P : Agus.. .seadh.. .agus bha buaidh aige sin tha mi acreidsinn air mar a.. .mar a bha a h-uile duine atighinn ri chèile, agus na ginealaichean mar gum biodh abruidhinn ri chèile is cha robh, cha robh e gu diofar an aois a bha na daoine, ’eil fhios agad bha a h-uile duine eòlach air a chèile gu an uair sins dòcha.

M: Bha.

P: Sheadh agus Àranais.. .thug Àranais tòrr dhaoine air ais dhan eilean aig a cheart àm tha iad ag ràdh, thàinig, thàinig tòrr a bha ag obair air tìr-mòr air ais an uair sin.

M: Sheadh, sheadh, ach thug e cosnadh, thug e cothroman de.. .de bhalaich Leòdhais nuair a dhionnsaich iad nuair a dhfhosgail Àranais, an trèanadh, agus tha sin air an toirt air feadh an t-saoghail an-diugh.

P: Agus a bheil mòran.. .mòran anns abhaile ris an obair sin fhathast?

M: Uill, nam biodh tu air faighneachd dhomh bho chionn sia bliadhna bhithinn air a ràdh.. .an ath-bhaile, Loch aGhainmhich, chan eil ann ach sia taighean agus bha triùir dha na fir ag obair anns aChuan a Tuath.

P: Seadh an robh?

M: Bha sin mus deach, mus deach prìs an ola sìos, ach tha mi asmaoineachadh.. .tha e adol air ais gu.. .chan eil mi buileach cinnteach , .. .cuin a bhann. ’S dòcha na naochadan no bliadhna mhìle tha.. .cha robh airgead atighinn bhon Riaghaltas airson a bhith atogail thaighean agus bha na luchd-ciùird ann an sheo, an fheadhainn a bha aclachaireachd agus saoir tha.. .bha iad gun obair agus dhfhalbh iad dhan aChuan a Tuath. Agus an uair sin tha.. .chan fhaigheadh tu saor agus chan fhaigheadh tu duine a thogadh taigh. Thòisich an uair sin prìs an ola atighinn a-nuas is bha e rudeigin cugallach, agus thill na fir sin agus an uair sin bha.. .bha e furasta daoine fhaighinn airson càil a dhèanamh. Chaidh.. .chaidh cuid air ais chun an ola agus nuair a tha iad atilleadh an triop-sa, saoilidh mise gu bheil iad air tòiseachadh air gnìomhachasan beaga dhaibh fhèin, ’s dòcha a thaobh turasachd. Agus tha.. .bhiodh abhliadhna a chaidh seachad gu math duilich do dhaoine a bha air tòrr airgid a chur ann an gnìomhachas an turasachd. Ach cha chreid.. .bha thu afaighneachd mu dheidhinn obair an ola, cha chreid mi gu bheil mi uabhasach eòlach air.. .tha mi asmaoineachadh, adol tron abhailes dòcha gu bheil duine no dhithis a tha ag obair a thaobh an ola, ach.. .achs e an trioblaid chan eil mi eòlach air na daoine a thanns abhaile an-diugh mar a bàbhaist dhomh a bhith.

P: Uills e.. .dha-rìribh, uills e.. .thig sinn chun an sin fhathast a Mhagaidh. Agus mu dheidhinn nuair a bha thu.. .uill.. .nuair a bha thu afàs suas bha.. .tha mi acreidsinn gun robh tòrr dhaoine ri fighe, ag obair air abheart is mar sin. A bheil, a bheil mòran den sin air fhàgail sa bhaile an-diugh, a bheil daoine ris an obair sin?

M: Tha aon duine.. .o tha dithis afighe an seo. Tha.. .nuair a bha sinne adol dhan sgoil bhiodh sinn acluinntinn na beartan adol.

P: Uh - huh. Tha cuimhnagam fhìn air an sin glè mhath.

