[Vol . 1. No. 53. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL . I. SIDNI , C. B., DI-SATHAIRNE MAI 27, 1893. No . 53.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Dh’eug bean do’m b’ainm Eva Adams leis a bhric ann a Winnipeg o chionn ghorid. Tha ’bhreac anns a bhaile sinn a nis uine mhor agus ged nach eil i sgaoileadh no a fas lionmhor gidheadh tha e a tur fhairtleachadh air luchd-riaghlidh a bhaile cur as di.
Feasgar Di-sathairne s’a chaidh rugadh air duin og ann a Halifax agus chuireadh sa phriosan e air son a bhi gabhail air a bhean. Chan eil ach uine ghoirid o’n phos iad, agus mur urrinn dhaibh sith a ghleidheadh san tigh gun an darra aon a bhi sa phriosan, ’s co math dhaibh an tigh a sgaoileadh.
Tha fios a Chicago ag radh gu bheil na nithean a chuireadh a Nobh Scotia chum na feille a faotinn cliu mor o na h-uile tha ga’m faicinn. Tha gu h-araidh na measan cho taitneach ri’m faicinn ’s gu bheil e doirbh do na maoir an luch amharc a chumail uapa leis cho miannach sa tha iad air blasad orra.
Bha duin og aois cheithar bliadhna fichead aig cuirt am Montreal an la roimhe air son a bhi feuchinn ri tigh’nn ri bheatha. Dh’innis e do’n bhreitheamh gu robh bean sa bhaile air ’n do chosg e tri mile dolair agus an deigh sin gun do dhiult i a phosadh. Chaidh a chur don phriosan fad thri miosan, ach thuirt e gun tigeadh e ri bheatha cho luath sa gheabhadh e ma sgaoil.
Bha dithis Iudhach air an crochadh am Pennsylvania an la roimhe air son Iudhach eile a mhort. Bu cheanniche e a bha falbh o aite gu aite le maileid bathair. Choinnich na murtairean air ann an ait iomallach eigin agus mharbh iad e air son a chuid airgid. Theich iad an sin gu Montreal ach an ceann da mhios rugadh orra, chaidh an toirt air ais do na Staitean agus an diteadh gu bas. Tha e air a radh nach robh Iudhach air a chrochadh anns na Staitean riamh roimhe. Bha triuir Iudhach air an diteadh gu bas aon uair ach thanig dithis dhiubh ri’m beatha fein mun danig la a chrochidh, agus chuir an treas fear cul ri creirdeamh aithrichean, air chor ’s nach b’Iudhach idir e nuair a chaidh a chrochadh.
Be Di-ciadinn s’a chaidh co-ainm latha breith na Banrigh. Tha i nise tri fichead bliadhna ’sa ceithir deug a dh’aois, agus air an fhicheadamh latha dhen ath mhios bidh i air a chathir-rioghail leth-cheud bliadhna ’sa seachd.
Air an t-seachdain s’a chaidh fhuaireadh fear Wilson Mac Leoid, a mhuinntir Sandy Cove am Pictou, marbh ann an alltan beag ri taobh an rathaid. ’Se barail muinntir gun danig laigse air agus gun do thuit e do’n allt far an d’fhuair e bas.
Bha aireamh mhor de mhuinntir Shidni us Shidni-a- Tuath a ghleidh latha breith na Banrigh le dhol a mach a dh’ iasgach bhreac. Bha ’n latha cho briagha sa dh’iarradh iad, agus fhuair iad dorlach math eisg, ach mar is tric a thachir se na h-iasgan beaga a ghlac iad; bha ’n fheadhain mhora cho seolta ’s nach digeadh iad an coir nan dubhan!
Bha Iacob Peters, tuathanach an ceann a deas Mhanitoba a gabhail an rathaid an la roimhe le each us carbad, nuair a thanig stoirm thairneanach us dhealanach air. Bhual an dealanach e agus mharbh e e air ball; theich an t-each, leis an eagal a ghabh e, agus shlaod e corp an tuathanich na dheigh fad tri no ceithir de mhiltean.
