[Vol . 1. No. 15. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I.SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 3, 1892. No. 15.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
E . T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
AN COGADH RUISEANACH.
ORAN, LE ALASDAIR MAC- ’ILLE-MHAOIL.
’S an cuala sibhse mar a thachair
Do na gaisgich anns a chruadail,
Aig Sebastapol a chaisteil
’Sann a thachair la an umhais.
’S iomadh fear a ruisg a laslann;
’S e ga tarruing bha smear chruaidhe;
Is bu bheag an deidh do’n Impair,
’So do na milltean ’chuir e uaithe.
Is ann sa mhaduinn Di-domhnich,
’Shin a chomhstri s gum bu chruaidh i:
’Sgur iomadh mile chaidh a leonadh
Nach d’thainig beo as an tuasaid.
Ged bha ceathrar air aon aon fhir
Air an raon ri aghaidh bualaidh
Sheas na Bhreatunnaich an t-arach
Mar a b’abhaist ri uchd cruadail,
’Sann tre chealgaireachd ’s tre bhagradh
Shin am baiteal ’sgum bu dian e
Ghealladh or dha na bhiodh beo
Is saoibhreas glormhor mur a pill iad.
’S barail leinn gur mor am peacadh
Rinneadh air an t-sluagh da rireadh
’S cinnteach mi gur cruaidh an acaid
Pilltinn dhachigh ’siad air striochdadh.
Sud an fheadhainn a bha smearail,
’Sa bha ealant anns an lamhaich;
’S iad gan sgathadh ris an talamh
Mheud ’sa dh fhan dhiu air an laraich.
Sgur iomadh mile dhiubh a thuit,
Anns a chumasg ’s an robh ’n t-uamhas
Amhuinn Chrim’ air fiamh na fala
’S i cur thairis air a bruachan.
’S thainig na h-eich chruitheach ghlasa
Thun a bhaiteil ’siad nan deann-ruth,
Sa marcaichean sunntach laidir
Nach gabhadh sgath bho ’n naimhdean.
’S iad nan duin air aghaidh bheanntaibh
’S ruthadh leis na gleanntaibh casa,
’S cinnteach mi gun d’rinn iad bearna
S rioghachd Shatain ’chur fo ’n casibh
’S thainig an sin air an culthaobh
Reiseamaid dhumail do Ghaidheil,
An ceithir fichead ’sa tri deug sin
A bha riamh an cois nam blaraibh.
Bhuinneadh iadsan do’n Bhan Iarla
Seanachas fior a tha ni ’gratinn.
’S gur iomadh Ruiseanach liathghlas
’S toll traimh chliabh bha ’m Balaclava.
Saoghal fada do na Bhanrighnn
’S do na staiteachean mun cuairt dhi
’S do gach oifigeach bu treine
A rinn fhum ri uchd a chruadail.
’S do gach saighdear laidir dileas,
Nach do phill ro mheud na luaidhe;
A choisinn urram do an righeachd,
Ged a fhuair sibh stri gam bualadh.
Buaidh a chlaidheamh dhuit a Shasuinn
Anns gach baitel anns an teid thu,
Maille ris na fearaibh tapaidh
Thig a Albuinn is a Eirinn.
Cha dean sinn di-chumhn’ air an Fhrangach
Anns an aimhreit rinn leibh eiridh,
Bha bratach shioda is srann aice
Ri a crann gun mheang do’n t-seudar.
Buaidh na marra dhuit a Bhreatuinn
’S gun robh freasdal fein gad chomhnadh
’N am bhi bombardadh a bhaile
Bhiodh do channain anns a chromhrag,
Cha bu dual dhuit dol am falach
Ged a theanainsa ri raitinn
Cumaidh darach naine Breatuinn
Ris na thig a deas bho’n Asia.
Cuim nach labbhrainn air Sir Cailean
Fiuran fearail a dh’fhas uasal,
A ghineadh bho’n an treubh bu rioghail
A bha n Ille glas nam fuaran
Bha thu ’n dail am fabhar Bhreatuinn
’S tu ga seasamh anns gach cruadal
’S dhearbh thu dhoibh gun robh thu dileas
Nuar a chaidh an tir a bhualadh.
’S ged bu laidir cruaidh an daighneach
Bh’anns a cheann sin aig an Iompair
Cheannsich Breatuinn mhor ’san Fhraing e.
