[Vol . 1. No. 17. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 17, 1892. No. 17.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mc Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Cha b’ fhiach an oighreachd aig Tearlach Stiubhart Parnell an deigh a bhais ach coig mile punnd.
Thairg neach eigin sia fichead mile dolair air son lan choir fhaighinn air cnothan a ric aig Feill an t-Saoghil air an ath bhliadhna.
Chaidh duin og da’m b’ainm Cantivell a mhuinntir a Bhras D’Oir Bhig a mharbhadh ann am Meinean Victoria air an t-seachduin s’a chaidh.
Chaidh stor ceanniche ann an Siorrachd Chumberland a bhristeadh am oidhche roimhe agus ghoideadh fiach ceud gu leth dolair de bhathar, ’s ceithir dolair dheug de dh’airgiod.
Thanig an soitheach Frangach Drac do’n acarsaid Di-luain s’a chaidh, ’s dh’fhag i Di-ciaduin. Thanig an La Clocheterie a stigh Di-mairt ’s tha duil aice falbh an ceann latha no dha.
Ann an iorghuill anCornwall , Ontario,mharbhadh maor, agus leonadh dithis eile, le fear da’m b’ainm Mc Mahon a bha as a rian leis an deoch laidir. Leonadh fear dhe na daoine cho dona ’s nach bi e beo.
Bha’n t-side gle thioram ann an cearna de New Zealand air an t-samhradh s’a chaidh, ’s tha barr dhe gach seorsa gle ghann. Ann an cearn eile dhe’n duthich bha moran barra air a mhilleadh leis an uisge.
Chaidh bean a mharbhadh leis a Charbad-smuid faisg air Montreal Di-luain s’a chaidh. Bha i a feuchinn ri gille beag a bha san rathad air a charbad a thearnadh agus bhuaileadh i fein mu’n d’fhuair i air falbh. Chaidh na casan a ghearradh dhe’n ghille ach dh’fhagadh beo e.
Tha fios aVictoria, an Columbia Bhreatunnach, ag radh gu bheil soithichean iasgich a tilleadh bho mharbhadh nan ron agus pairt de’n sgiobachan air chall orra. Chaill aon soitheach sgioba da bhata agus soitheach eile sgioba aon bhata. Tha iad a deanamh gun d’fhuair na Ruiseanich greim orra ’s gun d’thug iad leo iad nam priosanich air son a bhi marbhadh nan ron.
Tha e air aithris gu bheil tri duine deug tinn leis a cholera am baile Niu York, agus gu’n d’fhuair dune no dithis am bas. Tha luchd riaghlidh a bhaile ’deanamh na dh’fhaodas iad gus an galair a chumail gun sgapadh.
Tha moran a Nobha Scotia a tighinn gu Feill Cheap Breatuinn aig Mabou am bliadhna, ma bhios an t-side fabharach, rud a tha sinn an dochas gu’m bi. Tha ’n rathad iaruinn a toirt cothrom dhaibh air tighinn nach robh aca ’sna bliadhnichean a chaidh seachad.
Di-haoine air an t-seachduin s’a chaidh, chaidh an sabhal aig Nial Mac Aonghais aig Sandfield ’am Maira na theine. Bha gille beag leis a cluich ann san t-sabhal agus areir coltais ’s esan a dh’fhag tein’ ann. Tha so na chall mor air Mr. Mac Aonghais, oir bha chuid feoir us barra uile ’san t-sabhal.
Tha gille og da’n ainm Moore ’sa phriosan an Sidni-a- Tuath air son litrichean us stampichean a ghoid a Oifig a Phosta. Bha e ris an obair so o chionn dha no tri ’mhiosan. Tha duine no dithis ann sa bhaile bha ceannach na’n stampichean uaithe, ’s tha ’n lagh a greimeachadh orra sin mar an ceudna.
