[Vol . 1. No. 50. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, MAI 6, 1893. No . 50.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Tha’n t-side gle fhuar cho fada so agus chan eil moran de bhlath an t-samhridh air an duthich fhathast.
Tha’m barr cotain ’sna Staitean a Deas air a mhilleadh gu mor le fuachd ’s le reothadh. Ann an caochladh aitean tha e air a mhilleadh gu tur.
Rinn an stoirm a bh’ann air an t-seach-s’ a chaidh call mor an iomadh cearna de’n eilein so agus mar an ceudna an Eilean Phrionns’ Iomhair ’san Nobha Scotia.
Tha acarsaid Shidni a nise fosgailte agus chan eil deigh mhor no bheag ri faicinn idir. Thoisich am bat-aiseig ri ruith eadar Sidni us Sidni-a- Tuath Diluain s’a chaidh.
Bha ionnsidh air a thoirt air beatha Mhr. Gladstone air an t-seachdain s’a chaidh le duine caothich da’m b’ainm Townsend, ach gu fortanach cha d’fhuair e cron sam bith a dheanamh air a Phriomhair; rugadh air ’s chuireadh a stigh e do’n phriosan.
Tha na tuathanaich am Manitoba agus anns an Iar-Thuath an ire mhath air a churachd. Tha ’churachd air a bhliadhna so so ri bhi na’s mo na bha i bliadhna riabh roimhe. Tha aon tuathanach mor am Brandon a dol a chuir seachd mile acaire fearinn fo bharr.
Bha tuathanach da’m b’ainm Tearlach MacNairn a tamhach aigRockfort , Mass. ,agus bha e e gu math air a dhoigh. Oidhche Di-luain s’a chaidh dhuin e na beathichean uile san t-sabhal ’s chuir e teine ris. Ghlas e fhein a stigh ’san tigh agus chuir e ’n eanachinn as fhein le urchir gunna. Loisgeadh faisg air da fhichead ceann cruidh, agus sia eich.
Di-haoine s’a chaidh bha bean araidh a a coiseachd air aon de shraidean Montreal agus thachir oirre caraid og air an robh coltas a bhi gle spaideil. Bhruidhinn iad rithe agus ghuidh iad oirre dhol ga bhi ’na fianuis aig am posadh, rud a bha nam beachd a dheanamh cho luath ’sa rachadh ac’ air. An deigh beagan tathuinn dh’aontich i dhol leotha do’n eaglis far an robh an searmon posidh air a dheanamh le ministeir. Cho luath sa chriochnich e, thog a charaid rithe le cabhaig ’s chan fhacas iad uaithe sin.
Bha aireamh mhor do longan cogidh as gach rioghachd us duthich san Roinn Eorpa ’s an America, cruinn an acarsaid New York an la roimhe a dol troimh uile chleasan an airm-mhara. An teis-meadhon nan longan-cogidh bha tri longan beaga air an togail air an dearbh dhoigh agus air a cheart cumadh air an robh na longan anns an tanig Columbus thairis air an Atlantic. Bha iad so nan ioghnadh na bu mho na na longan-cogidh fhein, ged a bha iad sin air am meas a bhi nan sealladh a b’fhiach a dhol astar mor ’gan amharc. Si ’n long Bhreatunnach am Blake long bu mhaisiche bh’ann air fad; agus ann am meairseadh air tir thug na seoladairean Breatunnach barr air cach uile. Tha Breatuinn mar so fhathast air thoiseach air gach rioghachd eile ann an cuisean a bhuineas do’n mhuir.
Tha Donnacha C. Ross, duine mhuinntir nan Staitean, aig a ’bheil ainm a bhi na dhuine gle laidir, an drasd san t-seann duthich. Ghabh e os laimh an la roimhe. Gaidheal mor fada da’n ainm Alasdir Mac-a- Phi a chuir bhar a chasan ceithir uairean an taobh stigh de dh’uair a thim. Bha iad ri gleachd air an t-seann doigh Ghaidhealich, ’s bha da cheud punnd Sasunnach do gheall eatorra. Chaidh aig an Rosach air a Ghaidheal a leagail tri uairean, ach cha robh e idir comasach air a leagail an ceathramh uair, agus mar sin chaill e’n geall ’s ghleidh am fear eil’ e. Tha Mac-a- Phi sia traighean us tri oirlich a dh’airde, agus da cheud us deich puinnd fhichead a chudthrom.
