[Vol . 1. No. 24. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 5, 1892. No . 24.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G H MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Tha breitheamh ann sa phriosan an Austria air son a bhean a mhurt.
Tha ’n t-Urr. Eoghain Mac Coinnich a leigeil dheth comhthionail Cheap North ’s tha an t-Urr. Callum MacLeoid gu bhi na aite fad a gheamhridh.
Bha teine mor ann an Milwaukee deireadh na seachdain s’a chaidh ’s bha moran dhe na taighean a b’fhearr air an losgadh gu lar. Tha e air a mheas gu robh fiach sia muillean air a chall.
CION-CNAMHIDH AIR A LEIGHEAS, —Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhidh bidh le tri botail de B. B. B. a ghabhail, agus mholinn e do neach sam bith a tha fulang leis an euslaint cheudna.
Tha ’n t-Onarach Edward Blake an drasd ann sna Staitean a toirt seachad a bharail air a cheist mhoir sin a tha luch-riaghlidh Bhreatuinn a feuchinn ri fhuasgladh, —An toirear Fein Riaghladh do dh’Eirinn?
Dh’eug fear Tomas Liston aig Kingston Ontario, air an t-sheachdain s’a chaidh. Bha a bhean tinn aig an am agus nuair a fhuair i fios mu bhas a fir dh’eug ise mar an ceudna. Thachir ni gle choltach ri so aig a Bhras d’Or Bheag an uiridh.
Tha droch shide aca ’s an t seann duthich. An Alba thuit bho thri gu sia oirlich shneachda, o chionn ghoirid, ’s air a Ghaidhealtachd tha deigh air na lochan uisge. Tha moran dhe’n bharr gun bhuain fhathast. Tha milleadh mor air a dheanamh an Sasuinn ’s an Eirinn le stoirm ’s le tuiltean.
Tha ’n t-Urr. Iain MacLeoid, Sagart Descousse marbh. Bha e air a shuidheachadh an sgire Louisburg ’sa bhliadhna 1886. Bha e ’n deigh sin ann an Thornburn am Pictou. Air an t-shamhradh s’a chaidh, thanig e gu Descousse. Chaidh arach a measg cnoic us glinn bhoidheach Bhroad Cove far a bheil moran de ’chairdean fhathast. Be aon de na sagairt a b’oige bha ’n Ceap Breatunn ’s bha e aig airde ,s na lan neart nuair a thug am bas air falbh e. Bidh ionndrain mhor air ann sna paraisdean ’s ’n do shaothrich e, agus am measg a luchd-eolais uile.
Tha iadsan aig am bheil riaghladh Feill an t-Shaoghil gu bhi, an deigh an aonta thoirt do bhi reic deoch laidir air an fheill. Tha e air a radh, mar an ceudna gu bheil an fheill gu bhi fosgailte air an t-shabaid, ged a rinn Seanadh nan Staitean lagh ’g am bacail. Tha e ro choltach gu bheil Feill an t Shaoghil a dol thun an uilc.
Phos caraid ann a Chicago a la roimhe, ’s b’ iad aon de na caraidean bu lugha sheas air stol-posidh riabh. Bha esan, Maidsear Samora, a mhuinntir Newfoundland, tri oirlich dheug thar fhichead a dh’airde, ’s leth cheud punnd ’sa ceithir a chudthrom. Bha ise, Carstiona Goughman a mhuinntir Shasuinn, tri troidhean a dh’ airde, ’s tri fichead punnd sa ceithir a chudthrom.
EAGAL A BHAIS. Bidh eagal a bhais air neach nuair a theid a ghrad bhualadh le tinneas gu h-aridh le droch fhuachd, no casadich. Ach cha ruig e leas sin a bhi air ma tha e cumailDr . Wool’s Norway Pine Syrupfaisg air laimh air son math a theaghlich. Leighsidh an leigheas ciatach so casadich, cnatan, tuchadh, cuing, agus gach eucail eile tha buailteach do’n amhich ’s do’n sgamhan.
DH’FHAG E AN DOTAIR. A Dhaoin-uaisle, —Bha droch stamag a cuir dragh orm fad cheithir bliadhna, agus dh’fhiach mi iomadh leigheas, ach cha d’rinn iad mor fheum dhomh. Leubh mi ann am paipear mu BhurdochBlood Bitters, agus dh’fhag mi an dotair ’s thoisich mi air ol B. B. B. ’s fhuair mi nach robh leigheas sam bith elle ri choimeas ris. Leighis tri botail mi gu buileach. Theid agam air an stuth iongatach a mholadh do na h-uile.
