[121]

[Vol . 1. No. 47. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 15, 1893. No. 47.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Ann an caochladh aitean an New York than sneachda bho cheithir gu sia traighean a dhoimhnead ann sna coilltean.

Ann an aon bhailen Australia, tha e air a mheas gun do chailleadh fiach coig muilleanan deug leis na tuilltean.

Tha Cuirt na Siorramachd na suidhe sa bhaile air an t-seachdain so. Cha do shuidh i cho trath so sa bhliadhna riamh roimhe.

Bha fear Deorsa Brown a mhuinntir Eilean a Phriunnsa air a bhathadh an la roimhe faisg airCape Codfar an robh eg iasgach.

Ranig sia soirbichean-smuide Halifacs air an t-seachdain so luchdichte le luchd-imrich. Bha tri mile ann uile gu leir agus tha tuilleadh a tighinn.

Rinn an soitheach-smuid Stanley a ceud thurus air an earrach so eader Pictou us Charlottetown Di-sathairne sa chaidh, agus tha i nise ruith air an astar sin a a h-uile latha. Than deigh gu ire bhig an deigh an caolas fhagail.

Air an turus mu dheireadh a rinn an St. Pierre eadar Halifacs us Newfoundland, bhuail i ann an soitheach seolidh a thanig na rathad agus rinn i milleadh mor oirre. Cha drinneadh dochann sam bith air a St. Pierre fhein.

Tha luchd riaghlidh Chanada an deigh cordadh a dheanamh ri cuideachd Shasunnach air son soithichean smuide chuir eadar Columbia Bhreatunnach us Australia. Air son na seirbhis so tha iad a dol a dhfhaotinn corr us sia fichead mile dolairsa bhliadhna.

Bha stoirm mhor thairneanach ann air madinn na Sabaid sa chaidh, cho trom sa dhfhairicheadh sa chearna so den eilean o chionn aireamh bhliadhnichean. Bhual an dealanach tigh aig Reserve Mines, agus ghabh e teine, ach fhuaradh a chur as mun drinn e call sam bith.

Tha Uilleam Kirwin, Toronto, Ont., a sgriobhadh: Bha mi gle dhona le droch stamaig, agus dhfheuch mi gach ni air an cuala mi iomradh, gun feum sam bith a dheanamh dhomh, gus an diarr caraide orm K. D. C. a ghabhail. Leighis fiach dolair mi. Cha dfhairich mi cnead a chionn shia miosan, agus molidh mi K. D. C. do na h uile.

Bha stoirm ghabhadh ann an Ontario Oidhche Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh. Bha craobh an us taighean air an leagail, agus bha buird us maidean air an tilgeadh mun cuairt mar na sopan. Cha robh leithid de stoirm an a chionn iomadh bliodhna.

Di-haoine sa chaidh, fhuaireadh iolaire mharbh air an deigh air Amhinn Annapolis. Thomhaiseadh i agus bha i seach traighean us ochd oirlich eadar barr an da sgeith, da throigh us tri oirlich mun cuairt de h-uchd, agus tri traighean us seachd oirlich bhon ghob gu barr an earbuill.

Chaidh duine dam bainm Murchadh MacFhionghain a mharbhadh ann am Meinnean Gardiner Di-mairt. Bha eg obair air gearradh guail nuair a thuit cnap mor air a mhuin a mharbh e. Bu duin og e a mhuinntir Challum-Chille agus cha drinn e ach tighnn don mheinn beagan laithean roimhe so.

Di-luain, am treas latha dhen mhios dheug an t-Urr D. Camaran, sagart Amhinn Bhourgeois, an deigh sarachadh mo fhaighinn le tinneas. Rugadh e am Mabou, agus air dha dhol troimh churs colaisde bha e air a shuidheachadh ma shagart air Amhinn Bhourgeois, farn d shaothrich e gu am a bhais, ’s farn do choisinn e mor meas bho na h-uile.

Feasgar Di-sathairne sa chaidh, dheug an t-Urr. Eachunn MacCuaire, aigLeitches Creek. Bha e na mhinisteir ann a chothional sin o chionn aireamh bliadhnichean, agus bha e ann am mor mheas aig an t-sluagh. O chionn bliadhna no dha dhfhuiling e moran le tinneas, agus e call a radhirc. Rugadh e faisg air Mabou far am bheil aireamh de chairdean da a tamhachd fhathast.

