PM―00 :05: Agus, agus so an e sin a chuir air, air an rathad thu mar gum biodh, aon uair is gun do bhuannaich thu am bonn òr? Tha mi acreidsinn an uair sin gum biodh iarrtas mòr ort tighinn gu cèilidhean agus seinn.

CP―00 :15: Uills e sin.. . ’s e sin mar a bha iad an uair sin, duine sam bith a bhuannaich na farpaisean mòra a tha sin bha iad afaighinn fiathachadh a dhol a sheinn an siud is an seo, is rinn mi a h-uile càil dhan sin, achs e an rud a dhatharraich ann an seachdads a h-ochd, 78, chaidh mise a-null gu FèisPhan-Cheilteach ann anKillarneyann an Èirinn, fhuair mi.. .o chan e, fhuair mi fiathachadh a dhol a-null gu Turas nam Bàrd a bha adol aig an àm sin. Bhiodh .. ... .bhiodh seinneadair adol a-null, neach-ciùil agus bhàrd is bha iad.. .bha thu afaighinn taic bhoScottish Arts Councilaig an àm. Is bha thu adol a dhÈirinn, bha thu acurconcertsair as.. .ann an sgìrean na Gàidhealtachd ann an shin thall, Gàidhealtachd na h-Èireann agus bha an ceathrar acasan adèanamh sin, bhàrd Èireannach, seinneadair no neach-ciùil agus mar sin air adhart is bhiodh ochdnar agaibh air an àrd-ùrlar a h-uile h-oidhch’. Agus fhuair mise cuireadh a dhol ann an turas a bha seo agus cha robh mi a-riamh air a bhith ann an Èirinn agus, ’eil fhios agad air an seo, cha.. .cha mhòr gum burrainn dhomh a chreidsmar a chòrd e rium, bha e cho eadar-dhealaichte ri rud sam bith eile. Seinn, sin achiad turas a thòisich mi aseinn taobh a-muigh na Gàidheil, mar gum biodh, na Gàidheil againn fhìn. Agus bhuail e mi cho taiceils a bha iad, an taic a bha iad atoirt.. .asealltainn dhut, ’eil fhios agad, is ged a.. .bha sin gad fhàgail cho cofhurtail, bhon tha sinn buailteach an seo a bhith beaganO, nise cho maths a tha thu?’ ’eil fhios agad, seall tha thu afaireachdainn gu bheil iadsan -chofhurtail is tha thusa afaireachdainnO thia, seall oirrese, o tha esan a-staigh, O no’, ’eil fhios agad is tha thu buailteach a bhith.. .gu bheil daoine dìreach gu bheil iad gad sgrùdadh. Saoilidh mise co-dhiù, ’s dòcha gu bheil miseparanoid, ach co-dhiù tha cuimhnagam achiad turas a chaidh mi a dhÈirinn is cha robh càil dhan sin atachairt is bha mi afaireachdainn cho cofhurtail is bha e.. .rinn e.. .o thug e buaidh mhòr orm. Is an uair sin chaidh mi a-null gu, an aon bhliadhna chaidh mi a-null gu FèisPhan-Cheilteach a bha an uair sin stèidhichte ann anKillarney, agus chaidh mi a-steach airson farpais ann a shin airson òrain traidiseanta bhon dùthaich, bhon bha sia dùthchannan Ceilteach ann. Agus bhuannaich mi sin. Nise, sin an rud a thug dhomhsa aithne taobh a-muigh aGhàidhealtachd againn fhìn, bhon thàinig an uair sin tòrr, thàinig mi gu aire tòrr dhaoine mar gum biodh. Agus an uair sin thàinig mi gu aire Robin Morton àTemple Records, bhon bha e air mo chluinntinn air.. .air a.. .air a’ wirelessagus fhuai.. .thàinig e.. .fhuair e grèim orm, bha mi ann an Glaschu agus dhfhaighnich e dhomh an robh ùidh agam gu.. .clàradh air anlabelaige is o fios a bhagamsa mu dheidhinn clàradhChan eil càil a dhfhios agams’’ is thuirt mise ‘Oh well OK’ às bith mar a thuirt mi e, ach rinn mi e agus an uair sin thòisich rudan eile ag atharrachadh. Bha a bhean aigesan Alison Kinnaird acluiche achlàrsaich is thòisich sinn an uair sin mi fhìn is Alison, chaidh sinn gu Fèis Dhùn Èideann. Bha ise adèanamhconcertsis thug i dhomhsa cuireadh thighinn ann is seinn is.. .an uair sin thòisich mi fhìn is Alison adol dha na Stàitean a h-uile bliadhna airson deich bliadhna tha mi asmaoineachadh rinn sinn sin, airson ceithir seachdainean gach samhradh. Is anns an eadar-ama bhiodh sinn afaighinn fiathachadh a dhol a dhàiteachan.. .a dhàiteachan eile, bhon bha an uair sin.. .chan eil fhios am, bha.. .bha an rud ag atharrachadh mar a bhios co-dhiù. Bha tòrrchoncertsis fèisean is rudan mar sin adol, festivalsis sin thòisich mi aseinn, ’eil fhios agad, còmhla ri tòrr dhaoine eile a bhair an àrd-ùrlar aig an aon àm, ’eil fhios agad daoine adèanamhbluesis bhiodhrockann is bhiodh tòrr, ’eil fhios agad ceòl bho.. .dìreach bhon dùthaich aca fhèin is bha sinne dìreach.. .bha mise dìreach aseinn òrain Ghàidhlig agus bha daoine agabhail ris, an rud a chuir iongnadh mòr orm. Is thug mi bliadhnaichean, is tha mi fhathast gu ìre ach.. .thug mi bliadhnaichean asmaoineachadhChan eil fhios carson a tha iad ag iarraidh, ’eil fhios agad, òrain Ghàidhlig, chan eil iad atuigs’’ bhons e sin a chaidh innse dhut. Tha cuimhnagam bhiodh iad ag ràdh sin aig an taighOch chan eil math dhut a bhith aseinn còmhla ri.. . ’eil fhios agad adol dha na h-àiteachan sin, chan eil, chan eil iad atuigs tha thu aseinn’, ’eil fhios agad? Tha mi a-nise atuigs’, tha fios agamsa tha mi atuigscarson a bha iad ag ràdh sin, cha robh iad acur spèis sam bith no luach sam bith as na h-òrain. ’Eil fhios agad, ’s e dìreach rudeigin a bhann dha.. .dhaibh fhèin, ach o, duine sam bith eile atighinn bho thaobh.. .bho thaobh a-muigh sin, man a tha iadsan adol.. .sin adol a chòrdadh riuthasan? Bha iadsan ga fhaicinn eadar-dhealaichte, cha robh iad, cha robh iad dìreach afaicinn an rud a bha daoine eile afaicinn. Aguss e.. . ’s e rud ùr a bha sin dhomhsa, is thug e.. .thug mi bliadhnaichean mus.. .mus do chreid mi iad, ’eil fhios agad, gun robh iad.. .gun robh iad afaicinn. Ach tha mi a-nise leis an eòlas a thagam, ’s e.. .tha mi adol a chleachdadh an fhacailauthenticity, ’s e rud uabhasachauthentic.. .chan eil fhios am aGhàidhlig ceart a thairauthentic, chanadh tu?

