[Vol . 1. No. 3. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 11, 1892. No . 3.
E. T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
SEUMAS A. CAIMBEUL.
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac’
agus Sigars.
SIDNI, C. B.
THUGAIBH FANEAR.
Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni.
Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a’s fhearr a tha ’m Boston.
ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA
air laimh
F. FALCONER.
Sidni, C. B., Mai 26, 1892.
A’ CHATHAIR GHAIDHLIG.
LE N. MACLEOD.
AIR FONN:–“Faigh a naus dhuinn am botal.”
CHAIDH an t-oran so a dheanamh aig an am ’s an robh a’ Chathair Ghaidhlig air a suidheachadh ann an Duneidean.
Gur binn leam an sgeul ud
A leubh mi Diluain,
Mu Chathair na Gaidhlig
An trath so ’bhi suas;
’Us canan nan armunn
Nach d’ fhailing ’s an ruaig,
An diugh mar ’bu chor dhi
’Toirt eolais do ’n t-sluagh.
’Mhic Fhionghain a charaid’
Bi fearail ’s bi cruaidh,
Gu eachdhraidh nan laoch ud.
A sgaoileadh le buaidh,
’Us lanachd na Gaidhlig,
A bardachd ’s a duain,
’S an dileab a dh’fhag i
Dean laidir ’us buan.
Thoir fios do na garlaoich
Le’m b’fhearr i ’bhi marbh,
A dh’aindeoin an cainidh
Nach fhag iad i balbh;
Ach mairidh i laidir
Gun fhailinn ’n a dealbh,
Cho cinnteach ri canain
A Babail a dh’fhalbh.
A’ chainnt a rinn cliuteach
Dhuinn duthaich nam beann,
’Us canain ar sinnsir
Na diobradh an clann;
’S i dhuisgeadh gu sunnt iad
’N am rusgadh nan lann
’S cha chuir sinn air chul i
Le muiseag nan Gall.
’Us cairdean na Gaidhlig
Nach d’acheidh i riamh,
Nach fhuilig a reubadh
’S a dh’eireas ’g a dion,
Ged’ sgaoileadh bho cheil iad
Le eucoir nach b’ fhiach,
Tha spiorad an sinsir
’Nan innitinn ’s ’nan gniomh.
’S bidh fhathast a cairdean
Mar ’bha iad bho chian,
An duthaich nan ardbheann
An aite nam fiadh;
Gu curanta laidir
Gu blath-chridheach fial,
’S an comhradh gach la
Ann an canain nam Fiann.
’S ri cogadh no tagradh
A bhagras ar crun,
Ma thogair a’ bhratach
Ri caismeachd a chiuil,
Theid fiuran nam breacan
Mar ’chleachd iad bho thus.
Air toiseach nan gaisgeach
Gun taise ’n an gnuis.
LITIR BHO DR. BLAIR.
AN LAGAN UAINE.
6mh la, Iun, 1892.
Is taitneach leam a bhi faicinn paipeir uir ann an Gaidhlig d’an ainm MAC-TALLA. Tha mi an dochas gun cumar suas e leis na Gaidhil a ta anns an duthaich uir so, a chum ’s gum bi e da rireadh ’na MHAC-TALLA a’ co-fhreagairt do’n Ghaidhlig a ta air taobh thall a’ chuain mhoir a tha eadar sinn fhein agus tir nam beann, far an do ghabh ar sinnsear comhnuidh bho shean, agus far an d’ araicheadh cuid dinn fein mar an ceudna.
Tha mi duilich a bhi faicinn an fhacail ghallda“subscriber, ”ann an toiseach a phaipeir mar gum biodh a’ Ghaidhlig cho bochd, gann-bhriathrach, agus gum feumadh i facail-iasaid a ghabhail bho chainnt nan Gall. Theirinn-sa gabhaltaiche, no gabhaltaichean, ris an fhear, no ris an dream a tha a’ gabhail a’ phaipeir. Tha gabhaltaiche a’ ciallachadh neach a ghabhas mir fearainn air mhal, agus nach ’eil an t-ainm freagarrach dhoibh-san a ghabhas am MAC-TALLA? Nach e am MAL bliadhnail a tha air iaraidh air a shon Leth-Dolair? Cha mhor am mal e, agus cha chreach e Gaidheal sam bith a phaigheadh, air cho gann ’s gum bi a sporan. Tha mi an dochas uime sin nach bi e ’na ni deacair-coig ciad gabhaltaiche fhaotainn a ghabhas am MAC-TALLA.
