E[airdsidh] C[aimbeul]―00 :05: Fàilte, a Phàdruig, agus mòran taing airson bruidhinn rium an-diugh.

P[àdruig] M[oireach]―00 :09: ’S e do bheatha.

EC―00 :11: A Phàdruig, a bheil thu ag iarraidh beagan innse dhuinn mu dfhèin agus do theaghlach as an sgìre? an t-ainm a thort agus ciamar a tha iad gad shloinneadh as abhaile agad fhèin?

PM―00 :23: ’S e Pàdruig Moireach an t-ainm a thorm, ’s ann à tha…chaidh mo thogail ann an Càrlabhagh ann an Leòdhas, Taobh Siar Leòdhais, agus mathairs ann à Bràgar a bha e, agus mo mhàthairs ann à Siabost a bha i…agus ’s e chanadh iad ris…ri mathair achAn Dotair Ruadh’, ’s e dotair a bhann air an Taobh Siar, agus…ach adol air ais nas fhaide na sin, ’s e an sloinneadh a bhairsan achIain Dhòmhnaill Mhurchaidhan Ghobha’, tha sin adol air ais bìdeag. Air taobh mo mhàthar, ’s eSeònaid Phàdruiga chanadh iad rithe, agus mar a thuirt mi, ’s ann à Siabost a tha i, ’s ann ann an sin a chaidh a togail, agus sin agad e.

EC―01 :12: Agus achiad chuimhne a thagad bho làithean dòige, a bhith…mus deach thu dhan sgoil no nuair a bha thu as an sgoil, ris a bha e coltach a bhith afàs suas ann an Càrlabhagh?

PM―01 :24: Uill, cha robh…tha mi creidsan uair sin nach robh mi eòlach air càil eile ach a bhith afàs suas ann an Càrlabhagh, agus cha robh mi adèanamh coimeas eadar Càrlabhagh na…agus àite sam bith eile as an t-saoghal. Acoimhead air ais air, ’s e, ’s e…seadh , bha mi gu math toilicht’, beatha gu math sunndach, dòigheil a bhagam. Achiad chuimhne a thagam, uill, chan eil mo chuimhnesa cho math sin uair sam bith, ach tha cuimhnagam air an tìde a bhith tòrr nas fhèarr an uair sin nas dòcha a tha i an-diugh, bhon na làithean…gu h-àraid as t-samhradh tòrr nas…nas brèagha, nas grianaiche, nas teotha, sheadh. Ach achiad chuimhne a thagam, acluiche le mo bhràthair agus na peathraichean agam a-muigh air latha brèagha samhraidh.

EC―02 :21: Agus mar sin, bha sibh a-muigh cha mhòr fad na h-ùine, acluiche geamaichean is… ?

PM―02 :26: Seadh, nuair a cheadaicheadh an t-sìde sin dhuinn a dhèanamh, ’s e sin a bhiodh sinn adèanamh gun teagamh, seadh. Bha gàradh mòr againn ann an Càrlabhagh, agus nuair a bha sinn òg, bhiodh sinn a-muigh fad na h-ùine, seadh acluiche diofar gheamaichean, no air baidhseagalan, rudan mar sin.

EC―02 :47: Am biodh sibh acumail croit, no beothaichean sam bith?

PM―02 :48: Cha bhitheadh, cha bhitheadh. Cha robh croit aig mathair idir idir, ’s e dotair a bhann agus…ach bha beathaichean gu leòr againn, cait is coin an-còmhnaidh as an taigh, agus…bhiodh…bha triop ann agus gun robh uan an duine againn cuideachd, ach dhfhàs iad sin suas gu math luath agus an ceann bliadhna bha… ’s e caoraich a bhannt’, agus bha iad aruith timcheall an àite agus cha robh eagal orra idir idir ro chàil sam bith, no ro dhuine sam bith no ro chù sam bith, agus mu dheireadh bfheudar dha mathair rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn sin agus thug e na caoraich air falbh dha cuideigin eile.

