[Vol . 1. No. 5. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 25, 1892. No . 5.


E. T. MOSELEY, Q. C. ,
Comhairliche, Fear-tagraidh, &c .,
SIDNI, C. B.


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


SEUMAS A. CAIMBEUL,
Brioscaidean, Nithean-milis
Ti, Siucar, Cofi, Tombac
agus Sigars.
SIDNI, C. B.


THUGAIBH FANEAR.

Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni.

Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FALCONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach as fhearr a tha m Boston.

ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA
air laimh
F. FALCONER.
Sidni, C. B., Mai 26, 1892.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Tha Righ agus Ban-righ na h-Eadailt air chuairt anns a Ghearmailt.

Rinn stoirm chlacha-meallain milleadh mor air fion-liosan anns a Fhraing an la roimhe.

Bha Chuirt Mhor ann an Sidni air an t-seachdainn so. Bha fichead cas ri fheuchainn.

Than cruithneachd fo dheis ann am Manitobas tha choltas air gum bi barr math ann am bliadhna.

Mharbh Micheil Sim, ann aHalifax, dha dheug de chait fhiadhaich, agus aon mhathan, o chionn ghoirid.

Thainig fear, Henry Horne, Halifax, ri bheatha fein o chionn seachdainn. Ghearr e cuislena chois agus thraigh e gu bas.

Chaidh da each a bfhiach $10 ,000 am fear a mharbhadh leis an dealanach ann am Bloomington, Illinois, air an 17mh la.

Air an t-seachdainn a chaidh, mharbhadh 16 duine le teas na griene, ann an New York, agus bha 19 duine tinn leis a bhric.

Tha triuir tinn leis a bhric ann an tigh-eiridinn Halifax. Tha dithis dhiubh so gle iosal, ach than treas fear a dol nas fhearr.

Fhuaradh Edward Greenwood, diolladair a mhuinntir Eilein PhrionnsIomhair air a bhathadh faisg air Boston air an 17mh la.

Tha da long chogaidh ann an acarsaid Shidni air an t-seachdainn so, am Buzzard, long Bhreatunnach agus an Laperouse, long Fhrangach.

Chaidh faisg air 14,000 tunna guail a chuir a mach a mein-ghuail Chow Bay air Di-sathairne sa chaidh. Bha mhein sin na tamh latha no dha roimbe sin le cion soithichean a bheireadh air falbh an gual.

Chaochail Iain Heder, duine dubh a bha 109 bhiadhnadhaois, aig Colchester Ontario, Disathairne sa chaidh. Rugadh e ann an Virginiasa bhiadhna 1783, agus thainig e gu Colchester o chionn leth cheud bliadhna.

Tha cain $20 no 30 la priosain air neach sam bith a reiceas tombac ri gille nach eil sia bliadhna deug a dhaois, gus gille sam bith aig am faighear tombaca, theid $5 de chain a chuir air, no gheibh e seachd latha priosain.

Chaidh Grover Cleveland ainmeachadh leis naDemocratsair son a bhi na Cheann-suidhe air na Staitean. Bidh an cath a nis eadar e fein agus Harrison. Bha Cleveland na Cheann-suidhe fad ceithir bliadhna roimhe.

Chan eil Mr. Blaine na Runair na Staite (Secretary of State) nis fhaide. Tha e coltaah nach robh an ceann-suidhe, Harrison, a cuir gach nina chead mar bu mhath leis. Ghabh e sosan t-sroin cho mors gun leig e dheth an ofig.

Tha paipear naigheachd ann an Lunnain ag radh gu bheil bruidhinn air Feill mhor a bhi anns a bhaile sin air an ath bhliadhna. Ma bhios sin ann, cha bhi Feill an t-Saoghail ann an Chicago cho iomraiteach sa bha muinntir an duil.

A reir coltais tha Edward Blake a dol a null a dhEirinn, ’sa dol a dhfheuch ainn ri aite-suidhe fhaotainn ann am Parlamaid Bhreatuinn. Tha e deanamh so air dian irrrtas na pairtidh Eironnach. Tha Blake na dhuine tapaidh, ’s chan eil teagamh nach bi e feumail dhaibh ann a bhi tagradh air son Fein-riaghladh.

