[Vol . 1. No. 14. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I.SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 27, 1892. No . 14.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


E . T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
H . HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Bha eaglais ur chleireachail air a fosgladh aig Milton anCow BayDi-sathairne so chaidh.

Tha Priomhair Fielding a fagail Lunnainns a tighinn dhachaidh gu Nobha Scotia toiseach an ath mhios.

Tha e air aithris gur h-e Iarla Abaraidhean a bhios na Ard-Riaghladair air Canada an deigh Morair Stanley.

Sgaoil Parlamaid Bhreatuinn air an t-sheachdain so chaidh. Bidh i cruinn a rithist air a cheathramh la de dhOctober.

Tha duil aig tuathanich Mhanitoba ri fiach fichead dolair de chruithneachd a thoirt bhar gach acaire fearainn a thaca fo bharr.

Tha na h-Eirionnich ann an Toronto dol a thoirt altachadh-beatha do Edward Blakenuair a ruigeas em baile sinn air a thilleadh a Eirinn.

Tha muinntir Lunninn, ’s na Roinn-Eorpa gu leir, a gearain air an teas. Tha moran air am bualadh leis a ghrein agus a basachadh. Bha an samhradh a chaidh seachad gle fhuarraidh, gu h-araidh ann an Lunninn.

Tha Feill an Eilein ri bhi aig Mabou air a 4mh an 5mhsan 6mh latha de dhOctober. Cha robh feill air an eilean on bha aon aig Mabou an October, 1889. ’Se Mabou mar sin an aon aitetha feuchinn ri deagh ainm Cheap Breatuinn a chumail suas sna bliadhnichean so.

Di-sathuirne so chaidh leag Harrison, ceann-suidhe nan Staitean, cis air soithichean le Canada a bhios a dol troimh roidean-uisge a bhuineas do na Staitean. Dheanadh so cron air mallairt Chanada nam biodh e air tighinn toiseach an t-samhridh, ach cho anamoch sosan fhoghar chan fhuiling sinn moran air a thaileabh. Bidhn taghadh seachad ann sna Staitean mun tig toiseach an t-samhridhs cha bhi, ’nuair sin, reusan sam bith aig Harrison air bhi nochdadh naimhdeas do Chanada.

Rinn stoirm thairneanach us dhealanach milleadh mor an Eilean a Priunnsa air an t-sheachduin so chaidh.

Chan eil cuid de mheinean guail an eilean so a cuir a mach uiread guail air an t-samhradh sosa babhaist daibh. Tha iad laithean a bhios iad nan tamh, ach aig amannan eile bi an leor aca ri dheanamh.

Dheug fear Deorsa Dillon ann am Montreal air an t-sheachduin so chaidh. Beagan an deigh a bhais thainig da bhantraich gus curam a ghabhail dechorp. Bha an dithis posd aiges cha robh fhios aig te seach te gu robh bean eilaige gusna thachair iad air a cheile aig an am so.

Than cholera a sior sgaoileadh ann a Ruisia agus tha na rioghachdan nun cuairt di a gabhail an eagail. Tha tri no ceithir dhe na coimhearsnich is fhaisg oirre an deigh am puirt a dhunadh air a cuid shoithichean, ’s chan eile teagamh nach dean duthchannan eilen ni ceudna. ’Se so an aon doigh air an gabh stad a chuir air a phlaigh.

Thainig nighean og a mhuinntir Phictou, a bha mach an iar fad iomadh bliadhna dhachaidh o chionn ghoirid, agus fhuair i eolas air seann duine a ghabh meas mor oirrecheud uair a chunnaic e i. Rinn iad suas ri cheile, agus am beagan uine phos iad. Chan eil ise ach sia bliadhna fichead a dhaois, ’s tha esan ceithir fichead, ach ged a tha, ’s fhiach e ceithir fichead mile dolair.

