[Vol . 1. No. 40. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 25, 1893. No . 40.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Tha acarsaid New York air a dhunadh le deigh.
Bha fearann a reic am Montreal an la roimhe aig naoidh dolair fhichead an troigh.
Dh’eug am Breitheamh Kelly ann an Charlottetown an la roimhe. Bha e tri fichead bliadhna dh’aois.
Am feadh sa bha nighean ogMiss Lyncha dol seachd air an t-sraid ann a Halifax an la roimhe, ruith each us carbad thairis oirre agus chaidh a marbhadh.
Chaidh coig ceud tigh a losgadh gu lar ann an Constantinople feasgar Dior-daoin. Tha corr us tri mile sluaigh gun dachidh. B’fhiach na chaidh a losgadh de thaighean suas ri muilean dolair.
Tha aireamh de charbadan iaruinn ri dholl gu feill an t-soaghill a thugadh gu Pictou sa bhliadhna 1837 air son tarriung a ghuail as na meinnean. Tha e air a radh gur iad na ceud charbadan dhe’n t-seorsa a chuireadh a dh’obair an America.
Aig Allt-an-Dotair an siorramachd Antigonish, dh’eug o choinn ghoirid, Catriona Chaimbeul a rainig an aois mhor ceud bliadhna ’sa tri. Rugadh i an siorramachd Inbhinis an Alba ’sa bliadhna 1790, agus thanig i do’n duthich so maille ri’ h-athair, Domhnul Caimbeal nuair a bha i na caileig oig.
Air an fhoghar sa dh’fhalbh, cheannich I. C. Cleireach stor agus tigh-comhnidh bhoS . H. Brown, Stanley Bridge, P. E. I.Air an t-seachdain sa chaidh dh’fheuch e ri thoirt thairis air an deigh guNew London. Nuair a bha e air an t-slighe bhrist an deigh ’s chaidh an tigh do ghrunnd na h-acarsaid.
Tha Tormoid McLeoid, Maxville , Ont. ,a sgriobhadh: —Bha droch stamag a cuir dragh orm o chionn 24 bliadhna. Dh’fheuch mi K. D. C. nuair a bha ’n Fheill aig Ottawa, agus ’se ’n aon ni a rinn feum dhomh riabh. Ni mi dha uiread obair an drasda. Cha b’urrinn dhomh oibreachadh ach uair no dha gach latha, ach a nis oibrichidh mi fad an latha gun sgiths sam bith.
Chaidh soitheach-seolidh a bha ruith eadar Halifax us Jamaica a chall, maille ri dithis dhe na bha air bord. Thugadh cach air falbh le soitheach-cogidh Breatunnach a thanig na rathad nuair a bha i gu dhol fodha.
Bha dithis ghillean oga a mach le bata beag sealgaireachd ann am Margaret’s Bay, N. S., an la roimhe agus chaidh am bata thairis. Ghreimich fear duibh ris a bhata agus fhuaireadh a thearnadh; dh’fheuch am fear eile ri snamh gu tir, ach mu’n d’ranig e chaidh a bhathadh.
AigGrand Falls, N, B. ,oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, chaidh Samuel Barr, seann duine 72 bliadhna dh’aois, a losgadh gu bas na thigh fein. Bha e bacach agus cha b’urrinn da teicheadh. Dh’fhag e dithis chloinne na dheigh.
Dior-daoin s’a chaidh bhuail antrainduine faisg air Moncton, N. B., agus chaidh a mharbhadh air ball. Bu mhaighstir-sgoile e da ’m b’ainm Deorsa Edgett; agus bha e tilleadh dhachidh a baile beag faisg air Moncton far an robh e teagasg. Bha e mu dha fhichead bliadhna dh’aois.
