[Vol . 1. No. 25. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 12, 1892. No . 25.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNAICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Bha muinntir Pennsylvania air an t-sheachdainsa chaidh a paigheadh dolar am barailte air son uisge.

ThanGrippeair toiseachadh am baileNew Yorka rithist, ’s tha iad ag radh gu bheil i nas [ ? ] na bha i riabh roimhe.

Chaidh duin og, Alasdir MacFhionghain, mac do Thearlach mac Fhionghain, ’an Sidni, a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Boston air an t-sheachdain ss chaidh.

Tha deich eich eireachdail a tighinn gu Feill an t-Shaoghil a Oldenburg, bailesa Ghearmailt, ’s tha Riaghladh na ducha sin a toirt coig mile fichead marg air son an cosdas a phaigheadh.

Re an t-shamhridhs an fhoghir sa dhfhalbh, chaidh corr us leth muilean tunna de ghual Cheap Breatuinn a chuir gu Montreal. Tha so leth-cheud mile tunna nas fhearr na bhliadhnan uiridh.

CION-CNAMHIDH AIR A LEIGHEAS, —Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhidh bidh le tri botail de B. B. B. a ghabhail, agus mholinn e do neach sam bith a tha fulang leis an euslaint cheudna.

Bha Dior-daoin sa chaidh air a chumail na Latha Taing ealachd air feadh Ard-Fhlaitheachd Chanada air fad. Bha seirbhis ann an aireamh mhor dhe na h-eaglisean, ’s bha na taighean-gnothuich air an dunadh.

Tha e air a radh gun dfhag Morair Tennyson saoibhreas mor na dheigh. Tha fhios gu robh moran airgid a tighnn a steach dha, ’s tha iad-san a bha eolach air ag innse nach robh sgillinn dheth a fagail a lamhan gun fhios car son.

Dheug Uilleam Mac Illinnean an dannsairsam piobaire ainmeil ann a Montreal air an 30mh la de dhOctober. Rugadh e ann an Siorrachd-Roiss bha e coig bliadhna deug thar fhichead a dhaoisnuair a dheug e. Bha e air cuairt an Canada uair no dha, ’s bha e treis a cumail sgoil phiobaireachd an Ontario. Dhfhag e bean us teaghlach na dheigh, maille ri mhathair aig nach robh neach gu cumail suasna seann aois ach e fhein.

Phos ministeir ann a Sasuinn bean strothail, an duil gum burrinn dha a toirt gu beatha cheart a chaitheamh. Areiricoltais cha deachidh leis ro mhath, oir tha en drasd an deigh litir-dhealich a thoirt dhi.

Tha [ ? ] gu bheil Ioseph A. Mac Gillios, fear-lagha tapidhsa bhaile so aig am bheil aite suidhe am Parlamaid Ottawa, gu bhi air a dhianamh na bhreitheamh. Tha sinn cinnteach gun dianadh e breitheam gle chothramach.

Thuit ceithir oirlich dheug do shneachda ag River du Loup Di-luain sa chaidh, ’s bfheudar an crann a chuir air thoiseach air an each-iaruinn, a bhristeadh an rathaid dha. Cha do chuireadh feum air a chrann cho trath sosa gheamhradh riabh roimhe.

Tha muinntir Tuscon, an Arizonia, an duil gu bheil, no gu robh, ioghnadh mor aca ann an duine dam bainm Diego Hermines, a bha ceud bliadhna dhaois, ’sa dheug an la roimhe. Shaolamid fhein gum bu mho an t-ioghnadh duine bhiodh cho sean sinsa dhfhanadh beo beagan na bfhaide.

Chail Callum Mac Amhlaidh, ceannichenCow Bay, triuir de chloinn leis an amhich-ghoirt. Air a 15mh la de dhOct. dheug Mairi, da bhliadhna dhaois. Air an ath latha chaill e nighean eile, ceithir bliadhna dh aois, agus air an [ ? ] mhios thugadh bhuaithemhac Robert a bha naoi bliadhna dhaois.

