[Vol . 1. No. 23. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
Vol . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 29, 1892. No. 23.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Tha da dhotair us ban altrum ann an Toronto tinn leis a bhric.
Tha e air a radh gu bheil am barr nas miosa ann am Breatuinn am bliadhna na bha e o chionn leth-cheud bliadhna.
Tha ’m ball is oige ’m Parlamaid Bhreatuinn da bhliadhna ar fhichead a dh’aois, ’s tha am fear is sine an taobh thall de cheithir fichead bliadhna sa deich.
Rugadh air dithis bhraithrean a Bangor Maine, ann a Halifax an la roimhe, ’s chuireadh iad dha’n phriosan air son airgiod us nithean eile a ghoid a taigh bordidh sa bhaile. Theich fear dhiu as a phriosan air feadh na h-oidhche. Tha’m fear eile stigh fhathast.
Aig Brampton, Ontario, an la roimhe bha dithis dhaoine, Patrick Oneil us Uilleam Keating ag ol cuideachd. Thanig rud-eigin eatorra ’s thug Oniel a mach sgian agus mu’n d’feuaireadh stad a chuir air leon e ’m fear eile cho dona e ’s nach urrinn dha bhi beo uine sam bith.
Tha fios a Hong Kong ag radh gu bhei an Abhainn Bhuidhe ann a China an deigh a dhol thar a bruachan a rithist agus da ri bhaile deug air a sguabadh air falbh leis an tuil, ’s moran dhaoine air an bathadh. ’Si so an Abhainn a chluich an cleas ceudna o chionn dha no tri bhliadhnichean ’s a rinn call mor.
Air an 6mh la dhe’n mhios so dheug seann duine da ’m b’ainm Iain Allen faisg air Laurel an Delaware. Bha e tri fichead bliadhna ’s deich aig am a bhais agus bha e comhnuidh ann an seann tigh faisg air an rathad iaruinn anns an robh e beagan ceannachd. An deigh a bhais fhuaireadh seann bhocsa ’san tigh ann san robh fichead mile dolair de dh’or agus moran de dh’airgiod a thuilleadh air sin.
Bha barrachd sluaigh aig torradh an Urr. Alasdir Mac Fhearchir Di-luain, s’a chaidh na chunnacas aig a leithid ann an Sidni riabh. Lean corr us mile coisiche ’n giulain dh’ionnsidh an ait-adhlacidh, a thuilleadh air aireamh cheudan a bha ann an carbadan. Mheairs naFree Masonsair thoiseach agus chum iad seirbhis-adhlacidh aig taobh na h-uaighe mar is abhist daibh.
Chaidh coig bailtean beaga faisg air Kutacs ’sna h-Innsibh ar Near a mhilleadh le crith-thalmhinn o chionn ghoirid agus moran a mharbhadh. Cho fad sa fhuair sinn fios bha seachd cuirp fhichead air an toirt as an draoighnich.
Dh’eug Mrs. Harrison bean Ceann-suidhe nan Staitean oidhche Dior-daoin am ficheadibh latha dhe’n mhios so. Bha i tinn leis a chaitheamh fad an t-shamhridh agus bha i sior dol uaithe o chionn seachdain no dha.
Tha ’n Dotair Domhnullach sa bhaile so a sealltuinn dhuinn tuagh a fhuair e bho sheann Innseanach air an Abhinn Mheadhonich. Tha i air a deanamh air cloich, beagan na’s lugha na tuagh chaol an latha ’n diugh, ’s mu dha phunnd a chudthrom. Tha’m faobhar gu math maol ’s rud-eigin air cumadh crudh eich. Chan eil sul innt’ idir ach bha i air a cur ann an sgoltadh an ceann na ’sa maide an sin air a cheangal gu teannle eill. Bha lag air fhagail ’na da thaobh air son greim math a bhi aige chois oirre. Le gabhail a reir a coltais theireadh neach nach mor feum a dheanadh i a leagail coille. Ach bha na h-Innseanich bho shean, chan e mhain a leagail chraobhan le tuaghain cloiche ach mar an ceudna deanamh bhatichean leotha. Bidh an tuagh so air a turus gu Feill an t Shaoghil an ceann latha mo dha, far am bi i ri faicinn air an ath bhliadhna. Tha ’n Dotair dhe’n bharail gu bheil i ceud gu leth bliadhna dh’ aois, agus theireamid fein gu bheil i h-uile latha dhe sin mur eil an corr.