M: Tha, yeah.. .agus bhiodh tu afaicinn nabeamsris an rathad agus poca de na bobain ris an rathad agus bha.. .bhathas a.. .chitheadh tu e agus cha robh an t-uisge ann uaireannan, cha robh uisge ann an uair sin ann! Agus bhiodh.. .bhiodh tu dìreach acoiseachd seachad air na rudan sin is asmaoineachadh gum biodh iad ann gu sìorraidh. Tha.. .thug mathair greis ag obair anns amhuileann mar a bha mi ag ràdh, aguss ann adeilbh a bha esan, acoiseachd air ais is air adhart agus tha cuimhn’ ’am bhiodh e an-còmhnaidh abruidhinn air brògan Tuff, ’s e sin ammakea bhann, is cho maths a bha iad, agus stocainneanAir Wair.

P: Seadh.

M: Bhiodh e, bhiodh e.. . ’eil fhios agad bhon chan eil fhios cia mheud mìle a bhiodh iad acoiseachd, ’eil fhiosad bhiodh iad uaireannan adeilbh ochd clòithtean air ais is air adhart. Agus so le sin, bha sinn gu math faisg air.. .air achlò, ged a bha mathair ag obair anns amhuileann bha sinn mothachail air, ‘O tha an clò air a dhol sìosagus dhfheumadh e a dhol a dhfhaighinn obair air choireigin eile an uair sin. Nise, bha bràthair mo mhàthar bha esan afighe an ath-dhoras ach bha e ri croitearachd agus thug e greis ag obair aig a’ Chountycuideachd, air na rathaidean. Bha bodach eile shìos an rathad, bhiodh esan afighe, is bhiodh sinn adol seachad air an t-seada-beairt aigesan adol dhan sgoil. Ach bha esan na bu shine, agus is dòcha gun robh peinnsean aige cuideachd son a chumail adol. Ach bha, bha dhà na thrì bheartan eadar seo is crois an rathaid anns.. .anns an latha sin, ach an-diugh tha daoine gach ceann dhan abhaile a tha afighe agus chan e.. .chan e an aon fuaim a thann idir le na beartan ùra.

P: Seadh, an e.. .an e sin a dhadhbhraich nach eil daoine ris an.. .ris an obair sin, nuair a thàinig na beartan ùra a-steach anns na.. .cuin a thàinig iad a-steach, anns na 80s no 90s?

M: Chan eil cuimhn’ ’am, tha mi acreids’. . .tha fichead bliadhna bhuaithe co-dhiù no, nos dòcha barrachd. Uill tha mi acreidsinn gur e.. .tha.. .a bhith nad bhreabadair tha iad ag ràdh gu bheil e, gu bheil e ag obrachadh a-steach ri.. .ri croitearachd, no adèanamh obair air choireigin eile mars dòcha adràibheadh bus no rudeigin, bhon faodaidh tu a bhith ag obair air abheairt fad na h-oidhche mas e do thoil e, ma tha e ag obrachadh a-steach do rudan eile. Ach tha.. .tha mi air a bhith adèanamh rannsachadh mu dheidhinn an iasgach, agus chuir e iongnadh orm gun robh fear de na h-iasgairean shìos ann an Nis, bha e ag ràdhO tha beart agam cuideachd agus tha caoraich agam’, dìreach airson gum biodh gu leòr bith-beò aige. Agus tha.. .tha e gu math duilich a bhith atoirt sop às gach seid ag obair ann an shiuds ann an sheo.

Tha.. .a thaobh.. .ach, ach ma tha thu adèanamh.. .mas e.. .ma tha rudan eile ann às.. .air am faigh thu cothrom obair, tha mi acreidsinn tha breabadaireachd, tha e ann an shin fhathast agus bha e anns an teaghlach agamsa iomadach bliadhna. Bha mathair, bha mi.. .bha mi ag ràdh bha e abreabadaireachd agus bha e ag obair anns amhuileann, ach ron a shin bha mathair agus a bhràthair agus mo sheanair Eachannan Eachainn, bhiodh iad adèanamh clòithtean iad fhèin. ’S e MacDonaldBrothersa bhair, a bhair achompanaidh beag aca, agus ann an taigh mo sheanar as t-samhradh tha cuimhn’ ’am gum biodh e arèic clòithtean agus gum biodh luchd-turais atighinn a-steach a cheannach clòithtean. So, tha an clò air a bhith glè mhòr an lùib eachdraidh an teaghlaich agamsa.