Tha naigheachd mhuladach air innse le paipear a Montreal, Bha seana bhean lapach air a cur do’n bhaile ’s air a fagail an sin le a cloinn fhein, an dul gun gabhadh muinntir a bhaile curam dhi ’s gun cuireadh iad do thigh nam bochd i. An aite sin ’s ann a chaidh a cur air ais da’n ionnsidh fhein far ’m bu choir dhi a bhi. Cha b’urrinn do na finneachan fiadhich buntainn ri’m parantan na bu mhiosa.
Tha e air a radh gun do gheall Morair Stanley, nuair a thainig e gu Canada mar Ard-riaghladair, gun sgriobhadh e dh ionnsich na Ban-righ a h-uile seachdain ag innse dhi mar a bha cuisean a dol air an aghidh an Canada. Tha e air a radh mar an ceudna gun do sheas e ri ’ghealladh, agus ma tha Bhan-righ a gabhail curam, de na litrichean, bibh iad gle luchmhor an suilean luchd-eachdridh san am ri teachd.
[Vol . 1. No. 53. p. 2]
MAC-TALLA.
Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B.
A PHRIS BHLIADHNAIL:
Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0 .50
An ceann shia miosan 0.75
An ceann na bliadhna 1.00
Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe’n Mhac-Talla ’nasgidh.
’Se Mac-Talla ’n aon phaipear Galig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
J. G. McKINNON,
Mac-Talla,
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, MAI 27, 1893.
Tha MAC-TALLA ’toiseachadh air bliadhn’ ur agus tha sinn an dochas gun dean a chairdean an uile dhichioll air a chumail air adhart. Tha aireamh mhor de luchd Gailig anns an duthich so, agus nan rachadh iad an guaillibh a cheile dh’fhaodadh iad a chumail gu math air a dhoigh. Chan eil teagamh aginn nach dean iad sin, agus gum feuch iad do’u t-saoghal gu bheil iad a cur rompa a Ghailig a chumail suas cho fad ’sa’s urrinn daibh. Tha sinn fada ’n comain na muinntir a chuidich sinn an uiridh agus bhitheamid na b’fhaide nan comain man deanadh iad ar cuideachadh air a bhliadhna so mar an ceudna. Chan eil sinn a faicinn reusan sam bith air a mhuinntir a tha gabhail a MHAC-TALLA a bhi cho tearc sa tha iad. Tha corr math us ochd ceud ’ga ghabhail ach dh’fhaodadh an aireamh sin a bhi air a dhublachadh agus tha dochas math aginn gum bi e sin air an t-samhradh so. Deanadh gach aon a tha ’ga ghabhail an drasda a dhichioll air duine no dithis eile fhaotinn a ghabhas e agus bi’dh am MAC-TALLA an uine ghoirid gle dhaingeann air a chasan.
Aig Sidni Mines an oiche roimhe bhuail da charbad-iarinn na cheile, ach gu fortanach cha d’rinneadh call mor sam bith. Bha’n da charbad a tigh’nn rn coinneamh a cheile, agus bha ceo cho trom air tuitean ’s nach fhac iad a cheile gus an robh iad cho faisg ’s nach b’urrinnear an stad. Bhuail iad na cheile agus chuir aon dhiubh car-a- mhoiltean dheth sios am bruthach. Rinneadh beagan millidh air ach bu shuarach e ’n taice ris na dh’fhaodadh a bhi a air a dheanamh.
LEIGHEAS EALAMH. —Bha mi fad da bliadhna tinn, agus cha deanadh na dotairean feum sam bith dhomh. Dh’fheuch mi B. B. B. agus leighis aon bhothul mi.
ETHEL D. HAINES, Lakeview, Ont.
LITIR A LOUISBURG.
