[101]

[Vol . 1. No. 33. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARIDH 7, 1893. No . 33.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNAICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Ann an Kentucky aon la air an t-sheachdain sa chaidh, thugadh duine dubh a bhatar a toirt dhan phriosan bho na maoir, ’s chaidh a chrochadh ri craoibhsa chorp a dheanamh na chriathar leis na peileirean. Chan eil an so ach sgeul a tha tighinn gle thric as an duthich sin.

Tha soitheach-seolich Geancack air a glacadh aigSt . Pierreair son an caipteansan sgiobabha toirt airgiod meallta do na ceannichean air son an cuid bathair. Chuir iad air an doigh sin call mor air muinntir a bhaile Fhrangich, ach fhuaras a mach an innleachdan an deagh am, ’s rinneadh greim orra.

Chaidh duin og a mhuinntir Thoronto am bainm Spiley a mharbhadh le peileir gunna ann an Chicago, oidhche Dior-daoin air an t-sheachdain sa chaidh. A reir coltaissann ri meirle bha enuair a loisgeadh air. Thamhathair a fuireach an Toronto agus bha duil aice ris dhachidh mu latha na bliadhnuire. An aite sinse fhuair i sgeula bronach a bhais.

BhaFrank Brown, tuathanach anNew Brunswickann sa choille an la roimhe a gearradh chraobh. Thuit an tuagh as a laimhs ghearr i da mhiar glan dhe chois, s cha mhor nach tug i leatha na tri eile. An deigh sin, choisich e dhachidh gu stoldasan da mhiar aige na dhorn mar gun robh eagal air gum biodhte diumbach dhe nan cailleadh e iad.

Nuair a bham bata-smuid Stanley air a turus bha Charlottetown gu Pictou Di-sathairne sa chaidh fhuair i soitheach-seolidh, fada bho thir, ’si air a cuartachadh le deigh. Bhan sgioba gun bhiadh gun amhlan, ’s cha robh sradag theinaca air bord. Bhan t shide aig a cheart am gle reota. Bhan soitheach dam bainm an Reul Mhaidne air a tarruing gu Pictou, far an dfhuair na daoine bochda bhair bord biadh us blaths gu leor.

Tha Samuel Clarke, Scotstown, Quebec a sgriobhadh. “Feumidh mi radh gun dfhuair mi K. D. C. na leigheas math air droch-stamaig. Fhuair mo bhean feum mor dheth, agus molidh mi e do mhuinntir eile.

Tha fios a Boulogne ag innse naidheachd neonach mu shaighdear Frangach a bha air a ghlacadh ann an cogadh 1870 leis na Gearmailtich. Thug e iomadh ionnsidh air teicheadh uaithe sin, ach bhatar a breth air a h uile turus sa toirt tuilleadh dhen phriosan dha. O chionn beagan laithean leigeadh ma sgaoil e an deigh a bhi na phriosanach fad da bhliadhn’ ’ar fhichead. Thanig e gu Boulogne far am babhist dha bhi deanamh a dhachidhs fhuair e an sin gu robh a bhean an deigh fear eile phosadh, ’s teaghlach mor aca.

Ged a fhuair na croitearan Gaidhealach mal an fhearinn isleachadh, agus ged nach eil iad idir cho mor an eiseameil nan uachdaran sa bha iad bliadhnichean roimhe so, gidheadh tha iad ag iarridh tuilleadh ceartis agus gheibh iad sin luath no mall. Tha na mirean fearinn air am bheil iad a comhnuidh cho beags cho neo-thorachs nach eil e comasach dhaibh beolaind cheart a dheanamh orra. Tha aig a cheart am miltean de dhacairean fearinn fo chaorichs fo fheidh air am faodadh tuath barr agus spreidh gu leor a thogail, ach gus a so chan fhaigheadh iad leud am broige dhen fhearann sin, agus chan eil lagh san rioghachd a cho eignicheas na h-uachdarain gus a thoirt dhaibh. Ach an drasda tha Ard-Chomhairle air a chuir a mach le ughdaras na ban-righ air son fhaicinn gu de na tha de dhfhearann math tuathanachis fo chaorichs fo fheidh air a Ghaidhealtachd. Nuair a gheibh daoin-uaisle na Comhairle gach fiosrachadh as urrinn dhaibh, bheir iad am barail don pharlamaid, ’s ma chithear an sin gu bheil tuilleadhsan coir fhein fo na caorich no fo na feidh, bidh lagh ur air a dheanamh leis am bi am fearann a tha fopa air a roinn na ghabhalichean, sair a chuir fo thuath. Tha dochas math aig na cuspearan gum bi an lagh so air a dheanamh ri linn na h-Ard-Chomhairle. Tha Breatuinn a reir coltais a dusgadh gu bhi faicinn an ana-ceartais fom bheil iad a fulang, ’s ma dhfhaoidte gu fanadh i na duisg gus am bin t-ana-ceartas sin air a sguabadh gu buileach air falbh.