Chaidh fear Uilleam Scott a leigeil as an taigh-oibreach an Columbia Bhreatunnach air an t-seachdainn s’a chaidh an deigh dha a bhi ann fad shia bliadhna. Bha e air a chur a stigh an 1887 air son ionnsidh a thoirt air duine ’mharbhadh, agus bha e ri da bhiliadhna dheug a chuir seachad ann, ach thug an luchd-dreuchd a shaorsa dha nuair a bha darra leth na h uine sin air ruith.
Aig Margaree air an darra latha deug dhe’n mhios so, dh’eug Catriona Ros, bantrach Aonghait Rois, ceud bliadhna ’sa h aon a dh’aois. Rugadh i ann an Cille Mhoire ’san Eilean Sgiathanach ’sa bhliadhna 1792. Thanig i do’n duthich so an 1820 maille ri a fear posda. Bha ochdnar chloinne aice, ceathrar mhac us ceathrar nighean. Dh’fhag i ceud sa h-ochd de dh’oghichean, us ceithir fichead ’sa h ochd deug de dh’ iar-oghichean. Bha dithis pheathrichean aice san duthich so; bha te dhiubh so ceithir fichead bliadhna ’sa h-ochd deug a dh’aois nuair a dh’eug i, agus an te eile ceud bliadhna ’sa dha.
[Vol . 1. No. 40. p. 2]
MAC-TALLA.
Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.
A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00
Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh.
’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, FEBRUARAIDH 25, 1893.
Tha e gle choltach gu bheil na staitean an duil eilean Hawaii a ghabhail fo’n riaghladh fein an uine ghoirid. Chuir an Ceann-suidhe fios thun an t-Seanidh an la roimhe ag iaridh gum biodh an t-eilean air a ghabhail a steach gun dail, agus ag radh gu robh rioghachdan na Rionn-Eorpa toileach gum biodh sin air a dheanamh. Tha cuid de na paipearan Sasunnach a cur an aghidh so agus ag radh gum bu ghlice do Harrison, ’s do ’n t-seanadh gun ghnothuch sam bith a ghabhail ri Hawaii, nach biodh na bhuinigeadh iad le bhi sealbhachadh an eilein sin faisg cho mor ris na chailleadh iar a thaileabh. Tha fhios gum bu Gheancich a chuir an upraid air chois ann sna chaill a bhan-righ a crun, agus gu robh aonadh an eilein ris na Staitean aca san amharc bho thoiseach. Tha moran de dhaoine geala a tamhachd air eilean Hawaii, ach cha Gheancich iad uile; tha aireamh mhath de Bhreatunnich ’s de Ghearmailtich ann, agus is cinnteach an ni gu bheil iad sin cho airidh air esideachd fhaighinn ri muinntir nan Staitean. Nuair a bheir sinn so uile fa-near chan urrinn gun tighinn gu co-dhunadh gum biodh e na b’fhearr do na Staitean Hawaii fhagail uapa. Cha chuireadh e mor ioghnadh oirnn ged a bhiodh a bhan-righ Hawaiiach an ceann beagan uine na suidhe aon uair eile air a chathir rioghail, dheth na chuireadh i le ceannas us lamhachas laidir choigreach, aig nach robh dad san amharc ach an saoibhreas fhein.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fed bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth.
NIGHEAN A MHORAIR.
Le Eobhan MacLaomuin, M. A., D. D.
Chuireadh air doigh gun d-thoireadh aireamh dhe na h-og bhantighearnan oran seachad maille ri cuideachadh inneal-ciul aig an am.
Thainig an t-am suidhichte—chruinnich a bhuidhean—choimhlion aireamh an earran fein gum mor thaitness na cuideachd air chor s’ gun robh iad uile ard aighearach.
Bha n h-orain san ceol leis an robh iad air an toileachadh freagarach airson na h uile ni crabhach fhuadach o’n inntin.
Bha iad cridheil, aotrom agus fuathasach tairgneach.
