[Vol . 1. No. 38. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH 11, 1893. No . 38.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNAICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Tha e air a radh gu robh fiach corr us leth-cheud mile dolair de dheoch laidir air ol ann an Truro air a bhliadhna sa chaidh.
Be Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, an latha b’ fhuaire dh’ fhairicheadh am Manitoba o chionn moran bhliadhnichean.
Bha tuil mhor ann an Australia o chionn ghoirid a rinn call uamhasach. Bha bailtean air an cuir fodha, taighean us drochaidean air an sguabadh air falbh, agus moran dhaoin’ air am bathadh, Cha d’fhuaras fios ceart fhathast air meud a challa.
Tha na Frangich a bruidhinn air drochid a chuir thairis air a chaolas a tha eadar iad us Breatuinn. Bi’dh an drochid so, ma thogair i, ceithir mile deug thar fhichead air fad, agus cosgidh i corr us ochd fichead muilean dolair. Gabhidh i mu dha mhuilean tunna de chruaidh ’s de phraiseach.
Chaidh fear Seumas Anderson fheuchinn aig cuirt an Amherst an le roimhe air son bristeadh a stigh do thigh agus air son losgadh ais oifigeach a chuireadh ga ghlacadh. Air son na ceud chionta fhuair e tri bliadhna dhe’n tigh oibreach, agus air son na ciont eile deich bliadhna ’san aite cheudna.
Bhris iorghail mhor a mach amBoyottaamPennsylvaniaair an t-seachdain s’a chaidh, agus mhair e fad da latha. Tha e air aithris gu bheil corr us ceud duine air am marbhadh, agus coig ceud air an leon. ’Se dh’aobharich an iorghail nithean taireil a bha air a radh ann am paipear-naidheachd mu dheibhinn an luchd-oibreach. Chruinnich an luchd-oibreach mu thigh an fhir a sgriobh na nithean sin, agus cha ghabhadh iad cuir air falbh gus an danig na saighdearan.
SO AN T AM. —Mun am so bi casadich, cnatan, cuing us tinneasan eile buailteach dhuinn, agus bhiodh e feumail botull deDr . Wood’s Norway Pine Syrupa bhi faisg air laimh, oir leighsidh e gach aon dhiu. A phris 25 us 50-cent am botull.
Tha Mrs. A. D. Cameron an sa phriosan am Bridgetown an drasta. Tha e air fhagail oirre gun do chuir i crioch air a fear le puinnsean a thoirt da ann an ti. Cha robh iad a cordadh gu ro mhath o chionn aireamh bhliadhnichean, agus cha robh iad cuideachd ach beagan dhe’n uine uaithe sin. Bha ise coig bliadhna fichead na b’oige na esan, agus tha e air a radh gu robh i a gabhail brath air na sheann aois agus cho dona dha’s gun d’thug i a thur bhuiathe. Bha e bochd, breoite gun e air chothrom dad a dheanamh air a shon fhein, ’s cha robh ise ’cleth aona chuid air fhein no air muinntir eil nach b’fhior thoil leatha gu’m basicheadh e. Chaidh i ’ga choimhead o chionn cor us seachdain agus cha robh i fada san tigh san robh e fuireach nuair a throid iad. Latha no dha an deigh sin air dhi a bhi frithealadh air aig am bidh, thug i dha deoch a chuir na chadal e cho trom ’s nach do dhuisg e riabh. Thuit amharus oirre ’sa mhionaid, agus air do na dotairean an corp a rannsachadh fhuair iad gu robh e air a phuinnseanachadh. Chaidh a bhean an sin a chuir do’n phriosan gus an rachadh a toirt gu cuirt. Tha geard oirre latha ’sa dh’oidhche air eagal gun tig i ri ’beatha, oir thug i droch ionnsidh air sin a dheanamh cheana.
Tha parlamaid Bhreatuinn na suidhe bho thoiseach a mhios so. Tha moran de reachdan ura air a ghealltuinn leis an luchd-riaghliadh, agus ma ni iad an darra leth dhe na gheall iad a cholionadh, ni iad gle mhath. Tha Fein Riaghladh do dh’Eirinn agus Di-steidheachadh Eaglis na h-Alba am measg nithean eile ri bhi air an toirt fa chomhair na parlamaid. Tha Gladstone na sheann duine, ach ged tha e, tha e cho laidir na bhareil fhein sa bha e riabh, ’s tha e cur roimhe moran obair a dheanamh. Se tim a mhain a dh’innseas cia mar theid leis.