[102]

[Vol . 1. No. 33. p. 2]

MAC-TALLA.

Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.

A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00

Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhen Mhac-Tallanasgidh.

Se Mac-Tallan aon phaipear Galigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

J . G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, IANUARIDH 7, 1893.

Than cholera a togail a cinn a rithist. Bhasich dithis no triuir leatha ann an Gravelines, sa Fhring air an t seachdain sa chaidh, agus bha duine no dha air a bhualadh leatha as ur. Ann a Hamburg, o chionn ghoirid, bha ochd deug thar fhichead ann san ospadal, tinn leis a ghalair cheudna. Mur cuirear as dhi fhad sa tha fuachd ann, faodidh sul a bhi aginn ri a faicinn a deanamh sgrios mor, chan ann a mhain san Roinn Eorpa, ach mar an ceudna ann an America, nuair a thig blaths an t-shamhridh.

Bha an t-Onarach Uilleam E. Gladstone, Priomh Mhinisteir Bhreatuinn, ceithir fichead bliadhnasa tri a dh-aois air an 29mh la dhen mhios sa chaidh seachad. Air an latha sin, chuir a bhan-righ agus moran dhe a cuid iochdran fiosan da ionnsidh a cur failt air, ’sa deanamh comh-ghairdeachas maille ris. Tha Mr. Gladstone aig an am so air tir mor na Roinn-Eorpa air son a shlainte, agus tha e dol nas treise gach latha. ’Sann gle ainneamh an eachdridh an t-shaoghil a chunnacas duine cho sean a gabhail air fhein a bhi riaghladh rioghachd. Ach chan e mhain gu bheil Gladstone a gabhail as laimh a bhi stiuireadh na rioghachd is mo agus is cumhachdiche air uachdar an domhain, ach bhiodh e gle mhi-thoilichten drasda nan rachadh an stiuir a thoirt as a laimh. Tha e meas gur fhearr na laimh fhein i na an laimh fir sam bith eile.


Chaidh fear Iain Richardson a mhuinntir Windsor a reothadh gu bas air an t sraid oidhche Nollaig. Bhan daolach air aig an ann.


FAILTE NA BLIADHNUIRE.

A MHIC-TALLA RUNICH;

Tha sinn leis gach deagh dhurachd a cur failte ort fhein agus air do luchd-leughidh anns gach cearna dan duthich, BLIADHNA MHATH UR dhuibh, us gu leor dhiubh! Tha dorchadas air laidhe air an t-seann bhliadhna, ’s i air seoladh gu ionad na dischuimhne, agus a ghrian air eirigh gu boisgeil air bliadhnuir. Tha mi an dochas gu bheil sibh uile gabhail pairt ann an toil-inntinn, gleadhraich, agus cridhealas na Nollaig agus na Callainne. Buinidh e dhuinn a bhi guidhe soirbheachadh math da cheile air a bhliadhna so air am bheil sinn a nis air inntreachadh. Is ann mar so a mhain, agus air reirs mar a chaithear i, le bhi seachnadh an uilc agus a deanamh a mhath, a bhios i dhuinn da-rireadh na Bliadhna Mhath Ur. Co-dhuinidh mi le bhi cur sios beagan rann a rinneadh uair-eigin dou BhliadhnUir:—

Bliadhneile theich air meadhon oich
Ghluais uainn gun fhuaim gun ghlaodh;
Na h-aonar dol gu sior uidheachd,
Mar thaibhs gu cuan gun ghaoith.
A mathsan t-olcchaidh chur an gniomh,
Leath’ ’n teid iad sios nan deann?
Cha teid, ach ruithidh o bhliadhn gu bliadhn,
Mar shruth o ghleann gu gleann.
Ri math, ’s chan ann ri olc, their thu,
Bliadhna Mhath, Ur!