Mu dheireadh thainig an t-am aig nighean a mhorair, agus ghairmeadh a h-ainm. Air ball bha na h-uile suil suidhichte oirre dhaicinn ciamar a chuireadh meigh (cuibhle) an fhortain car. Nan aicheadh i bhiodh i gu follaiseach air a maslachadh. Nan striochdadh i bha bhuaidh ac iomlan. Thaobh gur h-e so an t-am an robh a dan gu bhi air a sheuladh.
Se cruaidhchas eagallach a bh’ann. Ach leis an t-sith shaimh a b’ionmholta dh-eirich i agus ghabh i h-aite aig an uidheam chiuil. An deigh tiotadh achosg ann an urnuigh uaigneach ruith i a meeran air na fuinn. Ann a sin le milseachd os ceann a bhi talmhaidh agus soluimteachd freagairt nam briathran sheinn i a cuideachadh a guth le comhnadh a chiuil na briathran a leanas.
An so chan ait do shugradh fhaoin.
Do dhochas na do eagal shaoghlta,
Ma chaithear beatha cho faoin.
Ma sheasas aig an dorus trath
Am Breitheamh ’s clann nan daoin an lath’n.
A chaithir gheal aom.
Ge bith mar chaithear smuaintean luath
Air minead aoibhneas no air truaigh
Ach o nuair thig am b’as.
Caite am faigh mi dachaidh bhuan
Le aingle no le diabhlibh truagh,
Mo shiorruigheachd m bi a fas.
Cha n aridh ni air smuain an drast
Ach faighinn as o’n darra bas
Am bas nach sguir a chaoidh.
Cionnas bhios mo thaghadh ciant
’S nuair chaitheas m-uine an so bhi dearbht
Air luchairt meesg nan saoi.
Iosa deonich boillsge ciuin
Bi dhomh ad shlighe, bi dhomh ad iul,
Don tir nach bi iad sgith.
O sgriobh do sheula air mo chridh
Is ceadaich thusa nuair thig a chrioch
Gu m faigh mi triall an sith.
(Ra Leantuinn.)
CHAN EIL A LEITHID ANN. —Tha mise ’cleachdadhHagyard ’s Yellow Oilo chionn iomadh bliadhna, ’s cha d’fhuair mi a choimeas air son losgadh no gearradh.
MARY A. COILETT. Erin, Ont.
DR. WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c. us 50c. am botull.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUBH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.
[Vol . 1. No. 40. p. 3]
COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE.
LE D. B. B.
Anns an am a chaidh seachad b’abhaist do no Gaidhil agus do mhuinntir eile a bhi creidsinn gu mor ann an “Taibhsearachd,” no an “Da shealladh,” mar a theireadh iad. Bho cheann tri fichead bliadhna agus a deich, nuair a bha sgriobhadair so ’na ghiullan beag, ann am Muideart, ann an Gleann-Alladail, a’ fuireach anns an taigh far an do chaidil Prionnsa Tearlach, nuair a bha e air a thurus gu Gleann-Fhionghainn, far an do chuir e suas a’ bhratach ri crann anns a’ bhliadhna 1745, is iomad sgiala agus beulradh a chual e mu dheibhinn taibhsearachd, oir bha taibhsearan ann am Muideart gle lionmhor aig an am sin. Ann an Lochabar an deigh dha Muideart fhagail, bu tric a chul e iomradh air Coinneach Odhar am Fiosaiche, Taibhsear ainmeil a bha bho shean ann an taobh tuath na h-Alba. Theagamh nach cuala moran de na Gaidhil a rugadh ann an Ceap Breatunn mu thimchioll so, agus air son fiosrachsaidh dhaibhsan faodar beagan aithris ann a’ phaipear so a reir a’ chunntais a chuir Mr. Alastair Mac Coinnich a mach mu dheibhinn anns an leabhar a sgriobh e uime.
