[Vol . 1. No. 28. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI, C. B., DI -SATHAIRNE, DESCEMBER 3, 1892. No . 28.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G H MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Tha e air a radh gu bheil Ruisia gu bhi cheart cho bochd air a gheamhradh sosa bha in uiridh. Tham barr air a mhilleadh le leumadairean feoir, le locust, ’s le clach-mheallain.

Chuir an cholera as do sheachd ceud, tri ficheadsa naoi ann a Ruisia air an t-sheachdain sa chaidh. Bhualadh aon duine deug leis a ghalair sin ann a St. Petersburgan aon latha, ’s bhasich triuir.

Tha Sir Iain Abbott an deigh leigeil dheth a bhi na Phriomh-Mhinisteir, oir cha robh e faighinn a shlainte. Tha Sir Iain Thompson air a ghairm leis an Ard-Riaghladair gu bhi gabhail curam an riaghlidh air fhein, rud is cinnteach a ni e.

GUIREANAN AIR AN LEIGHEASA Chairdean, —An 1880 bha mo chraicionn air a lionadh le guireanan, gus ma dheireadh dhfheuch miBurdock Blood Bitters; an deigh dhomh tri botill gu leth ol bha mi air mo leigheas gu h-iomlan s chan urrinn mi moladh gu leor a dhianamh air.
MRS. SEUMAS DESMOND, Halifax, N. S.

S iongatach an cuspairJack the Ripper. Chan eil aites nach bi e, ’s cha bhi e fadan aite sam bith gun e fein a chuir an ceill. Bha muinntir Australia an duil gun do chroch iad e toiseach an t-shamhridh, ach tha e ro choltach gun do chuir iad as don duine chearr. Bha murt oilteil air a dhianamh o chionn ghoirid, ’s mar is abhist tha fairtleachadh air an luchd-ceartis greim a dhianamh air a mhurtair no lorg a chumail air idir.

Tha naidheachd iongatach a tighinn a Hamburg. Latha no dha mun do thoisich an cholerasa bhaile sin dhfhag na h-eoin e mar gum biodh fhios aca gu robh a phlaigh a tighinn Thug so gu cuimhne gun do thachir an ni ceudna sa Fhraing sa bliadhna 1884. Nuair a bha n cholera ann a Marseillessan Toulon thog na h-eoin rithe, ’s ghabh iad comhnidh ann an baile eile air nach dranig i idir. Toiseach an t-shamhridhsa bhliadhna 1872, dhfhag gach glais-eun us eile baile Presemsyl an Austria da latha mun danig an cholera, ’s cha do thill iad gu deireadh Nobhember, nuair a bha phlaigh air a dhol bas.

Tha da fhichead mile de chloinn bhig ann a Lunninn a dol don sgoil a h-uile madinn gun ghreim bidh itheadh.

Tha Sir Tearlach Tupper an drasd air a thurus gu Canada an deigh cordadh a dheanamh as leth Chanada ris an Fhraing a thaobh malairt.

AIR A DHIANAMH LE SGILThaDr . Woods Norway Pine Syrup, an leigheas as fhearr a gheibhear an diugh air casadich, cnatan, tuchadh, cuing, amhach-ghoirtsa h-uile tinneas sgamhain, air a dhianamh dhe na luibheansna cairtean cliabhail as fhearr, agus areir nan seol is ealantas is eagnuidhe, ’s bheir e faochadh do neach an uine ghoirid.

Thionndaidh aon de na reiseameidean Ruiseanach a mach ann an ceannairc air an t-sheachdain sa chaidh. Bha na h-oifigich so chruaidh air na saighdearan, ’s dhfhag na saighdearan am baile mar aon duines chuir iad an aghidh air an dachidhean. Chuireadh reiseamaid eile as an deighs bfheudar dhaibh tilleadh nam priosanich. Chan eil teagamh nach bi peanas gle chruaidh air a leagail air na daoine bochda sin, oir tha lagh Ruisia anabarrach an-iochdmhor ri saighdearan a bhios ciontach de cheannairc.


FACAL NO DHA A SRUILEIDH.

Tha moran annn san aite so ro dhuilich airson bais an Urr. Alasdir MacFhearchair. Bha an duine coir sin iomadh uair air chuairt an so, asamhrachadh,” agus rinn e dha fein moran chairdean, aiga bheil an nis co-fhaiteachdain ritheaghlachs riluchd daimhnan dubhachas.

