[Vol . 1. No. 30. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 17, 1892. No . 30.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G H MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Na innis do dhuine ’m feasd gu bheil e na amadan. Leig leis gus am faigh e fhein a mach e.
Tha 150 bocsa de reiseadean ’s de dh’fhigean ri’n reic saor nam bocsichean aigC . H. Harrington & Co.
Dh’eug Sir Adams G. Archibald a bha na fhear-lagha tapidh agus na bhall ann am parlamaid Nobha Scotia fad iomadh bliadhna, aig Truro Di-ciadain s’a chaidh.
Tha Ceap Breatuinn ’s na duchannan mu’n cuairt a mealltuinn geamhradh briagha cho fada so. Cha mhor sneachda a chunnacas fhathast, agus chan eil deigh ri fhaicinn idir.
Tha’n t-Urr. M . P. Freeman, Gasperaux, N. S.a sgirobhadh: —An deigh a bhi gabhail K. D. C. uine ghoirid tha mi cinnteach gur cungidh leighis luachmhor e. Bheirinn a chomhairle orra-san a tha tinn le droch stamag a ghabhail.
Tha Mitchell, fear na sabaid, ann sa phriosan an dsasda air son ionnsidh bhruideil a thoirt air an fhear aig an robh e bordadh. Tha e gu bhi fo ghlais ’s fo iuchair fad da mhios. Dh’ fhaoidte gu’m bi e beagan na’s modhaile ’nuair a gheibh e ma sgaoil.
Tha sinn a tuigsinn gu bheil Louis Kossuth marbh. B’e so an saighdear treun a rinn uile dhichioll air Hungary a dhuthich fein a shaoradh bho chuing Austria. Cha b’urrinn dha sin a dheanamh oir bha cumhachd Austria ro mhor air a shon. Bha e o chionn iomadh bliadhna a tamhachd ’san Eadailt, oir dhiult e bhi comhnuidh ann an duthich aig nach robh lan shaorsa.
Tha leth-cheud duine ann an Windsor, Ontario, a tha faighinn peinsean as na Staitean. Tha na peinseanan so air an toirt do shaighdearan a bha ann an cogadh nan Staitean, agus da’n sliochd. Shaoileadh neach gu’m biodh an t-suim a thatar a paidheadh a mach a dol na bu lugha gach bliadhna mar a bhiodh na seann saighdearan a basachadh. Ach an aite sin ’s ann a tha’n t-suim a dol na’s mo a h-uile bliadhna.
Chan eil an trioblaid aig Homestead thairis fhathast. Nuair a bha cheud iorghail seachad, chaidh daoin’ ura chuir a dh’obair, agus an fheadhinn a dhuilt obair a dheanamh roimhe, a dhunadh a mach. Tha paipear naidheachd as a chearna sin an drasd ag innse gu robh guim air a dheanamh am measg nan daoine aig nach robh obair air son cuir as da’n fheadhinn eile le puinnsean. Tha’m paipear so ag radh gu’n robh air a chuid bu lugha sianar air am puinnseanachadh le fudar a bha air a thoirt daibh ann am biadh. Chaidh beagan dhe’n fhudar sin a thoirt do chu agus bhasich e ’am beagan mhionaidean. Tha naoinear no deichnear ann sa phriosan air an coireachadh air son lamh a bhi aca san olc.
Chaidh mein ghuail ann an Sasuinn na teine Di-ciadain s’a chaidh, agus bha moran de na memeadearan air am marbhadh. Bha na daoine uile aig an obair nuair a ghabh i teine, ’s bha leth-cheud duine no corr air an glasadh a stigh leis an draoighnich a thuit air feadh na meine. Cha robh i air a rannsachadh gu bui’each nuair a fhuair sinn fios ach bha iad a deanamh gu robh a chuid bu mho dhe na bha air an dunadh a stigh marbh. Bha aireamh dhiu a fhuaireadh beo ach bha iad cho fad air ais ’s gu’n dh’eug iad an ceann beagan mhionaidean. Nuair a thill cuid de ’n luchd-rannsachidh as a mhein, bha iad gu toirt suas leis mar a bha iad air am muchadh le ceo ’s le teas.
Bha stoirmean mora sneachda air Gaidhealtachd ’s air Galldachd Alba air a mhios s’a dh’fhalbh. Bha na roidean-iaruinn air an dunadh suas le sneachda gus nach b’urrinn da na carbadan gluasad. B’fheudar dhaibh a bhi air an stad gu buileach an caochladh aitean, agus ’s ann air eigin a fhuair an luchd-turuis iad fhein a thearnadh.
