[2.2]

Sid ’us So.

Tha bean ann an Oregon ag obair air gearradh chlach o chionn fichead bhliadhna.

Chan eil soitheach an luingeas chogaidh Bhreatuinn gun chomunn stuamachd air bord.

Tha cuid-eigin ag radh nach biodh na h-uirid de dhamadain san t-saoghal, mur biodh gach neach a creidsinn gur h-e fein Solamh.

Tha comunn ann a Chicago ris an canairComunn MhanessehCha n fhaod duine bhi dhen chomunn so ach daoine dubha aig am bheil mnathan geala.

Thig an t-am,” ars an tuathanach risgalaig, “anns an teid agam air leathsachadh a bharra a ghiulainnam phocaid.” “Agus nuair a thig an t-am sinars Alasdair, “faodaidh sibh am barr a ghiulain nur pocaid cuideachd.”

Chaidh dealbh a reic anns a Fhraing, o chionn ghoirid, airson 6000 Franc, no suas ri $1000 . Cha robh an dealbh ach sia oirlich air fad, ’us ceithir air leud; agus bha cuid a meas gun dfhuair am fear a cheannaich i deagh bhargan.

Nuair a leughas tu am paipeir so, fench gun cuir thu ga iarraidh leis a cheud phosta. Nach suarach leth-dolairnad phocaid an coimeas ri paipeir Gaelig a bhi tighinngad ionsnsaidh uairsan t-seachdainn, bho thoiseach gu deireadh na bliadhna.

Aig tiodhlacadh droch uachdarain anns a Ghaeltachd, ’nuair a bha iad a cur na h-urach air, thuirt fear dhe na croitearan a bha lathair:—

Cuiribh air! cuiribh air!
Se chuireadh oirnne;
S ma dheireas e rithist,
Cuiridh e an coir oirnn!”

titleSid ’us So.
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 1. %p

parent textIssue 1
<< please select a word
<< please select a page