[97]

[Vol . 1. No. 32. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 31, 1892. No . 32.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Bliadhna Mhath Ur do ar cairdean uile.

Bham barr gle anmoch ann san Eilean Sgiathanach am bliadhna, ach chinnich gach por gle mhath.

Tha e air a radh gu bheil suil aig Priunnsa Wales tighinn gu Feill an t-shaoghil air an t-shamhradh sa tighinn.

Bha stoirm mhor air taobh a near Alba o chionn da sheachdain, a rinn call mor am measg shoithichean us bhatichean-iasgich.

Re nan tri miosan a chaidh seachad thill suas ri ceud gu leth teaglach as na Staitean Quebec, ’s tha iad ag radh gu bheil tuilleadh ri tighinn nan deigh.

Tha corr us coig ceud deug muilean dolair de dhainbhfhiach air na Staitean, no seachd dolair fhichead mu choinneamh gach duine, bean, us paisde thasan duthich.

Bhrist meirlich a staigh do bhuth R. R. Moirestan, an Gabarus, an la roimhe, ’sa thuilleadh air roinn mhath de bhathar a ghoid, thug iad leotha da fhichead dolair de dhairgiod.

Chaidh corr us ceud mile barailte de dhubhlan a thogail ann an Gleann Annapolis air a bhliadhna so. Tha da fhichead mile barailte dhe so gun a dhol gu margadh fhathast.

Bha Deorsa Perkins, tuathanach ann an Ontario, a leagail craoibhe sa choille, ’s nuair a bha i tuitean chaidh i ann an croich. Nuair a chaidh ega fuasgladh, thuit i air a mhuins mharbhadh e far an robh e.

AIR A LAN DHEABHADH: —Chan eil duinen diugh ag aicheadh nach leighis B. B. B. droch-Stamag, domblasachd, ceangal-cuinn, ceann goirt us droch fhuil. Tha na dearbhidhean cho laidir s gu bheil B. B. B. an deigh ait a chosnadh mar aon de na cuiridhean leighis as fhearr.

Air an t-sheachdain sa chaidh, thugadh dhachidh gus a Bhras DOr Mhoir, corp Chaiptean Lachain Mac-an-Leigh. O chionn aireamh bhliadhnichean dhfhalbh e fheinsa theaghlach do na Staitean. Mu thri miosan roimhe so, thanig e gu Springhill, far an robh e gus an dthugadh air falbh e le bas ro-athghearr.

Tha e air a radh gu robh Jay Geuld dhen bharail nach abradh daoine dad sam bithga dhiomoladh an deigh a bhais, achse fhein a bha air a mhealladh. Cha mhor gu bheil paipearan America nosan Roinn-Eorpa nach tug iomradh air aig an am a bhais, ’s cha robh iad a deanamh moladh coir sam bith air. Ma choisinn e corr us tri fichead muilean dolair re a bheatha, cha mhor chairdean a rinn e.

Di-ciadain air an t-sheachdain sa chaidh thugadh dhachidh as na Staitaan, corp nighean a mhuinntir Amhinn nan Ait-threabhadh, (River Inhabitants)dam bainm Agnes Steele. Sgriobh i litir dhionnsidh a parantan air an t-sheachdain roimhe sin ag innse dhaibh gu robh roimhpe tighinn dhachidh a chuir seachad na Nollaig maille riu. An ath latha fhuair iad fios ag innse dhaibh gu robh i marbh, ’s gu robh a corp air an rathad dhachidh.

Tha caraid a sgriobhadh thuginn a cearn iomallach de Cholumbia Bhreatunnach, ag innse mu chor fheins mu chor na ducha. Am measg nithean eile air am bheil e toirt iomradh, tha eg innse gun deachidh ministeir Sasunnach a thoirt searmain dhaibh o chionn ghoirid. Bi an eaglis a bhaige, lobhta tigh-oil, agus bha chuid bu mho dhen chothional air an leth-dhaorich. Chaidh e air adhart leis an t-seirbhis co-dhiu, gun dragh sam feith a chuir air gusn do thoisich e ri urnigh air son an teaghlich rioghail. Leigeadh leis urnigh a dheanamh air son na banrigh, ach nuair a thoisich e air guidhe as leth Priunnsa Wales, chuir an sluagh na aghidh ag radh nach do thoill am priunnsa bhig urnigh ais a shon! Chan eisdeadh iad ris tuilleadh, ’s mar sin chriochnich an t-sheirbhis.

