[145]

[Vol . 1. No. 54. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL . I. SIDNI, C. B., DI -SATHAIRNE, IUN 3, 1893. No . 54.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


Mac Gillios & Mac Eachuin
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Tha buntata us coirce a reican Eilean Phriunns Eideard air da fhichead sent am buiseal. Tha an t-side gle bhriaghasan eilean sin agus tha na tuathanich an ire mhath a bhi ullamh dhen churachd.

On a thanig an samhradh tha baile St. Johns, Newfoundland, ga chur air a bhonn gu bras.Tha taighean us storicheangan togail air gach taobh, ’s a reir gach coltais tham baile gu bhi fada nas fhearr air a chuir suas na bha e roimhe.

Tha bata-smuid ur ri bhi air lochan a Bhras dOir air an t-samhradh so; bidh i a ruith eadar Caolas Chanso, St . Peterus naNarrowsMhora. Chan eil ach tri bliadhna bho na chaidh a togail agus tha i air a meas a bhi na bata laidir, gle fhreagarrach air son an aitesam bheil idol,

Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh bha nighean dam bainm Rosalie Buntrock, agus a leannan Fritz Erbe, air an cur gu bas am Berlin, baile-mor na Gearmailt air son mort. Bhriag iad dithis nighean oga don choille agus mharbh iad iad air son an cuid airgid, Se mort cho graineil s a rinneadhsan duthich sin o chionn fhada.

Bha Seumas Grace, a mhuinntir Lingan, aon la air an t-seachdain sa chaidh a gabhail an rathaid le each us cairt; bha an t-each og, sgianach, agus ghabh e eagal romh rud-eigin a chunnic e, theich e agus thilg e a chairt thairis air muin a mhaighstir. Bha Mr. Grace air a leonadh cho donas gun tug e bhas Di-haoine sa chaidh. Bha e tri fichead bliadhnasa tri a dhaois.

Tha na tuathanich a nis an teis-meadhon na curachd, agus than t-side gle fhabharrach, agus an aimsir gle ghealltanach. Ged nach danig fior theas fhathast no eadhon am blaths bu choltach a bhi aginn mun am son bhliadhna, tham feurs am fochann a fas gu briagha, agus an caochladh aitean tha e nas fhearr na bha e mun am so air a bhliadhna chaidh seachad. Mur biodh cho gann sa bha biadh spreidh deireadh an earrich, dhfhaodadh na tuathanich suil a bhi aca ris a bhliadhna so bhi na bliadhna shoirbheachail.

Tha muinntir Newfoundland an drasda a ceannach moran den cuid guail am Breatuinn, agus tha iad a deanamh gun tig e nas saoire dhaibh na gual Cheap Breatuinn. An la roimhe thanig soitheach gu Newfoundland a Cardiff an Wales, le da mhiles ochd cead tunna guail air bord.

Tha luchd-riaghlidh feill an t-saoghil an deigh an fheill fhosgladh air an t-sabaid mar air laithean eile ged a tha lagh nan Staitean ag radh nach fhaod i bhi fosgailte. Bha na geatachan fosgailte a cheud uair air an t-sabaid sa chaidh, agus chaidh moran sluaigh a stigh. Di-sathairne sa chaidh bha ceud mile duine air an fheill, an aireamh bu mho a bhann fhathast.

Cha robh riabh roimhe aireamh cho mor de shoithichean Geancach ag iasgach runnich mu chladichean Nobha Scotia us Cheap Breatuinnsa tha ann air an t-samhradh so. Tha cabhlach mhor dhiubh ann cheana agus tha tuilleadh a tighinn. A leantuinn na cabhlich so tha long aig a bheil air bord muinntir a tha air an cur a mach a rannsachadh mu iasgach an runnich, na doighean air am beilearga ghlacadh, ’s gach ni eile ma thimichioll. Chan eil e air innse dhuinn gu deni iad leis an fhoghlum a gheibh iad mar so, no co dhiuse am math fein no math an runnich a thanam beachd.

