[Vol . 1. No. 51. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE, MAI 13, 1893. No . 51.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
Thug a Bhan-righinn gairm na’n abradh duine air bith gu’n d’innis an t’aingeal roimh laimh gu’m bitheadh iad air an sgrios, gu’n cuirte gus bas e. Bha gach cridhe air a chruadhachadh. Chaidh guth faidh agus aingil as a’n cuimhne mar sgeul a dh’inniseas neach. Ach bha duine aig an robh ughdarras fo’n Bhanrigh nach do dhi’ -chuinhnich an rabhadh. ’Se b’ainm dha “Talamh-Dearg.” Bhuanaich e a bualadh air uchd, ag radh. “A Dhia, dean trocair ormsa ta am pheacach.” Dh-feuch a bhean ri comhfhurtail a thabhairt dha ach fhreagair esan a mhain. “Ghlac m’ eucearta mi, ni’s lionmhoire tha iad na falt mo chinn.” Fhreagair ise “cha’n eil sinn na’s miosa na ar coimhearsnaich” ach ghlaodh esan ni’s mo, “Och is duine truagh mi!” Nuair a dhinnis iad dha gu robh na h-uile nithe a’ fantuinn mar a bha iad o thoiseach, cha d’thug so fois dha; bha e ri bron agus ghuil e fad an latha. Air da bhean s da chlann toirt fanear nach bu droch dhuine e, mar bha cuisean a dol, agus gu’n d’rinn e aithreachas airson a pheacaidhean bha iad air am bioradh ’nan cridhe agus thubhairt iad maille ris, “ciod is coir duinn a dheanamh chum gu saorar sinn?” Lub iad an glun comhlath, agus rinn esan urnuigh, “Dean trocair orm, a Dhe’, a reir do chaoimhneas graidh; a reir lionmhoireachd do chaomh throcairean, dubh as m’ eusantas. Cruthaich annam cridhe glan, a Dhe, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a stigh dhiom.” Mar as mo bhuanaich iad ann an urnuigh, ’sans bu truime dh’fhas an uallaichean. Cha tug iad aon chuid codal da’n suilean no suain da’n rosgaibh, ach bha iad araon ri urnuigh agus bron comhlath a feithimh ri slainte Dhe. Anns a mhaduinn bha eagal orra an dorus fhosgladh, ach air cluinntinn gleadhar a bhaile, thug Talamh Dearg caog-shealladh a mach. ’Se cheud duine a chunnaic e a choimhearsnach, Sgriobanan oir, aig an Tigh Chuspuinn.
(Ri Leantuinn.)
Tha na giomich gle phailt air taobh deas an eilean so, gu h araidh timchioll air Eilean Mhadame. Tha iasgairean Arichat a glacadh gach aon far a cheile, ceud gu leth giomach ’sa latha.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Be Dior-daoin a cheud latha samhridh a bh’aginn fhathast. Tha dochas gun lean an t side bhlath a nise, oir tha’n duthich gle fheumadh air. Tha na gobhlain-ghaoithe air tighinn, agus cha tric le fuachd no reothadh mor tighinn nan deigh san.
Ann an Toronto, an la roimhe, bha tuathanach da’n ainm Connolly air a thoirt gu cuirt air son gealladh-posidh a thug e do nighinn, gealladh nach robh e deonach a cholionadh. An deigh eisdeach ris na tagridhean air gach taobh thug am breitheamh a mach gu’m feumadh Connolly mile dolair a phaigheadh do’n nighinn. Tha sinn an dochas gum pos e’n ath te da’n toir e gealladh.