Tha na h-Eirionnaich cho deigheil air an t-sabaid sa bha iad riamh. ’Nam bhi taghadh Ball Parlamaid bidh an da phairtidh a gabhail da cheile le maideans le clachan. Bha sabaid dhen t-seorsa sin aca an la roimhe anns an robh moran air an leon gu dona. Bfheudar don arm tighnn a chuir stad orra.

Dhfhagadh $2 ,000,000 mar dhileab aig b an ministeir anns na Staitean. Nuair a bha i na mighinn oig, fhuair i eolas air duin og beartach a bha gle thoileach a posadh, ach cha ghabhadh i gnothuch ris. Chaochail an duine sin o choim sia bliadhna, agus dhfhag e airgiod uile aice, nam biodh i beo seachd bliadhnan deigh a bhais. Ma bhios i beo bliadhneile gheibh in t-airgiod.



[18]

[Vol . 1. No. 5. p. 2]

MAC-TALLA.

Bidh MAC-TALLA air a chuir a mach uairsan t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sentsa bhliadhna; aon aireamh 2 shent.

Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aitem bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le MAC-TALLA, litrichean, naidheachdan, &c ., &c . Feumaidh gach ni dhen t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhen phaipeir.

Seolaibh gach litirus eile gu
J. G. McKINNON,
MAC-TALLA,
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 25, 1892.

Tha sinn a cuir aireamhan dhen MHAC TALLA gu muinntir nach do chur an ainmean thugainn mar ghabhaltaichean fhathast. Tha sinn a deanamh soan dochas gun cord e riutha agus gun gluais e iad gus an ainmean agus an t-airgiod a chuir thugainn comhladh. Tha sinn cinnteach gnn dean moran diubh sin luath no mall, aguschaoimhneadh iad moran dragh dhuinne; agus ma dhfhaoidte dhaibh fein nan deanadh iad beagan cabhaig.

Ann an ait eile gheibh ar leughadearan paipear a labhairt airFein-chumailteachd na Gailig.” Tham paipear so air a sgriohadh le aon de na sgoilearan Gailig as fhearr ann an Canada, agus is airidh e air a leaghadh uair no dha. Tha sinn an dochas nach caillear an leasan air a mhuinntir sin a tha cho diegheil air a bhi cleachdadh facail mhora, Bheurla, ’measg an cuid Gailig. Chan eil e idir na ni toilichtebhig eisdeachd ri seanachas nach bi fhios agad co dhius Beurla no Gailig e, achs tric sin ri chluinntinn anns an duthaich so.


LITIR BHODHOMHULL ROB.”

Piseach agus buaidh ort a MHIC-TALLA! ’S mor a solas a tha thu cinntinn dhomh air gach feasgar Di-mairt on thaobh thu na criochan-s’ .

Se thogas oirnn fonn ged Bhitheamaid trom,
Us gnothaichean lom aig baile.
S a dhfhagas ro ard arn inntinns arn adh
Nuair gheibh sinn Di-mairt MAC-TALLA.

Tha mi leirsinn gu bheil beagan a talach air meud MAC-TALLA, ach tha e duilich dad a dhianamh gun chuid-eigin a bhi talach. Bheirinn sanais doibh-san, tha faighinn na coire, tighinn air adhart agus an guallainn a chuir ris a chuidhlidh, a cuimhnachadh gu bheil MAC-TALLA og agus oidhirpeach. Tha na Gaidheil mu chuairt an taobh so ro ard an cliu air, agus chan ioghnadh e. ’Se fir gun tuigse a tha deanamh di-meas air, ach their mi san deallachadh, “Biodh iadsan a bruidhinns bidh na h-uibhean againne.”


FEIN-CHUMAILTEACHD NA GAILIG.