P: Ceart. Agus tha.. .adol air ais gu na làithean-sgoile agad a Mhagaidh, bha thu sa bhun-sgoil.. .an e air an AchaMhòr a chanas iad no anns an AchaMhòr? Air an AchaMhòr tha mi acreidsinn gur e a chanas iad.

M: ’S e.

P: Agus an deach thu an uair sin dhan an Nicolson?

M: Chaidh.

P: Agus ciamar a chòrd sin riut, an robh.. .?

M:O bha sin gu math feagalach, sgoil mhòr, bha sinne air.. .ann an, ann an sgoil bheag agus tha.. .uill, bha, bhas dòcha deugachadh anns an sgoil ach adol dhan a.. .Sgoil MhicNeacail, bha an t-àite cho mòr agus bha uimhir de dhaoine ann is bha agad a bhith ann an shiud aig leithid seo a dhuair agus bha e.. .bha e caran feagalach airson achiad ghreis. Tha.. .och.. .ach an dèidh sin tha.. .tha cuimhnagamsair.. . ’s e na cothroman a bhann mar a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn ge-eòlas, Geographyis chòrd riudan marMathsrium agus tha.. .bha leabharlann ann agus bha thu adol sìos am baile aig tràth-diathaid, agus bha spòrs air abhus atighinn dhachaigh, agus bha tòrr seinn an sin cuideachd. ’S e, làithean sona.

P: Seadh, agus an e sgoilear math a bhannad?

M: Uill, chan eil mi buileach cinnteach. Saoilidh mi.. .tha.. . ’eil fhios agad, bha, bha uimhir a dhobair againne ri dhèanamh agus tha cuimhn’ ’am.. .tha cuimhne’ ’am air oidhche ann an.. .bha, bha mathair adol a dhiarraidh laogh agus bha sinn ann an.. .anns abhan a bha seo, MorrisVan, agus tha cuimhn’ ’am adol a dhiarraidh laogh agus chaidh pocafertiliser, pocaplastic , fertilisera chur mu na casan-deiridh aige, bhon nach biodh uimhir a ghlanadh ri dhèanamh a-rithist nuair a bha sinn deiseil, agus. ..

P: Glè mhath!

M: Tha.. .tha cuimhn’ ’am cuideachd a bhith ann an deireadh amMorris Van, ’eil fhios agad cha robh, cha robh.. .cha robh am bùrn air a thighinn, cha tàinig am bùrn an seo gu toiseach nan seachdadan.

P: Uh - huh.

M: Agus bha.. .bha tobar againn air an lot agus bha.. .bhiodh sinn adol dhan tobar nuair a thigeadh sinn dhachaigh à sgoil, agus bhiodh, bhiodh tu atoirt a-steach làd bùirn, sin pheile.

P: Seadh.

M: Agus suas an leathad agus bhiodh barrachd anns na bòtannan agad na bhiodh anns na peilichean nuair a ruigeadh tu an taigh!

P: Cuiridh mi geall.

M: Ach sin a dhfheumadh tu a dhèanamh aguseil fhios agad bhathas, bhathas acur làmh ort airsonTha siud ri dhèanamh, thalla a dhiarraidh achrodh, tha.. .feumaidh tu.. .feumaidh sibh a dhol dhan bhuntàta, feumaidh sibh a dhol a thionndadh an fheòir’, agus tha cuimhn’ ’am.. .uill, bha mi ag ràdh mu dheidhinn, mu dheidhinn abhùirn, as t-samhradh bha, bha an tobar atiormachadh agus dhfheumadh sinn a dhol gun an Abhainn Dubh, agus bha.. .na.. .na crogain mòr, nachurnsa bhiodh aig andairynuair a bhiodh am bainne atighinn air amferrybhiodh.. .air ansteamer, bhiodh am bainne atighinn air ansteameragus bha na crogain mòriarainn a bha seo ann, agus bha dhà againn airson a dhol gun an Abhainn Dubh airson bùrn fhaighinn as t-samhradh airson ar cumail adol an t-seach.. .airson an t-seachdain. Agus tha cuimhn’ ’am bha mi marwedgeeadar an chrogan mòr a bha seo ann an deireadh abhan! Agus.. . ’eil fhios agad tha cuimhnagam air tòrr, tòrr obair ri dhèanamh agus tha mi asmaoineachadh.. .dhfheumadh tu obair na sgoile a dhèanamh cuideachd agus tha.. .afeuchainn ris a h-uile càil a dhèanamh, agus bhiodh tu aig amannaneil fhios agad reugan a dhoidhche ag obair air feuchainn ri rud a sgrìobhadh.