Tha sinn toilichte ann a bhig innse gu bheil Seumas Stiubhart, a bha air falbh an California o chionn fichead bliadhna, an drasd air chuairtnar measg. Tha moran chairdean aig Seumas an so, a tha gle thoilichte fhaicinn slan fallainn aon uair eile.

Choimheadadh Latha Taingealachd ann sa chearna so den duthich air an latha orduichte agus leis an riaghailt a bhuineadh dha. Chruinnich moran sluaigh dan eaglis ann sa robh seinn, leubhadh, agus urnigh air a dheanamh fo threoir Aonghais Mhic-Fhionghain. Labhair an duine coir sin gu druighteach air maitheas an fhreasdil don duthich air a bhliadhna dhfhalbh. An deigh sin bha tionail air a dhianamh mar chuidheachadh do na h-euslaintich annsan do nochd na bha lath air gu moram fialidheachds am farsuinneachd-cridhe ann an deagh aobhar.



[82]

[Vol . 1. No. 28. p. 2]

MAC-TALLA.

Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.

A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miasan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00

Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhen Mhac-Tallanasgidh.

Se Mac-Tallan aon phaipear Galigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 3, 1892.

Tha moran aig na paipearan ri radh aig an am so mu eadar-theangachadh a Bhiobuill gu Galig. Chuir Mr. T. O. Russel litir a dhionnsidh anNew York Independentann sam bheil e toirt cunntas gearr air an obair chudthromach sin, agus a faotinn coire dhaibhsan a ghabh i os laimh air son nach do sgriobh iad ann sa Ghalig Eirionnach. Areir a bharail-san cha robh eadar-dhealachadh sam bith roimhn am so eadar Galig Albas Galig Eirinn, agus tha eg radh gur e rinn iadsan a dheadar-theangich am Biobull gu Galig, cainnt ur a chruthachadhsa sparradh a dheoin no dhaindeoin air sluagh na Gaidhealtachd. Tha Mr. Russel gle eudmhor a thaobh seana chainnt na h-Eirinnn agus uime sin tha e cur sios gu mor orra-san a rinn an encoir so oirre, oir tha em beachd gum faodadh muinntir na h-Alba leantuinn air an cainnt a sgriobhadh areir an t-sheana chleachdidh mar a rinn na h-Eirionnich. Tha aireamh mhath de sgoilearan Gaidhealach an deigh a fhreagirt, agus than litrichean a nochdadh gu soilleir nach robh atharachadh sam bith air a dhianamh ann a sgriobhadh na Galig ach na bha feumail, agus an aite bhi cur cainnt ur an cleachdadh gur ann a thug iad an canain gu bhi air a sgriobhadh nas coltiche ris mar a bha i air a labhirt na bha i riabh roimhe. Tha Mr. Russel areir coltais cair aineolach air mar a bha chuis no chan abradh e uiread sa thubhirt e. Tha aon de na tha sgriobhadh na aghidh a comhairleachadh do na h Eirionnich na seann chuibhrichean a thilgeadh uapas an canain a sgriobhadh mar a tha iadga labhirt mar a rinn na Gaidhil, ’s na bann a feuchinn ri toirt air na Gaidhil a dhol air ais gun doigh-sgriobhadh-san.

Tha Dr. Mac Culloch an Truro, a tairsgse cearn riaghilt(quadrant)a bhaig Columbus, a chuir gu Feill an t-shaoghil air an ath bhliadhna, chums gum faic na h uiles gun laimhsich iad ni a bha gu tric air a laimhseachadh leis an duinainmeil sin dam bheil an saoghal uilen diugh a toirt urram. Toiseach a cheud-bhliadhna sa dhfhalbh, cheannich fear-malairt a mhuinntir Alba an iunnstramaid so ann sa Spain, agus aig am a bhais dhfhag e i mar dhileab aig a mhac a thug seachad i do athair Dr. Mac Cullachsa bhliadhna 1825. Bhan cearn-riaghilt so aig Columbus air bord na luinge nuair a fhuair e America, agus tha i mar sin airidh air deagh ait aig Feill an t-Shaoghil.

Tha reul-seacharain, no runnag-smuid mar a their sinn, air an adhar an drasd, ach gabhidh e sul gle bhiorach gus a faicinn. Bha muinntir a tha gabhail orra fhein a bhi nan speuradairean ag radh gu robh an reul so gu bualadhsan talamh air an t-sheachdainsa chaidh, ach bha iad air a mealladh gu dona; ’s ann a tha i dol nas fhaide bhuainn a h-uile latha. Cha drinn i eadhon tighnn cho faisg orinns gu faigheamid a naidheachd.

