[Vol .1. No. 11. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 6, 1892. No . 11.


E. T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.

Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


Cuir a dhiarraidh aMhac Talla. Chan eil e cosg ach leth-dolarsa bhliadhna. ’S en aon phaipear Gailig a than Canada.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Chuir baile Arichat da cheud dolair gu muinntir St. Johns.

Phos ministear an Truro caraid an la roimhe agus an uair a thug e lamh air a phaigheadh, de bhaige ach bann da dholair ann nach robh feum sam bith.

Ghlacadh tri fichead baraile de dhuisge beatha ann an uaimh Bouchard, air amhuinn St. Lawrence, agus chaidh am fear a bhaga dheanamhsga reic a chuir an greim.

Tha sinn a cluinntinn gu bheil a bhreac gle phailt ann aVictoria, B. C., agus tha e cunnartach gun sgaoil i do bhailtean eile. Tha e fior dhoirbh cur as don easlaint sin ris an t side theth so,

Tha lagh ur aca an Eilean a Phriunnsa a thaobh reic na deoch laidir. Aon latha deug an deigh an lagh sin a dheanamh chaidh ceud dolair do chain a chuir air Tearlach MacIlle Mhaoil an Charlottetown air son a bhi reic-gu mi-laghail.

Tha paipearan Ontario ag rach gum bin cruithneachd air an fhoghair so air thoiseach air mar a bhae anns an duthaich sin riamh roimhe. Mun fheur, tha iad ag radh nach robh e riamh na bu truime, agus than coirce mar as abhaist da.

Thuit Deorsa Lorkedaroff marbh ann an stor-amhlan an Charlottetown, an la roimhe. Thainig e fein sa phiuthar a stigh do n bhaile ann an carbad agus a reir coltais bha e na dheagh shlainte. Chaidh e stigh don stors rinn e beagan bruidhinn ris a cheanaiche agus an tiotadh thuit e marbh.

Tha fios a St. Johns, Newfoundland, ag radh gun deachaidh neach-eign a stigh do phairc anns an robh eich a bhuineadh do OBrien, am fear leism bu leis am sabhal annsn do thoisich an teine, agus ghearr e na teanganan asda. Chan eil fhios co rinn an gniomh bruideil so, ach tha muinntir a bhaile a feuchainn len uile dhichioll ri fhaighinn a mach. Tha iad a deanamh gur h-ann mar dhioghaltas air son an teine thoiseachadh nashabhal a rinneadh e.

Tha aon duin eile air fas sgith de bheathasa dol a dhfheuchainn ri dhol thairis air an Atlantic am bata beag, deich troidhean a dhfhad. ’Sen duine sin Caiptean Andrews am Boston, agus dhfhag em port sin air an 21mh la dhen mhios a chaidh.

Tha eilean ris an abrar Eilean Mor Sangir, mu letheach eadar Asiaus Australia. Tha e na aite tiorail, beairteach, agus than sluagh an tomhas mor air an callachadh. Air an 7mh. la de dhIun, thoisich beinn Gunong Aroo air bruchdadh a mach teine agus luaithre. An deigh sin thoisich crith-thalmhain agus than t-eilean boidheach sin an diugh na fhasach. Chan eil rian air na chaidh a mharbhadh.

Tha sinn ro dhuilich a chluinntinn gun do bhathadh an t-Urr Raonal Mac Gillebhrath, Sagart Arasaig. Bha e na chleachdadh aige bhi dol a shnamh uair no dhasa latha, re teas an t-samhraidh, riamh bhon thainig e gu Arasaig. Maduinn Dior-Daoin, air an t-seachdain so chaidh, chaidh e dan uisge mar a babhaist da. Mu leth uair na dheigh sin chunnacas a chorp air an uisge. Tha e coltach gun do bhuail greim e a thug luths a lamhans a chasan uaithe air chors nach burrainn da e fein a chumail an uachdar. Bha e na dhuine foghlumaichte, geur-chuiseach, ’s air an robh meas mor aig a shluagh, ’s aig na h-uile bha eolach air Bha e na fhior Ghaidheal, aig an robh gradh mor do thir agus do chainnt aithrichean.