Us smuainich fein us roghnich fein,
Co riaghilt dhuit as fhearr;
Bhi deanamh math areir do threis,
No triall air slighe chearr.
Tilg naimhdeas uat man abuich e,
S mam fas e dhuit mar lon,
Ach mar ghath greinair linne dhuirch
Bi thusan tigh a bhroin,
Us abair ris a mhuinntir chiuirrt’,
Bliadhna Mhath, Ur!

Droch chleachdinn tilg gu buileach uat,
Us mi-run fag ad dheigh;
Gleidh math ad ghlaic ach O, an t-olc
Fag leis a bhliadhnathreig.
Rach sios troimh amannibh a dhfhalbh,
Mar troimh ghleann dorch nan craobh,
Thoir as gach eiseimpleir as fhearr,
Us gleidh iad dluth ri dthaobh.
S mar sin rid chridhe fein their thu
Bliadhna Mhath, Ur!

Is mise,
An Gille Dubh.


CEANN-GOIRTO chionn tri miosan bha mi teann air a dhol gorach le ceann goirt. Thoisich mi air gabhail B. B. B. agus an deigh dhomh da bhotull ol chuibhtich an goriteas mi gu buileach. Is leigheas iongatach e.
LETTICE CODES, Londesboro, Ont.


BURDOCK BLOOD BITTERS

Riaghiltichidh en stamag, an gruans na h-airnean, glanidh en fhuils bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.

LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.


LEUBH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh

D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.



[103]

[Vol . 1. No. 33. p. 3]

TURUS FEACHAIREACHD.

Mun do sguir Daibhidh a bhruidhinn, bha Uilleam ag amharc air cho geurs gun saoileadh tu gun leumadh a dha shul as a cheann. “Ma ta, a Dhaibhidh, tha ioghnadh mor orm do leithid fhein de dhuinechluinntinn a bruidhinn air an doigh sin. Shaolinn gum faodadh tu an te a tha marbh a chuir fon uir, mun toireadh tu iomradh air te eile chuir na h-aite.” “Chan eil mi faicinn gun deanadh sin muthadh mor sam bith, ”arsa Daibhidh. “Co-dhiu, bha duil agam a dhol a nach an deigh mo dhinnearach, ’s toll a chladhach air cul an t-shabhail gus a cuir ann. Chan fhaigh mi creic oirren drasda, tha daoine cho cruaidh.” “A Dhaibhidh Ghrannd!” ’ars Uilleam, “nach nars nach maslach, dhuit fhein a bhi bruidhinn mar sin, thusa thanad eildeir san eaglis! Gu dearbh, be sin an t-eildeir! Ach cha leig mi leis a chuis a bhi mar so nas fhaide. Theid mi null far am bheil am ministeir, agus innsidh mi dha gach ni, facal air an fhacal. Tha lan am aige fhaotinn a nach den seorseildeirean a thaige,” agus le sin ghabh e mach air an dorus. Cha robh tigh a mhinisteir thar da cheud slat bho thigh Dhaibhidh, ’s mar sin cha tug Uilleam gle fhad air an rathad. Chunnic am ministeir e tighinn agus choinnich e aig an dorus e, “Seadh, Uilleam gu de tha cuir ort? Feumidh gu bheil rud-eigin cearr, nuair a tha thu ann an cabhag cho mor.” “Gu dearbh, sibhse dhfhaodadh sin a radh,” ars Uilleam; “tha rud-eigin cearr, agus gle chearr! Bfhearr leam gun rachadh sibh a null far am bheil Daibhidh Grannd, oir se mo bharail gu bheil e air a dhol as a rian.” “Gu de tha thug radh?” ars am ministeir. “Gu de thanig ri Daibhidh?” “Ma ta, ler cead, tha Seonaid a bhean marbh. Thachd i i fein re na h-oidhche, agus thanig fios thugamsa, ’dhol a null leis an deile. Rinn mi sin, ach an aite Daibhidh a bhi tuireadh air son a mhna, ’s ann a thuirt e rium gu robh en duil te eile fhaotinn cho luath sa burrinn dha, ’s chan e sin a mhain, ach gu robh sul aig air te cheana. Agus nuair a thuirt mise ris gun bu choir dha an te bha marbh a chuir fon fhod an toiseach, ’sann a thuirt e gu robh e dolga cuir ann an toll air cul an t-shabhail, se sin mur faigheadh e a creic. Ach than duine as a chiall, mas math mo bharail-se.” “Bean Dhaibhidh marbh!” ars am ministeir. Nach neonach nach cuala mi mu dheibhinn a baiss-i bhi cho faisg air laimh. Ach stad beag ort; gheibh mi mads theid mi null comhla riut.”

