[Vol . 1. No. 36. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARIDH 28, 1893. No . 36.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Chaidh gle theann air fiach seachd fichead muilean dolair a chall leis an teine ann sna staitean ’s an Canada air a bhliadhna s’a dh’ fhalbh.
Tha da mhile de luchd-imrich a tigh’nn gu Manitoba a Iceland air an t-samhradh s’a tighinn. Tha iad nan daoine rianail, sitheil, gle mhath gu obair, agus chan eil teagamh nach dean iad gu math ann am Manitoba.
Chaidh dithis dhaoin’ fheuchinn aig Fredricton, N, B., air an t-seachdain s’a chaidh air son tighinn ri beatha fear Fred Titus. Chaidh an cur le cheile gu Dorchester far am bi iad air an cumail gu ceann da bhliadhna.
Tha Seanalair Booth, ceannard Feachd na Slainte(Salvation Army)an drasd am Montreal. Tha e air a radh gu bheil e dol a chuir air doigh taigh mor air son fasgath a thoirt do bhochdan a bhaile sin. Chan urrinn gu bheil muinntir Mhontreal a deanamh an dleasanis ro mhath ’nuair a dh’ fheumas Booth a bhi gabhail curam dhe’n cuid bhochdan.
O chionn tri bliadhna bha Caiptean Bonnell an St. John, N. B., a dol seachad air taigh Dotair Walker ann an carbad. Ruith cu an dotair a mach, chuir e eagal air an each ’s thuit an caiptean as a charbad. Chaidh beagan leonidh a dheanamh air, ’s thug e ’n dotair gu cuirt air a shon. Bha ’n cas a dol air adhart bho am gu am riabh bhuaithe sin, gus an la roimhe nuair a b’ fheudar do’n dotair ochd mile dolair a shineadh a null do’n chaiptean.
’Se Iarla Abaraidhean a tha gu bhi na Ard-riaghladair air Canada an deigh Morair Stanley. Bha e tamhachd ann an Canada beagan uine roimhe, ’s chord an duthich gu math ris. Chan mhor gu bheil duine m Breatuinn air am bheil muinntir Chanada cho measail s’a tha iad air Iarla Abaraidhean, ’s bheir a thighinn ’nam measg mar ard-riaghaladair riarachadh do na h-uile. Bha bruidhinn aon uair air gum biodh Morair Wolsey air a chuir san ard-inbhe so, ach ’se Abaraidhean a roghnich Mr. Gladstone.
Tha fios aChinaag innse dhuinn mu ghniomh oillteil a rinneadh faisg air Canton, aon de bhailtean mora na ducha sin. Dh’fheuch sgioba do ghaduichean ri bristeadh a stigh do thaigh-cluich ann san robh moran de dh’ iomhaighean oir us airgiod, ach chuir na saighdearan an ruaig orra, ’s b’fheudar dhaibh teicheadh le ’m beatha. Air an ath oidhche co-dhiu, thill iad ’s chuir iad teine ris an taigh-chluich, a bha aig a cheart am lan sluaigh, ’s bha moran dhiu nach d’fhuair a mach beo. Theich moran eile do theampull a bha faisg air laimh, ach ghabh an aitreabh sin tene mar an ceudna, ’s chuir e as do chiadan dhe na daoine truagha. Tha e air a mheas, eadar gach ni a bh’ann, gun deachidh corr us mile duine a dhith.
Tha C. B. Welton agus Dr. Randall an drasd a cur seachad an laithean ann san taigh-oibreach an Dorchester. ’S iad so na fir a bha feuchinn ri’m fortan a dheanamh le bhi cuir airgiod urrais air beatha muinntir a bha cinnteach a bhi marbh am beagan uine. Am measg na feadhnach sin bha fear Mac Gille-Mhoire a mhuinntir St. Ann’s, a bha ann an trom chaitheamh ’nuair a chuir iad airgiod-urrrais air a bheatha. Ach an aite ’n t airgiod fhaotinn le’n cuid innleachdan, sann a fhuair iad coig bliadhna ’n t-aon dhe’n taigh-oibreach, rud bu mhath a choisinn iad.
FAISG AIR CAITHEAMH. —Nuair a nithear dearmad air cnatan thig e gu tric gu caitheamh. Chan eil leigheas eil’ ann is luaithe bheir faochadh naDr . Wood’s Norway Pine Syrup, oir chan eil leigheas ann cho eifeachdach ris.
POSAIDHEAN.