Tha duine comhnuidh aig Lost Creek, ’s na Staitean, dan ainm Iain Milton Kingsley. Tha e tri fichead bliadhnasa dha dheug a dhaoiss bha e posda sia uairean. Bha tri fichead us aon de chloinn aige, ’s tha iad uile beo ach deichnear. Chan eil an t-aon is oige dhiu sin ach mu fhichead lathadhaois.

O chionn fichead bliadhna chuireadh ceithir maighich air tir an Astralia, ’s tha iad an diugh cho lionmhoirs gu bheil iad an imis an duthich a chuir fopa fheinsa chreachadh. Chan eil aireamh orra idirs cha mhor gun gabh iad marbhadh. Tha luch riaghlidhNew South Walesa tairgse coig mile fichead punnd Sasunnach ( £25 .000) air son innleachd sam bith a chuireas as daibh gu buileach.



[78]

[Vol . 1. No. 25. p. 2]

MAC-TALLA.

Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.

A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00

Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhen Mhac-Tallanasgidh.

Se Mac-Tallan aon phaipear Galigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

J. G. McKINNON,
Mac-Talla
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 12, 1892.

Thabillair beulaobh parlamaid na Gearmailts ma nithear achd dheth, bidh, an ceann cheithir bliadhna, suas ri ceithir muilean gu leth saighdear ionnsichtesan duthich sin fo lan armachd. Tha a Ghearmailte a dianamh a h-uile dhichioll air faighinn air thoiseach air a Fhraing ann an aamachd, ’s tha e ro choltach gu faigh i sin air an turus so neo cha ghabh e dianamh idir.

Di-mairt sa chaidh, thagh na Staitean Ceann-suidhe. Thuit an crann air Grover Clevelandsa nis an darra uair tha riaghladh na ducha gu bhi aige na lamhan fhein. Chan eil teagamh sam bith nach e an aon duine bfhearr a ghabhadh faotinn aig an am so air son na dreuchd. Bha e riaghladh fad cheithir bliadhna roimhe, ’s [ ? ] cho buidheach dhethsa bha iad de ghin a bhas an cionn riabh.

Tha Breatuinn a cur pios uspios eile rifearanns gach cearna dhen t-shaoghal. ’S gann gu bheil mios dhen bhliadhna dol seachad gun ichrochadh a bratach dhearg ascionn ait-eigins nach robh i snamh riabh roimhe. ’N diugh tha i gabhail dhi fhein eilean beag iomallachsa Chuan Chiuin (Pacific), maireach tha i toirt leatha mir de dhAfrica. Chan eil fhios caitem bheil duil aice stad: ma dhfhaoidte nach stad gus am bi a chuid mhor dhen domhain air ainmeachadh oirre. ’Sen sgeul mu dheireadh a fhuair sinn ga taobh gu bheil i an deigh Eileanan Ghilbertsa Chuan Chiuin a chuir comhlath ri cach.

Tha coinneamh ann a Halifax air an t-sheachdain so aig teachdairean bho luchd riaghlidh Newfoundland us Chanada, a feuchinn ri tighinn gu cordadh a thaobh malairt us iasgichs ma dhfhaoidte gum bi beagan fhacail aca mu dheibhinn an da dhuthich aonadh ri cheile. Ren da bhliadhna chaidh seachad cha robh iad ro chairdeil ri cheile idir, ach tha iad a nise nas coltiche ri muinntir a bhiodh fon aon bhratich. ’Se ar dochas nach fhada gus am bi iad fon aon pharlamaid mar an ceudna.


Di-mairt air an t-sheachdain sa chaidh, dhfhalbh triuir dhaoine, Bruce, Bail, agus Miller, a Campbellton, N. B., ann am [ ? ] a shealg ghiadh. Bha iad an duil tilleadh Di-haoine, ach cha dthanig iad idir. Ghabh an cairdean an t-eagals chaidh sgioba mach feuch am faigheadh iad sgeul orra. Fhuair iad am batasan dfhalbh iad, ’sa bheul fodha, ’s chan eil teagamh nach eil iad uile air am bathadh. Cha dfhuaireadh an cuirp fhathast. Dhfhag Bruce bantrach us dithis chloinne; cha robh na daoine eile posda idir.