Tha duiniongatach an drasd aig Sidni-a- Tuath, a thanig a Newfoundland air an t-soitheach-smuidHarlaw.” Tha e leth cheud bliadhnasa h-ochd a dhaois, agus chan eil e ach ochd oirlich fhichead a dhairde. Cha do dhfhas a lamhan nochasan oirleach on bha e bliadhna gu leth a dhaois, agus chan eil cnamhan anntidir; tha e uime sin eu-comasach air dad sam bith a dheanamh lelamhan no lechasan. Tha a cheanns a choluinn cho mors cho cumadails bu choltach dhaibh, agus neor-thaing nach teid aig air seanachas a dheanamh. Tha e air a thurus gu feill an t-saoghil, agus tha en duil airgiod gu leor a dheanamh air a thurus gus fharadh a phaigheadh.



[146]

[Vol . 1. No. 54. p. 2]

MAC-TALLA.

RABHADH.

Ma theid gach ni gu math eadar so us toiseach Iulaidh, bidh MAC-TALLA air a mheudachadh, agus an deigh sin bidh e dolar sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimhn am sin.

Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig dolair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolan us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu

J. G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney , C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, IUN 3, 1893.

Tha aon de na thagabhail a MHAC-TALLA an Eilean Phictou a cur thuginn an airgid air son am paipear a chumail ris bliadhneile, agus nalitir tha eg radh mar so;— “Tha e toirt toil-inntinn mhor dhuinn a bhi faighinn a phaipear Ghailig, ged a tha e cho beag sa tha e. Tha sinn ro fhadan comain Dr. Blair air son nan eachdridhean a tha esgriobhadh mu nithean a thachir san am a dhfhalbh an tir ar n-aithrichean. Tha mi duilich gu bheil agam ri radh gu faca mise lem shuilean fein tuilleadh sa choir de sharuchad nam bochd, ged nach ur rinn domh a chur an ordugh cho math ri Dr. Blair.”

Tha na h-uaislean a thareiteachadh cuisean mu chuan Bhering fhathast am Paris, rg eisdeach ris na tagridhean a tha fir-lagha gach duthich a a deanamh air son a bhreith a bhi falbharrach da dhuthich fein. Tha Sir Tearlach Russel air taobh Bhreatuinn an deigh oraid mhor a dheanamh anns a bheil e a deanamh a mach nach robh coir sam bith aig na Staitean air na roin nas mo na bha aig rioghachdan eile, ’a gu bheil lan choir aicair paigheadh air son a challarinn i air soithichean Chanada. Cho-dhuin Sir Tearlach an oraid ann am breathran cho tuigseachs cho taghtas gun dfhuair e cliu mor bho na bhaga eisdeach. Tha aon oraid eile ri bhi air a luibhirt leMr . Websterair taobh Bhreatuinn agus an sin bidh na h-uaislean a feuchinn ri breith a thoirt. Tha sinn an dochas gum bi a bhreith sin, nuair a thig i, grinneach agus ceart agus nach bi aig taobh seach taobh ri radh nach dfhuair iad on coir fhein.


GLE-CHOLTACH: Tha iomadh tinneas an Canada a tha gle choltach ris a Cholera, mar a tha dibhuirt, goirteas, &c . Air an son so uile thaDr . Fowlers Extract of Wild Strawberryna leigheas cinntach.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad, bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach, air son dolair gu leth.


COMH-SHEIRM GHAIDHLIG ANN AN LUNNUINN.