A CHARAID GHRADHICH, —Tha mi toilichte chluinntinn gu bheil thu an duil do phaipear coir a chuir am meud. Tha mi faicinn gu bheil thusa deonach gniomh uasal a dheanamh ann a bhi cur a mach paipear Gailig gach seachdain, agus tha mise lan dheonach air dolar sa bhliadhna phaidheadh, ’ga do chuideachadh gus am paipear sin a dheanamh cho maiseach aluinn ri aon a ghabhas faotinn. Tha fhios agad gu robh mise deonach sin a dheanamh o chionn fhada, agus tha mi ’n dochas gum bi na h-uile Gaidheal dhe’n bharail cheudna. Tha mi toilichte bhi leughadh litir bho “Lamh Laidir” a Lunninn, agus a chluinntinn gu bheil e cho measail air a Ghailig ruinn fein. Nam biodh fhios aig na h-uile air co uaithe thanig a Ghailig, bhiodh iad na bu mheasaile oirre na tha iad. ’Se mo bharail fhein gu fas i fhathast gu bhi cho ard ’s cho measail sa bha i ri linn Noah. Bidh daoine fagail orm-sa gu bheil mi tuilleadh us deigheil air a bhi moladh nan Gaidheal, ach co a mholas mi mur-a mol mi Clann Dhan a leum bho Bhasan, agus tha mi cinnteach ma chuireas na Gaidhil an guaillibh ri cheile, gu feum na Goill a bhi nan tosd, agus a bhi gabhail meas air cainnt aosda nam beann.
MAC DHAN.
Thanig dithis iasgairean air tir faisg air Grand River air an t-seachdain sa chaidh an deigh dhaibh moran anraidh fhulang air a chuan. Chaidh an soitheach air an robh iad ag iasgach air chall orra, agus bha iad fad choig laithean ann am bata beag air an iomain a null sa null leis na tonnan, ’s iad gun bhiadh gun deoch, Nuar a ranig iad an cladach bha iad cho lag ’s nach b’urrinn dhaibh tigh’nn as a bhata gun chuideachadh. Bha fear dhiubh nach b’urrinn eadhon coiseachd agus cha robh coltas air an toiseach gum biodh e beo, ach leis an deagh aire a fhuair e, tha e dol gu math am feabhas. Nam biodh iad air a bhi sa bhata beagan uairean na b’fhaide, chan eil teagamh nach biodh am fear so marbh. Thanig bata eile anns an robh ceathrar air tir an ath latha aig Larcheveque ach cha robh iad sin air an caradh cho dona ri cach.
Tha na mathain ri sgath mor air caorich aigGay ’s River, N.S. Mharbh iad cheana coig caorich dheuga, ’s tha iad air fas cho dalma ’s gu bheil iad rim faicinn aig na saibhlean re an latha.
An enslaint a’s miosa th’ann, —Droch Stamag—an leigheas a’s fhearr air, K. D. C. Glanidh e an stamag agus mi e ’n anail milis, Feuch e!
Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh guImrie & Graham, Church and Colborne Sts, Toronto, Can.
BURDOCK BLOOD BITTERS
Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.
LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT,
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.
Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?
Cha’n eil inneal-ciuil ann an Canada ni’s fhearr na Pianos agus Orgain“Kharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.
Agus ’se ’n“Raymond”agus an“New Williams”am da Inneal-fhuaigheal a’s fhearr a tha ri’m faotainn air thalamh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu
C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.
LEUBH SO.
Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na’s saoire na gheibhear an aite sam bith eile ’n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 . Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu’m bi thu riaraichte leis.
Ceannaich do Charbadan ’nad dhuthaich fhein, ’sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, ’nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh
D. W. Mac Fhionghain,
SIDNI TUATH, C. B.
[Vol . 1. No. 53. p. 3]
TURUS DO CHANADA UACHDARACH, RIS AN ABRAR A NIS ONTARIO.
Air a Bliadhna 1847.