Nuair a ranig iad fhuair iad Daibhidh a spaisdearachd air an urlar, gun fhios aige de dheanadh e dhen dol-air-adhart a bhair Uilleam. “Tha mi fior dhuilich air do shon,” ars am ministeir, “agus bha e cuir mor iongatas orm nach do chuir thu fios orm. Saoil nach deaninn beagan cuideachidh leatnad thrioblaid. Chan eil mi buidheach dhiot idir nach do chuir thugam iarridh.” “Chan eil mi tuigsinn,” arsa Daibhidh, “co air a tha sibh a bruidhinn.” “Cha mhor feum a dheanadh sibh dhomh, ged chuirinn garn iarridh. ’Sann ormsa bhios an call co-dhiu, ’s cha robh romham trioblaid inntinn sam bith a ghabhail dheth.” “An deigh na thanig as do bheul an drasda,” ars am ministeir, “tha mi faicinn nach eil feum sam bith a bhi reusanachadh riut; agus tha mi ro dhuilich gu bheil do leithid na bhall dan eaglis agam; ’s chan e mhain sin ach na eildeir; duine gun bheus gun mhath mar a tha thusa; ach theid misen urras nach fhada bhios gnothuichean mar sin; gairmidh mise coinneamh cothionails theid do chuir air cul eaglis. Cha bhi thu nas fhaidenad eildeir agamsa!” Faodidh sibh a Chleir a thoirt cruinn ma thogras sibh,” arsa Daibhidhsa nadar ag eirigh, “tha mise gle choma co-dhiu, achs fhada mas gairmeadh sibh aona chuid coinneamh Cleire no cothionail air son te eile fhaighinn dhomhsa, ’s chan eil mim barail ged a ghairmeadh, gur mor a bfheairde mi e.” “Chan fhan mise san tigh so nas fhaide gu bhi faighinn taire mar so,” ars am ministeirse toirt an doruis air, ach chuir Uilleam stad air. “Hud, ud, a dhuine!” ars esan, “cha dean math dhuibh an tigh fhagail mar so! Mur dean an seann phaganach so a dhleasanas feumidh cuid-eigin eiledheanamh air a shon. Bidh mise falbh an drasdas gheibh mi nabuidh no dha gus mo chuideachadh a sineadh a chuirp air an deile. Ged a tha esan mar a tha e, feumair ise tha marbh adhlacadh air doigh cho rianails cho Criosdail sas urrinn dhuinn.

(Re leantuinn.)


Ann sna bliadhnichean a dhfhalbh babhist do dhaoine bhigearain air fuachd us cruas nan geamhridhean, achsna bliadhnichean so sann a bhios iad a gearain air blathss air briaghad na h-aimsir. Feumidh an gearain a bhi ann co-dhiu!

NAS FHEARR NA CACH UILE. —Tha aon leigheas ann nas fhearr na cach uile air son casadich, tuchadh, cuing, amhach ghoirt, ’san leithide sin. ’Sen leigheas sinDr . Woods Norway Pine Syrup, a tha deanamh feum mor man am son bhliadhna.


ThanScottish Canadianair a chuir a mach ann an Toronto, uairsan t-sheachdain, tha fichead taobh duilleig ann, ’s tha e toirt naidheachdan na h-Alba uile gach seachdain. ’S fhiach e dolar gu lethsa bhliadhna. Gheibh neach sam bith a chuireas thuginn dolar gu leth, anScottish Canadianus MAC-TALLA fad bliadhna, agus mar an ceudna leabhar beag de dhOrain Albannach. Ma tha toil agad a bhi gabhail an da phaipeir, so an t-am. Sgriobh gu

J. G. McKINNON,
Sydney , C. B.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


DE THA BHUAT?

Mase UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig
F. Falconer & a mhac.

Tha iad an deigh a chuid as mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhen t-sheorsa sin nas saoire na gheibh thun aite sam bith eile.

Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[104]

[Vol . 1. No. 33. p. 4]

FOGRADH NAN GAIDHEAL.

XVI.

CATAOBH.

Nuair a thugadh Padruig Sellar air beulaobh nam Morairean biad so na nithean a chuireadh as a leth mar chionta.

1. Cur a mach teine, le losgadh taigh duine bhochd, maille ri shabhal, agus taighean eile, a bhana aobhar air trioblaid agus bas a thoirt air.

