[Vol . 1. No. 31. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 24, 1892. No . 31.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Shaorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St . Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Nol’aig mhath do uile chairdean a MHAC TALLA.
Tha Parlamaid Ard-fhlaitheachd Chanada gu bhi cruinn air an 26mh latha dhe’n mhios s’a tighinn.
Chaidh long Fhrangach a bhristeadh air eilean Guersney, a deas air Sassuinn, agus chailleadh a h-uile duine bha air bord.
Ann am baile beag an Ohio, an la romhe loisg duine daorich urchir am measg cruinneachadh de chloinn bhig agus mharbh e dithis nighean.
Cuir a dh’iarradh a MHAC-TALLA an drasda, chum ’s gu ’m bi e agad bho thoiseach na bliadhna. Cha chosg e dhuit ach leth-dolar sa bhliadhna.
[ ? ] ann sna Staitean aig am bheil an aona mhuidhe deanamh a cuid [ ? ] chionn leth cheud bliadhna. Mhaistrich i ’san uine sin fiach corr us deich mile dolair de dh’im
Chaidh Gilleasbuig Cammill, meinneadair Frangach a mharbhadh am Port Arthur Di-luain. Loisgeadh air aig a dhorus fhein, agus bha e marbh ’an tiotadh. Cha d’fhuaras a mach fhathast co loisg air.
Tha fear Sheridan an taigh-nam-bochd ann an Lunninn an deigh dileab mor fhaighinn. Dh’eug puithar-mathar dha agus o nach robh dileabach eile aice, dh’fhag i aige tri cheud mile punnd Sassunnach. Chan fhaod a bhith nach cum sin e as a bhochdainn ri bheo.
Thachir sgiorradh eagalach aig Bathurst Di-sathairne s’a chaidh. Bha dithis nighean oga da’m b’ainm Smith faisg air an rathad iarrinn le each us sleigh nuair a ghabh an t-each eagal roimh charbad-smuid a bha faisg orra, agus theich e, a tilgeadh nan nighean a mach as an t-sleigh. Bhuail ceann te dhiu air an rathad chruaidh agus bha i air a grad mharbhadh, ach gu fortanach cha d’rinneadh dochann sam bith air an te eile. Bha ise chaidh a mharbhadh mu dha bhliadhn’ ar fhichead a dh’ -aois.
Tha meinnean Springhill nan tamh aon uair eile. Tha tri cheud deug meinneadair an deigh seasamh a mach a diultadh buille bhualadh gus am bi cuisean air an ceartachadh eadar iad fhein us sealbhadairean nam meinnean. Thoisich an aimhreit mu lionadh nam bocsichean guail. Bha cordadh eadar na gualadairen ’sam maighstirean o chionn aireamh bhliadhnichean, gu’m biodh bocsa air a mheas lan nam biodh an gual a tighinn cho faisg ri sia oirlich air a bheul, nuair a thigeadh e mach as a mheinn. Bhristeadh air a chordadh sin an t-sheachdain s’a chaidh; rinn sealbhadairean na meinne lagh ur, ’s cha ghabhadh iad bocsa guail mar bhocsa lan mur biodh an gual a dh’ionnsidh a bheoil. Bha aireamh dhe na daoine air an cuir as an obair air son leantuinn ris an t-seann tomhas. Thog an luchd-oibreach uile an guth an aghidh so ach airier coltais, cha d’fhuair iad eisdeachd, agus sguir iad a dh’obair gun dail. [ ? ] mhor uile nan tamh agus fuachd a gheamhridh [ ? ] idir ullichte air a shon. Tha gual gle ghann sa bhaile, a chionn nach robh duil aona chuid aig na meinneadairean no aig muinntir eile gu robh so gu tachirt, agus uime sin cha d’rinn iad dad a chuir ma seach. Tha cuid dhe’n bharail nach fhada gus am bi cuisean mar a bha iad roimhe, agus b’fhearr’ gu’m bitheadh; ach ma bhios na meinnean nan tamh ro fhadla bi’dh moran a fulang le fuachd us acras.