Cha-neil feum aig aGhailig air facail iasaid mar a ta aig aBheurla, a tha air a cur ri cheile le facail iasaid bho gach canain air thalamh, bhon Laidinn, bhon Ghreigis, bhon Ghailig, agus bho iomadh cainnt eile, Is furasda facail ura Ghailig a dheilbh bho fhriamhaichean an taobh a stigh den chanain fein; cha ruig i leas mar sin a bhi an eiseamail dol a dhiarraidh coinghill air canain sam bith. A mach bhon Ghreigis agus bhon Ghearmailis, chaneil canain air bith eile ri fhaotainn, anns am fasa facail ura dheilbh na aGhailig, bho fhriamhaichean innte fhein. Chithear sin ma bheirear fainear na briathran a bha air an gnathachadh leis na seann Ghreugaich, nuair a thainig an coisgue air tus dan ionnsuidh, agus nuair abeigin daibh facail ura dheilbh air son diamhaireachdan an t-soisgeil a chur an ceill; agus gu h-araid an diamhaireachd ma dheibhinn daonnachd an t-slanuigheir. Tha e furasda gu leor na briathran sin a chur ann an Gailig a bhitheas so-thuigsinn do-n a h uile neach aig am bheil eolas ceart air achanain, agus dan aithne a riaghailtean. Ghnathaich na Greugaich iomadh briathar, a mheas iad freagarrach, gu bhi aciallachadh na diomhaireachd moire so, gun drinneadh Mac Dhena dhuine. Biad na briathran a chleachd iad mar bu trice iad so, Sarcosis , Ensarcosis,se sin ann an Gailig, Feoil-ghabhail, no Feoilneachadh, ris an abrarIncarnationsaBheurla, bhon LaidinnIncarnatiodo reir briathran Eoin I. 14Rinneadh am Focalna fheoil.” A ris chleachd iad facail eile mar a thaEnanthropesis ,ann an Gailig Daonnachd, nuair a runaich ean Nadur Daonna sin a dheanamh aon ris fein.” Chan eile focal sam bith sa Bheurla no san Laidinn, a co-fhreagairt don bhriathar so. Oir ged a tha an t-ollamh Eoin Owen ag eadar theangachadh an fhacail so saBheurlaInhumanationbhon LaidinnInhumanatio, chan eil am facal aon chuid ann am Beurla no an Laidinn ri fhaotainn. Agus chleachd iad am facalEnsomatosis ,se sin an Gailig Corp-ghalbhail’, Corpnachadh, no coluinneachadh. Chan eil facal idir saBheurla a fhreagras da so. Ghnathaich iad cuideachd na facail so; EleusisTighinn no teachd; KenosisFalmhachadh. Epiphancia Christou,Taisbeanadh chriosd. Fanerosis dia Anthropotetos,Foillseachadh tren Daonnachd. Fanerosis en Sarki,Foillseachadh san fheoil. Sungcatabasis ,Coimhisleachadh. Hamila dia Sarcos,Caithe-beatha tren fheoil. Despotike Epidemia,Eilthireachd no Taisdealachd an Tighearna. Parousia ,Lathaireachd. OikonomiaRian, no rianachadh, agus an leithid sin. A nis cha-neil aon diubh nach gabh cur an Gailig freagarrach ris aGhreigis, agus ris an ni a ta air a chiallachadh; agus a bhitheas iomchiudh; agus so-thuigsinn do-n a h-uile neach aig am bheil Gailig. Chi sinn mar so cho fein-chumailteachs a tha aGhailig, cho pailt-bhriathrach, luthainn, subailtesa tha i, agus cho furasdas a tha e briathran ura freagarrach a dheilbh innte do reir ciall agu gne na Canain.

D. B. B.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


TAGHAIL AIG
Aoghnas Domhnullach
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR!


THA
E. C. NIC FHIONGHAIN,
SIDNI, C, B.
A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c .

Ti, Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid.


SANAIS.

Thigibh an so,
Thigibh an so,
Thigibh an so le bhur cuinneadh.
Thigibh an-so, ’s gheibh sibh cunnradh.
Gheibh sibh rud daor.
Gheibh sibh rud saor.
Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh.
Seachnaibh na h-uilc
Dheoghladh bhur cuid,
San teanganam pluic oirbh a burtadh.
Thigibh an sos gheibh sibh cunnradh.