D. B. BLAIR.
Tha Ard Sheanadh na h-Eaglais Chleireachail an Canada ’na shuidhe ann am Montreal. ’Se Principal Caven an ceann suidhe.
Tha tuiltean mor’ ann an Ontario ’Niar. Tha’n t-uisge sileadh nis truime na bha e o chionn corr ’us deich bliadhna.
[Vol . 1. No. 3. p. 2]
MAC-TALLA.
Bi’dh MAC-TALLA air a chuir a mach uair ’san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent ’sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.
Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn e chairdean na Gaelig ge be aite ’m bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhe’n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe’n phaipeir.
Seolaibh gach litir ’us eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 11, 1892.
Neach sam bith a chuireas sia ainmean agus tri dolair g’ar n’ionnsaidh, gheibh e fhein MAC-TALLA ’nasgaidh fad bliadhna. Feumaidh an t-airgiod tighinn leis na h-ainmean. Cia meud choisneas MAC-TALLA air an doigh so.
Tha sin a tuigsinn gu bheil an t-Urr. A. MacIllean Sinclair an deigh leabhar ur Gaelig a chuir a mach. Cha’n fhaca sinn an leabhar so fhathast, ach tha sinn cinnteach gur math is fhiach e leughadh nuair a thig e. Cha’n urrainn dha gun bhi math, ’se tigh’nn bho pheann an fhir a dheasaich “Clarsach na Coille.”
Tha Fianuis Montreal ag radh: Fhuair sinn a cheud aireamh de MHAC-TALLA, paipear Gaelig a th’air a chuir a mach ann an Sidni, C. B. ’Se cheud phaipear Gaelig a chuireadh a mach ’an Canada, agus is coir do gach neach aig am bheil meas air “cainnt Eubh” a bhi cuideachadh leis. Tha Gaeil na Beinn’ Rioghail a deanamh aoibhneas mor ris.”
Tha sinn a cluinntinn gu bheil cuid a’ gearan air cho beag sa tha MAC TALLA. Cha’n eil sinn a dol as aicheadh sin idir. Tha MAC-TALLA gle bheag, gu dearbh. B’e ar miann e bhi mor, ’s tha sinn an dochas gu’m bi e mar sin fhathast. Tha, mar an ceudna, phris beag, ach cha tug ar cairdean gearanach iomradh air sin; cha tugadh ged a reiceamaid e air coig sentaichean an dusan.
Cha’n eil e ceart do mhuinntir a bhi deanamh tair air mithean beaga; ’s iomadh aon a rinn sin, air an robh aithreachas a rithist. Tha cno na ni gle bheag, ach cuir ’s an talamh i agus an ceann bhliadhnaichean, tha i na craoibh mhoir air nach dean duine glic sam bith taire. Air leinn gur h-iomadh aon a dheandh tair air Buonaparte nuair a bha e ’na leanabh, nach sealladh ’na aodann nuair a bha e na dhuine. Sann mar sin is coir do mhuinntir a bhi faiceallach. Cha’n eil fhios aca de dh’fhaodas tigh’nn mu’n cuairt.
LITIR BHO “CHOINNEACH.”
A CHARAID:
Thainig a cheud aireamh de MHAC-TALLA gu laimh an diugh, agus gu cinnteach tha mi ro-thoilichte leis, agus tha mi’n dochas gu’n dean cairdean na Gaelig anns gach aite nis urrainn daibh arirson a chumail suas. Bi’dh moran ri gearain a chionn nach eil a ghaelig air a labhairt cho tric sa bha i aon uair agus bithidh iad sin gu tric a ruith sios na muinntir “a tha fas nan goill.” Tha cothrom a nis air a thoirt daibh sin air a Ghaelig a chumail suas le bhi gabhail a phaipear so agus le bhi sgriobhadh air a shon cho tric ’s s’s urrainn daibh.
