[2.1]

MAC-TALLA.

Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.

Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aitem bheil iad agus bidh e ro-thaingeil airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhen t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhen phaipeir.

Seolaibh gach litirus eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.


O CHIONN mios no dha chuir sinn litir bheag anns anREPORTER, ag innse gu robh sinn a dol a thoirt oidhirp air paipeir Gealig a chuir air chois anns a bhaile so. Thuirt sinn aig an am gu robh coig ceudsubscriebera dhith oirnn mun tigeadh a cheud aireamh a mach. Cha dfhuir sinn an coig ceud fhathast ged nach eil sin na aireamh mhor. Ach fhuair sinn iomadh litir bho mhuinntir a toirt misneach dhuinn, ’sa guidhe gu math dhuinn air son a bhi feuchainn ri seana chainnt nan Gael a chumail suas, a chainnt a labhair Fionnsa sheinn Oisean, ’sa chleachd iomadh laochus bard eile uaith sin. Fhuair sinn moran litrichean dhen t-seorsa sin, ’s tha sinn fadanan comain-san a sgriobh iad. Chaidh cuid gu dragh mor ag iarraidhsubscribersdhuinn, agus gheall cuid eile ar cuideachadh le bhi sgriobhadh airson a phaipeir. An deigh gach misneach a fhuair sinn, bha leisg oirnn a dhol air ais ged nach dfhuair sinn an aireamh a bha uainn. Chuir sinn romhainn toiseachadh, agus se so a cheud aireamh dhen phaipeir Ghaelig. Thug sinn MAC-TALLA mar ainm air. Chan eil e ach gle bheag, ach tha e cho morsa dhfhaodas e bhi aig an am so. Than sean-fhacal ag radh gur h-ann as a bheagan a thig am moran.

Nis a chairdean, rinn sinnen uiread so, deanadh sibhsen coir. Ma tha MAC-TALLA ri chumail suassann agaibhse tha ri dheanamh. Cha bhi paipeir sam bith suas as aonais luchd-leughaidh. Se cheud ni ma ta daoinfhaighinn a leughas e agus a bhios deonach paigheadh air a shon, agus sin gun dail. Tha fhios againn gu bheil na eiadan dhiubh sin rim faighinn, nan rachte gan iarraidh. Nach teid gach duine leughas so a dhobair am measg a nabaidhean air son MHIC-TALLA? Cuireadh gach neach a leughas so, ’ainm agus a leth-dolairgar nionnsaidh agus faigheadh e dithis no triuir eile gus an ni ceudna dheanamh. Deanadh gach neach a dhichioll. Ma ni sibh sin, a chairdean, soirbhichidh le MAC-


[2.2] TALLA, bidh a Ghaelig a togail a cinn, ’s cha bhi dhanadas aig duine bhi ga ruith sios.

Tha moran dhaoinanns an duthaich so, nuair a gheibh iad paipeir ur mar so, a sgaoileas a mach e air uachdarFamily Heraldno paipeir mor dhen t-seorsa sin, ’s ma bhios e uiread ris a phaipeir sin, their iad gur fhiach e dolair, ma tha eleth uiread riss fhiach e leth-dolair, ma tha en ceathramh cuid uiread ris, ’s fhiach e cairteal, agus mar sin sios. Tha sinn an deagh dhochas nach tachair aon dhiubh sin air MAC-TALLA.

Thugaibh fanear nach eil sinn deonach dail a thoirt seachad idir ann am paigheadh a phaipeir so. Tha fhios againn nach bi ar luchd leughaidh ga iarraidh. Tha leth-dolair na ni cho beags nach bfhiach le duine sam bith a bhi ga thilgeil air. Uime sin, a charaid, nuair a chuireas to t-ainn thugainn cuir an leth-dolair air adhart maile ris.

titleMAC-TALLA
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 1. %p

parent textIssue 1
<< please select a word
<< please select a page