Magaidh Smith (1)

Pàdruig Moireach: Uill, tapadh leat a Mhagaidh airson a bhith deònach bruidhinn rium fhìn an-diugh agus sinne adeànamh pròiseact Stòras. .. Stòras Beò agus Leacan a tha. .. a tha seo cuideachd agus chì sinn ciamar a thèid ar còmhradh an-diugh. Ceart ma-thà, seo achiad cheist dhut, às a tha thu agus leis thu?

Magaidh Smith: ’S ann bhon an Achadh Mhòr ann an Leòdhas a tha mise aguss e nighean John Murdo Eachainn à Lacasaigh a chanas iad riumsa. ’S ann bhon an Achadh a bha mo mhàthair agus tha. .. bha iadsan ag obair an Glaschu nuair a rugadh mise agus thàinig iad dhachaigh agus chaidh mise dhan an sgoil ann an sheo, sgoil bheag a tha shìos an rathad, aguss e. .. ’s ann am meadhan an eilein a tha am baile-sa agus bhiodh iad ag ràdh gur e na mèirlich agus na reubairean a bhann an dùthchannan eile. .. bhiodh iad ag ràdh gur e na mèirlich agus na reubairean a bha thall, a bha ris achostann am bailtean eile, gur e sin bu choireach gun deach an cur chun an Ach’, an aon bhaile nach robh ris achladach.

Agus tha cuideachd bhios. .. bidh daoine atarraing àsainn mu dheidhinn maraichean an Achadh Mhòir agus bha politician ann bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean a bha aig coinneimh shìos aig an Taobh Siar agus thuirt cuideigin rithe le spòrs. .. tha. .. ’ mu dheidhinn an taigh-solais air an Achadh Mhòr?’ agus thuirt iseUill, ma tha muinntir an Achadh Mhòir ag iarraidh taigh-solais gheibh iad taigh-solais! ’, ach tha sinn ann an meadhan an eilein. .. tha. .. gu math goireasach airson a bhith afaighinn gu. .. dha Na Hearadh agus sìos a Nis. Tha mise an lùib turasachd agus bidh mi acoimhead ri rudan den t-seòrsa sin, cho goireasachs a tha àite, agus tha mi asmaoineachadh gu bheil an Achadh Mhòr cho goireasach ri àite air an eilean.

P: Glè mhath, tha mi acreidsgu bheil, tha sibh ann an. .. mar gum biodh ann an meadhan Leòdh. .. Leòdhais ann an shin mar a thuirt thu. Agus an obair a bha aig dathair ma-thà?

M: Bha. .. uill bha mathair, ’s e breabadair a bhann agus tha. .. an uair sin bha e anns an RAF agus choinnich e mo mhàthair, ’s e banaltram a bhinnte ann an Glaschu. Agus an uair sin an dèidh dhaibh pòsadh bha e aig obair aig Glasgow Corporation adràibheadh busaichean, agus thàinig iad dhachaigh an seo agus bha e greiseag ag obair anns amhuilinn agus bha e an uair sin ag obair aig companaidh a bha atogail thaighean, agus chaidh a phàigheadh dheth, ’s e. .. ’s e droch àm a bhann timcheall. .. timcheall air meadhan na seachdadan. Agus fhuair e cothrom làraidh a cheannach agus thòisich e air companaidh còmhdhail air ais is air adhart à Glaschu agus tha mo bhràithrean ag obair adèanamh sin fhathast, air ais is air adhart à Glaschu a h-uile latha le làraidhean.

P: Seadh dha-rìribh, bha tòrr diofar obraichean aige ma-thà. Agus do mhàthair, ’s ann a bha i ag obair ann an ospadal ann an Glaschu, robh i ag obair? Bha, bha mo. .. mathair agus mo mhàthair fhìn bha iad ag obair ann an ospadal ann an Glaschu cuideachd nuair a choinnich iad ri chèile.

M: Tha. .. bha mo mhàthair na banaltram agus bha i ag obair ann an Bridge of Earn ann an ospadal ann an shin agus bha i greis ann an Stobhill anns an ospadal.

P: Ceart bha mo. ..

M: Am measg nan Gàidheal!

P: Seadh dha-rìribh bha gu leòr Gàidheil ris an aon obair aig an àm sin gun teagamh, bha mo mhàthair fhìn ag obair anns an Southern General an uair sin, is mathair cuideachd. Agus. .. so rugadh tu san Achadh Mhòr ma-thà?