2. Leagail agus cur as a cheil muilinn, far am bidh an tuath ableith an cuid mine.

3. Cur teine ris an fhraoch roimh an am, ni a bhana chall dan tuath, le bhi milleadh nan nithean air am biodh an spreidh abeathachadh san earrach.

4. Leagail thaighean anns an robh seann mhuinntir bhreoite air an leabaidh; ni a chuir am beatha ann an cunnart, agus a thaobh dream araidh a rinn an laithean a ghiorrachadh.

5. Leagail sios agus cur as a cheile Shaibhlean, thaighean chaorach, agus athannan far am biodh an tuath acruadhachadh an sil air son mine.

6. Moran de choireannaibh eile na bu lugha.

Ann an litir a sgriobh an Siorramh Raibeard MacKid a dhionnsuidh Morair Stafford, ag innseadh mar a beigin da Padruig Sellar a ghlacadh agus a thoirt gu cuirt, tha e ag radh, “Is ainmig a bha duthaich sam bith riabh air a maslachadh le eucoirean bu lionmhoire, agus a buamhasaiche, a rinneadh le aon duine; agus is ainmic a bha cuirtean na h-Alba an salachadh len leithid sin.”

Ged a fhuair Sellar as bhon chuirt gun a bhi air a dhiteadh, gidheadh thug a bhan-Iarla cead da fhein agus do Mhr. Young, air chor as nach robh iad tuilleadh nam Fir-ghnothaich, no nam Factoran aice. Ghairm i an sin air Mr Loch, Fear-Parlamaid air son nan saor-bhailtean Tuathach, gu bhina Ard-fhear-gnothuich, agus maille ris-san bha Mr. Suttar, mar fhear-cobhair fo a laimh. Ach mo thruaighe! cha robh an t-atharrachadh so chum feum no saorsa do na Cataich bhochd. Cha robh e dhaibh ach mar as aghriosaich dan amhuinn theintich. Oir lean na Factoran ura air obair an Di-larachaidh, ann an cas-cheumaibh Shellair agus Mhr. Young. Chuir iad a mach luchd-losgaidh le leusan teine agus chi teadh tri chiad taighnan lasraichean aig an aon am. Chuireadh moran den tuath bheag a nach as an taighean air abhliadhna 1819 agus air abhliadhna 1829. Bann mun am so a chuireadh air falbh Iain Sutharlan, an fheilidh, a thainig gu Abhainn Bharnaidh ann am Pictou. Thainig e fhein, agus da mhac, maille ri triuir nighean, a nall air abhliadhna sin. Bha Aonghas Mac Aoidh, a bhana eildear aig Abhhainn Bharnaidh, posda ri Muireall, an nighean a boige aig Bodach an fheilidh. Thainig e a Sgireachd Chline far an robh Mr Bhaltair Rossna mhinistear. Is minic a chualas e ag aithris sgialachdan abhachdach mu thimchioll amhinisteir so a bha na bu deidheile air spors na bha e air searmonachadh. Aig amannan araid an deigh na searmoin bheireadh e fios-rabhaidh don t-sluagh, ag radh. “Ma bhios an latha maireach fliuch bidh coinneamh urnuigh againn anns an Eaglais: ach ma bhios o tioram bidh sinn aruiths aruagadh an t-sionnaich.” Cha robh ach ministearan meadhonach, cuibheasach, anns an fheadhainn a bha am Patron afoirneadh agus asparradh a stigh a dhaindeoin air an t-sluagh ann an Cataobh. Uime sin cha drinn iad moran feum don phobull. An Sionnach mor ruadh a bu choir dhaibh a bhi aruiths aruagadh, bha iad aleigeil leis a bhi amilleadh agus areubadh an treud.

D. B. B.


CUM FAISG AIR LAIMH E. —Tha botull deHagyard ’s Yellow Oilagam daonnan air son gearridhean us bruthidhean. Tha muinntir an taighega chleachdadh, cha mhor air son a h-uile eucail. Tha fhiosam gur leigheas math e.

Bha teine ann an Charlottetown air an t-sheachdain sa chaidh a loisg fiach ceud mile dolair de thaighean. Chaidh aireamh dhe na taighean-ceannachd bu bhriagha sa bhailelosgadh gu lar.


Far nach bi cion-cnamhidh bidh cha bhi cholera. Glani h
K D C
do stamag air chors nach dearg cholera ort.
Sampull a nasgidh gu nach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reis nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.’

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 33
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla I No. 33. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page