[125]

[Vol . 1. No. 48. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 22, 1893. No. 48.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.

Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Bhan t-Onarach Padrig Mitchell, a dol gu New York an latha roimhe, agus air an rathad thugadh sia fichead dolair as a phocaid.

Bha crith-thalmhinn mhor Di-luain sa chaidh ann an Zante, eilean beag a bhuinneas don Ghreig. Rinneadh milleadh mor air taighean, bha na bailtean cha mhor gu buileach air am tilgeadh bun os cionn, agus chaidh aireamh mhor sluaigh a mharbhadhs a leonadh.

Chaidh duin og dam bainm Seumas McGaughey a bhathadh an la roimhe ann an loch uisge an Eilean a Phriunnsa. Bha e fhein us gilleile an deigh tunnag a mharbhadh air an loch, agus nuair a dhfheuch iad riglacadh bhrist, an deigh fopa agus chaidh McGaughey a bhathadh.

Bha Padrig Haley seann duine ann am Montreal ag aire corp a mhna an oidhche roimhe, nuair a ghreimich an teine bho na coinnlein air an aodach a bha mun chiste-laidhe. Thoisich e air an teine chuir as, ach mhuch an ceo e, agus mun dranig cuideachadh bha e air a losgadh gu bas.

Bha stoirmeannan gabhidh anns na Staitean an iar air an t-seachdain sa chaidh. Bha moran bhailtean air an sguabadh air falbh, aireamh mhor sluaigh air am marbhadh, agus fiach moran airgid air a mhilleadh. Di-mairt sa chaidh, thanig cuairt-ghaoth air baile Chourdrey a mharbh seachdnar dhaoine agus a leon moran eile.

Tha sgeul iongatach a tighinn thuginn a Ontario. Bha bean dam bainm Boyer air an danig bas athghearr air a sineadh a mach deiseil gu bhi air a h-adhlacadh ann an cearn iomallach den duthich. Beagan uairean roimhn am a bha i gu bhi air a giulain air falbh, dheirich i gu grad as a chiste-laidhes choisich i air falbh. Tha in diugh gun chnead tinneis oirre, cho slans cho fallain ri bean san duthich.

Tha Uilleam Kirwin, Toronto, Ont., a sgriobhadh: Bha mi gle dhona le droch stamaig, agus dhfheuch mi gach ni air an cuala mi iomradh, gun feum sam bith a dheanamh dhomh, gus an diarr caraide orm K. D. C. aghabhail. Leighis fiach dolair mi. Cha dfhairich mi cnead a chionn shia miosan, agus molidh mi K. D. C. do na h uile.

Chan eil dithis righrean san Roinn-Eorpa no ma dhfhaoidte air an t-saoghal aig a bheil cumhachd cho mor os cionn an cuid iochdaransa tha aig Sultan na Tuirces aig Sar Ruisia. Chan eil aona chuid beatha no cuid duine sam bith tearuinte sna duchannan sin ma dhuisgear fearg an impire na aghidh. Tha moran de dhiochdarain an t-sultain nan traillean aige, agus tha moran de dhiochdarain an t-sair air an caradh nas miosa na bha traillean riabh. Ma tha e comasach do dhuine bhi air a dheanamh sona leleor dhe thoil fhein a thoirt da air math no olc a dheanamh, bu choir dan t-sultans don t-sar a bhi cho sonasa than latha cho fad. Ach an aite sins ann a tha iad le cheile fo eagal am beatha a h-uile latha dheireas iad. Chan eil seachdain a dol seachad gun sgeul ur a thighinn thar a chuain mu cheannairc eigin a rinneadh no dhfheucheadh ri dheanamh nan aghidh. Tha na nihilich ann an Ruisia cho laidirs cho cealgach sa bha iad riabh, agus an drasda sa rithist a nochdadh don t-sar nach eil iad idirga leigeil air di-chuimhn’. Air don t-sar a bhi na suidhe san luchairt-rioghail an la roimhe, thog e leabhar-dhealbhan, agus de cheud dealbh a chunnic e ann ach dealbh aon den fheadhinn a mhurt athair! Rinn na maoir gach rannsachadh a burrinn daibh a dheanamh mun chuis, ach sguir iad mar a thoisich iad, gun fhios ciamar a fhuair an dealbh don leabhar no co chuir ann i. Air leinn gu bheil beathan t-sair bhochd an crochadh air snathain gle chaol.