M: No, rugadh mise ann an Glaschu, ’s e Paisley Buddie a bhiodh iad ag ràdh riumsa a bhannam, agus bhiodh. .. bha sinn afuireach shìos air. .. far a bheil Scotstoun an-diugh, shìos ann an shin faisg air an Granary, agus rugadh mi ann an Ross Hospital ann am Pàislig agus bhiodh mathair ag innse tha. .. ’s ann aig deireadh an Fhaoillich a rugadh mise agus bhiodh mathair an-còmhnaidh ag ràdh nuair a rugadh mise tha. .. cha robh busaichean, cha robh trams adol air sgàth an smog agus thàinig air coiseachd a-mach chun an ospadal. Bha Glaschu gu math dona le smog an uair ud.

P: Bha.

M: Tha. .. bhiodh, bhiodh iomadach seanchas aige mu dheidhinn na. .. mu dheidhinn na trams agus na busaichean anns a’ . .. anns acheò, anns an smog ann an Glaschu.

P: A bheil cuimhnagad air gin de na sgeulachdan a bhaige?

M: Tha. .. tha cuimhn’ ’am aon uair tha. .. bha, bha uallach orra nan deidheadh iad a-mach le bus gum feumadh iad tilleadh leis abhus, agus bha acheò cho dona aguss e rinn e lean e na rèilichean, rèilichean na trams agus sin mar a fhuair e air ais.

P: Bha e cho dona sin?

M: Bha, sin. .. sin cho donas a bha e, ach bha e cunnartach. Bhiodh yarnaichean aige cuideachd mu dheidhinn na daoine a bhiodh air na busaichean agus bhiodh, bha aon chailleach agus tha. .. bha conductor air abhus aca an uair sin, agus bhiodh aon chailleach agus bhiodh i atighinn le not, agus bhiodh i ag ràdh nach robh change aice, nach robh but change aice, aguss e, ’s e fare a bhann sgillinn agus tha. .. co-dhiù. .. tha, stad am bus agus air taobh a-muigh abhanca a bha seo, agus chaidh an conductor a-steach agus bha e deiseil air a son is nuair a thàinig i air abhus thuirt iOh, chan eil, chan eil sgillinn agam, chan eil agam ach not’, agus dhòirt e ceàrn mòr de sgillinnean na h-uchd is thuirt eTha ceud agad a-nis! ’. Smaoinich nan tachradh sin an-diugh!

P: Tha fiosam. Agus an do chòrd Glaschu ri do phàrantan?

M: Chòrd, chòrd. Tha mi creidsgun robh iad coltach ris a h-uile duine eile, gum feumadh iad falbh airson cosnadh a dhèanamh agus tha mi cinnteach. .. thàinig iad dhachaigh. .. bha mise bhliadhna is bha an uair sin rugadh mo bhràthair bhliadhna às dèidh sin. ..

Uill tha dàimh mhòr againn ri Glaschu bhon uair sin, bhon bha peathraichean agus bràithrean aig mathair ann an Glaschu agus bhiodh sinn adol ann as t-samhradh agus tha cuimhn’ ’am nuair a bhiodh mathair alorg bhan ùr, Morris Van ùr, gum biodh sinn adol a Ghlaschu aguss ann adol a-mach air bus a bhiodh sinn. Bhiodh sinn nar suidhe air an. .. air an top deck agus tha. .. bhiodh, bhiodh e afaicinn na garaidseaneil fhios agad mar a bha sinn adol a-steach air, is bhiodh, bhiodh an uair sin bhiodh na, na garaidsean bhas dòcha làr annta agus chitheadh tu a h-uile càr a bhaca anns na h-uinneagan, agus nuair a chitheadh esan rudeigin a bha acoimhead coltach ris aphrìs a bha e ag iarraidh a chosg air, tha. .. bhiodh sinn. .. dhfheumadh sinn ruith sìos airson faighinn dheth aig an ath-stop, agus bha mise ag innse dha, dha na h-oghaichean agam mu dheidhinn seo agus cha robh iad ga mo chreidsinn, ’s e saoghal eile a bhann is cha robh. .. cha robh leabhraichean ann mar magazines, car magazines no an t-eadar-lìon no càil den t-seòrsa sin, achs e sin an seòrsa spòrs a bhagainne.

P: Sheadh, math dha-rìribh, spòrsail gu leòr anns na làithean sin! Agus cuin. .. an aois a bha thu nuair a, nuair a thàinig dathair is do mhàthair air ais dhan eilean?