Tha G. W. Mitchell, ceanniche mhuinntir Arichat, a feuchinn ri iasg beo a chuir a null gu Breatuinn. Tha baraile de dheasgannan air an turus thairis air a chuan air an t-sheachdain so. Tha iad air an cumail ann an sals ma ruigeas iad thall beo rud is cinnteach gun ruig, tha duil aig Mr. Mitchell gum bifhortan deanta. Chan eil teagamh nach eil margadh math air iasg ur am Breatuinn, ’s tha pailteas eisg ri sheachnadh ann sna duchannan so.

DHFHAG E AN DOTAIR. A Dhaoin-uaisle, —Bha droch stamag a cuir dragh orm fad cheithir bliadhna, agus dhfhiach mi iomadh leigheas, ach cha drinn iad mor fheum dhomh. Leubh mi ann am paipear mu BhurdochBlood Bitters, agus dhfhag mi an dotairs thoisich mi air ol B. B. B. ’s fhuair mi nach robh leigheas sam bith elle ri choimeas ris. Leighis tri botail mi gu buileach. Theid agam air an stuth iongatach a mholadh do na h-uile.
BERT J. REID, Wingham, Ont.

Tha naidheachd a tighinn thuginn an drasd gu bheil Ban-phrionnsa Mairi, nighean do Dhiuc Dhun-Eidinns ogha don Bhan-righ, gu bhi, ’n uine ghoirid, posda ri Ferdinand, Crun-Phrinnsa Roumania. Chan eil a Bhan-phriunnsa ach seachd bliadhna deug a dhaois. Tha Ferdinand sia bliadhna fichead, ’s tha e na oifigeach an arm na Gearmailt.

Tha aon siorrachd an Ontario, Siorrachd Phriunns Edward, anns am bheil 72,000 barailte de dhubhlan ri reic.

BURDOCK BLOOD BITTERS

Riaghailtichidh en stamag, an gruans na h-airnean, glanidh en fhuils bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.

LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT,
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reis nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.



[79]

[Vol . 1. No. 25. p. 3]

FOGRADH NAN GAIDHEAL.

VIII.

CINN-TAILE.

Aig toiseach aChiadblain so, chuireadh air falbh moran sluaigh a Cinn-taile le Mac Choinnich, Iarla Shith-phuirt, air comhairle aGhille aige, Dunchadh Mor MacRae, amFactorann an Ceann-Taile. Bha e fhein agus athair nan tuthanaich chaorach ann an Ceann-Taile, agus ghlac iad greim air an fhearann a thug iad bhon t-seann tuath, agus chuir iad sin ris aghabhail chaorach a bha cheana tuilleadh as farsuinn. Chaidh an sluagh air falbh gu Canada far an do shuidhich moran diubh ann an Gleann-Garaidh, Ontario; agus tha cuid diubh gu math air an doigh: tha fearann us maoin us spreidh aca; agus cuid duibhnam buill ann am Parliamaid Ottawa air son na Siorramachd far am bheil an tuineachas. Ach mo thruaighe Dunchadh Mor sanntach! a thug fainear an cur air falbh acras am fuadach a Cinn-Taile; thainig e gu bochduinn, agus fhuair em bas gun sgillinn dhen t-saoghal aige; agus beigin do Mhac-Choinnich Shiphuirt, seann oighreachd Chinn-Taile, agus Loch-aillse a chreic, an ceann beagan uine. Biad na h-aitean as an do chuireadh air falbh an sluagh Gleann-Ealchaig agus an Leitir-fhearna. Chuireadh air falbh leth cheud teaghlach mar chomh lath as an Leitir-fhearna.