Aig Fourchu, Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, bha duin og da’m b’ainm Robert Armstrong air a mharbhadh le urchir gunna. Bha e stigh leis fhein aig an am agus tha e coltach gun dug e lamh air a ghunna ghlanadh, agus air dha bhi seideadh do’n bharilte gus an stuir a chuir as, dh’fhalbh an urchir gun fhios da agus chaidh am peilear troimh ’cheann ’ga mharbhadh air a bhad. Bi a mhathair a cheud neach a thanig dhachidh agus a fhuair e marbh air an urlar ann an loch fala ’s an gunna ri thaobh. Bha e coig bliadhna fichead a dh’aois agus be ’n aon taic a bh’aig a pharantan. Bha e stuama, deanadach, agus fo dheagh chliu.
A reir an lagha rinn seanadh nan Staitean, bha feill an t-saoghil air a dunadh air an t-Sabaid s’a chaidh. Thanig na miltean sluaigh thun nan geatachan, ach chan fhaigheadh sron dhiubh a stigh. Tha iad so, maille riu-san a bha ’g arridh bho thoiseach an fheill a bhi fosgailte air an t-Sabaid, a togail an guth gu laidir an fhidh riaghilt an t-seanidh agus chan eile fhios nach fhaod iad a chuis, fhaghinn leotha. Tha luchd-riaghlidh na feille a cheana a cunntas de na chosdas an fheill fhad sa mhaireas i agus tha iad a deanamh a mach, ged is i feill a’s mo ’s a’s greadhniche chunnic an saoghal riabh, nach paigh i i-fhein no rud coltach ris. Ach dh’ fhaoidte gun tionndaidh cuisean a mach na’s fhearr na tha iad an duil.
[Vol . 1. No. 51. p. 2]
MAC-TALLA.
Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.
A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00
Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh.
’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, MAI 13, 1893.
Bha blar fuilteach air a chur am Brazil an la roimhe. Tha aireamh mhor de mhuintir na ducha sin ri ar-a- mach an aghaidh an luchd-riaghlidh, agus ’s ann eatorra sin agus cairdean an luchd-riaghlidh a bha’n cath. Chan eil fios cinnteach air cia mar a chaidh dhaibh, no co bhuideann a thug buaidh oir chan eil e soirbh fios fhaotinn a thaobh ’s nach eil an telegraph san duithich sin cho math ’sa dh’fhaodadh i bhi; ach tha aon sguel a fhuaras ag radh gu robh ochd ceud duine air a mharbhadh, nach robh a bhuaidh air taobh seach taobh ach gu bheil an luchd ceannairc a fas nas laidire gach latha. Chan eil cuisean ach gle upraideach an ceann a deas America nuair a’s fhearr iad.
Fhuair sinn fios bho aireamh mhath d’ ar luchd-leughidh a thaobh meudachadh a phaipeir, agus tha gach aon dhiubh ag radh, “Deanibh am MAC-TALLA a dha uiread ’sa tha e ’n drasd no beagan na’s mo na sin agus paighidh sinn dolar air a shon gu deonach.” Tha sinn taingeil a chluinntinn gu bheil ar cairdean cho allamh gu bhi toirt misneach dhuinn.
NA CROITEARAN.
Tha’n Ard-Chamhairle, a chuireadh a mach o chionn ghoirid air son rannsachadh a dheanamh a thaobh frithean nan fiadh, aig obair. Tha air deagh charaide, “Cabar Feidh” da’m bheil sinn an comain air son moran de naigheachdan Gaidhealach a sgriobhadh thuginn a Lunninn mar a leanas:—
Bha chiad choinneamh aig na h-ard Theachdairean ann am Port-Righ, san Eilean Sgiathanach air Di-mairt ’s a chaidh agus tha na h-uile coltas orra, leis an doigh anns am beil iad a dol mu’n gnothaich, gu’n dean iad an dichioll air an fhirinn fhaotainn a mach mu thimchioll nan frithean a tha nis fodh fheidh agus a tha freagarrach airsan a bhi air an aiteachadh. Bithidh leughadairean MHIC-TALLA toilichte chluminntinn nach eil iad a deanamh dearmad air a Ghaidhlig anns a chiad dol a nach. So am fios a chaidh a chur iad mun cuairt anns a Ghaidhlig air feadh an Eilean a dh’innseadh gu’n robh a choinneamh gu bhi air a cumail.