Aig Boston, Ian. 8mh, leis an Urr. S. C. Gunn, Ailein E. Caimbeul, Loch Ainslie, ri Catriona NicCoinnich, Baddeck.
Aig Sidni, Ian. 19mh, leis an Urr. Iain. Gill-Ios, Domhnul Mac Leod, International Pier, ri Rachel Nic-Amhlaidh, Lake Vale.
Aig Leitches Creek, leis an Urr. Eachunn Mac Guaire, Ian. 24mh, Seumas A. Mac Leoid, ri Mor Nic-Dhughill.
BAS.
AigRiverside , California, Dec. 23mh, Caiptean Domhnull MacCoinnich, a mhuinntir taobh-deas an Eilein Mhoir.
[Vol . 1. No. 36. p. 2]
MAC-TALLA.
Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.
A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00
Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh.
’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH 28, 1893.
NAIDHEACHDAN GAIDHEALACH A SASUINN.
COMUNN NA FEINNE. Nuair a bha mi a sealltuinn thairis air seann phaipear a thanig gu m’ laimh, chunnaic mi cunntas air coinneamh bhliadhnail a bh’aig Comunn na Feinne (Comunn Gaidhealach) aigGeelong , Australia, air latha na bliadhn’ uire, 1863. Am bheil fhios aig fear sam bith de’r luchd-leughidh am beil an comunn so beo fhathast? Ma tha, tha mi cinnteach gum faigheadh MAC TALLA failte chridheil Ghaidhealach bhuapa ’san tir chein sin.
SEARMON GAILIG AN LUNNINN. —Shearmonich an t-Urr. A. Connel ceud shearmon Gailig na bliadhna ’san Eaglis Albannach Cuirt a Chruin, an Lunninn air Di Domhnich an 8mh la den mhios so. Bha a dhoigh-labhirt cho fileanta, agus gnaths a chainnt cho glan ’s cho nadarra, ’s gun do dhichuimhnich a luchd-eisdeachd deatach us ceo Lunninn ’san robh iad, agus chaidh an smuaintean air ais do Thir an Fhraoich far an deach an arach. Ged a bha ’n t-side cho truagh—aiteamh mhor an deigh reothadh fada—thanig corr us da cheud de ghillean nam beann a dh’eisdeachd ri searmon ’san t-seana chainnt. Ghabh Mr. Connel a cheann-teagisg bho’n darra litir chum nan Coriantanach, an 4mh caib ’san 18mh rann. Thubhirt an t-Urr. Mr. Mac Rath, ministeir ur na h-Eaglis Albannich, beagan fhacail an deigh an t-searmoin. Searmonichidh an t-Urr Tormoid Mac Leoid, Inbhirnis, an ath shearmon Gailig ’san eaglis so air an 9mh la de dh’April.
GAIDHIL BHANCOUBHER. Chuala mi gu bheil Reiseamaid Ghaidhealach gu bhi air a togail am bliadhna an Bhancoubher mar a rinneadh an Toronto an uiridh, agus tha mi sgriobhadh so an dochas gum faic Gaidhil Bhancoubher e ma tha an naidheachd a fhuair mi ceart. ’Se ’n rud a tha nam bheachd gum bitheadh e moran na b’ iomchuidh do reiseamaid Ghaidhealach fo sgriobhadh a ghabhail ’sa Ghailig na an cainnt sam bith eile mar a tha cho cumanta an diugh, eadhon am measg nan daoin-uaisle Gaidhealach. Chan eil na Comuinn am measg nan Gaidheal, aig a bheil fo-sgriobhadh Gailig, ach gle thearc, oir tha e coltach gur docha leo an Laidinn no an Fhrangis a ghnathachadh mar sin na an canain fein, ged is ann air son a cumail beo a chuireadh air chois a chuid a’s mo dhiu. Na bitheadh Gaidhil Chanada cho suarach ris na Gaidhil aig an taigh mu’n chuis so. Chan eil os an cinn-san parlamaid lan Shasannach a milleadh agus a cumail fodha gach ni Gaidhealach mar a pharlamaid aginn-ne.
Ann sna Gaidhil Shiportach ’san arm Bhreatunnach, chan fhaicear facal ach Gailig air acfhuinn nan saighdearan. Tha “Cuidich an Righ,” no “Cabar Feidh,” ri fhaicinn air an cuid sporanan, colairean, bonaidean, criosan, braisdean agus gach ni eile ’bhuineas dhaibh. Ma theid reiseamaid a thogail ann an Bhancoubher, tha mi ’n dochas gun cuimhnich na Gaidhil na daoine bho’n danig iad, agus gun lean iad eisimpleir reiseamaid Mhic Coinnich.