ULLICH AIR SON CHOLERA:— ’Se glainne, curam, agus misneach na nithean a’s fhearr air son an Cholera a chumail air falbh. Cum thu fhein glan. Ith biadh teth. GabhBurdock Blood Bittersair son cail, agus air son fuil ghlan a dheanamh, an aon ni as fhean air son Cholera no tinneas gabhaltach sam bith a chumail bhuat.
Tha’n amhach ghoirt air bristeadh ann an’ caochladh aitean ’an Newfoundland, agus a toirt basmoran.
POSAIDHEAN.
Dec. 20 mh, leis an Urr. D. Drummond, Calum Mac’Ille-Mhaoil, ’san Acarsaid Mhor, ri Sin Nic Coinnich, am Boulardarie.
Aig Boston, Nobh 30mh, leis an Urr. S. Gunn Raonull Mac-a- Phearsain, Ceap Breatuinn, ri Carstiona Johnston, a Eilean Phriunns Iomhair.
[Vol . 1. No. 31. p. 2]
MAC-TALLA.
Tha Mac-Talla air chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.
A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00
Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh.
’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 24, 1892.
Tha cuisean gle mhi-shocair ann sa Fhraing aig an am so, agus tha e na aobhar eagail gu’m brist iorghail a mach mar a bhrist iomadh uair roimhe. Tha nithean a thaobh rathad-uisge Phanama a tighinn am folais gach latha ’sa nochdadh gu robh cealgaireachd us slaightearachd aig bunghnothuich sin bho thoiseach. Tha cuid dhe’n bharail gu robh lamh eadhon aig an luchd-riaghlidh ann sa ghuim; s tha so a cuir a chaothich air an t-sluagh, oir ’sann as am pocaidean-san a bha ’n t-airgiod a tighinn a bha na creachadairean a carnadh suas dhaibh fein. Ma bhristeas fearg nam Frangach a mach chan eil fhios co aige stadas iad, oir leig iad ris uair us uair roimhe so nach eil ciall na tur aca ann an dortadh fala. Tha mar an ceudna aireamh mhath ann san duthich a tha ro-dheonach air riaghladh na Comh-fhlaitheachd a thilgeadh bun os cionn, agus rioghachd a chuir air chois. Tha iad so a brosnuchadh an t-shluaigh mar a’s urrinn dhaibh an aghidh an luchd-riaghlidh air son an criochan fein a thoirt gu buil. Tha’n sluagh mar ann fudar; agus ma gheibh naimhdean na comh-fhlaitheachd sradag a chuir riutha bidh aon iorghghail uamhasach eile ri chuir sios air clar-eachdridh na Frainge, eachdridh nach urrinn do neach a leubhadh gun a bhi air a lionadh le uamhann us oillt.
Chaidh ceannichean Breatunnach a mhurt o chionn ghorid air eileanan Sholamh ’sa Chuan Chiuin. Chuir Breatuinn longchogidh dh’ionnsidh nan eileanan ag iarridh nam murtairean a bhi air an toirt suas air son am peanasachadh. Dhiult na h-eileanich so a dheanamh, agus chaidh na gunnachan-mora a chuir riutha agus am bailtean a sgrios.
Chaidh Coirneal Davidoff, oifigeach ’san arm Ruiseanach, a mhurt na thaigh fhin air an t-sheachdain s’a chaidh, agus tha bhas an deigh gluasad mor aobharachadh air feadh na ducha. Tha e coltach gum b’e fear de na Nihilich a chuir as da.
CLANN DOMHNUILL.
LE ALASDIR AN RIDGE.
[Rinneadh an t-oran so mar fhreagairt do “Oran molaidh Chlainn Leoid” a bha air a thoirt do luchd leubhidh a phaipear so air a mhios s’a dh’fhalbh. Tha am bard dhe’n bharail nach robh Clann Leoid riabh cho cliu-thoillteanaach ri chinneadh fhein. ]
SEISD.—
Ho i ri ri iu o,
Ho i ri ri iu o,
I ri ri ’s na i iu o,
Tha mo run air clann Donill.