ThugclassGaidhlig Lunnuinn obair a gheamhraidh gu crich ann an doigh gle thaitneach air oidhche Diardaoin. A bharrachd air a bhig ionnsachadh a Ghaidhlig a bhruidhinn agus a sgriobhadh thug iad oidhirp re a gheamhraidh, le cuideachadh an Leighich Mac Ill-Iosa, air a bhi seinn nan oran mhilis, bhinn sin nach eil rim faotinn an canain sam bith eile, agus dhearbh iad, leir a chuirm chiuil a dhullaich iad airson an cairdean Diardaoin, nach robh an saothair diomhain. Mar chi silbh bhoOrdugh na Comh-sheirma tha mi toirt dhuibh aig deireadh na litreach so cha robh facal ann ach Gaidhlig bho thoiseach gu deireadhgun eisiomeil don Bheurla.” agus ged is ann an Lunnuinn a dhionnsaich moran de bhuill na coisir an cuid Gaidhlig chan aithnicheadh neach sam bith sin air an t-seinn. Leig na Gaidhail ris, leis an doigh anns an do lion iad an Talla gum beil iad an comhnaidh ullamh gumheas fhein a chuir air ni sam bith den t-seorsa so a tha da rireadh Gaidhealach, agus bha e ri fhaicinn nan gnuisean nuair bha iad a fagail na Talla nach bitheadh e idir duilich an toirt cruinn a rithist gu coinneamh den t-seorsa cheudna. Nuair a bhan t-seinn thairis, rinn Mr. Cailean Siosal oraid ghoirid anns a Ghaidhlig a toirt taing don Leighich MacIll-Iosa agus do bhuill na Coisir airson an oidhche ghasdabha iad air cur seachad agus aig radh gun robh en dochas nach bfhada gus an cuireadh iad suas Comh-sheirm eile.

So an t-ordugh anns an robh na h-orain air an gabhail, maille ri ainmean an luchd seinn

A CHIAD EARRANN.

Port air Phiob. Eoghan Mac Dhomhnuill agus Gilleasbuig Mac Aoidh.
Moladh na Gaidhlig. AChoisir
Bruthaichean Ghlinn Braoin. AChoisir
Caitan caidil Ribhinn?” Alasdair Hepburn.
Seanachas— “Clann nan Gaidheal”. Ian Mac Coinnich.
Och! mar tha mi”. Bmhr. Camshron.
Moladh na Lanndaidh. AChoisir.
Port air an Fhiodhull. Ian MacaPhearsoin.
Comha na h-Oighe. F. Mac Ghillebhuidhe.
Ged tha mi gun chrodh gun aighean”. AChoisir.

AN DARA EARRANN.

PiobaireachdA Bhratach bhanDomhnull MacAoidh.
Thainig an Gille dubh”. Anna Nic Artair.
Chrodh Chailein”. Deorsina Nic Aoidh, Anna Nic Artair, agus Giorsal Nic Aoidh.
Comhradh. eadar Alasdair Hepburn. agus Domhnull MacAoidh.
An Cluinn thu Leannain”. F. Mac Gillebhuidhe.
Cumha Mhic Criomain. Giorsal Nic Aoidh
Fiodhlaireachd. Ian MacaPhearsoin.
Faill-ill-o agus Ho-ro eile”. Alasdair Hepburn.
Ho-ro mo nighean don bhoidheach”. AChoisir.
Port-dealachaidh. “Gabhaidh sinnan rathad mor”. Na Piobairean.

CABAR FEIDH.

Lunnuinn, Mai 13mh, 1893.


Tha aon duine deug ann an Sidni air an toirt gu cuairt air son a bhireic deoch laidir.


Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri ficheadsa h-aon deug dhe na h-orain as fhearr ann an lebaharsam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh guImrie & Graham, Church and Colborne Sts. Toronto, Can.


DR. WOODS Norway Pine Syrup.

Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.

LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN

Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBHs an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh leighis sam bith eile.

A Phris 25c. us 50c. am botull.


Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort?

Chan eil inneal-ciuil ann an Canada nis fhearr na Pianos agus OrgainKharm. ”Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh.

AgussenRaymondagus anNew Williamsam da Inneal-fhuaigheal as fhearr a tha rim faotainn air thalamh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu

C . B. TRAVIS,
P. O. Box 68, Sydney, C. B.


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c . ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bha thri sentichean suas curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C S. JOST, & Co.
Iun 1, 1883.



[147]

[Vol . 1. No. 54. p. 3]

COMRADH EADAR ALASDAIR AGUS DOMHNULL.