BERT J. REID, Wingham, Ont.
Ann am baile beag da’n ainm Temocine, am Mexico, bha ’n sluagh bochd air an sarachadh cho mor le cis ’s le droch riaghladh ’s gun dh’ eirich iad an ceannairc an aghidh an luchd riaghlidh. Cha robh ann sa bhaile gu leir ach ochd duine deug ’ar fhichead. Chuireadh da cheud deug saighdear d’an bhaile sin gus an sluagh a sgrios, rud a rinn iad. Bha na h-ochd-deug ’ar fhichead air am marbhadh, ach thuit tri cheud ’s tri fihcead us ochd dhe na saighdearan. Choisinn iad a bhuaidh gle dhaor.
[Vol . 1. No. 24. p. 2]
MAC-TALLA.
Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.
A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00
Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh.
’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 5, 1892.
Tha Teampull mor na Mormonich ri bhi air fhosgladh an Baile ’n Loch Shaillte(Salt Lake City)an April s’a tighinn. Thoisich na Mormonich air togail na h-aitreabh mhoir so o chionn da fhichead bladhna, agus chosg e da mhuillean gu leth dolair.
Cuir leth dolar thuginn an drasda ’s gheibh thu MAC TALLA bho’n am a ruigeas an t airgiod sinn gu deireadh na bliadhna s’a tighinn. Bidh ’n sin agad da mhios dhe’n phaipeir a nasgidh. Tha sinn a gealtuim so a mhain dhaibhsan a phaidheas an t-airgiod sios, gun dail iarridh idir.
Tha sean fhacal ag radh gur fhearr ian ’sa laimh na dha air iteig, agus tha e fior gu leor. Tha e fior mar an ceudna gur fhearr dolar and drasd na dha an ceann bliadhna, agus se sin a thng oirnn riaghilt ur a dheanamh a thaobh paidhidh a MHAC-TALLA. Mar a chithear an ait eile, gheibhear am paipear so fad bliadhna air son leth-dolar le phaidheadh toiseach na bliadhna. Le phaidheadh an ceann shia miosan bi’dh e tri chairteil dolair, agus mur paidhear e gu ceann na bliadhna bi’dh e dolar slan. Se’n duine glic, mata, a phaidheas an toiseach na bliadhna.
’Si Ruisia aon de na rioghachdan is miosa riaghladh a tha ’n diugh air uachdar an domhain. Tha ’n t-Impire a gabhail air fhein a bhi na athair caomh da iochdrain uile ’s aig a chrunadh tha e gealltuin curam a ghabhail dhiu. Ach chan eil an gealladh sin air a cholionadh, ’s chan eil sluagh fo’n ghrein is truaighe na sluagh Ruisia, gu h-aridh an sluagh bochd. Ma tha neach a deanamh cionta sam bith tha e aon chuid air a chrochadh, air a sguirsadh cha mhor gu bas, no air fhogradh gu Siberia, far am bi aige ri bheatha chaitheamh ag obair ’sna meinein agus as nach bi duil aige ri fuasgladh gus an toir am bas air falbh e. Chan iad na cointaich a mhain a gheibh duais na h eucoireach ann san duthich bhochd so, ach tha na neo-chiontich a fulang maille riu. Tha iomadh sgeul bhronach a tighinn d’ar ’n ionnsidh a Ruisia. Chan e ’n t-Impire leis fhein a tha ri ’choireachadh air son suidheachadh na rioghachd ’s an t-shluaigh, ach iadsan a tha ’nan comharlichean aige, ’s tha iad sia mar is trice ’deanamh a ni a chi iad fhein iomchuidh chum an saoibhreas ’s an inbhe fhein a chuir am meud, gun suim sam bith a bhi aca do chor an t-shluaigh. Tha’n t-aintighearnas fo’m bheil iad a fnlang an deigh gamhlas cho mor altrum am broilleach an t-shluaigh sin an aghidh an t-Sair ’sa chuid uaislein ’s nach leig an t-eagal leis na statichean sin a dhol a mach air dorus gun gheard dubailt bhi ’g an dion. Tha mar sin eagal am bheatha aig an t-shluagh roimh ’n t-Shar, s tha eagal a bheatha aig an t-Shar roimh ’n t-shluagh. Bi’dh sinne ’s an duthich so gu tric a gearain air droch riaghladh, ’s bidh aa h aobhir aginn air uairean, ach tha sinn da rireadh sona ’n coimeas ri sluagh Ruisia.