Thug iad ionnsuidh mar an ciadna air an tuath fhogradh as aChoigich, ach chruinnich an sluagh eadar fhirionaich us bhoirionnaich: rinn iad da bhuidhinn, aon bhuidheann de na boirionnaich, agus buidheann eile de no firionnaich. Sheas na firionnaich ag amharc nach faigheadh na boirionnaich tair, agus cha do ghluais iad fhein lamh no cas: ach leum na boirionnaich air na maoir siorraimh, rug iad air na paipearan-summanaidh rinn iad dun diubh agus chuir iadnan teine iad; thilg iad bataichean nam maor anns amhuir, agus rug iad air maoir thug iad na bataichean dreuchda bho fhichead constapull, agus bho na maoir fhein, agus rinn iad am bogadh, agus an tumadh ann an lochan-uisge a bha dluth air laimh. Cha do chuir na firionnaich corrag air na maoir, ach bha iad nan seasamh ag amharc air eagal gum faigheadh na mnathan droch caramh. Ach bhuadhaich na mnathan anns abhaiteal, choisinn iad air na maoir, a ghabh an ruaig, agus a thill dhachaidh gun aon sumanadh a luibhairt do fhear sam bith de na croiteiribh. Be ceann thall na cluiche gun defhagadh an sluagh anns aChoigich far an robh iad fhein s an sinnsir rompa, agus air an lathan diugh tha iad cho math air an doigh ri croiteiribh sam bith air Gaidhealtach Alba.

Chuireadh air falbh a Srath-Chonnain mu thimchioll ceithir no coig ciad teaghlach. Ach fhuair cuid diubh fasgadh ann an Eilean Dubh na Toiseachd, cuid air an Droighnich, cuid aig aMhaoil Bhuidhe, cuid eile aig Cuil-Challaidh; cuid ann an Aird Mhic Shimidh, agus cuid ann an Cromba. Ach mo thruaighe! an deigh dhaibh talamh fiadhaich fraoch us mointeach a thabhairt a staigh gu bhina fhearann treabhaidh, far an dfhuair iad fasgadh, chaidh am fogradh a sin a rithistich leis an uachdaran, agus thugadh bhuatha am fearann a reitich iad, gun eiric gun chomh-leasachadh a phaigheadh dhaibh air son an saoithreach. Thug an t-uachdaran am fearann so air mal mor do na tuathanaich bheartach a shealbhaich saothair nan daoine bochda a nasgaidh. Cuine a sguireas obair an fhoirneirt agus na foir-eiginn? Cia fhad a bhithear a bleith aodunnan nam bochd?

D. B. B.


ORAN.

Do fheadhinn a chaidh gu banais Fhrangach gun chuireadh.

AIR FONN:
Bithibh aotroms togibh fonn
Cridheil, sunndach gun bhi trom,
G ol deoch slainte na bheil thall
Ann an tir nam beanns nan gleannibh.

Dhfhalbh sibh le maomadh mor
Choimhead Mhaois, an duine coir,
N duil ri ol us dannsus ceol,
Ged is mor a chaidh ur mealladh.

Gu robh sgiobair ann air thus,
Sa chuid ghillean air a chul,
Agus bha iad uilen duil
Gum biodh sugradh aca dhaindeoin.

Mu na dhorch an oidhche raoir,
Ranig sibhse taigh natime,
Dheirich Maois a suas na leum,
S leig e raoic as a bha cronail.

Chan eil annda ach a ghraisg;
Mach don t-Shitinn iad gun dail;
Gur e rinn iad gnothuch nar,
Agus pairt dhiu air an dalladh!”

S tamaillteach mar thachair ann,
Nuair nach dfhuair sibh ruidhle dhanns
Cha robh caileag ann, na taing,
Rachadh ann leibh; ’s math an airidh,

Gu robh maideans casan thuadh
Ann san am a cnapadh chnuachd;
Bha na Frangich air an ruaig,
SanCosuagha teicheadh dhachidh.

Bheirinn facail beag na thrath
Dhaibh mun croichnich mi an dan,
Cuimhnichibh, gun chuireadh blath
Nach eil sgath dhuibh dhol gu banais.

R.


EAGAL A BHAIS. Bidh eagal a bhais air neach nuair a theid a ghrad bhualadh le tinneas gu h-aridh le droch fhuachd, no casadich. Ach cha ruig e leas sin a bhi air ma tha e cumailDr . Woods Norway Pine Syrupfaisg air laimh air son math a theaghlich. Leighsidh an leigheas ciatach so casadich, cnatan, tuchadh, cuing, agus gach eucail eile tha buailteach don amhichs don sgamhan.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac
agus Sigars.
SIDNI, C. B.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR!