[So anComhradha bha air aithris eig a Chomh-sheirm Ghaidhlig, le dithis ghillean ogaaon diubh deich bliadhna agus am fear eile dusan. ]

AlasdairCiamar tha thunochd a Dhomhnuill, ’s beag duil a bhagam gun tacharainn ort an so.

Domhnull— ’Seni ris an lugha tha dhuil againn a tha gu tric a tachairt, ach den t-aobhar ionghantas a thann dhuit mise fhaicinn an so, cait am faigheadh tu mi ach far am bitheadh na Gaidheil agus a Ghaidhlig?

A.— ’Sann a bha misen duil nach robh moran Gaidhlig agad.

D. —Cha bhitheadh sin agam mar be gun do ghabh mi urrad a draghs gun do hionnsaich mi i.

A. —Ach ciamar a dhionnsaich thu i agus gun drugadh ann an Lunnainn thu?

A. —An e sin a tha thug radh? Tha nis mo de Ghaidhlig ann an Lunnainn no thann an iomadh baile anns a Ghaidhealtachd. Tha min dochas nach eil thusmuaineachadh gur Sassunnach mi bhon a bha mi cho mi-fhortanachs gun drugadh anns a bhaile so mi.

A.— ’S beag a thort de choltas an t-Sassunnaich le dfheileadh-beag de bhreacan Mhic Aoidh agus do bhoinead biorrach gorm, ach ciamar a chaidh agad air greim cho math fhaighinn air a Ghaidhlig, ’se sin a tha cuir ionghantas ormsa.

D. —Innsidh mi dhuit mata: Bha sgoil Ghaidhlig air a cumail anns a bhaile so fad a gheamhraidh agus cha robh mise cho beag cialls gun leiginn le leithid sin a chothrom dol seachad. Rinn mfhear-teagaisg na burrainn da air mo shon agus ged a tha beagan de bhlas na Beurla air mo Ghaidhlig fhathast tha min dochas gun caill mi sin ri uine.

A. —Seadh, direach: Ach co chuir an Sgoil Ghaidhlig so air chois!

D. —Co ach Cominn na Gaidhlig, na daoine coir a tha deanamh urrad air son na seana chainnt.

A. —Air mfhacal: nach be na laoich iad, a teagaisg na Gaidhlig ann am baile-mor nan Sassunnach?

D. —Faodaidh sin a bhicuir ionghantas ort ach feumaidh tu cuimhneachadh gum beil moran nis mo air a shaoilsinn den a Ghaidhlig an nis na bha o chionn beagan bhliadhnachan. Chuala mi gun robh i aca ann an Oilthigh Lunnainn o chionn seachduinn no dha.

A. —Tha mi gle thoilichte sin a chluinntinn bho neach a tha cho eolach air na cuisean sin riut fein, oir tha iomadh neach a their rium gum beil idol bas na h-uile la.

D. —A dol bas gu dearbh. An ath neach a chluinneas tu ag radh sin faighnich ris am beil fhios aige co meud sluaigh a thann an Alba a labhras i, agus nur eil innis da gum beil 254,413. Tha sin 22,811 nis mo na bhann o chionn deich bliadhna. Nach mor coltas dol bas a thair a sin?

A. —Cha bioghnadh tu a radh: Ach gu dearbh a Dhomhnuil mur be gur tu fhein a tha ga innseadh dhomh cha mhor gun creidinn e.

D. —Cha ruig thu leas mfhacal-sa-ghabhail air a shon; faodaidh tu fhaicinn ann am paipeir-naigheachd Gaidhealach sam bith air an cuir thu do lamh!

A. —Ma tas mitha toilichte, agus gu ma fadair falbh la bais na Gaidhlig.

D.— ’Si sin guidhe gach fior Ghaidheal, ach tha mifaicinn gum beil e fas anmoch: Oidhche mhath leat Alasdair.

A. —Mar sin leat fhein agus moran taing dhuit airson do naigheachd.


TURUS A MHARAICHE.