Tha’n Dotair Buchanan air a dhiteadh gu bas le lagh nan Staitean, ach tha e gle choltach gum bi cuirt eile air a suidheachadh, agus gu’m faigh e aon chothrom eile air e fhein a shaoradh. Tha e na fhior dhroch comharra air sluagh nan Staitean cho ullamh sa tha iad gus an guth a thogail air taobh murtair nuair a bheirear a mach binn bais air. Biodh an gniomh a rinne cho oilteil sa chualas riabh, gidheadh gheibhear na miltean a chuireas an ainm ri paipear ag iarridh a bheatha leigeil leis. Se barail moran gum bi an spiorad ceudna oir a nochdadh thaobh Dhr Buchanan, agus gum bi e air feuchinn as ur ’s ma dh’fhaoidte air a leigeil ma sgaoil.
[Vol . 1. No. 50. p. 2]
MAC-TALLA.
Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.
A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00
Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh.
’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, MAI 6, 1893.
Chan eil cuisean ach gle fhad air ais an Australia. Tha aireamh mhor de bhancichean air bristeadh, ’s mar sin tha moran theaghlichean air am fagail gun sgillinn ruadh ris an t-saoghal aca. A thuilleadh air sin tha tiormachd mhor ann an aitean, ’s a reir a h-uile coltais ’si so bliadhna cho bochd ’sa chunnic an duthich riabh.
Tha’n Ard chomhairle ’tha reiteachadh chuisean eadar Breatuinn ’s na Staitean na suidhe fhathast, ach tha iad air sgaoileadh fad seachdain tre thinneas Morair Hannen aon de bhuill na comhairle. Tha fios a fhuaras an Ottawa bho Shir Iain Thompson ag radh gum bi gach cuis air a cheartachadh mu dheireadh a mhiosa so. A reir coltais tha uaislean na comhairle ’n duil gnothuch sgiobalta dheanamh dheth.
Bha feill an t-saoghil air a fosgladh Diluain s’a chaidh leis a h-uile greadhnachas bu mho na cheile. Chan eil ni air an urrinn duine smaoineachadh nach eil ri fhaicinn aig an fheill so agus tha moran ann air nach smaoinicheadh duin’ idir. Tha eadhon duslach Cholumbuis aca ’ga shealltuin, air a chumail ann am bocsa beag glainne air a dhunadh le bannan oir. Agus mar a bhios na meirlich anns gach aite ’sam bi dad is fhiach a ghoid, chaidh ionnsidh a thoirt an la roimhe air am bocsa so ’s na tha ann a ghoid, ach mu’n d’fhuair am meirleach air falbh leis thugadh uaith e.
AIR SON DROCH CNATAN. —Bha droch cnatan orm agus leighis mi e leDr . Wood’s Norway Pine Syrup. Is leigheas anabarrach math e, a bheir faochadh ri beagan uine, agus a tha gle bhlasda r’a ghabhail. I . PAYNTER, Huntsville, Ont.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth.
LITIR A LUNNINN.
AN SEARMON GAILIG.
Chruinnich co-thional mor a chluinntinn an t-Urramach Tormod MacLeod, Inbhirnis, a searmoineachadh ann an Gaidhlig air an t-Sabaid a chaidh seachad. Ghabh e mar cheann-teagaisg Sechariah XIII—1. “Anns an la sin bithidh tobar air fhosgladh do thigh Dhaibhidh agus do luchd-aiteachaidh Ierisaleim air son peacaidh agus airson neo-ghloine.” agus is math a thig e dha a leithid sin a rann a laimhseachadh. Tha e cho ealanta air searmoneachadh anns a Ghaidhlig ’s gur mor am beud nach eil e deanamh m’s mo dheth oir chuala mi gur ann gle ainnig a tha e gabhail seirbheis anns an t-seann chainnt aig an taigh. Chan eil ach beag de mhinistearan anns a Ghaidhealtachd aig am beil a leithid a ghibhtean air son Gaidhlig a shearmoineachadh agus is bochd nach b’iad na fior-Gaidheil a bhitheadh a faotainn math nan gibhtean sin. Thaisbean a mhuinntir a bhuineas do Inbhirnis agus a tha ’gabhail comhnaidh anns a bhaile so an speis a bh’ aca do Mhr MacLeoid le bhi cruinneachadh agus a toirt dinnear dha air oidhche Diciadain. Bithidh an ath shearmoin Ghaidhlig againn air a cheathramh la diag de’n ath mhios agus tha mi cinnteach gu’n tional aireamh mhor de na Gaidhil air an la sin oir ’se an t-Urr. Murchadh Mac Ascuil, Inbhir feotharan a tha gu searmoneachadh agus tha cliu mor aige mar shearmonaich air fad na Gaidhealtachd gu leir.
“FIR NO FEIDH.”