TIGH ACADIA.



[19]

[Vol . 1. No. 5. p. 3]

FUINEADAIR NA NANACHAINN.

Aig am Blar Chuil-Fhodair bha bantrach anns aMhanachainn aig an robh aon mhac dam bainm Domhnall Friseal. Chaidh e comhladh ris na Frisealaich eile don bhlar. Chaidh an ruaig air na reubalaich, agus theich Domhnall as cho luath agus a bheireadh a chasan e dhachaidh an Mhanachainn. Bha a mhathair bhochd toilichte fhaicinn air ais rithist, gun mhaille, gun leon, gun lochd, slan fallain, bochd, truagh, acrach, agus sgith mar a bha e. Bha eagal a bheatha air tamh oidhche a ghabhail am bodhan a mhathar a thaobh gun robh an t-arm dearg air toir luchd-cabhair aPhrionns, ged is ann leis achrois-tara no toirre a chaidh achuid is mo dhe na Frisealaich iomain gu feachd oighre Mhorair Sim dhen deach an ceann a thoirt. Bha e mar so na fhogarrach fad thri bliadhna thall agus a bhos agabhail comhnuidh anns na cnuic, na sluic, garbhlach, coille, creag agus uamh a gheobhadh e eadear Loch-nam-bonnach agus Loch-nan-ian am braigh na Manachainn. La dhe na laithean, aig ceann nan tri bliadhna, arsesan ri mhathair, “A bhean, tha mi sgith dhe mo bheatha, tha sinn a nis bochd agus lom, gun bhiadh, gun aodach. A dh-aindeoin na dhfhaodas tighinn orm theid mi dhfhiachainn am faigh micosnadh.” Chan fhalbh thu,” arsise, “gus am faigh thu bonnach, agus beannachd do mhathar.” Rinn i bonnach-Bealltainn da air chinn na maidne, agus thog e air le bonnach agus beannachd a mhathar, agus thug e Inbhir-Nis air. Ach cha dfhuair e cosnadh no cosnadh anns abhaile sin. An sin thug e baile Inbhir-Narunn air agus fhuair e cosnadh an sin. Ghabh e cairtealan ann an tigh seann duine aig an robh aon leanabh nighinn. Togadar air Domhnall agus shin e air suirigh air an nighinn, agus phos e i. Ach oidhche na bainnse ge be ciod a thainig a stigh air inntinn Dhomhnaill dheirich e as a leaba, chuir e air aodach agus dhfhag e an sud i. Ghabh e air aghaidh gus an drainig e baile Che far an dfhiach e ri obair fhaighinn ach cha dfhuair. Chaidh e ris gu baile Hundaidh, ach dhfhairtlich air obair fhaighinn an sin. Ma dheireadh theab e bas an acrais fhaighinn, oir mir no deur cha dfhuair mo laoch bhon dhfhag e Inbhir-Narunn. Cha robh air no dheth ach gum bfheudar dha dol a shireadh na deirce. Chaidh e stigh do bhuth fuineadair agus thuirt eAn ainm Dhe thugaibh dhomh greim bidh, oir tha mi a faighinn bas an acrais.” “Mir no deur chan fhaigh thu uamsa, a bheathaich ghrainde,” arsam