[1.2]

Deorsa Taileir ’Sna Teachdairean.

Nuair a bha Seumas I na righ air Sassuinn ’s air alba, thainig tri teachdairean ionnsaichte a duthaich chein a dh-fhaicinn ciamar a bha Breatuinn a thaobh sgoiltean agus cholaistean. An deigh dhaibh gach fiosrachadh a bha dhith orr’ fhaotainn chaidh iad a shealltainn an righ, a ghabh riu gu sui ibhir, ’s aig an robh comhradh mor riu. Anns an t-seanachas a bh’aca thuirt na teachdairean gu robh iad a meas Oilthighean Bhreatuinn os ceann tighean-foghlum an t-saoghail uile, ’s gu’n deanadh rioghachdan eile gu math na’n leanadh iad a doigh. Cha d’fhuair iad coire ach do aon ni, ’s be sin nach robh Oilear Chomharaidhean (Professor of Signs) anns na h-Oilthighean. Na’n biodh sin ann bha gach ni ceart. Cha robh an righ deonach gu’m faighte dad cearr ’na rioghachd, agus thuirt e ris na teachairean gu robh a leithid sin do chathair ann an Oilthigh Aboraidhean, am baile b’fhaide air falbh anns a rioghachd. Chuir so ioghnadh mor orra agus thuirt iad gu feumadh iad an t-Oilear fhaicinn mu’m pilleadh iad dhachaidh. Cha robh fhios aig an righ de ’dheanadh e, ach ghabh e leth-sgeul gu’m b’e so toiseach an t-samhraidh, ’s nach biodh an t-Oilthigh cruinn gu treis a gheamhradh, agus nach biodh na h-Oilearan aig an tigh gu sin. Fhreagair iadsan gu’m bu mhath a b’fhiach dhaibh feitheamh fad shia miasan, airson ni cho iongatach so fhaicinn. Chunnaic an righ nach robh dol as dha, ’s air dha bhi cinnteach nach robh ’leithid de chathair anns a rioghachd, sgriobh e, le laimh fhein, litir gu Oilearan an Oilthigh, ag innse mar a bha, ’sa guidh ’ orra ’n dichioll a dheanamh air duine fhaotainn airson na caithreach. Air do na h-uaislean sin a chuis a reusanachadh eatorra fein dh’aontaich iad an onair a thairgse do Dheorsa Taileir, greusaiche Abaraidhean, duine nach d’rinn iomrall riamh ann an cas air bith, sa bha air aon sul. Thurirt iad ris gu’m faigheadh iad gun ’us bannan Oilear dha ’s gu robh e ri suidhe sa chathair, gun e radh facal airson na chunnaic e riamh, ach gu’m faodadh e comhara sam bith a dheanamh a freagairt an comharaidhean-san. Ghabh Deorsa ris na cumhachan so gu toilichte.


[1.3]

Thainig toiseach a gheamhraidh, ’s thainig na teachdairean gu Abaraidhean. Air an latha shuidhichte chaidh an toirt a stigh do thalla ’n Oilthigh. Bha Deorsa Taileir, le ghun ’s le bhannan, ’s le leth-shuil na shuidhe, sa chathair. Chrom na teachdairean an cinn gu modhail ri Oilear nan Comharaidhean. Chrom an t-Oilear a cheann riusan. Shin a cheud teachdaire a mach aon mheur ris an Oilear. Shin an t-Oilear a mach da mheur, ris an teachdaire. Shin an darra teachdaire tri meoirean a mach ris an Oilear. Chrath an t-Oilear a dhorn ris na teachdairean. Thug an treas teachdaire Orange as a phocaid ga cumail suas fa chomhair an Oilear. Thug an t-Oilear pios de dh’aran coirc’ as a phocaid ’s chum se e fa chomair nan teachdairean. Chrom na teachdairean an cinn gu modhail a rithist, agus chaidh iad a mach. Lean na h-Oilearean eile iad dh’feuch de bharail a ghabh iad air Oilear nan Comharaidhean. Thuirt iad gu robh iad air an deagh phaigheadh air son feitheamh fad leth-bhliadhna ris na chunnaic iad an diugh. Ars a cheud fhear, “Thog mise aon mheur, a ciallachadh nach eil ann ach aon Dia. Shin esan da mheur a ciallachadh gu robh da phearsa ann, an t-Athair ’s a Mac.” Thuirt an darra teachdaire,— “Thog mise tri meoirean a ciallachadh gu robh tri pears’ annan t-Athair, a Mac agus an Spiorad Naomh. Dhuin an t-Oilear a dhorn, a ciallachadh gu robh na tri pearsa sin nan aon.” Thuirt an treas teachdaire, “Thug mise mach orange, a nochdadh matheas Dhe ann a bhi toirt dhuinn measan cho briagha ’s cho fallainn. Thug esan a mach pios de dh’ aran coirce, a shealltuinn gu’m b’e aran os cionn gach ni, taice na beatha.” Thriall na teachdairean coire air an turus dhachaidh, ag aideachadh gu’m faca iad an latha sin ioghnadh an t-saoghail!

Bha na h-Oilearan a nis ro-thoileach air barail Dheorsa fhaotainn air a chuis. Nuair a chaidh iad a stigh, dh’fheoraich e gu feargach gu de na daoine thug iad g’a ionnsaidh mar sid. “Bha fhios aca gle mhath gu robh mi air leth shul, ’s cha’n fhoghnadh leis a cheud thoirmeasg ach a mheur a shineadh rium, ag innse dhomh nach robh agam ach aon sul! Shin mise mach mo dha mheur a dh’innse dha-san gu robh m’ aon shulsa cho math ris an da shul aige-san. Shin an darra fear a mach tri meoirean a dh’innse dhomh nach robh againn ach tri suilean eadarainn. Dhuinn mise mo dhorn a dh’innse dha gu spadainn e. Mar nach biodh sin gu leoi, thug an treas fear orange as a phocaid a shealltuinn nan nithean matha bha fas ’nan duthaich-san, a tha fad air thoiseach air duthaich bhochd againne. Thug nise mach pios de dh’aran coirce a shealltuinn dha gu robh sid moran ni b’fhean na gach orange ’us meas eile dh’fhas rimh ’nan duthaich-san.”

titleDeorsa Taileir ’Sna Teachdairean
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 1. %p

parent textIssue 1
<< please select a word
<< please select a page