[129]

[Vol . 1. No. 49. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 29, 1893. No. 49.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Tha Dr. Harrington anSt . Andrew’ sN. B. air a chuir don phriosan fad shia miosan air son mionnan eithich a thug e aig cuirt far an robh iad a feuchinn duine a bhi reic deoch-laidir.

Feasgar Di-ciadinn sa chaidh thanig stoirm shneachda cho doirbh sa thanig fad a gheamhridh. Thuit meall math sneachda agus tha na roidean ann an aitean cha mhor air an dunadh.

Tha luchd-imrich on Roinn-Eorpa a sior ruigheachd Halifax. Re nan deich laithean a chaidh seachad chuireadh da mhile dhiubh air tir. Bha fiach seachd ceud mile dolair de dhimrich aig na thanig gu Manitoba air a bhliadhna so.

Air an treas latha deug dhen mhios so, chaidh tigh-comhuidh le Domhnull Camaran, (Domhnull Mor), faisg air Mabou, a losgadh gu lar. Bhan teinen deigh faighinn gu math air adhart mun dthugadh fanear e agus cha robh ach gle bheag dhe na bhanns an tigh air a shabhaladh.

Bhan t-Urr Eoghan MacLeoid, D. D., ceithir fichead bliadhnasa deich air la na sabaid sa chaidh. Rugadh e air an treas latha fichead de dhApril sa bliadhna 1803. Ged a fhuair an Dotair coir moran sarachidh le tinneas o chionn iomadh bliadhna, tha uile bhuadhan inntinn cho geurs cho laidir sa bha iad riabh.

Tha chuirt aig an Dr. Buchanan seachad agus than duine truagh air fhaotinn ciontach. Bhanjuryair an dunadhsan rum fad dheich uairean fichead no corr mun do chord iad air de bhreith a a bheireadh iad air, ach fa-dheoigh thug iad a mach gu robh iadga fhaotinn ciontach. Chan eil fhios fhathast co dhiu bheirear a mach binn crochidh air na nach toir.

O chionn corr us mios, than t-side anabarrach tioram air Gaidhealtachd na h-Alba, nas tiorma na tha cunntas air e bhi bliadhna riabh roimhe. Bhan t-earrachsna bliadhnichean 1887, us 1891 anabarrach tioram, ach than t-earrach so a toirt barr orra. Than tiormachd so gle fhabharrach do na tuathanichsan t-seann duthich; tha e cumail an fheoir air ais, ach tha gach barr eilecinneachadh fas gu math.

Oidhche Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh, bhambilla tha dol a thoirt fein-riaghladh do dhEirinn air a leughadh an darra uair. Than darra leughadh a cuir aonta Tigh nan Cummantach ris, ach faodidh atharrachadh mor a bhi air a dheanamh air mun tigo gu bhi na lagh. Tha aireamh mhath dhe na fir-pharlamaid a tha air taobh a buill deonach air Ulster fhagail fo riaghladh na Parlamaid Bhreatunnach mar a tha ea drasda, on a tha sluagh na mor-roinn sin a nochdadh gu soilleir nach eil fein-riaghladh a dhith orra. Ach ged a rachadh am bill troimh Thigh nan Cummantach gun atharrachadh sam bith a dheanamh air, is cinnteach an ni gum bi e air a dheagh chonablachadh mun teid e troimh Thigh nam Morairean; agus tha e cheart cho docha nach fhaigh e troimhe idir, oir tha uaislean an taighe sin a leigeil ris cheana nach eil gradh sam bith aca dha. Ma thilgeas iad a mach am bill sgaoilidh Gladstone a pharlamaid agus bheir e a chuis aon uair eile fa chomhair sluagh na rioghachd. Ma bheir iad-san barrantas ur dha a dhol air adhart theid aig air buaidh a thoirt air na morairean agus bidh a dhoigh fhein aige gun taing dhaibh; ach mas ann a bheir an sluagh a mach a bhinn na aghidh, bidh Eirinn cho fada bho fhein-riaghladhsa bha i riabh.

ThaBhan-Diuc Shutharlanach an drasda sa phriosan. Bha paipearan araidh a bhuineadh don oighreachd air an toirt di rin leughadh le ordugh na curtach. Bha na paipearan sinn gle luachmhor an sealladh an lagha, ach a reir coltais bha fear dhuibh nach robh gle fhabharach don Bhan-Diuc, oir chan fhacas ni leatha biomchuidhe na chuir don ghriosich. Tha aicenise ri dioladh air son an deanadis sin le bhi air a dunadhsa phriosan fad shia seachdainean a thuilleadh air da cheud gu leth punnd Sasunnach a phaidheadh mar chain.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son dolair gu leth.


Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri ficheadsa h-aon deug dhe na h-orain as fhearr ann an lebaharsam bheil 64 taobh-duilleaig air son 25c. Sgriobh guImrie & Graham, Church and Colbourne Sts, Toronto, Can.



[130]

[Vol . 1. No. 49. p. 2]

MAC-TALLA.

Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.

A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00

Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhen Mhac-Tallanasgidh.

Se Mac-Tallan aon phaipear Galigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, APRIL 29, 1893.

Nuair a thig tri aireamhan eile mach bidh am MAC-TALLA bliadhna dhaois. Nuair a thanig a cheud aireamh dheth a mach cha robh aige ach grunnan gle bheag de chairdean, agus bha iomadh aon ag raitinn nach robh saoghal fada ri bhi aige mo rud coltach ris. Tha moran ann a their an ni ceudnan diugh, ach tha lan dhochas aginn gum bi iad air am mealladh. Chan urrinn dhuinn a chreidsinn gu bheil na Gaidhil cho coma dhen canains gun leig iad bas an aon phaipear Gailig a tha air an taobh so dhen chuan.

Bhitheamid gle dheonach fhaotinn a mach am biodh ar luchd-leughidh toileach dolar a phaidheadh air son a MHAC-TALLA nam meudicheamid e gu bhi dha uireadsa tha en drasda no dhfhaoidte beagan nas mo na sin. Bheireadh so dhuinn cothrom air am paipear a dheanamh na bfhearr air gach doigh na tha en drasd, agus chan eil teagamh aginn nach bfhiach e an dolar pailt cho math no nas fhearr nas fhiach en leth dolar mar a tha e. Bidh sinn an comain neach sam bith a sgriobhas thuginn agus a bheir dhuinn a bharail.


CION-CNAMHIDH AIR A LEIGHEAS. —A Dhaoinuaisle, —Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhidh le tri botuill de B. B. B. a ghabhail, agus mholinn e do na h-uile air am bheil an encail cheudna.
MRS . DAVIDSON, Winnipeg, Man.

Fhuaireadh duine bochd dam bainm Coinneach Siosal marbh anns a choille faisg airGrand Riveran la roimhe.


POSAIDHEAN.

Aig Boston, April 15mh, leis an Urr S. Gunn. Domhnull Mac Fhionghain, Portland, Maine, ri Catriona Nic Gilleain, Ceap Mabou.


BAIS

Air Taobh an Iar Amhinn Shidni, air a cheathramh latha deug de dhApril, Ruairidh MacIllinnean, tri fichead bliadhna sa h-aon a dhaois.

Aig LochIc Gilliosa, April 15mh, Ailein Domhnullach, tri fichead bliadhnas ochd deug a dhaois.


FHIR-DEASACHAIDHCha ruig mi leas a radh gun robh mi gle thoilichta chiad uair a chunnaic mi MAC-TALLA, agus cha-neil seachdainn nach eil fadachd orm gus am faigh mi e. Am faod mi fhoighneachd am bitheadh e freagarrach dhuibh beagan naidheachd a thoirt dhuinn gach seachduinn mu dheibhinn na Gaidhlig ann an Canada. Bhitheadh na Gaidheil anns abhaile mhor so gle thoilichta chluinntinn gum beil sibh acumail suas canain ar sinnsear ann bhur duthaich fein. Nan sgriobhadh bhur luchd-leughadh iomradh ghoirid gu MAC-TALLA mu dheibhinn na Gaidhlig nan cearn fein, bheireadh e misneach do na h-uile neach a tha stri ri bhiga cumail suas agus chuireadh e MAC-TALLA anns an aites am bu choir dha a bhi, os cionn na h-uile paipeir Beurla. ’S e mo bheachd gum bu choir do na Gaidheil oidhirp laidir a dhianamh airson aGhaidhlig a bhi air a teagasg anns na sgoilibh anns gach cearn, far am beil cloinn Ghaidhealach. Tha aGhaidhligna comharradh cinnteach gum beil clann nan Gaidheal fathast beo, agus nuair a gheibh i bas, gheibh clann nan Gaidheal bas aig an am cheudna. Cha-neil i an deigh galar a bais a ghabhail fathast, tha i beo, slan, fallain, agus carson nach faigheadh i an ceartas a tha canain eilefaotainn le bhiga teagasg anns na sgoilibh. Cha robh riamh meas cho mor oirreus a tha aig an am so, agusse so an t-am bu choir dhi a bhi air a steidheachadh gu brath. Ach feumaidh sinn toiseachadh leis na sgoilibh, cuimhnicheamaid an sean-fhacalAn leanabh nach foghluim thu ri do ghlun, cha.n fhoghluim thu ri do chluais.” Buaidh agus piseach le MAC-TALLA agus leibh fein.