Fhuair sinn fios o Loch Ainslie a thag radh gun deachidh fear Ailean Mac Fhionghain an sas san deigh aig RughIc Isaac, Diluain sa chaidh, agus gun ri chaill e each fiachail a bhaige. Bha e pios math bho thirs bha stoirm mhor ann aig an am air chors nach cluinneadh iad san a bhair tir e g eigheach air son cuideachadh. Bfheudar dha an t-each fhagail bhuaithe ach mun dug e mach tigh bhadha laimh air an reothadh cho donas gu bheil e coltach gun caill e iad.



[122]

[Vol . 1. No. 47. p. 2]

MAC-TALLA.

Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.

A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00

Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhen Mhac-Tallanasgidh.

Se Mac-Tallan aon phaipear Galigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, APRIL 15, 1893.

Tha feill an t-saoghil ri bhi air a fo sgladh air a cheud la dhen ath mhios le Mr Cleveland, ceann-suidhe nan Staitean. Tha moran de nithean annasach ri bhi air an fheill so agus ma theid gach ni gu ceart chan eil teagamh nach i feill is mo greadhnachis a chunnic an saoghal riabh. Tha na tha ri fhaotinn de shliochd Cholumbuis a fagail na seann ducha an duigh gu bhi lathir aig fosgladh na feille, ni a tha gle iomchidh on a thatarga cumail mar chuimhneachan air an sinsear. Tha deich mile de chleasichean air an turus aChinaa dol a shealltinn an cleasan do mhuinntir Americas na Roinn-Eorpa. Tha aireamh de dhEscimos air an larich cheana us baile beag aca air a thogail mar a bhiodh aca nan duthich fhuar, thuathach fhein, agus tha iad a cur seachad an uine air a cheart doigh sa bhiodh iad aig an tigh, ach a mhain nach eil cead aca suibhal sam bith a dheanamh. Tha iad air an cumail, mar gum beadh ann an cro, as nach faod iad a dhol a mach a la no dhoidhche, agus tha iad a fas gle mhi-thoilichte len caramh. Tha mar an ceudna bailtean beaga de dhInnseanich ri bhi ann, ann sam faic gach aon a theidgan amhorc an cleachdidheans an doigh air tighinn beo cho maths ged a chitheadh e iad ann so choille no air a phrarie. Ma bhios an samhradh fabharrach chan urrinn teagamh a bhi nach bi feill an t-saoghil, mun tig i gu crich, lan airidh air an ainm.

Tha aon ni ann a thabagirt milleadh a dheanamh air Feill an t-saoghil, se sin an colera. Than galair sgriosail sin ag ath-bheothachadh ri blaths an earrich agus a togail a cinnan caochladh ait ean air feadh na Roinn-Eorpa. Re an da sheachdain chaidh seachad dheug corr us leth-cheud ann sa Fhraing leatha agus bha corr us dha cheud ann an aon bhaile air am bualadh as ur. Chan eil Ruisia ciubhetas i nas mo, agus tha i mar am ceudna ann a Hamburg. Ma gheibh in lamh an uachdar san Roinn-Eorpa aon uair bidh e gu math duilich a cumail a America.


CUMHA DO DHFHEAR FHARBRAINN.

Is sgith mig amharc an Droma,
Sa bheil luchd nan cul donna fo leon,
Ann am Farbrainn an tuir so
A dhfhag silteach mo shuilean le deoir.
Lot as ur tha migearan.
Do bhas, a Ruari Mhic Alasdir oig;
Bu tu dalta rige Alba,
Bu tu dligheach air Farbrainn le coir.

S ionnadh cridhe bha deurach
Nam dol fotha na greine Diluain.
Aig a chachaileithn de
S an deach na h-eich is na seis a thoirt uaibh,
Shil air suilean do pheidse,
Sud an acaid a leum air gu cruaidh.
Ochs ann ann a bha ghair bhochd
S iadgad thogail air ghairdean an sluaigh.

Nam sgaoileadh nam macibh
Gum biodh uaislagus beachd riut a fas.
Cha bu chubaire gealtach.
Ach fear curamach smachdail thughnath.
Air bhitional bhon tuath dhuit
Cha bann agartach cruaidh mu na mhal;
Bhiodh na bochdan ag eigheach
Gun robh fortan Mhic De dhuit an dan.

Gur a tursach am bannal
A tha ann san turmheallach a tamh;
Tha do bhaintighearn og gallach.
An bhean uasal chuirn fharasda thlath;
Tha do pheathrichean deurach,
S tric an cuailean gun reiteach an drast,
Mur h- ’eil Coinneach rifheudainn,
Theid achoinneal a threigsinn gun smal.