OIDHCHE SHAMHNA. —Be oidhche Di-luain sa’a chaidh Oidhche Shamhna ’s bha na gillean ’s gach aite air an cois gu anmoch a cluich nan cleasan is abhist daibh a bhi cluich air an oidhche chridheil sin. Cha tig oidhche shamhna ach uair ’sa bhliadhna, ’s chan urrinn sinn coire sam bith a chuir orra ged a bhiodh iad a deanamh beagan sporsa dhaibh fein, ma dh’fhanas iad gun cron a dheanamh air cuid muinntir eile. Ged nach biodh gach geata na aite fhein sa mhaduinn, ’s ged a bhiodh corra rud gun mhaighstir cha dean math dhuinn a bhi gruamach, ach ’s coir dhuinn cuir suas leis mar ni nach gabh seachnadh.
’Se Dior-dain s’a tighinn an latha tha air a chuir air leth le luchd riaghlidh na h-Ard-Fhlaitheachd so air son Latha Taingealachd.
PHOS.
Aig an Amhinn Mheadhonich, an 27mh la de dh’ October, leis an Urr Alasdir MacRath, Aonghas Domhnullach, Beinn nan Gearrloch, ri Isabel Nic-a- Phearsain, ’s an aite cheudna.
Aig Baddeck, Oct. 5mh. leis an Urr Mr. Grannd, Iain C. McNeill, Grand Narrows, ri Catriona Nic Neill, Baddeck.
Aig Mira, Sept. 27mh, leis an Urr, Uilleam Calder, Uilleam Mac Aonghais ri Mairi Anna Dhomhnullach.
Leis an Urr Uilleam Calder, Oct. 4mh, Alasdir Mac-an-t- Shaoir, Canoe Lake, ri Mor Anna Munro ’san aite cheudna.
DR . WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c. us 50c. am botull.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
[Vol . 1. No. 24. p. 3]
FOGRADH NAN GAIDHEAL.
VII.
UIBHIST A CHINN TUATH.
Air a’ bhliadhna 1849 dh’fhuadaich Morair Chlainn Domhnuill 600 no 700 pearsa a Sollas, ’aite ann an Uibhist mu thuath. Dh’asluich an sluagh air son beagan dalach gus am faigheadh iad an crodh ’s an spreidh ’s nithean eile a chreic gun chall a bhi aca, nuair a thigeadh feilltean an t-samhraidh mun cuairt. Ach cha d’ fhuair iad eisdeachd no freagairt d’ an iarrtas. Chaidh an cur a mach as na taighibh, na dorsan a ghlasadh, agus gach ni a bha aca a sharadh, eadar chrodh us arbharr agus moine; agus thilgeadh an cuid airneis a mach air an dorus air lom a’ bhlair a muigh. Bha duine araid an sin a bha ’na fhigheadair, aig an robh bean agus naoinear chlainne. Thilgeadh a mach airneis an duine so, agus chaidh an eididh a ghearradh as a’ bheairt; agus ruith a’ bhean a chum an doruis leis an naoidhean aice na h-ultaich ag eigheach a mach cho ard s a b’ urrainn di. “Tha mo chlann air a bhi air am murtadh.” An deigh sin leag na maoir an taigh gu lar. Ann an taighibh eile b’eigin do na maoir na mnathan a ghlacadh agus an cur a mach le neart nan lamh air an dorus. Thilg aon bhoirionnach i fhein air an lar, chaidh i ’na paiseanadh, agus thoisich i air sgiamhail, agus sgriachail, agus tathunnaich mar chu, re dheich mionaidean. Thainig boirionnach eile agus ghuidh i air an t-Siorram gum fagadh e am mullach air an taigh, no air a chuid sin deth a bha ascionn an aite anns an robh a’ bheairt, gus an cuireadh i crioch air an eididh a bha i a’ figheadh aig an am sin. Thainig boirionnach eile agus thug i ionnsnidh air fear de na maoir a bhualadh le maide, ach cha d’ amais i air; an sin leum i air agus spion i an ad dha mullach a chinn. Bha i cho buaireasach laidir s gum b’ann air eiginn a thug da mhaor a mach eatorra i air an dorus. Bha obair an uamhais a’ fas cho graineil ’s gum b’eigin do’n Fhactor aig a’ Mhorair Shleiteach lasachadh agus aontachadh ris an t sluagh fhagail nan taighibh gu deireadh an earraich nan gealladh iad falbh an sin le ’n toil fhein. Ghabh cuid ris an tairgse so agus dhiult a’ mhor chuid i. Gidheadh chaidh an spreidh a sharadh ’s a ghlacadh air son ainfhiach a’ mhail.