“Tha mise a toirt sanais gu’m bi coinneamh fhollaiseach air a cumail an uine ghoirid ann am Port-Righ leis na h-ard Theachdairean Rioghail a chaidh a thaghadh gu bhi a fiosrachadh am beil fearann agus ma tha de uiread agus a tha de dh’fhearann ann an Siorramachdan Earra-Ghaidheal Inbhirnis, Rois agus Chrombaidh, Chataibh, Ghallaibh, agus Arcaibh agus Shealtainn, air a shuidheachadh mar fhrith-fhiadh, marshliabh fo eoin-fhraoich, no mar bhlar seilg de ghne air bith no mar fheurach, nach eil fo chroitearan no fo thuathanaich bheaga eile, agus a ghabhadh aiteachadh gu buannachdail no a dh’fhaodadh a bhi air a chur gu buil mhath le croitearan no le tuathanaich bheaga eile.
Tha e air iarraidh air munntir a tha air son fianuis a chur fa chomhair nan Ard-Theachdairean gu’n cuireadh iad dha m’ ionnsaidh, sa gun dial, ainmeannan, dreuchdan, agus aiteachan-comhnuidh nam fianuisean a tha toil aca a bhith air an ceasnachadh.
Leigear fios gu h-aithghearr de an la agus de an t-aite anns am bi na h ard-Theachdairean a suidhe.”
Uilleam Mac Coinnich, Run-chleireach. Aig a choinneamh air De-mairt chuir Mr. J. G. MacAoidhh, Port-Righ, seann charaid nan Croitearan, cuis an t-sluaigh gu poncail fa chomhair nan Teachdairean. Thug e dhaibh cunntas air an t-sluagh a bh’anns an eilean o chionn ceithir fichead bliadhna, nuair a bha iad beo air toradh an fhearainn, agus ged a tha aireamh an t-sluaigh corr agus sia mile ni’s lugha ’n diugh na bha e aig an am sin cha chumadh toradh an eilean suas iad fad da mhios. Tha Mr. MacAoidh ag iarraidh gu’m bi an talamh tha fodh chaoraich air a thoirt air ais do’n t-sluagh oir tha e deanamh mach nach eil buannachadh sam bith ann a bhi cumail chaorach an duigh. Tha na Teachdairean iad fein a dol thairis air na frithean agus na tuathanasan-chaorach chum’s gu’m bi dearbhadh aca gur e’n fhirinn a th’air a h-innseadh dhaibh leosan a tha toirt fianuis mu na cuisean sin. Buaidh leis na seoid!
ThaJ . B. Thompson, Toronto, Ont. ,a sgriobhadh. Bha mi tinn le droch-stamaig fad da bliadhna dheug, agus bha mi gle dhona air uairibh. Dh’fheuch mi dotairean us leigheasan ach cha d’fhuair mi faochadh gus an d’fhuair mi K. D. C. Tha mi ’n diugh na’s fhearr na bha mi o chionn iomadh bliadhna.
BURDOCK BLOOD BITTERS
Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.
LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUBH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 : Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.
[Vol . 1. No. 51. p. 3]
AN GLAGAIRE.