fuineadair; “nam bithinn atoirt do na h-uile fear dhe do leithidse tha tighinn an rathad cha mhor a bhiodh agam dhomh fhein.” “O,” arsa Domhnall bochd, “na leigibh dhomh bas an acrais fhaighinn; thoiribh biadh dhomh agus ni mi rud sam bith a dhiarras sibh orm” “Ciod e,” arsam fuineadair ris, “is urrainn duit a dheanamh.” “Is urrainn,” arsa Domhnall, “domh cosnadh a dheanamh.” ’ “Ach,” arsam fuineadair, “chaneil feum cosnaich orm, agus chan urrainn duit fuineadaireachd a dheanamh.” “Ach nach gabhadh ionnsachduinn orm,” arsa Domhnall. “Ghabhadh, gun teagamh,” arsam fuineadair, ach gabhaidh tu seachd bliadhna ga h-ionnsachainn.” Thoir dhomh biadh,” arsa Domhnall risagussa mhaduinn is mise do ghille.” Riaraich e seachd bliadhna don fhuineadair, agus aig ceann nan seachd bliadhna arsam fumeadair ri Domhnall: “Tha mi ro bhuidheach ort. Riaraich thu do thim gu h-onarach, ’s an diu chaneil fios agam cait am beil fear ceaird nas fhearr na thu. Achs ann nacheil fios agam ciod a ni mi as teasbhuidh. Ma thamhas tu agam airson seach bliadhna eile, bheir mi dhuit leithid so a dhuais [agus e cur ainm air] airson nan seachd bliadhna a dhfhalbh agus an t-aon tuarasdal airson nan seachd bliadhna tha ri thighinn? Anns amhadainn deir Domhnall, “Is mise do ghille.” Riaraich e seachd bliadhna eile don fhuineadair, agus chaidh na fir troimhn t-aon chainnts a bha eatorra aig ceann a chiad seachd bliadhna, ach gun deach da uiread a ghealltainn dha airson an treas seachd bliadhnas a bha aig ri fhaighinn airson nan ceithir bliadhna diag a dhfhalbh. Chord iad mar a babhaist, agus riaraich Domhnall coir bliadhna ar fhichead don fhuineadair. Aig crioch an am so arsam fuineadair ri DomhnallChuir thu nis ceann finid air na tri seachd bliadhna, agus ma riaraicheas tu seachd bliadhna na eile dhomh, bheir mi uiread dhuit airson nan seachd bliadna tha ri thighinns a tha agad ri fhaighinn airson a bhliadhna ar fhichead a dhfhalbh.” “Is mi nach tamh airson aon bhliadhna eile,” arsa DomhnallTheid mi dhachaidh a choimhead mo mhnatha.” “Do mhnatha!” arsam fuineadair. “Am beil bean agadsa? Is iongantach an duine thu. Tha thu an so nis bliadhna ar fhicheads cha chualas riamh gun robh bean agad. Ach nis co dhius fhearr leat na tri tuarasdalan na tri comhairlean.” “O,” deir Domhnall, “mus burrainn dhomh acheist sin fhreagairt, dhfheummainn comhairle iarraidh o urra nas glice na mi fhein. Ach innsidh mi dhuit air chinn na maidne.”

