P[àdruig] M[oireach]―00 :05: Uill, fàilte ort, Iain, agus mòran taing airson tighinn a-steach an seo a bhruidhinn rinn an-diugh ann an Sabhal Mòr Ostaig agus latha brèagha againn, as an oifis againn. An toiseach ma-thà, cò às a tha thu agus cò leis thu?
I[ain] G[reumach]―00 :22: Tha mi à sgìre a’ Bhac ann an Leòdhas, tha e seachd mìle tuath air Steòrnabhagh. ’S e Alexina a th’ air mo mhàthair is Iain air m’ athair. Tha mo mhàthair bhon a’ Bhac cuideachd agus tha m’ athair às an Rubha, ach tha iad air a bhith air a’ Bhac bho phòs iad bho chionn còrr is leth-cheud bliadhna.
PM―00 :42: Agus cia mheud a tha anns an teaghlach?
IG―00 :44: Tha triùir againn ann, tha bràthair agus piuthar agam nas òige na mise.
PM―00 :48: Ceart agus tha thu fhèin a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach, is cà’ eil do bhràthair is cà’ eil do phiuthar?
IG―00 :53: Tha mo bhràthair pòsta ann an Càrlabhagh is tha mo phiuthar a’ fuireach as a’ Chòrn.
PM―00 :57: As a’ Chòrn? OK, ceart gu leòr, so tha sibh beagan sgapte.
IG―01 :01: Tha!
PM―01 :02: Tha, uh - huh, agus dè an obair a bh’ aig do mhàthair, ’s e tidsear Gàidhlig a bh’ innt’, nach e?
IG―01 :07: ’S e. Bha i a’ teagasg bun-sgoil, àrd-sgoil, bha i aig a’ Chomhairle airson greis coimhead às dèidh foghlam is bha i aig Colaiste a’ Chaisteil cuideachd nuair a bha iad a’ tòiseachadh air na ceumannan Gàidhlig.
PM―01 :20: Ceart gu leòr, agus an deach do theagasg le do mhàthair ma-thà nuair a bha thu anns an sgoil?
IG―01 : 26: Glè bheag. Nuair a bha sinn air an t-siathamh bliadhna bha sinn a’ faighinn clas leis a h-uile tidsear a bh’ ann, ach ’s e clas beag a bh’ againne, ’s e triùir no ceathrar a bh’ ann so ’s e.. .glè bheag.
PM―01 :40: Uh - huh, agus dè an obair a bh’ aig d’ athair?
IG―01 :42: Bha e na shaor. Bha e ag obair aig companaidhean is uaireannan air a’ cheann fhèin cuideachd.
PM―01 :49: Dìreach as an eilean fhèin no am biodh e a’ dol gu tìr-mòr cuideachd?
IG―01 :51: O, cha bhiodh, dìreach as an eilean fhèin.
PM―01 :54: Timcheall air an eilean fhèin. Agus dè a’ chiad chuimhne a th’ agad Iain ma-thà?
IG―01 :58: Tha cuimhn’ a’m air rud no dhà mus deach mi dhan sgoil, tha cuimhn’ a’m nuair a bhiodh sinn fhìn a’ dol a Ghlaschu is a’ dol dhan phàirc an sin. Tha cuimhn’ a’m cuideachd nuair a bhiodh piuthar mo mhàthar is bràthair mo mhàthar a’ tighinn thugainn as t-samhradh, mar a bhiodh iad a’ dèanamh a h-uile samhradh, bha sinn a’ faicinn ar uncailean is ur antaidhean is ur co-oghaichean a h-uile samhradh. ’S dòcha gum faiceadh sinn iad ann an Glaschu is gum faiceadh sinn iad shuas ann an Leòdhas cuideachd.
PM―02 :27: Ceart gu leòr agus chaidh thu dhan bhun-sgoil air a’ Bhac ma-thà?
IG―02 :31: Aidh, tha sin ceart.
PM―02 :32: Agus ciamar a chòrd a’ bhun-sgoil riut?