EC―03 :35: Agus innis dhomh beagan mu dheidhinn Càrlabhagh mar choimhearsnachd. na caractaran a bha mun cuairt is tu afàs suas?

PM―03 :43: Cha mhòr nach robh a h-uile duine na charactar, tha mi a’ creidsinn…seadh , tha cuimhnagam air fear Tormod Beag, bhiodh e…bhiodh e adèanamh ceilidh oirnn, aguss e fear diadhaidh a bhann, aguss e bodach a bhann an uair sin. ’S e an rud a bhann an uair sin, gum biodh daoine a-machs a-steach à taighean a chèile gu math tric, bhiodh tòrr a bharrachd dhaoine air na rathaidean, cha robh…cha robh càr aig a h-uile duine an uair sin idir idir, agus ged nach robh an t-uabhas de chlann ann as abhaile an uair sin, chitheadh tu iad acluiche a-muigh, acluiche ball-coise agus mar sin air adhart. Bha an t-uabhas de charactaran ann ceart gu leòr, chan eil mi airson cus dhiubh ainmeachadh mar sin, ach…seadh… ’s e baile gu math Gàidhealach a bhann an Càrlabhagh, cha mhòr nach robh Gàidhlig aig a h-uile duine an uair sin. Bha coigrich ann, ach cha robh iad pailt mar sin idir, idir.

EC―04 :54: Seo nis. Agus, an robh daoine ag obair còmhladh, mar gum biodh? An robh daoine atoirt cuideachadh dha chèile, le obair-cruite agus leithid buain mhòine agus buain arbhair?

PM―05 :03: Bhitheadh, bhiodh iad adèanamh sin seadh, dìreach mar a thuirt thu fhèin, aig àm na mòine agus mar sin air adhart, bhiodh iad acuideachadh a chèile agus bhiodh na tractaran adol a-mach agus acruinneachadh nam fàdan agus gan toirt air ais gu taighean dhaoine, agus an uair sins e turas chuideigin eile a bhiodh ann, agus bha tòrr dhan sin adol air adhart, agus bhiodh fèill-àiteachais aca a h-uile bliadhna ann an Càrlabhagh, chan eil fhios am an cuala tu mu dheidhinn.

EC―05 :34: Tha mi air cluinntinn mu dheidhinn

PM―05 :35: ‘ShowChàrlabhaigh’, is tha sin adol fhathast, tha sin air a bhith adol airson bliadhnaichean mòra a-nis, chan eil fios agam cùin a thòisich i idir, ach seadh, ’s e… ’s e latha mòr a bha sin, gu h-àraid dha clann òg, agus bhiodh sinn adol chun an ‘Show’, agus bhiodh sinn afaicinn beathaichean agus bhiodh pìobaireachd adol is diofar spòrs agus mar sin air adhart.

EC―05 :57: Latha mòr agaibh!

PM―05 :58: Latha mòr dha-rìribh, seadh.

EC―06 :01: Agus an robh làithean sam bith eile àraid agaibh tron bhliadhna?

PM―06 :06: Uill…cha robh…ach…

EC―06 :10: Can mòdan no rudeigin mar sin?

PM―06 :11: Cha robh mòdan ionadail againn idir, cho fads is cuimhne leamsa co-dhiù, ma bha cha do ghabh mise pàirt annt’. Bhithinn apìobaireachd nuair a bha mi òg aigShowChàrlabhaigh, tha mi…chan eil cuimhnagam achiad triop a chaidh mi a-steach ann, ’s dòcha gun robh mi aon bhliadhna deug no rudeigin mar sin, agus chan eil cuimhnagam cho maths a chaidh leam idir idir, ’s ann air an fheadan a bha mi afarpais. A bharrachd air sin, cha robh làithean cho sònraichte sin ann. Tha cuimhnagam gun robh àm na BliadhnÙir’, gur e rud mòr a bha sin, agus gum biodh daoine adol gu taighean a chèile le drama no dhà, agus bhiodh achùis adol air adharts dòcha dhà no thrì làithean, agus dha chuids dòcha na bfhaide na sin.