Tha cuirt an Fhearainn ann sa Ghaidhealtachd a toirt fuasgladh mor do na croitearan. Air eilean Leodhais bham mal bliadhnail suas ri sia ceud, punnd Sasunnach. Thug a chuirt so a nuas gu ceithir cheud punnd sa bhliadhna. Bha suas ri coig mile punnd de dhainbhfhiach air na croitearan a tha air fearann Ban-tighearna Nic-Mhathain. Dhorduich a chuirt gun biodh aona ceud deug punnd dhe so air a phaidheadh, agus mhath iad an corr dhaibh. Tha iad ri so anns gach cearna den Ghaidhealtachd. ’S en ath ni bu choir dhaibh a dheanamh tuilleadh fearainn a thoirt don t-sluaghs mar sin comas a thoirt daibh air am beolaind dheanamh.



[54]

[Vol . 1. No. 14. p. 2]

MAC-TALLA.

Bidh MAC-TALLA air a chuir a mach uairsan t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sentsa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.

Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aitem bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhen t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhen phaipeir.

Seolaibh gach litirus eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, OGUST 27, 1892.

Ann an ait eile gheibhear litir bheag sgiobalta bhoStrath Albaann sam bheil e toirt cunntas air nithean a tha tachairt an Eilean a Phriunnsa. Bidh sinn ro thoilichte cluinntinn uaithe rithist, no bho neach sam bith eile aig am bheil naidheachdan is fhiach rin innse.

Nuair a thainig a chead aireamh dhen MHAC TALLA mach, cha robh aginn ach gann ceud gabhaltiche. Ach thoisich iad air tighinn a stigh gun dail agus an diugh tha aginn gle fhaisg air coig ceud. Ma leanas iad air tighinn a stigh mar so, cha bhin uine ro fhada gus an teid aginn air am paipear a mheudachadh.

Tha sinn a cuir a MHAC TALLA gu moran nach do chuir an t-airgiod thugainn fhathast, agus gu beagan nach do chuir thugainn uireads an ainm. Tha sinn a deanamh so an earbsa gun dean iad an dleasanas sin uair no uaireigin. ’Nuair a chuirear paipear mar so gu neach air bidh, mur eil toil aigeghabhails coir da a chuir air ais gun dail sam bith, neo a phaigheadh. Tha sinn an dochas gun dean iadsan a tha gabhail a MHAC-TALLA an dleasanas mar Ghaidhil agus gun dean iad nas urrinn daibh gu cuideachadh leinn. Tha sinn taingeil dhaibh-san a rinn cuideachadh leinn cheana, agus tha sinn cinnteach gu lean iad air an deagh obair.


Oidhche Diar-daoin, air an t-sheachduin so chaidh mharbh an dealanach tri eich us searrach le Aonghas Caimbeul air Beinn-nan-Caimbeulach a mach a Hogamah. Bha na beathichean a muigh ri stoirm thairneanach agus sa mhadinn fhuaireadh iad mharbh taobh ri taobh. Bha each eile ann sa phairc, ach cha deirich dad dha.


BHOSTRATH ALBA.”

EILEAN A PHRIUNNSA,
Ogust 20mh la, 1992.

Failt ort a MHIC-TALLA! Tha am paipear a tighinn gach seachdain agus gu dearbhsebheatha.

Tha na tuathanich ann san aite so nan cabhaig ris a bhuain. Tha gach seorsa barra nas aotroma am bliadhna na bha en uiridh, gu h-araidh na bhair a chur tra san earrach. Tha aimsir gle fhliuch aginn o chionn beagan sheachduinean.

Air oidhche Di-ciaduin so chaidh, bha stoirm thairneanach aginn a rinn moran ealla. Chaidh a dha thar fhichead eadar thaighean agus shaibhlean a leagadh leis a stoirm an ceann an iar an eilein. Chaidh taigh agus sabhal a losgadh, agus taigh eile bhristeadh leis an dealanach. Tha aon duine marbh a chaidh a dhoch ann an aon de na taighean a leagadh, ’s tha neach eile gun duil ris. Tha duineilebhuail an dealanach, bothar us balbh on bhualadh e. Chaidh leanabh a mharbhadh an tigh eile agus athairsa mhathair a dhochann. Chan eil cunntas air call cho mor a bhi air a dheanamh le gaoth us dealanach air an eilean so o chionn iomadh bliadhna.

