[Vol . 1. No. 13. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 20, 1892. No . 13.
E. T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
Cuir a dh’ iarraidh a’ Mhac Talla. Cha’n eil e cosg ach leth-dolar ’sa bhliadhna. ’S e ’n aon phaipear Gailig a tha ’n Canada.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Tha corr us ceithir ceud deug Ofig Posta ann an Nobha Scotia.
Tha’n t-Urr Iain Ros a Hogamagh an deigh gairm a ghabhail gu Ashfield, an Ontario.
Aon la air an t-sheachdain so chaidh, thuit da each dheug marbh leis an teas air sraidean Toronto.
Bha’n samhradh a dh’fhalbh na shamhradh cho fuar ’sa bh’ aca ’n Lunninn o chionn iomadh bliadhna.
Tha ’n t-Onor. Edward Blake air a thurus air ais gu Canada. Chan eil duil aige fuireach fada, ach bi’dh e dol a null a rithist mu mheadhon an Fhoghair.
Fhuaireadh Mr. Pringle, feard deanamh leintean, marbh aig a dhorus fhein ann am Montreal maduinn Di-domhnich. Tha e ro choltach gur e mhurt a rinneadh.
Tha fios a Australia ag innse dhuinn gu bheil moran dhaoine nan tamh le cion obair agus moran eile ’g obair air tuarasdal air nach urrinn daibh tigh’nn beo. Ann am Melbourne tha corr us sia mile duine nan tamh.
Bha nighean bheag le Patrick Feeham, aig Holland Cove, an Eilean a Phrionnnsa, a cluich mun chladach feasgar Di-haoine air an t-seachdainn so chaidh, agus fhuair i bonn oir na laidhe ann an cnaimh, ’s thug i dhachaidh e dh-ionnsaidh a h-athar. Thilg esan an cnaimh air falbh agus thoisich e air suathadh a bhoinn. Thog e an cnaimh a rithist agus rinn e mach gum bu chnaimh duine bh’ann. Chaidh e fein ’s an nighean an sin dh-ionnsaidh an aite san d’fhuaireadh an cnaimh, agus an deigh beagan cladhaich a dheanamh fhuair iad ciste-laidhe dharaich ann san robh cnamhan duine ’s iad cho slan sa bha iad riamh. Tha e air a dheanamh a mach gur h-e oifigeach mara a bh’ann s’ gu robh e air adhlacadh, mar gum b’ann le cabhaig, ’nuair a bha ’n t-eilean aig na Frangaich. Cha robh e ach mu ochd oirlich dheug sios san talamh. Bha putain agus nithean eile air an talamh mu’n cuairt.
Tha ’n t-side gle theth am Manitoba, ’s tha an cruithneachd abuich. Tha na tuathanich an teis-meadhon na buana.
Tha gach ni air a chuir ceart a thaobh na h-oibir-uisge ann an Sidni, agus bi’dh duil aginn ri uisge glan, blasda, bhi ann sa bhaile an ceann mios no dha.
’Nuair a bha ’n soitheach-smuid Canopus a fagail Montreal dh’fhastaidh an caiptean dithis dhaoine, Roach us Taylor, gu dhol an cois cruidh a bh’ air bord. Mhi-chord iad a thaobh an tuarasdil agus ’nuair a bha iad faisg air Cuibec, leum an dithis aca bharr an t-shoithich, dh’fheuch iad ri snamh gu tir, ach mu’n d’ranig iad chaidh am bathadh.
Tha fear da’n ainm Dreker na ghruidear ann a Vienna, ceanna-bhaile Austria, ’s tha e air a radh gu bheil fiach da fhichead muillean dolair de chuid an t-saoghail aige, agus gu bheil e cuir da mhuillean dolair na cheann a h-nile bliadhna. Tha e coltach gu bheil barrachd airgid ann a bhi deanamh na deoch laidir na th’ann a bhi ga h-ol.
Tha sinn a tuigsinn nach eil Harrison, ceann-suidhe nan Staitean a dol a chuir luingeas-chogaidh an taobh so mar a bha duil aige. Bha e ’n duil gu’n cuireadh aon sealladh dhe shoithichean-cogidh muinntir Chanada air chrith, agus gu’n toireadh iad suas an uile choireachan air ghaol na sithe. Ach gu fortanach thill a chorruich mun d’thug e ’n t-ordugh seachad. Thigeadh dhuinn a bhi taingeil nach eil Harrison cho marbhtach sa tha e cho maoidhtach.
