol a-steach bliadhna às dèidh bliadhna. Nach biodh e inntinneach ann an dòigh a h-uile duine a bhuannaich na farp.. . ’eil fhios agad, thairis air na bliadhnaichean farpais airson sin a bhith ann, ’eil fhios agad, tha mi asmaoineachadh gum biodh sin inntinneach.

PM―22 :13: ManSeinneadair nan Seinneadaireanno rudeigin mar sin.

CP―22 :16: Chan eil fhios am thann ach tha rudeigin mu dheidhinn an t-seinn tha daoine.. .tha iad agabhail eagal mu dheidhinn, chan eil fhios am. . .chan eil fhios am thann ach tha.. .cha deigheadh mise a-steach air a shon co-dhiù, tha sin cinnteach!

PM―22 :29: Ceart.

title1
internal date2019.0
display date2019
publication date2019
level
parent textChristine Primrose
<< please select a word
<< please select a page