Chaidh sia taighean a chur nan teine am Brooklyn Di-luain sa chaidh, ’s cha robh fhios ciod a bhag an aobharachadh. Ach ma dheireadh fhuaireadh a mach gum b e gille beag, deich bliadhna dhaois, a bha ris an olc. Nuair a rugadh air thuirt e gu robh ega dheanamh air ghaol a bhi cluinntinn nan clag a bualadh air feadh a bhaile.


BAIS

Aig Seann Rathad Louisburg, April an 7mh la Carastiona, bean DhomhillIc Cuish, 77 bliadhna dhaois.

AigLeitche ’s Creek, April6mh la, Seonaid bantrach Aonghais Peutain, 89 bliadhna dhaois.

AigJamesville , April6mh, Ealasaid bean NeillIc Neill 33 bliadhna dhaois.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son dolair gu leth.



[126]

[Vol . 1. No. 48. p. 2]

MAC-TALLA.

Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.

A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00

Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhen Mhac-Tallanasgidh.

Se Mac-Tallan aon phaipear Galigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, APRIL 22, 1893.

Tha e gle choltach nach eil na h-eileanan Hawaiach ri bhi air an aonadh ris na Staitean idir. Nam biodh an t-srianan laimh Harrison fhathast, chan eil teagamh nach biodh an t-aonadh air a dheanamh roimhe so, ach tha barail eile aig Cleveland air a chuis. Bha bratach nan Staitean a snamh os cionn Hawaii riabh on a chaidh a bhanrigh a chuir bharr na cathrach agus bha geard de sheoladairean Geancach a dion na feadhnach a bha gabhail orra fhein a bhi riaghladh nan eileanan. Le ordugh Chleveland bha a bhratach air a toirt a nuas an latha roimhe, agus chaidh na seoladairean a chuir air bord nan longan cogidh. Tha iad-san a thug an crun bhon bhan-righ mar sin air am fagail leotha fhein agus chan eil ri fhaicinn a nise ach am bheil na h-eileanich comasach air na coigrich a chuir a dreuchd.

Than cath mu fhein-riaghladh Eirinn a dol air adhart. Tha Gladstone a cur roimhe gum bi fein riaghladh air a thoirt do na h-Eirionnich air a h-uile cor, agus tha iad-san a tha na aghidhsa pharlamaid a feuchinn ris gach bacail as urrinn daibh a chuir air, an dochas gun deid acair inntinn an t-sluaigh a thionndadh na aghidh. Tha moran dhen t-sluagh ro-fhada na aghidh ceana, ’s chan eil cearna dhen rioghachd anns a bheil sin air anochdadh cho morsa tha e ann an ceann a tuath Eirinn fhein; than sluagh ann an sin a cur rompa nach bi a dhoigh fhein aig Gladstone mas urrinn daibh-san a chumail uaithe. Tha da mhile dheug duine a Ulster a dol gu Sassinn a chuir an guth air beulaobh na parlamaid an aghidh Gladstone, oirsem barail-san nach bi fein-riaghladh idir a chum math na h-Eirinn, agus gu h-aridh a chum math Ulster. Tha Gladstone gle threum agus foghainteach de sheann duine ach cuiridh e feum air a nearts air a threuntas uile mun deid aige air fein-riaghladh a thoirt do na h-Eirionnich.


LITIR A EILEAN A PHRIUNSA.