Is mise gu dileas,
LAMH LAIDIR.

LUNNUINN, April 15mh, 1893.


So mar a tha muinntir Hawaii an roinn a taobh aonadh nan eileanan ris na Staitean. Than aghidh an aonidh da fhichead mile de na naisinnich aig a bheil deag fhoghlum agus a tha gle thuigseach mu chuisean na rioghachd. Agus chan eil ag iarridh an aonidh ach mu dha mhile dhen t-sluagh agus is Geancach gach mac mathar dhuibh sin! Den t-ioghnadh ged a bheireadh Cleveland a nuas bratach nan Staitean, ’s ged-a bheireadh e air falbh na saighdearan mara a bha geard nan riaghladairean ura? Ma bha ceartas idir na bheachd, cha burrinn da ni sam bith eile dheanamh.

Tha Uilleam Kirwin, Toronto, Ont., a sgriobhadh: Bha mi gle dhona le droch stamaig, agus dhfheuch mi gach ni air an cuala mi iomradh, gun feum sam bith a dheanamh dhomh, gus an diarr caraide orm K. D. C. aghabhail. Leighis fiach dolair mi. Cha dfhairich mi cnead a chionn shia miosan, agus molidh mi K. D. C. do na h-uile.


BURDOCK BLOOD BITTERS

Riaghiltichidh en stamag, an gruans na h-airnean, glanidh en fhuils bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.

LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT,
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.


LEUBH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh

D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.



[131]

[Vol . 1. No. 49. p. 3]

TURUS-FAIRGE DO AMERICA.

Air a Bhliadha 1846.

Bha cunnart ann nam buaileadh an long air aon de na cruachan-deigh; dheanadh iad a cur as a cheilesa sgealbaibh ann am prioba na sula. Ach chaidh sinn tearuinte seachad air a chunnart so, oir bha an Tighearna grasmhor dhuinn. Air Diardaoin an 30mh la April sguir a ghaoth bhon iar thuath do sheideadh, agus thionndaidh i ris an iar dheas. Bha sinn aig an am sin a mach air culaobh Cheap-Breatuinn, agus bha aghaoth an iardheas ro fhabharach dhuinn, do bhrigh gun robh sinn a los seoladh timchioll air ceann tuath an Eilein sin, oir fhuair sinn fios bho longan ris an do choinnich sinn, gun robh Caolas Chanso lan deighe, ged a bha sinn arunachadh an toiseach seoladh triomhn Chaol. Beigin duinn uime sin tionndadh mun cuairt ris an airde tuath; ach bha a nise cunnart eile am fagus duinn, oir air an oidhche sin fhuair sinn fios gun robh an deigh romhainn, agus nach robh i fada bhuainn. Thionndaidh sinn mun cuairt an long le cabhaig agus pill sinn air ar cursa. An sia thug sinn a nuas na siuil agus stad sinn, re na h-oidhche anns an aite sin. Nuair a shoillsich amhaduin an ath latha, acheud latha, den Mhaigh, cha ceo mor tiugh duinte mar timchioll, agus cho luaths a thog an ceo suas, dhamhairc sinn a mach agus feuch bha an deigh air iathadh mun cuairt duinn. Thainig an t-olc sin oirnn roimh an robh eagal againn: chunnaic sinn thall mar coinneamh beanntan agus creagan an Rutha Thuathaich de Eilean Cheap Breatuinn; oir bha sinn mu choinneamh Cainus Ingonais. Agus bha Eilean Phoil began gu tuath oirnn, mun cuairt de dheigh mile mach bhon Rutha Thuath. Bha sinn aig an am so mu thuaiream deich mile fichead bho Eilean Phoil. Tha an t-eilean beag so mu thimchioll tri mile air fad agus mile air leud; agus do bhrigh gum babhaist moran calla tachairt do longaibh aig an aite sin, chuir luchd-riaghlaidh na Mor-Roinn suas taigh-soluis air gach ceann den eilean, a chum an t-slighe fheuchainn san oidhche dhuirche do na maraichibh a bhios afulang amadh-cuain. Gu dealachadh a chur eadar an da sholus anns an oidhche, tha an solus deas adol mun cuairt, agus tha an solus tuath aseasamh gun charachadh. Dhfhan sinn am fagus don eilean so sia laithean, bho mhaduinn Di-haoine gu feasgar Di-ciaduinn, oir cha burrainn sinn dol a null no nall leis an deigh. Thug sinn iomad ionsuidh agus oidhirp air faotainn a mach as aphriosan anns an robh sinn ach dhfhairtlich oirnn fad shia laithean. Gidheadh bha an Tighearna fabharach ruinn, agus chum e aghaoth na laidhe, oir is gann a bha osag aseideadh re na h-uine sin. Air oidhche Di-mairt dheirich gaoth laidir bhon iar-thuath, agus dhiomain i an long agus an deigh a nulls a nall, agus nuair a bhuaileadh an long air meall den deigh, shaoilinn gum biodh i na sgealbaibh ann an tiota. Air Maduin Di-ciaduin an 6mh la de Mhaigh, thoisich an deigh ri sgaoileadh, agus mun dthainig am feasgar ghabh i seachad leis an t-sruth mhor a tha tighinn a mach bho Fhairge Labhruinn agus asruthadh a mach eadar an Rutha Tuath agus an Tir-Nomha. Mar so fhuair sinn fuasgladh bho chunnart na deighe, agus cha do thachair abheag tuilleadh dhith oirnn gus an drainig sinn ceann air turuis.