Gur a binn leam bhi leubhadh
Ma ’n churaidh bha an Sleibhte,
Domhnull MacIain ’Ic Sheumais,
Chuir nan eigin Clann Leoid.
Latha mor sin na traghad,
Le aon dusan de chairdean;
Bha da fhichead san arich,
Do dh’alach Chlann Leoid.
Ged bha ’n tarbh air an reidhlean
S’ e’ air toseach na cleitha,
Cha do chrith na fir Shleibhteach
S bha ’n ratreut air Clann Leoid,
Cha d’rinn bratach na sithe
Air an la ud bhur didean,
Bha da fhichead na sineadh
Dh’ aindeoin innleachd Chlainn Leoid.
B’ iomad gaisgach math gleusda
Bha tamh ann a Sleibhte,
Sir Domhnull, ’s Sir Seumas,
Agus ceudan a chorr.
Dun-Tuilm na fear treubhach,
Dun flathail na feille,
Sam bidh tathaich luch theudan,
Far an eisde ri ceol.
Clann Domhnuill mo ghraidh-sa,
Bu ro chliutach mar thainig
Bho righrean na Spainnte,
S bho chinn ard na Roinn Eorp.
Clann Domhnuill nan geur-lann,
An cinneadh mor euchdach,
Nuair a chairte gu streup iad,
Cha bu reith dol na n coir.
Bho Gharaidh ’s bho Shleibhte,
Bho Mhudeart nan geugan,
S bho Cheapaich nam peuran,
Dheanadh reubhadh us leon.
B’iad na suinn a bha ainmeil
Leis ma chubhridh cath gharibhach,
S a fhuair tigh us leth Albinn
Air a dhearbhadh le coir.
Tha bhur ’n eachdraidh ro dhireach,
Irla Rois agus Ile,
Innse ghall us Chinntire,
Siol a Mhilidh nan Srol.
Nuair a thogte bhur bratach,
Dol ri aodan nam baitail,
Bhi air deas laimh nan gaisgach,
B’ e sid fasan na seod.
S na fagte sid aca
Mar a fabhaist s mar chleachd iad,
Gun taradh iad dhachaidh
Fir Shasuinn nan cleochd.
Tha’n t-Urr. M . P. Freeman, Gasperaux, N. S.a sgirobhadh: —An deigh a bhi gabhail K. D. C. uine gho mitha irid cinnteach gur cungidh leighis luachmhor e. Bheirinn a chomhairle orra-san a tha tinn le droch stamag a ghabhail.
BURDOCK BLOOD BITTERS
Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.
LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUBH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.
[Vol . 1. No. 31. p. 3]
IOLAIRE LOCH TREIG.