Sheol an soitheach smuid Newfoundland a Montreal, Di-Sathairne so chaidh, le fiach coig mile fichead dolair de bhathar gu muinntir St. Johns. Eadar airgiodus bathar, tha Montreal an deigh coig mile deug thar fhichead dolair a chuir gu muinntir a bhaile sin. Tha fios a St. Johns fhein ag radh gu bheil corrus seachd mile pearsa air an campachadh ann an aon phairc mhoir, gun rian no ordugh. Chan eil biadh no aodach gann aca. Tha na saighdearan air na sraidean daonnan a feuchainn ri riaghailt a chumail am measg an t-sluaigh. Bha cuid den t-sluagh a toirt ionnsaidh air teine chuir ris a bheagan thighean a dhfhagadh roimhe, agus tha cuid diubhsa phriosan air son sin.



[42]

[Vol . 1. No. 11. p. 2]

MAC-TALLA.

Bidh MAC-TALLA air a chuir a mach uairsan t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sentsa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.

Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aitem bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhen t-seorsa sin abhi sgriobhte air aon taobh dhen phaipeir.

Seolaibh gach litirus eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, OGUST 6, 1892.

So beagan fhacail a tha ar caraide Domhnul Mac Erais a cuir thugainn maille ri ainmean agus airgiod sia no seachd de ghabhaltaichean.— “Suas am bruthach le MAC TALLA. ’Se so lan dhurachd nam beagan Ghaidheal a tha an diugh ann am Baile-nan-Gaduichean. ’Se sin an t-ainm boidheach a tha againn airPentanguishene. Oir a reir ar beachd fein, “Than gunna cosmhuil ris an urchair.” Tha Mr. MacEraisus feadhain eileg iarraidh na ceud aireamhan den MHAC TALLAchuir gan ionnsaidh, ach chan urrainn duinn sin a dheanamh; tha na h-aireamh-an sin air teirgsinn ach aon no dha a dhfheumas sinn a ghleidheadh air ar son fein.


DAIL-AN TOBAIR, EILEAN A PHRIUNNSA. —29mh Iulai, 1892.

Fhir Dheasachaidh choimh:

Fhuair mi MAC-TALLA agus gu dearbhse bheatha. Ged tha mise sean agus mo radharc a dol air ais, thug e togail mhor do m chridhe bhi faicinn na Gailig a togail a cinn. Ged bhiodh agam sa h-uile cainain air thalamh, cha leiginn a Ghailig bhinn, bhlasda uam, a chainnt a fhuair mi air glun mo mhathar.

Se tha gam chradh a bhi faicinn moran de na Gaidheilga murtsga marbhadh dan deoin. Oir ged bhiodh an saoghal mun iadh a ghrian a feuchainn ri cuir as di, chafhaigh i bas gus am marbh na Gaidheil i. Is iomadh duinebheir a bheannachd oirbhse air son aMHAC-TALLA. Mar a thuirt am bard coir.—

Ach buaidhus piseach air na laoich
Tha seasamh air a sgath,
Chaidh arach ann an tir an fhraoich,
Ge sgaoilten diugh an al;
Ged chaidh an sgapadh air gach taobh,
Cha chaochail sid an gnath,
Chan fhas an eachdraidh lag le aois,
S chan fhaigh a Ghailig bas.

Duisg suas a Ghailig, tog do ghuth,
S na biodh ort geilt no sgaig,
Tha ciadan mile dileas dhuit
Nach diobair thusa bhlar;
Cho fads a shiubhlas uillt le sruth,
S bhuaileas tuinn air traigh,
Chan aontaich iad an cainnt non cruth.
Gun teid do chur gu bas.”
Bhour caraide dileas.

M. L.


LITIR A SAN ERANCISCO.

Fhir-Dheasachaidh:

Tha mi dol a sgriobhadh beagan fhacail a dhinnse dhuit cho toilichtesa tha sinn gu bheil MAC-TALLA tighnng ar coimhead an so an California. Tha e mar gum biodh seann charaid a tighinn air cheilidh oirnn uairs an t-seachdainn, agus bhitheamaid gle dhuilich mur tigeadh e an latha bhiodh duil ris. Tha min dochas gum bi e na mheadhon air luchd na Gailig anns an duthaich sin a dhusgadh suas, oir tha mi smaoineachadh nach eil iad cho uailleil as an cainnt mhathaireils bu choltach dhaibh a bhi. Thogadh mi fein an Ceap Breatuinn, ’s ged a dhfhag mi e gle og, ’s ged tha mi an so chionn corrus deich bliadhna, labhraidh mi a Ghailig cheart cho math, no nas fhearr na labhrainn i mun dfhag min tigh, agus tha mi gle bhosdoil an diugh gur h-urrainn domh MAC-TALLA a leughadh.

