[Vol . 1. No. 2. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 4, 1892. No . 2.
E . T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.
Murray & Mac Coinnich,
Comhairlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR!
SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac’
agus Sigars.
SIDNI, C. B.
THUGAIBH FANEAR.
Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni.
Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha m Boston.
ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA
air laimh
F. FALCONER.
Sidni, C. B., Mai 26, 1892.
DOL FODHA NA GREINE.
N. MACLEOID.
Tha thus ’a ghrian is aillidh snuadh
A’ cromadh sios air chul nan stuadh;
Do ghathan blath air bharr nam beann,
Mar or a’ dearsadh air an ceann;
’S an deigh do chuairt bho’n ear gu’n iar,
Am measg gach doinionn, gaoth, ’us sion,
Tha thu gun smalan air do ghnuis,
’Dol gu do thamh gu samhach ciuin.
B’ e m’ iarradas ’s mo ghuidhe fein,
An uair ’thig crioch ’us ceann mo reis—
’Dol troimh gach buaireadh, cath, us ’leon
’Tha buailteach dhuinn an so ’s an fheoll—
Gu ’m faodainn amharc na mo dheigh,
’Us buaidh ’thoirt orra sin gu leir,
Mar thus’ an nochd an deigh do chuairt,
Le gloir a’ lasadh na do ghruaidh.
Faodaidh no gaothan ’s neoil nan speur
’Bhi ’cur nan cath, ’s ’ga’n iomairt fein,
’Dol uair gu deas, us’ uair gu tuath—
Cha ghabh iad fois, ach air an ruaig,
Ach thusa, seasmhach, buan gu brath.
’Na d’ mhorachd threun cha teid as t’ ait’,
Mar lochran dealrach as ar cinn,
Gun chaochladh ort bho linn gu linn!
’S tu’ chuireas beatha, neart, ’us treoir,
’Bheir fas ’us cinneas air gach por,
Do’n daraig aird, ’s do’n bhileig fhaoin,
Cha dean thu dearmad air a h-aon.
Do chairdeas saoibhear, farsuinn, fial,
Cho ur an diugh ’s a bha e riamh,
Thu ’dortadh t’ fheartan oirnn gu saor,
’S cha toir sin traoghadh air do mhaoin.
’Us mar an Ti ’thug dhut do ghloir,
Cha seas an dorchadas ’na d’ choir,
Cho luath ’s a thogas tu do cheann
Theid fuadach air mar cheo nam beann.
’Us riamh bho ’n fhuair thu ’n reachd bho ’n Righ,
Cha deach thu leud na roineig cli,
A’ ruith do reis gu stolda reidh,
’Dol tiomchioll air a’ chruinne-che.
Gu ’n robh gach solas dhut a ghrian,
Tha feum ort far am bheil thu triall,
Bidh sinne dorcha ’n so gun ghean
Gu ’n duisg thu ’m marach anns an ear.
Ach laidh thu sios air chul a’ chuain,
’S dh’ fhag thu na spenan trom fo ghruaim,
Tha neoil na h-oidhch’ a’ tarruinn teann,
’S bidh mis’ a’ tearnadh sios do ’s ghlennn.
Tha stoirmeanan a soir dheanamh milleadh anns na Staitean a niar.
SEAN SGEUL AGUS ORAN.
Bha nighean og a muigh air airidh, uair, ’s co thainig ga coimhead ach a leannan, a thug gealladh-posaidh dhi beagan uine roimhe sin. De’n turus air an tainig e ach a dh’innse dhi gu ’n robh e dol ga fagail, ’sa dol a phosadh nighean eile ’bha na bu bheartaiche na ise. Ach nuair a rainig e ’n tigh anns an robh i, threig a mhisneach e, agus thuirt e rithe nach robh e ach mu’n cuairt ag iarraidh nan each. Bha fhios aice-se roimh laimh de bha na bheachd, ’s cha bu luaithe thionndaidh a leannan bho’n dorus na chual’ e guth binn, muladach, a seinn mar a leanas:—
Sgeul a chualas bho’n de,
Mu shealgair an fheidh,
Clach eadar mi fein ’s mo bhrog.
Ghabh thu leisgeul ’san uair,
Gur e eich a bha bhuat,
Cas a shiubhladh nam fuaran gorm.
Cas a dhireadh nan stuc
’Sa thearnadh nan lub
Dheanadh fiadhach ri druchd gun cheo.