IG―02 :35: A’ coimhead air ais, chòrd uabhasach math. Bha.. .na làithean sin co-dhiù bha cuspairean-sgoile a’ còrdadh rium, bha mi gam faighinn an ìre mhath furasta. Bha.. .a- rithist bha clas againn, bha sinn còmhladh fad an t-slighe bho nuair a thòisich sinn as an sgoil gu an dàrna bhliadhna san àrd-sgoil, bha na tidsearan glè shnog no cho snog ’s a bhiodh tidsearan, is bha mi a’ smaoineachadh gun robh iad glè mhath cuideachd.
PM―03 :06: An robh tòrr as an sgoil nuair a bha thusa innt’?
IG―03 :09: Bha, bha fichead ’s a trì tha mi a’ smaoineachadh a thòisich an aon àm rium fhìn.
PM―03 :14: Air, air an aon.. .nad chlas tha thu a’ ciallachadh?
IG―03 :16: Aidh.
PM―03 :17: Agus as an sgoil uile gu lèir, anns a’ bhun-sgoil uile gu lèir dè bhiodh ann an uair sin?
IG―03 :20: Bhiodh còrr is ceud co-dhiù.
PM―03 :22: Ceart, sgoil mhòr a bh’ innt’.
IG―03 :25: O, ’s e.
PM―03 :26: Agus cò ris a bha an t-àite coltach nuair a bha thu a’ fàs suas, ’eil fhios agad, an robh.. .an robh e dubh le daoine mar gum biodh, an robh tòrr a bharrachd daoine ann na tha ann an-diugh, an robh.. .am biodh daoine a’ measgachadh le chèile, dè seòrsa obraichean a bhiodh iad a’ dèanamh is mar sin?
IG―03 :43: Bha, bha beagan a bharrachd dhaoine ann ach cuideachd na daoine a bh’ ann ’s e daoine a bhuineadh dhan àit’. Bha daoine as na taighean as an robh na teaghlaichean aca air a bhith airson bliadhnaichean, agus cuideachd, can, airson daoine anns an aon chlas riumsa bha am pàrantan a’ fuireach faisg, bha an seanair no an seanmhair no ’s dòcha dà sheanair is seanmhair a’ fuireach faisg cuideachd.
Bha na teaghlaichean gu math nas muth’, eadar gun robh iad a’ fuireach san aon taigh no dìreach a’ fuireach faisg air a chèile is bha thu a’ cur eòlas air na teaghlaichean aca cuideachd.
PM―04 :16: Agus am biodh sibh a-mach is a-steach à taighean a chèile gu math tric?
IG―04 :19: O, bhitheadh, bhitheadh. Is dìreach chitheadh tu daoine anns a’ bhaile cuideachd, can, nuair a bhiodh sinn a’ coiseachd dhachaigh à sgoil, dh’fhaodadh gum faiceadh tu diofar dhaoine sa bhaile, a’ coiseachd gu bus no a’ dèanamh rudeigin, a’ dol gu bhan no.. .dìreach bha iad a’ dèanamh barrachd coiseachd na bhios anns na làithean a tha seo. Chan fhaic thu mòran dhaoine a’ coiseachd a-mach is a-steach an rathad.
PM―04 :41: Tha.. .tha càraichean aig a h-uile duine a th’ ann an-diugh.
IG―04 :43: Càraichean aig a h-uile duine, no dà chàr no trì càraichean aig a h-uile taigh cha mhòr.
PM―04 :47: Uh - huh, agus an uair sin chaidh thu dhan Nicolson, agus dhan àrd-sgoil ann a shin, agus ciamar a chòrd sin riut?
IG―04 :56: O, chòrd glè mhath às dèidh greis co-dhiù. Bha e gu math eadar-dhealaichte. Cuideachd, tha mi a’ smaoineach’ gun robh beagan smachd aig muinntir a’ bhaile thairis air daoine a bha air tighinn à sgoiltean eile, bha muinntir a’ bhaile air a bhith ann is bha iad eòlach air a chèile, bha iad eòlach air a chèile bho Sgoil Steòrnabhaigh ’s tha mi a’ smaoineachadh gun robh iadsan a’ faireachdainn beagan nas cofhurtaile as an sgoil na bha na.. .an fheadhainn a thàinig bho.. .bho na sgoiltean eile.
PM―05 :22: Ach an toiseach ge-tà, an robh sgoil dà bhliadhna ann air sgìre a’ Bhac an toiseach?