Bha roimhe seo seann iolaire mhor a tamh an Aird-mheadhoin Loch-treig far am minig a bha a seorsa. Bha i liath leis an aois bho’n bu chuimhne leatha fhein e, ’s bha i uime sin an duil gum b’i creutair b i shine bhi beo ri ’linn. Ach an earalas nach faododh a comhaois a bhi mairionn an ait eigin, chuir i roimhpe, an ciad cothrom a gheobhadh i, sgriob a thoirt air chuairt. Bliadhn’ a bha ’n sin thainig an aon Oidhche-Bhealltuinn a b’fhuaire dh’ fhairich no chunnaic i riabh, agus smaoinich i gum bu mhath an leisgeul d’i e air a run fallaich a chur an gniomh; agus ’s a’ mhaduinn mhoich Latha-Bealltuinn sin fhein seach latha sa bith, mu’n do bhlais na h-eoin eile an t-uisge, togar oirre air cheann a turuis. Cha robh duil bheo a thachradh oirr,e ach nial na h-aoise bhi oirre, nach farraideadh i. “Am fac thu oidhche-Bhealltuinn riabh cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” ach chan fhac a h aon. “Coma bha ’n latha as a thoiseach ’s bha i mar seo ag cumail air a h-aghart gun chluain gun chlos gus an do thachair seann dreathain donn coir oirre. “Failt air an dreathian, latha buidhe Bealltuinn,” ars ise, “am fac thu riabh Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Ach sean ’s g’ an robh tuar ’us dreach an dreathain cha b’ fhiosrach e gu’m fac. Cha robh eolas aige air creutair bu shine na e fhein; ach chual e gu ’n robh seann ghobha-lubh bho chian am Bun-Ruaidh, ’s ma bha e fhathast beo, gum bu dualach ma thainig a leithid gu ’m fac esan i; agus sheol e ’n rathad dhi. Thug i taing do ’n dreathan, agus togar oirre gu ceardach Bhun-Ruaidh. Rainig i; ach cha robh roimhpe ach larach fhuar, —thriall gach mith ’s gach math, ach an gobha-dubh; ’s bha esan fhein bho chian dall leis an aois, agus an deigh toll a dheanamh ’s an innean a glanadh a ghuib. Chuir i failte na Bealltuinn air a ghobha, ’s dh’innis i fath a turuis. “Am fac thu riabh” ars ise “Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Thug an gobha glaomadh bochd air fhein, ’s thuirt e nach faca riabh, agus nach cual e iomradh air a leithid; ach gu ’n robh seann udlaiche bho chionn fhios c’ uine tathaich Choill-Innse; ’s gu’n robh a chalg air liathadh leis an aois bho ’n bu chuimhne leis-an a bhi na bhuta beag a’ sgiathais air feadh nam preas. “Bu tric leis uine ’s aimsir an deigh sin,” ars esan, “tighinn a nall air cheilidh orm a chur seachad na h-oidhche faide geamhraidh, agus a thoirt sgeoil domh air cor na duthcha, ach sguir sin. An turas mu dheireadh a bha e bhos, bha ’n aois cho trom air laidhe air ’s gu ’m beil eagal orm nach ’eil e ’n urrainn gluasad mor a dheanamh. Thug sinn cho fad an coimhearsnachd d’ a cheile ’s gu’n dean mi, mar a thuigeas tusa, sogan ri sheann langan, tuchanach mar a tha an uair a chluinneas mi e ’sa chamhanaich. Is e creutair a’s sine tha lathair an diugh fad m’aithne ’s m’eolais; agus ma ni thu guth aige ’s an dol seachad, innis dha fath do thuruis agus gu ’m fac thu mise; ’s mur ’d thainig caochladh air ni e do lan di-beatha.”
Dh’aithris e ’n sin d’a gnothuichean araid a thachair ri linn nan triath bu chuimhne leis am faicinn; mu euchdan o shinnsrean agus mu bhuil a mhurichinn. An uair a bha iad ag gabhail “maduinn mhath” da cheile dh’earbh us dh’earail e oirre taghal aige an ath uair a bhiodh i ’n rathad. Gheall i gu modhail do’n ghobha gu’n taghladh, agus thog i oirre do Choill-Innse ’s fhuair i ’n t-udlaiche na chruban am fasgadh seann stuic fhearna agus spideanan deigh le cuinneanan a shroine. Chuir i failte na Bealltuinn air agus dh’innis