P: Bha sibh trang gu leòr, bha gu leòr agaibh ri dhèanamh.

M: Bha, bha, aidh. Rinn sinn.. .rinn sinn.. .rinn sinn na burrainn dhuinn dheth co-dhiù, den an sgoil.

P: Math dha-rìribh. Agus an ath-cheum a ghabh thu a Mhagaidh às dèidh dhut an sgoil fhàgail?

M: Nuair a dhfhàg mise an sgoil agus tha.. .chunnaic mi choba ann an.. .anns anInverness.. .o chan e.. .dhfhàg mi sgoil agus tha.. .chaidh mi.. .bhaCareers Officeann an Steòrnabhagh an uair sin. Cha robh ach aon fòn anns abhaile agus chaidh mi a-steach dhan anCareers Officeagus an ath-latha fhuair mi fios air am fòn fo nàbaidh gun robh obair ann am bùth Roddy Smith, ann am bùth nam pàipearan agus bha mi ann an shin tha mi acreidsgun robh bliadhna, agus an uair sin chaidh mi a dhobair ann an Inbhir Nis gun anInverness Savings Bank.

P: Ceart.

M: Air còrnairChurch StreetagusUnion Streetsaoilidh mi. ’S e cafaidh a thann an-diugh, agus tha.. .thug mi ùine ann an shin agus thàinig mi an uair sin dhachaigh agus bha mi ag obair aig achompanaidh aig mathair, a thaobh nan làraidhean.

P: Agus an do chòrd Inbhir Nis riut ma-thà?

M: Bha e ro fhaisg air an taigh, cha chreid mi.

P: Ceart.

M: Bha mi air ais is air adhart tric.

P: Ceart. Is an robh mòran Gàidheil anns an.. .anns an àite an uair sin?

M: Bha, bha. Bha, bha gu leòr Ghàidheil ann, agus bha mar seòrsa dediscosagussocialsagus chleachd cuid de na Gàidheil a bhann an.. .bhahostelann nach robh fada bhuainn agus bhiodh.. .bhiodh tueil fhios agad daoine bho taigh, bhiodh tu afaighinnUill feumaidh tu a dhol a shealltainn air an duine seo is feumaidh tu a shealltainn.. . ’eil fhios agad tha iad càirdeach dhut’, agus mar sin bhiodh tu adol gu na daoine sin.

P: Is a h-uile triop a thigeadh tu air ais à Leòdhas, tha mi acreidsgun robh gu leòr maragan is gnothaichean eile nad.. .nad mhàlaid.

M: O bha, bha is muilt, is muilt!

P: Agus thàinig thu air ais an uair sin a Leòdhas, ’s ann a bha thu ag obair dha companaidh dathar.

M: Bha, bha.

P: Agus an robh sibh trang an uair sin ma-thà? An robh tòrr adol?

M: Tha mi duilich?

P: An robh tòrr adol, an robh sibh trang?

M: Bha, uill bha, bha iad.. .thòisich e le aon làraidh agus.. .thòisich e aig an àm a sguir nacoasters. Bha na soithichean a bha seo bhiodh iad atighinn le stuth mar fiodh is a h-uile, a h-uile seòrsud, parsailean, fornadair, agus bha an riaghaltas, bha iad airson gun.. .gun deidheadh amfreightgu lèir air na rathaidean agus gun robh na h-eathraichean, na bàtaichean a bha seo asgur. Aguss ann.. .bha mathair air a bhith aruith le iasg, làraidh fear à Beàrnaraigh Seòras aChlappair,. .. agus bha e aruith le iasg sìos a Ghlaschu chun nam margaidhean-èisg, agus fhuair e cothrom an làraidh a cheannach bhon.. .bho Seòras, agus tha.. .so bha sin, bha.. .bha beagan iasg afalbh agus bha craiceann chaorach, bha sin ann a h-uile seachdain agus ag obrachadh a-mach lod afalbh is lod atighinn.

