[Vol . 1. No. 16. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 10, 1892. No. 16.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Tha muinntir Uin York a cur rompa nach leig iad leis a cholera ttgh’nn da’n bhaile mas urrinn daibh.
Chaidh corr us tri fichead mile ’s a ceithir deug ceann cruidh a chuir air falbh a Montreal bho thoiseach an t-samhridh.
Mharbhadh da each le Robert Stiubhart, tuathanach an siorramachd Cumberland, le puinnsean a chureadh air barr buntata airson nan daolagan.
Ranig an soitheach-smuid Moravia New York Di-mairt. Air a turus a Hamburg; dh’eug da dhuine fichead air bord ’s tha na dotairean ag radh gum b’ e meur dhe’n cholera a thug am bas.
Mu mheadhon oidhche Di-mairt s’a chaidh, bhuail an soitheach smuid Bhreatunnach Morra air creig aig an eilean Mhanach. Bha sia ceud duine air bord aig an am, ach fhuaireadh a h-uile aon dhiu a thoirt gu tir sabhailte.
Thanig sia mile deug de luchd-imrich gu Manitoba ’san Iar-thuath an uiridh agus gle fhaisg air aon mhile deug thar fhicdead am bliadhn. ’S a dh’aindeoin na tha dortadh ann gach bliadhna tha rum aig moran mhuilleanan ann fhathast.
Chuir fear Iain Howard, agus a bhean geall coig mile dolair gu’n coisicheadh iad bho Seattle, Washington, gu Chicago eadar an coigeamh la dhe’n Mhart ’s an deichimh la de September. Ranig iad Chicago sia latha deug roimh ’n am, ’s bha iad gu math giobach.
Aig Peperell, Mass, Di-haoine so chaidh, mharbh Uilleann Lively a bhean leis a pheileir, agus an sin dh’fheuch e ri cur as da fein. ’Se barail muinntir gu robh ise toirt achmhasan dha air son e bhi trom air an ol. B’ann a mhuinntir Nobha Scotia a bha Lively.
Bha Mr. Gladstone la o chionn ghoirid a coiseachd ’am pairc faisg air a dhachidh, nuair a thug atharla chrosda as a dheigh ’s leag i e. Fhuair e cothrom eirigh agus a dhol air cul craoibhe far nach fhaigheadh am beathach thuige. Fhuair e as gun dhochann sam bith. Chaidh an atharla ’mharbhadh.
Dh’fhag fear Iain Tait Montreal o chionn ghoirid ’s thug e na Staitean air. Dh fhag e na dheigh bean us sianar chloinne gun doigh ac’ air tigh’nn beo. Thug e leis air a thurus mile dolair de dh’airgiod muinntir eile, agus nighean bhoidheach Fhrangach, da bhliadhn ’thar fhichead a dh’aois.
Aig Sidni Tuath, Di-domhnich sa chaidh, fhuaireadh fear Iain Dohnullach an croch ri craoibh mu dha cheud slat bho thigh fein. Chunnacas e nu dheireadh maduinn Di-sathuirne dol do’n choille le rop na laimh, an ceart rop air an d’fhuaireadh e ’n crochadh. Chan eil fhios air aobhar sam bith a bh’ aige atr tigh’nn ri bheatha ach gu robh e bochd. Bha e air leth laimh ’s bha e doirbh dha obair fhaotainn. Bha e da fhichead bliadhna ’dh’aois, agus dh’fhag e bean us teaghlach mor na dheigh.
A chionn seachduin no dha, reic Innseanach da ’m b’ainm Rogers, gille ceithir bliadhna deug a dh’ aois a bha fuireach aige, ri sealgair Frangach air son tri dolair, dolar gu leth ’sa laimh ’s an dolar gu leth eile ’n ceann bliadhna. Rinneadh am bargan so faisg aic Ottawa an lathair fhianuisean. Bha ’n gille gle dheonach an t-Innseanach fhagail air cha robh e ro mhath air a dhoigh, ’s air uairibh cha bhiodh gu leor dhe’n bhiadh aca, ach bha e’n dail gu’m faigheadh e biadh gu leor aig an Fhrangach.