Dhaindeoin gamhlas luchd am mirainn.
’N am bhi direudh na parapait
’S iomadh fear a thuit gu h iosal
’S peileirean bho bheul nan canan
Tigh’nn nan deanamh ’s cha do phil sibh.
’S ge be co a tha fodh’n bhrataich
Le cuid stiallan breaca ’n ordugh,
Le dath dearg air fiamh na fala
Mar ri suaicheantais na leoghainn.
Bithibh dileas do an rioghachd,
’S do an tir am bheil ar comhnuidh.
’S na biodh reubaldach a chi sibh
Gun a chur a dhith le cocraich
’S thig an t-sith mun cuairt a dh’aith ghearr
’S cha bhi dortadh fala buailteach
’S gun teid ceangal ’chur air Satan
Agus cairear anns an uaigh e.
Sgaoilidh fireantachd a Bhiobuill
Anns na rioghachdan mun cuairt dhuinn;
’S cha bhi n Sultan mar a b-abhaist
’S gheibh Mahomed bas an uair sin.
’S ged tha mo chiabhagan air glasadh
Agus m’astar air fas slaodach,
Dhuirichdinn a bhi sa bhaiteal
Ged a ghiorraichte mo shaoghal.
Bhuailinn seachd le faobhar Shassuinn
Mar bu chleachdte le mo dhaoine;
’S nan tachradh dhomh gun tiginn dhachigh
Gheibhte ’n eachdraidh aig Mac Mhaoilean.
[Vol . 1. No. 15. p. 2]
MAC-TALLA.
Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.
Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir.
Seolaibh gach litir ’us eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 3, 1892.
Tha moran de Frangich Chanada a bha o chionn iomadh bliadhna ’sna Staitean, a tilleadh dhachidh. Ranig aireamh dhiu Montreal air an t sheachduin s’a chaidh, agus tha tuilleadh ri tighinn. Tha iad ag radh nach eil e comasach dhaibh airgiod a dheanamh ann sna Staitean, agus gu bheil iad a dol a thighinn da’n duthich fhein a dh’ fheuchinn ri’m beolaind a dheanamh air an tuathanachas. Air leinn nach bi ’n uine ro fhada gus an dean muinntir an eilein so ’s nan duthchan an mun cuairt an ni ceudna. Tha e doirbh a thoirt a chreidsinn air moran gur fhearr dhaibh tamh aig an tigh agus an cuid fearinn oibreachadh, na bhi falbh bho dhuthich gu duthich feuch c’aite ’n airde ’n tuarasdal. Tha e na leasan fior dhoirbh leo ri ionnsachadh, ach mar is luaithe dh’ionnsicheas oigridh na duthcha so e, ’s ann is fhearr dhaibh fein ’s da’n tir da ’m buin iad.
Tha pris an airgid air tuiteam ann sna Staitean agus an duigh chan fhiach na tha de dh’airgiod ann an dolar Geangach ach tri fichead sent ’s a coig. Cho fada so tha dolar airgid ann sna Staitean cho math ri dolar oir, ach nuair a tha pris an airgid cho iosal chan urrinn nach tuit pris an dolar luath no mall. Ann an Canada chan fhaighear air dolar airgid Geangach ach ceithir fichead sent ’s tha sin coig sentichean deug tuilleadh ’sa choir. Nuair a thig pris an dolar airgid cho iosal ri fhiach, caillidh gach aon aig am bi dolar coig sentichean deug. A thuilleadh air buinn airgd, tha bannan airgid aca, se sin Notichean paipeir a tha ri ’m paigheadh le airgiod nuair a thilleas iad gu ionmhas nan Staitean, Tha sinn ann an Canada a gabhail iad sin mar gum biodh iad cho math ris an or, ged tha deagh fhios aginn nach fhada gus am bi pris gach dolar dhiu sin sios gu beagan sa leth. Tha mu choig muillean dolair dhe’n t-seorsa so ann an Canada aig am so, agus ma thuiteas a phris, caillidh muinntir Chanada suas ri da mhuillean. Tha’n t-am aig an luchd riaghlaidh ullachadh a dheanamh air aon an droch latha sin a tha cinnteach ri tighinn, ’s areir barail moran nach eil ro fhad air falbh.