Nan cuireadh sibh beagan aireamhan den phaipeir dhionnsaidh an fhir a tha mi cuir ainm thugaibh, chan eil teagamh agam nach faigheadh e gabhaltaichean dhuibh. Tha e tamh o chionn fhadan Columbia Bhreatunnach, agus tha e ro eudmhor a thaobh na Gailig. Bha eg iarraidh oirnne cuid de na paipearan againn fein a thoirt da, ach tha sinn ro mhiosail orra air son an toirt seachad do neach sam bith. Ach gheall mise dha gun cuirinn ainm thugaibh.

Tha min dochas gum bi MAC-TALLA beo iomadh la agus bliadhna.

Ur Caraide Dileas,

M. M. L.


Tha fear-deasachaidh anReporteran deigh bean a ghabhail da fein. Tha sinn an dochas gum bi saoghal fada aig ar caraid, agus gum bi a chuid sin de bheatha air thoiseach air cho soirbheachail sa bha chuid a chuir e seachad.

Chruinnich Parlamaid Bhreatuinn Dior-Daoin. ’Se cheud ni ceann-suidhe a thaghadh agus na buill a mhionachadh a stigh. Di-Luain so tighinn bithdh oraid na Banrigh air a liubhairt agus an sin toisichidh an cath eadar an da phairtidh. Tha e ro choltach gum bi e gu math teith eatorra.

Chaidh Iain Domhnullach, an Catalone a ghoirteachadh gu dona o chionn da sheachdain. Bha e feinsa bhean a dol dhachaidh as an eaglais Di-Domhnaich, agus ghabh an t-each eagal, ’s thilgeadh iad le cheile as a charbad. Bhuail Mr. Domhnullach a cheann air an talamh chruaidh agus chaidh cuibhlecharbaid thairis air aodann a mhna, a deanamh gearradh grannda. Tha Mr. Domhnulach gle iosal bhon thachair so dha, agus chan eil moran coltais air gun tig e uaithe.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR!


THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.

A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .

Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.


SANAIS.

Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h uilc
Dheoghladh bhur cuid,
San teanganam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh

TIGH ACADIA.



[43]

[Vol . 1. No. 11. p. 3]

NA CURRAICEAN-OIDHCHE.

EADAR. LE MAC-MHARCUIS.

Ann am Baile-na-drochaid, o chionn a nis moran bhliadhnaichean, bha a chomhnuidh duine fiachail, agus figheadair barraichte dam bainm Eoghan Mac-Cailein, agus a bhean, boirionnach utagach, tapaidh, a bha, ma dhfhaodas sinn aradh, car beag tilgten a doigh. Thuirt sinn gum bi an fhigheadaireachd a bobair do Eoghan, ach chaneil sinn aciallachadh leis a so idir duine aig a bheil ri saothrachadh le fallus a ghnuise air son cuibhrionn an latha a tha dol thairis air, agus a tha gu buileach ag earbsadh a obair a lamhon. Chan eil idir. Bha Eoghann a duine glicn uair bha e og, agus am feadhs a bha tuarasdail ard rinn e maorachn uair a bha an traigh ann; chuir e airgoid mu seach a dhfheitheamh an latha fhliuich. Chan e mhain so, ach le cuid de thoradh a shaoithreach chuir a suas, aig a chosdas fhein, an tigh anns an robh e aig an am so a chomhnuidhtigh beag, comhfhurtachail le garadh air an taobh-beoil anns am babhaist de Eoghanfheasgair a chur seachad am measg nam flurs nan lus, anns an do ghabh e mor thlachd agus as an robh e ro uailleil.

Ach cha robh tigh Eoghain leis fhein. Dhreach lamh ris bha tigh-comhnuidh Iain Mhic-Aindrea, a bha ach beag anns gach doighn a leth-bhreac do thigh Eoghain Mhic-Cailein. Bha Iain fein anns an t-suidheachadh cheudna ri Eoghanbha esan cuideachdn a fhigheadair agus air beagan a chur mu seach mu choinneamh am feuma, agus bu leis fein an tigh anns an robh e an drast aciomnuidh. Chi sinn, mar so, gun robh Eoghan agus Iainn an dluth-chiomhearsnaich; agus uime sin bha am mnathan-posdan an dluth-choimhearsnaich cuideachd; ach cha dthuirt so gun robh iad idir cairdeil no ann an deadh run da cheile. Bha an cridheachan lan gamhlais da cheilegamhlas a bha gu mor air a chumail suas le eud agus farmad a bha alionadh an inntinnean, air eagal gun leigeadh an darna te leis an te eile barr a thoirt oirre ann an coltas soibhreis ann an ni sam bith a bhuineadh aon chuid dan dreach fein, no an tighean, no am fir-phosda fa leth. Nani faigheadh aon diubh ball aodaich ur, dhfhaodteadh a bhi cinnteach gum faigheadh an te eile a cheart leithid, no nam bu chomacadh e gun tugadh i barr oirre; bha an spiorad farmadach so air a nochdadh anns gach cuis a bhuineadh daibh feins dan tighean.