Fhuaireadh fios an la roimhe gun do ghlac na Ruiseanich coig soithichean iasgich le Canada ’s leis na Staitean airson a bhi marbhadh ron ann sa chuan corr us deich mile fichead bho thir. Rinn iad so o chionn da mhios ged nach d’ranig fios Canada gus o chionn beagan laithean. Bhuineadh aon de na soithichean do Shidni Tuath. Ghlac na Ruiseanich a h-uile duine bha air bord agus thug iad orra ’n ainm a chuir ri paipeir ag radh gu robh iad ag iasgach ann an uisge bhuineadh do Ruisia. Bhagair iad am fogradh gu Siberia mur deanadh iad so. Chan eil rioghachd sam bith eile ’g agairt coir air uisge tha tri mile bho cuid fearainn ’s chan eil coir no ceartas air taobh nan Ruiseanach ann a bhi cuir bacadh air soithichean iasgich, ’s iad deich mile fichead bho thir. Tha sinn an dochas gu’n gabh Breatuinn a chuis os laimh ’s gam toir i sir Ruisia dioladh a dheanamh air son a chall us an anaceartas a rin i air na h-iasgairean.
[Vol . 1. No. 16. p. 2]
MAC-TALLA.
Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.
Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir.
Seolaibh gach litir ’us eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER10, 1892.
B’fhearr leinn gu’m feuchadh gach neach a tha gabhail a MHAC-TALLA ri tuilliadh ghabhaltichean fhaotainn. N’m faigheadh gach aon a tha ’ga ghabhail an drasd aon neach eile gus a ghabhail, bhiodh aginn corr us mile gabhaltiche ’s rachadh aginn air a mheudachadh. Tha sinn an dochas gu’ dig ainmean us airgiod a stigh cho pailt eadar so us deireadh na bliadhna ’s gun deid aginn air pios math a chuir ris a MHAC Talla ’s tha fhios gur he sin durachd gach neach leis am math a Ghailig a bhi cumail a cinn suas.
Chuireamaid an cuimhue d’ar leughadairean an tairgse a thug sinn dhaibh o chionn beagan uine a thaobh leabhrichean Mhr. Sinclair, “Na Baird Ghailig.’ Bheir sinn aon de na leabhrichean so do neach air bith a chuireas sia ainmean us tri dolair thuginn. Cuir dolair thuginn ’s gheibh thu leabhar agus bliadhna dhe’n MHAC-TALLA, no ma tha thu gabhail a MHAC-TALLA cheana, gheibh thu leabhar air tri fichead sent.
BEATH-EACHDRAIDH TRIUIR LUCHD IMRICH.
Mu thoiseach a’ chiad-bliadhna so, a tha nise faisg air an crich, thainig triuir dhaoine a nall a Glean-Urchadain, aig taobh-tuath Loch-Nis, agus ghabh iad comhnuidh ann an Siorramachd Phictou. B’iad na daoine sin, Rob Mac-an-toisich, Iain Grannd agus Uilleam Ros. Ghabh Rob Mac-an-toisich agus Iain Grannd tamh aig “Leitir-Greine,” an Braighe Glinne na h-Aibhne moire, no Abhainn-an-Ear Phictou, agus ghabh Uilleam Ros tuineachas air beinn araid air an d’thug e mar ainm a’ Bheinn-Ghorm. Bha da phiuthair aig Rob Mac-an-toisich, an te bu sine dhiubh d’am b’ ainn Cairistiona, no Caitriona, agus an te a b’ oige dhiubh, Mairearad no Maireagrad. Bha Cairistiona Nic-an-Toisich posda ri fear d’ am b’ainm Padruig Grannd ann an Gleann Urchadain, nach d’thainig idir do’n duthaich so; agus bha Mairearad Nic an-Toisich posda ri Iain Grannd a a dh’ainmicheadh chena. Bha nighean aig Padruig Grannd agus aig Cairistiona Nic-an-Toisich d’am b’ainm Ciorsdan; bha i so posda ri Uilleam Ros a dh’ainmicheadh mar tha, agus thainig i do’n duthaich so maille ris, far an do ghabh i comhnuidh air a’ Bheinn Ghuirm tri fichead bliadhna, agus bhi i ceud bliadhna ’s a tri de dh-aois muair fhuair i am bas, air dhi a bhi beo deich bliadhna an deigh bais Uilleam Rois. Bha ceathrar mhac aig Uilleam Ros so agus aig Cairistiona Ghrannd; b’iad sin, Domhnull, Alasdair, Uilleam agus Padruig. Bha Uilleam Ros ’na eildear anns an Eaglais air a’ Bheinn Ghuirm, agus bha a thriuir Mhac, Donull, Alastair rgus Padruig ’nan eildearaibh comhlath ris, anns an aon seisean chiadna air a’ Bheinn Ghuirm, aig an aon am. Fhuair Uilleam Ros am bas air 8mh la Dec., 1868, agus chaochail Donull a mhac bu sine air an 20mh la de ’n Mhaigh, 1878, ach tha a dhithis mhac eile a ta ’nan eildearaibh beo fathast, se sin Alastair agus Padruig, gidheadh chan ’eil Uilleam an treas mac beo bho cheann iomadh bliadhna.