PM―05 :29: Dualchasach no rudeigin?

CP―05 :30: Uill, chan eil sin làidir gu leòr.

PM―05 :32: Chan eil.

CP―05 :32: Chan eil. ’S e rudeigin mu dheidhinn òrain Ghàidhlig a tha bhon achridhe is bhon a.. .bhon.. .tha e cho domhainn ann am mac an duine, is tha mi asmaoineachadh gu bheil daoine.. .gu bheil iad adèanamh an ceangal sin, ris a h-uile càil a thann eadar an ceòl agus na facail. Cha leig iad a leas a bhith ga chreid.. .ga thuigse. Tha iad dìreach ga fhaireachdainn.

PM―05 :55: Agus nuair a bha thu adol timcheall na Stàitean agus adol am measg nan daoine eile agus na dio.. .agus ann an Èirinn agus daoine aseinn can ann an.. .le.. .agus bha thu acluinntinn diofar stoidhlichean de sheinn is bha thusa ann an shin, an robh thu acumail ris.. .canaidh mi an, an t-seann nòs?

CP―06 :13: Bha.

PM―06 :13: An t-seann stoidhle. Ach an tug seòrsa stoidhlichean-seinn eile sin buaidh air.. .air an t-seinn agad fhèin no an do chùm thu ris an traidisean mar gum biodh?

CP―06 :25: O, tha mi asmaoineachadh gun do chùm mi ris an.. .ris an traidisean. An rud a thug e dhomhs e barrachd misneachd annam fhìn, ’eil fhios agad, agus dìreach misneachd anns an rud.. .as an rud a bha mi.. .a tha mi adèanamh is a bha mi adèanamh, atoirt dha spèis, atoirt dha àite, aithne, agus ga.. .ga fhaicinn mar rud cho prìseil agus gun robh mise cho fortanach gu bheil mise acur seo.. .dìreach ag innse sgeulachd nan Gàidheal ann an dòigh agus ga dhèanamh cho.. .dìreach cho eirmseachs as urrainn dhomh, ’eil fhios agad? Chan eil.. .chan eil annamsa ach dìreach mar.. .mar rudeigin a tha ga chur.. .ga thoirt.. .ga thoirt dha.. .dha na daoine. Tha mi ga thoirt dha na daoine mu dheidhinn na daoine agam fhìn, ’eil fhios agad.

PM―07 :13: Nàdar de theachdaire a thannad?