Tha lagh ann sna Staitean a bacail do neach sam bith tighinn do’n duthich sin ma tha gealladh aig air obair fhaotinn nuair a ruigeas e. Chaidh tuathanach a Dakota gu Manitoba o chionn ghoirid ’s dh’fhastaidh e daoine air son a chuid cruithneachd a bhuain. Nuair a ranig na daoine sin a chrioch eadar an da dhuthich thachir orra oifigich an lagha ’s b’fheudar dhaibh tilleadh dhachidh. Rinneadh an lagh so an toiseach air son ceartas a chumail ri muinntir nan Staitean, ’se sin nach biodh obair sam bith air a thoirt do mhuinntir duthcha eile fhad sa bhiodh daoin’ aig a bhaile gus a deanamh. Chan eil teagamh nach eil an lagh so a cuideachadh gu sin a dheanamh, ach ’s e gle bheag, agus is gann a’s fhiach do dhuthich cho mor, cho beairteach, agus (ma chreidear i fein) cho saor, ri Staitean Aonichte America a bhi leantuinn ri lagh nach eil ri feum sam bith dhi fein, ’sa tha cosnadh gamhlas agus fearg dhi. Ach, a reir coltais, ’se sin an aon ni a tha dhith air an dream a tha ’ga riaghladh aig an am so.
[Vol . 1. No. 17. p. 2]
MAC-TALLA.
Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.
Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir.
Seolaibh gach litir ’us eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER17, 1892.
Ann san ath aireamh gheibhear eachdridh air Fogradh nan Gaidheal as an tir fein, air a sgriobhadh leis an Urramach D. B. Blair.
Bhitheamid an comain neach sam bith a chuireadh thuginn na h-aireamh an de’n MHAC-TALLA ’thanig a mach air Iulaidh 23, Iulaidh 30, Ogust 13, agus air Ogust 20. Ma tha na h-aireamhan sin aig neach sam bith ’s nach eil e ’n duil an gleidheadh e fein, dheanadh e gle mhath an cuir air adhart gun dail, oir tha sinn ro dheonach am faotinn.
Tha sinn an dochas gu’n dean na Gaidhil ann sgach aite an dichioll air tuilleadh fhaotinn gu bhi gabhail a MHAC Talla. Tha e ’nar beachd, ma’s urrinn duinn, am paipear a dheanamh beagan na’s mo roimh thoiseach na h-ath bhliadhna, agus tha sinn ag iarridh air gach neach aig am bheil meas air a Ghailig cuideachadh a dheanamh leinn. Chan urrinn duinn am paipear a mheudachadh gun aireamh mhath de ghabhaltichean ura bhi aginn, gus feumidh sinn sealltuin ris na cairdean a tha aginn cheana air son cairdean eile dheanamh eolach oirnn. Tha sinn a deanamh na dh’fhaodas sinn gus paipear a thoirt do na Gaidhil nan cainnt fhein, ni nach robh aca roimhe, ’s bu choir do gach fior Ghaidheal gach ni ’na chomas a dheanamh gus a chumail air adhart.
Di-sathuirne s’a chaidh, chaidh Hedleville, baile beag faisg air Quebec a losgadh cha mhor bho cheann gu ceann. Chailleeadh mu cheud tigh agus dh’fhagadh bho choig gu sia ceud duine gun dachidh. Tha ’n call air a mheas aig ceud mile dolair.
Chaidh soitheach-iasgich Geangach a ghlacadh faisg airSt . Andrews, New Brunswickair son a bhi ’g iasgach an taobh a stigh do thri mile bho’n chladach. ’S i so a cheud soitheach a ghlacadh air a bhliadhna so air son iasgach mi-laghail.