Bha duine air a mharbhadh, s coignear eile air an droch leon aig Meinnean Victoria Di-sathairne sa chaidh. Nuair a bha na daoine dol gun obair mu sheachd uaireansa mhadinn, spreadh aon de na goileadairean le neart cho mors gun robh obair-chlachaireachd air a reubadh as a cheile, clachan us maidean air an tilgeadh ceudan slat air falbh, agus seachd goileadairean mora eile air an cuir as an aite. Bha aon duine bochd, Deorsa Long; air a mharbhadh far an robh e, ’s dheug fear dhe na chaidh a leonadh, Domhnull Domhnullach an ath latha, ’s tha fear eile cho iosals nach bi e beo thar latha no dha. Tha triuir eile air an leonadh gu dona, ach tha chol as orra gun tig iad bhuaithe. Cha do thachir sgiorradh cho cronail an aon de mheinnein an eilean so o chionn iomadh bliadhna.



[98]

[Vol . 1 No. 32. p. 2]

MAC-TALLA.

Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.

A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00

Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhen Mhac-Tallanasgidh.

Se Mac-Tallan aon phaipear Galigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 31, 1892.

A thuilleadh air na tha iad fhein a togail, tha muinntir Bhreatuinn gach bliadhnatoirt dhachidh a duchannan eile fiach tri muilean gu leth punnd Sasunnach de dhuibhean, fiach coig muilean de chaise, agus fiach aona muilean deug de dhim.

Tha bhliadhna ochd ceud deugs ceithir ficheadsa dha dheug a criochnachadh, ’s bidh bliadhneile na h-aite mus ruig so an aireamh as mo dar luchd-leubhidh. Tha MAC TALLAcur failte na BliadhnUire air a chairdean uile, ’s an dochas gum bi iad air an caomhnadh gu iomadh bliadhnur eile fhaicinn.

Tha meinneadairean Springhill an deigh a dhol gun obair. Thug fear-riaghlidh na meinne air ais an t-ordugh a thaobh lionadh nam bocsichean guail, ’s ghabh e air ais na daoine chuir e as an obair. Dhaontich an luchd-oibreach, air an laimh eile, cordadh ur a dheanamh ri sealbhadairean na meinne, cordadh a riaricheas iad nas fhearr na sin a bheatorra roimhe. Tha iad-san air an robh gainneghuail a cuir iomgain, ro-thaingeil nach ruig iad e leas eagal a bhi orra roimh fhuachd a gheamhradh.

Thaghail an soitheach smuid Harlaw aig Sidni Di-luai sa chaich air a tilleadh bho Newfoundland. Chuir droch shide maille mhor oirre air a turus. Bhan caiptean ag innse gu robh iasgach a sgadain gle mhath air cladaichean Newfoundland am bliadhna. Bha tri mile barailte de sgadan air bord na Harlaw, ’s d-fhag i da mhile barailte dhe sin aig ceasnichean Shidni-a Tunth.

AIR SON ATAN: —A Dhaoin uaisle, —bha droch at air amhaich mo nighean bheag-sa, tri bliadhna dhaois. Dhfheuch miHagyard ’s Yellow Oilagus an uine ghoirid; dhfhalbh an t-at gu buileach.

MRS . C. E. WENDOVER, Manda, Man.


DOM MHATHAIR.

AIR FONN. —Ho oh nighean, he o nighean.

Ho gur toigh leam, he gur toigh leam,
Ho gur toigh leam fioso mchairdean;
S mor an toileachadh do minntinn
A bhi cluinntinn gur a slan iad.

Thoir an t-soraidh so thar chuaintean
Gu tir uaine nam beann arda,
S fag air a Chladach-a- Tuath e,
Ged nach ann a fhuair mi marach.

Ait as boidhche feasgar-samhraidh
S grian air cul nam beann a tearnadh,
Achs e dhfhag mi tur an geall air
Gur a thann a tha mo mhathair.

On tha bhliadhnasaig a deireadh,
S BliadhnUr eile nise lamh ruinn.
S coir gun sgriobh mi beagan fhacal
Don te dhaltrum mi nam phaisde.

Chan eil ceol an diugh no beadradh
Anns an neads an deach ar narach;
S nuair a ghabh na h-eoin an iteag,
Thug emisneachdo na mhathair.

Anns an tim tha tighinn am chuimhne
Gheibhte cruinn mun aona chlar sinn,—
Cuid an diugh dhinn fador daoine,
S fear mo ghaoil na laidhe samhach.

S ged nach faod sinn a bhi tuilleadh
Re ar turuis mar a bha sinn,
Coinnichidh sinn ma bhios sinn ullaicht’,
S mi sinn tuinneadh far an fhearr dhuinn.

An diugh guidheam dhuibh le durachd
A bhliadhna ur a thighinn le lanachd,
Bheanachdan a bhios mar dhriuchda
A toirt urachadhus slainte.