Bha duine tamh anns an duthaich so ris an abairte mar fharainm An-Glagaire. Air reir cunntais cha robh e trom air fein le obair ann a laithean a neart, cha da chuir e ’bheag air chul a laimh air son latha fliuch, agus nuair a thainig an aois air, mar a thuirt am bard,— “Be a mhuinghin an tuath ’s an deirce.” Bha ’n tuath cothromach timchioll an ait far na thuinich e; bha iad carantach nan nadar agus gle abhcaideach na’n doigh. Bha duine coir anns an aite dh’fhas tinn, ’s bha e cho iosal ’s gu robh daoine am beachd nach faigheadh e thairis air. Bhiodh an glagaire daonnan cuimhneach air dol a choimhead air Aonghas. Bhiodh iad a fagail air gum biodh e dol do dh’aitichean far an caochladh duine an earalas gu freagaireadh aodach an fhir a dh’fhalbh dha us mar bu trice cha bhiodh e air a mhealladh na bharail, no a’ gearain air son a shaoithrach. Ge be de thainig air bha e treis gu dol an rathad tigh Aonghais, ach bhiodh e ’feorach ciamar a bha an duine tinn—co-dhiu bha air curam gum fagadh e an saoghal na gun tilleadh gu slainte tha e doirbh a radh. Se tilleadh gu slainte ’rinn e, ach cha do thachair gun tainig sin gu cluasan a ghlagaire. Thainig e do stor a bha faisg air laimh air lath araidh. An deigh dha fhein ’s don’ bhuirdeiseach treis a thoirt a cnacaireachd dh’fhaighneachd e ciamar a bha Aonhas? “Chaochail e, an cuala tu idir?” ars an buirdeiseach. “A dhuine chridhe! ’s mi nach cuala! agus chaochail e! ma ta be fein an duine coir. Am bheil fad’ on a chaochail e?” “Tha treis ann,” ars’ am buirdeiseach. Thug an glagaire treis na thosd, agus gun an corr dail dh’fhalbh e’s rainig e tigh Aonoghais ma dhorcha na na h-oidhche. Mar a bha clisgeadh an dan dha cha robh Aonoghas ri fhaicinn nuair a chaidh e stigh, bha e ann a rum eile ’s an tigh. Chuir an glagaire failte air na bha a lathair do mhuinntir an taighe a bruidhinn cho comh-chaoidheach ’s a b’aithne dha. Thuig mac fir-an-taighe mar a bha chuis ach cha duirt e facal. Bha an glagaire ’cuir deth: a g’innse ’meas a bh’aig an fhear nach eil a lathair air, us a meas a bha aige fein air-san. “Dean suidh a dhuine,” arsa mac fir an taighe. “Cha mhor gun iarr mi suidhe leis mar tha mi ag ionndrain an duine chaoimh nach eil an so an nochd. S’ mi tha ga m’ leonadh nach cuala mi ann an am gun do dh’eug e ’s gun diginn a ghabhail mo chead deireanach leis. M’ eudal! nach e ’bhas a thainig trom oirbh, agus gu dearbh thainig e trom orm fein!” “Thigeadh a bhas trom oirnn,” arsa ’m fear eile, “ach tha sinn ga fhaicinn a h-uile oidhche air feadh an taighe.” “Marbhaisg ort, a dhuine gun cheill, ged a b’abhaist dhut a bhi ri fealla dha ma dhaoine ’s ma gnothaichean eile na can a leithid ma t-athair caomh a tha tamh ’san uir,” arsa ’n glagaire.” “Cha n’ eil reusan a bhi ga chleth,” ars an gille, “agus faodaidh tu ’bhi cinnteach mar a biodh an fhirinn ann nach toisichinn-sa ri ’ghrathainn,” “Gu sealladh am freasdal orm!” arsa ’n glagaire, “nach eil sin fuathasach. ’S eigin gu bheil rud-eigen cearr! tha gnothach aige ri cuid-eigin.” “Tha e coltach gu bheil, arsa ’n gille. Co aig tha fios nach eil gnothach aige ribh fein o’n a bha sibh cho mor ma cheile.” “Chan eil, chan eil, tha mi ’n dochas, gnothach aige riumsa!” arsa ’n glagaire. “Ciamar a b’abhaist dhuibh fhaicinn? tha mi guidhe gun e thighinn an