[80]

[Vol . 1. No. 25. p. 4]

ROB MUILLEARS NA MAIRBH.

Bha ann an Ceanntaile Mhic-Aoidh fear, Rob Muillear, duine air leth eamh, fiadhuich, bruideil, a bhiodh a spuilleadh nan uaighean. Bha aige riapull tighe, bothan iosal, dubh, fada, slaodach, cuagach, lan de chuilteanus aitean dorchnach fhac suil no solus riamh, ach suil Rob fhein. Bhiodh e tapruichs na cuiltean sin fad an deigh do dhaoineile dol gu fois.

Chuir duinuasal araidh clach ro-ghrinn na seasamh aig uaigh caraide: ach cha bfad gus an deach a toirt air falbhs thuit amhras air Rob. Bha iomairt eagallachs an aite mun ghnothach, gus an dthainig Tearlach Sgoilear gus teasruiginn. So an doigh a ghabh e: —Thagh en dusan bu tapuidh de na sgoilearan; fhuair e seiche thioram laoigh; ’s mu mheadhan oiche dhfhalbh iads laidh iad ann am preas coille far am faiceadh iadnuair a rachadh Rob a laidhe. Leig iad leisna leabaidh, gus an robh e blath. Chaidh na sgoilearan air mullach an tighes thoisich iad air smagai gu fathramach os ceann na leabadh. Chaidh Tearlach gu uinneag a bhair braigh a bhalla; rinn e dudach den t-seiche; chuir en ceann aice stigh air an uinneig ma choinnimh far an robh Robna laidhel, chuir en ceanna caol ra bhials ghaodh e gu garbhmuladach— “A Rob, ’m beil thud dhuisg?”

RobSamhach.
TearA Rob, ’m beil thud dhuisg?”
RobHaogh! Co tha sin?
TearTha sinne. Thainig sinn air toir na claichethug thu uainn!
Bean Rob— (Rithe fein) Och, Och! Chado sguir thu gus and thug thu na mairbh addheigh.

Dheirich Rob, ’s dhfhalbh e le dara leth na claiche (Bha i na piosan aige) air a mhuin, ’s chuir e anns achladh i. Phill e dhachaidhs chaidh e laidhe. Cha robh e fadsa leabdaidhnuair a thainig Tearlachs na sgoilearan air an ais.

TearA Rob, bheil thu addhuisg?
RobTha! De tha sibh ag iarruidh?
TearTha sinn ag iaraidh leth eile an claiche!
RobDroch chlachan oirbh!
Bean RobOchan! Ochan! Rinn thu turn mun do sguir thu!

Derich Rob an dara uair; ’s dhfhag e leth eile na claiches a chladhs chaidhe dhachaidh a laidhe. Ach cha bfhada gus and thainig Tearlachs na sgoilearan a rithist air an doigh cheudna.

TearA Rob, bheil thud dhuisg?
RobTha!
TearThainig sinndh-iarruidh nan clachan mine.
RobDroch chlachan mine oirbh!

Bfheudar dha Rob eiridh an treas uairs asmuirich mhine e shnaigh e den chlaich a thional le sguaib. Chuir e ann an casaidh(bag)iad; dhfhalbh e don chladh leo, chuir e, gu bochd, soradach iad aig bonn nam piosan eile; dhfhalbh e dhachaighs chaidh e da leabuidh; ’s leig e dheth a bhi creach uaighean. Bha Robsa bhean an duil, gu lam bais, gur h-e spioradan nam marbh a thainig a chuir dragh air. —Pictou News, 1886.


THA LIGHICH AINMEILAM BERLIN AG RADH:
Cha dearg cholera air stamag fhallain.”
Bidh stamag fhallain agadsa ma ghabhas tu
K D C
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K. D. C. Co., (Ltd.)
GLASCHO NUADH, N. S., CANADA.
Ainmich am paipear so.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


SANAIS.

Thigibh an so,
Thigibh an so.
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an so, ’s gheibh sibh cunnradh,
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h-uilc
Dheoghladh bhur cuid,
San teanganam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an so s gheibh sibh cunnradh

TIGH ACADIA.


LEUBH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh

D. W. MacFhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.’

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 25
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 25. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page