IG―05 :26: Bha.
PM―05 :27: Is rinn thu a’ chiad dà bhliadhna san àrd-sgoil mar gum biodh air a’ Bhac fhèin.
IG―05 :31: Aidh, tha sin ceart.
PM―05 :32: Agus an uair sin air an treas bliadhna dhen àrd-sgoil bha sibh a’ dèanamh air an, air an Nicolson. Ceart gu leòr. Agus an robh buidheann mhòr ann bho Sgoil a’ Bhac a’ dol dhan Nicolson an uair sin?
IG―05 :43: Bha leth dhan Nicolson agus leth dhan Chaisteal tha mi a’ smaoineachadh. Bha ’s dòcha an fheadhainn a bha.. .an fheadhainn a bha acadaimigeach ann an dòigh dheigheadh iad dhan Nicolson, an fheadhainn a bha cruthachail is a bha ag iarraidh ceàrd a thoirt a-mach dheigheadh iad dhan Chaisteal, is feadhainn ’s dòcha nach robh beachd aca dè an ceàrd a bha iad a’ dol a dhèanamh ’s dòcha gun deigheadh iadsan dhan Nicolson cuideachd. Bha e mar gun robh an fheadhainn as a’ mheadhan a’ dol dhan Chaisteal, daoine a bha comasach ach ’s dòcha nach e saoghal acadaimigeach a bha iad a’ dol a dhèanamh, ’s dòcha gur h-e saoghal eile, ’s dòcha gur h-e einnseanaireadh no togail, saorsainneachd, chan eil fhios a’m an robh thu a’ smaoineachadh air duine sa chlas agam a chaidh dhan Nèibhidh, ach ’s e sin an seòrsa rudan a bhiodh daoine a’ dèanamh as a’ Chaisteal an uair sin.
PM―06 :39: Ceart so, so a-mach às an fheadhainn a bha air a’ chlas agad fhèin is a chaidh dhan.. .an deach an dàrna leth dhan Nicolson agus an còrr dhan a’ Chaisteal no.. .?
IG―06 :50: Co-dhiù ’s dòcha trì chairteal dhan an Nicolson.
PM―06 :52: OK, ceart gu leòr.
IG―06 :53: ’S dòcha cuideachd, a’ smaoineachadh air ais ’s dòcha gur h-e barrachd dha na balaich a chaidh dhan a’ Chaisteal, chaidh clann-nighean ann cuideachd ach. ..
PM―07 :00: Chaidh. Dè seòrsa rudan a bhiodh iadsan a’ dèanamh anns a’ Chaisteal, dè bhiodh iad ag ionnsachadh?
IG―07 :03: Tha mi a’ smaoineachadh gun robh iad.. .bha iad a’ dèanamh rudan coimpiutaireachd, rudan einnseanaireadh, togail, saorsainneachd, clachaireachd. Is tha mi cinnteach gum biodh feadhainn aca a’ dèanamhnavigationmar a chanas iad.
PM―07 :17: Agus dè na cuspairean a chòrd riut as an àrd-sgoil, ma-thà?
IG―07 :22: Bha Gàidhlig fhèin, Beurla às dèidh bliadhna no dhà co-dhiù, bha e a-rèir uaireannan cò an tidsear a bh’ agad. Nuair a fhuair mi tidsear math airson Beurla chòrd Beurla rium na b’ fheàrr. Bha cuspairean gnìomhachais, cunntasachd, eaconamachd nuair a thòisich mi air an sin, bha na rudan sin a’ còrdadh rium. Cha robhsciencesa’ còrdadh rium cho math ged a rinn mi beagan dhen sin, is chan eil cuimhn’ a’m air mòran mun deidhinn.
PM―07 :52: Agus nuair a bha thu a’ fàs suas ma-thà, a bheil cuimhne agad air làithean àraid dhen bhliadhna far am biodh, chan eil fhios agam, fèisean no làithean-fèill’ no càil sam bith mar sin a’ tachairt anns an sgìre?