EC―07 :07: Agus a bhith as an sgoil, achiad chuimhne a thagad a bhith as an sgoil? achiad tidsear a bhagad, mar eiseimpleir?

PM―07 :05: Nise, achiad tè…cha robh ann ach thidsear as abhun-sgoil anns an robh mise, MissMacArthur, MissMacAulay. ’S ann à Càrlabhagh a bha an dithis aca, agus tha mi asmaoineachadh gur h-ann leMissMacAulay a thòisich mise air achiad bhliadhna sa bhun-sgoil, P1. Tha cuimhnagam air achiad latha a chaidh mi dhan sgoil, agus gu cinnteach cha robh mi ag iarraidh a dhol inntair dòigh air thalamh, agus cha robh ann ach seachdnar anns achlas againn, uile às an sgire fhèin, agus chan eil fhios agam cia mheud a bha as an sgoil an uair sin idir, ach, co-dhiù, ’s dòcha gu bheil e mar shamhla air mar a tha gnothaichean adol, gu bheil an sgoil fhèin dùinte a-nis.

EC―08 :06: Agus an canadh tu anns an fharsaingeachd gun do chòrd an sgoil riut?

PM―08 :09: Chòrd, chòrd sgoil rium, seadh, làithean sona a bhagam ann an sin, seadh.

EC―08 :17: an cuspair a bfhèarr leat?

PM―08 :21: As abhun-sgoil? Uill, tha mi acreids’ …

EC―08 :23: No anns an chuid, bun-sgoil no àrd-sgoil

PM―08 :26: Bha saidheans acòrdadh rium gu mòr, gnothaichean loidsigeach mar sin, chòrd bith-eòlas rium, is cruinn-eòlas agus gnothaichean ceimigeach rium gu mòr.

EC―08 :38: Agus an robh beachd agad bho aois òg bha thu ag iarraidh a dhèanamh le do bheatha?

PM―08 :42: Cha robh idir idir. Cha robh, gus an robh mis dòcha air an t-siathamh bliadhna as an àrd-sgoil, ’s ann an uair sin a thòisich mi asmaoineachadh mu dheidhinn cuspair a dhèanamh san oilthigh, agus an t-oilthigh dhan deidhinnsagus mar sin air adhart. Agus, bha fios am gun robh mi ag iarraidh rudeigin a dhèanamh ceangailte ri saidheans, ach cha robh mi buileach cinnteach dè…dè an cuspair dha-rìribh a bha mi airson a dhèanamh.

EC―09 :07: Agus an robh thu afaighinn tòrr taic le obair-dachaigh bho dathair mu dhfhaoidte, no do mhàthair le obair-saidheans is rudan mar sin?

PM―09 :13: Cha robh idir idir! Cha robh, bha e suas rinn fhìn sin a dhèanamh, seadh.

EC―09 :20: Sin agad e. Agus an robh sibh…an robh tòrr…an e dachaigh far am biodh tòrr còmhraidhean adol air an oidhche. . is…mar gum biodh, agus aleughadh leabhraichean agus ag èisteachd ri prògraman inntinneach is…

PM―09 :30: Seadh bha tòrr adol, uill, seadh dha-rìribh, uill tha bràthair agamsagus tha dithis pheathar agam, is bha gàgail gu leòr as an taigh, tha sinn uile faisg air a chèile a thaobh na h-aoisean againn agus bhiodh pìobaireachd adol, agus cluiche agus mar sin air adhart, cha robh…cha robh cus sàmchair as an taigh, chan eil mi asmaoineachadh.

EC―09 :56: Tha thu ga iarraidh uaireannan, cha robh e ann.

PM―09 :57: Seadh, seadh, achs e rud nàdarrach a bha sin dhuinne, cha robh sinn eòlach air càil eile ach sin.

EC―10 :03: Agus chuir thu crìoch air abhun-sgoil agus an uair sin? An robh thu agluasad gu sgoil ann an Steòrnabhagh no sgoil as an sgìre agad fhèin, no , ciamar a… ?