Tha Morair chlainn Domhnuill a nis ann am fiachaibh mor, cho fada ri da chiad mile punnd Sassonnach ( £200 ,000 sterling.) Uime sin chuireadh an oighreachd fo chileadairibh le luchd an ainfhiaich, oir chan urrainn iad an oighreachd a reic, ach rinn iad greim air a’ mhal—agus air tighinn a stigh na h-oighreachd, a’ fagail cuibhrinn araid aig a’ Mhorair gus a bheathachadh, air gach bliadhna. Tha na cileadairean so coma ciod a dh’eireas do’n t-sluagh ma gheibh iad am mal a chruinneachadh air son paighidh nam fiachan. Ann am mios September, 1853, thainig maor fuinn a’ Mhorair agus thug e bairlinn do na croitearaibh air son falhh as an fhearann, aig aite ris an abrar Borraraig agus Suisinnis. Bha mu thimchioll da theaghlach dhiag thar fhichead anns an aite sin. Bha na firionnaich air falbh bho ’n taigh ’gan cosnadh air son airgid a phaigheadh am mal. Cha robh aig an taigh ach na mnathan agus a’ chlann bheag. Ach a dh’aindeoin gaoir nam ban agus caoineadh na clainne bige, thoisich an obair an-trocaireach; thilgeadh an airneis a mach air an dorus, agus ruisgeadh mullach nan taighean. Bha an t-seann mhuinntir air an cur a mach a dh’ aindeoin, agus bha na mnathan s a’ chlann ag eigheach, a’ spionadh am fuilt leis an iomaguin, agus a’ reubadh na h-iarmailte le ’n sgreadail agus le ’n ranaich. Cha robh trocair air a nochdadh do dh-aois no dh-oige, do fhirionn no bhoirionn; ach bha iad uile air an tilgeadh a mach agus air am fagail gu basachadh air na cnoic loma.
Gidheadh bha am Factor a’ gabhail leithsgeil na h-oibre oillteil so, agus ag radh gur h-ann bho “chaoimhneas, bho dheagh run, agus bho dhiadhaidheachd” a rinneadh i, “a chionn gun robh an sluagh tuilleadh us fada bho ’n Eaglais.” Nach iongantach nach deachaidh am Factor so a bhualadh le peileir-tairneanaich bho na neoil?
D. B. B.
NAIDHEACHDAN AST . ANN’S.
A MHIC-TALLA mo chridhe,
Is fada ’n uine on chuala tu bhuam roimhe, ach mar a bha fear eile ’g radh nuair a bha e sgriobhadh dh’ionnsaidh a leannain, “cha be nach robh mo run gu tric air m’ aire ach nach robh dad agam ri radh riut.” Coma co dhiu tha mi cuir g’ad ionnsidh dolar air son dithis ghabhaltichean ura, agus tha mi ’n duil gu’n gabh sin fhein mo leisgeul ann sa chuis; oir ’se ’n t-airgiod an diugh an aon ni is fhearr a th’ann air son leisgeul duine ghabhail ’an cuis sam bith.
Tha na tuathanich ann san aite so an deigh gach seorsa barra chuir a steach gu sabhailt. Tha gach por am blidhna na’s aotroma na bha e ’n uiridh, ach am bunata leis fhein. Tha ’m bunata anabarrach math aig na h-uile. Cha deachidh dad de dh’iasg a ghlacadh ann san aite so am bliadhna. Ach faodidh feoil gu leor a bhi aig daoine, oir chan eil pris air beathichean, ’s tha biadh spreidh ro ghann air feadh na ducha.
Tha mi an dochas, a MHIC-TALLA, gu’m bi do chairdean a dol a meud air toiseach a gheamhridh. Nach eil e moran na’s fhearr do dhaoine bhi leubhadh phaipearan naidheachd ann san oidhche fhada gheamhridh, agus a bhi foghlam mu chuisean na ducha na bhi cosg an uine ’bruidhinn mu bhrolumas gum seadh a dh’fhaodas a bhi dol air adhart ’na measg fhein. Buaidh us piseach mata gum biodh leat a MHIC-TALLA air a gheamhradh so. Sin agad durachd gach Gaidheal ceart.