Aig an am so innsidh mi dhuibh sgeul bheag mu thimchiol amadan a bha uair eigin ann an Alba. Anns an duthaich sin bhiodh moran de leth-chiallaich a dol mu’n cuairt, agus bha cuid dhiu a bha gle ghleusda. Chaidh am fear araidh so do’n eaglais aon la agus ’nuair a bha’n searman a dol air adhart, thuit an sluagh uile ’nan cadal. Tha e coltach gu’n robh am ministear ni-eigin cadalach e fein, ach ’nuair a chunnaic e mar a bha an sluagh, bheothaich e suas agus thug e ach’asan laidir dhaibh, ag radh “Duisgibh? Duisgibh! Nach eil nair oirbh idir sibh uile n’ur cadal ach an t-aon amadan bochd a tha n’ur measg!” Cha do chord so ris an amadan agus dh’eirich e na sheasamh agus fhreagair e: “Tha, a mhinistear, sin mar sin. Tha iad uile ’nan cadal ach an t-aon amadan bochd, ach creid mise, mur bithinnse ’nam amadan, bhithinn nam chadal maile ri cach!” Co bu ghlice, aig an ann ud, am Ministear no’n t-amadan.
Le bhur cead, sgriobhaidh mi rithist,
COINNEACH.
BHO “GHAIDHEAL.”
FHIR DHEASACHAIDH:
Chunna mi’n chiad aireamh de’n Phaipeir Ghaidhlig a tha sibh a cur a mach. Thaitinn e rium gle mhath. Cha’n eil MAC-TALLA ach beag, ach ’s duallach gur h-ann a fas a bhitheas e. Cha ’n urrainn sinn a radh ma dheibhinn mar thuirt am fear dona na mhisg: “Tha bhean agam beag, ’s tha i crubach, s tha i grannda.”
’Scoir do Ghaidheil na Duthcha gu h-iomlan cul-taic a dheanamh riut nad’ oidhirp chuitich. Tha mi’n earbsa gu’n deid clar-ainm do chusbadairean a miad o latha gu latha, air ait ’s gun cinnich am paipeir ann a neart, tuigse, agus meudachd.
Buaidh agus piseach gu’n robh air do thaigh. Anns a litir so tha mi cur ad ionsaidh aondollaran teisteas air mo run math dhut nad shaothair.
GHAIDHEAL
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR!
THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C. B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .
Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.
Feuch gu’ ruig thu an
ACADIA HOUSE,
far am faigh thu deagh bhargan
LEINEAN & COLAIREAN.
ADAN AGUS CIP.
ANART & CAILEAGU (air gach pris)
FLUR AGUS MIN.
[Vol . 1. No. 3. p. 3]
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Chaidh muileann-sabhaidh, a losgadh faisg air Fredericton, N. B, a bh’fhiach faisg air $20 ,000.
Mharbhadh 1,200 duine leis an stoirm a bh’ann am Mauritius, (faisg air Africa) aghus chaidh 4,000 a leon.
Shuidh ochd duine fichead aig dinnear air bun craoibhe faisg air Tacoma, Washington, an latha roimhe.
Tha’n t Urr. Dr. Siosal, Sagart Descousse, a dol gu Antigonish an uine ghoirid. Tha e air a radh gu bheil e gu bhi na fhear-deasachaidh do’nCasket.
Tha e coltach gu’m bi am barr gle mhath ann an Russia air a’ bhliadhna so. Tha e na aobhar dochais nach bi gort anns an duthaich sin air chabhaig tuilleadh.
Chaidh $150 de chain a chuir an N. A. Ros, Truro, air son deoch-laidir a reic ri Innseanach. Da latha roimhe sin chaidh $50 a chuir air, air son a bhi reic an stuth cheudna.
Tha Priomhair Cobson, a Columbia Bhreatunnach, ann am Breatuinn an drasd ag iarraidh Croitearn Gaelach a thogas fearan air cladach a Chuain Chiuin(Pacific Ocean ).
Chaidh mein airgid ’na teine ann anAustriaair a cheud lath dhe’n mhios agus chaidh corr us da cheud meineadair a mharbhadh. Cha’n eil fhios ciamar a thoisich an teine.