Bu tu mo cheannaich air feill,
Mo chrios us mo bhreid,
Is sgian bheaga na reidh-chois oir.
Bu tu mo chompanach ruin,
Nach fhagadh mi’n cuil,
’Nuair bhiodh cach ann an cuirt an oil.
’S bho mach eil agam spreidh,
De mu’n cuirinn ort deigh?
Ach mo bheannachd ad dheigh, ’s bi falbh!
Air dha so a cluinntinn, thaisich a chridhe, thill a shean ghaol ris a rithist, agus ’nuair a sguir an t-oran fhreagair mar so:–
Ach ged th’aice-se spreidh,
De mu’n cuirinn oirr’ deigh,
Fhad ’sa mhaireas tu fein rium beo.
Cha n eil e air innse dhuinn ciamar a chaidh dhaibh ’na dheigh sin, ach faodaidh sinn a bhi cinnteach nach robh iomradh air an nighinn bheartaich tuilleadh, co-dhiu ghabh i sin gu math no gu h-olc.
Ma bhios aon do ar luchd-leughaidh sgriobhadh gu Mr. Abbott, Priomhair Chanada, no gu Oliver Mowat, Priomhair Ontario, cuiredh e Sir ri’n ainmean. Rinn a Bhan-righ Ridirean dhiubh o chionn ghoirid.
[Vol . 1. No. 2. p. 2]
MAC-TALLA.
Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.
Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge bi aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaingeil airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir.
Seolaibh gach litir ’us eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN, 4, 1892.
THA sinn fior thoilichte bhi cluinntinn gu bheil cairdean aig MAC-TALLA ’s gach aite ’m bheil e dol. Tha facal molaidh agus misnich a tig’nn a sid ’s a so, ag innse nach eil cairdean na Gaelig ainneamh anns an duthaich so, ged a tha iad car balbh. Ma ni iad cho math na dheigh so ’sa rinn iad o’n thainig a cheud aireamh a mach ni iad gle mhath. Dh’iarramaid air ar cairdean tuilleadh dichill a dheanamh air cuideachadh leinn. Se ar barail nach eil aon phaipear Gaelig ann an Canada an diugh ach MAC-TALLA. Aig a cheart am tha na miltean ann an Canada a labhras agus a leughas Gaelig. Car son, ma ta, nach eil paipearan aca ’nan canain binn, blasda, fein, mar a th’aig gach sluagh eile? Cia meud paipeir a tha Frangaich Chanada a cumail suas ’nan canain fein? Cia meud a th’aig Gearmailtich Chanada? Tha na ficheadan aca le cheile. Nach eil e ma ta na mhasladh do Ghaeil Chanada nach eil iad a cumail suas aon phaipear ’nan cainnt fein, cainnt a tha fad air thoiseach air cainnt nam Frangach ’s nan Gearmailteach, cainnt air am bheil moran a deanamh dimeas do bhrigh nach eil eolas ac’ oirre. Neach sam bith aig am bheil eolas coir air a Ghaelig, tha meas aig oirre, ’s cha tugadh e seachad i air son cainnt sam bith eile, ged a bhiodh sia ’na chomas. Bu choir dhaibh, ma ta, feuchainn ris a mhasladh so a thoirt air falbh. Se’n aon doigh air sin a dheanamh cuid eachahh leis an aon phaipeir a th’aca, (ged is beag e) anns gach doigh as urrainn dhaibh. Iadsan a leughas Gaelig, leughadh iad MAC TALLA, agus paidheadh iad air a shon; iadsan a sgriobhas Gaelig sgriobhadh iad air a shon, litir, sgeul, no ni feumail sam bith. Deanadh gach neach a reir a chomais’s cha bhi sinn ga agairt air son a chorr.
GED a ghabh sinn as laimh a bhi deasachadh MHIC-TALLA, cha’n eil sinn a gabhail oirnn fein a bhi nar sgoilearan Gaelig na’s fhearr na cach uile. Tha fhios againn gle mhath nach eil sinn mar sin, ’s cha’n ann air son ar foghlum a shealltuinn a thoisich sinn an obair so idir, ach air son cothrom a thoirt do mhuinntir eile. Tha moran de dheagh sgoilearan Gaelig anns an duthaich so nach eil a cleachdadh an cuid foghluim, a chionn nach eil paipear ann a chuireas an cuid sgriobhaidh an clo. Tha sinn an dochas gu’n gabh iad so ris a chothrom a tha nis air a thoirt daibh, agus gu’n dean iad MAC TALLA na phaipeir cho math ’sa bhios ri fhaotainn.