CP―07 :15: Ann an dòigh, ach tha sin ga chur.. .ga.. .chan eil fhios am, ann am bocsa nach eil mi ag iarraidh. ’S e dìreach gu bheil mi ga dhèanamh airson nan daoine agam fhìn, ’eil fhios agad, agus ag innse an sgeulachd acasan gu ìre. Ged.. .tha na h-amhrain a tha sin feumaidh mi ràdh, cha robh iad air an dèanamh airson gum biodh iad air an t-seinn ann an Ameireagaidh no.. .bha na h-amhrain sin air an dèanamh.. .gun robh e acuideachadh duine ach am bàrd no às bith rinn iad as an t-suidheachadh as an robh iad. Tha mise abruidhinn mu na h-òrain a chaidh an cruthachadh bho, bho shuidheachaidhean glè dhòrainneach as an robh iad. Sin na h-amhrain a tha daoine aceangal.. .aceangal ris. Tha, tha.. .às bith bha iad afaireachdainn, tha, tha thu ga innse as acheòl is as, as na briathran agus tha an rud afighe còmhla. Is tha mi asmaoineachadh gu bheil sin, gu bheil daoine ga fhaireachdainn gun e rudeigin glè fhìrinneach a thann, ’eil fhios agad. Agus.. .ach chan eil mise airson -meas a dhèanamh air.. .air na daoine sin is bidh mi an-còmhnaidh acantainn, agus bidh mi an-còmhnaidh ag ràdh ri.. .ri na h-oileanaichFeumaidh sibh a bhith mothachail gun deach na h-amhrain sin a dhèanamh as an t-suidheachadh seo, ’eil fhios agad, agus feumaidh sibh a bhith dìreach toirt dha spèis airson sin’, ’eil fhios agad. Agus ma chanas duine ribhO, an e amhran brònach eile.. .’ cuir ceart iad, canTha, tha mise cho fortanach gun urrainn dhomh an leithid a thoirt dhuibh’, ’eil fhios agad, ’s e sin man a mise ga fhaicinn. ’S e.. . ’s e urram a thann dhomhsa a bhith ag innse briathran abhàird sin, ’eil fhios agad. Agus, achs e rud glè.. .feumaidh tu a bhith faiceallach nach eil thu aleigeil leis na faireachdainnean agad fhèin a thighinn an-àirde cus. Feumaidh tu dìreach cumail.. .ga chumail.. .ann an, ann an dòigh feumaidh tu dìreach cumail smachd air. Bhon turas no dhà tha mise air a, air a dhol a-steach ro dhomhainn dhan an amhran agus tha na faireachdainnean tha.. .an rud, an rud a thannam fhìn, am bròn a thannam fhìn tha e atighinn an aghaidh, ’eil fhios agad, tha.. .tha e atighinn am bàrr agus chan urrainn dhomh seinn. So feumaidh tu dìreach a chumail, is cumail smachd air.

PM―09 :28: Ceart.

CP―09 :30: Tha e inntinneach.

PM―09 :31: Tha sin inntinneach, bhon shaoileadh tu, can an-dràsta nam biodh tu aseinn òran a tha brònach gum biodh.. .gum biodh tu ag iarraidh gum biodh an seinneadair fhèin asealltainn. ..

CP―09 :41: Faodaidh tu a shealltainn.

PM―09 :41: . . .asealltainn bròn na.. .na broinn mar gum biodh.

CP―09 :44: Chan urrainn dhut, chan urrainn dhomhsa. Tha.. . ’s e an rud nach urrainn dhut cur.. .chan eil faclan air a shon dhomhsa, agamsa. Ach chan urrainn dhomhsa seinn ma tha mi afaireachdainn brònach. Chan urrainn dhomh, tha e.. .tha e.. .tha e do-dhèante dhomh, chan urrainn dhomh a dhèanamh ma tha mise afaireachdainn brònach. Tha cuimhnagam aig tìodhlacadh mo mhàthar agus mathar mar eiseimpleir, no aig tìodhlacaidhean is ma tha thu aseinn na Sailm, rudeigin mar sin. Chan urrainn dhomhsa an seinn, tha iad, tha iad dìreach drùidhteach dhomh. Cha tig càil.. .tha mi dìreach abriseadh sìos, chan urrainn dhomh. Is tha e an aon rud leis na h-amhrain, ma leigeas tu leat fhèin a dhol dhan a.. .sìos an rathad sin. Ach tha mi asmaoineachadh gun urrainn dhut briathran abhàird a lìbhrigeadh gun a dhol sìos.. .tha.. .tha pàirt dhìot fhèin annta, ach chan eil a h-uile pàirt, ’eil fhios agad, chan eil a h-uile pàirt, feumaidh tu.. .chan urrainn dhut.. .chan urrainn dhut sin a dhèanamh, chan e an sgeulachd agadsa a thann.

PM―10 :37: Tuigidh mi sin, tuigidh mi sin. Ach nuair a tha thu ag ionnsachadh òran ùr, am bi thu adèanamh rannsachadh air eachdraidh air cùl an òrain sin? No a bheil thu dìreach ag obair air, air an fhonn is na faclan, agus gu bheil na faclan fhèin ag innse dhut gu leòr mu dheidhinn?

CP―10 :56: Sin e. Tha mi asmaoineachadh gu bheil.. .nuair a, nuair a tha fonn agus na faclan afighe còmhla, tha sin atoirt dhut an sgeulachd. Ma gheibh thu an sgeulachd thair achùl, ’s e rud mòr a tha sin bhon glè thric chan eil e againn, ach tha.. .tha e cho làidir as na briathran is anns an fhonn tha e atoirt dhuteil fhios agad an sgeulachd fhèin.

PM―11 :20: Agus am bi thu fhèin acur do dhreach fhèin air na seann òrain mar gum biodh?

CP―11 :26: O, bithidh, aidh.

PM―11 :28: Tha sin ceadaichte gu leòr ann an, ann an saoghal an t-seinn mar gum biodh. Tha mise abruidhinn man pìob.. . ’s e pìobair a thannam fhìn is tha cuimhnagam fhìn nuair a bhithinn adol dha na farpaisean aig Mòdan ann an Steòrnabhagh is eile. Bha leithid seo a dhòigh ann airson, airson leithid seo a phort a chluich, agus bha e mar gum biodh ann am bocsa, agus nan, nan deigheadh tu a-mach à crìochan abhocsa sin chan fhaigheadh tu càil idir, cha, cha dèanadh e math dhut, cha robh e math dhut feuchainn ri do dhreach fhèin a chur air, air aphort, tha.. .ma tha thu gam thuigs’.

CP―12 :01: Tha mi gad thuigs’.

PM―12 :02: Agus an e an aon rud a thann ann an saoghal an t-seinn, can, aig aMhòd?

