“Scots Wha Hae. ”
ANN AN GAELIC.
Albannaich a chail ur fuil
Fo’n laoch Wallas’us fo Bhrus,
Failt’ do shuain ur bais an duigh,
No do bhuidhinn stri.
Feuch an latha, so an uair,
Faicaibh gnuis a bhlair fo ghruaim,
Feachd righ Eideard teachd le uaill,
’S geimhlean cruaidhe dhuinn.
Co bhiodh iudasach sa chath,
Co’n uaigh gealtair a bhiodh taisgt’,
Co a bhiodh na thraill fo smachd,
Teich gu grad ’s na till.
Co as leth tir aird an fhraoich,
Thairneas claidheamh treun na saors’,
Le’n fhearr bas na geill’ do h-aon,
Thig do’n raon leam fhein.
Le gach truaighe fuaight’ ri’ daors’,
Le cuing thruaillidh cloinn ar gaoil,
Doirteamid ar fuil na taom,
Ach sar shaor bidh sinn.
Sgriosaibh na fir-foirnidh dhan,
Tuitidh aintighearna ’s gach namh,
Anns gach beum tha saors’ an aigh,
Buaidh no bas biodh leinn!
Fhuair sinn an dan so anns a Chasket. Cha’n eil fhios againn co thug gu Gaelic e, ach se ar barail gun d’thug e ionnsaidh mhath air. Thug an t-Urr. A. MacIllean Sinclair an dan so gu Gaelic ach cha d’fhuair sinn greim an fhathast. Bhitheamaid an comain neach sam bith a chuireadh g’ar n’ionnsaidh e.
title | “Scots Wha Hae” |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 1. %p |
parent text | Issue 1 |