Aig Iain Grannd agus Mairearad Nic-an-Toisich bha seathnar mhac, Rob Fionnladh, Padriug, Uilleam, Alasdair agus Iain. Bha Rob agus Fionnladh a chomhnuidh ann an Leth-tir-Ghreine, far an robh an athair. Bha Padriug a chomhnuidh aig Abhainn Bharnaidh cho fhad ’s bu bheo e, agus bha Iain a tamh aig a’ Chala-Bheag (Little Harbor) far an robh e na eildear anns an Eaglais. Bha Fionnladh Grannd ’na eildear anns an Eaglais aig Letir-Ghreine. Bha triuir mhac aige, Alastair, Iain agus Uilleam. Tha Alastair ’na mharsanta agus na eildear ann am baile Ghlascho Nomha, agus tha Iain an aite athar na thuathanach agus ’na Eildear. Tha Uillenm Grannd, am mac a’s oige, na mhinistear anns an Eaglais aigCow Bay,no Caladh-nam-Mart ann an Eilean Cheap Breatuinn.
Aig Rob Mac-an-Toisich bha triuir mhac, Iain, Uilleam, agus Fionnladh. Ghabh Iain comhnuidh ann an aite ris an abrar Garadh Edein, far an do thog e teaghlach mor mhac agus nighean, agus tha moran diubh an sin gus an la an dingh. Bha Uilleam agus Fionnladh a chomhnuidh eadar a’ Bheinn-Ghorm agus Leitir-Ghreine, far am bheil an sliochd ri fhaotainn fhathast.
Tha iarmad nan tri daoine so, Rob Mac an-Toisich, Iain Grannd, agus Uilleam Ros, lionmhor measail anns an duthaich, agus nan daoine crabhach feumail anns an Eaglais. Tha an gealladh air a choilionadh dhoibh, “Mairidh trocair Dhe do’n dream d an eagal e, agus fhireantachd do chloinne an cloinne-san.”
D. B. B.
Chaidh soitheach-smuid a bhristeadh air Loch Michigan Di-mairt, ’s bhathadh sia duine fichead.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAØR!
THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .
Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.
SANAIS.
Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h uilc
Dheoghladh bhur cuid,
’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh
TIGH ACADIA.
[Vol . 1. No. 16. p. 3]
MEIRLEACH GHLINN-AMAIN.
Bha la gu’n robh moran tuatha bheaga ann an Gleann-amain an Siorramachd Pheairt, ged tha e an duigh fo chaoirich. Bha iomadh teaghlach sona far an gann a ghabhas na laraichean faicinn a nis. Is ann an sin a bha am blathas agus an cairdeas anns a’ ghleann, ach chaidh na gillean calma agus na h-igheana thlachdmhor a ruagadh thar chuaintibh, agus na tighean seasgair a leagail a dheanamh aite do na caoirich. Aig an am anns an robh an gleann fo lan aiteachadh bha spreidh ga ’n goid gu tric agus gun fhios co bha ga dheanamh. Na ’m biodh mult lan reamhar aig fear airson a theaghlaich dh’ fhalbhadh e mar gu ’n sluigeadh an talamh e. An laogh bha ga bhiathadh air son cuirme, rachadh a thoirt bharr an naisg. Bha chuid a b’ fheart d’ an chrodh agus de na caoirich ga’n togail a dhaindeoin gach seoltachd. Bha lan chinnt gu ’n robh am meirleach anns a ghleann, co air bi e. B’ iomadh oidhche bha gillean tapaidh, furachar na’n caithris airson a mheirlich ach cha ’n fhac iad riamh e. Cha bu luaithe leigeadh iad diubh bhi ri faireadh na bha am meairleach air seol mar bha e roimhe. Cha ’n e mhain gu’n robh crodh agus caoirich a’ falbh, ach bha ’n caise, an t-im agus an t-aodach a’ gabhail sgiathan doibh fein. Bha gun teagamh amharus air fear no dha, ach cha robh ann ach barail.