fath a turuis. An fac thu riabh, ars ise “Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Bha ’nt t-udlaiche cho sean ’s gu ’n do “leig e n’ cabar air an t-shlinnean;” ach thuirt e air a mhain-athais nach bu chuimhne leis gum faca riabh. Fhuair i gu faoilteach furanach e, agus dh’ fhiosraich e gu caoimhneil mu’n ghobha dhall. Thug iad an sin treallan air seanchas agus air sloinnteireachd ’s bha ’n iolaire dol a thagairt urram na h-aoise; ach an uair a bha iad a dealachadh, thuirt an t-udlaiche gu’u robh breac cam ann an lochan Choire na ceanainn air an do chuir eolas an trath a bha e na laoighean og an cois a mhathar ’a tighinn a nall an Lairig-leacach a Beinn a bhric. “Bha smalaich na h-aoise air an uair sin fhein [ ? ] ma tha uine agad, is fiach dhut dol dh’a choimhead, is cnacaiche gasd e.” Is e bh’ann gu’n do thog i rithist oirre ’s gu ’n ’d rainig i ’n lochan. Chuir i deoch-eolais air a’ bhreac cham, agus dh’innis i fath a turuis; “Am fac thu riabh Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche ’n raoir?” Thuirt am breac gu’m fac—aon oidhch’ eile, ’s gu ’n robh i cho fuar, ’s ged a bha e ’n teas’ fhala ’san treine neart gu ’m b’eudar dha toiseachadh air gearradh shurdag air feadh an uisge ’chumail teas air fhein; “Agus” ars esan, “surdag dh’ an d’ thugas, leumas as an uisge ’s buailear mo leth-cheann ris an uisge ’s buailear mo leth-cheann ris an lic dhuibh ud thall; ach bha nimh an reothaidh cho dian, ’s mu ’n d’fhuair mi mi fhein a thoirt air ’m ais gu ’n do lean mo shuil ris an lic; ’s ’dh fhag sin an diugh mise cam!” An trath chual an iolair seo, thug i modh ’us urram na h-aoise do’n bhreac; agus thill i air a h-ais a dh, Aird mheadhon a dh’aithris a sgeoil do nalach og. Chunnaic iad ioma latha geal grianach an deigh sin; ach cho fad ’s a b’urrainn d’i sgiath a ghluasad, cha deachaidh latha Bealltuinn fuar no teth seachad oirre nach deachaidh i tacan air chelidh air na h-aosdai coir, —an gobh, an t-udlaiche, agus am breac.
AIR SON ATAN: —A Dhaoin uaisle, —bha droch at air amhaich mo nighean bheagsa, tri bliadhna dh’aois. Dh’fheuch miHagyard ’s Yellow Oilagus an uine ghoirid dh’fhalbh an t-at gu buileach.
MRS . C. E. WENDOVER, Manda, Man.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
DE THA BHUAT?
Ma ’se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig
F. Falconer & a mhac.
Tha iad an deigh a chuid a’s mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe’n t-sheorsa sin na’s saoire na gheibh thu ’n aite sam bith eile.
Cha mheas iad mar dhragh idir am bather a shealltuinn.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 1. No. 31. p. 4]
FOGRADH NAN GAIDHEAL.
XIV.
CATAOBH.
Obair na dunach air an do thoisich Padruig Sellar lean e air adhart gun stad, a’ cur an t-sluaigh a mach as an taighean, gus an robh an tir air a tionndadh gu bhi na nochd-laraich luim gun duine chomhnuidh innte. Bha tri gabhalaichean mora chaorach aige ann an Srath Namhair, agus bha aon diubh so coig mile fichead air fad, agus naoi no deich de mhiltean air leud. Bha sia mile thar fhichead de chaoirich aige anns na h-aitibh sin, far an robh roimhe sin da no tri de mhiltibh sluaigh a chomhnuidh. Bha gabhail mhor eile aig dithis de mhuinntir taobh tuath Shassuinn anns an robh ciad mile acaire fearainn a bha math air son feuraich. Dh’fhaodadh ciad teaghlach a bhi air am beathachadh air an fhearann so, agus mile acaire bhi aig gach teaglach air son ionaltraidh an spreidh. A chionn gun d’fhogradh an tuath a mach a Srath Namhair cha robh feum air an