PHOS.
Aig Gabarus, an 11mh la de dh’ October, leis an Urr. D. Sutherlan, Ruairidh Domhnullach, Loch Ghabarus, ri Floridh Nic-an-t- Shaoir, Canoe Lake.
Aig Loch Ainslie, an 5mh la de September, leis an Urr. Alasdir Grannd, Iain G. Mac Aidh ri Catriona Nic-Aidh.
Aig Loch Ainslie, an 18mh la de dh’ October, leis an Urr. Alasdir Grannd. Domhnull D. Mac Aidh ri Seonaid Fhriseal. Bhuinneadh iad le cheile do Cheap Mabou.
Aig Baddeck, an 13mh la de dh’ October, leis a Urr. D. Mac Dhughill, Alasdir L. Mac Cuaire, ri Anna Dhomhnullach. Bhuinneadh iad le cheile don Abhiun Mheadhonich.
Aig I-Challum-Chille, an 24mh la de dh’ October, leis an Urr. R, Grannd, Dughall Mac Fhionghain. Abhinn a Deas Antigonish, ri Helen Ghordon, a mhuinntir Alba.
Aig Antigonish, October 19mh, leis an Urr. I. R. Munro, R. II. Harrington, Port Hawkesbury, ri Catriona Nic-Dhughill, Sidni-a- Tuath.
Aig Glace Bay, October an 25mh, leis an Urr. J. A. Forbes, Tormod Moireastan ri Mor Nic Leoid.
DH’EUG.
Aig Clarke’s Road, an 11mh la de dh’ October, Gilleasbuig Mac Gilleain, Eildeir, ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’ aois.
Aig Kincardine, Ontario, an darna la de dh’ October, Nial Mac Gilleain, tri fichead bliadhna dh’ aois.
[Vol . 1. No. 23. p. 2]
MAC-TALLA.
Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.
A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An taobh stigh do shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00
Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh.
’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, OCTOBER 29, 1892.
Tha sinn gu tric a faighinn cunntas a na Staitean mu’n ghamhlas a tha cuid de shluagh na ducha sin a nochdadh do bhratach Bhreatuinn ge be aite ’m faic iad i. Tha moran dhiu cho beag breithneachidh ’s gu bheil iad a deanamh uaill a bhi tomhas an duinealis, ’s an gradh da’n duthich fhein leis an fhuath a th’aca do dhuchannan eile. Chan fhuiling iad so bratach Bhreatuinn fhaicinn a snamh air fonn nan Staitean idir, ’s na’m biodh an comas areir an durachd cha bhiodh cead aice snamh an aite sam bith. Spion fear dhiu bratach Bhreatunnach a nuas bhar tigh-cheannichean an New York an la roimhe, thilg e sa pholl i, ’s choisich e air falbh cho toilichte na chridhe ’s ged a bhiodh e ’n deigh gniomh mor a dheanamh. Dhiult na h-Oddfellows ann a Chicago gnothuch sam bith ca ghabhail ri fosgladh Feill an t-Shaoghil na’m biodh bratach sam bith ri faicinn ach bratach nan Staitean; ach fhuair iad a mach gu faigheadh Feill an t-Shaoghil air adhart gle mhath as an aonis, agus ged nach saoileadh iad fhein e, thigeadh an duthich uile cheart cho math as an aonis, oir chan eil iad a cuir maise sam bith oirre. Tha iad an duil gu bheil iad a nochdadh morachd agus cumhachd nan Staitean le bhi deanamh di-meas agus taire air bratach duthich eile, ach ’s ann a tha iad a sealltuin do’n t-shaoghal cho beag tuigse sa tha gabhail tamh nan cinn fhein, ’s de ghradh da’n coimhearsnich nan cridheachan.