PM―10 :11: Uill, nuair a bha mi mu dhusan bliadhna dhaois, fhuair mathair obair ann an Steòrnabhagh, ghluais sinn a-nall a Steòrnabhagh, ged a bha sinn, tha mi acreidsinn trì no ceithir a mhìosan afuireach ann an Siabost mus dfhuair mo mhàthair is mo mathair taigh a bha iad ag iarraidh ann an Steòrnabhagh. Co-dhiù, seadh, chaidh mi dhan ‘Nicolson Institute’ ann an Steòrnabhagh an uair sin, aguss e atharrachadh mòr a bha sin dha balach òg a bhith adols dòcha bho baile beag air an dùthaich ann an Leòdhas chun an sgoil mhòr ann an Steòrnabhagh. Ach chòrd…chòrd Steòrnabhagh rium.

EC―10 :52: An tug e ùine dhut fàs eòlach air do dhachaigh ùr sa bhaile? cho fadas a thug e mar gum biodh?

PM―10 :58: Och, cha tug e fadsam bith mas math mo chuimhne, dhà no thrì mhìosan…

EC―11 :04: Agus bha thu taghta an uair sin.

PM―11 :05: Taghta, seadh.

EC―11 :07: Agus ciamar a chòrd e riut a bhith as an sgoil Steòrnabhaigh, an robh, an robh e na dhùbhlain dhut no an robh e acòrdadh riut, no… ?

PM―11 :13: Och, bha i acòrdadh rium, ’s caomh leam am baile fhèin agus na daoine agus chòrd an Nicolson rium gu mòr, feumaidh mi aideachadh. Seadh, bha an sgoil acur thairis le daoine an uair sin, agus bha na clasaichean mòr mòr, is bha gu leòr aca ann, agus bha gu leòr cur-seachadan ann taobh-a- muigh na sgoile cuideachd a dhfhaodadh tu a bhith an sàs ann, mar ball- coise…

EC―11 :41: An robh thu an sàs ann an spòrs an sin cuideachd, a bharrachd air…a bharrachd air leasain?

PM―1145 :: Bha, bha mi a-riamh dèidheil air spòrs…agus ball-coise, agus diofar spòrs eile, bhithinn a’ cluiche…chan eil fhios a’ m…bhithinn acluiche teanas, table tennis, snooker, darts, bhithinn asnàmh is acluiche ball-coise is aruiths dòcha…bha spòrs acòrdadh rium garbh, agus bha gu leòr de chothroman ann, ann an Steòrnabhagh an uair sin son a bhith adol an sas ann an diofar spòrs.

EC―12 :12: Seadh dìreach, agus an uair sin rinn thu do dheuchainnean san sgoil, agus rinn thu an dèidh na sgoile fhàgail, achiad cheum a ghabh thu mar gum biodh?

PM―12 :22: Uill, chaidh mi dhan oilthigh ann an Obar Dheathain, agus mar a thuirt mi riuts e gnothach saidheans air choreigin a bha mi ag iarraidh a dhèanamh, agus an uair sin air achiad bhliadhna, bha ceithir cuspairean agad ri thaghadh, aguss e…nise rinn mi…cruinn -eòlas agus bith-eòlas agusgeologyagus ceimigeachd, sin a rinn mi air achiad bhliadhna, sheadh, agus air an dàrna bliadhna bha agad ri chuspair às an sin a thaghadh son…airson a dhol air adhart chun an dàrna bliadhna.

EC―12 :45: Gu ceum no ceum le urram?

PM―13 :03: Uill, seadh, uill, rinn mi chuspair air an dàrna bliadhna, cruinn-eòlas agusgeology, agus an uair sin bha agad ri dìreach aon chuspair a thaghadh airson ceum a thoirt a-mach, aguss egeologya thagh mi. So bha mi ceithir bliadhna ann an Oilthigh Obar Dheathain, aguss e chòrd rium.

EC―13 :25: An robh tòrr às na h-eileanan còmhla riut aig an àm?

PM―13 :27: An t-uabhas, an t-uabhas.

EC―13 :29: Agus an robh àiteachan sònraichte far am biodh sibh atighinn còmhladh ann an Obar Dheathain aig an àm sin? An robh taigh-seinnse àraid ann?

