[Vol . 1. No. 10. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 30, 1892. No . 10.
E. T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
Cuir a dh’ iarraidh an Mhac Talla. Cha’n eil e cosg ach leth-dolar ’sa bhliadhna. ’S e ’n aon phaipear Gailig a tha ’n Canada.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Chuir sianar dhaoine am Port Hawkesbury leth-cheud dolair gu St. John’s airson cuideachadh leis an fheadhain a chaill an cuid leis an teine.
Tha Iain Allan, a dh’fhag Montreal o chionn da mhias no corr, le bean fir eile, an drasd ann an San Francisco. Tha e fein ’s a choimh-leabach a fuireach ann an aon de na tighean a’s fasanta tha ’sa bhaile.
Tha fios a Montreal ag radh gu bheil gual Cheap Breatuinn a reic gu math anns a bhaile sin. Tha moran guail a tighinn a Alba ’m bliadna ach a dh’aindeoin sin tha gual an eilean so a reic na’s fhearr na bha e ’n uiridh.
Air eagal gu’n tig an Colera do na Staitean, tha Run-chleireach an Ionmhais(Secretary of the Treasury)an deigh ordugh a thoirt do luchd-togail na cuspuinn, gun luchd-imrich as a Fhraing a leigeil air tir.
Sguab stoirm eagalach thairis air Manitoba air oidhche Di-Domhnaich so chaidh. Ann an iomadh aite chaidh tighean agus saibhlean a leagail na’m piosan, agus uidheaman a mhileadh. Chaidh aon duine ’mharbhadh, agus moran a ghoirteachadh.
Thainig an Soitheach-smuid “Baile Pharis” thairis air an Atlantic, bho Queenston, an Eirinn, gu New York, ri coig latha, coig uairean deug, ’s da fhichead mionaid ’s a h-ochd deug. Bha so na bu luaithe na rinneadh an t-astar riamh roimhe.
Tha muinntir St. John’s ag obair air am baile thogail a rithist. Cha’n eil duine nis gun fasgadh aige de sheorsa eigin. Tha airgiod, biadh, ’us aodach a sior dhol d’an ionnsaidh as gach aite. Fhuair iad corr ’us da fhichead mile dolair s Sasuinn cheana.
Dh’fhag an soitheach cogaidh Frangach, ‘Arethuse’ acarsaid Shidni maduinn Diluain. Tha i dol a thaghal aig Cuebec ’us Montreal, agus bi’dh i air ais aig Sidni a rithist an September. Tha muinntir Shidni Tuath ag radh gu robh an ’Arethuse’ a sealltuinn gle bhoidheach a dol seachad fo lan sheol.
Tha Prionnsa Bismarc, a bha aon uair na dhuine cumhachdach anns a Ghearmailt, ach a chaill oifig o chionn bliadhna no dha, ri bruidhinn ard an aghaidh an Iompaire agus an luchd-riaghlaidh. Tha ’n t-Iompaire gu glic a leigeil leis a bhi bruidhinn, gun dragh sam bith a chuir air, an duil gu sguir e ’nuair a dh’fhasas e sgith.
Tha Seanadh nan Staitean Aonaichte a runachadh gu’m bi Feill an t-saoghail, ann an Chicago air an ath bhliadna, duinte air Di-domhnaich, agus nach bi deoch laidir de sheorsa sam bith air a reic. Mur gabh luchd-riaghlaidh na feille ris na cumhachan sin, bi’dh deich muillean dolair, a bha air a ghealltainn dhaibh, air a chumail air ais.
Tha ’n luchd-ceartais an Orillia, Ontario, a rannsachadh a thaobh bais gille og, da’m b’ainm Badgerow a fhuaireadh an crochadh ann an sabhal o chionn ghoirid. Tha iad a deanamh a mach gun deachaidh gabhail air gus an robh e marbh agus gu’n robh e a’n uair sin air a chrochadh air rop mar gu’n tigeadh e ri bheatha. Tha cuid de ne nabuidhean ag innse gu’n cual iad an gille ag eigheach mar gu’m b’ann le cradh, an la fhuaireadh an corp.