CREAG AN FHITHICH.
Hastings, Sasuinn.
Shuidh parlamaid Nobha Scotia deireadh na seachdain s’a chaidh. ’Se ’ni a’s cudthromiche ’tha air am beulaobh aig an am so reic meinnean guail Cheap Breatuinn. Tha cuideachd laidir de dhaoine saoibhir a mhuinntir nan Staitean us aitean eile an duil meinnean guail siorramachd Cheap Breatuinn a cheannach bho’na fheadhinn aig a bheil iad an drasda ’s tha luchd-riaghlidh Nobha Scotia deonach an toirt dhaibh. Tha moran dhe’n bharail gur ann a mhilleas iad so na meinnean agus an duthich, nach eil a dhith orra ach greim fhaighinn air na meinnean gus an dunadh, agus an cuid guail fhein a chuir gu margadh an Canada. Ma tha so ceart, bhiodh e gle iomchuidh srian a chuir am beul a chuideachd so, ma’s toirear dhaibh coir air ar cuid guail, ach ma tha rompa dhol air adhart leis an obair gu laidir, gun chlichdean sam bith a bhi fanear dhaibh, chan eil teagamh nach dean iad feum mor do’n duthich.
AIR A DHEAGH MHOLADH. —Molidh miHagyard ’s Pectoral Balsamgu mor air son casadich us cnatan. Leighis leth botail mo bhrathair de dhroch cnatan.
DR . WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air easadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c. us 50c. am botull.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUBH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na’s gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.
[Vol . 1. No. 36. p. 3]
OIFHICHEAR DUBH BHAILE-CHRODHAIN.
LE D B B.
Aig deireadh a’ Chiadbliadhain a chaidh seachad bha duine ann an Baile Chrodhain, ann an sgireachd Chinn-a- Ghiubhsaich am Baideanach a chomhnuidh, a bha ’na chaiptean anns an arm Bhreatunnach, ri linn Cogadh na Frainge, nuair a theab na Frangaich an Saoghal a chur fopa fhein. B’ann de Chlainn Mhuirich, no Chloinn a’ Phearsain, a bha an duine so, a bha ’na dhuine aingidh, a rinn moran uilc agus a bha saruchadh an t-sluaigh, le bhi glacadh dhaoine, agus ’gan cur a a dh-aindeoin do’n t-saighdearachd, a chogadh ris na Frangaich. Uime sin air son duirchead a dhath, agus duibhead a ghniomharan, theireadh iad am Frith-ainm ris a thoill e, “An t-Oifhichear Dubh,” no “Oifhichear Dubh Bhaile-Chrodhain.” Bhiodh e a’ gnathuchadh luinneannan aingidh, agus fiar chleasan, gu daoine chur an sas, agus nuair a gheibheadh e anns an ribe iad, b’eigin daibh gabhail san t-saighdearachd, air neo chuireadh e am priosan iad, no as an duthaich. Uime sin bha e ’na bhochdan anns an tir, ’na ghrath agus ’na chulaidh eagail.
Aig an am so b’abhaist do dhaoinibh bho ’n Eilean Sgiathanach, agus bho thuath, a bhi dol tre Bhaideanach gu Cars Ghoubhraidh, aig am na buana, anns an fhogharradh, gu beagan airgid a chosnadh. B’e cleachdadh an Oifhicheir Dhuibh a bhi ri feall fheitheamh air an son, aig monadh Dhruim-Uachdair, far an robh an rathad mor a bha dol gu Blar an-Atholl agus gu Baile Pheairt. Nuair a gheibheadh e grein orra chuireadh e air falbh iad a dh’ aindeoin do ’n arm gu cogadh ri Bonapart agus na Frangaich. Aig am araid thachair e air dithis de mhuinntir an Eilein Sgiathanaich, ach chuir se e fhein aman aimh-riochd, no muthadh dreach. Bha am feasgar air ciaradh, a’ ghrian air cromadh, agus an oidhche tuiteam. Bha taigh air mullach monaidh Dhruim-Uachdair, ris an abradh iad Taigh-a’ -mhonaidh a bha leth an rathaid eadar Dail Choinnimh agus Dail na Ceardaich far am biodh an luchd-turuis a’ cur seachad na h-oidhche, nan tarladh a bhi anmoch a’ dol thar Dhruim-Uachdair. A chionn gun robh am feasgar ann agus e dluth do’n oidhche chomhairlich an t Oifhichear Dubh do na Sgiathanaich fuireach anns a bhothan gu maduin, agus an sin gum biodh