A MHIC-TALLA, —Tha iomradh agad ga thobhairt bho am gu am air muinntir a tha tighinn gu aois mhoir ann an Ceap Breatuinn, ’s ann an aitean eile. Tha e taitneach a bhi cluinntinn mu thimchioll nan seana Ghaidheil a thainig don duthaich so iomadh bliadhna air aiss a tha lathair fathasd. Dhfhaodadh e bhi ann a firinn air a radh mun tiomchioll gun doghiulain iad ualach agus teas an latha.” Chunnaic iad caochladh mor air an tiron latha thainig iad innte. ’S tha iad a nise fagus do dhol as an t-sealeadh. Tha iad mar thinnean(links)a tha ceangal an linn a tha lathair ris an linn a dhfhalbh. Iad coltach ris na craobhan mora a babhaist dar n athraichean fhagail nan seasamh anns na raointean. Na craobhan eile, a bha fas suas maile riu, air an gearradh sios, ’s a nise gach doinionn a tha seideadh, a spionadh aon an deigh aon diu a buns gan leagadh iosal ris an lar.

Thug an geamhradh a chaidh seachad aireamh mhor den sheann mhuinntir air falbh as an sgire somuinntir a bha iomchuidh nan giulain agus measail aig cairdeans aig luchd-eolais. Bann diu so Aonghas Domhnullach (Aonghas Mac-Iainic Raonaill) a thainig a Gleann Uiges an Eilean Sgiathanach, Iain MacLeoid a mhuintir Rona eilean a tha faisg air an Eilean Sgiathanach, Tormaid Caimbeul a sgire Phort-righ. Domhnull MacLeoid, a thainig a Sgripidal an Raasai. Catrina Ghillis a bha posda aig Iain MacLeoid, (Iain Sheorais a Torran), an Raasai. Agus Bantrach DhomhnuillIc Mhathain. Bu nighean ise do Iain McLeoid a bhan Clachan Raasai. Tha iad uile air triall, ’s chan eil ach aireamh bheag dhen co-aoisean air am fagail nan deigh. A measg na dhfhagadh fathast tha bean choir a tha anns a choimhearsnachd agam. Tha i mun cuairt air ceithir fichead bliadhnasa dha dheug a dhaois. Rugadh isan Lealt, Taobh-Shoir an Eilean Sgiathanaich. Bha i sia bliadhna ann an tigh Mr. Calum an Ceansaleire, nuair bha i na caileig oig. Bainm dhi Aighrig Nic a Phearsain. Bha i posda aig Ruairidh Mac-an-Toisich a gleann Shealteina thainig iad don duthaich so anns a bliadhna 1830. Tha i na bantraich bho chionn iomadh bliadhna. Tha a cuimhnes buadhan eile a h-intinn a seasamh dhi gu ro mhath. Anns an t-shamhradh cha tric a h-aite falamh anns an eagleis, oir is taitneach leatha bhi cluintinn muntir a tha cian fad as.”

Tuigidh cuid de shean-luchd-leughaidh a MHAC TALLA ann anCapeBreatuinn co iad mun dthug mi an t-iomradh goirid so agus bheir e n tim a bhann bho shean nan cuimhne.

S mise do charaid,
C. C.

Strathalba, P. E. I., An Giblin 15mh93.


Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri ficheadsa h-aon deug dhe na h-orain as fhearr ann an lebaharsam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh guImrie & Graham, Church and Colborne Sts Toronto, Can.


DR. WOODS Norway Pine Syrup.

Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.

LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN

Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBHs an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air easadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.

A Phris 25c. us 50c. am botull.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.


LEUBH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh

D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.



[127]

[Vol . 1. No. 48. p. 3]

TURUS-FAIRGE DO AMERICA.

Air a Bhliadha 1846.