Thainig e steach, ag radh, “Sith gu robh don tigh so!” agus mar an ceudna, “feuch a ta mi ag innseadh dhuibh deadh sgeil mhor aoibhneis; tha spiorad an Tighearn orm do bhrigh gun dung e mi a shearmonachadh an t-soisgeil do na bochdaibh; chuir e mi a shlanuchadh na muinntir aig am bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdibh, agus aiseag an radhairc do na doill a thoirt saorsa don mhuinntir ata bruite.”

Nuair chuala Talamh Dearg na briathran so, leum a chridhe le gairdeachas; ghairm e a bheansa chlann, a ghabh iongantas roimhn choigreach. Thubhairt Talamh Deag riutha, “tha Slainte air teachd dh-ionnsuidh an tighe so.” Chuir a bhean biadh air beulaobh a choigrich. Ghabh e aran, bheannaich se e, bhrist, agus thug e dhaibh e, ag radhithibh uile dheth.” Bha eagal air Talamh Dearg fheorach dheth, Co thu? Nuair a dh-ith an coigreach maille riu, dheirich e air a chasan, agus bha ionghadh orra nuair a chunnaic iad a lamhan air an leon, mar gum bitheadh iad air an tolladh le tarunn. Thubhairt e riu: Is mise an ti a ta beo, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beo gu saoghal nan saaghal.

Nuair chuala Talamh Dearg na briathran so, chriothnaich e o bhonn a choise gu ruig an ceann: thuiteadh e, ach chuir an coigreach a lamh air agus fhuar e spionnadh nuadh. Labhair e an sin riu ag radh, “Eiribh, agus imichibh.” Dhfheoraich Talamh Dearg. “Cait, a Thighearn?” Fhreagair esan, “innsear dhuit ciod is coir dhuit a dheanamh,” agus chaidh e as an t-sealladh, gam fagaln a-sa gul le aoibhneas.

(Ri leantuinn.)


Chuir Breatuinn o chionn ghoirid ceud mile dolair air leth gus a phaigheadh do shoithichean iosgich Chanada air an robh call air a dheanamh an cuan Bhering tren chomhsri a bha eadar Breatuinns na Staitean. Bha sgioba a h-uile soitheach a dhfhuiliug call rin gearain a chur a stigh agus bhan fheadhain aig an robh an t-arigiod ri roinn ri fhaicinn gun faigheadh gach aon ceartas. Bha an ceud mile dolair mas sin air an roinn eatona-san aig an robh coir air, Dior-daon air an t-seachdain sa chaidh.

ThaF . H. Hewett, Jamaica, a sgriobhadh Bha mi tinn le cion cnamhidh uine mhor, agus bha mi fo laimh dotair nach do rinn feum sam bith dhomh. Dhfheuch mi K. D. C. agus rinn e feum mor dhomh. Tha mi cinnteach gun toireadh e faochadh do neach sam bith air a bheil meur sam bith den euslaint cheudna.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[148]

[Vol . 1. No. 54. p. 4]

IS TOIGH LEAM AGHAIDHEALTACHD.

LE IAIN CAIMBEAL, BARD NA LEADAIG.

Is toigh leamaGhaidhealtachd
Is toigh leam gach gleann,
Gach eas agus coire
An duthaich nam beann;
Is toigh leam na gillean
Nan eideadh, glan, ur
Us boineid Ghlinn-garaidh
Mun camagan dluth.

Is toigh leamn an deis iad
Om mullach gum bonn,
Am breacan, an t-osan,
An sporans an lann;
Is toigh leam iad sgeadaicht
An eideadh an tir.
Achs surach an deise
Seach seasmhachd an cridh’.

Sheas iad an duthaich
S gach cuis agus cas,
Duais-bhrathaidh cha ghabadh
Ged chuirtiad gu bas;
S ged sharaichtan spoirad
S ged leigte an ceann,
Bhan cridhe cho daingeann
Bi carraig nam beann.