Nam bu daoine len ardan
A bhiodh coireach ri dfhagailsa chill,
Mur a marbhtann am blar thu
Casgadh maslaidh is taire don righ,
Cha neil duine no paisde
Burrinn biodag a shathadh no sgian,
Nach biodh uiiair do thorachd
Eadar Cataobhs caol Ronach nan ian.

Dheireadh leat fir achruadail,
Thig MacCoinnichsa sluagh leat an nall
Thig bho Leodhass h-Earadh,
Cinn-taile, Loch Carunn, ’S Loch-Aills.’
Bu leat armuinn na Comrich
Agus pairt de dhfhir dhonn Innse-Gall.
Mar sud is siol Ghille-Chaluim,
S iad a dioladh na fala gu teann.

(Tuilleadh).


DR . WOODS NORWAY PINE SYRUP.—LeighsidhDr . Woods Norway Pine Syrupcasadich, cnatan, cuing, tuchadh, crup, agus gach uile thinneas tha buailteach don sgamhan, ’s don chliabh. A phris 25s. us 50s. am botull.

Tha gille og ann an Cleveland, Ohio, a mharbh gille eile air son uaireadair us gunna bhaige fhaotinn. Chan eil e ach aona bliadhna deug a dhaois, agus tha e ri bhi san tigh-oibreach fad choig bliadhna fichead.


BURDOCK BLOOD BITTERS

Riaghiltichidh en stamag, an gruans na h-airnean, glanidh en fhuils bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.

LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT.
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.


LEUBH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh, thu cho saor agus cho math aig an tigh.

D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.



[123]

[Vol . 1. No. 47. p. 3]

CAILLEACH NAN CNO AGUS TAILLEAR NAN CLAR.

Bho chionn iomadh bliadhnair ais bha cailleach mhor fhiadhaich a chomhnuidh ann an aon de ghlinn na Gaidhealtachd, aig an robh ainm a bhi comharraichte air buidseachd; agus a bhi ann an lan cho-chomunn ri spioradan dorchan t-saoghail thall. Am measg gach buaidh eile a bha air achaillich, bha gaol mor aice air cnothan. Bhiodh poca chno aice an crochadh air stob faisg air an teine a h-uile lathas abhliadhna, bhon dfhuair in t-ainmcailleach nan cno.” Cha robh each a rachadh le creig, no bo a chailleadh a bainne, no maighdeann a chailleadh a leannan, nach bi cailleach nan cno a rinn sud. Cha robh bodach a rachadh a dhiasgach mur a marbhadh e iasg an latha sin, ma thachair i ris air fhalbh, bi cailleach nan cno a rinn sud. Ach mu dheireadh thall dhfhas cailleach nan cno anabarrach tinn, agus bha e gle choltach gun robh am bas oirre. Agus thug i aithne theann dhacairdean, mas e agus gur em bas a bhann, iad a bhi cinnteach us am poca chno a thiodhlacadh aig a ceann.

S ann mar sin thachair, bha eagal aig a cairdean roimpe beo agus cha robh iad cinnteach aisde marbh; agus a reir a h-aithne chaidh am poca chno a thiodhlacadh aig a ceann. Ach bha gille tapaidh a choinnuidhs an aite aig nach robh moran creidimh ann am feartan na caillich. Agus thuirt e ris fein oidhche dhe na h-oidhcheannan, gum bu bhochd na cnothan math a leigeil a dholaidh aig ceann na caillich. An uair a ghabh an teaglich mu thamhs ann a thog mo bhalach a shluassid air a ghualainns dhfhalbh e a thogail nan cno. Agus mar a bha e teannadh faisg air achladh, co thachair ris ach droch dhuine a bha anns an aite aig an robh ainm a bhin a mheir leach math chaorach, agus thainig iad cho dluth air acheile anns an dorchas nach robh cothrom aig a h-aon aca tarruinn air ais. “Ho lo!” arsa meirleach nan caorach, “Caite an ainm an Aidh abheil thu dol mun am so dhoidhche le do shluasaid? “Caite air bith am bheil mise dol,” arsa gille nan cnotha mi tuigsinn comharraiche math caitebheil thusadol. ’S ann aghoid moilt a tha thu dol.” Agus bho na thachair sinn richeiles gun a h-aon againn air gnothach ro mhath, innsidh mise dhuit far am bheil mi fhin adol. Tha midol a thogail poca chno na caillich, agus ma bheir thusa dhomh-sa dara leth amhoilt a ghoideas tu, bheir mise dhut-sa dara leth nan cno.’ “Cha bhin corr air a chuis,” arsa meirleach nan caorach, “gheibh thu sin.” “Falbh, ma ta,” arsa gille nan cno, “agus fiach am faigh thu molt math, agus suidhidh mise anns achladh atoirt cnac air na cnothan gus an till thu.” Fagaidh sinn a nise meirleach amhoilt agus gille nan cno air ceann an gnothaich fhein agus bheir sinn suil car tiota beag air taillear nan clar. ’S e crioplach a bhan taillear nan clar aig nach robh lughna chasan. Bhiodh clar beag fiodha aige fodh gach bois agus fodh gach gluin, agus air an doigh sin dhfhalbhadh e air a mhagan bho thaigh gu taigh far am biodh taillearachd aige ridheanamh. Agus mar bu tric le taillear a bhi math air innseadh seann sgialachdan, cha robh eadar da cheann na duthcha na bheireada barr air taillear nan clar anns a chuis sin.