Dh’eug Tomas Baker duin og a mhuinntir Halifax Di-satharine s’a chaidh an deigh a bhi posda tri seachdainean.
AN T-URRAMACH ALASDIR MAC FHEARCHAIR.
Rugadh an t-Urramach Alasdir Mac Fhearchair aig an Abhain Mheadhonich ’sa bhliadhna 1836. Be athair, an t-Urr. Alasdir Mac Fhearchair, ministeir sgire na h-Aibhne Meadhonich o’n am a chaidh a shuidheachadh an 1828 gu am a bhais (1858).
Fhuair esan nu bheil sinn a sgriobhadh fhoghlum ann an colaist na h-Eaglis Shaoir ann a Halifacs. Chaidh a chuir air leth air son searmonachadh an t-shoisgeil le Cleir Mhiramichi an New Brunswick sa bhliadhna 1862. Shaothrich e ann sa Chleir sin corr us bliadhna ’s thanig e dhachidh. Fhuair e an sin gairm gu Leitch’s Creek an Cleir Shidni far an do shaothrich e le mor thoileachadh do’n t-shluagh, agus le soirbheachadh nach bu bheag ann san t-shoisgeul. An am dha bhi ’n Leitch’s Creek bha a toirt pairt de sheirbhis do Ghlace Bay, aite bha gle bheag aig an am sin ach air an robh coltas math fais a thaobh meinein guail a bhi air an ur fhosgladh ann. An deigh dha bhi car treis an Leitch’s Creek chaidh a shuidheachadh an Glace Bay far an robh e gus an d’fhuair e gairm a Sidni, agus far a bheil a chuimhne cubhridh fhathast a measg an t-shluaigh a bha fo theagasg.
Bha e air a shuidheachadh ann an Sidni air a cheud latha de September, 1875. Gu am a bhais bha a saoithreachadh an sin le mor thaitneeas do ua h-uile. O chionn beagan bhliadhnichean thug e sgriob do dh’ Alba air son a shlainte. Bha e mealtuinn deagh shlainte fad bliadhna no dha an deigh sin, ach deireadh an t-samhridh s’a chaidh, bha e rithist air a leagail sios le tinneas trom a lean e gu am a bhais. Bha e dol gu math na b’ fhearr o’n tinneas sin o chionn mios no dha, s be duil gach aon gu robh e gu bhi air a chaomhnadh da threud iomadh bliadhna. Ach cha be sin run an Ti a tha riaghladh, ’sa tha riaghladh gach ni gu math. Chriochnich e a thurus air an talamh Di-haoine, a cheud latha ’ar fhichead de dh’ October. Dh’ fhag e banntrach, nighean do’n Dotair Mac Leoid, agus triuir chloinne.
’S gann gu robh riabh ceangal cho mor eadar sluagh us ministeir sa bha eadar comhthionalSt . Andrew’ sus Mr. Mac Fhearchair. Faodidh neach tighinn na dheigh a lionas aite ann an searmonachadh an t shoisgeil, ach cha chreid sinn gu ’n tig neach a ghabhas aite ann an cridheachan an t-shluaigh. Na chaithe-beatha ’s na ghiulain, bha e cho iriosal ’s cho neo-lochdach ’s nach b’urrinn do neach sam bith coirre fhaotinn dha, no eolas a bhi aig air gun ghradh a thoirt da. Tha co-fhairoachdain aginn ris a bhanntiaich ’s ris a chloinn a dh’fhag e ’s tha sinn an dochas gu’m buin am freasdal gu math riu.
Aig Bellville. Ontario Di-haoine s’a chaidh, fhuaireadh cnamhan duine da’m b’ ainm Plummer a chaidh air chall o chionn beagan bhliadhnichean ann an torr gainneamhich. Se barail muinntir gu’n deachidha mhurt mu’n ann a dh’iondrainneadh e ’s gun deachidh fhalach an sin.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
[Vol . 1. No. 23. p. 3]
FOGRADH NAN GAIDHEAL.