Am feadh a bha sinn duinte san deigh chunnaic mi moran de longaibh beaga da-chrannach am measg na deighe, agus daoine air bord annta, a feitheamh ris na roin a ghlacadh. Nuair thigeadh na roin as an fhairge ri teas an latha, agus a laidheadh iad siosgan grianadh air meall den deigh, thuiteadh iad an sinnan cadal; bha na daoine aleum orra le bataichibh, le cuaillibh agus le gunnaichibh, agus gam marbhadh nuair a thigeadh iad orra nan cadal, agus an sin bheireadh dhuibh am bian agus an t-saill. Chunnaic mi an deigh dearg le fuil nan ron.

D. B. B.

(Tuilleadh).


THUG MI GAOL DON FHEAR BHAN.

Chunnacas soitheach air a chuan
S i cur suas nan seol ard;
Nuair a dhuilt i dhol mun cuairt
Bha mo luadh sair an t-snamh.

LUINNEAG.
Thug mi gaol, thug mi gaol,
Thug mi gaol don fhear bhan;
Thug mi gealladh dhuit a ghaoil,
O cha n-fhaod mi bhi slan.

Tacan mun do chrom a ghrian
Bha mim fianis mo ghraidh;
S nuair a thionndaidh thu do chul
Shil mo shuilean gu lar.

Tha do thiodhlacan am chist
Thug thu dhomh gun fhios do chach;
S tha do litrichean am phoc’,
Gealladh posduair no dha.

Nuair a rachadh tu gu feill
Bu leam fein ni no dha;
Bu leam riobin agus gun
As na buithean a bfhearr.

Nuair a rachadh tun taigh-osd
Bhiodh do phocanan lan,
Bhiodh do bhotal air a bhord,
S tu ri ol nan deoch-slaint

Bha mi deas is bha mi tuath
Bha min Cluadh uair no dha;
Dheth na chunna mi fon ghrein
Thug mi speis don fhear bhan.

Cha deid mise don taigh-chiuil,
S beag mo shunnd ri ceol-gair,’
Bhon a chuala mi thu, ’ruinn,
Bhi sa ghrunnd far nach traigh.

Bha mi brudar ort an raoir,
Mi bhin caoimhneas mo ghraidh;
S nuair a dhuisg mi as mo shuain
Bfhalamh, fuar a bha tait.

Chaidh a phacaid troimh na caoil
Leis na daoine Di-mart;
S misa fhaigh am faradh daor,
Bha mo ghaol air a clair.

Cha bhi misan nis a strith
Ris a ghlibheideach bhan;
S mor gum bannsa leam fear donn
Thogadh fonn am measg chaich.


FAOCHADH US LEIGHEAS. —Dhfheuch miseHagyard ’s Pectoral Balsamair son casadich us cnatan, agus bheir e faochadh dhomh am beagan uairean, agus ni e leigheas cinnteach. Cha bhithinn as aonis idir.
MRS . ALFRED VICE, Berlin, Ont.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[132]

[Vol . 1. No. 49. p. 4]

TURUS A MHARAICHE.

EE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

Caib. I.

Bhruadair mi. Baile-mor, le bhallachans a thuraite ruigheachd gu Neamh, e dealradh gu soillear annsa ghrein mhaidne. Bha a shluagh sgeadaichte ann an corcur, agus anart grinn, sioda, agus scarlaid.