FEAR-IMRICH EILE
Dh’ ainmich sinn ann an aireamh roimhe so gun d’thainig triuir dhaoine a Gleann-Urchadain gu Leitir-Ghreine ann am Braighe na h-Aibhne-n- Ear aig Pictou, b’iad sin Iain Grannd, Rob Mac an Toisich agus Uuilleam Ros. Thainig mar an ceudna Seumas Siosal agus ghabh e comhnuidh laimh ri Iain Grannd agus Rob Mac an Toisich ann an Leitir-Ghreine. Bha Seumas Siosal so na ghobhainn agus bha teaghlach mor aige. Bha aon d’ a mhic d’an b’ainm Eoghann, a dh’ fhuirich ann an aite athar, agus a thog teaghlach lionmhor mhac agus nighean. Thainig na daoine so uile a nall a gleann Urchadain air a ’bhliadhna 1807, ach a mhain Uilleam Ros nach d’ thainig gus a’ bhliadhna A. D. 1818. Bha mac aig Eoghann Siosal d’ am b’ ainm Seumas; agus tha ’m fear so fuireach a nis ann an aite athar, agus a shean-athar an gobhainn. Tha fear eile mhic Eoghainn Shiosail a’ tuineachadh laimh ri Seumas air earrainn do ’n fhearann a bha aig athair laimh ris an Eaglais aig Leitir-Ghreine. (Sunny-Brae)
Thainig na daoine so nall a chionn gum b’ eigin daibh tir an duchais fhagail, nuair a thoisich uachdarain shanntach, ain-iochdmhor, chruaidh chridheach, ri an duthaich a dhi-larachadh le bhi fogradh an t-sluaigh air falbh, agus a’ cur chaorach ’nan aite air son bunnachd shaoghalta agus airgiod a chosnadh dhaibh fein, agus iad coma cia dhiu ciod a thachradh do na doinibh bochda, ged a rachadh iad fodha anns a’ chuan. Ma gheibh sinn cothrom faodaidh sinn beagan iomraidh a chur sios air an obair so agus air imrich nan Gaidheal gu America. D. B. B.
Tha fios a Alba ’g innseadh gu robh soitheach ur air acaire ’n Abhuin Chluaidh mu choinneamh baile Ghrianaig luchdichte le fudar. Chunnic feadhinn a bha air a chladach dearrsadh soilleir de sholus, a thug am fradharc uapa car mionaid. Nuair a dh’eirich an toit beagan, chunnic iad gu robh an soitheach air a bristeadh na piosan beaga. Air tir, chaidh uinneagan a bhristeadh ann an tighean-comhnuidh ’s ann am buthan a bha faisg air a chladach, ’s bha cuid de na seann taighean a chrithnich a null ’sa nall mar gu’m biodh crith-thalmhinn ann. Cha n eil fhios ciamar a ghabh am fudar teine, ’s tha e na ni neonach a thaobh an sgiorridh so nach deachidh duine mharbhadh. Loisgeadh an sgioba gu dona, ’s chaidh cuid diu a thilgeadh ’san uisge, ach fhuair iad uile gu tir. Thachair so air Di-sathuirne an treas latha dhe’n mhios.
Oidhche Di-ciadinn, air an t-seachduin s’a chaidh, mharbh bearradair dubh a mhuinntir Amherstbnrg, an Ontario, a bhean agus dh’fhench e an sin ri tigh’nn ri bheatha fein.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR!
THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .
Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.
SANAIS.
Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h-uilc
Dheoghladh bhur cuid,
’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an so’s gheibh sibh cunnradh
TIGH ACADIA.
[Vol . 1. No. 17. p. 3]
AM MINISTEAR TREUN
(Scottish Highlander. )
Bha ann roimhe so duine, ris an abradh iad Martainn Mac’ Ille Bhric, a bha ’na mhinistear-sgire Locha Buidhe ann an Eilean Mhuile. B’ ann do chlann’ ill’ Eathain a bhuin an duthaich mu’n cuairt na h-eaglais a bh’ aig Martainn agus bha e mar choir dha ’stipinn a thoirt bhuapa. Tha seanfhacal a’ radh “Mac ’ill’ Eathain Locha Buidhe, ceann-uidhe nam meirleach.” Ri linn Mhartainn bha ceann cinnidh de ’n fhine-so ’na fhear borb feargach agus bu mhairg do ’n duine a sheasadh na’ aghaidh. De thigeadh air ach gu ’n diultadh e chuid fhein de’n stipinn a phaidheadh do ’n mhinistear. Cha b’ e sin uile, oir leig e ruith le theangaidh gheur a’ dianamh sgeig is fanoid air an duine bhochd. Anns na laithibh