IG―08 :02: Tha. ’S e an rud a tha mi a’ smaoineachadh air bho thuirt thu sin an-dràsta, as t-samhradh faisg air deireadh an teirm bhiodh seachdain againn ann an sgoil a’ Bhac far an robh thu dheth a h-uile feasgar, is chan eil cuimhn a’m dè.. .tha mi a’ smaoineachadh gun robh Mòd a’ dol, bha Latha Spòrs airson nan sgoiltean gu lèir ann is chan eil cuimhn’ a’m dè bha a’ dol na làithean eile ach cha mhòr nach robh seachdain agad le.. .le feasgaran dheth.
PM―08 :28: Agus dè bhiodh sibh a’ dèanamh?
IG―08 :30: Cha bhithinnsa a’ dèanamh càil ach a’ dol dhachaigh! A’ dèanamh rud sam bith a bha ri dhèanamh aig an taigh.
PM―08 :35: Dè mu dheidhinn can Oidhche Shamhna is Oidhche na Bliadhna Ùir’, robh.. .an robh.. .ciamar a bha iad sin?
IG―08 :39: Bha, bhiodh sinn a’ dol a-mach Oidhche Shamhna. Bha.. .sna làithean agamsa co-dhiù bhiodh.. .bhiodh pàrantan a’ ceannach aodannan-coimheach tha mi cinnteach gun canadh iad riutha, no coimheach, masksis a’ dol timcheall gu na nàbannan. A’ dol a-steach a’ bhaile againn, am baile againn fhìn is an uair sin am baile ri ar taobh Brèibhig, bhiodh sinn a’ faighinn beagan airgead.
PM―09 :09: Dè bhiodh agaibh ri dhèanamh airson an airgead sin fhaighinn?
IG―09 :11: Cha bhiodh càil ach innse cò leis a bha sinn! Bhiodh sinn.. .bhiodh sinn a’ toirt dhinn namasksagus bhiodh muinntir an taighe, mura robh iad eòlach oirnn mu thràth, bhiodh iad a’ feuchainn ri obrachadh a-mach cò leis a bha sinn agus an robh sinn coltach ris an teaghlach.
PM―09 :28: Cha robh agaibh ri rabhd ionnsachadh no càil sam bith mar sin?
IG―09 :29: Cha robh. Cha bhiodh càil ri dhèanamh ach sin. Shealladh iad, is ‘O tha thu coltach ri do phàrantan’, is.. .is bha sinn a’ faighinn, chanadh feadhainn aca ‘Seo niseten new pence’. Cha shaoil thu càil dheth an-diugh ach bha sin math an uair sin.
PM―09 :43: Bha.
IG―09 :44: An aon rud eile a tha’ agam, a tha mi a’ cuimhneachadh air, chanadh iad rinn ‘Nise, an dèan sibh cinnteach gun dùin sibh an geata air an t-slighe a-mach mus fhaigh na caoraich a-steach’. Sin an aon chuimhne a th’ agam, dìreach gun robh daoine snog rinn.
PM―09 :56: Ceart.
IG―09 :57: Bha iad a’ gabhail ùidh ann a bhith a’ coinneachadh ris an òigridh. ..
PM―10 :10: Dha-rìribh.
IG―10 .02:. . .obrachadh a-mach cò leis a bha iad agus an robh iad.. .an robh iad coltach ris na teaghlaichean aca.
PM―10 :07: Mar sin cha robh strainnsearan as a’. . .as a’ bhaile an uair sin.
IG―10 :10: Chan urrainn dhomh smaoineachadh air duine sam bith nach buineadh dhan a’ bhaile.
PM―10 :14: Uill, uill.
IG―10 :15: Na an ath-rathad, an ath-rathad tha iad mar gum biodh a’ tighinn gu crois, chan urrainn dhomh smaoineachadh air duine sam bith a bha a’ fuireach ann an uair sin nach buineadh dhan bhaile.
PM―10 :24: Agus a bheil sin air atharrachadh gu mòr anns an latha th’ ann?
IG―10 :26: Tha e air atharrachadh beagan, chan eil gu tur. Agus ’s dòcha gur h-e an rud a th’ ann ach gu bheil daoine ann an taighean, ’s dòcha gur h-e oghaichean dha na daoine aig an robh an taigh, ged nach deach an togail as a’ bhaile, gun do ràinig iad à àiteigin eile air an eilean no àiteigin air tìr-mòr. Ach tha daoine air taighean a cheannach cuideachd, ach tòrr dha na daoine a th’ ann ’s e.. .tha iad as na taighean as an robh iad, no ’s e oghaichean no teaghlach le daoine aig an robh na taighean a th’ annt’.