AIR A LAN DHEABHADH: —Chan eil duine ’n diugh ag aicheadh nach leighis B. B. B. droch-Stamag, domblasachd, ceangal-cuinn, ceann goirt us droch fhuil. Tha na dearbhaidhean cho laidir ’s gu bheil B. B. B. an deigh ait a chosnadh mar aon de na cungidhean leighis a’s fhearr.
[Vol . 1. No. 30. p. 2]
MAC-TALLA.
Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.
A PHRIS BHLIADHNAlL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00
Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh.
’Se Mac-Talla ’s aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 17, 1892.
NA GAIDHEIL ’S NA FEIDH.
Tha e cosmhuill nach ’eil stad air an obair mhi-naomh ud a tha cur fearann nan Gaidheal fo fhrithean nam fiadh. Tha barrachd gruinnd an diugh fo’n t-seilg so na bh’ ann riamh; ach a reir an t-sanais a thug Mr Macfarlan anns a Pharlamaid an la roimhe theid stad a chur air so le achd Parlamaid mu’n ruith moran uine. Ach feumaidh na Gaidheil iad fein gluasad a dheanamh mu’n chuis aig an tigh agus an t-aobhar a chumail beo mar so. Mur bi an sluaigh fein a ghnath ag agradh bidh na naimhdean ag radh nach ’eil feadhainn ’sam bith ag iarraidh atharrachadh air an lagh ach na fir Pharlamaid a tha deanamh troimhe-cheile air son an criochan fein. Thigeadh do na Gaidheil uime sin, deas is tuath, an lamhan a chumail an sas anns an obair so, agus a leigeil fhaicinn gu’m bheil iad durachdach mu’n chuis. Tha e soilleir gu leoir ma dh ’fhagar nithean mar tha iad nach fhada gus am fas am fearann ro dhaor feadh na Gaidhealtachd, oir paidhidh e ni’s fhearr do na h-uachdarain fhagail buileach fo’n t-seilg na bhi’ ga chumail mar fhearann araich fo thuath bhig. Tha e iomchuidh, uime sin, gu’m biodh na Gaidheil a’ togail an guth gu treibhdhireach mu’n chuis so, agus nach biodh na frithean a’ farsuinnachadh fo’n srontan, agus an cothrom beoaltrum so a thatar a’ deanamh air na feidh an aite nan daoine. —Oban Times.
AIR SON ATAN: —A Dhaoin uaisle, —bha droch at air amhaich mo nighean bheagsa, tri bliadhna dh’aois. Dh’fheuch miHagyard ’s Yellow Oilagus an uine ghoirid dh’fhalbh an t-at gu buileach.
MRS . C. E. WENDOVER, Manda, Man.
“Cia lion duine cloinne a th’agibh-se a Sheonaid?” “Ma ta, le’r cead, tha triuir mhac agam. Tha dithis dhiu beo agus tha ’n treas fear posda.”
COMUNN GAIDHEALACH NEW YORK.
Tha “Eileanach” a sgriobhadh dh’ionnsidh aScottish Canadianmar a leanas:—
Bha a’ cheud choinneamh mhiosail de ’n chomunn so air a cumail air oidhche Dhiciadain ’sa chaidh, ann anUnion Hall,an ceann suidhe, Mr. Iain Sutharlan sa chathair. A thaobh gu’m b’e so a’ cheud choinneamh, cha d’rinneadh moran ullachaidh air son fearas-chuideachd, gidheadh cha robh gainne air luchd-iabhairt air luchd-ciuil, no seinn. Bha oraidean air an liubhairt le Fear-na-cathrach, T. O. Rusal, agus Niall Domhnulluch, bard a chomuinn. Bha orain Ghaidhlig air an seinn le Iain MacIllean, Domhnull Dughallach, agus Domhnull Domhullach. Chuir Iain MacCoinnich cuairtean sunndach air a phiob mhoir, a thog aoidh air aigne na bha ’ga eisdeachd.