Chruinnich Parlamaid Newfoundland Diar-daoin an 21mh la. Bha’n Oraid bho’n Chathair a labhairt mu’n teine mhor a sgrios St. John’s, agus a toirt taing do’n mhuinntir a rinn cuideachadh le sluagh a bhaile sin. ’Se’n gnothuch aridh air son ’n do chruinnicheadh a Pharlamaid aig an am so air aon riaghialtean a dheanamh a thaobh ath-thogail a bhaile. Tha aca mar an ceudna ri lagh a dheanamh a thaobh mail, oir tha iadsan aig am bheil taighean a gabhail a chothrom ’s ag iarridh mal ro ard.
[Vol . 1. No. 13. p. 2]
MAC-TALLA.
Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.
Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir.
Seolaibh gach litir ’us eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, OGUST 20, 1892.
Tha e air aithris gu bheil Dalton McCarthy, aon de bhuill-parlamaid Chanada, an deigh tairgse air aite-suidhe sa pharlamaid Bhreatunnach fhaighinn bho mhuinntir Ulster an ceann-a- tuath Eirinn agus gu bheil duil aige gabhail ris an tairgse. Anns na laithean a dh’aom b’abhaist do Breatuinn a bhi cuir dhaoine nall a riaghladh na duthcha so, ach ’se ni ur a th’ ann do’n duthich so a bhi cuir dhaoine null a riaghladh Bhreatuinn.
Ged a tha ’m feur agus barr eile gu bhi air ais an Ceap Breatuinn air an fhoghar so, tha chuid is mo de Chanada gu bhi gle phailt ann am feur ’s am barr. Chan eil mar so an duthaich gu bhi cho dona dheth sa bhitheadh i nam biodh duthachannam eile gann mar an ceudna. A reir gach cunntais tha ’n saoghal gu bhi gle phailt de bhiadh air a bhliadhna so tighinn. Tha cuid de dhuthchannan gann ach tha chuid is mo pailt gu leor, agus tha iomadh aite mar tha Ontario us Maitoba a cuir thairis le biadh dhaoine ’s bheathichean.
Chan eil math dhuinn ar misneach a chall ged nach biodh nithean daonnan a dol linn cho math ’s bu toil linn. Chan eil math dhuinn toiseachadh air ar duthaich a ruith sios agus fhagail ged thigeadh bliadhnichean nach biodh cho torach ri bliadhnichean eile ’chunnic sinn. Bu bheartach saoibhir an duthich an Eiphit, duthich a tha air a h-uisgeachadh agus air a leasachadh gach toiseach samhridh gun lamh duine dhol na coir, duthich anns nach eile dad aig an tuathanach ri dheanamh ach an siol a chur ’s am barr a bhuain. Ach thainig am cruaidh air an tir sin; fad sheachd bliadhna bha an talamh air a dhunadh suas agus air a throimachadh air dhoigh ’s nach fasadh dad a chumadh duine no ainmhaidh beo. B’ iad sin na bliadhnichean fad’, acrach, do na h-Eiphitich, agus mur b’e ’n t ullachadh a bha air a dheanamh roimh laimh bha iad air an sguabadh bharr aghaidh na talmhinn le gort us plaigh. Thanig bliadhnachan pailt air an Eiphit na dheigh sin, ’s ged thigeadh droch bliadhna air an duthich so bi’dh suil aginn ri bliadhnichean matha bhi ,ga leantuinn, agus uime sin cha choir dhuinm a bhi sealltainn sios air an tir a ghabh ruinn cho fada, ’s ann sam bheil aginn “biadh us aodach agus slainnt, us saorsa carrdeas agus sith.” Chan eil tir fo’n ghrein ann sam bheil na sia nithean priseil sin cho dluth da cheile ’s cho soirbh am mealtuinn sa tha iad ann an Canada agus gu h-aridh anns an earraln sin de Chanada ris an abrar Ceap Breatuinn.
Tha aireamh de leabhrichean Gailig aginn, air an cuir a mach leis an Urr. A. MacGilleain Sinclair. ’S iad sin “Baird Ghailig bho 1411 gu 1715,” agus “Baird Ghailig bho 1715 gu 1765.” Cha ruig sinn a leas moladh sam bith a dheanamh air na leabhrichean so oir tha ainm an fhir a chuir a mach iad na lan dhearbhadh nach eil dad annta nach fhiach a leubhadh uair us uair. Reicidh sinn fear sam bith de na leabhrichean air 75 sent. Do neach a chuireas dolar thuginn bheir sin aon de “Na Baird Ghailig” agus MAC-TALLA fad bliadhna. Do neach sam bith a tha gabhail a MHAC-TALLA cheana, bheir sinn aon de “Na Baird Ghailig” air 60 sent. Agus bheir sinn aon diu a nasgidh do neach a chuireas ainmean sia gabhaltichean agus tri dolair thuginn, no na dha air son deich gabhaltichean agus coig dolair. Tha so na dheagh chothrom dhaibh-san aig am bheil meas air bardachd ’s tha sinn ag earbsa gun cuir iad ’gan iarridh gun dail.