M: Bha. .. bha mise bhliadhna, agus thug sinn bhliadhna ann an taigh mo sheanar, gus an do cheannaich iad fhèin an lota ann an sheo far a bheil mise afuireach. Tha mi ri taobh lota mo sheanar air taobh mo mhàthar, aguss ann de ChlannIc Aoidh a bha iadsan agus tha iad. .. bha iad air achiad fheadhainn a thàinig dhan a’ . .. dhan abhaile timcheall air ochd ceud deug is fichead. Agus air an talamh air a bheil mi, tha sia linntean, tha sianar. .. tha sia linntean romham air a bhith air an talamh seo.

P: Gu sealladh orm, ceart. So tha. .. tha freumhan Achadh Mhòir aruith. .. aruith domhainn.

M: Tha agus ron a shin bidh. .. ’s ann taobh, taobh Bheàrnaraigh a thàinig iad.

P: Ah, OK, ceart. Taobh Bheàrnaraigh.

M: Aidh, àite. .. uills ann air tìr-mòr a bha iad mar a fhuair sinn a-mach co-dhiù, ’s ann taobh Tinndealan, tha e dìreach air cùl Lunndail mu choinneamh an dùin ann an Circebost, ann an. .. anns achaolas ann a shin faisg air Caolas na Sgeire.

P: Ceart, ceart chan eil mi uabhasach eòlach air an. .. air an àite sin. . .. bheil e ann an dha-rìribh?

M: Ann an Lunndail, air tìr-mòr, chan ann air Beàrnaraigh idir a tha e.

P: Ceart, ceart. Agus ciamar a bha an Achadh Mòr nuair a bha thu afàs suas a Mhagaidh? an seòrsa baile a bhann?

M: Oh bha. .. ’s e baile. .. bha a h-uile duine ri croitearachd agus bha a h-uile duine anns abhailes e daoine a bhann - bha linntean rompaeil fhios agads e na teaghlaichean an àite a bhann, ’s e Gàidhlig a bhaig a h-uile duine. Bha a h-uile duine acumail beathaichean, bha a h-uile duine abuan mhònach, bhiodh a h-uile duine acur bhuntàta agus bha iad gu math deònach. .. uill, dhfheumadh iad a bhith ag obrachadh còmhla mar na. .. na coimhearsnachdan, na bailtean croitearachd mar a bha. Agus tha. .. bha sinne nar clann ag obair, tha. .. às bith bha adol bha obair ann dhan achlann cuideachd. Bhiodh uallach ort airson rudeigin.

P: Uh-huh.

M: Agus bhiodh uallach ort airson a bhith adol. .. bha mo sheanair is mo sheanmhair an seo is bha peathraichean mo sheanar an seo cuideachd, agus bha iadsan nan t-seann aois nuair a bha sinne òg, agus dhfheumadh sinn a bhith adol a shealltainn orra a h-uile latha, airson a bhith atoirt thuca na naidheachdan agus a bhith acur seachad an tìde dhaibh agus a bhith atoirt a-steach abhùrn dhaibh bhon cha robh. .. ’s ann às an tobar a bha abhùrn. .. am bùrn atighinn, agus adèanamh cinnteach gun robh mòine aca a-staigh nuair nach robh iad gu math, rudan den t-seòrsa sin. Bha seòrsa de dhuallach ort airson a bhith adèanamh rudan dha daoine eile. Agus tha mi asmaoineachadh gur e rud uabhasach math a bha sin. Tha. .. agus tha mi afaireachdainn achlann. .. na h-oghaichean agam fhìn an-diugh, nach eil an t-uallach sin air a chur orra agus tha. .. ’eil fhios agads e call mòr a thann bhon tha sin ga do sheasamh fad do bheatha, gu bheil thu mothachail air na daoine a tha timcheall ort agus s urrainn dhut a dhèanamh, a bhith ag obrachadh nan cois. Rudan den t-seòrsa sin. Chan ann mu do dheidhinn fhèin a tha an saoghal, agus tha iad abruidhinn air an sin an-diugh mu dheidhinn individualism is. ..

P: Ceart.

M: Tha, ach abair gun dfhuair sinne oideachadh, agus ma bha mòine adol no cha robh diofar bhann, faing no. .. bha mo sheanair air taobh mo mhàthar dhfhalbh esan a Phatagonia agus dhfhalbh grunn de na fir às abhaile, dhfhalbh iadsan sìos cuideachd. ’S e ministear a bhann an sheo agus bha e mar seòrsa de agent agus bha daoine afalbh à seo. Bha iad eòlach air coin, bha. .. bha iad atoirt leotha an coin-chaorach fhèin, bha iad. .. bha iad eòlach air caoraich agus bhathas ag iarraidh fireannaich a dheidheadh a dhobair air na Estancias shìos ann am Patagonia.