STRATH Alba.


A PENTANGUISHENE.

A MHIC-TALLA mo chridhe! Tha mi air mo thoirt air mais least gu laithean moige, gu teanga mo mhathar, ’s gu tir mo ghraidh far na rugadhsa thogadh mi. Agus gu cinnteach tha mi ro thoilichte gu bheil meas ort bho cheann gu ceann den Mhor-Roinn so, eadhon gu California, Stait na h-airde niar. Tha na naigheachdan laitheil agad taitneach rin leubhadh a leigeil ris gu bheil iad air an tionail le curam. Agus naidheachd nam Figheadairean cho fada so, fhuair sinn da rireadh ait. Tha eagal orm gun dean an curachd dearg barrachd dragh na rinn na teangannan. Co dhiu ma bhios sinn beo, chi sinn.

S neonach an t-eadar-theangachadh a thug Domhul Mac Earais dhuit air Pentanguishene— ‘Baile-nan Gaduichean.’ Ann sa bhaile sin tha tigh ath-leasachidh airson gillean ogatha bristeadh lagh na duthcha, a mhor-chuid diunam gaduichaan. Aguss e dreuchd Dhomhnuil fhein a bhigan teagasgsa feuchain rin ath leasachadh. Tha e aig an obair so a nis dluth air dusan bliadhna, ’s cha chreid mi nach cuir e aonta ris an t sean-fhacal,— “Chan e gogadh nan ceann a nin t-iomradh.”

IAIN AN FHRAOICH


Chaidh Seumas agus Roy dithis ghillean beaga leis an Urr. J. E. Howell, a bhathadh aig Goderich, Ontario. Thuit am fear a boige mach a batas leum a bhrathir as a dheigh.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR!


THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.

A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .

Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.


SANAIS.

Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h uilc
Dheoghladh bhur cuid,
San teanganam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh

TIGH ACADIA.



[55]

[Vol . 1. No. 14. p. 3]

NA CURRAICEAN-OIDHCHE.

EADAR. LE MAC-MHARCUIS

Biodh sin mar sin,” arsa Eoghan, “ach bha am pronnadh ud searbh.”

Ceol a bu bhinnechuala mi riabh,” arsise.

Theagamh gur e,” arsesanach tha eagal orm gur ann oirine thig paigheadh aphiobaire. Bheir iad gu lagh sinn.”

Deanadh iad sin ma thoilicheas iad. Chaneil lagh no ceartas anns an duthaich ma bhuidhinneas iad.

Cha robh an amharusan gun aobhar, oir air feasgar an ath latha co thaing orras iad gu seasgairn an suidhe mun chagailt, ach maor a dhfhag da shumanadh aca gu cuirt a sheasamh air beulaobh an t-Siorraim, an da chuid air son gun do bhuails gun do mhill iad Iain Mac-Aindrea agus a bheann an tigh fein, agus mar an ceudna, atagar luach na chaidh a bhristeadh de shoithicheancorr agus coig puinnd Shasunnach.

Sin agad a nis!” arsa Eoghan an uair a leugh e na paipearan. “Is i mo bharail gum faigh sinn ar leoir dheth nis, a Mhor, Is e so amharus a bha orm. Ach coma co-dhiubh seasaidh sinn air cuis gu duineil; bheir sinn doibh greim ruighinn richagnadh.”

Seasaidh sinn ar cuis,” arsa Mor, “mo riar gun seas, agus theagamh gun dean sinn tuileadhs sin. Chan eil fhiosam nach dean sinn tuilleadhs seasamh, buailidh sinn orra gu foghainteachs bheir sinn orra an rathadfhagail.”

Sin agad a nis, a Mhor, far am bheil thunochdadh daineolais air an lagh.”

Lagh ann no as,” fhreagair Mor, “tha fhios agam ciod e ceartas agus tuigse, agus foghnaidh sin domh. Agus ceartas bidh agam,” arsises ibualadh a duirn air a bois, “ma bheir meud an sporain no cruas non doin a mach e.”