CP―12 :07: Uill, chan urrainn dhomhsa ach bruidhinn air mo shon fhìn, agus dha-rìribh tha mise acur mo dhreach fhìn air. ’S e rud a thann a thig le tuigse, agus ma tha thu atoirt urram agus tuigse agus aithne dhan an amhran, agus tha sin atighinn gu nàdarrach. Tha thu adol a.. .adol a chur do dhreach fhèin air. Tha mi atuigs thagad, tha.. .sin an rud a bhios am Mòd adèanamh le amhran, tha iad gan cur, gan cur sìos, ‘Feumaidh tu a sheinn mar seo is na notaichean sin’, sin an adhbhar a dhfhàg mise còisirean. Nis, chan eil càil ceàrr air an sin gu ìre, ach chan ann mar sin a.. .chan e sin.. .thàinig a h-uile h-amhran thugainn bho bheul-aithris, agus le beul-aithris tha a h-uile duine ag atharrachadh beag, rud beag an-còmhnaidh. Tha thu adol a thoirt.. .a chur rud beag ann às bith ris a tha thu ag èisteachd. Chan ann.. .chan ann mar sin a chuala iadsan e, ’eil fhios agad? Is tha a h-uile duine a tha ga sheinn adol a chur rudeigin ris, agus sin mar bu chòir le rud sam bith a thig bho bheul-aithris. Aon uair is gun tòisich thu acur sìos rudan air pìos pàipeir, tha sin ag atharrachadh faireachdainn, faireachdainn an amhrain.

PM―13 :15: Tha mi adol leat gu mòr tha mi asmaoineachadh, gu h-àraid le, le amhrain gun teagamh sam bith, aguss dòcha le ceòl eile cuideachd, ceòl na fìdhle is ceòl, ceòl, ceòl na pìoba is mar sin.

CP―13 :26: O, chanainn. ’S e sin a tha atoirt dha am blàths is.. .tha e ga dhèanamh.. .atoirt.. .tha e ga dhèanamh beò dhut agus tha thu ag innse sgeulachd nas fheàrr. Ma tha thu, ’eil fhios agad, ma tha thu atuigsinn an amhrain, feumaidh tu a bhith atuigsna briathran, agus ma tha thu ga thuigsthamphrasingagad gu bhith eadar-dhealaichte tha.. .far a bheil thu astad, sin an dòigh a tha thusa ag innse sgeulachd, bhon tha na h-amhrain a bhios mise aseinn, tha e dìreach mar gum biodh tu gan aithris ach gan toirt suas rud beag le ceòl, ’eil fhios agad. Bidh mise afeuchainn ri, ri, ri cumail ris an.. .ris na riaghailtean, mar a chanadh tu sin, can an-dràsta cha chanadh tuAn Eeielean Sgitheanach’, chanadh tuAn t-Eilean Sgitheanach’ ’eil fhios agad is tha tòrr dhaoine adol.. .gan, gan cur fhèin mar sin ann an amhran, a h-uile loidhne dìreach mar sin. Ach chan eil e gu diofar, feumaidh tu cumail ri ruitheam nam facal, chan e ruitheam achiùil. ’S e ruitheam nam facal, tha e.. .tha e atoirt.. .tha e atoirt dhut an amhran ga dhèanamh.. .ag innse sgeulachd, is le sin tha e ga.. .ga thoirt beò. Tha e ga dhèanamh beò dhut, tha.. .tha thu, tha thu ag innse sgeulachd nas fheàrr.

PM―14 :24: Ceart, is feumas e a bhith a-rèiste ma tha aGhàidhlig agad tha thu atuigsinn na faclan nas fheàrr agus tha.. .agus na faireachdainnean a tha air cùl an amhrain agus gum faod thus dòcha an sgeulachd sin innse tòrr nas fheàrr?

CP―14 :38: Dha-rìribh, dha-rìribh. Aguss e sin an cunnart an-diugh , na daoine a tha an sàs anns na h-amhrain tha.. . ’s dòcha nach eil.. .chan eil, chan eil an tuigse aca agus chan eil an cànan aca. Tha iad dìreach ga ionnsachadh mar amhran. Is mura h-eil sin agad tha.. .tha thu acall, acall tòrr. Feumaidh iad a bhith faiceallach mu dheidhinn sin.

PM―14 :58: Agus bha thu abruidhinn mu dheidhinnPan Celtic, nach robh?

CP―15 :02: Bha.

PM―15 :02: Agus bhuannaich thu sin.

CP―15 :03: Bhuannaich, bhuannaich.

PM―15 :04: Aguss ann an uair sin a thòisich do bheatha ag atharrachadh mar gum biodh.

CP―15 :07: Gu ìre bha e adol a.. .tha mise acreidsgu mòr gu bheil beatha adol sìos rathaidean no adol sìos rathad is tha e adol a dhatharrachadh leis fhèin, mar gum biodh. Tha a h-uile càil ag atharrachadh, chan eil càil adol a dhfhuireach an aon dhòigh. So feumaidh tu dìreach dol leis, dol leis agus cha chanainnsa gun do dhatharraich e, achs e dìreach gun e sin an dòigh a bha mo bheatha gu bhith.

PM―15 :31: Ceart. An robh thu ag obair làn-ùine ma-thà, nuair a bha seo atachairt?

CP―15 :34: Bha, bha.

PM―15 :35: Is bha thu afaighinn cuiridhean a dhol a dhAmeireaga is a dhÈirinn is thall is a-bhos?

CP―15 :39: Uill, thàinig mi an seo ann an 82.

PM―15 :41: O, ceart an tàinig, uh - huh.

CP―15 :42: Thàinig mi an seo ann an 82, agus.. .smaoinich!