Nise, mo sheanair eile, athair mathar, bha esan anns na Falklands cuideachd, so bha iad air falbh aig. .. timcheall air an aon àm, ach thill an dithis aca airson a dhol dhan achogadh, dhan achiad chogadh mu naoi ceud deugs a ceithir deug. Agus air sgàth gun robh mo sheanair agus daoine eile anns abhaile, fir eile anns abhaile air tilleadh, bha iad ag obair mu na caoraich, agus tha. .. bhiodh iad abruidhinn air àiteachan mar a. .. ’eil fhios agad. .. tha. .. o tha mi afeuchainn ri cuimhneachadh an t-àite a bhann. Bhiodh iad abruidhinn air àiteachan agus bha sinne asmaoineachadh gun robh iad dìreach. .. na h-àiteachan sin dìreach shìos anns na. .. ’eil fhios agad anns Na Hearadh! Gun robh iad, cha robh iad fad às idir, bha thu acluinntinn man deidhinn, àiteachan mìorbhaileach aguss ann, ’eil fhios agad. .. chan eil fada bhuaithe is mi ag ràdhO sin far a bheil an t-àite sin! ’.

P: Agus cho fadas a bha. ..

M: Àiteachan, àiteachan mar Valparaiso.

P: Seadh, ann an Chile.

M: Bha mi agabhail. .. agabhaileil fhios agad annas dhan an ainm, nuair a bha mi beag bhithinn ga chluinntinn cho tric is mi ag ràdh. .. asmaoineachadh gun robh e faidhir air taobh thall aChliseim an àiteigin! Ach. ..

P: Gun robh. .. gun robh Valparaiso anns Na Hearadh.

M: Bha!

P: Agus cho fadas a bha iad shìos ann am Patagonia an sin?

M: Uill bha mo sheanair, tha mi asmaoineachadh gur e trì bliadhna a thug esan ann mus do thill e. Bha iad ag obair ann an aonranachas a-muigh, ’eil fhios agad mìltean. .. .mìltean air falbh bho dhaoine, agus bha boireannach anns abhaile ann an sheo agus tha. .. bha a h-athair ann am Patagonia agus tha. .. rinn ise leabhar agus tha, tha e gu math iongantach bha. .. .bha i ag ràdh mu dheidhinn na bhann de Ghàidheil a dhfhalbh agus a thog teaghlaichean, a phòs shìos ann an shin, agus tha cuid aca ann fhathast. Ach bha i abruidhinn air mar a bhiodh iad a-muigh am measg na caoraich, le na caoraich mìosan am mìosan agus cha robh iad afaicinn daoine eile ann.

Is bha i ag ràdh gun robh a h-athair, gun robh e air falbh air slighe fhada air each agus gun tàinig cabhadh air agus tha. .. bha e asmaoineachadh nach tigeadh e troimhe, aguss e rinn e mharbh e an t-each agus chur e bian an eich timcheall air fhèin aguss e sin a shàbhail e.

P: Bha e dìreach na shuidhe a-muigh anns a. .. anns achabhadh mar gum biodh?

M: Mmm-hmmm, bha.

P: Fad na h-oidhche mar sin.

M: Bha.

P: Agus . .. ciamar a fhuair e às ge-? Bhiodh e mìltean air falbh bho dhaoine eile. An tàinig duine air a thòir?

M: ’S e, ’s e. .. ’s e dìreach nuair a, nuair a sguir an cabhadh fhuair e air cumail air chun an àite a bfhaisg.

P: Oh, ceart.

M: Aguss e beatha, beatha chruaidh a bhann, a bhaca. Agus bha, bha cuimhnaicese nuair a bha na fir ag obair mu na beathaichean ann an sheo air an Achadh Mhòr, gur e Spanish a bhiodh aca an-dràstas a-rithist, ’s e sin an cànan a bhaca nuair a bha iad thall is ag obair mu na beathaichean.

P: Aguss dòcha gun robh faclan àraidh a bhiodh ann an Spàinnis nach robh anns aGhàidhlig airson na gnothaichean a bha iad adèanamh.

M: Dhfhaodadh e bhith.