Fhuair sinn litir bheag, bhlasda, bho “C.” Gheibh ar leughadearan i anns an ath aireamh. Bi’dh sinn ro-thoilichte bhi cluinntinn bho neach sam bith eile, aig am bheil focal ri radh ruinn, ’gar moladh no ’gar caineadh, ’Se moladh as fhearr a chordas ruinn, ach dh’fhaoidte nach bu mhisde sinn beagan diomolaidh. Ma tha thu faicinn dad cearr air MAC TALLA, innis e, cha’n ann do mhuinntir eile, ach dhuinne. Tha e air a radh gur math an sgathan sul caraid.
Cha’n ann a h uile latha ’theid paipear Gaelig a thairgse dhuit air leth dolair sa bhliadhna. Uime sin bi glic agus gabh an a cothrom fhad sa gheibh thu e. Cuir do leth dolair air adhart agus theid sinn fein an urras nach bi aithreachas ort. Seall MAC-TALLA do mhuinntir eile, agus, ma tha cairdean duit air falbh o’n tigh, cuir g’an ionnsaidh e, feuch ciamar a chordas e riutha.
ThaCasketAntigonish a deanamh moladh mor air MAC-TALLA ’sa guidhe soirbheachadh leis. Tha sinn fada ’n comain aChasketairson a dheagh dhurachd.
Thaghail duine aig tigh aon uair, agus dh’iarr e deoch uisge air bean an tighe. Nuair a chaisg e a phaghadh, dh’fheoraich e dhi an robh i posda. Fhreagair ise gu’m bu bhantrach i. Thuirt esan gum bu bhantrach e fein. “Thig a stigh,” ars ise, “agus cuiridh sinn cuisean air doigh.” An latha sin fein chaidh am posadh.
Tha Capt. J. W. Lawlor, Chelsea, Mass., a deanamh deiseil gu dhol thairis air an Atlantic ann am bata nach eil ach da throigh dheug a dh’fhad. Ma gheibh e null beo, bidh am bata ri fhaicinn aig Feil an t-Saoghail air an ath bhliadhna. Ach se’s docha nach bi’dh e fhein no’m bata ri fhaicinn.
Air Mai 23mh, bha Edward Smith, Newport, a leagail seann tigh. Thuit maide no bord far an tighe agus bhuail e air ’sa cheann. Thug so a bhas air an ath Dhi-haoine. Bha e 65 bliadhn a dh’aois. Dh’fhag e bantrach agus seachdnar chloinne.
D. MAC ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .
Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stuam eile air laimh an comhnuidh. Biadh air a dheasachadh an uine ghoirid.
Feuch gu’ ruig thu an
ACADIA HOUSE,
far am faigh thu deagh bhargan.
LEINEAN & COLAIREAN.
ADAN AGUS CIP.
ANART & CAILEAGU (air gach pris).
FLUR AGUS MIN.
[Vol . 1. No. 2. p. 3]
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Thaghail an Soitheach-Smuid “Harlaw” aig Sidni ’s aig Sidni Tuath, Dirdaoin.
Chaidh Mr. Kirkpatrick a chuir a stigh na riaghladair air Ontario ’an aite Shir Alasdair Chaimbeil.
Chaidh 1,900 each a chuir a Canada gu Breatuinn an uiridh, ’s tha tuilleadh a dol a null gach seachdainn.
Bha stoirm da chlaich-mheallainn ann an Sassuinn air an t-seachdainn a chaidh, a rinn milleadh mor air measan.
Dh’fhag G. R. MacCoinnich, duine saoibhir a dh’eug ann an New York, $100 ,000 aig Eaglais Shaor na h Alba.
Chaochail mac do Chornelius Vanderbilt, ann an New York o chionn ghoirid, agus tha eagal air cuid gun teid athair as a rian.
Tha e air aithris nach eil am Pap gu ro-mhath ’sna lathaichean, so. Tha e na shean duine, ’s tha teas an t-samhraidh deuchainneach air.
Bha crith-thalmhainn ann an Sassuinn air an t-seachdainn s’a chaidh. Cha d’rinneadh cal sam bith, ged a chuir i eagal gu leor air cuid.
Tha eadar 75,000 ’us 100,000 duine ’nan tamh anns na Staitean a near, ag iarraidh tuilleadh tuarasdal. A chuid mhor dhiubh so, is clachairean iad.