PM―10 :59: Ceart, agus dè na h-obraichean a bha a’ dol nuair a bha thusa a’ fàs suas – fighe, breabaidearachd agus croitearachd is.. .?
IG―11 :05: Breabadaireachd, daoine a’ seòladh, daoine nach biodh aig an taigh an-còmhnaidh. Croitearachd, ach bhiodh obraichean eile aig daoine. Cuideachd, bhiodh boireannaich ag obair as an sgoil eadar iad a bhith a’ teagasg no ag obair as a’ chanteenno a’ glanadh. Tòrr a’ dol suas am baile air a’ bhus, bhiodh iad ag obair as a’ mhuileann ’s dòcha, muileann-clò, agus daoine saorsainneachd, clachaireachd. Cha robh an t-ospadal cho mòr an uair sin, cha robh.. .saoilidh mi nach robh uimhir ag obair as an ospadal ’s a tha ann an-diugh. Agus bha an Comhairle air tòiseachadh, ach cha robh e cho mòr ’s a tha e an-diugh, cha robh.. .chan urrainn dhomh smaoineachadh air mòran dhaoine a bha ag obair aig a’ Chomhairle an uair sin an coimeas ri mar a tha ann an-diugh, tha an t-uabhas ag obair aig a’ Chomhairle an-diugh.
PM―11 :54: Tha, tha. Agus dè mu dheidhinn an-diugh ma-thà ma choimheadas tu air, air a’ bhaile, a bheil na h-aon h-obraichean a bha ann a’ dol fhathast aig an aon ìre, mar gum biodh?
IG―12 :05: Tha dhà no thrì dhaoine air tòiseachadh air breabadaireachd a-rithist, feadhainn a bha ag obair ann an àiteachan eile, ’s dòcha feadhainn a bha ag obair mar a chanas sinn aig Àranais. Uireannan bidh obraichean a’ dol is uaireannan cha bhi. Feadhainn a bha ag obair air tìr-mòr, feadhainn aca air thighinn dhachaigh is a’ tòiseachadh air breabadaireachd. Dìreach a’ smaoineachadh, tha tòrr as a’ bhaile againn a tha air leigeil dhiubh an dreuchd. ’S e seo aon rud a tha eadar-dhealaichte cuideachd, nuair a smaoinicheas mi air ais daoine a bha.. .ma chanas mi còrr is trì fichead agus chan eil mi fhìn cho fada bhon an sin, bha iad a’ coimhead uabhasach aost’. An-diugh, tha daoine a tha trì fichead, ceithir fichead, chan eil iad a’ coimhead cho aost’ sin, tha iad gan cumail fhèin a’ dol, tha iad an sàs ann an rudeigin, a’ coimhead às dèidh clann no a’ dèanamh beagan croitearachd no. ..
PM―12 :52: Agus a bheil mòran chlann ann an-diugh?
IG―12 :56: Tha.
PM―12 :57: Tha. A cheart uimhir is a bha ann nuair a bha thu fhèin a’ fàs suas ann?
IG―13 :00: Cha mhòr nach eil co-dhiù, tha. Tha teaghlach no dhà ann is an clann. ..
PM―13 :03: So chan e idir gu bheil na bodaich a’ fàs nas aosta ach.. .gu bheil thu fhèin a’ fàs nas aosta agus gu bheil na bodaich a’ coimhead nas òige ’s dòcha?
IG―13 :12: Tha, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad dha-rìribh a’ coimhead nas òige.
PM―13 :16: Ceart ma-thà.
IG―03 :17: ’S dòcha nach eil.. .nach e an aon seòrsa beath’ a bh’ aca ’s a bh’ aig na daoine a bha aost’ nuair a bha mise òg.
PM―13 :23: A bheil tòrr a bharrachd dhaoine ag obair ann an Steòrnabhagh an-diugh na, na bh’ ann?
IG―13 :26: Tha. Tha.
PM―13 :29: Agus càraichean aig a h-uile duine, man a thuirt thu.