solus an latha aca. Shuidh e fhein comhlath riutha agus las iad teine gus an oidhche chur seachad cho aoidhail ’s a b’urrainn daibh. Nuair a chaidh uine thairis thubhairt esan ris na daoinibh, “nach sinn a tha gorach ag itheadh arain tioraim, gun dad ach uisge leis, agus muilt reamhra cho pailt mun cuairt duinn air na cnuic. Rachamaid agus glacamaid fear dhuibh, agus bruichidh sinn e agus bidh cuirm againn air an fheoil.” Gun smuaineachadh ceart air a’ chuis ghabh na daoine an droch comhairle, chaidh iad agus rug iad air fear de muilt reamhra, a bha mun cuairt, oir tha na muilt gle reamhar an am an fhogharraidh. Mharbh iad am mult, rinn iad fheannadh; chuir iad mir mor dheth anns a’ phoit, las iad teine mor greadhnach, gus a bhruich, agus shuidh iad gu socrach timchioll an teine, a’ feitheamh gus am biodh an fheoil bruich air son an suipearach. Nuair a chaidh uine mhath seachad agus a bha a’ chuirm an impis a bhi deas, chaidh an t-Oifhichear a mach car beag thun an doruis, mar gum biodh e dol a dh amharc ciod a bha an oidhche a’ deanamh. Nuair a fhuair e mach chaidh e gu cul tuim araid far an robh buidheann shaighdearan aige ri feall-fheitheamh; chuir e dheth an t-aimhriochd agus chuir e uime a’ chulaidh-airm, eideadh an t-saighdeir agus an oifigich. Thainig e fhein ’s na saighdearan an sin air ais do’n taigh; fhuair iad na Sgiathanaich a’ cocaireachd na feola, ghlac iad mar mheairlichiad, agus mar aontaicheadh iad ri dhol do ’n t-saighdearachd, bhagair iad orra am fogradh thar chuan guBotany Bay,far an robh iad a’ cur nam meairleach aig an am sin. B’ eigin do na Sgiathanaich striochdadh agus falbh far nach b’aill leotha a dhol.
(Tuilleadh.)
Ged tha geamhradh briagha aginn-ne an so, tha geamhradh cruaidh reota ann an cearnan eile de dh’ America, agus tha muinntir na Roinn Eorpa a fulang gu mor leis an fhuachd. Tha moran am measg an t-sluaigh bhochd a basachadh, agus tha naidheachdan oillteil a tigh’nn a caochladh aitean. Air sraidean Bherlin, ’sa Ghearmailt, aon mhaduinn air an t-seachdain s’a chaidh, fhuaradh triuir air an reothadh gu bas. Ann an Servia, tha na madaidh-allaidh an deigh na coilltean fhagail, ’s tha iad air fas cho dalma ’s gu bheil iad gu tric ri’m faicinn air sraidean mam bailtean. Mharbh iad nighean og faisg air Belgrade, agus an aitean eile chan urrinn da na tuathanich an cumail bho na caorich. Far an robh ’ghort ann an Ruisia an uiridh tha’n sluagh air fior dhroch caradh araon le fuachd us acras, oir bha iad air an lagachadh cho mor leis a ghort ’s nach b’ urrinn daibh ullachadh a dheanamh air son a gheamhridh. Tha stoirmean mora sneachda am Breatuinn, ’s tha moran shoithichean air am bristeadh ’s air an call air na cladichean.
FAOCHADH O’N CHRUP. —Tha gille beag leamsa gu tric dona leis a chrup, ’s chan eil ni is mo ni dh’fheum dha naHagyards Yellow Oil. Mar sin molidh mi e do mhuinntir eile. —MRS L. H. BALDWIN, Ont.
Tha bean ann an Dachidh nan Dilleachdan an Ottawa tha ceud bliadhna ’sa dha a dh’ aois.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
DE THA BHUAT?
Ma ’se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig
F. Falconer & a mhac.
Tha iad an deigh a chuid a’s mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, ’s bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe’n t-sheorsa sin na’s saoire na gheibh thu ’n aite sam bith eile.
Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 1. No. 36. p. 4]
CAIT AN CAIDIL AN NIONAG.
LE IAIN MAC DHOMHNUILL OIG.
LUINNEAG:—
Cait an caidil an ninoag an nechd,
O’, cait an caidil an nionag?
Far an laigh an nionag an nochd
Is truagh nach robh mi-fhin ann.