UAMHAGAN A’ BHUN-TATA, NO NA DAOLAGAN STRIAMACH.
Tha na meanbh-bhiastagan graineil so air fas lionmhor anns an duthaich agus tha iad a’ milleadh a’ Bhun-tata, a’ deasamh mor chall air na raointibh anns am bheil iad air an cur. Tha e air a radh gun do tharmaich iad so an toiseach anns an tir sin ris an abrar “Ciul-Ruada” (Colorado), agus bho’n aite sin gum bheil iad air bhi triall an ear, aig ruith ceithir fichead mile sa’ bhliadha, agus gu dearbh bu taitneach an ni e nan gabhadh iad air an aghaidh rompa a’ sior-dhol an ear gus an rachadh iad a mach air a’ chuan mhor Atlasach, far am biodh iad uile air am bathadh. Cha bhiodh duine air bith ’gan ionndrainn no bronach as an deigh. Ach is ann a dheanadh na tuathanaich uile gairdeachas nan cluinneadh iad gun deachaidh iad fodha sa’ mhuir. A thaobh an aite as an d’thainig iad air tus theirear na Daolan Ruadathach riutha mar ainm, agus is freagarrach an t-ainm dhoibh e, oir an uair a tha iad ’nan uamhagan tha iad ruadh ann an dath, gle choltach ri uamhagan nan caorach ’s nan uan. Is ann nuair a tha iad aig an inbhe so a ni iad call air a’ Bhun-tata le bhi ag itheadh nan duilleagan uaine. Ann an ceann uine araid gheibh iad sgiathan sligneach, striamach, buidhe agus dubh-ghhlas, striam mu seach buidhe agus glas. Beiridh iad sin uibhean ’nam miltibh a thig beo le teas na greine gu bhi ’nan uamhagan ruadha ag itheadh duilleagan a’ Bhun-tata. A thuilleadh air na sgiathan sligneach, tha sgiathan srolach aig na Daolan ruadha cho tana, min, ri sioda, agus a chionn gu bheil da phaidhir sgiathan mar so aig gach Daol, tha iad a’ sgiathalaich bho aite gu aite. Ach b’fhearr gun d’fhuaras a mach culaidh-sgrios eifeachdach gu cur us doibh.
D. B. B.
AS AN OBAN.
Oban, C. B., Ougust 31mh. 1892.
FHIR-DHEASACHIDH: —Tha mi gle thoilichte gu bheil a’ MAC-TALLA a tighinn air cheilidh orm gach feasgar Di-mairt agus cha bhi orm ach droch ghean mur tig e. Tha e na ni tlachdmhor gu bheil na gabhailtichean a dol an lionmhoireachd agus tha mi’n dochas gu’m bi a dha uiread agaibh aig ceann na bliadhna. Bu choir do Ghaeil Chanada a’ MAC-TALLA—an aon paiper Gailig a th’aca—a dheanamh ’na phaiper cho math ’sa gheibheiran aite sam bith. Bu choir do dhuine sam bith a leughas Ghaidhlig am paiper fhaotainn agus gu cinnteach cha bhi e duilich air a shon.
MAC NEACAIL.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a’ dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR!
THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .
Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.
SANAIS.
Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h uilc
Dheoghladh bhur cuid,
’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh
TIGH ACADIA.
[Vol . 1. No. 15. p. 3]
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Chuir Sidni Mines mu choig ceud dolair gu St. John’s.
Rinn stoirm thairneanach milleadh mor air meacan an ceann a deas Shasuinn.
Chaochail Deodora da Fonseca, a bha uair na Chean-suidhe air Brasil, air a 28mh la de dh’ Ogust.
Thanig coig mile deug da luchd-imrich thar chuain gu Manitoba re nan seachd miosan a chaidh seachad.
Fhuaireadh Seumas Anderson, duine beairteach a bha na thuathanach ’s na ghruideir, air a losgadh gu bas na shabhal fein aig Barrie, Ontario.
Bha uisge fuar min a sileadh an Dakota fad da la air an t-sheachduin so agus rinn e milleadh mor air a chruithneachd, gu h-aridh air a chuid a bha air a ghearradh,
Tha muinntir St. John’s an deigh seachd fichead mile dolair de dh’ airgrod fhaotainn bho ’n chaidh am baile na theine, a thuilleadh air gach seorsa bathair agus fiiodh.