’Se so is ainm do leabhran beag a th’air a chur a chur a nach le Mr. Mac-a- Ghobhain anns am beil e toirt iomadh firinn fodh ar comhair mu dheibhinn na h-earrainn mhor de ar duthaich a th’air a leigeal a mach fodh fheidh. Tha e ag innseach dhuinn gu’n do chuireadh muillein acair a mach mar so re nan seachd bliadhna ’chaidh seachad agus cha ’n iongantach ged a tha na Gaidheil a dusgadh suas agus a faighneachd cuin a tha stad gu bhi air a chur air an obair aingidh so. Agus a nis nuair a tha iad a faicinn na cuise mar a tha i, tha mi ’n dochas gu’n cum iad nam duisg agus nach leig iad fois sam bith leis an luchd-riaghlaidh gus am faigh iad air ais tir an athraichean.
“An tir a bh’aig ar sinnsear riamh
“A dhoirt am fuil gu tric ga dion,
“An tir a cheannraich iad cho daor,
“Airson, gu’m bitheadh an gional saor.”
CABAR-FEIDH.
April 15mh, 1893.
ULLICH AIR SON NA COLERA. —Cum an fhuil glan, an stamag an deagh ordugh agus an corp air fad slan le bhi gabhail B. B. B. a ghlanas agus a nearticheas an corp gu h-iomlan. Cha dearg an colera orra san a tha slan.
DR . WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADAICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c. us 50c. am botull.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUBH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.
[Vol . 1. No. 50. p. 3]
TURUS-FAIRGE DO AMERICA.
Air a Bhliadha 1846.
Nuair a bha sinn duinte anns an deigh aig an Rutha Thuath, bha mi a’ sealltuinn mun cuairt air gach taobh dhomh, agus cha-n fhaicinn ach aon raon farsuinn de dheigh air uachdar na fairge, cho fada ’s a ruigeadh mo shealladh. Chuimhnich mi an sin air briathraibh an t-Salmadair. “Tilgidh e mach a dheigh mar ghreamannan: co a dh’fhaodas seasamh fa chomhair ’fhuachd?” Bha mi a’ faicinn aig an am sin na deigh sgaoilte mach air uachdar na mara mar ghreamannaibh mora; oir bha i ’na miribh tiugh sgapta mu thimchioll na luinge. Chunnaic mi an sin cumhachd agus morachd an Ti a rinn an deigh, agus a thilg a mach i ’na bloighdibh, cosmuil ri greamannaibh arain, ceathramhnaibh de bhonnach mor arain coirce. Thuig mi mar an ceudna gun robh esan a sgealb ’na miribh i as a cheile comasach air sinne theasairginn bho dhochann sam bith a b’urrainn i dheanamh oirnn.
An deigh dhuinn a bhi sia laithean anns an deigh, a’ beachdachadh air sbideanaibh mullaich an Rutha Tuath, agus air aogus liaghlas nan creagan griomach, a bha mar bhalla-dion mun cuairt d’a bhonn, gus a theasairginn bho bhi air a leagail sios le slachdraich nan tonn gailbheach a bha a’ sior bhualadh gun sgur ris an iochdar, thog sinn na siuil ris a’ ghaoith agus sheol sinn air n-aghaidh ris an iar-dheas. Air an latha maireach chaidh sinn seachad air Eileanaibh Mhagdalain, seachd eileanan beaga a tha a’seasamh ann am Muir Labhruinn, mu choinneamh Rutha Labhruinn(Cape St. Lawrence)an Cape Breatunn. Air Di-haoine thainig sainn am fagus do Eilean Prionnsa Eideard, no Eilean Phionnsa Iomhair, ainm a thugadh air bho Phrionnsa Iomhair, Diuchd Khent, athair na Ban-righinn oir b’e an t-ainm a thug na Frangaich air, Eilean Eoin no Eilean Iain, air son Eion Baiste. Chan’eil aon de na h-ainmibh freagarach, agus tha so a’dearbhadh cho bochd, gann-bhriathrach ’s a tha muinntir an latha ’n diugh air son ainmean aiteann an coimeas ris na seann Ghaidheil, aig an robh ainm fa leth air son gach eilean us loch, us cnoc us abhainn us gleann us monadh, a chitheadh iad. Tha mi creidsmn gu math gun tugadh iad an t-Eilean Fada mar ainm air, oir tha e seachd fichean mile air fad agus da fhichead air leud. Sheol sinn seachad air a’ cheann sear de’n Eilean eadar e fein agus Ceap Breatuinn. Cha-n ’eil an t-ainn so freagarrach air an eilean so, nas mo na ainm an eilein eile. Bheireadh na seann Ghaidheil ainm air moran na bu fhreagarraiche. Se an t-Eilean Loch linneach ainm bu fhreagarraich, oir tha e lan lochan agus linneach an uisge. Bha mise ro dheonadh a bhi staigh ann an caladh Phictou air oidhche Di-sathurna, a chun gun searmonaichinn anns a’ bhaile air an t-sabaid; ach a chionn gun robh a’ ghaoth ’nar n-aighaidh cha b’urrainn duinn am port a dheanamh a mach na bu luaidhe na feasgar na Sabaide. Uime sin cha deachaidh sinn air tir gu Diluain. Air an deicheamh la de Mhaigh, chaidh sinn a staigh do phort Phictou agus thilg sinn a mach ar n-acraichean anns a’ chala. Bha sinn naoi laithean deug thar fhichead air a chuan, oir dh’fhag sinn Galascho air an dara latha de April. Fhuair sinn anradh agus stoirm gu leor air an turus, ach bha an Tighearna fabharach, agus thug e sinn gu tearuinte do’n chala bu mhiannach leinn. Uime sin lionadh ar cridhe le subhachas, a chionn gun do theasraig e sinn as gach cunnart.