Is toigh leam na h-ighnagan
S bainneamh an t-am
Nach bithinnn an cuideachd
N uair gheobhainn bhi ann,
S nam faighinn-se te dhuibh
A duthaich mo chridh’.
Gun suibhlainn-se leatha
Gu iomall gach tir.

Is toigh leam aGhaidhlig
A bardachds a ceol,
Is tric thog i nios sinn
N uair bhiodhmaid fo leon,
S i dhionnsaich sinn tra
Ann an laithean ar n-oig,
S nach fag sinn gu brath
Gus an laidh sinn fon fhoid.

Nis tha duthaich ar gaoil
Dol fo chaoirichs fo fheidh,
Sinn gar fuadach thar saile
Mar bharrlach guu fheum;
Ach thigeadh an cruaidh-chas,
S co sheasas an stoirm!
O, co ach na balaich
Lem boineidean gorm!

Canar an gaisge
S an domhan mun cuairt,
Air sgiathaibh na gaoithe
Ga sgaoileadh thar chuan,
Us fhad’ ’s a bhios rioghachd
Na seasamh air fonn,
Bidh cuimhne gu dilinn
Air euchdan nan sonn.

S ma ruisgear an claidheamh
A rithist gu strith,
Geds ainneamh ar cuideachd,
Bith trusadhn ar tir;
Bidh clanna nan Gaidheal
Ri aghaidh gach cas,
S iad gullainn ri guallainn,
Gu buaidh no gu bas.


LEIGHEAS EALAMH. —Bha mi fad da bliadhna tinn le ceangal-cuinn agus cha burrinn do na dotairean feum sam bith a dheanamh dhomh. Ach dhfheuch mi B. B. B. agus leighis aon bhotul mi. Molidh mi e mar an ceudna air son ceann goirt. ETHEL D. HAINES, Lakeview, Ont.

Chaidh dithis Eirionnach, Michael us Padruig, don bhaile mhor a dhiarradh obair, agus gu de fhuair iad ri dheanamh ach glanadh uinneagan. Fhuair iad air adhart math gu leor leis na h-uinneagan a bha faisg air an lar, achnuair a thanig orra dhol a dhobair air feadhain a bha gu h-ard os an cinn cha robh fhios aca gu de dheanadh iad. Fa-dheoidh thuirt Michael gun deanadh esan doigh. “Gheibh sinn,” ars esan, “bord mor tiugh agus cuiridh sinn a mach air an uinneig e; suidhidh misair a cheann a mach dheth agus thusair a cheann a stigh, ’s theid againn mar sin air ar n-obair a dheanamh gu sgiobalta.” Dhaontich am fear eile ri sin agus chaidh an obair air adhart gu surdail gus na dheubh Micheil ris an fear eile gun do leig e as an ni leis an robh e suathadh na h-uinneig. “Na cuireadh sin dragh sam bith ort,” arsa Padruig, “fan thusa far a bheil thus theid mise siosga iarridh.” Thog a air sios an staidhir, ach nuair a ranig en cabhsair, co bhan sin air thoiseach air, ach Micheil air a dhruim-direachs am bord air a mhuinn. “A mhic an fhortain!” arsa Padruigan tusa tha so a Mhicheil? Den rathah a thanig thu?”

GLIOCAS TIMAIL. —Tha gliocas timeil air a nochdadh le bhicumailDr . Fowlers Extract of Wild Strawberryfaisg air laimh. Chan eil a leithid ann air son cholera, cholera morbus, sgaride, gearrach, agus gach euslaint den t-seorsa sin.


Bi cuibhteas do dhroch stamag
mun tig an cholera, Leigsidh
K D C
am miar as miosa dheth.
Cumidh e uat an cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paiper so.


D. MACILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, - - C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, a feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear an aite sam bith.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Siduis tha sinng an reis nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunnradh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.’

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn dam baithne charadh.”

titleIssue 54
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla I No. 54. %p

parent textVolume 1
<< please select a word
<< please select a page