VI.
UITHIST AGUS BARRAIDH
Air a’ bhliathna 1851 bha obair dheistinneach air a deanamh an Uithist a chinn Deas agus an Eilean Bharraidh a reir mar tha Mr Alastair MacCoinnich ag innseadh anns an leabhar a chuir e mach an Inbhear-Nis mu thinchioll Di-larachadh na Gaidhealtachd. Bha seirbhisich Choirneil Gordan, an t uachdaran a cheannaich na h-eileanan so, a mealladh an t-sluaigh, le breugaibh, ag radh riu gun robh Sir Iain Mac Neil a’ dol a nunn do Chanada gu bhi rompa an sin, a chum gach goireas a bhiodh feumail daibh ullachadh air an son agus fhaicinn air a bhuileachadh orra. Ach thuig moran de’n t.sluagh an t-innleachd-meallaidh agus dhuilt iad falbh, agus cha rachadh neach dhiubh air bord luinge. An sin thoisich obair an leirsgrios an uair a thainig na longan a staigh do Loch Bhaoghasdail gus an sluaigh a ghiulan gu America. Chaidh gairm a mach an sluagh a chruinneachadh gu Loch Bhaoghasdail far an robh an luingeas air acair, agus chuireadh ordugh a mach gum biodh ubhladh da phunnd Sassannach, no deich dollair, air gach fear nach tionaileadh a dh-ionnsuidh an aite. Nuair a chruinnich an sluagh gu Loch Bhaoghasdail, dh’aithneadh dhaibh dol air bord, agus iadsan a dhiult chaidh an glacadh le maoir agus an cur air bord a dh-aindeoin. Bha fear laidir d’am b’ainm Aonghus Mac Iain a’ cur an aghaidh nam maor le uile neart, agus b’eigin glas-lamh a chur air mum b’urrainn iad a cheannsachadh. Ach thainig sagart Uithist agus le eadraiginn-san thugadh dheth a ghlas-lamh, ach ghiulaineadh a staigh air bord e eadar ceithir maoir a bha m’ a thimchioll. Chaidh nighean og a ghlacadh, ach theich i air feadh na h-oidhche, agus air maduin an ath latha dhuisgeadh an sluagh le sgriachail agus sgread na h-ighinn a chaidh ghlacadh ann an taigh a bha dluth air laimh. Bha a chaileag bhochd an sas eadar dithis mhaor, cosmhuil ri da dheamhan ’ga slaodadh leotha, a falt sios m’ a cluasaibh sgaoilte, agua a h-aodunn air at agus air bochdadh le caoineadh. Bha maor fuinn an uachdaran comhlath ris an dithis eile ag iomain na caileig as an deigh. Theich mar an ciadna dithis chaileag eile le fear d’ am b’ainm Iain Dughallach. Chaidh e fhein a chur air bord luinge ach dh’fhagadh a dhithis nighean as a dheigh air feadh nam beann. Bha te dhiubh 14 bliadhna agus an te eile 12 bliadhna dh’aois.
An uair a rainig na creutairean bochd so Quebec cha robh sgillinn ruadh aca bheireadh na b’fhaide iad air an turus, ged a dh’innseadh gun robh an luchd-riaghlaidh dol a chost orra gus an ruig braighe Ontario far an robh iad a’ dol. B’eigin do shluagh caranta caoimhneil ann an Quebec an lamh a shineadh agus beagan airgid a chruinneachadh gus an cuideachadh air an aghaidh gu ceannn an turuis. Bha moran d’e ’n luchd imrich so aig nach robh facal Beurla. Cha tuigeadh iad canain sam bith ach Gailig agus bha e mar sin gle dhuilich dhaibh siubhal air an turus a chionn nach tuireadh iad cainnt na ducha. Agus re a’ gheamhraidh a lean dh’fhuiling iad moran saruchaidh le fuachd agus acras.