Bha litrichean Gaidhlig air an leughadh bho Mr. Iain MacCosnnich, Run-chleireach Comunn Gaidhlig, Hamilton, agus bho uaislean eile, a guidhe soirbheachadh math do ’n chomunn. Chaidh naoi deug air fhichead, do bhuill ur aonadh ris a chomunn, agus tha tuillidh ri bhi air ah aonadh aig an ath choinneamh. Bha Comunn Gaidhealach New York air a steidheachadh air an t-Samhuinn sa chaidh. Chaidh na h-oifigich a leanas a thagadh gu deireadh na bliadhna so:
Ceann-suidhe, Iain Sutharlan, Iair ceann suidhe, Donacha Robaston, Run-chleireach, Domhnull Domhnullach, Ionmhasair, Nial MacAoidh, Bard, Nial Domhnullach, Piobaire, Iain MacConnich, cuideachd-riaghlaidh, Aonghas Caimbeul, Uilleam Brittain, agus Iain Mac Aoidh.
Chi sibh gu’m bheil ainmean agus sloinnidhean nan offigeach cho Gaidhealach ri foid moine, agus tuigidh sibh gu’m bi gnothaichean a chomuinn sabhailt nan lamhan.
Se miann a chomuinn, oidheirp a thabhairt gu tuillidh chairdeis, ’s companais bhrosnachadh am measg Ghaidheal New York, agus meadhonan ullachadh leis am faod buill a chomuinn iad fein a’ dheanadh eolach air an cainnt mhathrail a chum a labhairt gu pongail deas-bhriathrach; agus mar an ceudna comhnadh ’s comhairle a thabhairt cho fad ’s cheadaicheas cuisean e do neach air bith do ar luch duthcha a thig a’ dheanadh an dachaich ’s a’ chearn so do ’n t-saoghal. Tha coinneamh chaidreach ri bhi aig a chomuin air oidhche na calluinne.
Thanig fear, B. F. Paulson, ri bheatha fein ann am Boston an la roimhe. Bha e fhein ’sa bhean a fuireach ann an aon de na taighean bu bhiragha bh’ ann am Boston. Bha e mu leth-cheud bliadhna sa coig a dh’ aois, ’s dh’fhag e faisg air da mhuilean dolair. Chan eil fhios de thug air cuir as da fein.
DR . WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c. as 50c. am botull.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUBH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 : Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cha math aig an tigh
D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.
[Vol . 1. No. 30. p. 3]
FOGRADH NAN GAIDHEAL.
XIII.
CATAOBH.
Ann am mios a’ Mhairt 1814 fhuair moran de ’n tuath ann an sgireachd Farr agus Chill-donnain bairlinn a chum falbh as an croitean aig a’ Chaingis a bha ann an deigh sin. Gus a’ chuis a dheanamh cinnteach, agus gu cabhag a chur riutha gu falbh leis an spreidh, chuireadh faloisg ris an fhraoch air am b’ abhaist do ’n spreidh a bhi ag ionaltradh san earrach, nuair a bhiodh an t-innlinn gann. Rinneadh so le ordugh Phadruig Sellar, a ghabh am fearann aca air son gabhail chaorach dha fhein. Chaidh an duine malltaichte so an sin, agus chuir e teine ris na taighean aig an t-sluagh bhochd. Bha so furasda dheanamh, oir bha an ceann-fhiodh agus na cabair air an deanamh de ghiubhais blair, seann chraobhan giubhais a bha ’nan laidhe sa’ mhointich bho cheann chiadan bliadhna. Nuair a thiormuich an giubhas so le smuid agus teas an teine, dh’fhas e cruaidh lasarra, so-loisgeach, tein-abuich mar fhudar gunna, agus ann an tiota chaidh na taighean nan smal. Bha na daoine agus na gillean laidir anns a’ mhonadh a’ sealltuinn an deigh na spreidhe. Cha robh aig an taigh ach na seann daoine breoite, na mnathan, agus a’ chlann bheag; agus ged a thug iad so oidhirp air na b’urrainn daibh a thearnadh bho ’n lasair, gidheadh bha an teine cho dian bras, le tiormachd a’ ghiubhais, agus gun do loisg chan e mhain fiodh, nan taighean, ach mar an ciadna moran de ’n airneis aig na daoinibh bochda. Gaoir nan creutairean truagh sin, an t-uamhunn, agus an t-an dochas a chiteadh cho soilleur riochdail nan gnuis maille ri n a’lanaich a lamharra agus caithream ain-iochdmhor an luchd foirneairt, cha ghabh so innseadh no a chur an ceill ann an cainnt. Chiteadh Padruig Sellar an sin, cosmhnil ri deamhan a’ stiuradh, ag aithne agus a’ stuigeadh nan daoine a bha ri obair an leirsgrios. Fhuair moran de na creutairean bochd am bas leis an eagal, le fuachd agus le h-anradh. Theich seann daoine do na coilltibh agus chaidh iad thar am beachd. Thainig saothair roimh ’n mhithich air mnathaibh leth-tromach, agus bhasaich moran de’n chloinn bhig, oig, le fuachd agus droch caramh.