IG―13 :30: Tha. Càraichean is dà chàr is trì càraichean aig a h-uile taigh cha mhòr
PM―13 :35: Agus an uair sin às dèidh dhut an àrd-sgoil fhàgail, cà’ an deach thu?
IG―13 :40: Chaidh mi a dh’Oilthigh Obar Dheathain, agus bha mi a’ smaoineachadh gur h-e cunntasachd is rudan mar sin a bha mi a’ dol a dhèanamh is.. .och, rinn mi sin cho fada is an uair sin dh’fhàs e ro dhuilich, rinn mi cuspairean gnìomhachais co-dhiù agus rinn mi Gàidhlig cuideachd, is bha sin feumail airson faighinn an seòrsa obair a fhuair mi an toiseach aig Sabhal Mòr Ostaig.
PM―14 :00: Ah - huh, agus dè thug ort cunntasachd a dhèanamh ma-thà, an robh sin ri fhaighinn ann an.. .anns an Nicolson?
IG―14 :04: Bha.
PM―14 :04: An robh?
IG―14 :05: Och bha mi dìreach a’ smaoineachadh gur h-e obair math.. .an ìre mhath, chan eil fhios a’m an e an ìre mhath furasta, ach obair a b’ urrainn dhut a dhèanamh ann an oifis far nach robh agad ri bhith a’ dèanamh an uabhais a’ dol a-mach is a’ bruidhinn ri daoine no ag iarraidh càil bho daoine.
PM―14 :22: Ceart, agus chaidh thu a dh’Obar Dheathain.
IG―14 :25: Chaidh.
PM―14 :26: Agus ciamar a bha Obar Dheathain aig an àm sin? Cò ris a bha am baile coltach? An robh e trang, an robh tòrr a’ dol leis an ola is mar sin?
IG―14 :34: Och bha e trang, bha e brèagha cuideachd far an robh an oilthigh fhèin is tha e mar sin fhathast. Baile gu math soilleir, glas. Tioram, bha e nas tiorma na bha an taobh an iar, ach fuar. Dh’aithnicheadh tu gaoth fhuar. Chan eil fhios a’m an do chuir mi eòlas air a h-uile seòrsa rud air, air am faodainn, bha tòrr chothroman a’ dol nach robh mi a’ gabhail, dh’fhaodainn a bhith air a bhith an sàs ann an tòrr rudan eile. Bha mi eòlach air cuid de dhaoine, cha robh mi eòlach air an t-uabhas dhaoine, ’s dòcha gum faodainn a bhith air coinneachadh ri barrachd dhaoine ùra, no a bhith air a bhith a’ dol gu barrachd rudan na.. .na bha mi a’ dèanamh.
PM―15 :14: Bha, bha mise ann an Obar Dheathain aig an oilthigh aig.. .aig an aon àm ’s a bha thu fhèin, Iain, agus bha an t-uabhas de dh’eileanaich ann an uair sin, eadar Robert Gordon’s agus an oilthigh, nach robh?
IG―15 :25: Bha.
PM―15 :28: Bha, agus is gann gum b’ urrainn dhut a dhol a-mach air oidhche Haoine no oidhche Shathairne gun a bhith a’ tachairt ri eileanaich as gach àite.
IG―15 :35: Agus bha sin.. .bha sin math.
PM―15 :35: Bha sin uabhasach math, chan eil mi a’ gearan idir, sheadh.
IG―15 :38: Bha sin uabhasach math. ’S dòcha gun robh còir agam a bhith air coinneachadh barrachd dhaoine an àite fuireach còmhladh ris na daoine air an robh mi eòlach.
PM―15 :44: Agus an do chòrd an oilthigh riut ma-thà?
IG―15 :46: Chòrd e rium ceart gu leòr, ach ’s dòcha gum bithinn air faighinn barrachd às nam bithinn air fuireach bliadhna no dhà. Ach aig an àm a chaidh mise ann, bha e air a shùileachadh nuair a bhiodh tu deiseil anns an sgoil gun deigheadh tu dhan oilthigh. Cha robh daoine a’ smaoineachadh air dèanamh bliadhna ag obair no a’ dèanamh bliadhna a’ siubhal, bha e dìreach air a ghabhail ris gun robh thu a’ dol dhan an sgoil is an uair sin dhan an oilthigh.