PM―15 :45: Thàinig thu dhan.. .dhan àite cheart a-rèiste airson.. .airson cead a bhith agad a bhith.. .a bhith asiubhal.

CP―15 :50: Bha mise fortanach bhons e, ’s e Iain Noble nach maireann dha-rìribh a thug dhomhsa an cothrom a bhith an seo. Aguss e.. . ’s e thug dhomh an cothrom a bhith an seo. Agus nuair a thàine mi, bha.. .och bha cùisean cho eadar-dhealaichte an uair sin, ’eil fhios agad. Agus bha iad.. .bha iad atuigsgum feumainn-sa faighinn air falbh, bhon bha iad gam fhaicinn mar cuideigin a bha, ’eil fhios agad, dìreach na mo thosgaire dhaibhsan, ’eil fhios agad. Bhon bha an uair sin, a Phàdruig, bha, bha cùisean glè ùr ann an saoghal na Gàidhlig, bha cùisean glè ùr agus bha a h-uile duine mothachail mar a bha cùisean agluasad air adhart agus mar sin. Agus bha iad gam fhaicinn-sa mar chuideigin a bha atoirt dhaibhsan beagan aithne as an t-saoghal mhòr. Bhon bha tòrr dha na daoine sin air.. .far an robh mise aseinn cha robh iad a-riamh air cluinntinn mu dheidhinn Gàidhlig no fiùs mu dheidhinn na h-eileanan is bhithinn ag innse dhaibh mu dheidhinn sin is mu dheidhinn.. . ’eil fhios agad, rudan a bha ceangailte ris achultar. Agus bha iadsan afaicinn.. .bha iad atoirt.. .toirt lua. .. bha iad acur luach mhòr air an sin.

PM―17 :02: Ceart agus bhiodh Sabhal Mòr Ostaig afaighinn margaideachd a-mach às an sin cuideachd.

CP―17 :04: Bha, bha, o is mi a rinn e, is mi a rinn e glè thric son an fhìrinn innse dhut. Ach cha robh sin acur càil sam bith ormsa. Bha mi asmaoineachadh gur h-e sin an dòigh a bu chòir dhomh a bhith.. .a bhith gam ghiùlan fhìn, ’eil fhios agad.

PM―17 :18: Agus tha thu air a bhith ann an sheo a-rèist greis.. .greiseag a-nis, canaidh sinn.

CP―17 :21: Tha, a Phàdruig, greiseag, cha mhòr fhichead bliadhna.

PM―17 :25: Cha mhòr fhichead bliadhna, gu sealladh orm. Agus tha thu adèanamh an aon obair fhathast, is tha thu acumail ort is.. .?

CP―17 :32: Uill, thòisich mi mar.. .mar a bhith adèanamh rianachd is seinn, ach mar a bha cùisean ag atharrachadh a thaobh chùrsaichean is rudan mar sin tha mi adèanamh barrachd a thaobh seinn.

PM―17 :41: Is a bheil thu adèanamh teagasg cuideachd air na, namodules?

CP―17 :44: O, tha. Tha mi adèanamhmodule.. .tha mi, tha mi adèanamh aChùrsa Chiùil againn agus Ceòl Traid.. .Traidiseanta agus tha mi adèanamh.. .tha an t-uabhas oileanaich a-nise asealltainn ùidh ann a bhith ag ionnsachadh òrain Ghàidhlig agus bidh iad atighinn thugam glè thric, daoine nach eil adèanamh aChùrsa Chiùil. Tha iad.. .tha iad ga fhaicinn mar.. .tha.. .na chuideachadh mhòr dhaibh a thaobh achànain. Aguss e dòigh snog a thann a bhith ga ionnsachadh, a bhith.. .a bhith abruidhinn, ’eil fhios agad, a bhith dìreach adèanamh fuaimneachadh, a thaobh fuaimneachaidh. Agus tha e na chuideachadh tha iad ga fhaireachdainn, faireachdainn gu bheil e na chuideachadh dhaibh a bhith.. .a bhith aseinn na h-amhrain.

PM―18 :24: Agus a bheil oileanaich agad, uill is cinnteach gum bi, gu bheil oil.. .oileanach no dhà air a bhith agad a chaidh air adhart chun aMhòid agus a bhuannaich bonn.. .bonn òr iad fhèin?

CP―18 :33: Chan eil càil a chuimhnagam! Leis an fhìrinn. ..

PM―18 :36: Tha na h-uimhir air a bhith ann.

CP―18 :37: Chan e sin e, ach na h-oileanaich.. .tha mi acreidsgu bheil, ach chan e sin am prìomh rud nam beatha an-diugh. Tha tòrr dhaoine an-diugh, chan e am Mòd an aon àite airson an taisbeanadh. Tha .. .bhon tha telebhisean a-nise atighinn a-steach is tha tòrr dhaoine air.. .air a bhith adol sìos an rathad sin mar gum biodh, bhon tha cùisean air atharrachadh cho mòr. Agus chan eil Mòd mar sin mar phàirt mhòrcanaidh tòrr dhaoine, ‘O chan eil mise ag iarraidh a dhol a-steach airson aMhòd, chan eil sin.. .’ agus tha mi atuigs’, bhon tha an-diugh am Mòds e.. .chan e rud furasta thann a bhith nad sheasamh air àrd-ùrlar is chan e a-mhàin sin ach thatelevisionsann, television camerasann is iad gad chlàradh is tha sin acur tòrr dhaoine dheth. Bhon tha cuimhnagamsa a bhith abruidhinn ri, ri dhà na thrì dhaoine agu. .. airson.. .acantainn riuthaCarson nach cuir thu a-steach airson aMhòd? ’, ‘O chan eil mise a-dol a-steach son aMhòd air beulaibh telebhisein’. Is tha fios am gum buannaicheadh iad mar siud, ’eil fhios agad. Ach tha mi atuigscarson nach eil iad ga dhèanamh, ’eil fhios agad. Tha.. . ’s e.. .chan eil e furast’, chan eil e furast’.