B’e Di-Mairt so chaidh an latha bu teotha dh’fhairich muinntir New York ’us Bhoston o chionn aon bhliadhna deug. Bha teas cho mor anns na bailtean sin ’s gu robh daoine, eich, ’us coin a basachadh na’m ficheadan. Bha na daoine bochda gu h-araidh a fulang moran leis cho domhail sa tha na tighean aca. Bho dheich uairean ’sa mhaduin gu da uair feasgar cha mhor gu robh duine ri fhaicinn air sraidean New York. Cha robh neach a gluasad mur b’fheudar dha.
Aig Palmont, air Galldachd na h-Alba, feasgar Di-Mairt so chaidh, chaidh Seumas Friseal, cleireach banca, a stigh do thigh nabuidh agus ghabh e dha le claidheamh gus an robh e marbh. Thoisich e on sin air bean an duine agus leon e ise cho dona ’s nach bi i beo. Thachair nighean og air air an t-sraid agus mharbh e i leis an arm cheudna. Rugadh air mu dheireadh agus chuireadh an sas e. Cha’n eil teagamh nach eil an duin’ as a cheill.
[Vol . 1. No. 10. p. 2]
MAC-TALLA.
Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.
Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir.
Seolaibh gach litir ’us eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 30, 1892.
Tha na Staitean Aonaichte dol a dheanamh dioghaltas air Canada airson a bhi marbhadh nan ron ann an Cuan Bheering. Areir barail luchd riaghlaidh na duthcha sin ’s leis na Staitean a h-uile ron ’us iasg eile theid uair no uair eigin faisg air an cladaichean, gu h-araidh ma’s ann an sin a bhios iad a tarmachadh nan iasgaibh oga. Tha eileanan airidh an Cuan Bheering aig am bi na roin a tarmachadh a h uile bliadhna. Buinidh na h-eileanan so do na staitean, agus a chion gu’m buin, tha iad an duil gu’m buin na roin dhaibh mar an ceudna. Tha iad uime sin, ag radh nach eil coir aig iasgairean Chanada no aite sam bith eile na roin so a mharbhadh, ged gheibheadh iad iad ceudan mile bho na h eileanan so. Cha’n eile iasgairean no luchd-riaghladh Chanada ag aontachadh ri so idir. Tha iad a deanamh gu bheil coir aca air iasg sam bith a mharbhadh, ma bhios iad tri mile bho thir, agus tha moran shoithichean a Canada gach bliadhna a marbhadh nan ron anns a chuan sin ged a tha na staitean a feuchainn ri bacail a chuir orra. Cha’n eil ach beagan sheachdainean bho’n chaidh soitheach a Canada a ghlacadh le soitheach cogaidh as na Staitean. Tha luchd riaghlaidh nan Staitean an drasda, mar dhioghaltas air Canada, a chionn nach cum i cuid iasgairean aig tigh mar ba choir dhi, dol a dhunadh uisg-shlighe(canal)araidh air a soithichean air choir ’s nach fhaod iad a dhol taoimhe gun cis ard a phaigheadh. Ri so tha Canada ag radh gu bheil i coma co dhiu, gu’n dean a chis sin banachd cron air na Staitean fhein. Tha na Staitean gu bhi taghagh Ceann-suidhe air an fhoghar so agus tha moran dhe’n t-sluagh aig nach eil gradh sam bith do Chanada. Cha’n eil teagamh sam bith nach ann air son na bhotaichean aca so a ghlacadh a tha ’n lagh so air a dheanamh. Tha e na aobhar dochais gu’m bi na cuisean so air an cuir air doigh an uine ghoirid agus gu sguir na Staitean agus Canada dhe bhi na’n droch nabuidhean.
Tha “Donnachadh” ag ionndrain nach eil e faicinn dad bho pheann “S A.” air Tir Mor, anns a MHAC TALLA. Faodaidh sinn a radh nach e Donnachadh leis fhein a tha ’g ionndrain sin; tha sinn fein agus moran d’ar leughadairean ro dheigheil air bhi cluinntinn bho’n duin-uasal sin, a tha na shar sgriobhadair agus na fhior Ghaidheal. Tha “Donnachadh” mar on ceudna a moladh litir an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, agus bu mhath leis a bhi clunntinn uaithe na bu trice.