eaglais na b’fhaide agus leagadh gu lar i; chaidh am fiodh a bha innte a ghiulan air falbh gu tigh osda thogail an Alltan-a’ -charraigh, agus rinneadh taigh-taimh a mhinisteir a thionndadh gu bhi na fhardaich aig a’ bhrocair a bhiodh a’ ruagadh nan sionnach. Chaidh boirionnach araid troimh an t-srath air a’ bhliadhna an deigh an di-larachaidh, agus nuair a thill i air a h-ais dh’fheoraich neach dhith, “Ciod an sgial a th’ agad?” “Och!” arsa ise, “tha sgiala bronach! sgiala bronach [ ? ] againn na thubhadh air an taigh-osda aig Alltan a’ charraigh; chunnaic mi an cladh far am bheil ar cairdean nan laidhe lan de chaoirich air an smeuradh le tearr; agus chunnaic mi an seomar far am b’abhaist do Mhr Sage bhi cnuasachadh a chuid searmoinean, na fhoil chon aig tolairean Rob Ghuinne, am brocair: agus chunnaic mi nead na feannaig air mullach simileir Sheumais Ghordain!” Chuir Padruig Sellar teine ri taighibh an t-sluaigh ann an sgireachdan Farr, Roghairt, Ghoillspidh agus chill-donnain. Chuireadh buidhnean dhaoine le leusan teine a mach a chur fadaidh ri ionadain comhnuidh an t-sluaigh bhochd. Bha mu thimchioll da chiad gu leth taigh a’ losgadh comhlath ann an aon oidhche. Mhair an comh-losgadh so sia laithean, gus an robh an t-iomlan de na taighean na smuidrich agus ’nan smal. Bha an deathach cho tiugh a’ dol a mach air a’ mhuir, as gun do chaill bata a cursa air a chuan; ach nuair a thuit an oidhche dh’amais i air a’ chala le soillsean nan teintean, agus nan lasraichean a bha ag eirigh bho na taighean, a stiuireadh ri theine.
Ann an Sgireachd Chill Donnain bha da mhile sluaigh a chomhnuidh, ach chuireadh air falbh iad uile gu leir, agus loisgeadh an taighean. Thainig fear d’am b’ainm Domhnull Mac Leoid air ais, a dh’fhaicinn tir a dhuchais, ann an Cill-Donnain, an deigh bhliadhnachan a dhol seachad. Chaidh e do’n eaglais air an t-sabaid a bha nise air fas cho beag ri taigh-chalman; ach mo thruaighe! chan e calmain a bha innte, ach ochdnar chiobairean slaodach, agus tuaiream fichead no deich thar fhichead cu; agus triuir de theaghlach a’ mhinisteir. B’iad sin uile an coithional. Nuair a sguir an t-searmoin agus a thoisich iad air seinn an t-120mh Sailm, far am bheil na briathran, “mo thruaighe mi gu bheil mo chuairt am Mesech!” thoisich an coithional ceithir-chasach air an ceol fhein a chur suas. Leum na coin air na suidheachanaich, thoisich iad air burralaich, us ulfhartaich agus donnalaich oillteil a dheanamh. Dh’eirich na ciobairean orra, ’gan slachdadh leis na cromagan, thall sa bhos, ach cha d’ rinn so a’ chuis na b’fhearr, ach na bu mhiosa. Lean an tabhunnaich agus an deileann so gu deireadh na seirbhis. Bu truagh an caochladh! far am b’abhaist na ciadan sluaigh bhi tional gu aoradh do Dhia.
D. B. B.
AIR A LAN DHEABHADH: —Chan eil duine ’n diugh ag aicheadh nach leighis B. B. B. droch-Stamag, domblasachd, ceangal-cuinn, ceann goirt us droch fhuil. Tha na dearbhidhean cho laidir ’s gu bheil B B. B. an deigh ait a chosnadh mar aon de na cungidhean leighis a’s fhearr.
Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuit stamag fhalain a bhi agad, ’s am cholera cho faisg? Ni
K D C
do stamag fallain, ’s do dhion on cholera.
Sampull a nasgidh gu nach sam bith.
K . D. C. COMPANY, Ltd.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlau a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 31 |
internal date | 1892.0 |
display date | 1892 |
publication date | 1892 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 31. %p |
parent text | Volume 1 |