Cha mho bha moran cridhealais eadar an da dhuine; oir, a thuilleadh air iad a bhi acophairteachadh de mhi-run am mnathaibh-posda, bha aobhar-naimhdeis nach bu bheag eadar iad fein. Tha e coltach gun do chlach Iain Mac-Aindrea aig aon am tunnagan Eoghan Mhic-Cailein a lub a bha air an taobh-cuil, agus leth an rathaid eadar an da thigh; atagair gun robh an lub an sin air son a thunnagan-san a mhain; agus ciod a thachair ach gun do leon agus mhill e drac briagh a bhuineadh do Eoghan. Mar bu dual do Eoghan, bha e fo mhor chorruich muleithid de ghniomh neo-ghnetheil; agus a bharr air sin cha gheilleadh e air chor sam bith gun robh tuilleadh coir air tunnagan Iain air an lub na bha aig fheadhain fein, Chonnsaich na bodaich gu searbh, salach, agus is e bu deireadh gun deachaidh iad gu lagh; rud a chosd daibh mu leth-chiad punnd-Sasunnach am fear; agus is i abhreth a chaidh a thoirt anns achuis gun rachadh lub nan tunnag a roinn eadar riutha leth mar leth.

Bha, uime sin, fuath uaigneach aig an dithis dhaoine da cheile, ach cha robh gamhlas nam ban daonnan an uaigneas; agus bha bean Mhic Aindrea ah-uile buile cho smiorail ri Nic-Cailein, agusn a seise dhi air aon doighg an gabhar iad.

Thachair do bhean Eoghain Mhic-Cailein a bhi aon latha ag amharc a mach air an uinneig, agus faicidh i Iain Mac-Aindrea asraidimeach anns agharadh le currac-oidhche ur, stiallach, dearg air a chean. Cha luaithe chunnaic a suil so na chuimhnich i air an t-Seann churrac lachdunn a bha aig Eoghan aice-se, agus a bha, mar thuirt i rithe fein, “na bu choltaiche ri breid urlair na ri rud sam bith eile.” Chuir i riomhpe gum faigheadh i fear ur dha gun tuilleadh dalachfear fada a bfhearr na fear a coimhearsnaich. “Gheobhadh an duine aice-se currac o bhiodh uile dearg; rud moran a bu ghrinnes a bu bhoidhiche nam fear stiallach, mosach aig Iain Mac-Aindrea.

Cha robh i ach goirid agabhail mu chul aghnothaich; thainig i gu seolta man cuairt air Eoghan, mar gu m bann agabhail a chomhairle ach aig acheart am a ceiltinn an aobhair air son an robh i cho deidheil air gum faigheadh e currac-oidhche ur; oir bha i lan chinnteach nach tugadh Eoghan bochd gnuis sam bith dhin a leithid de chomh-fharpais fhaoin, amaidich. Coma-co-dhiubh, thog i oirre moch air madainn an ath latha, ’s rainig i am baile-mor a cheannach achurraic. Roghnaich i fear lasrach, dearg nach mor nach dthug sealladh nan sul o Eoghan coir an uair a thill is a sgaoil i mu choinnimh e.

A Sheonaid,” arsesan gu socharach, agus e gu tur aineolach air ciod a bfhior aobhar don churam a bha a bhean agabhail da chomhfhurtachd aig an am so— “a Sheonaid, air mfhacal tha an currac boidheach da-rireadh,” thuirt es esparradh a laimhe suas anns a churrac agusg a chumail a mach muchoinnimh, ’s adearcadh air le mor thoil-inntinn.

Mo riar, gu bheil e eireachdail,” thuirt e rithist, “agus theid mi an urras gum bi e seasgair.”