D. B. B.
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
Ach, tiomchioll an naodhamh uair de’n latha, dhorchaicheadh a ghrian, agus bha a ghealach air a tionndadh gu fuil, thuit reul an bho Neamh mar a thig as caobh-fhige a tigean an-abaich; agus sheas aingeal cumhachdach os cionn a bhaile ag eigheach, Thuit, thuit Babilon! Thigibh a mach aisde mo phobull, chum nach bi sibh comhpairteach d’a peacaibh. Thuit samhchair a bhais air a bhaile. Ghlac mor-dhoilghios a Ban-righinn Scarlaid; chomhdaich i a h-aghaidh.
Theich daoine cumhachdach agus comhairlichean chum iad fein fhalach ann an uamhaibh agus ann an slochdaibh na talmhainn, ag radh ris na sleibhtibh agus ris na creagaibh. “Tuitibh oirnne agus folaichibh sinn o ghnuis an ti a tha na shuidhe air an righ-chaithir, agus o fheirg an Uain, oir thainig la mor fheirge-san; agus co a dh’fheudas seasamh?”
Nuair a thog a Bhan-righ suas a suilean feuch! air balla a tigh-cuirme an sgriobhadh so. “Tha thu air do thomhas air a’ mheigh, agus fhuaireadh easbhuidheach thu.” Tha am fion nuadh ri caoidh, tha an fhionan lag, tha luchd a chridhe aoibhin uile ag osnaich. Sguir fuaim aighireach nan tiompan; theirig luath ghaire na muinntir a bha ri gairdeachas; sguir aighir na clarsaich, dhorchaicheadh gach aighir; dh’fhagadh leir-chreach anns a bhaile agus le buaireas bhriseadh sios an geata. Chriothnaich bunaitean na talmhuinn, shearg an sluagh as agus chrion iad air falbh.
Cha robh fuaim r’a chluinninn, ach a mhain tuireadh agus eu-dochas.
Nuair thainig an oidche, bha eagal orra roimh ’n mhaduinn. Ach anns a mhaduinn dh’eirich a ghrian, bha na ballachan na’n seasamh, an turaite agus an teampuill, agus lionmhoireachd an luchairtean neo-atharraichte; thainig an sluagh a mach, aon as deigh aon, cheasnaich iad gach a cheile, agus gu’n aon air dosguinn fhulang, dhichuimhnich iad briathran an aingil, agus bha iad ri malairt, mealltaireachd agus toibheum; “phill am madadh air ais chum a sgeith fein; agus a’ mhuc a chaidh nigheadh, chum a h-aoirneagan san lathaich.”
(Ri Leantuinn.)
Tha J. B. Thompson, Toronto, Ont., a sgriobhadh. Bha mi tinn le droch-stamaig fad da bliadhna dheug, agus bha mi gle dhona air uairibh. Dh’fheuch mi dotairean us leigheasan ach cha d’fhuair mi faochadh gus an d’fhuair mi K. D. C. Tha mi ’n diugh na’s fhearr na bha mi o chionn iomadh bliadhna.
Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh guImrie & Graham, Church and Colborne Sts, Toronto, Can.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan. &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 1. No. 50. p. 4]
E HO NIGHEAN.
O cha cheilinn, O cha cheilinn,
O cha cheilinn is cha n-aichainn;
Cha cheilinn air sluagh an t-soaghail
Gu’n dug mi mo ghaol do Mhari.