Bha connspaid uair eigin eadar Caimbeulach ’us Leathaineach mu dheibhinn co an fhine bu shine. Cha chluinneadh an Leathaineach gu robh na Caimbeulaich cho sean ri chinneadh san idir, oir bha e ’g radh gu robh iad ann bho thoiseach an t-saoghail, Bha eolas math aig a Chaimbeulach air eachdraidh a Bhiobuill, agus dh’fheoraich e an robh Clann-Leathain ann roimh ’n dile. “An dile! Gu de ’n dile bha sin?” arsa Mac-a- Leathain. “An dile,” ars an Caimbeulach, “a bhath gach neach a bh’air thalamh ach Noah ’s a theaghlach.” “O bhurraidh, thu fein ’s do dhile! Bha mo chinneadh ’s ann fada roimh ’n dile,” arsa Mac-a- Leathain. “Ma ta cha do leugh mi riamh gu’n deachaidh aon diubh a steach do’n airc aig Noah,” ars an Caimbeulach. “Airc Noah!” arsa Mac-a- Leathain. Cha robh iad an taing Airc Noah! Co chuala riabh mu dhuine dhe mo chinneadh-sa aig nach robh bata dha fhein?” B’fheudar do’n Chaimbeulach leigeil leis.
D.
Bha teintein a deanamh call mor air an eilean so air an t-seachdain so chaidh. Bha moran coille air a losgadh, agus aireamh de thighean ’s de shaibhlean air an call. Chaill Padruig O’Connel, faisg air Sidni, tigh-comhuridh, agus fear, Cossitt, muillean-sabhaidh. Bha na meinadairean aig anReservea cathachadh an teine fad thri laithean. ’S fhada bho nach robh an t-eilean so cho feumach air uisge ’sa tha e aig an ann so. Tha gach ni a tha fas air tiormachadh suas leis an teas. Bha coltas uisg’ air an speur o chionn seachduinn ach cha do shil a bheag fhathast. Tha frasan briagha ann an diugh, agus ma leanas iad, ni iad feum mor do’n duthaich. Tha moran de na tuathanaich teann air bhi ullamh dhe’n fheur.
Tha Iompaire na Gearmailt air chuairt anns a Mhuir Thuath, a ruith nam mucan marra.
Tha ’m barr gu bhi anabarrach math ann am Manitaba air an fhoghar so.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR!
THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .
Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.
SANAIS.
Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h uilc
Dheoghladh bhur cuid,
’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh
TIGH ACADIA.
[Vol . 1. No. 10. p. 3]
EILEAN LEODHAIS.
A chiall nach mise
Bha’n Eilean an Fhraoich,
Nam fiadh, nam bradan,
Nam feadag, ’s nan naosg;
Nan lochan, nan oban,
Nan osan ’s nan caol—
Eilean innis nam bo,
’S aite comhnuidh nan laoch.
An t-Eilean ro mhaiseach,
Gur pailt ann am biadh;
’Se Eilean a’s aillt’ air ’n
Do dhealraich a ghrian;
’S e Eilean mo ghraidh-s’ e,
Bha ’Ghailig ann riamh;
’S cha’n fhalbh i gu brath
Gus an traigh an cuan siar!
Na’m faighinn mo dhurachd
’Se ’lugainn bhi og,
’S gun ghnothuch aig aois rium
Fhad ’s a dh’fhaodainn bhi beo,
Bhi ’n am bhuachaill’ air airidh
Fo sgail nam beann mor,
Far am faighinn an cais’
’S bainne-blath air son ol.
Cha’n fhacas air thalamh
Leam sealladh a’s boidhch’
Na ’ghrian a dol sios
Air taobh siar Eilean Leoghais;
’N crodh-laoigh anns a luachair,
’S am buachaill’ ’n an toir
’G an tional gu airidh
Le al de laoigh og.