nochd!” “B’abhaist dhuinn fuaim a chluinntinn anns a rum aige fein, us thigeadh e’n sin a mach air an dorus sin lamh riut anns a cheart aodach ’s am biodh e man d’fhas e tinn,” arsa ’n gille. Bha ’n glagaire truagh a nis gus a bhi as a rian leis an eagal, agus air don ghille bhi ag innse so dha ghluais am fear a bha anns a rum, agus ma ghluais ghluais a fear a bha ’muigh, leum ’e na sheasamh, ach cha d’amais e riabh air teicheadh. Chuir e’ lamhan air cul na cathair’ far a robh e na shuidhe agus aghaidh air an dorus air a robh dul ris an spiorad. Dh’fhosgail an dorus, nochd dearbh choltas fir-an-taighe. “Gun gleidherdh am freasdal sinn” arsa ’n glagaire us e tuiteam ann am paiseanadh. Anns an am sin theich an gille, Cha robh fios aig Aonghas gu de ’bha cearr, rug e air an fhear a bha na shineadh ’sghlaodh i air son uisge, ’s nuair a dhuisg am glagaire ’s a dh’fhosgail e a shuilleam, bha a spiorad ’s greim aig air eadar a dha laimh. Thairis’ a ghabh e rithist, cha bu luaithe ’dhuisgeadh e a paiseanadh ’s a chitheadh e ’m fear a bh’as a chionn na bha e seachad a risthist, gus am beigin do’n ghille a bha, sgaineadh a chridhe chridh ’gairoachdain, tighnni agus athair a thoirt air falbh. Fhuair iad an glagaire bochd a thoirt thuige ach theab nach gabhadh toirt air creidsin nach e spioracp a bh’ann ’s nach ann ris fhein a bha ’ghnothach.
Chaidh an glagaire a chumal gus an d’fhuair e gle mhath thairis air a thrioblaid. Cha mhutha chaidh di-chuimhne dheanamh air aodach a chuir air, agus gu dearbh choisin e daor gu leor e. Cha rugear a leas a innse mach do ghabh an cleas ceudna deanabh air riabh tuilleadh.
“Ge be ciu th’ ann briag no firinn,
Sin agaibh mar dh’innseadh dhomhs e.”
ALASDAIR.
ULLICH AIR SON NA COLERA. —Cum an fhuil glan, an stamag an deagh ordugh, agus an corp air fad slan le bhi gabhail B. B. B. a ghlanas agus a nearticheas an corp gu h-iomlan. Cha dearg an colera orra san a tha slan.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth.
Tha’n soitheach smuid Harlaw air toiseachadh air ruith eadar Halifacs us Newfoundland mar-a b’abhist di. Thaghil i aig Sidni ’s aig Sidni-a- tuath air an t-seachdain s’a chaidh, air a ceud turus air an t-samhradh.
POSAIDHEAN.
Aig I Challum. Chille, April 25, leis an Urr. Ruairidh MacNeill, Callum Domhnullach, Washabuck, ri Mari Dhomhnullach, ’san aite cheudna.
BAIS.
Aig Sidni-a- Tuath, Mai 8mh, Carastiona bean Mhicheil’Ic Leoid, 26 bliadhna dh’aois.
Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh guImrie & Graham, Church and Colborne Sts, Toronto, Can.
A. J. PEUTAN.
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 1. No. 51. p. 4]
MARI DHUBH.
Latha dhomh ’s mi falbh na sraid,
Co ’thachair orm ach mo ghradh,
’S i ’toirt uisg’ a tobar lan;
’S cha bhi mi slan mur faigh mi i.
LUINNEAG.
’Mhari dhubh, o hu o ho,
’Mhari dhubh, ho ri ho ro,
’Mhari dhubh ’s a Mhari dhonn,
Tha m’ inntinn trom on dhealich sinn.
’S truagh nach robh mis is mo ghaol
Air an taobh ud thall de ’n chaol,
’S mur a h-atharrich a ghaoth
Gun seol sinn aotrom thairis air.
’S truagh nach robh mis’ is tu fein
Ann sa ghleann am biodh an spreidh;
S binne thu na fiodhull nan teud
’S an gleus an deidh a theannachadh.
’S ann ort frin a dh’fhas a ghruag
Air a pleatadh sios na duail,
Ribinn ur ga ceangal suas
Is prine cluais ga teannachadh.
