[3.1]

Naidheachdan na Seachdainn.

Thainig side bhrigha aon uair eile.


Tha tuathanaich Mhanitoba ullamh currachd.


Tha long-chogaidh Bhreatunnach ann an acarsaid Shidni.


Tha gual a reic airson $5 an tunna ann a Lunnainn, Ontario.


Chaidh Jack the Ripper a chrochadh ann a Melbourne, Australia, air an 23 mh la.


Air an earrach a chaidh, rinneadh 1,750,000 punnd de shiucar-chrobh ann a Vermont.


Tha meinean-guail Cheap Breatuinn ag obair gu bras. Chuir aon mhein a mach 500 tunna gach latha o’n thoisich i.


Bha stoirm shneachd ann an Iowa air an 20 mh la. Tha so an deigh nan tuiltean a milleadh a bharra gu tur.


Chaochail Sir Alasdair Caimbeul ann an Toronto air a 24mh la. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois.


Rug iasgairean Newfoundland air 348,642 ron ann bliadhna. ’S fhiach gach aon dhiubh sin $2.50, Rug aon soitheach air fiach $145,000.


Bha’n samhradh gle fhuar cho fada so. Cha shaoileadh neach sam bith air an t-side gu bheil teann air mios dhe’n t-samhradh seachad.


Chaidh caraid iongatach a phosadh an Ontario o chionn ghoirid. Bha bean na bainnse 30 bliadhna a dh’aois, ’s cha robh esan, am balach bochd, ach 80 bliadhna.


Aig Cleves, Ohio, bhuail da thrain na cheile, ’s rinneadh mirean diubh. Cha robh duin air bord a fhuair as gun ghoirteachadh ’s chaidh cuid a mharbhadh.


Bha stoirm ghabhaidh o chionn ghoirid ann a Mauritius, eillean a near air Africa. A bharrachd air call mor a dheanamh air muir ’s air tir, chaidh suas ri 1200 a mharbhadh.


Tha na luchainn a deanamh call mor ann an Alba. Tha iad cho pailt ’s nach gabh cuir as daibh. Cha’n fhag iad bileag feoir ann an ait air an ruith iad, ’s tha na caoraich a basachadh le cion bidh.


Chaidh seann duine, Tearlach Haney, a mharbhadh leis an train aig Lancaster Ont.Bha e air an rathad agus air dha bhi falbh air bataichean cha b’ urrainn dha dol as an rathad. Bha e 87 bliadhna a dh’aois.


Rainig 600 Gearmailteach Winnipeg air an t-seachdainn a chaidh. Tha iad dol a thogail fearainn nis fhaide ’n iar. Na’m b’urrainn do Chanada a cuid sluaigh fein a chumail aig an tigh, cha b’fhada gus am biodh gu leor aice.


Tha moran call air a dheanamh anns na Staitean le tuiltean. Tha’n amhainn mhor Mississippi, nis airde na bha i o chionn moran bhliadhnachan. Tha taighean air an sguabadh air falbh, agus moran theaghlaichean air am fagail gun dachaidh. Tha ’n tuil a deanamh milleadh mor air a chruithneachd.


[3.2]

Tha a air a radh gu robh ’n caise chuireadh a Canada gu Breatuinn an uiridh na b’ fhearr na chaidh a null riamh roimhe. Ged bha caise nam bliadhnachan roimhe math gu leor bha cuid na bliadhana ’n uiridh ro mhath agus fad air thoiseach air caise nan Staitean.


Nuair bha Ban-righ Victoria air tir-mor na h-Eorpa, cha d’rinn a h-ogha, Iompaire na Gearmailt, uiread ’sa dhol ga coimhead ged a bha sin furasda gu leor dha. Cha’n eil ann ach duine neonach co-dhiu, ’s tha e curir moran iomgain air muinntir a dhuthcha.


Tha bill air beulaobh Parlamaid Chanada, an drasd a deanamh mi-laghail do neach gun votadh aig am-taghaidh. Tha e ro-choltach gun tig am bill so gu bhi na lagh, ’s ma thig, cha’n eil teagamh nach fheaird an duthaich e. Ann am Breatuinn, an deigh so, cha’n fhaod duine votadh mur teid aig air leughadh agus sgriobhadh.


Tha Parlamaid Bhreatuinn ri sgaoileadh air an fhicheadaimh la dhe’n ath mhios. Tha’n da phairtidh aig obair cheana dh’fheuch co gheibh greim air a stiuir. Ma gheibh Gladstone i, bidh Fein-Riaghladh air a thabhairt do Eirinn. Ma ’se Salisbury a bhios a stigh, feumaidh na h-Eirionnaich a bhi toilichte leis na gheibh iad.


Chaidh latha-breith na Ban-righ a chumail mar as abhaist air feadh an t-saoghail uile. Ann an Sidni bha na saighdearan a mach, agus aig meadhon-latha loisg iad gunna ar fhichead. Cha’n eil sin ach beag an coimeas ris a ghreadhnachas a bhios aca ’naiteachan eile. Cha’n eil ioghnadh ged a bhiodh iochdrain Victoria a cumail latha ’breith, agus a guidhe gum bi aca ri chumail iomadh uair fhathast. Tha i riaghladh os ceann na rioghachd as mo sis iongataich’ a chunnaic an saoghal riamh, rioghachd air nach eil a a ghrian a dol fodha o cheann gu ceann dhen bhliadhna, rioghachd a tha fas mor gach latha, ’s co aige tha fhios nach bidh an saoghal gu leir fo chis di mu’n tig crioch air a fas. Tha Ban-righ Victoria a nis tri fichead bliadhna ’sa tri-deug a dh’aois, ’s tha i air a chathair-rioghail leth-cheud bliadhna sa coig. Cha do shuidh righ no ban-righ riamh an cathair a’s airidh air meas agus air gradh a sluiagh.


Tha an aimhreit eadar Canada ’us Newfoundland faisg air a bhi seached, ’s tha iad gu bhi cho cairdeil ’s cho cordte ’s bu choltach dhaibh a bhi. O chionn bliadhna no dha rinn Newfoundland cordadh ris na Staitean, a thaobh malairt. Cha do thaitinn so ri Canada ’s ghearain i ri Breatuinn. Chuir Breatuinn stad air a chordadh, ’s las so fearg Newfoundland an aghaidh Chanada agus bha i feuchainn cho math ’sa b’urrainn di ri dioghaltas a dheanamh oirre. Cha’n fhaodadh iasgairean Chanada biadh a cheannach am port sam bith air cladach Newfoundland ged a bha lan shaorsa aig iasgairean nan Staitean air sin a dheanamh. Fhuaradh fios o chionn latha no dha gu bheil Newfoundland dol a sguir dhe so, agus gu’m faigh iasgairean Chanada gach cothrom a b’abhaist a bhi aca. Cha’n eil teagamh nach bi so feumail taobh air thaobh, ’s tha sinn an dochas gu’n lean a chuis mar sin. Mur teid aig Canada ’s aig Newfoundland air a bhi sitheil ri cheile, tha cuisean fad air ais.

titleNaidheachdan na Seachdainn
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 1. %p

parent textIssue 1
<< please select a word
<< please select a page