sin bha na ministearean ’nam fior-Ghaidheil. Cha do sheap iad air an ais is air an aghaidh le trusgan dubh Sussunach umpa, ach bha iad daonnan anns an Eaglais na as an Eaglais ’an eideadh boidheach duthchasach na Gaidhealtachd. Bu mhath an sealladh a bhi faicinn nam ministeirean fearail sultmhor th’ againn a nis, a’ tighinn a stigh do na cubaidean air an sgeadachadh le feille is breacan de sean thartan nan cleireach. Tha fios gu bheil cuid dhiubh cho fior Ghaidhealach ’nam cridhean fein s’ gu’n dianadh iad sin mur bhitheadh eagal an t-sluaigh orra. Ach tha sinn ’dol troimh ar naigheachd. Chaidh innseadh do Mhartainn na rinn ’s na thubhairt Mac Ill Eathian na’ aghaidh agus chuir e roimhe nach b’ fhada gus am faigheadh e ’dhleas-fhein. Shocraich e ’bhreacan thar a ghualain, sgrog e’ bhoineid nuas air a cheann agus le claidheamh mor nan crios r’a thaobh ghabh e’n t-slighe bu ghiorra gus a’ chaisteal. Rainig e far an robh Mac ill Eathain agus gun mhoran a radh thug e air thuigsinn ciod a bha ’ghnothach leis. Chual ’an triath e gun stad a chur air, ach bha gruaim a tighinn air ’aodann, agus nuair a thainig am ministear gu deireach a sheanachais, ghlaodh Mac ill Eathain, is e ’na lan-fheirg, “Am b ’ann mar sin a labhradh tu riumsa. A mach thu air eagal gun toir mi an ceaan dhiot,” agus le ioma facal eile nach iomchuidh ’aithris mhionnaich e nach tugtadh a’ bheag bhuaithe. Ach co dhiu sheas Martainn gu dana gu stolda ’na lathair. Anns a’ bhruidhinn a bh ’ann chuir e lamh air dornlach a chlaidheimh. Mhothaich Mac ill ’Eathain so, is thuirt e, “De a ni thu leis?” “Chi thu ann an tiota mur paidh thu an t-airgiod.” Bha ’n triath ro mhath air a’ chlaidheamh agus smuaintich e gun robh cothrom aige beul a’ mhinisteir a dhunadh car uine no theagamh gu brath, is thuirt e “Tha mi deonach a chall ma chuireas tu mo dhruim ris a ’bhalla.” Bha Martainn lan thoilichte, is chord iad ri sin. Is gann a thoisich iad air a’ chlaimhearachd nuair a thuig Mac ’ll ’Eathain gu’m be a choimeas a bha ’na aghaidh, agus cha b ’fhada gus an deigh dha an triath a chur air a ghlun thug Martainn an lann bhuaithe is thuirt e ris, “B’fhearr dhuit an t-airgiod a thoirt gun stri air bith.” Cha b’ fhearr, “ars Mac ’ll ’Eathain,” oir tha fios agam a nis gur duine gasda tapaidh thu ann an gniomh cho math is ann an focal. So dhuit mo lamh. Bha iad ’nan dluth chairdein an deigh sin.
TOIMHSEACHAIN.
BHO A. B. C.
(1) Latha dhomh ’s mi siubhal bheann,
Chunnaic mi na b’ ioghnadh leam—
Fichead suil ’s an aona cheann,
’S deich teangannan a’ bruidhinn rium!
(2) Thainig e a feoil,
’S cha ’n ’eil feoil ann,
Innsidh e naigheahd,
’S gun teanga ’na cheann.
(Freagairt an Toimseachain anns an aireamh mu dheireadh: —An litir “L.” Faic an ath aireamh airson freagairtean nan Toimhseachain so.)
Cha chualas iomradh air Caiptean Lawlor bho’n dh’fhag eSt . John’s, Newfoundland.Thanig litir am broinn bocsa beag fiodha gu tir aig Nahant ’sna Staitean ag radh gu robh e air an ochdamh la de dh’ Iun air a chuan mhor ann an stoirm, an deigh na siuil a chall, ’se gun bhoinne uisge. Tha so gle mhi-choltach, oir cha d’fhag e Sidni-a- Tuath gu deireadh a mhiosa sin. Ach cha chuireadh e ioghnadh sam bith oirnn ged nach cluinnte ’n corr mu dheibhinn.
Tha Bord na Slainte(Board of Health)ann an Quebec an deigh lagh a dhianamh a tur bhacadh luch-imrich, a duthchannan sam bheil an Cholera, tighinn air tir. A dh’aindeoin so tha soithichean air an turus a Hamburg gu Quebec, ’s tha iad ag radh ma chuirear dragh sam bith orra gu’n toir iad a chuis air beulaobh an luch-driaghlidh an Ottawa. Tha iad ag agirt nach eil cumhachd aig Riaghladh Chuibec air bacadh sam bith a chuir orra.