PM―19 :41: Cuiridh mi geall, tha tòrr uallach air.. .air na daoine bochda a tha siud nuair a chì mise iad air an telebhisean aseasamh air àrd-ùrlar aig aMhòd.

CP―19 :48: Sin an rud, agus chuireadh umhail orra? chuireadh umhail orra gun a dhol a-steach air a shon. Agus leis an sin chan e am Mòd an rud as cudromaiche a thagainn.

PM―19 :58: Ceart.

CP―19 :58: Ach ged a tha àite aig aMhòd agus tha mi asmaoineachadh gu bheil sin gu math cuideachd.

PM―20 :02: Nuair a bha thu fhèin afàs suas an seinneadair Gàidhlig a bfheàrr a chòrd riut?

CP―20 :06: Uill, bha dhà no thrì ann. Tha.. .cha robh mise a-riamh.. .bha daoine.. .duine sam bith a chluinninn aseinn, ’eil fhios agad. Tha cuimhnagam ann an.. .ann an Leòdhas a bhith acluinntinn Dòmhnall MacRath aigconcerts, .. .bha ann Mina Matheson, tha mi asmaoineachadhs dòcha gur h-ann bhon aBhac a bha i. Bha Anne ‘Spleen’, Anna NicPhàil à Siabost.

PM―20 :29: Chuala mi a h-ainm.

CP―20 :29: Uh - huh. Katie Maggie, tha mi asmaoineachadh gur h-ann à Borgh a bha i. Bha ùidh mhòr agamsa an-còmhnaidh chan ann dìreach ann an, ann an Gàidhlig ach ann an diofar.. .diofar òrain, òrain Beurla is rudan mar sin, bha iad.. .ach bha.. .bha sin a-riamh ga mo leantainn.

PM―20 :53: Agus am bi thu aseinn òrain ann an Gàidhlig na h-Èireann?

CP―20 :57: Cha bhi idir. Cha bhi idir. Chan e nach.. .chan eil fhios am, chan eil fhios am tha.. .tha gu leòr Èireannaich gan seinn! Cha leig mise leas a bhith gan seinn! Agus chan e, ’eil fhios agad ach tha.. .tha na h-amhrain acasan cho àlainn. Ach bha mi acantainn ri cuideigin fhads a bha mi ann an Èirinn, chan e airson achiad turas a mhothaich mi dhan an seo. Tha na h-Èireannaich uabhasach math air a bhith cho cofhurtail air an àrd-ùrlar aseinn, chan eil e gu diofar . Tha sinn buailteach ann a sheo ann an Alba a bhith acur daoine ann am bo.. .ann am bucais, ’eil fhios agad. Agus ann an Èirinn chan eil sin adol idir. Cluinnidh tu gun e seann-nòs, seinneadair seann nòs a thinntese, no tha ise ann an shin, ach an uair sin thèid iad suas, iad rudan mar ‘Will you go Lassie go’, ’eil fhios agad? Ann an Gàidhlig an h-Èireann no.. .chan eil iad air an cuingealachadh man a tha sinne. Agus tha mi asmaoineachadh gu bheil sin cho fallain. Faod.. .bidh iad aseinn rud sam bith, ’eil fhios agad. Seinnidh iad.. .ag èisteachd ri seinneadair mìorbhaileach ann a shin, cha chuimhnich mi an t-ainm a bhair ach nuair a bha mi thall, agus bha e cho dòigheil bha e aseinn ‘The Dawning of the Day’. Dhèanadh e amhran cho brèagha agus dhèanadh e rann ann an.. .ann an Gàidhlig na h-Èireann is dhèanadh e rann as a.. .as aBheurla is bha a h-uile càil dhan an sin dìreach air a ghabhail cho dòigheil. ’Eil fhios agad ann an sheo cha bhiodh achA thia, cluinn oirrese aseinn ann an.. .’ no rudan eile a chuir iongnadh ormsa, tha cuimhnagam nuair a bha mi ann an.. .ann an Ameireagaidh bhiodh iad aseinnspiritual songs, ’eil fhios agad, òraineil fhios agadspiritualsa chanas iad riutha tha mi acreids’. Is ann a sheo thall, nan tòisicheadh tu aseinn an-dràsta rudan manMìorbhail aGhràisann an Gàidhlig no ‘Amazing Grace’, ‘O tha an cùram air achreutair sin, cuin a thàinig an cùram oirr’? ’, ’eil fhios agad, bidh mi acantainnGu sealladh math orm, ’eil fhios agad, carson a tha sinn.. .tha, tha sinn dìreach gar cumail fhèin ann an rud nach eil ceart, ’eil fhios agad?

PM―22 :46: No chanadh iadChan eil an cùram air.. .oirrese, carson a tha i ga, ga seinn?’

CP―22 :50: ’S e, sin e. ‘Carson a tha an creutair sin aseinn amhran mar sin? Chan eil an cùram.. .chan fhaca mi a-riamh i san eaglais i!’ ’Eil fhios agad? So tha seo adol, ’eil fhios agad.. .tha e.. .tha e afàs.. .chan eil e cho domhainns a bha e, ach tha, tha e fhathast annamsa.