Rugadh Coinneach mac Choinnich, no Coinneach Odhar, ann am Baile na Cille, an Sgireachd Uig, an Eilean Leodhais, mu thoiseach na seachdamh ciad-bliadhain diag, mu ’n am ann an robh Seumas a-Sia, bho Albainn, no Seumas-a- h-aon air Sassonn, ’na righ air Breatuinn agus air Eirinn us Manainn. Cha n ’eil a bheag sam bith air chuimhne mu laithean oige, ach a mhain nuair a bha e anns na Deugan, mun robh e fichead bliadhna dh’aois, gun d’fhuair e Clach na Fiosachd, leis am b’ urrainn da innseadh ciod a thachradh san am ri tighinn. Fhuair e a’ chlach air an doigh so mar their cuid. Bha a’ mhathair feasgar araid, a reir a’ bheulraite, a’ buachailleachd a’ chruidh air an airidh, air leacuinn aonaich ris an abairteadh Cnoc-Eothail, os cionn cladh Baile na-Cille, an Uig. Mu mharbh-mheadhon oidhche chunnaic i a h uile uaigh sa’ chladh a’ fosgladh, agus domhlas mor sluaigh ag eirigh as na h-uaighibh, beag us mor, sean us og, bho’n naoidhean gu san sean-athair liath, agus a’ falbh gach rathad as a’ chladh. An ceann uarach de thim thill iad air an ais, agus chaidh iad a staigh do na h uaighibh a rithist agus dhuin gach uaigh mar a bhi i roimhe. Thainig mathair Choinnich am fagus do’n chladh, agus thug i fainear aon uaigh a bha fosgailte fhathast. A chionn gum bu bhoirionnach dalma, smiorail i, chuir i roimpe gum biodh fios aice carson a bha an uaigh so fosgailte nuair a dhuineadh cach. Ruith i agus chuir i a’ Chuigeal tarsuinn air beul na h-uaghach (oir chual i nach b’ urrainn do’n spiorad dol air ais a steach do’n uaigh, cho fhad ’s a bhiodh a’ chuigeal tarsuinn oirre). An ceann beagan uine thainig ribhinn aluinn, a’ snamh troimh ’n iarmailt bho thuath, a dh-ionnsuidh a’ chlaidh. Air teachd dhi thubhairt i ris a’ mhnaoi. “Tog do chuigeal bharr m’ uaigh, ugus leig dhomh dol air m’ ais gu m’aros.” “Ni mi sin,” arsa an te eile, “ma dh’innseas tu dhomh ciod e a chum thu air dheireadh air cach.” Fhreagair an Taibhse, “Innsidh mi sin duit gun dail, bha mo thurus na b’fhaide na turuis chaich; oir bha agam ri dhol do Lochluinn a-Tuath(Norway). Is mise nighean Righ Lochluinn; bhathadh mi nuair a bha mi ’gam fhairigeadh san tir sin; thainig mo chorp gu tir air a’ chladach so shios fodhainn, agus thiodhlaiceadh mi anns an uaigh so. Mar chuimhneachan orm-sa agus mar dhuais duit fhein airson do threun-mhisnich, bheir mi dhuit falachan sonruichte luachmhor, —falbh agus sir, us gheibh thu anns an loch ud thall, clach bheag, chruinn, ghorm; thoir i sin do d’mhac, Coinneach, agus leatha innsidh esan nithean a thachras an deigh an am so.” Rinn i mar a dh’iarradh oirre, fhuair i a’ chlach, agus thug i seachad i do Choinneach a mac. Cha bu luaithe fhuair e a’ chlach na thainig feart na fiosachd thuige, agus sgaoileadh a chliu mar fhiosaiche feadh na ducha. Bhiodh uaislean us islean a’ taghal air agus a’ tighinn thuige air son fiosachd.