Aig deireadh an fhogharaidh bha ceithir ghillean oga a’ pilltinn dachaidh o’n Fheill-Micheil a bhaile Chraoibh. An uair a bha iad a gabhail na slighe bha iad an drast a’ togail luinneig gu sunndach agus a rithist is ann bha iad an impis bhi ’n sgornanan a cheile agus tiota beag an deigh so cha robh air an t-saoghal na bu chairdeile na iad, Tuigear le so gu’n deachaidh an drama an ceann nan gillean, agus gu’n robh iad co lan misneachd ri ceithir leoghainn. Bha an oidhche air fas’ gle dhorcha mu ’n do rainig iad fagus do Choineachan Chionn nach robh fear diubh dol na b’ fhaide rinn iad suidhe ri taobh an rathaid gu drama eile bhi aca. “Faicibh, fhearaibh, arsa Domhnull beag, “far a bheil a’ ghealach an nochd. Cha chreid mi nach ’eil i air seacharan.” Sheall cach ri taobh deas a’ ghlinne agus chunnaic iad fagus do mhullach na beinne solus dealrach. Bha fhios aca nach robh e coltach gu’m biodh neach an sin aig an uair sin a dh-oidhche. “Cha ni cneasda tha ’n sin,” thuirt Seumas agus crith oilte air. “Biodh e cneasda no neo-chneasda,” ars’ Iain mor, agus e ag eirigh agus a’ bualadh a dhuirn air a bhois, “is mise an duine nach gabh eagal roimhe, agus bidh fhios agamsa ciod a th’ ann mu’n tig ach goirid.” Le so thug e null troimh an abhainn. Bu nar le cach gun bhi co treun ris; thog iad orra ris an uchdaich, ghairbh, chas sin gus am b’ eiginn doibh stad car tiota. Chum iad ris an t-solus co direach ’s a b’ urrain doibh. Air direadh dhoibh mar so fagus do mhile astair, thug iad fainear gu’n robh an solus a’ dealradh a mach a toll a bha am bun creige aird: Bha iad a nis a’ tighinn gu tur agus tuigse agus mar bha iad a’ dluthachadh air an t-solus bha iad a’ gluasad na b’ fhaicilliche air eagal gu ’n cluinnteadh teilmirich an cosan air an sgarnaich. Rainig iad mu dheireadh an toll as an robh an solus a’ dealradh. Chunnaic iad an sin uamh. Bha teine sunndach air meadhon an urlair agus mu ’chionneamh bha duine mor ruadh na shineadh air leaba fhraoich. Bha spag uain aige air bior ris an teine. Bha e aig an dearbh am a’ cluich air na trompan agus a’ cur car d’ an bhior le ’chois. An uair a bha na gillean a’ sealltainn air car tachdan, rinn Domhnull cagar an cluais Iain mhoir gu ’m b’e sud an meairleach. Cha robh iad fada an teagamh mu ’n chuis so, oir thug fear na h-uaimh na trompan o ’bheul agus thog e an luinneag:
Tha meairleach nan slad
Ann an caol Ghlinn-amain;
Is eolach tha ’cheum
Mu bhruachaibh na h-abhann.
’S iomadh bo tha gun laogh,
’S iomadh caor tha gun uain;
Is bronach an gaoir
Da thaobh Ghlinn-amain.
Cha d’ eisd Iain mor ri tuilleadh d’an oran an uair bha e stigh agus an greim ann. Mor agus mar bha Iain cha b’ fada bhiodh a’ ghleachd dol a dh-aon taobh mur biodh aige ach e fein. Bha beul na h-uaimh cho chumh an ’s nach faigheadh ach fear an deigh fir a stigh. Rinn am meairleach strith uamhasach ach b’ eiginn da striochdadh, agus cheangail na gillean a lamhan air a chulaobh. An uair a fhuair iad buaidh air a’ mheairleach, thug Iain suil air spag an uain. “Nis, fhearaibh,’ ars’ Iain, “Cha bu mhiste sinn greim suipeireach an deigh na thachair agus tha ’n spag so a nis deas.” “An e gu’n ithinnse feol bhradach,” arsa Domhnull, “cha teid mir am bheul di.” “Mur ith thusa di, fag i, ach is aon amhaich a dhiolas air, agus mur ’eil mi meallta is e an t-uan dubh agad fhein a th’ ann; faic sud an ceann aige.”
Sheall Domhnull agus dh’ aithnich e an ceann dubh a dh’ fhag e gu tearuinte aig baile mu’n deachaidh e chun na feille. Bha e ’n cuthach co mor ’s gu’n cuireadh e as do ’n mheairleach an sin fein, ach chum cach bacadh air.