Tha plaigh iongatach am measg a chruidh ann am Mexico ’san Arizona. Tha ceann na h-ainmhidh ag at suas, agus crith a tigh’nn air, ’s tha e toirt a bhais an uine gle ghoirid.
Cha d’fhuaradh iomradh air Kennedy, Glace Bay Bheag, fhathast. Chaidh na daoine bha ’g ol maile ris, am feasgar a chaidh e air chall, a thoirt a Montreal gu cuirt a sheasamh ann an Sidni, ach do bhrigh nach robh dearbhadh sam bith ’nan aghaidh fhuair iad ma sgaoil.
Tha feill mhor ri bhi ann an Chicago air an ath bhliadhna ris an abrar Feill an t-Saoghail. Tha gach rioghachd ’san Roinn-Eorp, Canada, agus iomadh duthaich eile ’deanamh deiseil air a son, agus tha gach aon a feuchainn ri bhi air thoiseach air cach. Tha teann air ceithir cheud bhiadhna bho’n chuir Columbus a cheud eolas air America, agus ’sann mar chuimhneachan air an duine mhor sin a tha’n fheill so ri bhi air a cumail. ’S beag a shaoil Columbus fhein, ’nuair a bha e beo, gu’m biodh an Saoghol uile ’n diugh a toirt urram dha.
Tha 10,000 tinn leis a ‘Ghrip’ ann am Beunos Ayres, Ceann-Deas America.
Tha’n t-iasgach gle mhath aig Gabarus. Tha e air a radh gu bheil an acarsaid beo le rionnach. Tha’n gaspero gle phailt aig Margaree.
Chaidh factoridh-chaise ’chuir na teine aig an Abhain-Mheadhonaich air 31mh Mai. Cha’n eil fhios co rinn an droch ghniomh so.
Tha 1,975,000 acaire fearainn ann an Alba fo na feidh, ’s tha na h-uachdrain a faighinn £400 ,000 ’sa bhliadhna mar mhal air a shon.
Aig Hantsport, N S., chaidh gille beag sia bliadhna ’dh’aois, do’m b’ainn Grey, air chall anns a choille. Bha e an sin bho choig uairean feasgar Dirdaoin, gu meadhon-latha Di-domhnaich, nuair a thainig e mach sia mile bho’n aite o’n d’fhalbh e. Tha e ’g radh gu’n robh e ’g itheadh measan beaga agus duilleagan anns a choille ’s gu ’n robh e ’cadal nuair thigeadh an oi’che. Bha ’chuid aodaich gle thana ’s cha robh ad no ni m’a cheann. Bha stoirm uisge ann oi’che Dihaoine, agus tha e iongatach ciamar nach do mheilicheadh e.
Tha na paipearan ag radh moran mu dheibhinn Dr. Buchanan. Dhealaich an duine coir so ri ’cheud bhean ann a Halifax, agus phos e bean eile. Chaochail i so ann an New York o chionn beagan uine, agus thainig esan air ais gu Halifax, far an robh a cheud bhean. Chaidh iad le cheile a sin gu Windsor far ’n do phosadh iad an darra uair. Tha e air aithris an drasda gu’n chuir e as da’n bhean eile leis a phuinnsean, agus tha luchd-ceartais a rannsachadh na cuise. Tha ’cheud bhean an deigh fhagail a rithist ’s air a dhol air ais gu Halifax.
Tha rioghachdan na Roinn-Eorpa gle an-earbsach as a cheile. Tha eagal air an darna rioghachd gu’n tig an rioghachd eil’ oirre gun fhios. Tha’n Fhraing a feitheamh ri cothrom math fhaotainn gu dioghaltas a dheanamh air a Ghearmailt air son cogadh 1870-71 ged is i fhein a thoisich an cogadh sin. Tha ’Ghearmailt ag ullachadh air son na Frainge. Tha Russia ’feuchainn ri cothrom fhaighinn air an Tuirc, agus mar sin sios. Tha iad uile air an lan armachadh agus a feitheamh ris a cheud bhuille. Tha e cho docha nach bi cogadh ann gu ceann aireamh bhliadhnaichean fhathast, ach tha e tighinn, agus bi’dh e na chogadh eagallach. Cha’n eil teagamh nach biodh spog aig Breatuinn ann mu’m biodh e seachad, agus aig rioghachdan eile mar an ceudna. Tha Breatuinn na h-aonair a gabhail a ghnothuich air a socair ’sa feuchainn ri cuisean a cheartachadh aig an tigh.