P: Sheadh. Agus a dhaindeoin sin, an do chòrd Patagonia riutha, ris na daoine a dhfhalbh?

M: Tha mi asmaoineachadh gun robh iad dìreach. .. gun robh aca ri dhol ann airson cosnadh ach gun robh iad, tha mi acreidsgun robh iad amiannachadh gum faigheadh iad cosnadh na bfhaisge air an dachaigh.

P: Ceart. Bha, bha gu leòr ann bhon Taobh Siar a dhfhalbh an taobh sin, tha cuimhn’ ’am. .. tha gu leòr de sgeulachdan ann agus. .. a dhfhalbh a Phatagonia, Chile agus Argentina tha mi asmaoineachadh na h-àiteachan dhan deach. .. dhan deach iad.

Agus co-dhiù, rugadh tu, uill rugadh tu ann an Glaschu is chaidh thu. .. thàinig sibh air ais dhan eilean nuair a bha thusa bhliadhna dhaois. mu dheidhinn. .. a bheil bràithrean agus peathraichean agad a Mhagaidh?

M: Triùir bhràithrean, triùir bhràithrean. Is mise as sine.

P: Triùir bhràithrean. Sheadh, so. .. bha sin àbhaisteach aig an àm sin, nach robh, teaghlaichean meadhanach mòr aig a h-uile duine?

M: Bha, bha agus chaidh mi dhan an sgoil ann an sheo air an Achadh Mhòr aguss e an aon tidsear a bhagam fad nam bliadhnaichean a bha mi anns an sgoil, ’s e Trìna aChaillich, Catrìona aChaillich à Dùn Charlabhaigh. Bha i pòsta ann am Breascleit, agus tha mi acreidsinn gun robh. .. ’s dòcha bha deugachadh anns an sgoil nuair a bha mise adol innte, ach dhùin an sgoil sin, tha fichead bliadhna a-nis bho dhùin an sgoil. Nuair a chaidh feuchainn ris an sgoil, na sgoilear. .. chaidh àireamh na sgoilearan sìos agus bha iad afeuchainn ri an coinneachadh ann an sgì. .. ann an sgoil nas motha. Agus tha, tha an sgoil ann an shin fhathast aguss e, ’s e àite self-catering a thann a-nis.

P: Oh an e, uh-huh. Agus am bi clann abhaile adol airson. .. ?
M: Bidh iad adol sìos gu crois an rathaid, còig mìle gu Sgoil nan Loch.

P: Sgoil nan Loch, ceart. Agus a bheil mòran de chlann anns abhaile an-diugh ma-thà, aig aois seadh son. .. aois sgoile, aois abhun-sgoil?

M: Uill bha e gu math bàn airson bliadhnaichean. Bho dhùin an sgoil cha. .. ’s dòcha gur e aon duine no dithis, ach tha barrachd ann an-diugh na bhann. .. na bhann bho chionn fhada. Tha tòrr de theaghlaichean òga air a thighinn a-steach.

P: Ceart, uills e rud math a tha sin, nach e?

M: ’S e, ’s e gu dearbha.

P: Atoirt beagan beatha a-steach dhan abhaile mar gum biodh. Agus an do chòrd na làithean-sgoile riut ma-thà?

M: Oh chòrd, chòrd math dha-rìribh. Chòrd, ’s e, ’s e deagh chuimhneachain a thagamsa air a bhith ann an sgoil an Achagus dìreach am measg clann abhaile agus fhuair sinn foghlam. .. cha dfhuair sinn mòran Gàidhlig, ach fhuair sinn deagh fhoghlam innte. Na daoine a bhiodh atighinn a-steach agus na rudan a bhiodh atachairt timcheall oirnn. Bha. .. ’eil fhiosad cuimhneachadh air, air na clasaichean a bhith a-muigh anns an raon-sgoile adèanamh PE agus. .. bha mi, bha mi ag ràdh ris achlann an latha eile tha. .. tha cuimhnagamsa nuair a thàinig an telebhisean agus bha mi, bha mi anns an sgoils dòcha gun robh mi mu dheich bliadhna agus thàinig mathair dhachaigh leis an telebhisean a bha seo, aguss e oidhche Chiadain a bhann bhon bha mo mhàthair bha i anns achoinneimh, feumaidh gur e na h-òrduighean a bhann no rudeigin, chan eil cuimhn’ ’am . .. bhann, ’s e oidhche Chiadain a bhann co-dhiù, coinneamh sheachdaineach agus tha. .. ’s e na Winter Olympics a bhair an teilidh.