Is truagh a righ nach robh mi thall
Ri barr nan crann a direadh,
’S gum faighinn a bhi mar ri m’ luaidh
Air druinn a chuain ged bhiodhmaid.
’S ann agam fhin bha ’n nionag og
Bu bhoidhche bha san tir so;
A deud mar chailc, a gruaidh mar ros,
’S a pog air bhlas an fhiona.
’S ann oirre fein a dh’fhas a ghruag
’Tha buidhe dualach, sinte;
Air dhreach an oir a’s boidhche sunadh
Na dhuallibh tromh na cirean.
Cha robh ciobair no duin uasal,
No fear-cuairt’ a chiteadh,
Nach robh ’strith ri deanamh suas
Ri caileig shuaire nam min bhas.
Cha b’ e bhi cutadh an sgadain
’Chleachdadh le mo nionaig;
Ach bhi bleoghan a chruidh ghuaillionn
Mach ri gual an t-sithein.
Gur a diombuch mi de m’ bhraithrean,
’S de mo chairdean dileas;
Nach do leig iad leam a posadh,
Caileag og nam miog-shul.
Nuair a thogadh na siuil arda
Bha mi craiteach, cianail;
Shil mo shuilean mar an dearrsach
Nuair a dh’fhag iad m’ fhianis.
Cha doir fiodhull, cha doir organ
Cha doir ceol na pioba,
’S cha doir nionag ’theid na comhdach
Air mo bhron-sa diobradh.
’S truagh nach robh mi seolt’ gu leoir,
’S gun d’ chord mi ri Mac-Niomhain;
Gheibhinn bata gun an grot
A sheoladh gu Port Righ leam.
Nam biodh agam-sa fo m’ ordagh
’M beagan oir a dh’iarrinn
Bu ghrad thall mi ’n tir nam mor chraobh
Posda ri Catriona.
Ach ma ’s beo dhomh beagan mhiosan
Fiachidh mi le dichioll
Am faigh mi ’n t-aiseag a Grianaig,
No o bhialabh Lite.
Rinneadh an t oran so le Iain Domhnullach, Iain Mac Dhomhnuill Oig Mhic Fhionnlaidh, an sgireachd Chille-Moire’san eilean Sgiathanach. Thanig an nighean, Catriona nighean Alasdir Pheutain, do Cheap Breatuinn, mu’n bhliadhna 1831. Cha robh Iain ach naoidh bliadhna deug aig an am sin. Cha danig e do ’n duthich so. Chaochail e nuair a bha e mu shia bliadhna fichead. Fhuair mi cuid dhe’n oran bho Mhari Nic-Fhionghainn ’sa bhliadhna 1882 ’s cuid bho Chalum MacGilleain, Calum Aonghuis, an la roimhe.
LAG A MHUILINN.
Shuidh Parlamaid Chanada Dior daoin s’a chaidh. A reir coltais, chan eil gnothuichean mora san bith ri bhi air an thoirt fa chomhair nan uaislean air an turus so, agus mar sin chan eil suil ri iad a bhi cruinn uine ro fhada. Tha ’phairtidh aig am bheil an riaghladh moran nas laidrie na bha iad mu’n am so’n uirridh, agus theid aca air cuisean a chuir air doigh mar is ail leo gun dad a chuir an cead chaich. Chan eil teagamh nach bi iomadh cath teth bruidhne eatorra, ach chan eil sul aig taobh seach taobh ri fior chogadh. Tha sinn an dochas nach bi an suidhe air a bhliadhna so cho fior fhada sa bha e air a bhliadhna chaidh seachad. Tha e gle iomchuidh gum biodh gnothuichean na ducha air an cumail ceart, agus laghannan matha air an deilbh, ach chan eil reusan sam bith air Parlamaid Chanada a bhi cruinn ceithir no coig miosan a h-uile bliadhna, nuair a dh’fhaodadh an obair a bhi air a deanamh ri mios no dha.
Tha ’n t-Urr. I. W. Mac Ghriogair, Stoneham , Mass, a sgriobadh. Tha ainmean nan leigheas a dh’fheuch mise air son droch stamag thar aireamh. Cha d’rinn gin dhiu feum cho mor dhomh sa rinn K. D. C.
Fa nach bi cion-cnamhidh bidh cha bhi cholera. Glanidh
K D C
do stamag air chor ’s nach dearg cholera ort.
Sampull a nasgidh gu nach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Thatar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 36 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 36. %p |
parent text | Volume 1 |