Bha e mu thri uairean sa’ mhaduin nuair a sheas sinn air an traigh, agus bha an latha air fas soilleir gu leor ionnus gun d’thug sinn an aire do bhothan beag os ar ceann a chum an deachaidh sinn gu teine fhadadh los ar tiormachadh. Fhuair sinn sinn-fein air ar tilgeil air tir am measg nam Frangach ann an Canada Iochdarach. Dh’eirich am Frangach a bha chonaigh sa’ bhothan agus leig e a staigh sinn; chuir e beagan connaidh air an teine chum gun garamaid sinn fein, agus nochd e caoimhneas nach bu bheag dhuinn. Sheol e sinn a dh-ionnsuidh taigh Frangaich eile a labhradh Beurla gu math oir cha robh Beurla aige fhein, agus nuair a rainig sinn an taigh sin chuir iad teine mor fiodha a chum gun tiormaicheamaid sinn fein agus ar n-aodach a fhliuch an tonn mor. Mar so nochd an sluagh caoimhneas duinn, mar a nochd iad do’n Abstol Pol nuair a chaidh e air tir aic Eilean Mhelita. Fhuair sinn uile tearuinte gu tir, agus cha robh call sam bith ann ach a mhain call na luinge, oir bha an Tighearna grasmhor dhuinn, agus shaor e sinn as a’ chunnart.
Nuair a thiormaich na seoladairean iad fein, chaidh iad a mach a dh’fhaicinn na luinge, a bha ’na laidhe air a’ chladach, ach beag tioram, nuair a thraigh a ’mhuir, agus thug iad gu tir gach ni a b’urrainn daibh; am measg nithean eile thug iad gu tir da chiste leam-sa, anns an robh mo chuid aodaich, ach dh’fhag iad air bord na luinge tri bocsaichan, no tri cisteachan anns an robh mo leabhraichean, agus dhiult iad dol air an ais gus an toirt air tir. Bha mi ro dhiombach air son sin, ged a bha sinn la no dha a’ feitheamh aig an aite. Chaidh sinn an sin air bord luinge briste, lan fiodha, a bha dol anaird gu Quebec gu bhi air a caramh, ach dh’fhag mise gille og d’an b’ainm Alastair Ros de mhuinntir Chataoibh, a ghabh os laimh fuireach aig an luing, a chum gun tugidh e leis mo leabhraichean nuair a gheibheadh e cothrom air long sam bith eile a’ dol gu Quebec.
Bha an long air an robh sinn a’ dol anaird fosgailte air a druim, oir bhriseadh an t-slat droma no an t-sail-dhroma dhith nuair a chaidh i air a’ chladach leis an stoirm ach bha i lan fiodha agus mar sin shnamhadh i mar gum bu rath a bhiodh ann. Rainig sinn Quebec air an 28mh la de Mhaigh oir bha sinn corr agus seachduin air ar turus. Dh’fhuirich mise ann an Quebec gu Diluain an 31mh la: agus an sin chaidh mi air bord bata-toite, no smuid-long d’am b’ainm, “Iain Munna.” (John Munn)a bha dol gu Montreal. Rainig mi am baile sin air maduin Dimairt a cheud la de Iune, agus ghabh mi direach air m’ aghaidh gun stad le bata smuid a bha dol guBy -town,bail a bha air bruaich na h-Aibhne Moire, Ottawa, laimh ris an Eas, d’am b’ainm an Coire Mor(Great Chudiere).Theirear Ottawa ris a’ bhaile so a nise, ceann bhaile Ard-thighearnais Chanada, far am bheile an Ard Pharlamaid a’ coinneachadh agus an t-Ard riaghladair a’ fuireach. Cha robh ann ach baile beag cuil aig an am ud, anns an robh mu ochd mile sluaigh a’ gabhail conaigh. Rainig sinn am baile air maduin Di-Ciaduin, ach dh’fhan mise seachduin anns a bhaile a’ feitheamh gus an tigeadh cuid eigin gu m’iarraidh aBeckwithan t-aite gus an robh mi a dol. An ceann seachdain thainig Alastair Mac Eoghain le inneal giulain gus mo thoirt leis, agus mar sin chaidh mi oir m’adhart guBeckwith. Air an 29mh la de mhios Iune, thainig an gille og Alastair Ros, leis na leabhraichean agam; dh’fhuirich e aig Matane gus an d’fhuair e long a thug anaird e gu Quebec. Phaigh mi dha ochd dolair dhiag air son a dhragh agus air chul sin bha mi ro thaingeil da a chionn gun do shabhail e mo leabhraichean, oir cha cheannaicheadh ciad dollar na bha ann diubh.