P: abhliadhna a bha seo a Mhagaidh?

M: O , bhiodh. .. bhiodh ann? Tha mi acreidsinn mu 67, 68, agus cha robh ann ach aon channel agus bha mi dìreach acuimhneachadh gu bheil leth-cheud bliadhna bho chaidh am mast, mast an Achadh Mhòir a thogail agus fhuair sinn an uair sin channel eile. Agus cha robh. .. ’s e an cur-seachad a bhann a bhith acèilidh agus acoiseachd air ais is air adhart le na, na co-aoisean agad air an rathad, acluiche air an rathad, bothain, seinn, bhiodh sinn adèanamh tòrr seinn agus bhiodh sinn a. .. bhiodh sinn adol gu na bodaich is na cailleachan agus tha mise asmaoineachadh gur e, gur e oilthigh mìorbhaileach a bha sin, acluinntinn na seanchasan aca, tha. .. ’eil fhios agads e còmhradh a bha adol, cha be telebhisean a bhann, ’s e, ’s e daoine ag innse mu dheidhinn am beatha no rudeigin a bha. .. cuideigin anns abhaile far an robh iad is gun robh iad aseòladh is gun robh iad aig na mucan, aig na whalers, agus sin far an robh thu ag ionnsachadh tòrr de rudan mu dheidhinn an dualchas.

P: Uh-huh. So bha, bha an t-uabhas. .. uill cha be rud annasach a bhann a bhith adol a-mach is a-steach à taighean a chèile aig an àm sin.

M: Cha be. Cha be, agus cha leigeadh tu leas gnogadh agus cha leigeadh tu leas fònadh a dhfhaodadh. .. a bheil iad a-staigh na càil. Bha dìreach daoine a-mach is a-steach fad na h-ùine.

P: Agus nuair a thàinig an telebhisean, an do rinn sin diofar a thaobh sin, a thaobh daoine a bhith adèanamh cèilidhean cho tric air a chèile is mar sin?

M: Och uill cha do rinn an toiseach. Tha mi acreidsgun tug e timcheall air fichead bliadhna mus robh mise mothachail air, gun do sguir an cèilidh, sguir an cleachdadh, agus tha mi asmaoineachadh gur e. .. bha. .. ’s e rud a bha an ginealach, tha mi asmaoineachadh an ginealach agamsa chunnaic sinn an cèilidh agus daoine a bhith adol am measg a chèile is a bhith ag obrachadh còmhla, achs ann nuair a. .. nuair a thàinig an ginealach sin gu ìre tha mi acreidsinn a dhatharraich cùisean. Dhfhalbh an t-uabhas a bha còmhriumsa san sgoil, dhfhalbh iad bhon an eilean, ach chunnaic mi eadar-dhealachadh mòr timcheall air na h-ochdadan, gun do chuir daoine an cùl ris an talamh. Tha. .. chun an ìre sin bha. .. bha beathach. .. bha beathach mart aig a h-uile duine, bha -bhleoghainn ann agus bhiodh gamhainn no dhà agus bha. .. bhiodh caoraich ann agus bhiodh cearcan ann agus bhithear abuain coirce, bhithear abuain feur agus acur bhuntàta agus snèipean agus rudan den t-seòrsa sin, bha tòrr obair an sin, bha daoine ag obrachadh còmhla.

Ach timcheall air na h-ochdadan, bidh mise uaireannan asmaoineachadh gur e nuair a thàinig gàrradh-ola Àranais agus bha cothrom ann air cosnadh airgead mòr agus tha. .. bha na sioftaichean bha iad fada, bha iad ag obrachadheil fhios agad uair dheug anns an t-sioft, agus tha mi asmaoineachadh gun deach croitearachd, dòigh-beatha croitearachd fhàgail an uair sin le tòrr dhaoine, agus sguir iad a chumail beathaichean agus le sin cha robh. .. cha bhiodh muinntir abhaile atighinn còmhla cho tric aig faingean is atrusadh chaoraich agus rudan den t-seòrsa sin, agus cuideachd chaidh daoine gu ola airson teas nan taighean agus cha robh iad abuain uimhir a mhòine. So tha mise ga fhaicinn mar àm a dhatharraich cùisean gu mòr an seo.

CLanguage Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices
Short url: https:/ /multidict.net/cs/9169

title4
internal date2021.0
display date2021
publication date2021
level
parent textMagaidh Smith
<< please select a word
<< please select a page