DONNA DILEAS.
St . Ann’s, October17mh , 1892.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac’
agus Sigars.
SIDNI, C. B.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr.
[Vol . 1. No. 24. p. 4]
AN GLEANN ’S AN ROBH MI OG.
LE NIALL MACLEOID.
’N uair ’philleas ruinn an samhradh,
Bidh gach doire ’s crann fodh chroic;
Na h-eoin air bharr nam meanglan
’Deanamh caithreim bhinn le ’n ceol;
A’ chlann bheag a ruith le fonn
Mu gach tom a’ buain nan ros—
Be’ e mo mhiann a bhi ’s an am sin
Anns a’ ghleann ’s an robh mi og.
Anns a’ ghleann ’s an robh mi og,
Anns a’ ghleann ’s an robh mi og,
B’ e mo mhiann a bhi ’s an am sin
Anns a’ ghleann ’s an robh mi og.
’S a’ mhaduinn ’n am dhuinn dusgadh,
Bhiodh an driuchd air bharr an fheoir;
A’ chuthag ’us gug-gug aic’
Ann an doire dluth nan cno;
Na laoigh og a’ leum le sunnt,
’S ag cur smuid air feadh nan lon;
Ach cha ’n fhaicear sin ’s an am so
Anns ’a ghlean ’s an robh mi og.
Anns a’ ghleann, &c .
’N am an cruinneachaidh do ’n bhuailidh
B’ e mo luaidh a bhi ’n an coir;
Bhiodh a duanag aig gach guanaig,
Agus cuach aice ’n a dorn;
Bhiodh mactalla ’freagairt shuas—
E ri aithris fuaim a beoil—
Ach cha chluinnear sin ’s an am so
Anns a’ ghleann ’s an robh mi og.
Anns a’ ghleann, &c .
Ann an dubhlachd gharbh a’ gheamhraidh
Cha b’ e am bu ghainn’ ar spors;
Greis air sugradh, greis air dannsa,
Greis air cainntireach ’us ceol;
Bhiodh gach seanair aosmhor, liath,
’G innse sgialachdan gun gho
Air gach gaisgeach fearail, greannmhor
Bha ’s a’ ghleann ’n uair ’bha iad og.
Anns a’ ghleann, &c .
Bha de sholas dheth gach seors’ ann
’Chumadh oigridh ann am fonn;
Cha robh uisge, muir, no mointeach
Air an comhdach bho ar bonn;
Ach an diugh tha maor ’us lann
Air gach alltan agus ob;
Cha’ n ’eil saorsa sruth nam beanntan
Anns a’ ghleann ’s an robh mi og.
Anns a’ ghleann, &c .
Tha na fardaichean ’n am fasaich,
Far an d’ araicheadh na seoid,
Far ’m bu chridheil fuaim an gaire,
Far ’m bu chairdeil iad mu ’n bhord,
Far am faigheadh coigreach baigh,
Agus anrach bochd a lon;
Ach cha ’n fhaigh iad ’sin ’s an am so
Anns a’ ghleann ’s an robh mi og.
Anns a’ ghleann, &c .
Chaochail maduinn ait ar n-oige
Mar an ceo air bharr nam beann;
Tha ar cairdean ’s ar luchd-eolais
Air am fogradh ’bhos ’us thall;
Tha cuid eile dhiubh nach gluais,
Tha ’n an cadal buan fodh ’n fhod,
’Bha gun uaill, gun fhuath, gun antlachd
Anns a’ ghleann ’s an robh iad og.
Anns a’ ghleann, &c .
Mo shoiridh leis gach cuairtaig,
Leis gach bruachaig agus cos
Mu ’n tric an robh mi ’cluaineis
’N am ’bhi ’buachailleachd nam bo—
’N uair a thig mo reis gu ’ceann,
Agus feasgar fann mo lo,
B’ e mo mhiann a bhi ’s an am sin
Anns a’ ghleann ’s an robh mi og.
Anns a’ ghleann, &c .
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR!
SANAIS.
Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h-uile
Dheoghladh bhur cuid,
’San teanga ’nam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an so ’s gheibh sibh cunnradh
TIGH ACADIA.
LEUBH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 24 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 24. %p |
parent text | Volume 1 |