Dh’fhag J. Moore, tuathanach ann am Manitoba, a dhachaidh agus bha e bho’n tigh beagan laithean. ’Nuair a thill e Di-haoine so chaidh, fhuair e mach gu robh bhean air teicheadh le tuathanach eile agus gu’n tug iad leo an stochd agus na h-uidheaman tuathanachis air fad. ’S tric a chaill duin’ a bhean, agus is tric a a chaill duin’ a chuid, ach chan e h-uile fear a chaill a bhean ’sa chuid comhladh.
Tha’n cholera a sior sgapadh ann san Airde Near. Ann an Teheran, ceann-bhaile Persia, tha corr us seachd fichead a basachadh gach latha. Air feadh Ruisia tha’n galair ceudna a bualadh corr us ochd mile gach latha agus a toirt bas cethir mile.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR!
THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .
Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.
SANAIS.
Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h-uilc
Dheoghladh bhur cuid,
’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh
TIGH ACADIA.
[Vol . 1. No. 13. p. 3]
NA CURRAICEAN-OIDHCHE.
EADAR. LE MAC-MHARCUIS.
“Cha ’n e paigheadh a tha ’dhith orm” ars Nic-Cailein ’s i a’ godadh a cinn gu h-uaibhreach; “tha mi a’ sireadh mo thrinnseir, agus bidh mo thrinnseir agam. An cluinn thu sin?” Bhuail i an sin a dorn air a bois, mar is cleachdadh leis na boirionnaich an am a bhi a’ trod. “Agus o ’n thainig thu gus a sin, their mi riut nach’ eile annaad ach boirionnach miomhail, dalma an uair a theireadh tu rium nach mor a b’ fhiach e, an deigh dhuit a bhristeadh.
“Air m’ fhacal,” fhreagair Nic-Aindrea, le ceann gu h-ard, ’s a gnuis a’ lasadh le corruich, “cha’n ’eil thu sgathach an uair a theireadh tu an leithide sin de dh-ainmeannan rium ann am thigh fein.”
“Their mi sin, agus na ’s miosa na sin ruit, ann ad thigh fein no ann an aite sam bith eile,” arsa Nic-Cailein ’s i a’ casadh a fiaclan ’s a’ cur a duirn ri peircell na te eile. “Seadh, a’ so, no an aite eile, their mi ruit nach ’eil annad ach boirionnach miomhail, gun oilean, gun tuigse. Gu ’n cuireadh tusa suas do dhuine le currac-oidche dearg!”
“Agus c’ arson nach cuireadh?” fhreagair Nic-Aindrea gu h-uailleil; “tha e cheart cho comasach air paigheadh air a shon’s a tha sibhse; agus theagamh, na ’m biodh a chuid fein aig a’ h-uile neach, gu bheil moran na’s comasaiche. Currac-oidhche dearg, gu dearbh, a bhansgail mhiomhail, mhosaich!”
“Abair sin a rithist agus spionaidh mi an teangadh asad!” arsa Nic-Cailein ’s i aig a’ cheart am a’ leum ’sa beireachdainn air bhad-mullaich ’s air churrac air Nic-Aindrea ’s ’g an spionadh le cheile ’n am mirean mu ’clusan. Rinn ise a leithid eile oirre-se ’s am badaibh a cheile ghabh na cailleachan, ’s thoisich an strith ’s an sgiamhail, ’s an sgreadail. Ghrad lion an tigh leis na coimhearsnaich a dh’ fheuch ri an cur bho cheile. Am feadh ’s a bha an cath ’n airde, co thainig stigh ach Iain Mac-Aindrea, agus aig shail Eoghan Mac-Cailein, ’san curraicean-oidhche dearg air an cinn mar gu ’m biodh ann brataichean-catha a bhrosnachadh nam bana-churaidh.
“Ciod e air an talamh is ciall d’ a so?” ars’ Iain Mac-Aindrea ’s e ’leum a nunn am meadhon an t-sluaigh.