Surd ort fhein a MHIC-TALLA. Gu ma fada bhios tu beo! Tha caraid domh fein ’us do MHAC-TALLA ag iarraidh orm naidheachd bheag a sgriobhadh mu Leodhas. Cha’n eil teagamh sam bith nach e Leodhas aite ’s Gaidhealaiche a tha air an t-saoghal. Feumaidh sibh mo leith-sgeul a ghabhail ma ni mi mearachdan nam’ sgriobhadh. Tha corr ’us da bhliadhna dheug bho nach do sgriobh mi a bheag de Ghailig, ’s tha eagal orm gu bheil meirg air a chrann agam; ach coma co dhiu, bheir mi an oidhirp. Ach c’aite ’n toisich mi? Mur dean mi mar a thubhairt an te a bha aig an t-seisean, “Toisich far n’ do sguir am maighstir sgoile.” Faodaidh sibh fein fhaotainn a mach c’aite ’n do sguir am fear sin.
’Siomadh oidhche a chuir mi seachad air cheilidh bho choig uairean ’s an fheasgar gu meadhon-oidhche. ’S iomadh latha briagha samhraidh a chuir mi seachdad air an airidh. B’iad sin na laithean toilichte! An deigh togail a bhuntata agus an tigh a bhi air a thudhadh agus an ullain a bhi air gabhail uimpe, cha chuireadh uisge, sneachd, no reodhadh a gheamhraidh, moran bruailean oirnn. Bhuineadh mi fein do Dhail-O- Dheas, agus is tric a chaidh sinn si oidhche gheamhraidh do Dhail-O’ -Thuath a dh’eisdeachd ri Aonghas Guinne ri innse naigheachdan na Feinne. Thoisicheadh Aonghas coir ri naidheachd na Feinne mu choig uairean feasgar agus cha’n fhairicheadh nach an uine dol seachd gu da uair dheug. Bha Aonghas Guinne ceud bliadhna mas do chaochail e, agus cho fada ’s bha comas aig a theanga a dhol mu’n cuairt, cha sguireadh e dh’innseadh naigheachdan na Feinne, nuair a bhitheadh neach ann a dh’eisdeadh ris. Cha robh pears-eaglais riabh ann an cubaid na bu dileas ri ’g innseadh naigheachd ghloirmhor an t-shoisgeil na bha Aonghas coir ri ’g innseadh cliu Fhinn, agus Oisein, agus righribh Lochluin aig an robh coir air Leodhas aon uair. Cha robh Aonghas coir a dol gle thric do’n eaglais, agus cha robh mor speis aige do mhinisteir, eilteir no ceisteir. Chaidh an ceisteir aon uair a cheilidh air Aonghas agus thoisich e ri innseadh dha ni nach cual’ e riabh roimhe. Thuirt Aonghas coir ris nach robh e creidsinn facal de: “oir,” ars esan, “na’m biodh sin mar sin, bhitheadh fios aig m’ athair air, am fear aig an robh fios air a h-uile rud. Cha chuala mi m’ athair riamh a toirt iomradh air a leithid.” Cha robh math sam bith innseadh dha gu’n robh e anns a Bhiobull. Cha chreideadh e gu robh neach sam bith na b’ fhiosraiche na athair.
Ann am beachd Aonghais ’se di-ceille a bhith’dh air duine sam bith nach toireadh aire mhath dha fein ’nuair a bhith’dh e ag innseadh sgeulachd na Feinne. Tha cuimhne agam aon oidhche gu robh fear de na gillean ri ceilidh air, nach robh toirt aire gle mhath do’n t-sheanchas. Stad Aonghas agus dh’fheoraich e an robh an gille ud ciallach. Thuig aon de na gillean eile ciod a bha cuir dragh air Aonghas, agus tharruing e nall faisg air ’s thuirt e ris gu robh iad a cuir umhail mhor air bho chionn fhada. An uair a chual Aonghas so tubhairt e,— “Oh, an gille bochd, is mi fhein tha duilich air a shon.” Rinn so spors mhor do na balaich uine fhada na dheigh so.
Tha eagal orm gu bheil mo naigheachd ro fhada agus feumaidh mi criochnachadh aig an am so.
TORMOID.
Montreal, Iulaidh 20mh., 1892.