Tha ni neonach air innse dhuinn an drasd mu thigh Iain Ghrot. Mar is aithne dar luchd-leubhidh bhan tigh iomraiteach so air a shuidheachadh air an rudhas fhaide tuath de thir-mor na h-Alba. Tha bean-uasal a mhuinntir Lunninn a tamhachd an sin na h-aonar o chionn ochd miosan deuga! Bha i de theaglach measail, agus gle bheairteach, ach chuir i cul riutha sin uiles chaidh i do thigh Iain Ghrot!

Di-ciaduin sa chaidh, dheag an t-Urramach Dr. Siosal an Antigonish. Bha n duine uasal so na fhear deasachidh don Chasket o chionn shia miosan. Bha e roimhe sin na Shagart an Descouse. Bha e na dhuine foghlumichte agus bha e ro mheasail aig gach neach a chuir eolas air. Bha e gu bhi air adhlacadh aig Heathertonsa mhadinn an diugh.

ThaJ . A. Lawson, Charlottetown, P. E. I. ,a sgriobhadh: —Bho bhi gabhail K. D. C., theid agam air a mholadh dhaibhsan a tha fulang le droch stamag. ’Saithne dhomh feadhinn eilesa bhaile so a fhuair faochadh mor agus leigheas le bhi gabhail ur cungidh-leighis.

DR . WOODS Norway Pine Syrup.

Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.

LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN

Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBHs an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.

A Phris 25c. us 50c. am botull.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.


LEUBH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh

D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.



[83]

[Vol . 1. No. 28. p. 3]

FOGRADH NAN GAIDHEAL.

XI.

CATAOBH.

Nuair a bha Napoleon Bonapart acogadh ris an Roinn-Eorpa agus a shaltair e fo a chasaibh i, sheas Breatunnna h-aonar a machna aghaidh, gus an dthug i buaidh. Gidheadh le innleachdan Bhonapart bha a h-uile baile-puirt san Roinn-Eorpa agus an Statachan America air an dunadh an aghaidh Bhreatuinn, air chor as nach robh malairt air a ceadachadh eadar Breatunn agus tirean eile. Chan fhaodadh na duchannan sin ni sam bith a cheannach no ghabhail a Breatunn; agus cha leigeadh Bonapart leotha ni a chreic ri Breatunn, no a chur a staigh do na puirt-mhara an aite sam bith den eilean. Bha sluagh nam bailtean mora ann am Breatunn uime sin ann an eigin mhoir a chion bidh; oir chan fhaigheadh iad gran na feoil a tir-mor na Roinn-Eorpa na bho America. Rinn sluagh na Rioghachd gach innleachd a chleachdadh a chum biadh dhe gach seorsa a sholar anns an duthaich sin fhein. Bha gach fearann treabhaidh agus magh air aMhachair Albannaich agus ann an duchannaibh iosal Shassuinn, agus an Taobh Deas, air an leasachadh agus air am mathachadh leis gach ni a bfhearr na cheile chum an deanamh reamhar, tarbhach, air son pailteas arbhair a thogail, gu min us flur a sholar chum arain a bheathachadh an t-sluaigh. Agus a chionn nach gabhadh beanntan arda na Gaidhealtachd treabhadh gu arbharr a thogail air son arain, smuainich daoine gun robh iad freagarrach air son crodh us caoirich a rach gu feoil a sholar air son an t-sluaigh ann am bailtibh mora Shassuinn, oir bha feurach tugh agus pailt air na beanntaibh sin far am faigheadh feudail agus meanbh-chrodh gu leor a chum ionaltraidh.

Smuainich na h-uachdarain shanntach, agus sealbhadairean an fhearainn gun robh an t-am sona chothrom math dhaibh-son air san saoibhreas a chur ri cheile, nam faigheadh iad an tuath dhuchasach a chur air falbh, agus na beanntan far am babhaist crodh nan tuathanach a bhi air airidh san t-sambradh, a chur fo chaoraich. Air an obair aingidh so thoisich iad, agus cha robh aite sam bith air aGhaidhealtachd far an do nochdadh tuilleadh ainiochd ann am fogradh an t-seann luchd-aitich na duthaich Chataoibh. Mar a thubhairt am faidh Danielfo neamh uile cha drinneadh mar a rinneadh air Ierusalem.” Mar sin faodar a radh fo neamh uile cha drmneadh mar a rinneadh air Cataobh.