PM―13 :36: Cha leigeadh sin a leas a bhith, ann an dòigh, bha na h-uimhir ann agus is gann gum burrainn dhut coiseachd sìosUnion Streetgun a bhith atachairt ri cuideigin bho na h-eileanan, agus gu deimhinn aig deireadh na seachdaine bhiodh sinn atachairt ri chèile ann an diofar bhàraichean. Tha cuimhnam gun robh Comann Ceilteas Oilthigh Obar Dheathain ann, agus bhiodh iadsan acruinneachadh gach oidhche Chiadain ann an ‘Ma Camerons’ agus bha Gàidhlig gu leòr ann a shin. Agus aig deireadh na seachdaine bhiodh daoine a’ dol…bhiodh tu atachairt ri daoine anns na ‘Unions’ eadarRGIT , ‘Robert Gordons Institute of Technology’ ’s e bhann an uair sin, agus an oilthigh fhèin, bhaunionacasan an uair sin cuideachd, so bha gu leòr adol.

EC―14 :27: Ceart. Agus an robh thu ag amas air obair sam bith leis an taghadh a rinn thu…obair na h-ola ma dhfhaodte?

PM―14 :32: Bha. Bha. Nuair a thòisich mi atoirt a-mach ceum bha gnothaichean adol glè mhath as aChuan a Tuath, agus bha sinn uile…bha obraichean gu leòr ann, so bha sinn…bha sinn an dùil gum faigheadh sinn uile obair le companaidh ola às dèidh dhuinn ceum a thoirt a-mach. Cha bann mar sinn a thachair ge-. Thuit…nuair a bha sinn air abhliadhna mu dheireadh againn, thuit prìs na h-ola sìos gu mòr, agus bha na companaidhean ola an uair sin afaighinn cuidhteas de nageologistsa bhaca an àite a bhith gan toirt air bòrd, mar gum biodh. Mar sin, nuair a cheumnaich mi…nuair a cheumnaich a h-uile duine againn, cha robh na h-uimhir a dhobraichean as achuspair idir idir ri fhaighinn. Fhuair mi obair, agus fhuair amhòr-chuid againn obair ceart gu leòr, air na cruinn-ola as aChuan a Tuath, ach cha robh na h-obraichean a tha sin…cha robh iad ceangailtris na ceumannan a rinn sin mar gu biodh, ann an geòlas. Co-dhiù, bha mi ann an sin airson bhliadhna agus bha mi nam sgalag ann an dòigh, dìreach…

EC―15 :43: seòrsa beatha a bhann air crann-ola? An robh beagan ùine agad dhut fhèin no an robh thu dìreach ag ithes acadals ag obair is ag ithes acadal mar gum biodh?

PM―15 :50: Sin mar a bha e airson cola-deug, seadh.

EC―15 :52: Cha robh cothroman ann airson beagan dibhearsain sam bith?

PM―15 :55: Bha, ach mar…mar bu trice bha thu tuilleadh is sgìth airson càil a dhèanamh ach do bhiadh ithe agus a dhol gan leabaidh. Bha thu ag obair dusan uair a thìde co-dhiù as an latha.

EC―16 :06: Agus am biodh tu ag obair cola-deug agus an uair sin dheth cola-deug?

PM―16 :08: Seadh.

EC―16 :10: Ciamar a bha sin, an e beatha car -nàdarra a bhiodh sin ann an dòigh, no an robh e acòrdadh riut?

PM―16 :14: Uill, airson fireannach òg, bha i glè mhath, bha i glè mhath. Cha robh thu ag obair ach airson sia mìosan anns sa bhliadhna, agus bha airgead mòr agad nad phòcaid a h-uile triop a thigeadh tu air ais.

EC―16 :26: Agus an robh thu afuireach ann an Obar Dheathain, no… ?

PM―16 :28 Bha mi afuireach ann an Obar Dheathain an uair sin, bha, seadh, agus…bha an t-airgead math agus bha an ùine dheth uabhasach math cuideachd ach cha robh an obair fhèin…cha do chòrd i rium idir idir, feumaidh mi aideachadh.