Chaidh Padruig Sellar le deichnear dhaoine naird gu braigh aite d’am b’ainm Rossal a chur teine ris na taighibh. Nuair a rainig iad taigh Uilleim Shiosail, an ceard, ann am Bad-an-losguinn, fhuair iad mathair-cheile an t-Siosalaich ’na Uidhe air leabaidh leis an aois agus leis an euslaint, Bha eagal air na daoinibh teine chur ris an taigh, oir bha a’ bhean faisg air ciad bliadhna dh’aois. Uime sin rinn iad foighidinn gus an d’thainig Sellar, agus dh’innis iad da mar bha a’ chuis. Se am freagradh a thug e, “Seann bhana-bhuitseach an diabhoil, tha i tuilleadh us fada beo; cuiribh teine rithe agus loisgibh i.” Chuir e fhein ’s a dhaoine an sin teine ris an taigh, agus bha na plaideachan, air an d’thugadh a mach i le h-ighinn fein, air an dathadh leis an lasair. Nuair a chunnaic an t-seann bhean an taigh ’na theine ghlaodh i mach, “O, Dhia! an teine, an teine!” thug iad a mach i, agus chuir iad am bothan chaorach i a bha faisg air laimh. Cha do labhair i facal riabh tuilleadh agus an ceann choig laithean fhuair i am bas.
D. B. B.
LITIR BHEAG A BAILE-MOR LUNNINN.
A GHAIDHIL CHOIR:— ’Sann le mor-thoileachas a tha mi tuigsinn bho na chaidh a radh ann an cuid de na paipearan Gaidhealach gu bheil paipear naidheachd fior Ghaidhealach air a chuir a mach leibh. Tha e na thamailt mhor do na Gaidhil ann am Breatuinn nach eil aca, mach o Theachdaire na h-Eaglise Saoir, paipear naidheachd ’nan canain aosda fein. Co dhiu tha e na chomharra math gu bheil crioman Gailig ri fhaicinn gu tric an sid ’san so ’sna paipearan, agus gu bheil da rireadh gluasad am measg nan cnamhan tioram,
Tha mi cinnteach gu’m biodh moran oganach a’s aithne dhomh sa bhaile so gle thoileach ur paipear gasd’ fhaotinn bho am gu am, agus uime sin tha mi ’sgriobhadh thugaibh a nis. Am faod mi iarridh oirbh aon aireamh a chuir thugam chum ’s gum bi fios agam air a phaipear agus air a phris. Ni mi na’s urrinn domh MAC-TALLA ’thoirt fa chomhair mo chairdean, agus le bhur cead bheir mi dhuibh sgeulachd no dha ma bhios an leithid sin freagarrach air son ’ur paipear.
Gabhibh mo leisgeal air son mo dhroch Ghailig, oir ’s ann an Lunninn na smuide a dh’ionnsich mi na tha agam de chanain nam beann.
Le deagh dhurachd, agus a guidhe soirbheachadh math agus lan bhuaidh dhuibh ann ’ur saothir ionmholta, is mi,
Ur fear-ducha dileas,
UILLEAM MACGILL-IOS
Lunninn, Dec. 1892.
ULLICH AIR SON CHOLERA:— ’Se glainne, curam, agus misneach na nithean a’s fhearr air son an Cholera a chumail air falbh. Cum thu fhein glan. Ith biadh teth. GabhBurdock Blood Bittersair son cail, agus air son fuil ghlan a dheanamh, an aon ni as fhean air son Cholera no tinneas gabhaltach sam bith a chumail bhuat.
Ma tha thu dol a chuir a dh’iarridh a MHAC-TALLA, ’s tha fhios gu bheil, cuir ’ga iarridh gun dail, agus feuch ri fear-eigin eile fhaighinn a chuireas ga iarridh aig an aon am.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
DE THA BHUAT?
Ma ’se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig
F. Falconer & a mhac.
Tha iad an deigh a chuid a’s mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe’n t-sheorsa sin na’s saoire na gheibh thu ’n aite sam bith eile.
Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 1. No. 30. p. 4]
COMUNN GAILIG HAMILTON.