LUINNEAG.
A ho nighean, e ho nighean,
A ho nighean ’chinn duinn aluinn;
Mo chist calinn donn na buaile
Dha’n dug mi mo luadh ’s a dh’fhag mi.
Dh’innsinn fein gu reidh an fhirinn
Ged a bhiodh am Biobull lamh-rium;
Tha do ghaol am chridh cho cinnteach;
’S ’tha mhuir a lionadh ’sa traghadh.
’Se do phearsa ghrinn bu bhoidhche,
’Se do chomhradh ceol a b’fhearr leam;
Beul ’bu bhinne ’ghabhadh orain
’Dheanadh leanabh og a thaladh.
Thug mi corr agus tri bliadhna
A sior iasgach air do nadar;
’S bho nach d’ fhuair mi mar bu mhiann leam
Thilg mi bhuam an lion ’s am bata.
Ach nan gealladh tu mo phosadh
Chuirinn gearrain og’ air lar dhuit;
Chuirinn do chrodh laoigh do’n mhoine
’S do laoigh og’ a staigh do’n bhathaigh.
’S mairg a dh’earbadh a nighinn,
Ged a bhiodh i suidhe lamh riut;
Bidh a bial a deanamh suas riut,
’S bidh a cridhe fuar ga t’ fhagail!
Bheirinn comhairl’ air na gillean
Gun bhi cho cridhail ’sa b’ abhist;
An leannan a bh’agam-s’ ’n uiridh
’S muladach a rinn i m’ fhagail.
Ged a dh-innsinn dhuibh an fhirinn,
Gach aon ni bhon bha mi ’m phaisde
Cha chualas sgeula riamh cho cruaidh
Ri gaol a thoirt is fuath ga phaigheadh.
Thug mi corr is raidh’ an dochas
Nach robh goraiche nad nadar.
Gus am faca mi le m’ shuilean
Fear eil ann an cuil gad thaladh.
GU DE ’AI MI MUR FAIGH MI THU.
Tha mi mar smeorich an crann
Bhiodh an deidh a h-eoin a chall.
Seacharan air dol am cheann,
Gur beag ’tha ’shannt a chadail orm.
LUINNEAG.
Hilinn o is hilinn i,
Hilinn o is hilinn i,
Oganich’s na ho ro i,
Gur de ’ni mur faigh mi thu?
’S e mo cheist an gille donn
’Rachadh an crannaig nan long,
Ged a bhiodh do phoca lom
Gun or, gun bhonn gun gabhainn thu.
’S e mo cheist an gille ban
Nach leigeadh a leannan le cach.
Teann an nall ’s thoir dhomh do laimh;
Cha leig mi dail na ’s fhaide dhuit.
’S e mo cheist Mac-Gille-mhaoil,
Broilleach geal na leine chaoil;
’S ann dhuit a thug mi mo ghaol
’Nuair bha mi aotrom, amaideach.
’N giullan sin dha ’n dug mi gaol
Nach robh fichead bliadhn’ a dh-aois
Nam bu leamsa fearann saor
Gur tus’ a ghaoil a gheibheadh e.
’S ged nach h- ’eil an gill’ ach og
Thu e misneachail gu leoir;
’S ’nuair a gheibh e long fo sheol
Cha dig e ’choir an fhearinn so.
Cha d’fhuair soitheach smuid no eile suas gu Montreal air a bhliadhna so gu Di-ciadinn s’a chaidh, an treas latha dhe’n t-samhradh, leis mar a bha ’n amhuinn air a dunadh le deigh. Gheibheadh soithichean gu Quebec o chionn corr us mios, agus bha aireamh mhath dhiubh anns a phort sin a feitheamh ri bristeadh na deighe. An uiridh bha am port fosgailte air an treas latha fichead de dh’April.
NA’S FHEARR NA RINNEADH RIABH. —Molidh miHagyard ’s Yellow Oilmar an leigheas as fhearr a rinneadh riabh air son caasdich us cnatan. Tha e agam san tigh a h-uile latha dhe’n bhliadhna. HARRY PALMER, Lorneville, Ont.
POSAIDHEAN.
Aig Loch Ainslie, April 15mh, leis an Urr. Alasdir Grand, Domhnull MacSuain, ri Seonaid Nic Aonghais.
Aig an aite cheudna, April 12mh, leis an Urr. Alasdir Grannd, Domhnull MacGilleain ri Carastiona Nic Aidh.
Far nach eil droch stamag cha bhi cholera. Leighsidh
K D C
droch stamag agus mar sin cumidh e air falbh an cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND
& CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 50 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 50. %p |
parent text | Volume 1 |