PM―23 :08: Is tha fèill mhòr air do chomasan fhathast ma-thà, a Christine, cuin a.. . an ath chuairt a bhios agad?

CP―23 :13: Uill, tha mi, ann a sheo fhèin tha mi, tha mi ateagasg an ath-mhìos aig Cùrsa aig àm na Càisg’, cùrsa ghoirid agus tha sin an-còmhnaidh acòrdadh rium agus cùrsaichean goirid, agus tha mi an uair sin adol.. .tha mi adol sìos guDorset actually, ann an.. .san Òg-mhìos. Fhuair mi cuireadh bhon am fear a tha seo tha.. .bidh e aruith.. .no tha e aruithsong weekend, weekend, song weekendagus tha mi asmaoineachadh gun do rinn ereviewair achlàr, aon de na clàran agamsa ann anFolk Rootsno rudeigin, agus tha e air a bhith afeuchainn ri mo thoirt sìos an seo airson greis mhòr agus tha mi adol sìos ann am mìos no dhà agus tha sin.. .tha mi acoimhead air adhart ri sin bhon tha tòrr dhiofar sheinneadairean ann, ’eil fhios agad. So bidh sin glè inntinneach.

PM―24 :06: Bidh gu cinnteach.

CP―24 :08: ’S e sin a tha agad an-dràsta an ath-rud a tha mi asmaoineachadh air.

PM―24 :13: Cumaidh sin adol thu.

CP―24 :14: Cumaidh. Tha cùisean air atharrachadh gu mòr, a Phàdruig, a thaobh a bhith ataisbeanadh òrain Ghàidhlig, bhon ged a tha mi gu mòr airson an òigridh, a bhith gam brosnachadh, tha mi asmaoineachadh gu bheil iad afaighinn gu leòr brosnachadh. Tha iad afaighinn an t-uabhas brosnachadh. Tha mi asmaoineachadh gu bheil daoine mar mi fhìn, a tha air a bhith ga dhèanamh airson bliadhnaichean am bliadhnaichean, tha sinne air ar cumail air falbh, ’eil fhios agad, chan eil guth oirnne aig amannan, ’eil fhios agad. Tha sinne ro aosta a-nis, ’eil fhios agad? Agus tha.. .seo rud eile nach eil atachairt ann an Èirinn saoilidh mi, chì thu air àrd-ùrlar na daoine òga, òga agus an spèis a thaca dha daoine man, ’eil fhios agad, aig an aois agamsa ann an.. .thall ann an Èirinn. Agus chan eil, chan eil càil -nàdarrach mu dheidhinn, tha, tha sin atachairt glè thric. Tha iad.. .is nuair a tha iad adol gan coimhead fhèin mar dhionnsaicheas mi bhuat? ’, ’eil fhios agad? Thall an seo, tha e.. .saoilidh mi gu bheil e beagan.. .feumaidh sinn a bhith faiceallach nach eil sinne atoirt cus dhan òigridh ro luath, bhon tha cuimhnam a bhith ag èisteachd ri Donal Lunny, neach-ciùil glè glè ainmeil ann an Èirinn agus thuirt e.. . ’s dòcha gur h-e Donal Lunny a thuirt e.. .chan eil mi.. .chan eil mi agabhail ris gun cuir na daoine òga a tha sin no na còmhlain òg a tha sin air àrd-ùrlar ro luath, bhon nuair a bhios tu acluich ann an còmhlan chan eil thu acluinntinn na mearachdan agad. ’Eil fhios agad, bu chòir dhaibh dèanamh barrachd leis an ionnstramaid acàs bith thann, mas e an guth no an e ionnstramaid-ciùil, a bhith acur barrachd ùine seachad a bhith ag ionnsachadh mus.. .mus eil iad gan cur fhèin air adhart, gu bheil iad aig an ìre nach eil a, nach eil achòrr aca ri ionnsachadh bhon tha thu ag ionnsachadh fad na tìd’, tha mise ag ionnsachadh fad na tìdair an àrd-ùrlar. Ach tha tòrr dhan òigridh buailteach an-diugh, chan eil iad acur.. .atoirt an aire. ..

PM―26 :07: An e nach eil foighidinn gu leòr aca?

CP―26 :09: Tha.. .chan eil fhios am thann, tha mi asmaoineachadh gur h-e an siostam a tha gan dèanamh mar sin. Tha iad air an cur a-steach dhan an t-siostam, ’eil fhios agad, air telebhisean is tha iad an uair sin aigfestivalis tha iad an siud is an seo is chan eil ùine aca a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn, mu dheidhinn na mearachdan a rinn iad, ’eil fhios agad.

PM―26 :45: Ceart agus tha e, tha e tòrr.. .uill, tha e fada mhòr nas fhasa ma tha thu airson thu fhèin a phutadh air adhart agus margaideachd, thu fhèin a reic chun an t-saoghail mhòir, tha siud tòrr nas.. .mòran nas fhasa an-diugh na bha e a-riamh, leTwitter , Twitteris an eadar-lìon is mar sin.

CP―26 :40: O, gu deimh.. .tha thu.. .sin an.. .aidh. Na rudan sin, absolutely. Chan eil mise adèanamh càil den sin, tha rudeigin annamsas nach urrainn dhomh a chur mi fhìn air adhart. Tha mi ag iarraidh a dhèanamh ach chan urrainn dhomh, ’eil fhios agad, sin an adhbhar tha mi asmaoineachadh thamanagersaig daoine, bhon chan eil thusa ag iarraidh a bhith gad fhaicinn ga do phutadh fhèin bhon tha sinn cho luath a bhith acantainnCluinn oirrese.. .?. . . ise ga cur fhèin air adhart mar sin?’ ’eil fhios agad. So tha sin ann ceart gu leòr ach feumaidh tu, tha e, tha e coltach. Ach chan eil mise math air, a bheil thu ag iarraidh a bhith nam mhanaidsear, a Phàdruig?