ThaNicholas Timmeran, Kingston, Ont.a sgriobhadh, —Bha mo bhean dona le droch stamag fad bliadhna, cha b’urrinn dhi biadh a chnamh, ’s bha i fulang moran. Dh’fhiach i iomadh seorsa, ach ’se K. D. C. a leighis i gu buileach.
[Vol . 1. No. 38. p. 2]
MAC-TALLA.
Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.
A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00
Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh.
’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH 11, 1893.
Aig baile ann an Texas ris an abrar Paris, rug an sluagh air duine dubh a bha na maoir a toirt leotha do’n phriosan air son cionta eigin, agus an deigh dhaibh a phianadh air gach doigh air an smaoinicheadh iad, cheangail iad e, chruinnich iad torr connadh mu’n cuairt da, agus loisg iad gu bas e. Bha suas ri deich mile sluaigh ag amhare air a ghniomh oilteil so, agus cha do thog duine dhiu lamh no cas gus an duine truagh a theanacas! Chan eil duthich fo’n ghrein aig a bheil ainm a bhi na duthich Chriosdail, no aig a bheil ni coltach ri lagh no ceartas, ann sam faodadh a leithid a bhi air a dheanamh, ach ann sna Staitean fhein, agus ged is nar e ri innse chan eil an sid ach ni a tha gu tric a tachirt san duthich sin. Faodidh an luch-lagha agus iadsan a tha gabhail as laimh an lagh a chumail suas a bhi nan seasamh ri taobh nan crochadairean nuair a bhios iad a cur as do dhuine a tha ma dh’fhaoidte neo-chiontach, ach cha chuir iad gearain sam bith a stigh orra. Nan tigeadh air an fheadhinn sin a mhuinntir Chanada a tha cho deigheil air a bhi cur suas nan Staitean os cionn an tir fhein, samh a ghabhail ’an Texas fad bliadhna no dha, theagamh gun biodh ceol eil’ aca nuair a thilleadh iad dhachidh.
Tha luchd riaghlidh Bhreatuinn an deigh coig ceud deug punnd Sasunnach a thoirt do mhuinntir Leodhis air son roidean ura fhosgladh ann an cearnan iomallach de’n eilean far nach robh roidean aca roimhe so idir. Bheir an t-airgiod a tha gu bhi mar so air a bhuileachadh, ni do’n t-sluagh air am bheil iad ro-fheumach o chionn fhada, agus a thuilleadh air sin a toirt dhaibhsan a tha air dhroch caradh leis mar a chaidh am barr ’san t-iasgach nan aghidh, comas air cosnadh a dheanamh gus iad fein a chumail suas.
NIGHEAN A MHORAIR.
(O’n Bheurla.)
Le Eobhan MacLaomuin, M. A., D. D.
Bho chionn moran bhliadhnachan, bha chomhnuidh ann a Sasuinn, morair iomraiteach, aig an robh mor shaoibhreas. Be ruin a bhi tarruing a phriomh thoil-inntin bho a shaoibhreas agus ard mheas. Bha aig an duine uasal so aon nighean a be iodhal a chridhe. Bha pailteas—mor phailteas air a chosg ri a foghlum. ’S math a dh’ath-dhiol i ann a mor bhuadhna inntin na rinn a h-athair caomh air a son. Bha i maiseach na gne agus na h-oilean.
Bha i cho ciatach na cleachadh s’ gun robh i ann a mor mheas aig na h-uile chuir eolas oirre.
Ach, coltach ri a parantan, bha i gun eolas air fior Dhiaghachd. Bha e air orduchadh an deagh am, ann am freasdail an Tighearna gun rachadh i stigh do dh-Eaglais anns an robh teagasgan a chroinn-cheusaidh gu dileas air an searmonachadh. Dheisd i le deagh aire ri searmoin shoisgeulach. Be chrioch dha so gun robh i air a toirt fo iomagain domhain anama agus ealamh as deigh sin bha i air a h-iompachadh.
Bha teachd aic a nis a bhi suidhe fo fhuaim an t-shoisgeul. Bha bhi lathair aig coinneamhan urnuigh na fhior thaitneas dhi. Bha e na chleachdadh aice bhi taghal nan aitean anns an coinnicheadh i ri ministearan co-aontach bha fo bhuaidh nan dochasan bha i fein a sealbh achadh. Bha solasan na fior dhiadhachd cho mor dh-ise ’s gun robh iad da-rireadh cuir thairis. Bha caochladh chaidh oibreachadh innte air a chomharrachadh le h-athair caomh leis an doilgheadas bu chraitich.