(Tuilleadh.)


Tha aon de paipearan na Gaidhealtachd a thoirt thuginn sgeula beag mu eilean Iort a tha mochdadh gu bheil an t-eilein aonranach sin air uairibh cho fad air chull an t-saoghilsa bha e riabh. Bha croitear araidh ag obair air cladach Uibhist air an t-seachdain sa chaidh nuair a chunnic e rud-eigin a snamh air an uisge faisg air. Thug e gu tir am pasg u bhann agus air-dha fhosgladh, fhuair e an sin gu tioram, seasgir, coig litrichean agus coig sgillinnean ruadha, Bha mir de phaipear ann mar an ceudna air an robh sgriobhadh ag iarridh air co air bitha gheibheadh am pasg na litrichean a chur don oifig-phost a bfhaisg air laimh, rud a rinn an croitear coir gun dail. Bha na litrichean gu cairdean ann an Glaschos ann san Eilean Sgiathanach. Cha tug am pasg ach beagan us seachdain eadar Iort us Uibhist astar thri fichead mile.

Bhuail an carbad-iarinn fear Seumas Howley faisg air Sidni, oidhche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh, agus bha e air a mhilleadh cho donas nach robh duil ri e bhi beo gu so. Bhe e air a chuir fo laimh nan dotairean cho luath sa ghabhadh iad faotinn agus len curam tha e dol beagan am feabhas, air chors gu bheil duil ri e bhi fhathast cho slan sa bha e riabh, ged nach urrinn fios a bhi air gum bi a thur fhein aigem feasda tuilleadh. Bhan duine bochd air an daorich aig an am a thachir an sgiorradh dha.

Aig Sussex N. B., Di-sathairne sa chaidh, loisgeadh sabhal le Walter Mac-Monagle, agus chailleadh gach ni a bha na bhroinn. Bha ochd cinn deug cruidh ann, leth cheud tunna feoir, sia ciad buiseal buntata agus aireamh mhor de charbadans de dhinnealan tuathanachiss chaidh iad uile nan smal. Bfhiach an sabhals na bhann sia mile dolair, cha robh airgiod urrais air idir.


Orain Thaghta Albanach,
FACAIL US CEOL.
Tri ficheadsa h-aon deug dhe na h-orain as fhearr ann an leabharsam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh guImrie & Graham, Church and Colborne Sts, Toronto, Can.


Tha teampull ur nam Mormonach aig Salt Lake City a chaidh thogail mar chuimhneachan air Brigham Young, a nise air a chriochnachadh agus bha e air fhosgladh Di-domhnich sa chaidh. Than togalach greadhnach so naoidh fichead traighsa sia ardhfhad, ceithir fichead traigh sa naoidh deug a leud, agus chosd e cor us coig muillean dolair.

CION-CNAMHIDH AIR A LEIGHEAS. —A Dhaoinuaisle, —Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhidh le tri botuill de B. B. B. a ghabhail, agus mholinn e do na h-uile air am bheil an encail cheudna.
MRS . DAVIDSON, Winnipeg, Man.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son dolair gu leth.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[124]

[Vol . 1. No. 47. p. 4]

TURUS-FAIRGE DO AMERICA.

Air a Bhliadha 1856.