Air abhliadhna 1807 chuirBhan-iarla Chatach air falbh a sgireach Lairg agus a sgireachd Farr mu thimchioll 90 teaghlach. Ach air abhliadhna 1809 chaidh na ciadan de theaghlaichean a chur as an aitean-comhnuidh ann an Sgireachdan Dhornoich, Raghairt. Loth, Chlin, agus Ghoillspidh; agus rinneadh so air doigh ain-iochmhoir gun truacantas. Dhfhag aBhan-Iarla an duthaich fo riaghladh Mhr. Young, ceannaiche saoibhir, a bha ri marsantachd air gran; agus maille ris-san bha Padruig Sellar, fear-lagha, de mhuinntir Siorramachd Mhurraidh. Be Mr. Young an t-Ard-fhear-gnothuich, am Factor, agus bha Sellarna Ghille-gnothuich ag oibreachadh fo a laimhsan. An uine da no tri bhliadnaichean, dhfhogair na daoine so amhor chuid de luchd aitich nan coig sgireachdan sin a mach as an fhearann, agus thug iad a staigh Gaill a Siorramachd Mhurraidh, an luchd-ducha agus an cairdean fein, a shuidhich iad ann an aite na seann tuath.

(Ri leantuinn.)

D. B. B.


FIOS AS AN EIPHEIT.

Tha MAC-TALLA tighinn thuginn gach seachdain. Tha sinn gle thoilichte air a shon, ’s tha solas oirnn gu bheil Gaidhil as gach cearna toirt furan da theachd. Bu mhath leinn uile MAC-TALLA dhfhas ann am meudachd; agus tha sinn an dochas gun toir a BhliadhnUr air sineadh, gu faigh sinn uaithe barachd naidheachdan o ar cairdean an sids an so, agus gum bi e na aobhar taingealachd dhuinn mar bu chubhidh da sheorsa, air son cur seachad nan oidhcheanan fada geamhridh.

Chan eil moran naidheachdan agam-san drasda as a chuil so. Thanig Aonghas a Chubair dhachidh o chionn latha no dha as na Staitean, agus mar a thuirt am facal, e na fhior Gheancach. Than tigh sgoil ur a nise ullamh, agus chan eil uainn ach maighstir-sgoile. Tha gainnen fheoir agus droch phris na feola an deigh gach duine chuir fo churam, agus chan eil teagamh sam bith nachbin t-earrach teann oirnn.” Ach biodh ar dochas gu math. Seinnidh AlasdirNam biodh agam bata biorach,” agus seinnidh IainAgus O Mhorag.” Agus seinneamid uileTha fortan aig Dias e fialidh uime,” ’s cha churam nach fhaigh sinn nas leor.

IAIN MATHANACH.


Dheug bean ann a Hamilton, Ontario air an t-sheachdain sa chaidh a bha ceud bliadhna dhaois.


PHOS.

Aig Baddeck, Nobh, 27mh, leis an Urr. D. Mac Dhughill, Robert Mac Pharalin ri Hannah Nic Amhlaidh.

Aig Mira, Nobh. l7mh, leis an Urr N. Calder Domhull Caimbeal ri Mairi Nic Dhomhuill.

Aig Grand River, Nobh. 22mh, leis an Urr. M. A. Mac Coinnich, Tormod S. Mac Coinnich ri Mairi S. ’Illinirean.


DHEUG.

Aig an Abhinn Mheadhonich, Nobh. 20mh la, Domhull Mac Rath 88 bliadhnadhaois.

Aig Marble Mountain, Nobh. 17mh, Raonull Domhnullach, Eildear. 75 bliadhna dhaois.

Aig Margaree. Nobh. 8mh, Catriona, bean Aonghais Dhomhnullich, 60 bliadhna dhaois.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


DE THA BHUAT?

Mase UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig
F. Falconer & a mhac.

Tha iad an deigh a chuid as mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhen t-sheorsa sin nas saoire na gheibh thun aite sam bith eile.

Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[84]

[Vol . 1. No. 28. p. 4]

TAILLEAR BEINN-A- BHAOGHTA.