Bidh e sin,” fhreagair Seonaid, gu buadhmhor. Agus cha mhor nach dthuirt i mar an cendna, “Nach mor is boidhiche e na fear Iain Mhic-Aindrea!” Ach leigeadh so a mach tuilleadhs achoir de na bhan a h-inntinn dhiomhair agus is ann a thuirt i, “Nis, Eoghain, a ghraidh, caithidh tu e mu na dorsan agus an uair a theid thu an gharadh. Cuiridh e dreach as coltas ort nach robh ort anns an loirein a tha thucaitheamhis ann a tha thu nas coltaiche ri fuathaiche a bhiodh ann ann talamh-buntata, na tha thu ri duine Criosdail.”

Rinn Eoghan feith-ghaire, ach cha dthuirt e diog.

(Ri leantuinn.)


THUGAIBH FANEAR.

Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni.

Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach as fhearr a tham Boston.
ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA
air laimh
F. FALCONER.
Sidni, C. B., Mai 26, 1892.


SEUMAS A. CAIMBEUL.

Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac
agus Sigars.
SIDNI, C. B.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar as ail leat. Than ad as saoire gle mhath, ach sin ad as daoires fhearr.



[44]

[Vol . 1. No. 11. p. 4]

MARBH-RANN, NO CUMHA SHAUIL AGUS IONATAIN.

LE RIGH DAIBHIDH.

2 SAM. I, 1927.

Co-sheirm.

Och nan och! us och mo leon!
Och nan och! us och mo leon!
Chaidh sgiamhachd Israeils a ghloir
A leonadh air na mullaichibh.

O! ailleachd Israeil mo ghraidh,
Chaidh lot gu geur air daitibh ard!
O! ciamar thuit a sios gu lar
Na h-armuinn a bha cumhachdach!

Na h-innsibh ann an Gatt an sgeul,
An Ascelon nan sraidean reidh
Na cuiribh idir e an ceill,
Mun dean iad leum le subhachas.

Bhiodh aoibhneas agus sunnd gu luath,
Air oighibh Philisteach nan gruag;
An sliochd mi-chaomh a thoill am fuath
Bhiodh ait le lua ghair iullagach.

A Shleibhtean Ghilboa nan stuchd,
Na tuiteadh oirbh-se fras no druchd,
Na fasadh arbhar oirbh nas mu,
Na cinneadh fluran tuilleadh oirbh.

Oir sgiath nan cumhachdach ro threun
Dhiobradh an sin gun mhath, gun fheum;
Si targaid Shauil a thilleadh beum:
Se fein mar neach neo-urramach.

Bho shail nan treun, ’s bho fhuil nam marbh,
Le gealtachd cha do thill air fabbh,
Sar bhogha Ionatain bha searbh
Air iarmad garg nan curaidhean.

Us claidheamh Shauil an fhaobhair gheir,
Gu falamh cha do thill bhon streup;
Be sud an claidheamh bu mhath gleus
A ghearradh bheum gu fuileachdach.

Bu ghaolach Ionatan us Saul,
Bu taitneach iadnam beatha ghraidh;
Us cha do sgaradh iadnam bas;
Ach chaidh an caradh cuideachd ann.

Oir biadsan gaisgich threun nam buadh,
As tric a chuir air cach an ruaig,
Bu treise iad na leomhainn chruaidh,
S bu luaithe iad na iolairean.

A nionagan nan leadan donn,
A dh-iarmad Israeil nan thuigse ciall conn* ,
O togaibh suas le bron am fonn
Mu righ nan sonn gu muladach.

Se sgeadaich sibh le sgarlaid mhin,
S a lion le h-aoibhneas aitur cridh,
S e dhuigheamaich le h-oir ghreus grinn
Bhur n-aodach riomhach, urramach.

Och! ciamar thuit na feara treun,
Na cumhachdaich an cath nan streup!
O! Ionatain, a ghaisgich threin,
Air aird nan sleibhtean dhfhuirich thu!

Ochoin! is mise thair mo chradh,
Mu dthimchioll, Ionatain, mo bhrathr!
Is tu bha taitneach dhomh gach la
Us bha do ghradh dhomh iongantach.

Bhan gaol a thug thun tus dhomh glan,
A tabhairt barr air gradh nam ban,
Bho dchridhag eirighs e gun smal,
Gu dileas, leantach, bunailteach.

Och! ciamar thuit na feara treun!
Na gaisgich chumhachdach le cheil,’
Us ciamar bhris na lanna geur,
Sa threig am feum gu buileach iad.

D. B. B.

*Tiugse ciall.


BARGAIN.

Bfhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duinag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh as fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.

Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh.

Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.

Nuair a thig thu cheannach uainn innis gun faca tu sosa Mhac-Talla.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson, tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.


LEUGH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh

D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 11
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 11. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page