(Ri Leantuinn.)


Bha coinneamh mhor aig muinntir Ulster an Ceanna-tuath Eirinn, air an 17mh la. Bha miltean a lathair, agus thog iad an guth gu laidir an aghaidh Feinn Riaghladh a thoirt do Eirinn. Tha na paipearan Sassunnach ag radh nach robh a leithid de chruinneachadh ann am Breatainn o chionn iomadh bliadhna.


BARGAIN.

Bfhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, ’san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duinag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh as fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach.

Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh.

Fiodh agus gach ni eile air togai thaighean gle shaor.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C.B.


Ma Cheannaicheas to Bathar
BHO
C . S. JOST & CO. ,
Cha bhi aithreachas ort.


Airson ad no boineid ruig
MAIRI A. NIC FHIONGHAIN,
aig a bheil
ADAN,
BOINEIDEAN,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN.
agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar as ail leat. Than ad as saoire gle mhath, ach sin ad as daoires fhearr.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.



[20]

[Vol . 1. No. 5. p. 4]

FACAL BHOSHEORAS.”

A Charaide:

Thanig am paipeir GaeligMAC-TALLAgam iunnsaidh an de, agus rinn mi mor thoileacheadh ris gun teagamh. Tha e gu dearbh na ni taitneach, paiper a bhi againn an cainnt ar sinnsir, na daoine foghainteach, fulangach, treun sin a dharaicheadh fo sgeith nam beann, ann antir nan gleann, snam beann, ’s nan gaisgeach.” Tha iomadh reusan againn air uail a bhi again as ar sinnsir; agus cha nem fear is lugha dhiu an cuimhneachan a thagainn air cho dileas agus cho neo-cheachara sa bha iad. Air son so a dhearbhadh, foghnaidh dhuinn meoireachadh air mar sheol iad ad fhein mar dhaoine nuair a bha Prionns Tearlach na fhogarach sna garobh-chriachan agus £30 ,000 do dhairgead cinn a mach air a shon, ach cha dfhuaireadh duine riabh a measg nan Gael a bi rith e, geda bha fios ro mhath aca far an robh em falach. Agus cia mar is urrainn dhuinn an cumail nar cuimhne nas fhearr na len cainnt a chumail an cleachdadh.

Ach mun phaipeir. Tha e beag gun teagamh, ach chaneil air ach smachd na h-oige; agus tha phris beag air an reir. Tha iad adrath nuair bha MacAscail am famhair a bhana anSt . Anns—na leanabh gu rodh e comharaichte beag. Ach dhfhas e mor a rithisd. Air an tseol chiadna, ma gheibh MAC-TALLAleor do theachd-an-tir, agus a chumail glan, sgiobalta, chan eil teagamh nach fas esan mor, cuideachd. Thughamh, ma ta, mar a theireadh fear roimheuinnleagdha air adhart. Ach feumaidh mi tighnn gu crich, mun toir mi mach moran rum. Dhfhaoidte gun cluinn sibhbhuam fhathast.

Nr Caraide,
SEORAS.
14mh Iun, 1892.


GUTH A’ ST . ANN’ S.

Than treas aireamh de MHAC-TALLA air tighinn dar nionnsaidh air an t-sheachdainn so agus tha sinn gle thoilichte air a bhiga fhaotainn, gu dearbh. Tha na h-uile ni air a chuir sios ann anabarrach doigheil, ’us tha mi an duil nach urrainn neach sam bith a bhi faighinn coire dha. Chaneil teagamh nach eil cuid ann cho aineolach us gum bi iad a gearan air cho beags a tha e. Ach cha bu choir do dhuine sam bith a bhi cho mi-thuisgeachs gun iarradh e am paipeir so a bhi dad nas mo na tha e airson leth dolair. Chan eil aon neach anns am beil spiorad an fhior Ghaidheilus a leughas Gaelig nach bi tlachd aigem paipeir so a bhi tighinnga ionnsaidh uairs an t-sheachdainn, air cho beags gam beil e. Sann is coir da na h-uile bhi gu fiallaidh a cuideachadh leisus ma ni iad sin chaneil teagamh nach ann a fas mor a bhitheas e. ’Se so inntinn gach Gaidheal ceart, mur eil umaidh an sidsan so dha nach aithne nas fhearr. Tha e gle mhisneachail leam bhi cluinntinn nan daoines tuigsich a moladh an dichill ta air a dheanamh ann a bhi clo-bhualadh MHIC TALLA. Tha e taitneach leam cuidachd, a bhi toirt fanear gum beil a chuid as mo gle inntinneach air bhi cuidachadh leis. A mhuinntir nach dean sin, cha mhor as fhiach iad.

DONN DEILAS.

St . Anns, Iun 17mh.


Chuir an Soitheach-smuidHarlawair tir gu
COINNEACH R. MAC COINNICH,
SIDNI TUATH, C. B.

150 baraile Siucair,
250 baraile Fluir,
100 baraile Min Choirce,
10 baraileMolasses ,
100 bocsa Tombaca.
200 ciste Ti a Lunnain.

Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein.


LEUGH SO.

Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa nas saoire na gheibhear an aite sam bith eilen Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gum bi thu riaraichte leis.

Ceannaich do Charbadannad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh

D. W. MAC FHIONGHAIN,
SIDNI TUATH, C. B.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.’
Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bha leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan dathaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 5
internal date1892.0
display date1892
publication date1892
level
reference template

Mac-Talla I No. 5. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page