Tha coig duine fichead am Montreal a’s fhiach bho mhuillean dolair am fear gu coig muillean thar fhichead, agus da fhichead a’s fhiach bho leth muillean gu naoi ceud mile.
Bha side gle fhuar ann am Manitoba oidhche no dha air an t-sheachduin so, ach cha d’rinn an reothadh cron sam bith air a bharr. Tha chuid is mo dhe’n chruithneachd air a bhuain.
Bha fear Seumas Hughes a mhuinntir Charlottetown a coiseachd na chadal ann an tigh an Ottawa agus thuit e mach air uinneig. Ghoirbicheadh e cho dona ’s gun robh e marbh madainn Di-mairt so ’chaidh.
O chionn bliadhna no dha bha luchd leubhaidh nam paipeiran gle eolach air ainm Sine Doyle. Bha i fhein agus Uileam Preeper air an cur a sas air son murt a fir. Tha Preeper anns an tigh-oibreach, ’s bithidh r’a bheo ach leigeadh Sine ma sgaoil ged is e barail gach aon gu robh i na bu chiontiche na Preeper. Tha i fein an drasd ag aideachadh gu’n do thilg i a fear le tuiteamas. Beagan an deigh dhi a cead fhaotinn bho’n lagh, phos i fear da’m b’ainm Chapman a Dartmouth nach robh ach ochd bliadhna deug a dh’aois. Dh’fhas iad coma dhe cheile an uine ghoirid ’s chaidh esan dhachidh gu tigh athair. O chionn seachduin no dha phos i fear eile, Byng. Chuir luchd ceartais mu dheibhinn greim a dheanamh oirre, ach air doigh-eigin thar as an lamhan. Tha i nis ann sna Staitean far am faod i dubhlan a thoirt do lagh Chanada.
Chaidh fear Ioseph Gwyn a bhathadh ann san Acarsaid-a- Tuath, seachduin roimh ’n Di-luain s’a chaidh. Bha e fhein ’s a mhac air an turus a dol dhachidh ’nuair a chaidh am bata thairis. Bha an duin’ og na dheagh shnamhiche agus fhuair e gu tir.
Tha dithis dhaoine mhuinntir Springhill, Padruig us Uilleam Mac Mhaoilean, sa phriosan air aon a bhi cur nithean air an rathad-iaruinn gus na carbadan a bhristeadh. Tha fianuisean laidir ’nan aghaidh ’s chan eil teagamh nach faigh iad beagan bhliadhnichean san tigh-oibreach.
Thuit duine agus each sios da fhichead troigh ’sa coig ann am meim ghuail faisg airNew Glasgow, oidhche Di-sathuirne s’a chaidh. Ged is iongatach e ri innseadh cha do ghoirticheadh aon chuid an duine no ’m beathach, ’s bha iad an ceann la no dha cho mathsa bha iad roimhe.
Ri stoirm a bh’ ann an Eilean a Phriunnsa an oiche roimhe, bhual an dealanach gille beag le Aonghas Caimbal an Dundas, agus mharbhadh e. Chaidh an tigh a mhilleadh agus ghoirtichedh Mr. Caimbeul fhein. Thanig laigse air agus nuair a dhuisg e fhuair e a bhean ’na laidhe air an urlar ’s a h-aodach a gabhail teine.
Feasgar Diar-daoin s’a chaidh, thainig boirionnach ann an carbad gu dorus stor ann am Montreal. Cha robh stigh aig an am ach aon chleireach agus chaidh e thun a charbaid feuch de bha dhith air a bhana-choigreach. Thoisich i air a cheasnachadh a thaobh airgiod, agus chum i tri no ceithir mionaidean e. Nuair a chaidh e air ais fhuair e gu robh a h-uile sent airgid a bh’anns an tigh—mu shia mile dolair—air a thoirt air falbh.
Tha nighean og, Lizzie A. Borden aig cuirt ann a Fall River, Massachusets, air son murt a h-athair ’s a mathair. Chan eil fianuis sam biah na h-aghaidh a dhiteas i, ach tha ’n luchd-lagha ’ga cumail an greim air amhrus. Tha aon ni fada na h-aghaidh, ’se sin nach e ’n aon sgeul a tha i ’g innuse do na h uile neach; bi’dh aon seanchas aice ’n diugh, ’s seanchas eile ’m maireach. Bha ’n luchd-lagha ’n duil gu robh cuis laidir aca na h-aghaidh an toiseach ach tha moran dhe’n bharail a nis nach eil i ciontach idir.