Ho gur toigh leam, ho gur toigh leam,
Ho gur toigh leam fios ro mchairdean,
S mor an coiteachadh do minntinn
A bhl cluinntinn gur a slan iad.

C. C.

Strath-Alba, Dec. 24mh, 1892.


GRAIN GOBHA NA EARRADH.

Tha na Dain agus na h-Orain a rinneadh le Iain MacGille-Mhoire, Gabhainn Mor na h-Earradh, los a bhi air an clo-bhual ach ann an Dun-Eidin. Tha fior bhardachd agus fior dhiadhaidheachd anns na Dain so: agus bhiodh e ro fheumail gum biodh fear de na leabhranaibh so anns gach teaglach a leughas agus a thuigeas Gailig.

Maille ris na h-oranaibh bidh cuibhrinnean a cuid de a litrichibh air an clo bhualadh.


ULLICH AIR SON CHOLERA:— ’Se glainne, curam, agus misneach na nithean as fhearr air son an Cholera a chumail air falbh. Cum thu fhein glan. Ith biadh teth. GabhBurdock Blood Bittersair son cail, agus air son fuil ghlan a dheanamh, an aon ni as fhean air son Cholera no tinneas gabhaltach sam bith a chumail bhuat.


DR . WOODS Norway Pine Syrup.

Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.

LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN

Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBHs an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.

A Phris 25c. us 50c. am botull.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.


LEUBH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuil Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh, thu cho saor agus cho math aig an tigh

D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.



[99]

[Vol . 1. No. 32. p. 3]

TURUS FEACHAIREACHD.

Ann am baile beag an siorramachd Pheart, bha gabhail tamh Uilleam Tuairnear. Bin t-shaoirsneachd bu cheaird dha, agus babhist da bhi deanamh chisteachan-laidhe nuair a bhiodh feum orra. Bu duine onarach teome, air nach cuireadh obair gruaman sam bith. Thachir air aon mhadinn gun deachidh nabuidh dha a null gu taigh Dhaibhidh Ghrannd agus gun dfhuair en duine coir sin a caoidh bo a thachd i fein ag ith adh bun-tata re na h-oidhche.

Bha Daibhidh na shealbhadair air beagan acairean fearinn faisg air a bhaile, ’s bha daoine dhen bharail gu robh sporan math airgid aige, agus ged nach robh aige ri chumail suas ach e fein us Seonaid a bhean, gidheadh bha call na boin a cuir dragh mor air. An deigh don fhear eile eisdeachd ti tuireadh Dhaibhidh thog e air dhachidh, ach air an rathad smaoinich e gum faodadh e spors mor a dheanamh mun mhi-fhortan a thaing air Daibhidh. Be Latha na Feachaireachd a bhann agus bhiodh e lan riarichte nam burrinn dha innleachd a dheanamh air Uileam Tuairnear a chuir a null gu taigh Dhaibhidh leis an deile air am biodhte a sineadh nam marbh, a toirt a chreidsinn air gum bi Seonaid a bha marbhs nach bi bho. Cha bu luaithe smaoinich e air na chuir e roimhe gum toireadh e an oidheirp, agus cho luath sa tanig em baile chaidh e don taigh bheag ann sam biodh Uileam ri saoirsneachd.

Seadh, Uilleam, gu de tha thu cur ris an diugh?” ars esanse dol a steach. “Cha mhor sin,” ars Uileam, “tha mi deanamh caithir don ghille bheag aig Alasdir Mac Ghriogair.” “Feumidh tu sin a chuir bhuat an drasda, ma ta, agus do lamh a chuir ri obair air air am bheil cabhag, ach nach taitinn riut idir, mas math mo bharail sa.” “Gu dearbh, bin obair neonach i, mur a cord i ri duine nas fhearr na bhi na thamh. Innis dhuinn gu de thann, a dhuine.” “Ma ta, tog leat do dheiles rach a null gu taigh Dhaibhidh Ghrannd. Thanig call mor air an duine bhochd. O! chan eile am bas na thamh! Chan eil idir!” “Gu de,” ars Uileam, “am bheil Seonaid marbh?” agus gun feitheamh ri freagirt, chaidh e air adhart, “Gu de thanig rithe; de thug a bas?” “Thachd i i fheinars am fear eile. “Gu sealladh am freasdal oirnn, nach eil sin anabarrach. Bidh Daibhidhga h-ionndrain gu mor, oir bu bhorionnach seahdadh i. Ach cha dean math dhomh a bhi bruidhinn an so; falbhidh mi null air a mhionaid,” agus thilg en t-ord as a laimh, ’s ghreas e air don taigh, ghabh e greim bidhs chuir e aodach-searmoin uime. Bu choir dhomh innse roimhe so nach robh Uilleam posda, ach gu robh e fheinsa mhathair a fuireach ann an taigh beag a mach air an taigh anns an biodh e ag obair.