Chaidh mu thuairim da mhile sluaigh a chur air falbh mar so le Coirneal Gordan, agus nam b’ann san Tuirc no ann an Russia a bhiodh an obair so air a deanamh, bhitheadh air luchd-aitich na criosdachd gairisinn agus uamhas, ach nuair a rinneadh e air Gaidhil bhochda le uachdaran cruaidh-chridheach gun iochda, chan eil guth mu dheibhinn.
D. B. B.
Thilg e Bhuaithe na Batichean—Iomradh Fior Air Ni Cudthromach.
Fad ochd bliadhna bha lot air mo chois a thanig oirre ’n deigh dhomh a bristeadh Chum na dotairean mi san leaba coig miosan a feuchinn ri ’leigheas ach cha d’rinn sin feum sam bith. Dh’fheuch mi gach acorsa cungidh-leighis ach cha b’fheairde mi sin dad. ’An 1883 dh’fhas i cho dona ’s gum b’ fheudar dhomh suidhe air aon chathir ’s mo chas air cathar eile fad cheithir miosan. Cha b’urrinn dhomh mo chas a chuir fodham neo sputadh am fhuil as an lot ’s dh’atadh mo chas suas gu bhi dha urad ’s bu choir dhi bhi. Bha aon lot deug oirre aig an am so agus cha robh ann dhiom ach na cnamhan (chaill mi 70poundan ceithir miosan. Chomharlich cairdean dhomh dhol d’a Ospidal, ach cha rachinn ann oir bha fios agam gu’n gearradh iad a chas dhiom. Bha an dotair an sin air son a fosgladh gus an cnaimh a ghlanadh ach bha mi ro lag air son sin fhulang. Cha chuala mi muBurdock Blood Bittersriamh roimhe sin, ach leubh mi mu mhinisteir an t-Urr. Mr. Stout, a bha air a leigheas de dhroch at air a mhuinneal le B. B. B. an deigh do gach leigheas eile fairtleachadh air, agus smaoinich mi gum feuchinn fhein e. Nigh mi mo chas leis naBittersagus ghabh mi e mar a bha air iarridh. An deigh dhomh aon bhotal ol choisichean air batichean, an deigh tri ol, thilg mi bhuam na batichean ’s chaidh mi mach a spealadh feoir. An deigh sia botail a ghabhail bha mo chas air leigheas suas; bha na cnamhan fuasgailte air tigh’nu aisde, ’s thanig na feithean air ais d’an aitean fein. Tha maoi bliadhna bhuaithe sin ’s cha d’fhosgail i riamh bhuaithe sin, ’s an diugh coisichidh mi coig mile cho luath ri neach sam bith, ’s faodidh mi thaing sin a thoirt do B. B. B. a rinn mo chas a chaomhnadh dhomh, mur d’ rinn mo bheatha. Molidh mi e gu toilichte do neach sam bith a tha fulang. Cuir deuchinn air B. B. B, ’s leighsidh e thu mar e leighis e mise.
UILLEAM MACNEE St. Ives P. O., Ont.
Tha Mr. F. C. Sanderson, fear-reic chungidh-leighis aig St. Mary’s Ont. a toirt dearbhadh gu bheil na tha Mr. Mac Nee ag radh fior ged is iongatach e agus ag radh gu’n rinneadh leigheasan iongatach eile anns an aite sin le B. B. B, ’s nach eil leithid ann air son droch fhuil, droch stamag, ceangal-cuim, agus gabh seors euslaint a tha buailteach do’n stamaig, do’n ghruan agus do’n fhuil.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnean, Gleus Airgid air son chisteachdan, &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac’
agus Sigars.
SIDNI, C. B.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr.
[Vol . 1. No. 23. p. 4]
LITIR BHO “CHLEIREACH.”
AM BAILE REULTAGACH, AMHINN AN EAR PHICTOU, October an 24mh. 1892.