Tha tuathanaich a sior-fhagail Dakota ’sa dol gu Manitoba. Tha so ag innse gur h-i Canada duthairrch as fheau na na staitean, ged nach eil i cho fada deas.
Tha muinntir Ulster, ceann-a- tuath Eirinn, a cuir an aghaidh Fein-riaghladh a thoirt do dh’Eirinn. Tha iad ag radh nach toir iad geill do Pharlamaid a shuidheas ann am Bail-ath-cliabh.
Chaidh fear, Bryant Crandall, a ghlacadh ann an San Francisco, air son cionnt eigin agus bha e air aithneachadh le neach a bha aig ’adhlacadh, ann am Buffalo, o chionn sia bliadhna!
Tha’m bradan cho pailt ann an Columbia Bhreatunnach ’sgu bheil na h-iasgairean ga reic air 10 stn am fear. Bha cuid ’gan reic cho iosal ri sent an t-aon. Bradan a thoimhseas fichead punnd air aon sent!’ Iasg saor da rireadh.
Theich Mr. Allan, duine posda, le Mrs. Hebden bean fir eile, a Montreal o chionn da sheachdainn. Bha iad le cheile da theaghlaichean cho beartach ’s cho measail ’sa bh’anns a bhaile. Dh’fhag Mr. Allan bean agus coignear chloinne; agus dh’fhag Mrs. Hebden leanabh, da bhliadhna dh’aois, agus dithis ghillean oga, fear deich bliadhna, ’s fear da bhliadhna dheug.
Dh’fhag am ‘Pelican,’ Sidni air an 29mh la. An ath latha thainig long-chogaidh Fhrangach an ‘Drac’ a stigh. Tha iad le cheile dol gu Newfoundland, far am bheil muinntir na duthcha sin ’s na Frangaich gu tric a dol far a cheile.
Bha bean ann am Peterboro, Ontario, a feitheamh ris an train an latha roimhe. Thainig bean eile far an robh i ’s dh’iarr i oirre ’leanabh a chumail dhi fhad s a bhiodh i fein a ceannachticket. Rinn i sin, ach a reir coltais cha do cheannaicheadh an’ ticketfhathast, oir chair fhacas a bhean eile uaithe sin.
Tha Ameer, no righ, Afganistana tighinn air cuairt do Bhreatuinn, an uine ghoirid. Tha sinn an dochas gu’n cord a thuras ris. Air leinn gu’m bi e na ni iongatach leis nach faic e Victoria, uair sam bith, a tilgeadh a chinn far duine thall ’sa bhos, mar is cleachdach leis fhein far am bheil cead a spoige aige.
Chaidh fear Sheumas Gleeson a mharbhadh anns a mhein-ghuail aig SidniMinesair an 27mh de Mhai. Bha e cuir ni eigin air doigh faisg air beul an tuill. Dh’fhuasgail an rop ris an robh e’n crochadh, agus thuit e sios 350 troigh, ’s bha e marbh mu’n gann a rainig e. Bha ’mhathair a feitheamh ri thighinn dhachaidh mu’m am a thachir so. Bha e 24 bliadhna dh’aois, agus na dhuin og tapaidh gealltannach, air an robh meas aig gach aon do’m b’aithn’ e.
Air an t seachdainn a chaidh, thainig Fearachar MacIllinnean dhachaidh dh’ -ionnsaidh na h-Aibhne-Meadhonaich an deigh dha bhi air falbh bho thir oige da fhichead bliadhna ’sa coig. Chaidh e do na Staitean na dhuine gle og: As a sin chaidh e dh’ Australia far an robh e ’g obair ’sna meinean oir, ’s far an d’rinn e fhortan. Cha do dhichuimhnich e riamh tir a dhuchais, ’s tha e nis air tigh’nn dhachaidh a chur seachad a chuid eile d’a laithean a measg a chairdean ‘sa luchd-eolais.
Dh’fhag Iain Kennedy, Little Glace Bay, a dhachaidh air feasgar a 24mh de mhai ’s cha d’fhuaras sgeul air o’n uair sin. Bha e fein agus dithis dhaoine bharr soitheach-smuid a bha stigh, ann an tigh-oil fad an fheasgair. Chaidh na daoine sin air bord an t-soithich an ath mhaduinn ’s an cuid aodaich fliuch. Tha iad-san ag radh nach d’fhagKennedyan tigh-oil comhla riu, ’s tha muinntir an tigh-oil ag radh gun d’fhag. Tha ’chairdean a rannsachadh anns gach ait air a shon, ach cha d’fhuaradh e fhathast, marbh no beo. Tha cuid am barail gu’m deach e gu Montreal anns an t-soitheach, ’s tha cuid eile ’smaoineachadh gu’n mharbhadh e. Bha uaireadear oir agus $11 a dh’airgiod aige ’sa mhaduinn. Tha e duilich a dheanamh a mach gu de dh’eirich dha. Bha e 28 bliadhna ’dh’aois.