Bha taillear uair ann am Beinn-a- bhaoghta a bha anabarrach abhcaideach o laithean oige. An uair a bha ena ghille ag ionnsachadh na taillearachd, thachair gu robh duine faisg air an aites an robh e fuireach ris an cainte Domhull Ard. Tha e coltach nach robhgille an taillear” (mar a theirte ris a h-uile gille og a bhiodh ag ionnsachadh na taillearachd) agus Domhull Ard gle reidh. Coma co dhiubh, thainig air a’ “mhaighstir taillear,” agus air aghille a dhol do thaigh Dhomhuill Aird a thaillearachd. Ma bha gus nach robh ball aodaich eile aca ri dheanamh do Dhomhull Ard, bhacota-mun- cuairtaca ri dheanamh dha co dhiubh. An uair a bhan cota ullamh gu irenam putan, dhiarr an taillear air aghille teannadh ri deanamh nam putan. Anns an am cha robh putain cho fursadam faotainns a tha iad a nis. Mar bu trice ben taillear fhein a dhfheumadh na putain a dheanamh. So mar a bhithteadhgan deanamh: —Gheibhteadh pios leathairseana bhonn broige, ma dhfhaoidteagus ghearrteadh na bhideagan beaga cruinn e air chumadh putain, agus fhuaighteadh criomag den aodach mu gach bideig, agus bhiodh iadnan deadh phutain. Be cuid a ghille de dheanamh nam putan an leathar a ghearradhna bhideag cruinn. Ghearr an gille a cheud phutan, agus an uair a thug e da mhaighstir e, thuirt a mhaighstir ris, “Tham putan so ro mhor.”

Cuireadh sibhse ann e mar a tha e; bidh an ath fhear nis lugha,” arsan gille.

Ach bhan ath fhear gle bheag: agus thuirt am maighstir, “Tham fear so ro bheag.”

Cuireadh sibhse ann e; bidh an ath fhear nis mo.”

Sebhann gu robh putan mor is putan beag ma seach anns achota aig Domhull Ard.

Thachair an uair a bhan taillear so an deigh acheaird ionnsachadh gu robh eg obair ann an taigh araidh. Bha bean-an taighe cho lan den droch amhruss gu robh eagal oirre gun goideadh e pairt den t-snath-fhuaghail. ’S e rud a rinn i chuir i a cheirtle shnath anns a chiste agus dhfhag i ceann an t-snath aig an taillear a mach troimh thoil na glaise, agus ghlas ichiste, agus dhfhalbh i air cheann-gnothaich dhi fhein. Thuig an taillear gle mhath mar a bhachuis, ach cha do leig e dad air. Ach an uair a dhfhalbh bean-an-taigh bhrist en snath. Agus mar a bha e leis an olc, thoisich e air chur char den chiste. Chuir e air a taobh i, agus chuir e air ceann i, agus chuir emas os a cionn. Nam bfhior e fhein, bha efeuchainn ri greim fhaotainn air ceann an t:snath. Bi so achiste anns an robh a h-ulle ni a bfhearr a bha staigh. Bha baine agus uachdar agus im agus uighean agus min innte, agus na soithichean a bfhearr a bhan taobh a staigh den dorus. Bhristeadh na soithicheannan criomagan beaga, agus chaidh am baines an t-ims an t-uachdars na h-uigheans amhin air feadh a cheile. An uair a thainig bean an-taighe dhachaidh bhan taillearna shuidhe aig an teines a chasan bac air bhac, agus langan aige air gabhail oran. Ghabh abhean bhochd ioghnadh an uair a chunnaic i nach drinn e car obrach fhads a bha i air falbh.

Tha eagal orm, a bhean, gun drinn mise barrachd de chron na rinn mi de mhath on a dhfhalbh sibh. Bhrist an snath-fuaghail ann an toll na glaise mun do tharr sibh a dhol a mach, agus o nach robh toil agam a bhithnam thamh gus an tigeadh sibh, chuir mi car no dha den chiste feuch am faighinn greim air ceann an t-snath. Cha do smaoinich mi gu robh dad na broinn a ghabhadh bristeadh,” ars an taillear.

Cha mhor nach do thuit abhean bhochd as a seasamh far an robh i an uair a chual i mar a bha. Bhuail i na basan, agus thoisich i ri tuireams ri caoineadh. Ma bha tur innte cha do ghabh i amhrus meirlich air duine coir, onarach gu brath tuilleadh. —Highland Monthly.

CHAIDH SEONAID BHEAG A LEIGHEAS. —A Dhaoin-uaisle, —Bha Seonaid, mo nighean bheag-sa, gle dhona leis an La Grippe, agus lean droch casad i. Thug mi dhiHagyard ’s Pectoral Balsams leighis e i am beagan uine.
MRS. McARTHUR, Copleston, Ont.


THAN CHOLERA BUAILTEACH DHAIBHSAN AIG AM BHEIL DROCH STAMAG
Leighis do dhroch stamag le bhi gabhail
K D C
An Leigheas as fhearr air am bheil iomradh aginn.
Air a reics gach aite le luchd reic chungidh-leighis.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reis nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.’

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 28
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 28. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page