Moch air madainn latha na cuirte thog iad orras a stigh ghabh iad gun athadh gun sgath do thalla amhoid. ’Co bhan sin air thoiseach orra ach Iain Mac-Aindrea agus a bhean. Sheall na cailleachan gu colgach air a cheile, ’s shuidh iad a dh-fheitheamh an t-Siorraim. Lamh ri Nic Aindrea bha udabac mor de rud nach robh e furasda do na bhas a chuirt a bhreathnachadh ciod a bhann; ach bhi deadh bheachd aig Nic-Cailein ciod a bu chiall da. Be sin cliabh mor. Ciod a thagaibh air no dheth, ach gun do shlaod i leatha an cliath loma lan do na soithichean briste, ann an cairt a h-uile ceum don chuirt, acur roimhpe a thilgeil fosgailte an lathair abhreithimh a leigeil fhaicinn nach bu chall faoin a thug an sin i.

An uair a thainig an Siorrams a chaidh achuirt a shuidheachadh, ghairmeadh a mach gu cruaidh ainm Iain Mhic-Aindrea agus a mhna, ’s a suas steoc iad agus ghabh iad an aite fa chomhair abhreithimh. A cheart cho staiteil chaidh Mac Cailein agus a cheile fein a suasn uair chaidh an ainmeannan a ghlaodhaich agus sheas iadsan mar an ceudna beagan thun an darna taobh. Chaidh iarriadh air Nic-Aindrea a cuis a chur an ceill, ’s cha dfheith i an darna cuireadh. Thoisich i mar so;—

Fhaic sibh, a bhreithimh uasail, so agaibh mar thachair an gnothachagus tha mi atoirt dulain dise ann asin.” (thug i suil aingidh air Nic-Cailein) “tha mi a toirt dulain di facal dhethaicheadh ged tha milan chreidsinn gun deanadh i e nam burrainn di.”

Mo bhoirionnach math,” arsan Siorroms e faicinn gun robh shaod air a teangaidh ruith momhas bras, “am bi thu cho math agus cumail an sealladh air do sgeulinnis dhuinn direach gu h-aithaiseach, firinneach ciod a thachair, ’s gun ni tuille.

Ni mi sin, fhaic sibh, ma ta, so mar thachair.

Chaidh i an sin air a h-aghaidhs chuir i an ceill gu h-ordail gach ni, Cha dthuirt i smid mu na curraicean-oidhche, ach chur i coire na h-aimhreit gu leir air an trinnseir. A nis ghabh Nic Cailein beachd air so, agus chuir i riomhpe, ciod sa bith mar thachradh, gun deanadh ise abhuil a bfhearr de na curraicean-oidhchegun leigeadh i ris don t-saoghal, mar shaoil i fein, uabhar agus ceilg Nic-Aindrea.

An uair a sguir Nic-Aindrea chaidh an sin gairm air an dithist eile an taobh fein dan chuisaithris. Chaidh an da chuid Eoghan agus Mor air an aghaidh, mar gum biodh iad le cheile dol a labhairt aig an aon am. Agus is ann mar sin direach a bha. Trath dhiarradh orra labhairt

Fhaic sibh,” arsa Eoghan; agus

Fhaic sibh,” aig acheart am arsa Mor-

Nis, nis,” thuirt an Siorram,” aon mu seach mas e ur toil e.

Air ah-uile cor,” arsa Eoghan, “seas a thaobh, a bean, ’s an innis mise achuis don chuirt.

Cha dean thu ni da leithid, Eoghan,” arsa Mor, ’s i aig acheart aim abeirsinn air ghuallainn airsg a chur air ais.

Cho luaths fhuair i mar so an fhaiche dhi fein, thoisich i is dhinnis i gu riochdail gach ni bho thoiseach gu deireadhmu na curraiceean-oidhches gu leir; ach acur an sgeoil air a leithid de dhoighs gum measadh daoine gun robh a cuid fein da ri chuis gu tur saor o dhroch runs o gach sion dan gabhadh coire faighinn; agus nach daobharaich ni sam bith an aimhreit agus am bristeadh eagalach a thachairn a lorg, achstraic, as eud, as uabharNic-Aindrea i fhein. Am feadhs a bha i ris an aithris so cha mhor nach do sgain na bhas achuirt agaireachdaich, agus is gann a burrainn don bhreitheamh cumail air gun bhristeadh a mach leotha.