D. B. B.
TURUS A MHARAICHE.
Bha na sraidean air an domhlachadh. Bha Talamh Dearg ann an ioma-chomhairle ciod air an smuainicheadh e; bha fiughar aig gu’n taomadh na speuran nuas teine, ach bha na speuran ciuin agus soileir. Dh’fosgail e’n dorus agus thug e sanais do Sgrioban-an-Oir, ach fhregair esan: nuair a bhitheas uine agam thig mi a t-ionnsuidh. Thug airgiod bean “shiubhail na’m bailtean” gliong air bord buth Sgrioban-an Oir. Chuir Talamh Dearg stad air daoine araidh air an t-sraid, a dh’fhaigneach mu ghuth an aingil. Fhreagair iad; “Bitheamaid dichiollach ann an gnothuichibh.” Phill e gu tursach da thigh, an iomachomhairle eadar dha bharail; bha briathran an aingil a sior sheirm na chluasan, chreid e iad, agus bha eagal ro mhor air. Ach ciamar a dh’fhagadh e ’m baile. Bha e beartach, agus air fas ann an saoibhreas. Nan rachadh e mach chailleadh e so uile. Fad an la so uile bha e mar dhuine air mhi cheil. Bha pheacaidhean os a chiom mar neul dubh, ullamh gu briseadh ann am breitheanas air a cheann.
Bha e ri urnuigh agus trasgadh a latha agus a dh-oidche, bhuanaich e ann an trioblaid chraiteach gus fadheoidh an robh e na bhall sgeig da choimhirsnich agus na oran daibh fad an latha. Shearg e as gu faileas le tinneas cridhe, gidheadh sann bu mho bha e ri urnuigh “O Thighearn, greas chum mo chuideachaidh!” An sin chualas cnap aig an dorus aig marbhantachd na oidhche: “Feuch, tha mi a’m sheasamh aig an dorus, agus a’ bualadh; ma dh’eisdeas neach sam bith ri m’ ghuth agus gu’m fosgail e’n dorus thig mi a steach d’ a ionnsuidh, agus gabhaidh mi mo shuipeir maille ris, agus esan maille rium-sa. Ged bha e cho lag ris a cheo, chrub Talamh Dearg dh’ionnsuidh an doruis agus dh’fhosgail se e. Sheas aon a muigh sgeadaichte le falluinn a rainig sios gu ’shailibh agus crioslaichte le crios oir mu chiochaibh. Bha a cheann agus ’fholt geal mar oluinn ghil, mar shneachda agus a shuilean mar lasair theine.
(Ri leantuinn.)
AM BODHAR A CLUINNTINN. —Bha mi fad bhliadhnichean leth bhodhar agus air a gheamhradh s’a chaidh, ’s gann a chluinninn diog. Ach an deighHagyard ’s Yellow Oilfheuchinn leighis e mi gu buileach. Mrs . Turtle Cook, Weymouth, N. S.
Bha Montreal air a bhualadh an la roimhe le stoirm, a rinn troimhe cheile mhor fhad sa mhair i, ach cha robh call mor sam bith air a dheanamh.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 1. No. 53. p. 4]
SEAN FHACAIL.
Is tearc teanga mhin gun ghath air a cul.
Is toigh leis an Fheannaig a h-isean garrach gorm.
Is treasa da chailleach lag na aon chailleach laidir.
Is treun fear an eolais.
Is tric a bha fortan air luid, ’s a fhuair trusdar bean.
Is tric a thanig trod mor a aobhar beag.
La Fheill-Brighde baine bheir na cait an connadh dhachiadh.
Luath no mall g’an tig am Maigh, thig a chubhag.
Ma bhuaileas tu cu no balach, buail gu math e.