EC―16 :40: Agus an robh tòrr Gàidheil còmhla riut air na cruinn-ola cuideachd?

PM―16 :42: Bha, bha, seadh. Cha deach mi a-riamh gu crann-ola air nach robh cuideigin às na h-eileanan. Seadh, tòrr aca, bha iad air a bhith sa Chabhlach Mhàrsanta ron sin.

EC―17 :00: Seadh dìreach. Agus tha thu an-diugh ag obair a thaobh na Gàidhlig, ateagasg agus arannsachadh. thug an sin thu mar gum biodh, an slighe a ghabh thu gus a bhith adèanamh ceum ann an geòlas, gus a bhith ateagasg na Gàidhlig?

PM―17 :14: Slighe gu math lùbach, gun teagamh. Mar a thuirt mi, bha mi ag obair air na cruinn-ola, cha robh e…às dèidh bhliadhna, thuirt mi rium fhìnUill chan eil mi airson mo bheatha a chur seachad mar seo idir idir. Ma mi seo airson deich bliadhna tha sin aciallachadh gu bheil mi air còig bliadhna dha mo bheatha a chur seachad ann am meadhan aChuain a Tuath’, agus a dhaindeoin an airgead, cha robh mi airson sin a dhèanamh fad mo bheatha. Mar sin, rinn mi cùrsa ann an teagasg na Beurla ann an Glaschu, seadh, cùrsa a mhair cola-deug a bhann, agus chaidh mi thall-thairis an uair sin a theagasg Beurla airson bliadhna.

EC―18 :02: Fad bliadhna?

PM―18 :03: Fad bliadhna, seadh, an toiseach, seadh. Chaidh mi dhan Tuirc agus bha mi ann an sin ateagasg Beurla airson bliadhna, agus chòrd sin rium gu mòr. Cha robh an t-airgead anns achùis idir idir, achs e… ’s e…bha e math a bhith afaicinn cultar agus dòigh-beatha eile. Rinn mi sin airson bliadhna. Thàinig mi air ais an uair sin dhan dùthaich seo agus chaidh mi dhan t-Sabhal airson bliadhna, rinn mi cùrsa sna meadhanan. Às dèidh dhomh crìoch a chur air achùrsa sin, cha burrainn dhomh obair a lorg as na meadhanan, agus chaidh mi air ais a theagasg Beurla a-rithist dhan Tuirc, gu àite eadar-dhealaichte, baile eadar-dhealaichte an triop sin. Agus a-rithist, chòrd an t-àite rium, chòrd na daoine rium, bha…bha iad gu math dòigheil, cuideachail, gu math gu math aoigheil, agus spòrs gu leòr annta. Dhèanadh iad bruidhinn ri duine sam bith.

EC―19 :03: An robh iad ag ionnsachadh airson dreuchd mar gum biodh, no an e dìreach gun robh iad ag iarraidh Beurla a bhruidhinn, an robh… ?

PM―19 :08: Bha an chuid ann, bha an chuid ann. Bhiodh sinn adèanamh clasaichean dha companaidhean, bhiodh sinn adol a-mach agus ateagasg, can, luchd-obrach a bha ag obair ann am banca, agus cuideachd bhiodh sinn adèanamh clasaichean as an sgoil fhèin, airson daoine a bha dìreach ag iarraidh Beurla ionnsachadh, uaireannan airsons gum biodh cothrom aca an uair sin iad fhèin àrdachadh san obair aca.

EC―19 :33: Agus am faca tu tòrr…tòrr bochdainn anns an dùthaich sineach? seòrsa suidheachadh a bha aig daoine?

PM―19 :38: Cha be daoine uabhasach beartach a bhannta idir idir, amhòr, mhòrchuid ac'. Is bha iad na bu bhochda na na daoine a-bhos an seo gun teagamh. Ach a dhaindeoin sin, chanainnsa gun robh iad tòrr na bu dhòigheile air dòigh air choreigin. Ach bha…bha iad beò air na sràidean, ’eil fhios agad, bha an aimsir cho…cho math agus gun robh daoine a-muigh air na sràidean fad na h-ùine. Agus bha beatha nan sràidean uabhasach beothail.