BARGAIN.
B’fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin’ ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a’s fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.
Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh.
Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Ma Cheannaicheas to Bathar
—BHO—
C . S. JOST & CO. ,
Cha bhi aithreachas ort.
Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a’s ail leat. Tha’n ad a’s saoire gle mhath, ach si’n ad a’s daoire ’s fhearr.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fhuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
[Vol . 1. No. 3. p. 4]
FAICIBH SO.
Tha MAC-TALLA ri reic gach seachduinn anns na h-aitean a leanas:
Sidni, Iain A. MacCoinnich.
Sidni Tuath, Wilson & Co.
Pictou, Seumas Mac ’Illeain.
CUNNART ANTOMI.
Anns na laithean a dh’fhalbh, fada ’n deigh do Cholumbus cas a chuir air tir ann an America, bha duine do’m b’ainm Antoni a ruith Carbad a Phuist air mir do’n rathad eadar so ’us Caolas Chanso. ’Nuair a bhiodh na roidean air an tachdadh le sneachda ’sa gheamhradh, bu tric le Antoni bhi gabhail na deighe, ni a bha air uairean gle chunnartach. Latha de na laithean, bhrist an deigh, ’s thoisich e fein ’s na h-eich air a dhol fodha. Na eigin ghlaodh e ri fear-siubhail a bha comhla ris, “Sabhail namails! Sabhail namails! Ma theid mise ’bhathadh, ’s gu’n caillear namails ,ni am Moireastanach mo mharbhadh!” (B’e am Moireastanacha mhaighstir.) Gu fortanach cha do bhathadh Antoni ’s cha mho chailleadh namails, agus air an aobhar sin tha Antoni gun a mharbhadh fhathast.
RANN.
Meirle dheanamh air a’ mheirleach,
Gu’m b’e sin a’ mheirle bhorb;
Cha’n eil taobh a theid a’ melrleach,
’Nach ’eil meirleach air a lorg.
’Se’m buileachadh ’ni’n cruinneachadh,
’Se’n cruinneachadh ’ni sguaban,
Na sguaban ’ni na mulanan,
’S na mulanan na cruachan.
Bha Sasunnach beag neanbh uair a sealgaireachd air a Ghaeltachd. Bha aige mar fhear-iuil, Gael mor, fad chasach, a bha aig a cheart am air mhisg. Bha iad a direadh beinne, an Gael air toiseach ’san ’Sasunnach bochd, ’s aonach air, a tigh’nn na dheigh. Bha na cuileagan gle dhona, ach cha robh iad a beantuinn do’n t-Sasunnach. “De ars esan “is coireach nach eil na cuileagan riumsa mar tha iad riutsa?” “O” arsa Calum, ’se deanamh gaire beag ris fhein, “dh’fhaoidte nach fhac iad thusa fhathast. ’”
Tha baile Venice, an ceann-tuath na h-Eadailt, air a thogail gu leir air eileanan, ’s tha na sraidean uile lan uisge. Tha moran de’n t-sluagh nach robh mach as a bhaile riamh, agus nach aithnicheadh each ged chitheadh iad e. Thug fear-ioghnaidh aon do’n bhail’ uair, agus phaigh moran tasdan air son cead fhaicinn, an duil gur h-e bh’ann dragon no beathach oilteil dhe’n t-seorsa sin.
Tha’n Ooil-thigh a’s mo air an t-saoghal, anns an Eiphit, duthaich anns nach rachadh nach sam bith ’ga iarraidh. Tha aona mile deug foghlumaich’ ann.
Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu
COINNEACH R. MAC COINNICH,
SIDNI TUATH, C. B.
150 baraile Siucair,
250 baraile Fluir,
100 baraile Min Choirce,
10 baraileMolasses ,
100 bocsa Tombaca.
200 ciste Ti a Lunnain.
Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein.
Tha so air a chumail do
D. W. MACFHIONGHAIN,
Sidni & Sidni Tuath.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nan beachd.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath. ’’
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni; feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 3 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 3. %p |
parent text | Volume 1 |