Bha bhi faicinn a nighean chaomh fo bhuaidh meallaidh, mar bha esan an duilna mhathair aobhar craidh domhainn dha. Air an aobhar sin chuir e roimhe oidhirp a thoirt air a bharail chearr bha i g-arach a thaobh toileachas inntin atharrach, agus a thaobh mar bu choir dhi a h-uine bhuileachadh.
(Ri Leantuinn.)
Tha Ruisia o chionn iomadh bliadhna a bagairt tigh’nn air a Ghearmailt le h-armailt chogidh air son a toirt fo chis no air a char a’s lugha gabhal oirre. Chan eil fhios c’uin a tha duil aice ’n ionnsidh a thoirt, ach tha eagal mor an iomadh aite gu bheil roimpe na’s urrinn dhi a dheanamh air an earrach s’a tighinn. Bidh sinn an dochas co-dhiu nach eil a leithid sin ’na beachd gus a faic sinn a chaochladh.
CNATAN US AMHACH GHOIRT. —Tha sinn a cleachdadhHagyard ’s Yellow Oilsan teaghlach air son cnatan us amhach ghoirt agus tha e iongatach. Bha mo phiuthar dona le cuing ach leighis anYellow Oili am beagan uine. —Lizzie Chapelle, Baldwin Ontario.
DR. WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c. us 50c. am botull.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUBH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.
[Vol . 1. No. 38. p. 3]
FOGRADH NAN GAIDHEAL.
CATAOBH.
Tha an duthaich a nise ’na fasaich cho mor as nach ’eil daoine ri fhaotainn innte a ni saighdearan. Nuair a bha cogadh eadar Ruisia agus Breatunn, bho cheann faisg air da fhichead bliadhna, ghairm na h-uaislean coinneamh, agus chruinnich iad an sluagh; ach nuair a thuig na daoine gur h ann air son saighdearan fhaotainn a rachadh do ’n Chrimea chun a’ chogaidh a thionaileadh iad, s ann a thoisich iad ri atharrais air meilich nan caorach agus air geumraich nan damh, ag eigheach a mach “Maa! maa! bu-o! bu o!” A ris ghlaodh iad ris na h-oifigich a bha a’ gabhail nan saighdearan, “Cuiribh na feidh agus na buic-earba, na reitheachan, na coin ’s na ciobairean agus forsairean nam fiadh a chogadh ris na Ruiseinich, oir cha d’rinn iad cron riabh oirnne.” Bha Mr Loch am factor, agus oifigeach airm, a’ siubhal fad shia seachduinean, air son saighdearan foaotainn, ach cha d’ fhuair iad aon duine a ghabhadh os laimh e fein a cheangal ri dhol da ’n t-saighdearachd. Nuair a chual an Diuc Catach an sgiala muladach so, dh’ fhag e Lunnuinn agus thainig e gu Cataobh, gu caisteal Dhun-robainn. An deigh dha e fein a nochdach air sraidibh Ghoillspidh agus Bhrura, ghairm e coinneamh de na bha de dhaoinibh anns na tri sgireachdan, Cline, Raghairt, agus Goillspidh.
Air gairm an Diuc chruinnich mu thimchioll ceithir chiad fear, aig an uair a shonruicheadh. Thainig an Diuc ’na charbad, agus an ceann beagan uine thainig na h oifigich-airm agus na factoran. Rinn an sluagh iolach aigh’r nuair a thainig iad, agus shuidh an Diuc air a chathair. Bha tri no ceithir de chleirich sgriobhaidh timchioll a’ bhuird ’nan suidhe, a’ fuasgladh phasganan tomadach de dh-airgiod paipeir Banc Shassuinn, agus a’ sgaoileadh a mach thruinnsearan lan de dh’or buidhe, dealrach. Dh’eirich an Diuc agus labhair e ris an t-sluagh mar so, “Is eigin dol a chogadh ri Russia: tha an t-Impire ’na aintighearna, agus feumar casg a chur air. Tha a’ Bhanrighinn ag iarraidh shaighdearan gu cogadh ris, gus a chumail as an Tuirc. Gille og sam bith a ghabhas anns an Reiseamaid Chataich, bheir mi fein da sia puinnd Shassunnach; no ma ghabhas e ann an reiseamaid eile, bheir mi dha tri puinnd, air chul airgiod na Ban-righinn.” Shuidh e an sin, ach cha do fhreagair duine. Bha iad tosdach mar an uaigh. Thuirt e an sin gun robh iongantas air nach robh neach a’ freagairt. Mu dheireadh dh’ eirich seann duine air a’ bhata, agus thubhairt e, “Tha mi duilich, a Dhiuc nach eil duine air bith a’ labhairt, ach bhon a tha sibh ag iarraidh fios an aobhair nach ’eil, is eigin domh innseadh a chionn nach aill le fear eile sin a dheanamh. Nuair a chuir bhur sean mhathair an Reiseamaid Chatach air a bonn an toiseach, chruinnich coig ciad deug sluaigh ann an da fhichead uair ’s a h-ochd, as an do thagh i na naoidh ciad fear a bha i ag iarraidh. Ach rinn bhur mathair fein, agus a cuid