BARGAIN.
B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.
Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh.
Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Ma Cheannaicheas to Bathar
—BHO—
C . S. JOST & CO. ,
Cha bhi aithreachas ort.
Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fhuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
[Vol . 1. No. 2. p. 4]
TOIMHSEACHAN.
EAD. LE A. M.
Do chruthaich Dia mi mu’n d’rinn E Adhamh;
Ach aon uair riamh, cha do bhrist mi aintean.
Ge d’thug E com dhomh le feoil ’s le cnamhan,
’Sann dh’fhag E lom mi, gun chas, gun lamhan.
’Nis tha ri innseadh, nach d ’thug Dia dhomhsa
Anam priseal, ged is creutair beo mi.
Bha aon la sonruicht ’sam fac mi Adhamh,
Is thug e ainm dhomh a reir mo nadair.
Tha mise eolach ’s gach cearn do’n t-shaoghal,
Ach air an talamh cha tric leat m’fhaotinn.
’S a chum co-lionadh a ruin ro ghrasmhor,
Bha am thug Dia dhomh anam neo-bhasmhor;
Is ’nuair a chriochnich E ’n run a b’ail leis,
Thug Esan bhuam e, ’s bha mi mar b’ abhaisd.
Tha mi am Chreutair da rireadh neonach,
Cha’n innis’ mi breugan, no’n fhirin chomhnard;
Is aon chuid sona, no truagh, cha bhi mi;
Tha mi caoin shuarach a thaobh a Bhiobuil.
’Nuair gheibh mi bas, bheir mi soills’ do mhoran,
Cha ruig mi Paras, ’s cha bhi mi’n doruinn.
A nis ma’s miann leat mi m’ainm dhuit innseadh,
Do bhiobul rannsaich le d’ uile dhichioll;
Is ceart cho cinnteach ’s tha mis ga raitinn’
Gheibh thu e sgriobhte an caochladh aitean.
SID ’US SO.
A choinn mios no dha, cheannaich bean ann a Philadelphia bord air a dheanamh air geugan craoibhe ’sa chairt orra. O chionn da sheachdainn, thoisich am bord air fas, agus, a nis tha e fo lan bhlath.
Chaidh duine geal a dh’eisdeachd ministeir dubh agus chord an searmon ris cho math ’s gun da chuir e coig dolair anns an tionail. Bha so no ni cho neo abhaisteach ’s gu’n tuirt am ministeir, aig crioch na seirbhis, gu’n d’rinn iad tionail mor—sia dolair dheug,— “Se sin,” air esan, “Mur e airgiod meallta ’thug an duine geal dhuinn.”
Tha paipeir a Halifax ag radh, gu’n deachaidh triuir dhaoine oga mach a dh’iasgach. Rinn iad ragh air maidean ’s chaidh iad a mach air loch. Rug iad air tri fichead iasg, ach nuair a bha iad a tilleadh leis, bhirst an ragh ’s iad leth-mhile bho thir. Ghreimich gach fear air maide, ’s fhuair iad dhachaidh sabhailte. ’Si cheist a nis, de dh’eirich dha’n iasg?
BATHAR UR!
BATHAR UR!
—AIG—
Vooght Bros. ,
SIDNI TUATH, C. B.
Aodaichean, Adan, Fluraichean, Paipear Rum, Cuirteanan, Brogan, &c , &c .
1,000 Baraile Fluir, 500 Baraile Min Bhuidhe, 100 Baraile Min Choirce, 6,000 poca Salain.
Tha so air a chumail do
D. W. MACFHIONGHAIN,
Sidni & Sidni Tuath.
Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu
COINNEACH R. MAC COINNICH,
SIDNI TUATH, C. B.
150 baraile Siucair,
250 baraile Fluir,
100 baraile Min Choirce,
10 baraileMolasses ,
100 bocsa Tombaca.
200 ciste Ti a Lunnain.
Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein.
title | Issue 2 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 2. %p |
parent text | Volume 1 |