Bha Talla nan Foresters air a lionadh an raoir le muinntir a-chomuinn Ghailig agus an cairdean. Bha feadhinn a lathir, chan ann a mhain a mhuinntir Hamilton ’s nan aitean mu’n cuairt, ach a Ceap Breatuinn ’s a Columbia Bhreatunnach, agus chuir iad seachad an oidhche gu cridheil, fonnmhor. Bha an duine comasach, surdail, Dughall Iain Caimbeal ann sa chathir. Dh’fhosgail e choinneamh le oraid bhriagha thoirt seachad ’sa Ghailig agus ’s ann aige fein a tha’n t-urram air. Bha piobaireachd air a dheanamh le Seoras Mac-a- Ghobha, ’s dhanns ceathrar ghillean oga “Ruidhle Thullachain.” Sheinneadh oran Gailig le Anna Nic Mhaoilein, Flori Nic Gilleain, Alasdir Mac Ghriogair, agus Domhnull Hunndar. Sheinn Nial Sea “Ho ro, mo nighean donn bhoidheach” na dhoigh fhein a chord ris a chuideachd gu math. Bha ’n ath oran air thoirt le Iain MacDhughill, “Am Muile nan craobh tha mhaighdean bhanail,” agus an deigh sin chluich Seoras air a phiob“ ’s toil leam fein an Caimbealach dubh,” ’s dhanns Uilleam Oswald “seann triubhas” Thugadh a chuid so dhe’n aighear gu crich le Anna Nic Mhaoilein a sheinn “Mo run geal dileas.”
Chum fear na cathrach gnothuichean ann an deagh ordugh re na h-uine bia sinn cruinn. Faodidh sibh a bhi cinnteach gu’n chuir sinn am fraoch ri theine mun robh an da uair dheug air teachd.
IAIN MACCOINNICH,
Run-chleireach a Chomuinn.
Hamilton, Dec. 7mh. 1892.
SEAN-FHACAIL.
Am fear a’s fhearr a chuireas ’se a’s fhearr a bhuaineas.
Cha do bhrist deagh urram ceann duine riamh.
Chan fhaodar a bho a reic ’sa bainn’ ol.
Deireadh an latha ’s math na h-eolich.
Chan ann gun fhios, car son a ni an clamhan fead.
Ruigidh roinn air biadh na cnotha.
Uaisle gun chuid ’s maragan gun gheir.
Chan eil duchas aig mnaoi no aig ministeir.
Ge b’e ghoideadh an t-ubh circe ghoideadh e ’n t-ubh geoidh.
An car a bhios sa mhathair ’s gnath leis a bhi ’sa nighinn.
Ge b’e nach gabh nuair a gheibh, chan fhaigh nuair is aill.
Ge b’e ni ’n obair na h-am bithidh e rithist na leth thamh.
Far am bi do chradh bithidh do lamh, ’s far am bi do ghradh bithidh do thathaidh.
AN TIM A BH’ ANN O CHIAN.
(Auld Lang Syne)
’N coir seann luchd-eolis dhol a beachd,
’S gun chuimhn’ orra bhi ann?
’N coir seann luchd-eolis dhol a beachd,
’S na laithean a bha ann?
Air sgath an tim a bh’ ann a ruin,
Bir sgath an tim a bh’ ann,
Gun gabh sinn fhathast cupan tlath
Air sgath an tim a bh’ ann.
Bha sinne comhla feadh nam bruach
A tionail neoinein annt,
Ach ’s sgith air seachran ceum ar cas
Bho’n tim o chian a bh’ ann.
Bu trath us anmoch sinn san allt
Ag iomair ’s sinn nar clann,
Ach dheallich cuaintean farsuin sinn
Bho’n tim o chian a bh’ ann.
Mo charaid earbsach gabh mo lamh,
’S sin fhein do lamh a nall,
’S gun gabh sinn cuach gu cridheil lan
Air sgath an tim a bh’ann.
Gu cinnteach ’s leat do bharail fhein,
’S mo bhaaail fhein tha leams,
’S gun gabh sinn cupan caoimhneil lan
Air sgath an tim a bh’ ann.
M. MACRATH, Ottawa.
Tha e air a radh gu bheil 94,000 de luchd-oibreach Austria nan tamh, gun choire srm bith a bhi aca fhein ris.
Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuit stamag fhalain a bhi agad, ’s am cholera cho faisg? Ni
K D C
do stamag fallam, ’s do dhion on cholera.
Sampull a nasgidh gu nach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidui ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 30 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 30. %p |
parent text | Volume 1 |