P: Uh - huh.

M: Cha bhiodh, bhiodh e.. .bhiodh e ag ràdh mura h-eil e, mura h-eil e beò is mura h-eil e ro theth tha.. .gun toireadh e leis e! Ach, tha.. .bhiodh e, bhiodh e air ais is air adhart tha.. . ’s e A82, cha robh an A9 ann an uair sin, agus atighinn a-nuas an A82 agus gu math tric nam biodh e fada gun falbh à Glaschu aig.. .bhiodh iad afalbh a h-uile h-oidhche mu shia uairean, ach nam biodh iad fada gun fhalbh airson adhbhar air choireigin tha.. .cha robh an t-aiseag aig Baile aChaolais, bha i air sgur airs.. .airson an oidhche so dhfheumadh e dràibheadh suas Ceann.. .Ceann Loch Lìobhainn is a-nuas air ais, atighinn an uair sin air an aiseag aig meadhan-latha, aig.. .aig uair bàbhaist dhi a bhith, agus so bha.. .bha.. .bha e adèanamh sin, bha e adràibheadh e fhèin trì no ceithir triopan anns an t-so so so bha, bha.. .bha e adèanamh sin, bha e adràibheadh e fhèin trì no ceithir triopan anns an t-seachdain air ais is air adhart, is an uair sin bha uimhir a dhobair ann agus thòisich e a' toirt cosnadh do dhaoine, is thòisich mo bhràithrean cuideachd ag obair, adràibheadh.

P: Agus an obair a bha.. .a bhagad sa chompanaidh ma-tha a Mhagaidh?

M: Bha mise anns an oifis.

P: Acumail sùil air na.. .na bha afalbh is na bha atighinn is mar sin.

M: Aidh, uh - huh. Afreagairt fòn is acur a-mach na.. .na cunntasan aig deireadh an t-seachdain.

P: Ceart gu leòr. Och uill, tha mi acreidsgun do chòrd an obair sin riut, bha thu ag obair airson do theaghlach fhèin, mar gum biodh.

M: Chòrd, chòrd.. .chòrd, aidh. Is iomadh sgil a dhionnsaich mi agus thug mi fichead bliadhna ris an obair sin. Agus dhfhàg mi an uair sin agus chaidh mi a dhèanamh cùrsa Gàidhlig, agus nuair a sguir mi den sin bha mi.. .rinn mi beagan obair mu na meadhanan.

P: Uh - huh.

M: Thug mi.. .thug mi greis aig Telefios taobh na naidheachdan, thug mi greis ann an Glaschu adèanamh.. .a thaobh Roinn na Gàidhlig aig aBhBC, afalbh eadar prògraman far an robh iad afeum cuideigin dìreach anns abhad. Agus bha sin uabhasach math, dhionnsaich mi tòrr de rudan mar a.. .mar a bha na prògraman ag obrachadh is rudan.

Agus bhon uair sin tha mi air.. .air a bhith adèanamh rannsachadh, projecteangoirid, rudan eadar-dhealaichte agus bha mi.. .thòisich mi an uair sin ag obair ann an turasachd, bidh mi ag obair nam neach-iùil turasachd. So, bidh mi ag obair adèanamh sin as t-samhradh agus tha.. .tha sinn air tòiseachadh air leabaidh is bracaist bho chionn trì bliadhna cuideachd, agus.. .tha e gu math cugallach a bhith beò air an eilean, gum feum thu beagan a thoirt à siud is beagan a thoirt à seo agus a bhith acoimhead romhad fad na h-ùine, gu h-àraid bhon a.. .airson agheamhradh, gum feum thu.. .uill, a bhith cinnteach gu bheil rudeigin agad a chumas adol thu, ach a h-uile geamhradh tha mi ag ràdh rium fhìn‘ ’S dòcha gur e seo abhliadhna a dhfheumas mi falbh.. . ’.

P: Uh - huh.

M: ‘ .. .a dhfheumas mi a dhol a Ghlaschu’.

P: Seadh, tha.. .tha cùisean fhathast cugallach, mar gum biodh.

M: Tha.

title2
internal date2019.0
display date2019
publication date2019
level
parent textMagaidh Smith
<< please select a word
<< please select a page