Mhair aghaoth aseideadh as an aon airde, bho n ear-thuath, gus an deicheamh latha den mhios April, an sin thainig ciuine mhor, agus sheas an long air Di-haoine. Bha sinn aig an am sin am fagus don Tir-Nomha, a cheud fhearann air an tigeamaid de America tuath. An ceann beagan uairean thionndaidh aghaoth ris an iar-thuath, agus thoisich i air seideadhnar n aghaidh. An sin dheirich gu h-obunn stoirm ghailbheach, anrathach, a chuir gach duine san luingnan cabhaig. Nuair a bha e adluthachadh ri meadhon-oidhche, dhat an fhairge suasna beanntaibh, agus thoisich an long ri luasgadh air bharraibh nan tonn. Bha an cuan aslachdraich ri taobhan na luinge, agus thainig aon tonn aintheasach, gailbheach, agus bhuail e i air a deireadh, thug e oirre breab a thoirt cosmhuil ri each meamnach; thilgeadh bun os ceann na cisteachan anns an robh mo leabhraichean agus maodach, maille ris gach ni a bha ann an seomar na luinge, agus thaomadh a mach gach ni o bha ann am ciste nan cungaidhean-leighis, a bhuineadh don Chaiptean, ionnus gun robh cuid de na soireachan-leighis air am bristeadh, agus gach ni a bha annta air a chall. Shaoil leam gun do bhrist an tonn gailbheach so a stigh troimh chliathaich an t-soithich agus gum bitheamaid an grunnd a chuain a thiota. Dheigh mi ris an Tighearna air son trocair, gun teasairgeadh e sinn bhon chunnart anns an robh sinn. Cha tig an latha a dhiochuimhnicheas mi an clisgeadh a chuireadh orm leis an tonn aintheasach ud a bhuail air an luing. Dheigh an Caiptean amach ris gach aon a bhi air clar uachdar na luinge; c[ ? ]idh gach seoladair, us cocaire, us stuibhard, a ghairm a mach gu cobhair a dheanamh an am na h-eigin; chaidh gach duinena chabhaig agus gach laimh nan tarruing; agus an tiota beag leag iad na siuil mhullaich us mheadhoin, us rinn iad am pasgadh ris na crainn. Cha dfhag iad sgod no breid gun tarruing a stigh, agus cha robh ri fhaicinn ach na crainn ruisgtenan seasamh. Nuair thug iad a nuas na siuil, dhiomaineadh an long, agus bha i gu mor air a luasgadh thuige agus bhuaithe leis an doininn. Bhuanaich sinn anns achor so gu briseadh na faire. Air tus bha eagal cho mor orm agus nach burrainn mi dol a chadall; ach an deigh mheadhan oidhche, nuair a chuireadh an long air doigh, ghabh mi misneach gu dol am shineadh san leabaidh agus an sin thuit mi thairis ann am chadal Thiomainn mi suas mo spiorad ann an lamhan an Tighearna, agus an uair a dhuisg mi samhaduin, thug mi buidheachas do Righ nan Dul, a chion gun robh sinn fathast sabhailte, agus gun dthug e gu tearuinte sinn bho ghabhadh na h-oidhche gu solus aobhach na maidne. An sin dheirich mi suas le subhachas, dhith mi biadh, agus ghlac mi misneach. Bi so a chiad stoirm uamhasach anns an robh mi air fairge, agus mar sin chuir i am barachd eagail orm. Ach cha robh anns an stoirm so ach toiseach ar n-anraidh oir mhair aghaoth aseideadh bhon iar thuath re tri seachdainean iomlan; bha sinn air ar luasgadh a null agus a nall leatha fad na h-uine sin, air na h-Oitiribh Mora aig an Tir-Nomha(Banks of Newfoundland); agus bha sia no seachd a dhoidhchibh againn na bu stoirmeile na an oidhche ud. Air Di-Sathurna an 25mh laAprilbha stoirm uamhasach aseideadhnar n-aghaidh. Chiteadh an fhairge abochadh suasna beanntaibh arda, agus nuair a bhiodh an long anns na glinn eadar na tuinn, chiteadh na stuadhan mora liaghlas an crochadh gu h ard os ar ceann, a bagairt taomadh a nuas oirnn gu grad, gus an long a chur fodha. Cha burrainn duine a chasan a chumail air achlar-uachdair, ach bha gach neach a tuisleachadh mar duine air mhisg. Chunnaic sin air an latha sin mill mhora, agus beanntan arda, ris an abrar cruachan-deigh cosmhuil ri Cruach-Rainneach no Beinn-chruachan, ’nan suidhe marEalasaid aChuainair na tuinn, asnamh air uachdar na fairge, ach cha deachaidh sinn am fagus dorbh, bhrigh gun robh solus an latha againn chum an seachnadh.