Air an ochdamh la deug de dh’Iun, chaidh cu a ghlasadh a stigh ann an tigh air an robh daoine ’g obair ann an Toronto. Rinn na daoine so gun fhios daibh, agus cha d’fhosgladh an tigh gus air an t-seachdain so chaidh. Fhuaireadh an cu bochd an sin se fhathast beo an deigh a bhi na thrasg da fhichead latha sa dha. Thoimhseadh e ceud punnd an la chaidh a dhunadh a stigh, agus ’nuair a fhuair e ma sgaoil cha robh air fhagail dhe ach ceithir puinnd fhichead. Cha robh ann ach an craicionn ’s na cnamhan, ach tha e nis gu bhi cho math sa bha e riamh.
THUGAIBH FANEAR.
Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni.
Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha ’m Boston.
ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA
air laimh
F. FALCONER.,
Sidni, C. B., Mai 26, 1892.
SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac’
agus Sigars.
SIDNI, C. B.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr.
[Vol . 1. No. 10. p. 4]
BEALACH-NA-BEISTE.
Le Mairi nighean Iain Bhain, ’s an Eilein Sgiathanach.
Luinneag:– Dh’fhalbh mi fhin ’s mo thiuir le cheile,
’S dhirich sinn Bealach na Beiste.
Dh’eirich sinn moch maduinn dhruchd
’Us thug sinn biadh leinn ann an sgulan,
’S mo chuid oganach cho sunndach,
Gearradh shurdag thar gach feithe.
’Nuair a rainig sinn bonn a Bhealaich,
Bha sinn air lochrach le fallus.
’S ged a bha mo cheann mar chamach,
B’fhearr leam fannachadh na treigsinn.
Nuair a dh’fhairich sinn an t-acras,
Chuir sinn cuibhrig air na clachan,
Dh’iarr sinn beannachd air na bh’againn
Thug e neart dhuinn ’s rinn sinn eirigh.
Gu bheil corr ’us leth-cheud bliadhna
Bho nach deachaidh neach ga fhiachainn,
’S thuirt gach neach a chual an sgiala,
“Leig i’n t-srian le dith na ceille.”
’S ’nuair a sheall mi air mo chulaobh
’S leth-cheud aitheamh air gach taobh dhomh
Bheirinn miltean ged bu leam iad
Gun robh ’n triuir air bharr an t-sleibhe.
’N uair a chunnaic mi mar bha sinn,
’S gu’n d’fhuair sinn slan as a’ ghabhadh,
’N uair a rainig sinn gu h-ard,
Gun thog sinn carn na Ebeneser.
Do shliochd Shasuinn bheir sinn dulan,
A thoirt cnaimhe dhaibh fo’n culaig
Bhois na athais air an duthaich
Fhad ’s bhios Crun ann an Dun-Eideann.
Mile gini ruibh mar chumhnant,
’S theid a phaigheadh dhuibh le dhubladh,
Ma thig baintighearn as ’ur duthaich
A ni ’n turn ud as mo dheigh-sa.
Ghaidh orain Mairi nighean Ian Bhain a chuir a mach an uiridh. Tha i fhathast slan, fallain, ged tha i coir ’us tri fichead bliadhna ’s a deich a dh’aois.
Chaidh Seoras Johnson, duin og mu choig bliadhna fichead a dh’aois, a bhathadh an acarsaid Phictou Di-Mairt. Bha e fhein ’s a bhrathair ag obair air bord luinge. Dh’fhag a bhrathir e mu aon uair deug, ’s chaidh e gu obair eile. ’Nuair a thill e bha ad a snamh air an uisge. Rannsaicheadh air a shon agus fhuaireadh an corp anns an uisge. Tha e coltach gu’n tainig tuisleadh eigin air agus gu’n deachaidh e thairis. Cha b’urrainn da snamh agus chaidh a bhathadh. Dh’fhag e bean og agus aon leanabh.
BARGAIN.
B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.
Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh.
Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Nuair a thig thu cheannach uainn innis gu’n faca tu so ’sa Mhac-Talla.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson, tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUGH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 10 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 10. %p |
parent text | Volume 1 |