’S e mo cheist an nighean chaomh
Air an d’fhas a mhala chaol
’S ann aig airidh a chruidh laoigh
Thug mise’ ’n gaol nach aithreach leam.
Cha n-fheil thu dubh ’s cha n-fheil thu donn,
’S boidheach deas thu air do bhonn;
Thuit mo chridhe ’s dh’fhas e trom,
A ribhinn donn nam meall-shuilean.
’S gur a mise tha gu tinn,
Mi ’dol a laighe leam fhin;
Banntraichean ’s iad riumsa strith;
Cha taobh mi-fhin te aigeannach.
’S fhad ’s a chi mo shuil a ghrian
Tigh’nn bho ’n ear ’s a dol do ’n iar.
Cha taobh mi fhin an te ’tha liath
’Sa ciabhagan air tanachadh.
HUIL O NA BHEIL AIR M’ AIRE.
Tha nionagan an ait s’ cho tairail
’S nach taobh iad le cairdeas mi;
Duil ac’ gur h-i ’n aois a liath mi
’S gun mi bliadhn’ achtwenty - three.
LUINNEAG.
Huil o na bheil air m’ aire,
’S mor an noch na bheil gam dhith;
Huil o gur mor mo ghaol ort,
Ged nach faod mi ’bhi ga inns’.
Thug mi gealltanas do shianar,
’S cha d’fhag iad ach briagach mi;
Ach an te a fhuair mo lamh,
Ma bhios mi slan cha n-fhag mi i.
Ach, a ghaoil, ma rinn thu m’ fhagail,
Cha dean mi car slan ad dheidh;
’S tric a dh’fhalbh mi leat air ghairdein
Gabhail sraid an gleann an fheidh.
’S tric a rinn mi suidhe lamh-riut
Muigh fo dhubhar sgail nan craobh;
Bhiodh mo chridhe ’bualadh laidir,
’S to gam thaladh le do ghaol.
ISE A FRAGIRT
Mo cheist air fir Bhaile Raghail,
Bu direach a thairneadh iad sgriob;
Cha mhor a b’fhiach iad bhi gan aireamh,
Ach mo ghradh sa ’bhi gan dith.
Cha n-fheil mo chaol-sa aig baile,
Cha n-fheil e idir san tir;
’S ann a chaidh e do Loch Carruin
’Tharruinn sgadain as na linn.
Seachdain o’n diugh no o maireach
Falbhaidh mi ’s fagaidh mi ’n tir,
’S faodaidh tus ’bhi aig do roghainn
Gus an taghail mi thu risd.
NA’S FHEARR NA RINNEADH RIABH. —Molidh miHagyard ’s Yellow Oilmar an leigheas as fhearr a rinneadh riabh air son caasdich us cnatan. Tha e agam san tigh a h-uile latha dhe’n bhliadhna. HARRY PALMER, Lorneville, Ont.
Cha robh iasgach an truisg ann anNewfoundland, cho dona o chionn iomadh bliadhna ’sa bha e air an earrach so. Bha iasgach nan ron mar an ceudna gle fhad air ais, na b’fhaid’ air ais na bha e o chionn da fhichead bliadhna. Tha moran de na h-iasgairean air an caradh cho bochd ’s gu bheil aig an luchd-riaghlidh ri bhi roinn bidh us airgiod orra gus an cumail gun bhasachadh le gort.
AIR SON DROCH CNATAN. —Bha droch cnatan orm agus leighis mi e leDr Wood’s Norway Pine Syrup. Is leigheas anabarrach math e, a bheir faochadh ri beagan uine, agus a tha gle bhlasda r’a ghabhail. I . PAYNTER, Huntsville, Ont.
Far nach eil droch stamag cha bhi cholera. Leighsidh
K D C
droch stamag agus mar sin cumidh e air falbh an cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
title | Issue 51 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 51. %p |
parent text | Volume 1 |