An deigh dha e fein a chuir an uidheam dhfhalbh e air a thurus gu taigh Dhaibhidh Ghrannd, leis an deile air a ghuallinns gun smaoin na chridhe gu robh e falbh air turus feachaire nas mo na bhaig an duine thasa ghealich. Nuair a ranig en taigh chuir en deile na sheasamh aig cul an doruis, chaidh e staighs fhuair e Daibhidh a gabhail toit as a phiob.

Ciamar tha sibh an diugh, a Dhaibhidh,” ars Uilleam, se dol a stigh. “Direach meadhonach, Uilleam, gle mheadhonach; dean suidhes leig danail.” “Tha mi fior dhuilich air do shon,” ars Uileam, an deigh dha suidhe. “ ’S mor an ionndrain a bhios agad oirre, tha mi cinnteach.” “Thanig e gle chruaidh orm gu dearbharsa Daibhidh, “ach feumidh mi cuir suas leis: tha fhios agad gu bheil e air aithne dhuinn arn uile dheuchinnean a ghiulain le foighidin.” “Tha e cuir aoibhneas mor orm gu bheil thu sealltuin air a chuis mar sin,” ars Uilleam, oir bha eagal orm gun laidheadh a bhuille gle throm ort.” “Hut, Uilleam, na biodh eagal sam bith ort gam thaobh sa. Tha chuis dona gu leor, ach dhfhaodh i bhi na bu mhiosa, ’s chan eil mi dol a bhristeadh mo chridhe idir. Feumidh mi suil a thoirt mun cuairt agus te eile fhaighinn, oir cha dean mi ro mhath as aonais te.” “Tha sin fior gu leor, a Dhaibhidh, ach cha bhi cabhag sam bith ort an drasda. Tha uine gu leor air son te fhaotinn.”

Oh, chan eil fhiosam,” arsa Daibhidh. “Se mo bheachd sa gur h-ann mar as luaithes fhearr. Chan eil mi faicinn feum sam bith ann a bhi cuir uine seachad. Ma dhinnseas min fhirinn, tha sul agam air te cheana, ach tha eagal orm gu bheil i tuilleadh us sean.” Cha robh min duil gu robh iad cho furasda sin rim faotinn,” ars Uilleam. “Hud, a dhuine, ma bhios sporan lan agad, gheibh thu do roghainn dhiu. Ach bidh mi car faiceallach an am a bhi taghadh te. Ma gheibh thu te a bhios ro shean, chan fhaigh thu feum sam bith dhi, ’s chan i te ro og as fhearr, bin uine cho fada mus tig i gu feum, agus mar sin gabhidh mise muine s gheibh mi te mhath, —gun a bhi ro shean na ro og.”

(Ri leantuinn.)


Than t-Urr. M. P. Freeman, Gasperaux, N. S. a sgirobhadh: —An deigh a bhi gabhail K. D. C. uine gho mitha irid cinnteach gur cungidh-leighis luachmhor e. Bheirinn a chomhairle orra-san a tha tinn le droch stamag a ghabhail.


DEAGH THAIRGSE.

ThanScottish Canadianair a chuir a mach ann an Toronto, uairsan t-sheachdain, tha fichead taobh duilleig ann, ’s tha e toirt naidheachdan na h-Alba uile gach seachdain. ’S fhiach e dolar gu lethsa bhliadhna. Gheibh neach sam bith a chuireas thuginn dolar gu leth, anScottish Canadianus MAC-TALLA fad bliadhna, agus mar an ceudna leabhar beag de dhOrain Albannach. Ma tha toil agad a bhi gabhal an da phaipeir, so an t-am. Sgriobh gu

J . G. McKinnon
Sydney, C.B.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


DE THA BHUAT?

Mase UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig
F. Falconer & a mhac.

Tha iad an deigh a chuid as mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, chug, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhen t-sheorsa sin nas saoire na gheibh thun aite sam bith eile.

Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[100]

[Vol . 1. No. 32. p. 4]

FOGRADH NAN GAIDHEAL.

XV.

CATAOBH.