A charaid ionmhuin,—
Mais us piseach air MAC-TALLA. Gu ma fada beo e us ceo as a thaigh! Tha sean fhacal ag radh gu’n cuidich am Freasdal iadsan a chuidicheas iad fhein: ach chan eil teagamh nach d’thug MAC TALLA coir misneachd us cuideachadh do dh’iomadh Gaidheal og gu e fein a thogail ’san t shaoghal. Ach tha eagal orm gu bheil moran fhathast ri dheanamh mus bi a h-uile Gaidheal iomlan ’sa Ghalig. Far am bheil an toil bithidh an gniomh, ach chan eil an toil aig moran de na Gaidhil suim a ghabhail dhe’n Ghalig, leis a beachd amideach nach eil e gu buanachd a cumail suas, nach eil i uasal gu leor, ’s gu bheil i gu luath a dol as, ’s nach fhada bhitheas feum idir dhi. Tha e riatanach mar tha cuisean a dol gum bitheadh eolas aginn air Beurla, ach na leigeamid air di-chuimhne gur i Ghalig cainnt nan gaisgeach, cainnt nan treun-fhear, gleusda, gasda, choisinn cliu ’s gach buaidh. Do’n Ghaidheal, le threuntas, le thur nadair, ’s leis gach buaidh tha fuaighte ris, buinidh, aig an am so, roinn mhath de shoirbheachadh na ducha so. Ach gun eolas air a Ghalig, tha’n Gaidheal mar dhuine fo chioram, mar dhuine calma air leth laimh no air leth shuil.
Shaol le Cailein a Ghlinne gur e tiodhlacadh an fhir mhosich a bh’ann sa cheud sealladh a fhuair e dhe’n each-iaruinn le shreth charbadan as a dheigh a gabhail seachad gu ruig na“Narrows. ”Ach shaoil le daoine bu ghlice na Cailein bochd, fada mu’n d thanig an t-each iaruinn gu robh uair dheireannach na Galig air teachd. Gidheadh tha i fhathast beo, slan, fallain, ged tha i aois mhor. ’S coir dhuinn suil a chumail oirre sa h-iarrtus eiridinn, Chan eil e soirbh Gaidheal a dheanamh dhe’n dubh ghall le boneid bhiorach a chur ma cheann, breacan air a ghualla, feille-bheag suainte mu chruachanan cruaidhe, cnamhach, agus osain mu chalpannan speilgeach: cha deanadh e ach Gaidheal seang. Agus cha mho na sin a ni Gaidheal Sasunnach dheth fein le bhi ’n imis a dhol as na giolan a stir ri theanga chumadh ri facail chaola thioram na Beurla! Air chul, mata leis an aithris bhochd so, ’s le faoinealachd cho leibideach. An aite naire bhi orinn air son canain us chleachdidhean nan Gaidheal, deanamid uaill asda agus gabhamid a h-uile cothron air an cumail suas, ’s air an sineadh sios dhaibh san a thig ’nar deigh. Tha e ro thaitneach ri innse gu bheil uaislean us luchd-foghlum Gaidhealach an latha ’n diugh a gabhail suim dhe’n Ghalig’s a cur rompa nach bi an sliochd air an togail suas gun eolas air a chainnt aghmhoir, bhlasda a chleachd Adhamh us Eubh, Suas mata leis a Ghalig ’s deanamid coir us cliu nan Gaidheal a chumail air chuimhne. Ann am briathran a bhaird,—
“Fhad sa bhios grian ann sna speuraibh,
No gealach ag eiridh san oidhche,
No gaoth a seideadh ’sna h-airdibh,
Bi’dh cliu nan Gaidheal air chuimhne.”
CLEIREACH.
Re nan sia seachdainean a chaidh seachad dh’eug corr us sia mile ann a Hamburg leis a cholera.
BURDOCK BLOOD BITTERS
Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.
LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT,
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.
TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR!
SANAIS.
Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h-uilc
Dheoghladh bhur cuid,
’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh
TIGH ACADIA.
LEUBH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatainn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 23 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 23. %p |
parent text | Volume 1 |