Fhuair na gillean biadh de gach seorsa anns an uaimh agus dh’ ith iad gu cridheil An uair a rinn iad so, thuirt am meairleach. “Bho’n thachair mar thachair, gheibh sibh pige de dhuisge-beatha air cul na cloiche ud thall. Tha e co math sibhse ga ol agus fhagail an sin.” Thug iad lamh air an uisge beatha, dh’ ol iad air a cheile agus thug iad drama do ’n fhearr ruadh. Bha na daoine fas sunndach agus mu dheireadh bha am meairleach cho chridheil ri aon diubh. “Thugaibh an aire duibh fein,” thuirt Seumas, “agus togaibh de so. Cha n’ iarradh an crochair mor so na b’ fhearr na ’n daorach a chur oirnne agus is e sin a bha na ’bheachd le bhi co fialaidh.” “Tha thu ceart,” fhreagar each, “bheir sin an srath oirnn.’ An uair a rainig iad an srath cha robh cadal ann an oidhche sin, Bha gach neach a’ ruith a dh’fhaicinn a’ mheairlich agus a’ cumail suil nach faigheadh e as. Moch anns a’ mhaduinn chaidh ann meairleach a thoirt do Chraoibh far an do chrochadh e. Tha Toll a’ Mheirlich air fheuchainn gus an latha duigh, agus the iomadh neach dol astar ga fhaicinn.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac’
agus Sigars.
SIDNI, C. B.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr.
[Vol . 1. No. 16. p. 4]
TOIMHSEACHAN.
Ged shuibhlas tu’n domhan cha tachair thu orm:
Cha ’n fhaic thu mi fos anns a’ chuan:
Is diomhain do rannsach’ ’s na speuraibh ard, gorm;
Cha bhuin mi do’n ghaoith ’n uair a dh’eireas an stoirm,
No na siantan ’n uair ’tha iad ’n an suain.
Gidheadh, tha mo chomhnuidh ’s an talamh a ghnath,
A’s na reultan, cha chuir iad rium cul;
Teas-meadhoin na gaillin, cha ’n fhag mi gu brath;
Tha mi ’n toiseach na luingge, am sheasamh, gach trath,
’S aig an sgiobair an sealladh a shul.
An ear no an iar, an deas no an tuath,
Ged nach amais thu ormsa am feasd;
Gidheadh, tha mi ’g imeachd ’s an dealanach luath:
Agus fos anns gach baile, a’s far am bi sluagh,
Gheobh thu ghnath mi a’ tathaich gun cheisd.
Ged nach iarr mi ’bhi ’n cuideachd no ’n comunn nan daoi,
Gheobh thu daonnan mi far am bi ol:
Ach faic mi ’s an eaglais a’ toiseach’ na laoidh,
Anns an t-salm ’s mi a’s airde, ’toirt barr air gach saoi;
As m’ eugmhais ghrad sguireadh gach ceol.
’S mi priomh-fhear nan luinneag, ’s tha mi ard ann an cliu,
Air fidheall ’s air clarsach le cheil’:
Ged as gramail am builllibh mi, coma co-dhiu,
Do “thoiseach na tapaid” cha ’n fhaic thu mi dhluth.
’S ann a roghnaichinn “deise na feill.”
Fa-dheoigh, ’n uair a leigeas am bas thu mar sgaoil.
Bidh mi ’n doilgeas ’s an trioblaid ro chruaidh:
’S mi ’n cuispair ma dheireadh, a chi thu, ’s an t-saoghal,
Bidh mi fos aig ceann-adhart do leabaidh fhuar, chaoil,
Ach cha ’n fhaic thu mi’ chaoidh anns an uaigh.
(Fhuair sinn a Toimhseachan so bho aon ’dar gabhalaichean. Bi Freagairt anns an ath aireamh. —Fear-Deasachidh.)
Di-sathuirne s’a chaidh fhuair luchd, riaghlidh Halifacs fios a Amherst ag iarridh stad a chuir air duine da ’m b’ainm Smith agus nighean da’m b’ainm Halfpenny a theich as a bhaile sin. Ranig a charaid Halifacs mu’e d’ ranig am fios. Thanig athair us brathair na h-ighinn air an toir an latha sin fhein agus an deigh am baile ’rannsachadh maille ri naor, fhuaireadh a charaid ann an tigh air sraid Creighton ’s iad a deanamh deiseil gu posodh an latha sin fhein. Bu duine dubh Smith ’s cha robhe idir toilichte gu’n deachidh dail a chuir sa phosadh.
Tha ’n treubh Innseanach ris an abar na h-Apachich ri creachadh mor ann an Arizona a deas, ’s tha eagal air an t-sluagh gheal gu ’m bi cogadh, fuilteach ann mu’n stad iad.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith, air son Im aig pris, airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm, ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUGH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 16 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 16. %p |
parent text | Volume 1 |