D. B. B.

(Tuilleadh.)


CUMHA DO DHFHEAR FHARBRAINN.

S leat na Gordonich rioghail,
S iad nach soradh am fion mu do champ,
Is gun seasadh iad rioghail
Gus an cailleadh iad direach an ceann;
Clann-an-Toisich nam pic leat,
Bha iad crosdanuair shineadh iad lann;
S mur deach stad air no cluimhne
Thigeadh brod Chlann Mhic-Aoidh leat annall.

Sud na fearibh a dheireadh,
Nan digeadh ort eiginn no cas,
Clann-Mhic-Eachinn an rolais,
Bha iad bras ann an toiseachadh blair
Bhiodh da thaobh Locha-Braoin leat,
S ged a bhitheadh cho bioghnadh leam e,
Thig a Choigeach bho Asinn
Gu do chomhnadh fhir ghasda gun sgath.

Nis bhon dhfhagadhsa chruidsthu
Cha n-fhaic sinne do ghnuis am measg sloigh;
Bu leat abhachd na duthcha
Nuair a shuidheadh gam cuis mar bu choirr.
Bu leat Monair gu Fidhach,
Agus Conainn ga iasgach, a sheoird;
Oidhche-Challainn nam baill leat,
Thigeadh bradan bhon Ainich gu dbhord.

Righ, gur mise tha tursach
Is beag maighears mo shunnd ris a cheol,
S mi gun duine mun cuairt dhomh
Ris an gearain mi cruadal mo sgeoil.
Tha mo choill air a maoladh
Gus an cinnich na maotharain og
S nam bu toileach le Dia e
Na ma fad gus an lion iad do chot.

Cha n- ’eil feum anns amhulad,
Mo chreach leir! cha do bhuidhinn sinn bonn.
S ann is eiginn dhuinnfhulang,
Ged a chuidhtich gach duine dhium fonn
Mar na coilltichean connaidh
Than cuid shaighdean a pronnadh nan sonn:
Sgith mig amharc an droma
Sa bheil luchd nan cul donna gu trom.


DR . WOODS NORWAY PINE SYRUP.—LeighsidhDr . Woods Norway Pine Syrupcasadich, cnatan, cuing, tuchadh, crup, agus gach uile thinneas tha buailteach don sgamhan, ’s don chliabh. A phris 25s. us 50s. am botull.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[128]

[Vol . 1. No. 48. p. 4]

CAILLEACH NAN CNO AGUS TAILLEAR NAN CLAR.