Bhathadh Caiptean Micheil Legisworth agus mac dha faisg air Georgetown, an Eilean a Phriunnsa, Di-haoine s’a chaidh. Bha iad a nuigh ag iasgach agus thuit an gille air doigh-eigin a mach as a bhata. Chaidh ramh a shineadh dha ’s fhuair e greim air. Leum athair a mach an sin gus a thearnadh ach bhathadh iad le cheile.
Tha Pic-nic gu bhi aig Louisburg Diciaduin s’a tighinn air son cuideachadh leis an eaglis ur Chleireacheil a tha iad a togail ann sa bhaile sin.
Tha muinntir Sidni-a- Tuath a dol a chuir cabhsairean cloiche air na sraidean.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac’
agus Sigars.
SIDNI, C. B.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Suathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr.
[Vol . 1. No. 17. p. 4]
CNOIC IS GLINN A BHRAIGHE.
Na cnoic is glinn ’bu bhoidhche leinn
’S iad cnoic is glinn a Bhraighe,
’An tric ’bha sinn ri manran binn
’Sa chomunn ghrinn a b’ fhearr leinn.
Cha ’n fheil ait an diugh fo’n ghrein
’Sam b’ fhearr leam fein ’bhi ’tamhachd
Na Braigh-na-h- aibhne ’m measg nan sonn
O’m faightedh fuinn na Gailic.
Do bhruachan gorm ’sam faighteadh spreidh,
Do ghlacan reidh gun aireamh,
Mar uachar thonn, ’s an soirbheas trom,
A ruith gu bonn nan ard bheann.
Gu pailt gach flur a fas gu dluth
Air maduin chubhraidh Mhaigh ann;
Gach doire beo le ceol nan ian
’N uair ’dh’eireas grian le failt ann.
Bidh sruthain fhuar de ’n uisge ’s glaine
’Bruchdadh ’mach mu rath’dean;
Bidh crodh ’us caoraich pailt ri ’m faotuinn
’Feadh nan aodunn arda.
Gur ceolmhor fuainn na h-aibhne lium
Is sruthain chuin fo ’h-aithean;
Cho fad ’s a shiubhlas i gu cuan,
Cha doir mi fuath do ’n Bhraighe.
Gur lionmhar fear ag iasgach bradain
Mu do chladaich bhana;
Daoin uaisle Shasuinn ’tigh’nn an nall
A chosg an t-samhruidh lamh-ruit.
Air gach frolic, bal ’us banais
Gu’m bi caithream gradhach,
Le ceol na fidhle ’dol ’san ridhle,—
’Cosg na tim mar b’ aill leinn.
’Siomad fleasgach laidir grinn
A chaidh ’s na glinn ud arach
’Us maighdean gle ghlan, dhireach, og,
Le ’h-aodunn boidhech, narach.
’S i ’n ainnir dhonn a’s binne fonn
A choinnich rium Di-mairt ann,
’Sa thug fo chis gu daingean mi,—
Mo sholas cridh ’bhi laimh-ri!
Do chomhradh ciuin tha ’tigh’nn air m’ aire,
’Ribhinn bhanail, bhaigheil;
Gun d’fhuair thu buaidh bho nadur fein
A chuir mor speis aig cach ort.
Soraidh leis a chomunn rioghail
Bhon is tim dhomh ’m fagail;
Gur tearc ri ’m faotuinn feadh an t-saoghail
An diugh daoin’ ’bheir barr orr.
C.
Tha suil aca-san a tha ris an obair-uisge, gu’m bi n t-uisge ’sa bhaile mu’n tig fuachd a gheamhridh. Tha chuid a’s mo dhe na pioban a nis air an larich deiseil gus an leagail ’san talamh. Air leinn gu bheil Sidni feumach air an uisge sin, oir nam biodh deoch de dh’uisge ceart uainn an drasd, cha bhiodh fhios aginn c aite ’n rachamid ’g a iarridh.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris, airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUGH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da, ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 17 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 17. %p |
parent text | Volume 1 |