Bha buaidh gu tur eadar dhealaichte bho so aig aghnothach air da fhear posda nan cailleach. Lan ioghnaidh, naire, agus rugha-gruaidh aig a leithid de thaisbeanadh tamailteach air mar a bha iad gun fhios doibh fein, air an deanamhn am buill-mhagaidh an lathair an t-saoghail sheap iad le cheilemach as achuirt, ’s dhfhag lad na cailleachan a chur crich aia a chuis mar bfhearr a burrainn doibh. Ciamar a chaidh dhaibh chan fhios duinn; so mar chriochnaich ar sgeul mu fharpais nan curraiceanoidhcde.

An Gaidheal, 1874.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac
agus Sigars.
SIDNI, C. B.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar as ail leat. Than ad as saoire gle mhath, ach sin ad as daoires fhearr.



[56]

[Vol . 1. No. 14. p. 4]

CUAIRT DO EILEAN ACHEO,

LE N. MACLEOID.

Aon turas eile tha mo chas
Air Eilean gorm acheo,
Tha bheanntan ards a chluainaibh glas
Gun chaochladh air an gloir;
Le fhuarain fhionnar, chuisleach, bhras,
Is cubhraidh blas rin ol,
S na miltean blath fodhriuchd nam fras
Alasadh feadh an fheoir.

Do chreagan corrach, gruamach, liath,
Mun iath an cros aghaoth
Tham bunait socraichte bho chian,
Nach crion gu brath le aois,
Mar challaid bhuainsn am balla dion,
Mu dghleannain ghrianach chaoin
A dhaltram anns gach linn a thriall
Gu gaisgeil siol nan laoch.

Mar bhruadar faoin air sgiath na gaoith
Nach till air ais gu brath,
Tha spiorad tiamhaidhtoirt gu mchuimhn
Na cairdean grinn a bha;
Na laithean sonais agus sith
Bha agam fhins aig cach,
Cho aotrom saor ri feidh nam frith,
Asiubhal ghlinnus charn.

Bha maduinn moige subhach blath,
Fosgail do stucan cas;
Gu h-aoibhneach eadar beinnus traigh,
S air sailnan stuaidhean glas;
Ach beiginn falbh a tir mo ghraidh,
Gu sraidean lom nan clach,
Tha dachaidh moige falamh fas,
S dhfhag sin car fuar mo theachd.

Achs caochlaideach an uine ghearr
A dhfhagar sinn fon ghrein,
Bha sin mar chuibhrionn aig gach al
A bha no thign ar deigh;
Iad uilan toir air tir is fhearr,
S air sonas ard nach treig,
Ag iarriadh meala bho gach blath,
Us slainte do gach creuchd.

Na caochlaidhean a dhfhaodas teachd
Le aiteas no le bron,
Chan fhuaraich iad gu brath mo thlachd
Don tir a chleachd mi og:
Gach doire, cuartagagus glac,
S an dfhuair min toiseach treoir,
Tha durachd blath mo chridhe steach
An Eilean gorm acheo.


Chaochail bean dam bainm Ruth Rudolph aig Windsor, N. S., o chionn ghoirid. Rugadh, thogadh, phos, agus dheug i ann san aon tigh. Bha i ceithir fichead bliadhnasa h-aon deug a dhaois aig am a bais.

Dheug Iain Fielding aig Kentville, N. S., air an 18mh la. Bha e ceud bliadhna sa h-aon a dhaois. Bha e dall o chionn seachd bliadhna.


BARGAIN.

Bfhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duinag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh as fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.

Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh.

Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.

Nuair a thig thu cheannach uainn innis gun faca tu sosa Mhac-Talla.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm, ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.


LEUGH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh

D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.


Taghail aig Stor

MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 14
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 14. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page