Bha Padruig Sellarna chulaidh-ghrain don t-sluagh leis an obair uamhasaich a bha e a deanamh. Nuair a thigeadh e a dh-ionnsuidh baile sam bith, bhiodh an sluagh air chrith leis an eagal, agus ateicheadh as an rathad, mar na luchaidh roimhn chat; bhiodh na mnathan adol nam boilesnam breislich, agus chaill aon bhean a ciall cho mors nach dthanig i gu toinisg an deigh sin. Nuair a chitheadh i duine sam bith air nach robh i eolach, ghlaodhadh i a mach le sgread eagallach, “O! sin Sellar! sin Sellar!”

Chuireadh mu dheireadh casaid air Sellar a dh-ionnsuidh na Ban-Iarla, agus thugadh gu cuirt e ann an Inbhir-Nis, air beulaobh nam Morairean Dearga air abhliadhna 1816. Ach cha drinneadh ni air an rathad peanais. Cha deachaidh morans an cheathramh cuid de na fianuisibh a ghairm agus iad sin fhein an fheadhainn aig am bu lugha bha ri radhainnna aghaidh. Bha an luchd deuchainn(the jury)air an deanamh suas de thuathanaich mhora chaorach, de luchd-lagha, agus de luchd fearainn. Bha na fianuisean air an ceasnachadh ann an Gailig; agus chan eil fianuis eadar-theangaichte idir cho laidir, no cho eifeachdach, ri fianuis dhirich ann an cainnt na Cuirte, gu h-araid ma bhitheas an t-eadar-theangair mi-thuigseach no mi-onorach, agus nach eadar-theangaich e gu ceart agus gu h-iomchuidh. Be deireadh na cuise gun deachaidh Sellar a shaoraah: oir cha dfhuair na deuchainnnearan ciontach e.

Ach ged nach dfhuair achuirt ciontach e bha e cointach ann am beachd agus ann an suilibh an t-sluaigh. Oir gus an latha an diugh tha an t-ainm aige alobhadh ann an Cataobh, agus chan e mhain sin, ach tha seann mhuinntir ann an Abhainn Bharnaidh a thainig a Cataobh dam bheil an t-ainm aige fhathastna ghrain agus na uamhas. Tha seann bhoirionnaich aig Abhainn Bharnaidh, a ni dansadh le mire-chatha agus le cridhealas, aseinn luinneig-aidheir aoiridh no orain-cainidh a rinneadh air Sellar ann an Cataobh. Shaoileadh tu gum buaileadh na cinn aca na sparran, no cliath mhullaich an taighe, leis an leumartaich agus na surdagan a bhios iad agearradh air an urlar; agus iad aseinn mar smeoraichean feadh nam preas air maduinn cheitein.

Hon ceard dubh! He n ceard dubh!
Hon ceard dubh dhaor am fearann.

Chunnaic mise bruadar,
S cha bfhuathach leam fhaicinn fhathast;
Nam faicinn enam dhusgadh
Bu shugradh dhomh ri mlatha.
Hon ceard &c .

Teine mor an ordugh
Us Roy ann na theis meadhoin
Young bhi ann am priosan
S an t-iarann mu chnaimhean Shellar.
Hon ceard &c .

Rugadh seanmhair nam boirionnach so air abhliadhna 1733 deich bliadhna roimh linn blar Chuil-fhodair. Bha ena fhorsair fhiadh aig an t-seann Iarla Chatach, Iarla Uilleam. Cha do chuir e briogais riabh air a shleisdnibh. Chuireadh an taigh aige ri theine, agus bha tuasaid aig a theaghlach ris na maoir. Reub a nighean, Sine mhor, sumannadh an t-siorraimh le a fiaclan. Bha caileag aice dam bainm Sine bheag agus nuair a chunnaic brathair a mathar, Alastair am fidhlear, bata chonstapuill atuiteam air ceann na caileige, aois sia bliadhna diag, leum e staigh agus fhuair e am buille air mullach a chinn agus bha cnuachd air achlaigeann riabh tuilleadh fad laithean a bheatha. An deigh sin, chuireadh an seann duine, Iain Sutharlan, am priosan an Dornoch ach thug a Bhan-Iarla mach e, gidheadh beigin da an duthaich fhagail agus dol gu America-Thainig e gu Abhainn Bharnaidh am Pictou far an robh e beo gus an do rainig e aois ciad bliadhna agus coig. Se n t-ainm fon robh e aithnichte san duthaich so, “Bodach an fheilidhno Iain Sutharlan an fheilidh. Fhuair em bas air abhliadhna 1840.

D. B. B.


Tha side gle reota aca ann an Ontariosan Quebec.


Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuit stamag fhalain a bhi agad, ’s am cholera cho faisg? Ni
K D C
do stamag fallain, ’s do dhion on cholera.
Sampull a nasgidh gu nach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reis nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.’

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 32
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 32. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page