Thachair dha bhig obair an oidhche air am bheil sinn abruidhinn ann an taigh nach robh air tri-fichead slat bho dhorus achlaidh. Agus mar a babhaist, bhan taigh lan de luchd ceilidh. Taillear nan clar ag cur dheth mu gach buidseachd, taibhse, agus sitheach a bha agus nach robh ann. Mu dheireadh thall bhuail am pathadh a h-aon don chuideached, ach cha do thachair gun robh boinne uisge stigh. Ach bha gille tapaidhs achuideachd a thairg dol don tobar. Bhan tobar mu leth-dusan slat bho dhorus achlaidh. Agusn uair a bhan gille teannadh faisg air an tobar chual e cnog a cnagadh. Sheas e, ’s dheisd e; chual en ath chnog a cnagadh; ma chuala cha robh feum air achorr dearbhaidh. Thug e na buinn dhi dhachaidh, anailna uchd, ’s a dha shuil an impis leum a mach as a cheann leis an eagal; agus bhoidichus bhriathraich e gun robh achailleachna suidhes achladh agus fead aicair cagnadh nan cno. “Pu,” arsa fear thall, ’s fear a bhos, “chaneil annad ach an gealltair bochd.” “Thoir dhomh-sachuinneag,” arsa gille maol ruadh a bhan a shuidhe ann an oisinn. Dhfhalbh an gille ruadh le coltas fearail air. Ach mar a thachair don chiad fhear, ’n uair a bha eteannadh faisg air an tobar, chual e cnog a bristeadh. Thog echluass dheisd e; chual en ath chnog a cnagadh; ma chuala, cha robh feum air tuilleadh dearbhaidh. Thill an gille ruadh dhachaidh tioram, agus mhionnaich e air gach cumhachhd, ardus iosal, nach robh aicheadh air achuis, gun robh i ann gun teagamh.

Ma ta,” arsa taillear nan clar, “s iomadh cearn den t-saoghals an robh mi, ach cha do thachair mi riamh ri lan taighe de ghealltairean coltach ribh. Nam biodh comas mo chas agam, mar nacheil, bheirinn lan na cuinneig as an tobar ge do bhiodh h-uile cailleachs achladh ag cagnadh chno.”

Ma ta,” aras gile mor dubh a bha thall muchoinneamhbheir mise leam air mo mhuin thu.” “So ma ta,” arsan taillear, “tog leat mi.” Rug an taillear gu teann air achuinneigna dhorns dhfhalbh an gille mor leis air a dhruim. Agus mar a thachair do chach, mar a bha iad ateannadh faisg air an tobar chual iad cnog a cnagadh. An cuala tu sud?” arsan gille mor, “chuala mi,” arsan taillear, “chaneil sud cneasda mun am so dhoidhche.” “An teid mi air maghaidh leat?” arsan gille. “Theid,” arsan tailleir, “ach cum samhach.” Chuala iad an ath chnog a bristeadh. “An cuala tu sud?” arsan gille mor. “Chuala,” arsan taillear,” “na mheal mi mo shlainte mureil eagal orm gum bheil i ann.” Bha nise gille nan cno agabhail fadachd nach robh a charaid fear amhoilt atighinn, agus dheirich en a sheasamh dhfheuch am faiceadh e tilleadh e; agusn uair a chunnaic en gille mor a teannadh air agus taillear nan clar aig air a mhuin cho-dhuin e air ball gum be meirleach amhoilt a bhann. Agus le guth laidir, fallain, dheibh e, “Am bheil e reamhar?’

Reamhar no caol e, arsan gille mor, “sud agad e.” Agus aig an am cheudna etoirt na tulgaid ud do thaillear nan clar a steach don chladh. Thug an gille mor na buinn dhi agus leig e le taillear nan clar a bhi deanamh air a shon fhein.

Mu dheireadh thall rainig taillear nan clar dhachaidh gun chuinneig, gun uisge, air a chomhdach le pollus eabar, agus mar a thachair do iomadh neach a tha laidir na mbeachd fhein, cha robh taillear nan clar idir cho gaisgeil atilleadhs a bha efalbh. —Clarsach an Doire.
CION-CNAMHIDH AIR A LEIGHEAS. —A Dhaoinuaisle, —Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhaidh le tri botuill de B. B. B. a ghabhail, agus mholinn e do na h-uile air am bheil an encail cheudna.
MRS . DAVIDSON, Winnipeg, Man.

Tha Sir Tearlach Tupper air an leabaidh am Paris tinn leis aghrippe. Chan eil e comasach air a sheomar-leape fhagail no guothuch sam bith a ghabhail ri ni a chuireadh dragh air.


Cha deanar fuil mhath
le droch stamaig Ni
K D C
fuil mhath len stamag a ghlanadhs a thoirt gu riaghilt.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paiper so.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reic nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.’

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 48
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla I No. 48. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page