PM―27 :13: Uill, chan eil fhios am an e manaidsear uabhasach math a bhiodh annam! Ach tuigidh mi glè mhath thagad an sin.

CP―27 :18: ’Eil fhios agad chan eil mise math, chan eil mi cofhurtail leis.

PM―27 :20: Tha mise.. .tha mise coltach riut, agus chan eil mi abodraigeadh le na meadhanan-sòisealta mi fhìn, chan eil mi asgrìobhadh càil airFacebook, chan eil mi airFacebookno chan eil mi airTwitterno càil sam bith mar sin.

CP―27 :27: Chan eil no mise.

PM―27 :31: Bheir mi sùil airTwitteran-dràsta is a-rithist a dhfhaicinn tha adol sna naidheachdan, ach gu dearbh chuireadh e gairiseachadh orm mi fhìn a phutadh air adhart mar sin. Cha.. .cha tigeadh e gu, gu nàdarrach thugam, cuiridh mi mar sin e. Ach sin an seòrsa saoghal anns a bheil sinn beò gun teagamh.

CP―27 :48: ’S e, ’s e gu dearbha, ’s e gu dearbh. Agus chan eil mi, chan eil acur sìos air na daoine a tha ga dhèanamh, ma tha thu afaireachdainn cofhurtail gu leòr leis.. .ach chan eil mi afaireachdainn cofhurtail, bfheàrr leam gun robh barrachd fèin-misneachd agam.

PM―27 :59: Agus air ais gu Càrlabhagh ma-thà, a Christine, agus am bi thu tric, tric adol air ais?

CP―28 :04: Uill, bho dhfhalbh mo mhàthair is mathair chan eil e.. .chan e an aon àite a thann, ’eil fhios agad, tha mi afaireachdainn.. .chan. . .tha.. .chan eil fhios am, chan eil e furastdhomh a bhith dol ann, chan eil e furastdhomh. Tha mi, tha mi air a bhith ann, ach chan eil mi airson a dhol ann ro thric. Bidh mi.. .tha mo phiuthar fhathast ann an Steòrnabhagh is tha gu leòr càirdean agam mun cuairt is mar sin, is tha e acòrdadh rium gu mòr achs e rud glè dhuilich a thann dhomh a dhol a.. . .nuair a bhios mi adol a.. .nuair a chì mi an taigh, ’eil fhios agad, is o tha e dìreach gam chur troimh-chèile.

PM―28 :43: Ceart. Is na diofaran as motha a tha thu afaicinn anns abhaile nuair a thèid thu air ais san latha an-diugh an taca ri mar a.. .mar a bha e nuair a bha thu fhèin òg?

CP―28 :49: Uill, chanainnsa fuaim abheairt. ’Eil fhios agad, tha cuimhnagamsa a bhith adol, tron abhaile is gliogadaidh-gliog, gliodadaidh-gliogeil fhios agad as a h-uile taigh cha mhòr, is cha mhòr gu bheil sinn ann an-diugh. Chan eil duine.. .thacousindhomh fhathast, chan eil.. .tha e ag obair air abheart achs e glè bheag bhon tha muilinn ann an Càrlabhagh a-nise tha mi.. .cuideachd ach sin, sin aon de na.. .tha e mar gum biodh rudeigin uabhasach sàmhach mu dheidhinn, ’eil fhios agad, nuair a thèid mi tron bhaile an corra uair a bhios mi ann. Achs e sin an rud as motha.. .tha mi afaicinn na daoine is acluinntinn abheairt is acluinntinn mathair is a h-uile duine de na daoine sin.

PM―29 :29: Uh - huh, agus tha an sgoil fhèin air dùnadh sìos bho chionn fhada.

CP―29 :31: Tha an sgoil fhèin air dùnadh, aidh, tha.

PM―29 :34: Agus atharraichean.

CP―29 :37: Och atharraichean anns a h-uile h-àite.

PM―29 :38: Tha.

CP―29 :39: Feumaidh sinn dìreach gabhail ris, ’s e sin an rud as doirbhe mu dheidhinn beatha is mo bheatha no beatha an duine, a bhith agabhail ris na h-atharraichean a tha adol a thighinn co-dhiù. Is tha sin doirbh, nach eil? Saoilidh mise gu bheil, gabhail riutha.

PM―29 :52: Uh - huh. Ceart gu leòr ma-thà, a Christine, uill, thug thu gu leòr dhuinn an sin agus mìle mìle taing dhut airson bruidhinn rinn an-diugh.

CP―29 :59: O, thia mhòr!

PM―30 :00: Agus seo feum mòr dhan.. .dhan aphròiseact againn agus dha na daoine a bhios ag èisteachd riut. Bha sinn abruidhinn mu dheidhinn na meadhanan sòisealta, uill, bidh mi fhìn is tu fhèin air na meadhan sòisealta nuair a thèid seo a gheàrradh is a sgioblachadh.

CP―30 :12: O, thia mhòr!

PM―30 :17: Agus mìle taing dhut. Tapadh leat.

CP―30 :18: ’S e do bheatha, ’s e do bheatha, tapadh leat.

title2
internal date2019.0
display date2019
publication date2019
level
parent textChristine Primrose
<< please select a word
<< please select a page