Ma chumas tu do dhubhan fliuch an comhnaidh, gheibh thu iasg uair-eigin.
Ma’s beag mo chas cha mho mo chuaran
Ma’s math an t-each’s math a dhreach.
Cha d’fhuair droch bhuanaiche riamh deagh chorran.
Cha do bhrist modh ceann duine riamh.
Cha d’fhuaradh an Donas riamh marbh air cul garaidh.
Ceannaichidh a h-uile fear an droch-bhean ach am fear aig am bi i.
Ceannard air fhichead air an fhichead saighdear.
Bu dual do isean an roin a dhol thun na mara.
An uaisle ’ga cumail suas a dh’aindeoin.
Am fear a’s fhaide ’bha beo riamh, fhuair e’m bas.
’GHRUAGACH AIR A BHEIL MI ’N GEALL.
LUINNEAG.
’Ghruagach air a bheil mi ’n geall,
Gruaidh mar chaorann dearg ait crann,
Chaileag bhoidheach a chuil duinn,
’S gil’ thu na sneachda nam beann.
’Se mo ghaol a ghruagach bhinn
Dha ’m math da’n dig gun de’n t-siod’;
Ruigeadh do litrichean mi.
Ann sna h-Innsean fada thall.
’Se mo ghaol a ghruagach og.
’S grinne ’dh’fhuaigheas le a meoir;
B’ fhearr leam gealladh ort is coir
Na na bheil de dh’or ’san Fhraing.
’Nuair thigeadh am foghar trath,
Air a bhuain cha bhiodh tu cearr;
’Nuair ghlachdt’ coran leat ad laimh
Dh’fhaodadh cach bhi deanamh bhann.
¦
Is ma phosas mi gu brath.
Gheibh mi ’n te ’tha dhomh an dan;
Ge b’e ait a bheil a tamh,
Gheibh mi fath air dol na cainnt.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth.
HO RO EILEINICH.
Tha falt mo chinn a dol gu lar
On chaidh thu Ghlaschu nan Sraid;
Chuala mi gun dug thu gradh
Do nighinn bhain Mhic-Amhlaidh.
Ho ro Eileinich ho gu,
Ho i rithil ho i u,
Ho ro Eileinich ho gu,
’S ann ’tha mo run s’ air Ghalldachd.
Ma rinn thu sin cha d’ rinn thu ’choir,
Cha b’e sin a gheall thu dhomhs’;
Gheall thu dhomh nam biomaid beo
’Gum posamaid sa Gheamhradh.
S cinnteach leam gur fior a chuis
Mar thuirt an sean-fhacul rium,
Fad o ’n chridhe ’s fad o ’n t-suil;
Tha mis’ a ruin an call dheth.
’S og a thug mi dhuit mo ghaol
Ann an sgoil Mhic-Gille-mhaoil,
Na mo shuidhe ri do thaobh
Bu chaomhail leam bhi cainnt riut.
Nuair a bhiomaid air an fheill
Far’m biodh cruinneachadh nan ceud,
Bu leam t’fhuran ’s do ghean fein,
’S tu ’falbh gu ceutach lamh rium.
Nuair a thiginn gu do bhuth
Ged bhiodh ceudan mu na buird,
Readh tu seachad air an cul
Gu crun a chur ’nam laimh-sa.
’S iomad caileag ’th’ ort an toir
Cha n-fheil sud mar ionghnadh oirnn;
’S boidheach maiseach Domh’ll Mac-Leoid,
’S b’ e ’n t-oganach gun mheang e.
Far nach eil droch stamag cha bhi cholera. Leighsidh
K D C
droch stamag agus mar sin cumidh e air falbh an cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
D. MAC ’ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.
Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa ’s grinne ’sis fhearr, a feitheamh ri’n cur gu feum. Duine sam bith a dh’ fhagas a thomhas aig Mac ’Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail ’s cho fasanta ’sa gheibhear an aite sam bith.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail nan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reis na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.’
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da ’m b’aithne charadh.”
title | Issue 53 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla I No. 53. %p |
parent text | Volume 1 |