Air feasgar Di-Ciaduin acheud la de April chaidh mi air bord luinge dam bainmAn Lunnduinnaig Glascho, a bha gu seoladh as an aite sin gu baile Phictou ann an Albainn Nomha(Nova Scotia), agus mu cheithir uairean samhaduin Diardaoin an 2mh la April thog sinn ar n-acraichean, agus dhfhuasgail sinn bhon chala aig baile Ghlascho; mar sinn dhimich sinn air ar n-aghaidh. Thairngneadh a mach sinn le bata-toite a rinn ar tobhadh a mach gu beul Chluaidh cho fada ri Eilean Arainn. Mu naoidh uairean samhaduin chaidh sinn seachad air Grianaig ach cha do thaoghail sinn aig aphort sin, oir ghabh sinn seachad direach air ar n-aghaidh a Glascho gun stad. Mu cheithir uairean san fheasgar rainig sinn mu choinneamh Eilean Arainn, agus an sin thill am bata-toite air a h-ais. Aig an am so bha sinn am fradharc na creige moire sin ris an abrar Ealasaid aChuain. Bha i na suidhe thall mur coinneamh san airde deas, cosmhuil ri seann chaillichna gurradan air uachdar nan tonn, falt lia-ghlas a sios ma guailnibh, agus ianlaith na mara ri guileag agus sgriachail ma timchioll. Bha neul na h-aoise air a gnuis bhric agus bu leur a bhlath air a h-aogus duaichnidh, gun deachaidh iomadh sion agus stoirm us geamhradh thairis air a ceann. Ghabhadh a h-aois innseadh bho a h-aodunn riabhach, leacach; agus bhon chiad latha a shuidh i sios air uachdar nan tonn ann an dorus Chluaidh, is iomadh linn agus ginealach de chlainn nan daoine chunnaic i agabhail thairis bhon talamh a dhionnsuidh na siorruidheachd.

Nuair thill am bata-toite thog sinn na siuil ris an luing, agus air ball dheirich feochan de ghaoith ghreannaich bhon airden ear-thuath a rinn ar n-iomain a mach gu grad eadar Eirinn agus Maol Chinn-tire. Mu bheul an anmoich bha sinn eadar an da aite so; chaidh mise a laidhe mu dheich uairean; ach an deigh mheadhon-oidhche sheid aghaoth na bu treise, agus mu bhriseadh na faire bha ina greann ghaoith laidir ag at suas na fairgena tonnaibh ceannghlas. A thaobh gun robh i aseideadhnar cul cha robh sinn fada acall seallaidh air fearann agus an ceann cheithir uairean fichead bhon a dhfhag sinn Grianaig, bha sinn corr agus ciad mile an iar bho Eirinn. Nuair a dhuisg mise anns amhaduin Di-haoine bha mi gam thulgadh agusgam thonn-luasgadh bho taobh gu taobh, air mo leabaidh, agus bha mi anabarrach tinn leis an tinneas-mhara. Cha burrain mi biadh sam bith itheadh, do bhrigh gun robh mi diobhairt a h-uile ni a bhanam chom, gu ruig an domblas uaine. Ach mu mheadhon-latha thug an caiptean domh glaine de bhranndaidh agus briosgaid, an deigh sin chaidh mi am feobhas, agus cha dfhairich mi tuilleadh de thinneas-na-marra gus an do rainig mi America. Nuair a dhol mim branndaidh chaidh mi air clar-uachdar na luinge a bheachdachadh air an t-side, agus thug mi suil mun cuairt domh aircuan meam nach nan dronnag,” a bha ag eirigh suasna bheanntaibh liaghlas mu thimchioll na luinge. Bha nfhairgega sloistreadhsga maistreadh troimhe cheile,” rgus air uairibh dheireadh an long air bharr nan croc ceannghlas, ionnus gan robh mullach nan crann abeantainn ris na neoil, air uairibh eile thuiteadh i sios le aon slugadh anns na gleanntaibh dughorm ionnus gun saoilteadh gum buaileadh a sail air an aigeal. Bha aghaoth aseideadh gu cruaidh, sgalanta, bhon ear-thuath, agus mar sin rinn i ar greasad air ar n-adhart a chum na tire ris an robh ar n-aire. Cha robh ni againn ri dheanamh ach ruith roimhn ghaoith agus mar so dhiomaineadh sinn air ar n-adhart.

(Tuilleadh.)

D. B. B.


FAOCHADH US LEIGHEAS. —Dhfheuch miseHagyard ’s Pectoral Balsamair son casadich us cnatan, agus bheir e faochadh dhomh am beagan uairean, agus ni e leigheas cinnteach. Cha bhithinn as aonis idir.
MRS . ALFRED VICE, Berlin, Ont.

A reir coltaissen t-earrach so earrach cho fad air aissa chunnic Manitoba o chionn fhada.


Cha deanar fuil mhath
le droch stamaig Ni
K D C
fuil mhath len stamag a ghlanadhs a thoirt gu riaghilt.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reic nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.’

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”

titleIssue 47
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla I No. 47. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page