PM―16 :14: Agus cò às a bha sin a’ tighinn, am beachd sin?
IG―16 :18: Tidsearan agus pàrantan tha mi cinnteach. Tha cuimhn’ a’m aon latha ann an Sgoil MhicNeacail is bha.. .tha mi a’ smaoineachadh gun robh againn ri dhol a bhruidhinn ri ceannard na sgoile agus an iar-cheannard, a-rèir dè bha sinn a’ smaoineachadh air, a-rèir a nì colaist’ no oilthigh no às bith dè bh’ ann. Is co-dhiù bha mi a’ coiseachd mu chuairt is choinnich mi ri tidsearMr .MacLeod, Mr .R. J. MacLeod, tha fios agad?
PM―16 :49: Tha cuimhn’ a’m air.
IG―16 :50:– ‘AhIain, university , Mr.Young’soffice’.
PM―16 :54: Bha an taghadh air a dhèanamh dhut!
IG―16 :55: Bha. Bidh mi a’ cuimhneachadh air an sin is uill.. .cò bh’ annamsa airson ceasnachadh sin?
PM―17 :04: Sin mar a bha e aig an àm sin.
IG―17 :05: So bha na tidsearan a’ sùileachadh gum biodh tu.. .ma bha thu a’ dèanamh na cuspairean a tha seo no ma bha nagradesa tha seo agad, bha thu a’ dol dhan oilthigh is bha thu a’ dol dhan oilthigh as a’ bhad, eadar gun robh thu air smaoineachadh mu dheidhinn no an robh thu fhèin deiseil air a shon no nach robh.
Ach tha mi cinnteach gu bheil dhà no thrì dhaoine mar sin, ’s mathaid nam biodh sinn air a bhith a’ dèanamh rudeigin eile airson bliadhna no dhà gum biodh sinn air barrachd fhaighinn a-mach às, is dìreach air a bhith nas eòlaiche air cùisean a’ dol ann.
PM―17 :37: Is nuair a chaidh thu a dh’Obar Dheathain son a bhith nad oileanach, an e sin a’ chiad turas a bha thu air a bhith as a.. .as a’ bhaile?
IG―17 :43: O, chan e, bha mi air, bhiodh.. .nuair a bha sinn gu math beag chaidh sinn ann air an trèana mar teaghlach à Inbhir Nis, is chaidh mi ann aon turas eile, ’s dòcha bliadhna mus deach mi ann, dìreach a dh’fhaicinn an oilthigh is a dh’fhaicinn na.. .na h-àiteachan-fuirich a bh’ ann.
PM―17 :59: Agus an robh cianalas ort idir airson.. .air a’ chiad bhliadhna?
IG―18 :04: Ann an dòigh bha, ann an dòigh eile cha robh, son bha e a’ còrdadh rium glè mhath a bhith a’ dèanamh an seòrsa rudan a bhithinn a’ dèanamh. Bha an àite-fuirich a’ còrdadh rium glè mhath, bha sinn a’ faighinn ar biadh is tha.. .bhithinn a’ faicinn na h-aon daoine, bhithinn.. .seo latha ro na fònaichean làimhe. Bhithinn a’ fònadh dhachaigh gu math tric, ach ’s e an rud a bh’ ann cha robh dòigh ann faighinn grèim ort mar a th’ ann an-diugh. So bhithinn a’ fònadh ’s dòcha gu math tric, gun fhios nach robh adhbhar sam bith fònadh dhachaigh gun fhios nach biodh iadsan feuchainn ri faighinn grèim ormsa. Cha robh dòigh ann faighinn grèim air daoine.
PM―18 :49: Cha robh. Ach bha sinn a’ dèanamh a’ chùis dìreach gun trioblaid, cha robh an còrr ann air a shon.
IG―18 :54: Aidh, bha sinn cleachdte ri saoghal mar sin.
PM―18 :58: Bha, bha. Agus so rinn thu trì no ceithir a bhliadhna ann?
IG―19 :02: Trì bliadhna a rinn mi.
PM―19 :03: Trì bliadhna ann an Obar Dheathain, agus thàinig thu a-mach nad chunntasair an uair sin?
IG―19 :07: O, cha tàinig.