Ben teachd or agus airgiod agus clachan luachmhor.

Bha annsa bhaile pailteas ola, fion, min-chruineachd eich, caoirich agus spreidh. Bha a ceannaichean nam prionnsan a rinn an talamh uile beartach. Thug na machrichean mor thoradh a mach, eadhon mar garadh an Tighearn. Thainig thuige o chein ionmhasan an doimhne mhoir, chriothnaich agus luaisg an talamh fo fharum a dhaoine gaisgeil.

Air sin thuit air mo chluasan fuaim clairsearan, fir-chiuil, piobairean agus trompadearan. Rinn an fion nuadh gairdeachas agus sheinn luchd a chridhe shubhaich. Bha feadhachas, dannsagus sugradh, gus, a lath agus a dh-oiche, an robh gleadhraich a bhaile mar thoirm mhoran uisgeachan. Bha a gheatachan fosgailte a ghnath. Thainig mor shluagh on aird an ears on aird an iars on aird a tuath is deas. Be ainm a bhaile Balilon Mhor, ach bha a shluagh nam peacich thar tomhais. An sin thug mi fainear, aig meadhon-latha, ban-righ a bhaile, eadhon a bhan-righ scarlaid, teachd a mach a luchairt a giulean na laimh cupan lan de fhuil nan naoimh, air an do shaltair i fo ladharan an eich aice gun truas aice dhoibh tra ghlaodh iad ann am peinn, “Cia fhad a bhitheas, O Thighearna?” Na laimh bha slat rioghail de iarunn, agus air a ceann bha crun de dh-or, ruith seudan a chruin sios le fuil.

Ghlaodh an sluagh le iolach mhor: “Failte do bhan-riagh neamh agus talamh!” Thuit na daoine saobhir agus na h-ard cheannardan, na daoine saor agus daor, daoine og agus maighdeana, daoine aosmhor agus clann bheaga, sios anns an duslach agus rinn iad aoradh don bhanrigh, a sheall gu caomh agus grasmhor orra, agus air dhi an cupan, lan de fhuil nan naomh, a thogail dh-ionnsuidh a bilean, dho[ ? ]i dheth, a tabhairt toibheum do Dhia, da theampull, agus da shluagh, ag radhna cridhe feintha mi amshuidhe ambhan-righinn, agus cha bhantrach mi agus chan fhaic mi bron.”

An sin thugadh na lathair faidh an Tigheann, a ghlaodh, “Thuit Babilon! O thusa tha chomhnuidh air moran uisgeach aibh, saoibhir ann an ionmhasaibh, thainig do chrioch, tomhas do shainnte.”

Dh fhas gnuis na ban-righ dorch mar an torrunn. Spadadh i am faidh ris an duslach le a slait ach air dhi a sluagh fhaicinn dean-thograch airson fuil thubhairt iCiod a nithear air namhad ar baile?” Ghlaodh iad gu h-ard le aon ghuth. “Ceus e! Ceus e!’ Fhreagair ise, “Gabhaibh-sa e agus ceusaibh e agus air ball chaidh i steach le gnuis aoibheil do theampull Mhamoin Mar chaora measg mhadaidh-alluidh reubadh am faidh na mhirean.

Shuidh an sluagh sios a dhitheadh agus a dhol, agus dhieirich iad suas gu sugradh.

Shuidh a bhan-righ aig cuirm maille ri a comhairlichean, a daoine cumhachdach, agus a faidhean breige.

(Ri Leantuinn.)


Tha gille beag, aois choig bliadhna, le Eoghain Mac-a- Phiocair, ’sa bhaile so gle thinn o chionn corr us seachdain. Cha robh duil an toiseach gun tigeadh e uaith idir, ach le frithealadh agus sgil an Dotair Kendall, tha e nise dol gu math am feabhas.

DR . WOODS NORWAY PINE SYRUP.—LeighsidhDr . Woods Norway Pine Syrupcasadich, cnatan, cuing, tuchadh, crup, agus gach uile thinneas tha buailteach don sgamhan, ’s don chliabh. A phris 25s. us 50s. am botull.

Chaidh ceithir duine deug a bhag obairsan obair-uisge am Milwaukee a bhathadh Di-sathairne sa chaidh. Bha iad a cladhach tobar domhinn faisg air an amhinn agus sheid stoirm mhor a chuir an t-uisge na thuil a stigh air am muinn.


Cha deanar fuil mhath
le droch stamaig Ni
K D C
fuil mhath len stamag a ghlanadhs a thoirt gu riaghailt.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.

Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reic nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.’

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 49
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla I No. 49. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page