EC―20 :07: Seadh dìreach, an robh e coltach ris aGhàidhealtachd ann an dòigh sam bith? An robh e gad chuimhneachadh a bhith air aGhàidhealtachd? Rudan…

PM―20 :12: Shaoil mi gun robh na daoine beagan coltach ris na Gàidheil ann an cuid de na dòighean a bhaca. Agus measgachadh de Ghàidheil aguss dòcha de dhÈireannaich, agus bha na dòighean aca fhèin cuideachd. Seadh, ach bheireadh iad dhut rud sam bith, ’eil fhios agad, chan fhaca mi daoine cho aoigheil a-riamh.

EC―20 :38: Agus mar sin, dhfhàg thu sin agus an uair sin, an ath-cheum a ghabh thu?

PM―20 :43: Uill, thàinig mi air ais a-rithist às dèidh dhomh bliadhna a chur seachad an sin, agus bha mi greiseag ag obair shìos mu dheas…coimhead air ais air bh’ ann… trì mìosan, ceithir mìosan rudeigin mar sin, mus dfhuair mi obair as aGhearasdan ateagasg Gàidhlig. Agus bha iad air tòiseachadh air cùrsa-bogaidh a dhèanamh anns aGhàidhlig ann a shin. ’S e pròiseact paidhleat a bhann no rudeigin, bha e aruith airson bliadhna. Aguss e Comunn na Gàidhlig, mas math mo chuimhne, a bha atoirt seachad an airgid air a shon, agus fhuair mi obair an sin nam thidsear Gàidhlig, sin achiad teagasg a rinn mi anns aGhàidhlig. Agus chaidh gu math leinn, chaidh gu math le na h-oileanaich cuideachd, agus an uair sin, seach gun robh an cùrsa cho soirbheachail as an dòigh sin, chum iad na cùrsaichean Gàidhlig adol as aGhearasdan. Bha mi ann an sin airson ceithir bliadhna. Thòisich iad cùrsaichean Gàidhlig ann an Inbhir Nis cuideachd ri linn sin, ann an Colaiste Inbhir Nis fhèin, às dèidh dhomh a bhith trì bliadhna as aGhearasdan. So bha fear eile adèanamh cùrsaichean Gàidhlig a-bhos an seo ann an Inbhir Nis. Agus mar sin…thòisich na h-àireamhan againn sa Ghearasdan atiormachadh suas mar a chanas iad, agus chaidh iarraidh orm an uair sin a dhol a dhInbhir Nis agus teagasg a dhèanamh sa cholaiste ann an sin fhèin. So, ghluais mi bhon Ghearasdan a dhInbhir Nis, agus thòisich mi ateagasg anns acholaiste ann an sin, ateagasg Gàidhlig agus cuspairean eile cuideachd tro mheadhan na Beurla.

EC―22 :36: Is teagasg dhaoine, teagasg cànan, a tha a’ toirt…dè tha acòrdadh riut mu dheidhinn a bhith ateagasg cànan no dìreach a bhith ateagasg anns an fharsaingeachd, a bheil e a’ toirt…a bheil thu afaighinn tòrr às thu fhèin, mar gum biodh?

PM―22 :47: Uill, ’s e. .tha e math a bhith am measg daoine agus a bhith afeuchainn rim brosnachadh agus beagan craic fhaighinn sa chlas agus mar sin, agus ma tha daoine dìcheallach, beothail mu do coinneamh, ’s e obair… obair mhath a thanns an teagasg gun teagamh.

EC―23 :03: Agus na dùbhlain a thann a bhith ateagasg dhaoine mar sin, ateagasg cànan gu daoines dòcha nach eil facal aca, mar gum biodh?