Ach tha iomad beulraite eile mu ’n doigh anns an d’fhuair Coinneach a’ chlach. Tha aon ag radh, gun robh e ’na sheirbhiseach aig tuathanach, agus gun robh dium aig bean-an-tuathanaich ris air son a bhriathran beurra, sgeigeil. Air latha sonruichte bha e a’ gearradh moine leis an torraisgein fada bho ’n tigh agus b’eigin an dinneir a chur thuige; chuir bean an tuathanaich puinnsean anns an dinneir gu cur as da. Ach mu n d’ thainig an dinneir shuidh e leigeil analach agus thuit e ’na chadal. Dhiusgeadh e le cabhaig, oir dh’fhairich e rud fuar air a bhroilleach. Chuir e a lamh air, agus fhuair e clach bheag, gheal, agus toll ’na teis-meadhain. Sheall e troimh ’n toll agus chunnaic e sealladh air ais-innleachd na bana-mhaighstir. Thug e an dinneir do ’n chu agus fhuair an cu am bas gu doruinneach.
Tha beulraite eile ag radh gun robh e a’ gearradh moine agus gun do shuidh e gu anail a leigeil a’ feitheamh gus an tigeadh a bhean fein d ’a ionnsuidh leis an dinneir, Thuit e ’na chadal, agus nuair a dhuisg e dh’fhairich e rud cruaidh fa cheann; fhuair e an sin clach bheag chruinn agus toll troimh a meadhon: thog e i agus sheall e troimh an toll; chunnaic e a’ bhean aige fhein a’ tighinn d’ a ionnsuidh le dinneir cabhruich agus bainne, air a puinseanadh, gun fhios di-se, le a bana-mhaighstir. Ach ged a fhuair Coinneach feart na fiosachd leis a’ chloich, chaill e sealladh na sula leis an d’ amhairc e troimh an toll, agus bha e riabh tuilleadh cam, no aonsuileach, an deigh sin.
Thu Aoidh no Uisdean Muillear ag radh, anns an Leabhar aige, “Scenes and Legends. ” “Gun d’thainig a bhana mhaigstir d’a ionnsuidh le dinneir phuinseanaichte; fhuair i e ’na chadal air mullach sithein, agus an aite dhusgadh, chaill i a misneach, dh’fhag i am meadar, no a’ mhias, ri a thaobh agus thill i dhachaidh. Dhuisg esan, ach mun do ghabh e an dineir dh’fhairich e rud cruaidh ’na bhroilleach, chuir e lamh air agus thug e mach clachag chruinn bhoidheach leis an d’fhuair e fios mu’n droch cleas a rinn a bhana-mhaighstir air.
A reir gach raite tha e coltach gun robh a’ chlach ann, agus gun robh Coinneach ’ga cleachdadh gu bhi toirt a chreidsinn air an t-sluagh fiosachd a bhi aige. Chan ’eil sinne a’ creidsinn gun robh feart fiosachd air bith anns a’ chloich, ged a dh’fhaodadh i bhi na cloich mhin, bhoidhich, ghorm-gheil agus toll innte cuideachd, coltach ri clachan boidheach a chunnaic sinn air cladach I-Challum-Chille, agus Eilean Mhuille.
(Tuilleadh.)
FIOS A BALMORAL. —Bha droch cnatan orm do nach d’rinn ni feum gus an d’fheuch miHagyard ’s Pectoral Balsam, agus leighis e mi gu buileach.
ROB MACGUAIRE, Balmoral, Manitoba.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 1. No. 40. p. 4]
CLARSACH AN DOIRE.
Ni iad-san aig a bheil a bheag no mhor de dh’eolas air bardachd Neill ’IcLeoid am Bard Sgiathanach, toileachadh ri chluinntinn gu bheil e’n deigh clo-bhualadh ur de orain a chuir a mach. Thanig an leabhar ur so a mach mu bhliadhn uir fo’n ainn “Clarsach an Doire.” Tha corr us tri fichead us deich orain ann; moran dhiubh cho binn, ceolmhor, sa gheibhear an obair baird sam bith, agus chan eil aon dhiubh nach fhiach a leubhadh uair us uair. Air a cheud taobh-duilleig gheibhear “An gleann san robh mi og” oran an sa bheil e ’g innse na “bha de sholas dhe gach ’seorsa” sa ghleann sin ’sna laithean a dh’fhalbh, agus an caochladh muladach a thanig air.