factoran, an sluagh fhogradh as na glinn, agus na srathaibh anns an robh na ciadan gaisgeach a chomhnuidh, agus lion iad an duthaich le bruidibh balbh. Ged a thigeadh Impire Ruisia agus a ghlacadh e Caisteal Dhun-robainn, agus tigh greadhnach Stafford, cha bhiodh duil sam bith againn gum buineadh e ruinne air doigh na b’ain-iochdmhoire, na rinneadh mar tha, le teaghlach Diuc Chataoibh. Cha d’ rinn na Ruiseinich riabh cron sam bith oirnne. Cia mar a gheibhear saighdearan far nach eil daoine. Ach tha aon mhathas ann, mar faighear daoine gu cogadh, gheibh sibh gu leor de mhuilt fheoil de mhairt-fheail, agus de shithinn fhiadh a bheathaicheas an dream a theid a chogadh.” Nuair a chual an Diuc so dh’ eirich e na sheasamh, chuir e an ad air a’ cheann, thrus e leis a chuid airgid us oir, agus dh’ imich e roimhe.
Bha Cataobh, mar a’ chuid eile de ’n Ghaidhealtachd, aon uair lan sluaigh; daoine foghainteach treun, a bha nan saighdearaibh gaisgeil, a cogadh ann an aobhar na righachd ri naimhdibh Bhreatuinn, agus gu h-araid an aghaidh nam Frangach, nuair a dh’erich aimhreit agus troimhe cheile an sin, bho cheann chiad bliadhna roimhe so, agus a theab Napoleon Bonapart an saoghal a chur fodha fhein. Ach mu thruaighe! tha n tir an diugh na fasaich; is gann a gheibhear daoine innte freagarrach, no iomchuidh, air son shaighdearan. Cha’n fhaicear ach deoiridhean truagh, bochd, diblidh, a’ crith leis an eagal roimh ghnuis nan deamhan a tha ri foirneart orra, agus a rinn an creach. Gheibhear na creutairean diblidh so ’nan grunnaibh air muin a cheile, aig taic na mara, an sud agus an so, agus acair no dha de dh’fhearann mointich aig gach teaghlach, a tha iad a reiteachadh air son talamh Buntata a dheanamh dheth, far am bheil iad a’ cur beagan Buntata san Earrach a bhios aca nuair a thig am fogharradh air son beathachaidh an teaghlaich, maile ris an sgadan a ghlacas iad anns a mhuir le’n liontaibh. Anns an t-samhradh tha a’ mhuinntir og agus laidir a’ triall gu Gallaobh, agus Galldachd an taobh deas de dh’ Albainn, agus cuid gu Sassonn, air son cosnaidh fhaotainn; agus an tuarasdal a tha iad a’ faotainn air son an saoithreach, ghleidh iad gu curamach gus a chur dhachaidh gu furtach air an cairdibh aig an taigh an Cataobh. Ach tha so air a chosd an am paigheadh a’ mhail do’n uachdaran, air son cead faghinn gu fuireach air na h-acairibh mointich oir mur paighear am mal, theid am fogradh as na taighean agus as an tir.
A nise nuair a tha na nithean so mar so tha na miltean agus na ciadan mile acaire fearainn nam fasaich, fo chaoirich agus fo fheidh; tha am fearann so na fhearann math tarbhach, a bha aon uair air a threabhadh agus air oibreachadh le tuathanaich ghoireasach, aig an robh crodh agus caoirich, maille ri pailteas de nithibh maithe na beatha so, agus gach ni a ta feumail air son cumail suas an teaghlaichean. Tha e na bheulradh am measg an t-sluaigh gun robh Coinneach Odhar am fiosaiche, no fiosaiche air chor-eigin eile, ag radh, “gun cuireadh peirceall na caorach an crann air an fharadh.” Tha e coltach gun d’rinneadh so gun mheachannas, gun fhathamas anns gach cearna de’n Ghaidhealtachd. Bha fiosaiche eile ag innseadh “gun tigeadh an t-am anns am biodh am fearann air mal, air da mhal, air tri mail, agus mu dheireadh gun mhal idir. Thachair a cheud chuid de ’n fhiosachd, ach tha chuid eile fathast gun choilionadh. Tha feum aig na Gaidheil bhochda gum faigheadh iad am fearann gun mhal idir, agus gum biodh na meairlich agus na robairean a ghlac am fearann aca leis an laimh laidir air an gairm gu cunntas a thabhairt as an stiubhartachd, oir chan ’eil e iomchuidh iad a bhi nas fhaide nan stiubhardaibh, a chionn gun d’rinn iad ana-caitheamh eucorach air a’ mhaoin a dh’earbadh riutha, agus mi-bhuil de’n fhearann nach buineadh dhaibh-san a mhain, ach mar an ciadna do’n t-sluagh gu h-iomlan a bha chomhnuidh air anns na linnibh bho chian. Mar is luaich thachras so is ann a’s fearr a’ chuis do na Gaidheil. Buinidh a’ Ghaidhealtachd do na Gaidhil, oir thug Dia dhaibh i air tus ann an cursa a Fhreasdail.