PM―23 :09: Seadh, tha mi a’ creidsinn…an gràmar, sin an rud, a bhith afeuchainn ris aghràmar a mhìneachadh dhaibh ann an dòigh agus gun tuig iad fhèin tha thu aciallachadh. Tha tòrr dha na daoine a gheibh thu, tòrr dha na h-oileanaich, is chan eil fios aca fiùs air gràmar na Beurla, agus feumaidh tu tòiseachadh leis an sin uaireannan, agus an uair sin feuchainn ri gràmar na Gàidhlig a mhìneachadh dhaibh. A bharrachd air sin, ma tha thu aleantainn modalan agus siostam-foghlaim sam bith, tha an ùine aruith ort gu math luath, agus tha na slatan-tomhais a dhfheumas na h-oileanaich a ruighinn, tha iad gu math teann, agus mar sin, uaireannan chan eil cus ùine agad airson na h-oileanaich fhaighinn chun na h-ìre agus gu bheil iad comasach air na modalan agus na deuchainnean aca fhaighinn.

EC―24 :13: Seadh dìreach, agus a bheil beachd agad air bhiodh math do luchd-ionnsachaidh as an latha an-diugh, na goireasan a bhiodh a dhìth airson daoine a thoirt gu comas sa Ghàidhlig, daoine nach eil mòran ùine aca sineach, ach tha fhathast deònach ionnsachadh. A bheil dòighean ann a bhiodh freagarrach dhaibh, a-rèir am beatha a thaca mar gum biodh?

PM―24 :33: Tha mi asmaoineachadh gu bheil…gu bheil barrachd goireasan ann a-nis, eadar, fhiosad aninternetagus gnothaichean mar sin agus… na bha ann a-riamh. Tha cùrsaichean air astar ann, tha Sabhal Mòr Ostaig adèanamh cùrsaichean air antelefon, tha buidheann air choreigin ann an Aimeireaga ‘Atlantic Gaelic Academy’ ann cuideachd, tha mi…tha mi atuigsinn, agus tha iad sin a dèanamh obair, obair fheumail cuideachd. Tha na goireasan ann. ’S e a th’ ann… ’s e a tha dhìth ach…chanainnsa ach cùrsaichean a dhèanamh as na bailtean mòra air aGhàidhealtachd no as na coimhearsnachdan air aGhàidhealtachd agus as na h-eileanan. Cùrsaichean làn-ùine, agus le gu leòr taic-airgid bhon sporan poblach a chumas adol iad. ’S e., . ’s e sin an rud tha.. ma tha thu ateagasg cùrsaichean Gàidhlig, chan eil na h-àireamhan gu bhith mòr mòr idir idir, agus feumaidh cuideigin sin aithneachadh agus taic-airgid a thoirt dha na cùrsaichean a tha sin gus…gus an cum iad adol.

EC―25 :42: Math dha-rìribh, agus a bheil thu a’ beachd…a bheil…dè tha romhad, a bheil thu adol a bhith adèanamh barrachd teagaisg no a bheil thu acumail sùil a-mach airson diofar phròiseactan, no… ?

PM―25 :53: Uill, tha mi an sàs ann an diofar rudan an-dràsta, agus chan eil mi airson coimhead romham uabhasach fada, mar sin chì mi thachras. Ach seadh, tha mi ag iarraidh a bhith an sàs ann an…ann an Gàidhlig air dòigh air choreigin agus chì sinn ciamar a dhobraicheas sin a-mach.

EC―26 :13: Agus nam burrainn dhut tòiseachadh a-rithist nad bheatha am biodh tu…am biodh tu air rud sam bith a dhèanamh diofraichte mar gum biodh?

PM―26 :19: Cha bhiodh.

EC―26 :20: Tha thu toilichte.

PM―26 :20: Tha.

EC―26 :22: Tha thu riaraichte.

PM―26 :23: Seadh, dha-rìribh.

EC―26 :24: Seo nis, uill mòran taing a Phàdruig, tha e gu math inntinneach co-dhiù

PM―26 :26: Tapadh leat fhèin.

titlePàdruig Moireach
internal date2019.0
display date2019
publication date2019
level
parent textStòras-beò nan Gàidheal
<< please select a word
<< please select a page