Bha de sholas dhe gach seors’ ann
’Chumadh oigridh ann am fonn;
Cha robh uisge, muir, no mointeach;
Air an comhdach bho ar bonn;
Ach an diugh tha maor ’us lann
Air gach alltan agus ob;
Chan’n eil saorsa sruth nam beanntan
Anns a ghleann ’san robh mi og
Tha na fardaichean ’n am fasaich,
Far an d’araicheadh na seoid,
Far ’m bu chridheil fuaim an gaire,
Far ’m bu chardheil iad mu’n bhord,
Far am faigheadh coigreach baigh,
Agus anrach bochd a lon;
Ach cha’n fhaigh iad sin ’san am so
Anns a ghleann ’s an robh mi og.
Chaochail maduinn ait ar n-oige
Mar an ceo air bharr nam beann;
Tha ar cairdean ’s ar luchd-eolais
Air ann fogradh bhos ’us thall.
Tha cuid eile dhiu nach gluais
Tha ’n an cadal buan fodh ’n fhod
’Bha gun uaill, gun fhuath, gun antlachd
Anns sa ghleann ’san robh iad og.
Agus tha e ’co-dhunadh an dain le
Mo shoraidh leis gach cuairteig
Leis gach bruachaig agus cos
Mu’n tric an robh mi cluaineis
’N am bhi ’buachailleachd nam bo—
’N uair a thig mo reis gu ’ceann,
Agus feasgar fann mo lo,
B’e mo mhiann a bhi ’s an am sin
Anns a ghleann ’s an robh mi og.
Ann an oran eile da’n ainn “am faigh a Ghailig bas” tha e’g radh,—
Tha moran sluaigh a’m beachd an diugh
Nach eil ar canain slan,
Nach fhad’ a chluinnear fuaim a guth,
Nach teid i ’chaoidh na’s fhearr;
Gu’m bheil an aont’a bh’aic’ air ruith,
Nach tog i ceann gu brath;
’Sa dh’ain leoin buaidh Mhic ’Ille-Dhuibh
Gum faigh a Ghailig bas.
Ach cha’n eil e fhein dhe’n bheachd sin idir agus tha e cur an ceill a dhochas gu’m bi “a chainnt a dh’fhoillsich cliu nam Fiann, ’s an gaisgeadh dian ’s gach cas” beo fad iomadh bliadhna ’s linn ri teachd.
Air reir coltais bha e’ coltach ri baird eile air uair-eigin gu trom ann an gaol. So rann ann sam bheil e ’g innse mar a tha ’n gaol ga fhagail.
Ach ’s eagal leann gu bheil mi cli
’S gu’n deachaidh m’ inntinn cearr,
Cha’n fhaigh mi fois air muir no tir,
Chan eil mi tinn no slan;
’S cha’n eil ach dithis anns an sgir
A bheir dhomh sith gu brath;
’S e ’n darra h-aon dhiubh sin a chill,
No Sine Chalum Bhain.
Tha dealbh an ughdain an toiseach an leabhair, agus a thuilleadh air orain tha aireamh de sgialachdan ann. Am measg chaich tha cunntas ath ghearr air Gilleasbuig Aotrom. Is leabhar e bu mhath leinn fhaicinn an lamhan gach aon d’ar luchd-leubhidh. Tha e air a chuir a mach leArchibald Sinclair, 10 Bothwell Street, Glasgow Scotland. A phris tri tastain us sia sgillinn, (3s. 6d.) leis a phosta.
Cum air falbh tinneas
le bhi gabhail
K D C
Bheir e ’n stamag gu bhi glan. Ni stamag ghlan slan thu.
Sampull a nasgidh gu nach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a this thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 40 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 40. %p |
parent text | Volume 1 |