Di-Luain s’a chaidh, dh’fhag a Bhanrigh eilean Wight air a turus gu Balmoral, sa Ghaidhelteachd. Loisg a h uile soitheach cogaidh a bha’m Portsmouth gunn’ ’ar fhichead ’g a failteachadh, ni nach d’rinneadh riabh o’n chaochail Prionns Albert. Bha bratichean a snamh ri gach crann ’s bha gach inneal-ciuil a seinn “Dhia gleidh a Bhan-righ.” Tha e na chleachdadh aig a Bhan-righ a bhi cur seachad greis dhe h-uine air a Ghaidhealtachd a h-uile samhradh. Air an turus so cha bhi duil aice tilleadh gu Lunninn gu ceann thri miosan.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac’
agus Sigars.
SIDNI, C. B.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr.
[Vol . 1. No. 15. p. 4]
SEAN-FHACAIL.
Ge fad an duan ruigear a cheann.
Is fhearr unnsa toinisg na punnd leom.
Far an laidh na fir ’s ann a dh’eireas iad.
Cha do chord dithis riabh a’ cur tein’ air.
Cha do mhill foighidin mhath duine riabh.
Is fhearr sguab am bliadhna na adag an uiridh.
Is fhearr caraid ’sa chuirt na crun ’sa sporan.
Cha danig ubh mor riabh bho’n dreathann-donn.
Ge dluth do dhuine ’chota, ’s dluithe dha a leine.
Ge b’e ’s miosa, ma ’s e ’s treise, bidh e’n uachdar.
Cha do sheid gaoth riabh nach robh an seol cuid-eigin.
Ceann mor us muinneal caol, aogas an droch ghamhna.
Gnothuch duine gun cheill, ’dol gu feill gun airgiod.
Ceannsaichidh a h-uile fear an droch bhean ach am fear aig am bi i.
Gille gun bhiadh gun tuarasdal, cha bhi e uair gun mhaighstir.
Ma ’s math leat do mholadh, faigh bas; ma ’s math leat do chaineadh, pos.
Is iomadh te ’bhios cearbach aig a bhaile, ’theid gu riomhach thun na feille.
Chan eil ann ach Iain us Donull: Donull cho math ri Iain, ’s Iain cho math ri Donull.
Ma chuireas tu do lamh am beul a mhadidh, feumaidh tu ’toirt as mar a dh’fhaodas tu.
Tha ’n Cholera a sgapadh ’s gach aite. Ann an Ruisia, ’san duthchannan na h-airde near tha i bualadh ’s a toirt bas nan ceudan gach latha, ’s tha i nis air leud a coise fhaotinn ann sa Ghearmailt ’s ann sa Fhraing. Tha beagan di eadhon am Breatuinn. Fhuair dithis no triuir bas faisg air Lunninn, ’s rinn na dotairean a mach gu’m b’ e ’n cholera a bh’orra. Dh’eug duine no dithis an Dundee, an Glaschu, agus an Liverpool leis a ghalair cheudna. Bu sheoladairean iad so uile no luchd-imrich a bha dol o’n Ghearmailt gu America. Tha ’n sluagh ann am Breatuinn a gearain nach eil an luchd dreuchd a deanamh na dh’fhaodas iad gus a phlaigh a chumail air falbh. Tha eagal air muinntir Chanada ’s nan Staitean gu’n dig i an taobh sa dhe’n chuan, ’s tha cuid de na dotairean am barail gu’n tig i thairis ameasg nan luchd-imrich Gearmailteach. ’S math an ni gu bheil an geamhradh a tighinn, oir cuiridh fuachd us reothadh stad oirre ’m beagan uine.
Fhuaireadh leth-cheud peilear gunna mor agus moran de bharillean ghunnacha caola air grunnd abhinn Detroit, o chionn ghoirid.
BARGAIN.
B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.
Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh.
Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Nuair a thig thu cheannach uainn innis gu’n faca tu so ’sa Mhac-Talla.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUGH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 15 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 15. %p |
parent text | Volume 1 |