“O, an aigeannach!” ars’ a bhean ’s ian na glaice aice de fhalt Nic Cailein air a thoinneadh mu ’dorn; “tha e uile mu d’ churrac-oidhche, Iain, agus m’ a trimseir salach, truaillidh.”
Thuig Iain gu math mu ’n trinnseir, ach cha do thog e idir mu ’n churrac-oidhche; coma-co-dhiubh, mar dhuine dleasnachail ghabh e taobh a mhna, agus bha e dol a chur na te eile as an rathad, an uair a rug Eoghan MacCailein air chul amhchadh air, ag radh. “Air d’ athais, Iain, na tog do lamh, gus am faic sinn ciod idir is ciall do ’n aimhreit so.”
“Thoir an uabhar le leathad, Eoghain! —thoir an uabhar leathad!” arsa Nic-Cailein an uair a mhothaich i gu ’n robh a leithid de chuideachadh aig laimh. “Thoir an uabhar le leathad—nach stroic thu an currac oidhche bharr ceann Iain. Tha a’ bhanasgal ag radh gu bheil iad na ’s comasaiche air a phaigheadh na tha sinne.”
An sealbhan a cheile nis ghabh na bodaich, ’s an taice’nam bodach ghabh na cailleachan, gach aon a ’feuchainn, ri greim ’fhaighinn air currac-oidhche fir na te eile—a’ cheathrar a’ cur nan ear dhiubh air an urlar ’s an impis an aitreabh a thoirt a nuas leis a ’h-uile uilneag a bheireadh iad.
Ach cha b’ urrainn d’a so mairsinn fada ’s cha mho rinn e sinn, Thachair sgiorradh diubhalach a chuir gu grad agus gu buileach stad air an t-sabaid. Ann an aon de na gramannan-gleachd eagalach a bh’ aca thainig iad gu mi-fhortanach tarsaing air seanndressercritheanach air an robh luchd mor de shoithichean creatha de gach gne, as an robh Nic-Aindrea ro uailleil, agus a bha aice air an cur an ordugh ’n an sreathan gaeadhrach a suas gu ruig anainnean an tighe. Is gann a ruigeas sinn leas ‘innseadh ciod a thachair. A nuas thaiuig andresser, agus a nuas leis thainig gach soitheach beag a’s mor ’n an bloighdean air leac an urlair; cha d’ fhagar aon slan diubh. Cha ’n fhacas agus cha chualas riamh iomradh air a leithid de sgrios. Stad an iorghuill mar bhuille na boise; agus sheas gach aon ag amharc le h-uamhunn air an t-sealladh eagalach. An uair a chunnaic Mac-Cailein agus a bhean ciod a thachair, agus air doibh fios a bhi aca nach robh an lamhan glan d’ an ghnothach, gun diog a radh sheap iad air falbh dhachaigh.
“Ma tba lagh no ceartas anns an tir,” arsa Nic-Aindrea, ’s i trusadh suas nam bloighdean briste, “creanaidh Eoghan Mac-Cailein agus a bhean air so. Na faiceam-sa grian an la maireach mur bi iad agam air beulaobh rn t-Siorraim m’an teid seachdain thar mo chinn.”
“Tha ’n gnothach eireachdail darireadh” thuirt Iain; “ach ciod air an talamh a thog an iorghuill?”
“Ciod a thog an iorghuill?” ars’ ise; “nach d’ innis mi dhuit cheana? Ciod ach an trinnseir dubh sin aice! Ach bheir mise oirre gu ’n diol i air son obair an la diugh. Moire, bidh so na ’s daoire dhaibh na lub nan tunnag, mur eil mise meallta.”
“Cha chreid mise gu ’n robh a’ bheag de chulaidh-uaill againn fhein anns a’ ghnothach sin,” ars’ Iain air a shocair fein.
Thoisich e fhein ’s i fhein agus chrunnich iad suas a’ h-uile crioman de na soithichean briste bharr air urlair ann an aon chliabh mor, a chum an gleidheadh mar fhianuis air meud a’ chall agus a’ mhillidh a dh’ fhuiling iad.