D. B. B.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 1. No. 38. p. 4]
CADAL CHA DEAN MI.
LUINNEAG.
Cadal cha dean mi
Cadal cha dean mise,
Cadal cha dean mi
’Cuimhneachadh na cruinneig.
’S mis’ a thug an gaol,
’S daor a rinn mi cheannach;
Bhuai e mi ’san taobh
Far nach faod mi ghearan.
Bha mi ’n raoir air bal
An taigh ard nan uinneag;
Shuidh mi air do ghluin
’S dhiult thu mi gu buileach.
Greusiche nam brog
Phog e thu le furan;
Mheudich sin mo bhron;
Dh’fhalbh mo sholas uile.
Tha thu beothail, og,
Tha thu boidheach, lurach:
Tha do ghruaidh nar ros,
’S tha do phog mar ubhall.
Ach ged tha thu grinn.
Cha bhi mi gad leanachd;
Rach le fear nam brog
’S faigh gach solas mar ris.
Mari aig Iain Og,
Tha i boidheach geanail;
Theid mi air a toir,
’S cluinnear ceol air banis.
LAG-A- MHUILINN.
Chan eil cuisean gu leir ceart ann san Eiphit fhathast, ach chan urrinn gum bi tuaireap sam bith ann a chuireas eagal a’s fhiach air Breatuinn. Tha’n Khedive ro lag ’s tha a luchd-leanmhuinn ro ainmig air son neart a thoirt da. Teagaisgidh uine araon dha’n Khedive agus dhaibhsan a tha ga bhrosnuchadh nach eil aca ach obair fhaoin. Tha ’n Fhraing a gabhail oirre gu bheil fearg aice ri Breatuinn air son a bhi ’g agirt coir air an Eiphit, ach traoighidh a fearg ri tim. Tha’n Turcach mar-an-ceudna an dochas gun tig air Bretuinn an duthich fhagail, oir bhiodh moran creiche mar sin air fhagail fo ’lamhan fhein, agus chan iarr e spors a’s fhearr na bhi creach ’sa spuileadh ’iochdarain fhad sa bhios creach aca. Bha’n Eiphit fo ’spoig roimhe agus bha ’bhlath sin oirre nuair a b’ fheudar dha a leigeil bhuaithe. Tha aireamh mhiltean de shaighdearan Breatunnach fo’n armachd aig dorsan na h-Eiphit, deiseil gu dhol air adhart uair air bith a bhios feum orra.
NA DEAN MEARACHD. —Na dean mearachdan mu cheannach leigheas air son droch stamag, ceann goirt, ceangal cuinn no droch fhuil, bi cinnteach gum faigh thu ’n seorsa ceart, B. B. B. “Tha e na leigheas iongatach air ceann goirt.” C. B, Robinson.
Air an t-seachdain s’a chaidh, rinn an Diaghair aosda an t-Urr. Eoghain MacLeod, D. D., baisteadh na thigh fhein s’a bhaile so. Chruinnich mu thuaiream deich thar fhichead ’ga eisdeachd agus thug e dhaibh searmon gasda a chuir nan cuimhne as ur na h-oraidean eireachdail a b’abhist daibh fhaotinn bhuaithe nuair a bha e air chomas searmonachadh ’san eaglis. Tha an dotair coir a nise ceithir fichead bliadhn’ sa deich a dh’aois.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fed bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth.
Tha dotairean ag radh
nach dearg cholera air stamag fhallain. Bheir
K D C
an stamag gu bhi fallain.
Sampull a nasgidh gu nach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 38 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 38. %p |
parent text | Volume 1 |