PM―19 :08: O, nach tàinig?
IG―19 :09: Cha tàinig, cha robh mi air.. .cha do chuir mi crìoch air cunntasachd idir, ’s e MA, bha dà bhliadhna Gàidhlig, dà bhliadhna eaconamachd, bliadhna cunntasachd is bliadhna coimpiutaireachd, ged nach eil fhios agam air càil mu dheidhinn.
PM―19 :20: Shin agad e, abair measgachadh.
IG―19 :23: Agus lagh.
PM―19 :24: Agus lagh!
IG―19 :25: Lagh-gnìomhachais.
PM―19 :26: Ceart.
IG―19 :27: Chan eil fhios agam ciamar a rinn mi coimpiutaireachd, ’s e dìreach aon de na cuspairean a bha thu a’ dèanamh son gum biodh gu leòr cuspairean agad airson crìoch a chur air ceum, is dìreach.. .rinn mi na bha a dhìth airson faighinn tro na.. .chan eil cuimhn’ a’m an e deuchainnean a bh’ ann.. . ’s e, tha mi cinnteach gun robh deuchainnean ann. Chan eil càil a dh’fhios agam dè dh’ionnsaich mi is chan eil cuimhn’ agam air càil ach cha do rinn e diofar sam bith, ’s e dìreach ionnsachadh de na bha iad a’ toirt dhut son ionnsachadh is a sgrìobhadh a-mach a-rithist.
PM―19 :58: Agus dè bha thu am beachd a dhèanamh ma-thà, às dèidh dhut crìoch a chur air a’ chùrsa?
IG―20 :02: Cha robh an t-uabhas fios agam, bha mi a’ smaoineachadh ’s dòcha for-cheum air choreigin a bha stèidhichte air cùrsa, no ’s dòcha a bhith ag obair ann an àite sam bith airson greis bheag agus an uair sin a’ smaoineachadh air for-cheum eile, ach cha robh càil a dh’fhios a’m.
PM―20 :18: Agus cha robh.. .an robh thu son fuireach ann an Obar Dheathain no an robh thu son a dhol a Ghlaschu no.. .?
IG―20 :20: Cha robh.. .cha do smaoinich mi mu dheidhinn Glaschu idir, bha mi a’ smaoineachadh dhachaigh an toiseach agus an uair sin a dh’àiteigin eile, ach.. .och rinn mi beagan obair son greis agus an uair sin fhuair mi fòn mu dheidhinn obair aig Sabhal Mòr Ostaig. Smaoinich mi ‘O chan eil fhios a’m a bheil eòlas gu leòr agam’, ‘O, uill, smaoinich mu dheidhinn co-dhiù’ agus. ..
PM―20 :38: Is cò bha iad ag iarraidh no dè seòrsa duine a bha iad ag iarraidh an uair sin, an e tidsear.. .?
IG―20 :40: ’S e neach-teagaisg cunntasachd is lagh.
PM―20 :43: Agus.. .cunntasachd is dè?
IG―20 :45: Lagh. Lagh-gnìomhachais so. ..
PM―20 :47: Och, uill, so bha.. .bha sin agad co-dhiù.
IG―20 :49: Aidh. Dh’fheuch mi air is fhuair mi e is chan eil mi a.. .chan eil fhios a’m an robh mòran dhaoine eile ga iarraidh, tha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gur h-e sin a bh’ ann.
PM―20 :58: So tha thu.. .cuin a bha sin a-nis, Iain?
IG―20 :59: Tha.. .naoi ceud deug ochdad ’s a naoidh.
PM―21 :03: Ochdad ’s a naoidh.
IG―21 :04: Aidh.
PM―21 :05: Is thòisich thu ann a sheo, uill, uill.
IG―21 :07: So tha deich air fhichead bliadhna, còrr air deich air fhichead bliadhna bhuaithe.
PM―21 :10: A bheil.. .uill tha cuideachd. Tha thu air a bhith ann a sheo bho cheumnaich thu, mar gum biodh.
IG―21 :16: Cha mhòr nach eil.
PM―21 :17: Ceart.
title | 1 |
internal date | 2019.0 |
display date | 2019 |
publication date | 2019 |
level | |
parent text | Iain Greumach |