Cha d’ fhairich Eoghan Mac-Cailein agus a bhean iad fein idir saor o amharus mu ’n sgiorradh a thachair ann an tigh Iain Mhic-Aindrea. Is ann a chuir e mor champar orra, oir cha robh iad a’ faicinn ciamar a dh’ fhirinnicheadh iad iad fein no a gheobhadh iad an casan a thoirt as an rib, a cheann gu ’n deachaidh iad ’g am foirneadh fein agus a thogail brionglaid ann an tigh an coimhearsnaich far nach robh gnothach sam bit aca dol. Le inntinn lan d’ an iomaguin so agus le aodann muladach, thuirt Eoghan Mac-Cailein r’a mhnaoi, ’s i an deigh cunntas falls’ a thoirt da mu aobhar na streupaid, “B’ eagalach an stairirich sud, a Mhor. Cha chuala mi riabh a leithid. Tha an fhuaim oillteil ann am chluasan fhathast.”
“O, ’s math leam aca e! Gabhadh iad e!” ars’ ise ’s i mar gu ’m biodh i caoin-shuarach mu ’n chuis, ged a bha e furasd fhaicinn nach robh i idir saor o amharus mu dheireadh na cluiche. “Bha i tuilleadh ’s a’ choir moiteil as a cuid shoithichean co-dhiubh; cha b’ urrainn na b’ fhearr tachairt di.”
(Ri leantuinn.)
.A J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac’
agus Sigars.
SIDNI, C. B.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Suathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr.
[Vol . 1. No. 13. p. 4]
ANNA BHOIDHEACH.
(Annie Laurie)
Tha bruachan Mhacsuel aluinn,
Mu’n laidh gu trath an driuchd;
’S an sin thug Anna bhoidheach
An gealladh dhomhs’ nach muth;
An gealladh dhomhs’ nach muth;
Air chuimhne bidh mar bha;
’S arison Anna bhoidhich, fhinealt’
Gu’n rachinn fhin gu bas.
Mar shneachd’ tha ’mala mhalda,
Mar eal’ a bradhad fionn;
’S a h-aghaidh ’s i a’s briagha
Air ’n d’ sheall a ghrian bho thus,
Air ’n d’ sheall a ghrian bho thus,
’S a suil tha dubhghorm tlath;
’S arison Anna bhoidhich, fhinealt’
Gu’n rachinn fhin gu bas.
Mar dhriuchd a tigh’nn air neoinean
Tha tearnadh foil a ceum;
’S mar osnaich caoin ghaoth shamhruidh
Tha binn ghuth m’ annsachd seimh;
Tha binn ghuth m’ annsachd seimh;
’Se ’n saogh’l gu leir dhomh ’gradh;
’S airson Anna bhoidhich fhinealt’
Gu’n rachainn fhin gu bas.
A. McL. S.
Tha moran dhe na Mormons a fagail nan Staitean ’sa tighinn gu Canada. Chuir iad, o chionn ghoirid, da theachdire gu Ottawa ag iarridh gu ’n leigeadh an luchd-riaghlaidh leo deich mile caora thoirt as na Staitean gu Canada, gun cis a phaigheadh orra, ach cha d’fhuair iad eisdeachd coir idir. Cha’n eil anut’ ach daoine air nach bi meas a’s fhiach ge b’e aite ’n teid iad, daoine nach ruigeadh a leas an duthaich ann sam bheil iad fhagail nam biodh iad a caitheamh am beatha a reir lagh na duthcha sin, agus air an aobhar sin cha choir fabhar air bith a dheanamh riu na’s mo na dheanta ri sluagh eile.
Chaidh dithis dhaoine bhathadh aig Tracadie Cross an Eillean Phrionns Iomhair Di-haoine so chaidh, Stephen Domhnullach us Ioseph Caimbeul. Bha e mu dhol fodha na greine ’s bha na h-iasgairean a tigh’nn a stigh bharr na mara. Bha’n dithis daoine so ann am bata maille ri fear eile da ’m b’ainm Paul. Bha a mhuir gle gharbh aig an am agus chaidh am bata thairis. Lean Paul ris a bhata fad da uair mun d’ranig cuideachadh e, ach chaidh a chompanich a bhathadh. Bha daoine muigh fad an la Di-sathairne ag iarridh nan corp ach cha d’fhuaireadh iad. Bha iad nan daoin, onarach, direach, air an robh fior mhios aig an coimhearsnich.
Aig Laualtrie, an Cuibec, loisgeadh da nighean bheag gu bas Di-luain so chaidh. Bha iad a togail teine agus dhoirt iad olla air gus a ghreasad. Ghreimich an teine orra ’s cha robh iad beo ach da uair.
BARGAIN.
B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.
Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh.
Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Nuair a thig thu cheannach uainn innis gu’n faca tu so ’sa Mhac-Talla.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm, ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUGH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES;
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 13 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 13. %p |
parent text | Volume 1 |